Òg-mhìos 2008
1. Cùl-eachdraidh
2. Prìomh neartan
3. Dè na beachdan a tha aig pàrantan, sgoilearan agus luchd-obrach?
4. Dè cho math ’s a tha ionnsachadh, teagasg agus coileanadh?
5. Dè cho math ’s a thathar a’ coinneachadh ri feumalachdan ionnsachaidh nan sgoilearan?
6. Dè cho math ’s a tha an àrainneachd airson ionnsachadh?
7. A’ stiùireadh agus a’ leasachadh na sgoile
Pàipear-taice 1 Taisbeanairean càileachd
Pàipear-taice 2 Geàrr-chunntas de fhreagairtean cheisteachan
Ciamar a chuireas sibh fios thugainn?
Chaidh sgrùdadh a dhèanamh air Dingwall Primary School and Nursery Class san Fhaoilleach 2008 mar phàirt de bhall-sampaill nàiseanta de dh’fhoghlam bunsgoile agus àraich. Chòmhdaich an sgrùdadh prìomh earrainnean de dh’obair na sgoile aig gach ìre.
Rinn e measadh air coileanadh na cloinne san sgoil-àraich agus sa bhun-sgoil, èifeachdas na sgoile, àrainneachd an ionnsachaidh, pròiseasan fèin-mheasaidh agus innleachdas na sgoile, agus a comas airson leasachadh. Bhathar ag amas gu sònraichte air buileachadh ann an cànan na Beurla, na Gàidhlig agus ann am matamataig.
Rinn Luchd-Sgrùdaidh na Banrighe sgrùdadh air càileachd eòlasan na cloinne san sgoil-àraich agus air obair sgoilearan, agus rinn iad agallamhan le buidhnean sgoilearan, a’ gabhail a-steach comhairle nan sgoilearan, agus le luchd-obrach. Cuideachd, choinnich buill den sgioba sgrùdaidh ri cathraiche Comhairle nam Pàrant, agus ri buidheann phàrantan.1
Rinn an sgioba sgrùdaidh measadh cuideachd air adhartas na sgoile ann a bhith a’ buileachadh nam molaidhean nàiseanta a bhuineas ri leasachadh earrainnean de sholarachadh bidhe na sgoile.
Tha an sgoil a’ riarachadh baile Inbhir Pheofharain. Aig àm an sgrùdaidh bha 547 air clàr na sgoile, a’ gabhail a-steach 67 leanabh ann an clas na sgoil-àraich agus 54 sgoilear anns na clasaichean tro mheadhan na Gàidhlig. Tha an sgoil a’ toirt foghlam do sgoilearan bun-sgoile is sgoil-àraich sa bhaile agus sa choimhearsnachd as fharsainge a tha bodhar. Bha a’ cho-roinn de sgoilearan aig an robh làn-chòir ri biadh sgoile an-asgaidh gu math fon chuibheasachd nàiseanta. Bha làthaireachd nan sgoilearan a rèir na cuibheasachd nàiseanta.
Tha measaidhean san aithisg seo, ach far a bheilear a’ comharrachadh a chaochladh, a’ buntainn gu co-ionann ris na clasaichean tro mheadhan na Gàidhlig agus na Beurla.
Chomharraich Luchd-Sgrùdaidh na Banrighe na prìomh neartan a leanas.
|
Rinn Luchd-Sgrùdaidh na Banrighe mion-sgrùdadh air freagairtean do cheisteachain a chaidh a chur a-mach gu ball-sampaill phàrantan, sgoilearan P4 gu P7, agus chun an luchd-obrach uile. Tha fiosrachadh mu fhreagairtean nan ceisteachan a’ nochdadh ann am Pàipear-Taice 2.
