Bunsgoil Dhrochaid a’ Bhanna
Comhairle na Gaidhealtachd

30 An Lùnasdal 2005

Clàr-innse

1. Bun-fhiosrachadh
2. Prìomh neartan
3. Dè na beachdan a tha aig pàrantan agus luchd-cùraim, sgoilearan agus luchd-teagaisg?
4. Dè cho math ’s a tha ionnsachadh, teagasg agus coileanadh?
5. Dè cho math ’s a tha an taic do sgoilearan?
6. Dè cho math ’s a tha an àrainneachd ionnsachaidh?
7. Leasachadh na sgoile
Pàipear-taice 1 Cuimsean càileachd
Pàipear-taice 2 Geàrr-chunntas air freagairtean ceisteachain
Ciamar a gheibh sibh fios thugainn?

1. Bun-fhiosrachadh

Chaidh sgrùdadh Bhunsgoil Drochaid a’ Bhanna a dhèanamh sa Ghiblean 2005 mar phàirt de shampall nàiseanta de dh’fhoghlam bunsgoile. Ghabh an sgrùdadh a-steach prìomh roinnean de dh’obair na sgoile aig a h-uile ìre. Rinn e measadh air coileanadh na cloinne, buaidh na sgoile, an àrainneachd ionnsachaidh, modhan fèin-mheasaidh na sgoile agus a comas airson leasachadh. Chaidh sùil shònraichte a thoirt air Beurla agus matamataig.

Rinn Luchd-sgrùdaidh na Bànrigh sgrùdadh air obair sgoilearan agus agallamhan le buidhnean de sgoilearan, a' gabhail a-staigh a' chomhairle sgoilear, agus luchd-teagaisg. Choinnich buill den sgioba sgrùdaidh cuideachd ri riochdairean bhon bhuidheann phàrant-thidsear (PTA), agus buidheann de phàrantan. Cha robh Bòrd-sgoile ann.

Tha an sgoil a’ frithealadh baile Dhrochaid a’ Bhanna agus an sgìre mun cuairt. Aig àm an sgrùdaidh bha 61 air an rolla, a' gabhail a-staigh 15 pàistean san sgoil-àraich agus sia sgoilearan anns a’ chlas meadhan-Gàidhlig a chaidh a stèidheachadh o chionn ghoirid. Bha an tomhas de sgoilearan le còir air biadh-sgoile an-asgaidh mòran nas àirde na a’ chuibheasachd nàiseanta. Bha frithealadh-sgoile a rèir na cuibheasachd nàiseanta.

Chaidh sgrùdadh a dhèanamh air an sgoil-àraich aig an aon àm agus tha sin ann an aithisg air leth.

Buinidh measaidhean na h-aithisge seo do na clasaichean meadhan-Gàidhlig agus meadhan-Beurla, ach a-mhàin far a bheil a chaochladh air a chomharrachadh.

2. Prìomh neartan

Chomharraich Luchd-sgrùdaidh na Bànrigh na prìomh neartan a leanas.

  • Luchd-teagaisg dealasach; agus co-obrachadh buannachdail le pàrantan, luchd-cùraim agus a’ choimhearsnachd.
  • Suidhichidhean ionnsachaidh na cloinne ann an ealan is deilbh, dràma agus ceòl, agus cluich air beulaibh sluaigh.
  • Coileanadh na cloinne ann am Beurla agus an tòiseachadh fìor mhath air leasachadh sgilean cànain na cloinne anns a’ chlas meadhan-Gàidhlig.
  • Cùram aoghaireil san sgoil agus na dàimhean èifeachdach eadar luchd-teagaisg agus sgoilearan.

3. Dè na beachdan a tha aig pàrantan agus luchd-cùraim, sgoilearan agus luchd-teagaisg?

Thug Luchd-sgrùdaidh na Bànrigh aire do cho-dhùnaidhean ceisteachain a chaidh a chur chun a h-uile pàrant, gu sgoilearan P4 gu P7, agus chun an luchd-teagaisg gu lèir. Tha fiosrachadh mu fhreagairtean nan ceisteachan ann am Pàipear-taice 2.