Bha deagh bharail aig pàrantan air cha mhòr gach earrann de bheatha na sgoile. Bha iad a’ faireachdainn gun robh e a’ còrdadh ris a’ chloinn aca a bhith san sgoil agus gun robh cliù fìor mhath aig an sgoil sa choimhearsnachd. Bha iad a’ cur luach air a’ chùram is an aire a bhathar a’ toirt don cuid cloinne. Bhruidhinn pàrantan na cloinne san sgoil-àraich agus thar na sgoile air an fhàilte fhosgailte is bhlàth a bha iad a’ faighinn. Bha pàrantan den bheachd gun robh e furasta bruidhinn ri luchd-obrach san sgoil-àraich agus san sgoil. Bha iad den bheachd gun robhar a’ dèiligeadh gu luath ris gach ceist. Bha sgoilearan ann an clasaichean na bun-sgoile agus pàrantan a’ faireachdainn gun robh luchd-obrach a’ dèiligeadh gu cothromach ri sgoilearan. Bha pàrantan mì-thoilichte le cruth goirid aithisgean meadhan na bliadhna, agus le togalaichean na sgoil-àraich nach robh air an deagh chumail suas. Bha sgoilearan moiteil mun sgoil aca agus bha iad a’ faighinn tlachd à clubaichean is gnìomhan a bhathar a’ toirt seachad taobh a-muigh uaireannan na sgoile. Bha mòran a’ bruidhinn le sunnd mu bhith a’ buannachadh phuingean airson an taighe aca. Bha barail fìor mhath aig an luchd-obrach mun sgoil agus bha e a’ còrdadh riutha a bhith ag obair innte. Bha iad a’ moladh obair-sgioba an luchd-obrach, agus bha iad den bheachd gun robh dealas aig na sgoilearan air ionnsachadh agus gu robh iad deònach obair chruaidh a dhèanamh. Bha pàrantan agus an luchd-obrach a’ smaoineachadh gun robh an sgoil air a deagh stiùireadh.
Eòlasan ionnsachaidh agus coileanadh nan sgoilearan
Bha clann san sgoil-àraich misneachail agus bha iad eòlach air cleachdaidhean làitheil. Bha luchd-obrach a’ toirt àrainneachd shàbhailte, bhrosnachail is fhàilteachail dhaibh. Bha clann a’ taghadh gu neo-eisimeileach bho raon de dheagh ghoireasan is ghnìomhan. Thar gach ìre den bhun-sgoil, agus sna clasaichean tro mheadhan na Gàidhlig agus ann an ionad nan sgoilearan bodhar, bha an curraicealam math. Bha tidsearan a’ toirt raon farsaing de ghnìomhan do sgoilearan gus na sgilean aca ann an cuspairean leithid eòlas àrainneachdail agus foghlam iomairteach a leasachadh. Bha grunn earrannan de chuspairean a bhathar ag ionnsachadh nach robh air an ùrachadh gu h-iomchaidh agus aig nach robh buntanas gu leòr. Bha tidsearan speisealta a’ cur gu h-èifeachdach ri ionnsachadh sgoilearan ann am foghlam corporra (FC) agus ceòl. Bha cuspairean foghlam slàinte air an amalachadh gu math thar a’ churraicealaim. Bha an sgoil air ceumannan a ghabhail gu ruige a bhith a’ toirt dà uair a thìde de FC àrd-inbhe do sgoilearan gach seachdain, a rèir mholaidhean nàiseanta. Thar ìrean na bun-sgoile, agus ann an clas na sgoil-àraich, bha cothroman cunbhalach ann airson leigeil leis a’ chloinn misneachd is sgilean a leasachadh a thaobh a bhith a’ cleachdadh teicneòlas fiosrachaidh is conaltraidh (TFC). Bha càileachd an teagaisg math san fharsaingeachd, le cuid de dh’eisimpleirean fìor mhath. Bha luchd-obrach san sgoil-àraich ag eadar-obrachadh gu h-èifeachdach leis a’ chloinn. Bha iad a’ dol an sàs gu mothachail is gu h-iomchaidh gus ionnsachadh na cloinne a leudachadh is na sgilean aca a leasachadh. Cha robh dòighean-obrach a thaobh teagasg gu co-chòrdail àrd thar na sgoile gu lèir. Bha a’ chuid a bu mhotha de thidsearan a’ dèanamh deagh fheum de mholadh, a’ toirt mìneachaidhean soilleir seachad agus a’ dèanamh deagh fheum de cheasnachadh gus dèanamh cinnteach gun robh na sgoilearan a’ tuigsinn. Bha cuid a’ dèanamh fìor dheagh fheum de dhòighean-obrach lèirsinneach gus taic a thoirt don luchd-ionnsachaidh uile agus gus an com-pàirteachadh uile. Bha a’ chuid a bu mhotha den luchd-obrach a’ co-roinn adhbhar an ionnsachaidh leis na sgoilearan. Far an robh e iomchaidh, bha luchd-obrach a’ dèanamh feum mhath de chànan comharraidh gus conaltradh le sgoilearan bodhar. Bha a’ chuid a bu mhotha de luchd-teagaisg a’ toirt stiùireadh do sgoilearan a thaobh mar a bu chòir dhaibh an cuid obrach a leasachadh. Cha robh seo co-chòrdail thar na sgoile. Bha obair-dachaigh na pàirt riaghailteach de bheatha na sgoile agus bha seo a’ freagairt gu math air na bhathar ag ionnsachadh sa chlas.