Bha beachdan glè mhath aig pàrantan agus luchd-cùraim mu cha mhòr a h-uile roinn de dh’obair na sgoile. Mhol iad dealas an luchd-teagaisg gu lèir, agus mar a bha an sgoil a’ com-pàirteachadh anns a’ choimhearsnachd. Bha spèis mhòr aca don cheannard. Thuirt iad gu robh e a’ còrdadh ris a’ chloinn aca a bhith a’ dol don sgoil agus gu robh iad a’ faireachdainn tèarainte innte. Thug aon no dhà de na pàrantan beachdan nach robh cho fàbharach mu staid nan togalaichean a-muigh. Thuirt sgoilearan gu robh iad toilichte san sgoil, agus chomharraich grunn dhiubh gu sònraichte na goireasan airson foghlam corporra, an obair ann an dràma, an gàrradh-sgoile a bha air a dheagh uidheamachadh agus biadh na sgoile. Bha na sgoilearan a bu shine fìor thoilichte le na turasan sgoile. Bha e a’ còrdadh ris an luchd-teagaisg gu lèir a bhith ag obair san sgoil agus bha iad den bheachd gu robh i air a deagh stiùireadh. Bhruidhinn iad air an spiorad fìor mhath anns an sgoil agus an sgioba.

4. Dè cho math ’s a tha ionnsachadh, teagasg agus coileanadh?

Suidhichidhean ionnsachaidh agus coileanadh na cloinne

Uile gu lèir, bha eagrachadh a’ chlàr-teagaisg math. Chuir ùine a bharrachd a chaidh a thoirt do Bheurla agus matamataig cudrom iomchaidh air àrdachadh coileanaidh agus air cumail coileanadh na cloinne a’ dol. Rinn sgoilearan feum fìor èifeachdach de theicneolas fiosrachaidh is conaltraidh (ICT) airson pàipearan dealbh-sgrìobhte a dhèanamh agus rannsachadh air an eadar-lìon airson fiosrachadh a chuidicheadh na h-obrach aca ann an eòlas àrainneachd. Ach, bha comas ann airson barrachd feum a dhèanamh de ICT ann am matamataig agus sa chlàr-teagaisg san fharsaingeachd. Uile gu lèir, bha càileachd an teagaisg math. Bha iomadh eisimpleir ann de theagasg fìor mhath. Rinn tidsearan feum fìor mhath de mhodhan-teagaisg do chlas slàn agus teagasg dìreach. Rinn iad mìneachadh fìor shoilleir agus bha iad sgileil le ceasnachadh. Bha gnìomhan do bhuidhne agus do chloinn fa leth air an deagh eagrachadh. Thug tidsearan obair-dachaigh freagarrach don chloinn gus obair sa chlas a dhaingneachadh agus a leudachadh. Cha robh na gnìomhan sin air an cuingealachadh ri obair sgrìobhte, agus bha cuid dhiubh air an dealbh gu mac-meanmnach gus am biodh com-pàirt aig na pàrantan. Cha robh tidsearan daonnan ag innse builean ionnsachaidh leasanan gu cunbhalach do sgoilearan gus dèanamh cinnteach gum biodh làn mhothachadh aca uile air dè bha aca ri ionnsachadh. Chleachd a h-uile tidsear moladh gu fìor èifeachdach gus na sgoilearan aca a mhisneachadh agus a bhrosnachadh. Anns na clasaichean ioma-ìre, dh’fheumadh tidsearan dèanamh cinnteach gu robh a h-uile gnìomh freagarrach airson diofar ìre an luchd-ionnsachaidh.

Bha cha mhòr a h-uile sgoilear a’ toirt freagairtean fìor mhath sa chlas agus bha iad nan luchd-ionnsachaidh fìor bhrosnaichte. Dh’èist iad gu furachail agus gu modhail ri na tidsearan agus na sgoilearan eile. Bha iad pongail agus misneachail a’ cur an cèill am beachdan, agus ghabh iad pàirt fìor èifeachdach ann an deasbadan. Aig an tùs ìre, bha deagh chothroman aig sgoilearan air ionnsachadh tro chluich. Ann am beagan leasain, cha robh astar an ionnsachaidh freagarrach. Dh’fheumadh sgoilearan barrachd chothroman air obrachadh còmhla agus ionnsachadh bho chàch a chèile. Bha suidheachaidh ean fìor mhath aca ann an ealan is deilbh, far an do dh’ionnsaich iad dòighean air tarraing dhealbh agus peantadh, agus cuideachd mheòraich iad air obair a rinn luchd-ealain ainmeil. Bha tuigse na cloinne de phrionnsabalan agus mhodhan saidheansail air an leasachadh tro obair phrataigeach fìor mhath ann an saidheans. Bha an coileanadh ann an teicneolas fìor mhath, agus sheall iad gu robh iad sgileil ann an togail agus cleachdadh mhodailean. Do sgoilearan ann am P6 agus P7, rinn gnìomhan ann am Fraingis cinnteach gu robh fuaimneachadh math aca, ach dh’fheumadh iad structar agus adhartas nas fheàrr san obair aca ann an nua-chànan.

Bha a’ chomhairle sgoilear na dhòigh fìor èifeachdach do sgoilearan airson am beachdan a thoirt seachad air cùisean a thug buaidh dhìreach air am beatha san sgoil. Bha riochdairean sgoilear air molaidhean fìor mhath a dhèanamh mu leasachadh nan toileatan agus goireasan sa ghàrradh-sgoile. Bha tuigse mhath aig sgoilearan dè bh’ ann am biadh fallain agus dè dhèanadh iad airson iad fhèin a chumail fallain. Chom-pàirtich iad gu deònach ann an geamannan sunndach sa ghàrradh-sgoile, a bha air an deagh stiùireadh. Bha a h-uile sgoilear air a bhith a’ dèanamh ciùil, agus air deagh phàirt a ghabhail ann an cluich air beulaibh sluaigh ann an Àrd-eaglais Dhòrnach. Ghabh a h-uile sgoilear com-pàirt ann am prògraman dràma adhartach a chòrd gu mòr ris a’ choimhearsnachd ionadail. Bha mòran sgoilearan air a bhith soirbheachail ann an co-fharpaisean lùth-chleasachd ionadail. Fhuair sgoilearan ann am P6 agus P7 buannachd bho thuras-còmhnaidh a Dhùn Èideann a bha air a dheagh eagrachadh, far an robh iad air a dhol gu Pàrlamaid na h-Alba agus air ionnsachadh mu riaghaltas tiomnaichte. Chuir an sgoil air dòigh seachdain de ghnìomhan adhartach do na sgoilearan gu lèir a h-uile dà bhliadhna. Ghabh seo a-steach turasan gu làraich ionadail le eachdraidh inntinneach, còmhla ri prògram de ghnìomhan corporra.