Uile gu lèir bha càileachd an ionnsachaidh math. Ann an clasaichean na sgoil-àraich, bha cothroman matha aig clann gus cluich-mas-fhìor a dhèanamh agus bha iad a’ cluiche gu macmeanmnach ann an oisean na h-uaimhe. Bha cuid a’ dèanamh deagh fheum de thaghadh farsaing stuthan gus measgachadh de dh’obair-ealain a chruthachadh. Bha clann a’ leasachadh sgilean amhairc is sgrùdaidh tro bhith a’ coiseachd san àrainneachd mun cuairt. Bha iad a’ fàs mothachail mu theicneòlas tro bhith a’ cleachdadh thordsaichean is choimpiutairean. Bha iad uile cha mhòr a’ leasachadh raon iomchaidh de sgilean corporra agus bha cothroman cunbhalach aca gus eacarsaich a dhèanamh a-muigh. Sna clasaichean Gàidhlig, aig na h-ìrean tràtha, bha cothroman matha aig sgoilearan gus sgilean cànain Gàidhlig a thogail is a leasachadh tro bhith a’ cluiche. Thar ìrean na bun-sgoile, bha sgoilearan dìcheallach agus ag obair cruaidh gus ionnsachadh. Bha iad math air èisteachd agus bha iad a’ leantainn òrdain. Bha sgoilearan air am brosnachadh gu mòr nuair a bhathar a’ toirt ghnìomhan pragtaigeach is gnìomhach dhaibh. Thar na sgoile, nuair a bhathar a’ toirt cothrom dhaibh, bha a’ chuid a bu mhotha de sgoilearan ag obrachadh fìor mhath le chèile ann an dithisean agus ann am buidhnean beaga. Cha robh astar an ionnsachaidh luath gu leòr thar na sgoile gu lèir. Aig na h-ìrean tràtha, bha cus ghnìomhan cluich ann gun dùbhlan gu leòr agus cha robhar gan tabhann air sgoilearan ach a-mhàin as dèidh dhaibh gnìomhan eile a chrìochnachadh.