Beurla

Uile gu lèir, bha an coileanadh ann am Beurla fìor mhath. Bha sgoilearan air ìrean àrda a chumail suas thar nam bliadhnachan mu dheireadh. Bha an fheadhainn aig an robh feuman taic a bharrachd a’ dèanamh adhartas math san ionnsachadh aca. Bha cha mhòr a h-uile sgoilear a’ coileanadh nan ìrean iomchaidh nàiseanta no nas àirde ann an leughadh agus sgrìobhadh. Dh’èist sgoilearan gu furachail sa chlas, sheall iad gu robh cuimhne mhath aca air na chuala iad, agus thug iad freagairtean iomchaidh. Bha cha mhòr na h-uile a’ labhairt le misneachd agus fìor mhath air am beachdan a chur an cèill. Aig P5-P7, b’ urrainn do sgoilearan conaltradh agus deasbad a chumail a’ dol, a’ toirt làn bheachdan soilleir. Rinn iad leughadh airson toileachas gu cunbhalach agus bha na beachdan ceart aca mu leughadh. Bha misneachd aig sgoilearan ann am P7 ag ainmeachadh rudan a bhuineas do cheàird an sgrìobhadair, agus bhruidhinn iad ann an dòigh adhartach agus lèirsinneach mu na bha iad air a leughadh. Bho na tùs ìrean, bha obair sgrìobhte air a thaisbeanadh gu cùramach, le làmh-sgrìobhaidh grinn agus litreachadh fìor mhath. Ro P5, rinn sgoilearan pìosan sgrìobhaidh fada airson caochladh adhbhar, agus bha deagh structar agus planadh san obair aca.

Gàidhlig

Bha sgoilearan ann am P1 gu P3 a’ dèanamh adhartas fìor mhath ann an Gàidhlig, a bha iad ag ionnsachadh mar an dàrna cànan. Bha iad glè mhath air tuigsinn mìneachaidhean an tidseir a bha cha mhòr gu lèir sa Ghàidhlig. Bha iad air briathrachas bunaiteach ionnsachadh a thug cothrom dhaibh an tidsear a fhreagairt san dòigh iomchaidh ann an caochladh roinnean den chlàr-teagaisg. Bha beagan dhiubh a’ tòiseachadh a’ cleachdadh na Gàidhlig nuair a bha iad a’ còmhradh am measg a chèile. Bha cha mhòr na h-uile comasach air faclan cumanta aithneachadh agus a leughadh. B’ urrainn dhaibh sgeulachdan a leantainn agus a thuigsinn ann an Gàidhlig agus ro-innse ciamar a chrìochnaicheadh iad. Rinn cha mhòr a h-uile sgoilear sgrìobhadh math, le taic iomchaidh, mu chaochladh chuspair.

Matamataig

Uile gu lèir, bha càileachd a’ choileanaidh ann am matamataig math. Anns na bliadhnachan mu dheireadh bha a h-uile sgoilear sna tùs ìrean agus a’ chuid as motha sna h-ìrean meadhan air a’ choileanadh nàiseanta iomchaidh a ruigsinn. Aig na h-ìrean àrda bha a’ chuid as motha de sgoilearan air ìrean iomchaidh nàiseanta a choileanadh agus bha barrachd is barrachd a’ coileanadh nas àirde na sin. Bha an fheadhainn le feuman taic a bharrachd a’ dèanamh adhartas freagarrach. Nochd sgoilearan deagh sgilean ann am mìneachadh fiosrachaidh a’ cleachdadh grafaichean no clàran-colbh. Bha iad fìor mhisneachail ann an àireamh agus àireamhachd inntinneil. Aig na tùs ìrean, bha sgoilearan a’ dèanamh adhartas fìor fhallain le bannan àireimh. Aig na h-ìrean meadhan sheall iad gu robh eòlas math aca air bloighean agus uair digiteach. Cha robh na sgoilearan a bu shine cinnteach gu leòr ann an cleachdadh bloighean agus deicheamhan. Bha eòlas math aca air cumadh dà-mheudach agus trì-mheudach. Aig a h-uile ìre dh’fheumadh sgoilearan barrachd chothroman air an sgilean matamataig a chleachdadh ann an suidhichidhean fìor. Dh’fheumadh iad cuideachd an sgilean ann am fuasgladh-cheistean a thoirt air adhart ann an dòigh nas riaghailtiche.

5. Dè cho math ’s a tha an taic do sgoilearan?

Thug a h-uile neach-teagaisg ìre fìor mhath de thaic do sgoilearan agus thug iad aire fìor mhath don chùram is sochair aca. Bha eòlas fìor mhath aca air na sgoilearan agus bha iad airson a bhith cinnteach gum biodh iad a’ faireachdainn sàbhailte agus toilichte san sgoil. Dhèilig luchd-teagaisg gu h-iomchaidh ri na nithean a bha a’ dèanamh dragh do na sgoilearan. Bha ullachadh freagarrach aca airson dìon chloinne agus cùram is sochair, a’ gabhail a-staigh ceuman airson dèiligeadh ri burraidheachd.

Uile gu lèir, thagh tidsearan deagh ghnìomhan airson taic do ionnsachadh na cloinne. Ach, ann am beagan shuidhichidhean, cha robh gnìomhan a’ togail air na bha sgoilearan air ionnsachadh roimhe, no bha iad cus an urra ri stuthan foillsichte. Rinn an tidsear taic foghlaim comharrachadh cùramach air feuman taic a bharrachd na cloinne tro chonaltradh cunbhalach ri tidsearan clas. Rinn i obair fìor èifeachdach le cloinn fa leth agus buidhnean beaga. Thug i dùbhlan iomchaidh do na sgoilearan a bha a’ coileanadh ìrean na b’ àirde tro phrògram taic a bharrachd fìor mhath ann am Beurla agus matamataig. Bha a h-obair le na sgoilearan a b’ òige de chàileachd àrd, agus bha seo buannachdail do sgoilearan san obair cànain agus àireimh aca. Thug an neach-cuideachaidh clas taic fìor mhath agus bha an obair a rinn i leis a’ chloinn tionnsgalach. Thug buidhnean bho thaobh a-muigh na sgoile taic mhath dhaibh cuideachd. Bha ullachadh math aig an sgoil gus cuideachadh a thoirt don chloinn a’ gluasad bhon sgoil-àraich gu P1 agus do sgoilearan bho P7 don àrdsgoil.

6. Dè cho math ’s a tha an àrainneachd ionnsachaidh?

Cuspair

Beachd

Càileachd nan togalaichean agus nan goireasan

Uile gu lèir, bha càileachd nan togalach fìor mhath, ged a bha feum aig cuid de na togalaichean a-muigh air ath-sgeadachadh. Bha an t-slighe a-steach don sgoil a’ cur fàilte air luchd-tadhail. Bha an trannsa agus rumannan-teagaisg air an sgeadachadh le taisbeanaidhean fìor mhath de dh’obair na cloinne, agus le dealbhan-camara a chomharraich na bha sgoilearan air a choileanadh ann an ceòl, dràma agus spòrs. Rinn sgoilearan ann am P6 agus P7 taisbeanadh fìor fhiosrachail an dèidh an turais shoirbheachail aca gu Pàrlamaid na h-Alba. Bha prìomh thogalach na sgoile air a dheagh chumail suas agus na àrainneachd ionnsachaidh fìor tharraingeach. Bha an t-ullachadh airson tèarainteachd iomchaidh. Bha goireasan pailt agus air an deagh eagrachadh. Gu sònraichte, bha goireasan fìor mhath ann airson teicneolas. Thug uidheam sa ghàrradh-sgoile a bha air a dheagh chumail suas deagh chothroman airson eacarsaich shunndach.

Suidheachadh agus dàimh, sùileachadh agus adhartachadh coileanaidh agus co-ionannachd

Dh’ullaich luchd-teagaisg àrainneachd a bha fìor aoigheil, taiceil agus tèarainte. Bha misneachd an luchd-teagaisg àrd, agus bha dàimhean eadar luchd-teagaisg agus sgoilearan fìor mhath. Bha sgoilearan fìor mhodhail, agus bha iad a’ toirt taic agus spèis do chàch a chèile. Rinn iad co-obrachadh fìor mhath sa chlas. Bha luchd-teagaisg agus sgoilearan fìor mhoiteil à coimhearsnachd na sgoile aca. Rinn tidsearan feum fìor mhath de cho-chruinneachaidhean seachdaine airson òrdaighean cràbhachd agus airson a bhith a’ comharrachadh soirbheachadh ann an gnìomhan acadaimigeach agus taobh a-muigh na sgoile. Bha sùileachadh fìor àrd aig tidsearan airson giùlan, cothromachd agus àite do bheachdan dhaoine eile, agus choinnich sgoilearan gu fìor mhath ris. Rinn an sgoil adhartachadh èifeachdach air co-ionannachd cinneadail. Bha sgoilearan dìcheallach a’ togail airgid airson carthannas, gu sònraichte gus coimhearsnachdan an Afraga a chuideachadh. Bha tadhal tric le tidsearan bho dhùthchannan Eòrpach eile air cur ri eòlas na cloinne.

Co-obrachadh le pàrantan agus a’ choimhearsnachd

Bha ceanglaichean fìor mhath aig sgoilearan ri pàrantan, luchd-cùraim agus a’ choimhearsnachd ionadail. Bha conaltradh tric ann an cainnt-beòil agus sgrìobhadh eadar an sgoil agus an dachaigh agus bha e de chàileachd àrd. Bha fiosrachadh feumail ann an aithisgean ìrean is càileachd na sgoile. Thug aithisgean bliadhnail gu pàrantan deagh chomharraidhean air adhartas na cloinne agus comhairle air na dh’fheumadh iad a dhèanamh airson tuilleadh adhartais. Bha am PTA fìor thaiceil. Tro na tachartasan fìor shoirbheachail aige airson togail-airgid, bha e air mòran ionmhais a dhèanamh don sgoil. Bha pàrantan deònach tìde a thoirt a’ leasachadh a’ ghàrradh-sgoile, a bha na bhuannachd don h-uile sgoilear. Chuir an sgoil comhairle ri pàrantan gu cunbhalach mu chùisean a ghabh a-staigh dàimhean pearsanta agus cùisean cugallach, agus rinn i dìcheal gus com-pàirt a thoirt do phàrantan ann an còmhraidhean mun chlàr-teagaisg. Rinn ceanglaichean luachmhor agus torach ri buidhnean bho thaobh a-muigh na sgoile cinnteach gu robh taic iomchaidh, èifeachdach aig sgoilearan airson pàirt den leasachadh aca. Bha deagh cheanglaichean aca ris an àrdsgoil ionadail. Bha sgoilearan a’ cluich do sheann daoine bho àm gu àm, agus rinn iad mòran seinn agus ceòl aig cuirmean ionadail.

7. Leasachadh na sgoile

Tha Pàipear-taice 1 a’ toirt measadh iomlan Luchd-sgrùdaidh na Bànrigh air obair na sgoile.

Dh’ullaich an sgoil àrainneachd fìor dhàimheil agus in-ghabhalach anns an robh luach agus meas air a chur air a h uile sgoilear. Rinn luchd-teagaisg obair fìor èifeachdach gus foighidinn, co-ionannachd agus cothromachd a chur air adhart. Bha a h-uile sgoilear a’ com-pàirteachadh ann am beatha na sgoile. Uile gu lèir, bha càileachd an teagaisg math, le iomadh eisimpleir de theagasg fìor mhath. Thug luchd-teagaisg taic fìor mhath do chàch a chèile agus rinn iad obair fìor èifeachdach mar sgioba. Bha ìrean coileanaidh ann am Beurla fìor mhath agus ann am matamataig bha iad math.

Bha an sgoil air a deagh stiùireadh. Bha an ceannard dealasach agus eudmhor mu obair na sgoile. Bha a dàimhean ri sgoilearan, pàrantan agus luchd-teagaisg fìor mhath. Bha i air com-pàirt mòr a stèidheachadh agus a chumail suas anns na h-ealain, dràma agus ceòl, agus bha iad uile air cur ri eòlas na cloinne tro àrainneachd fìor shaidhbhir. Bha i air dèanamh cinnteach gun d’ fhuair na sgoilearan a bu chomasaiche ann am P7 dùbhlan iomchaidh a bharrachd. Ach, cha robh fòcas freagarrach aig modhan airson obair na sgoile a sgrùdadh. Dh’fheumadh adhbhar a’ cheannaird airson tadhal air clasaichean gu tric a bhith nas soilleire gus an teagasg a leasachadh. Chum i sùil air obair nan tidsearan le bhith a’ sgrùdadh sgrìobhainnean agus ro-phlanadh, ach dh’fheumadh i fiosrachadh nas mionaidiche a thoirt air ais do thidsearan. Cha robh luchd-teagaisg fhathast a’ cleachdadh cuimsean càileachd airson na h-obrach aca fhèin a mheasadh. Le clàr-gnothaich soilleir, bha comas na sgoile airson leasachadh math.

Prìomh phuingean gnìomha

Bu chòir don sgoil agus an t-ùghdarras foghlaim obrachadh gus leasachadh a dhèanamh air ionnsachadh, teagasg agus sgrùdadh obair na sgoile. Ann a bhith a' dèanamh seo bu chòir dhaibh coimhead ris an fheum air:

  • tuilleadh leasachaidh a dhèanamh air sgilean na cloinne ann am fuasgladh chruaidh cheistean agus ann an teicneolas fiosrachaidh is conaltraidh;
  • leasachadh a dhèanamh air modhan airson sgrùdadh is measadh air obair na sgoile agus càileachd an ionnsachaidh agus an teagaisg; agus
  • dèanamh cinnteach gum bi dùbhlan gu leòr ann an gnìomhan agus tachartasan a choinnicheas ri feuman a h-uile sgoilear.

Dè thachras a-nis?

Chaidh iarraidh air an sgoil agus an t-ùghdarras foghlaim plana-gnìomha ullachadh a’ sealltainn mar a dhèiligeas iad ri prìomh cho-dhùnaidhean na h-aithisge, agus am plana sin a cho-roinn ri pàrantan agus luchd-cùraim. Taobh a-staigh dà bhliadhna bho cheann-là foillseachaidh na h-aithisge seo thèid innse do phàrantan agus luchd-cùraim mun adhartas a rinn an sgoil.

Raibeart Mac an Aistrigh

Neach-sgrùdaidh na Bànrigh

30 An Lùnasdal 2005

Pàipear-taice 1 Cuimsean càileachd

Bhreithnich sin na leanas fìor mhath\

Bhreithnich sinn na leanas math

Bhreithnich sinn na leanas meadhanach math

Bhreithnich sinn na leanas neo-thaitneach

Pàipear-taice 2 Geàrr-chunntas air freagairtean a’ cheisteachain

Tha pàirtean cudromach de na freagairtean bho na diofar bhuidhnean a fhuair ceisteachain air an ainmeachadh shìos.

Na nithean a b’ fheàrr a chòrd ri pàrantan agus luchd-cùraim

Na nithean a bhiodh pàrantan agus luchd-cùraim airson an leasachadh

  • Bha a’ chlann aca toilichte san sgoil agus fhuair iad an obair inntinneach.
  • Bha a’ chlann aca air an cuideachadh gus obrachadh cho math ’s a bha nan comas.
  • Bha fàilte bhlàth orra san sgoil, agus chaidh innse dhaibh ciamar a chuidicheadh iad a’ chlann aca len obair-dachaigh.
  • Ghabh luchd-teagaisg uallach airson cùram is sochair na cloinne.
  • Cha robh draghan mòra sam bith aig pàrantan agus luchd-cùraim.

Na nithean a b’ fheàrr a chòrd ri sgoilearan

Na nithean a bhiodh sgoilearan airson an leasachadh

  • Dhèilig luchd-teagaisg gu h-èifeachdach ri burraidheachd sam bith a bhiodh ann.
  • Dh’èist tidsearan ris na bha aca ri ràdh agus thug iad cuideachadh dhaibh nuair a bha duilgheadasan aca.
  • Dh’innis tidsearan dhaibh nuair a rinn iad rudeigin gu math.
  • Chuidich an sgoil iad a bhith sàbhailte agus fallain.
  • Cha robh draghan mòra sam bith aig sgoilearan.

Na nithean a b’ fheàrr a chòrd ri luchd-teagaisg

Na nithean a bhiodh luchd-teagaisg airson an leasachadh

  • Bha luchd-teagaisg toilichte leis a h-uile roinn de dh’obair na sgoile.
  • Cha robh draghan mòra sam bith air luchd-teagaisg.

Ciamar a gheibh sibh fios thugainn?

Ma tha sibh ag iarraidh lethbhreac eile den aithisg seo

Chaidh lethbhric den aithisg seo a chur chun a’ cheannaird agus luchd-teagaisg na sgoile, Stiùiriche an Fhoghlaim, a’ Cultair agus an Spòrs, comhairlichean ionadail agus buill iomchaidh de Phàrlamaid na h-Alba. Neach sam bith a tha ag iarraidh lethbhreac an asgaidh tha còir aige cur ga iarraidh gu Luchd-sgrùdaidh na Bànrigh airson Foghlaim, Taigh an Raoin Rèidh, 28 Rathad an Raoin Rèidh, Inbhir Nis IV1 1SF no fònadh 01463 253115. Tha lethbhric rim faotainn air an làrach-lìn againn cuideachd www.hmie.gov.uk.

Ma tha sibh airson beachd a thoirt seachad mu sgrùdaidhean bhunsgoiltean

Neach sam bith a tha airson beachd a thoirt mu nì sam bith co-cheangailte ri sgrùdaidhean àrdsgoile, tha còir aige sgrìobhadh an toiseach gu Frank Crawford, HMCI, aig Luchd-sgrùdaidh na Bànrigh airson Foghlaim, Europa Building, 450 Sràid Earra-ghàidheil, Glaschu G2 8LG.

Ar modh gearain

Neach sam bith air a bheil iomagain mun aithisg seo, tha còir aige sgrìobhadh an toiseach gu Hazel Dewart, Business Management Unit, Luchd-sgrùdaidh na Bànrigh airson Foghlaim, Second Floor, Denholm House, Almondvale Business Park, Almondvale Way, Livingston EH54 6GA. Tha lethbhreac den mhodh-gearain againn ri fhaotainn bhon oifis seo no fònadh 01506 600258 no bhon làrach-lìn againn aig www.hmie.gov.uk.

Neach sam bith nach eil riaraichte leis na rinn sinn aig deireadh ar modh gearain, faodar an gearan a thogail le Ombudsman Seirbheisean Poblach na h-Alba. Tha Ombudsman Seirbheisean Poblach na h-Alba gu tur neo-eisimeileach le ùghdarras airson gearanan an aghaidh Roinnean agus Buidhnean Riaghaltais a rannsachadh. Bu chòir dhuibh sgrìobhadh gu Ombudsman Seirbheisean Poblach na h-Alba, 4-6 Melville Street, Dùn Èideann  EH3 7NS. Faodaidh sibh fòn a chur cuideachd air 0870 011 5378 no post-dealain air enquiries@scottishombudsman.org.uk. Tha tuilleadh fiosrachaidh mu oifis an Ombudsman air an làrach-lìn: www.scottishombudsman.org.uk

Còraichean glèidhte leis a’ Chrùn 2005

Luchd-sgrùdaidh na Bànrigh airson Foghlaim

Faodar lethbhreac a dhèanamh den aithisg seo gu h-iomlan no de earrann dhi, ach chan fhaodar a chleachdadh ann am malairt no ann an co-cheangal ri leabhran-fiosrachaidh no sanas, agus feumar iomradh a thoirt air an aithisg agus ceann-là a foillseachaidh.