Bha an sgoil a’ cur cuideam làidir is èifeachdach air a bhith a’ leasachadh choileanaidhean nas fharsainge nan sgoilearan. Bha clann sa chlas-àraich a’ dèanamh co-obrachadh math sa chluich aca. Bha iad a’ fàs mothachail mu fheumalachdan chàich agus a’ togail chàirdeasan. Thar ìrean na bun-sgoile, bha sgoilearan a’ leasachadh mothachadh fìor mhath a thaobh an cuid dhleastanasan dhaibh fhèin is dha chèile. Bha iad a’ faighinn chothroman matha gus co-dhùnaidhean a dhèanamh rè gnìomhan clasa agus tro chomhairle nan sgoilearan. Bha iad air acfhainn airson a bhith a’ cluiche a-muigh a leasachadh. Bha sgoilearan gu riaghailteach a’ gabhail com-pàirt ann an raon ghnìomhan cultarail is spòrsail. Bha feasgaran ghnìomhan a’ toirt cothrom do sgoilearan sgilean a leasachadh ann an raointean a roghnaich iad fhèin. Bha iad air soirbheachas a choileanadh ann an cuirmean-cheist Cluba Rotary agus aig a’ Mhòd. Leasaich sgoilearan sgilean taisbeanaidh le bhith a’ seinn gu tric aig Fèill Sràide Inbhir Pheofharain agus aig raon thachartasan coimhearsnachd. Bha an turas-còmhnaidh bliadhnail do sgoilearan ann am P7 a’ leasachadh nan sgilean sòisealta aca gu math. Bha na sgoilearan uile air a bhith an lùib a bhith a’ leasachadh sreath de dh’fhiolmaichean goirid agus a’ dèanamh DBhD gus Bliadhna Cultar na Gàidhealtachd a chomharrachadh. Bha e a’ còrdadh ri sgoilearan a bhith an làthair aig raon farsaing de ghnìomhan taobh a-muigh uairean na sgoile. Bha sgoilearan a bha a’ frithealadh a’ chluba fiolm is beothachaidh air an cuid sgilean TFC a leasachadh le bhith a’ cur Blogspot sgoile air bhonn. Tha seo a-nis air a leudachadh thar grunn chlasaichean. Bha na sgoilearan uile ag ionnsachadh sgilean seinn ann a bhith a’ deasachadh is a’ seinn laoidhean airson co-chruinneachaidhean sgoile. Bha mothachadh nan sgoilearan mu fheumalachdan chàich air a leasachadh le bhith a’ togail airgead gu riaghailteach do raon charthannasan ionadail agus eadar-nàiseanta. Bha pàrantan agus a’ choimhearsnachd san fharsaingeachd a’ toirt deagh thaic don earrainn seo de bheatha na sgoile.
Cànan na Beurla
Uile gu lèir bha càileachd ionnsachadh nan sgoilearan ann an cànan na Beurla math. Ann an clasaichean na sgoil-àraich, bha clann a’ dèanamh adhartas math ann an conaltradh is cànan. Bha iad a’ bruidhinn le misneachd agus ag èisteachd gu math ri inbhich agus ri chèile. Bha sgeulachdan a’ còrdadh ris a’ chloinn agus bha cothroman aca coimhead air leabhraichean fiosrachaidh. B’ urrainn don chuid a bu mhotha an ainm fhèin aithneachadh ann an sgrìobhadh. Bha cuid a’ leasachadh sgilean èifeachdach ann an sgrìobhadh tràth. Ann an clasaichean na bun-sgoile, bha buileachadh nan sgoilearan ann an sgrìobhadh air fàs nas fheàrr thar nan còig bliadhna mu dheireadh. Bha buileachadh ann an leughadh air fuireach aig an aon ìre. Cha robh dòigh-obrach cho-chòrdail ann gus measadh a dhèanamh air èisteachd is labhairt. Bha a’ chuid a bu mhotha de sgoilearan a’ coileanadh nan ìrean nàiseanta iomchaidh ann a leughadh is sgrìobhadh, le treas cuid de sgoilearan a’ coileanadh nan nithean seo na bu tràithe na bhithear an dùil san àbhaist. Bha ùine a bharrachd air a chur an dàrna taobh airson a bhith a’ leasachadh buileachadh nan sgoilearan ann an leughadh agus a rèir nan comharran tràtha, bha seo soirbheachail. Bha an dòigh-obrach ath-sgrùdaichte aig an sgoil gu lèir a thaobh leughadh cuideachd a’ cur ris an leasachadh seo. Bha sgoilearan le feumalachdan taic a bharrachd, a’ gabhail a-steach sgoilearan bodhar, a’ dèanamh deagh adhartas. Bha na sgoilearan uile cha mhòr ag èisteachd gu cùramach agus bha iad fìor mhath air a bhith a’ leantainn stiùireadh. B’ urrainn do sgoilearan ann am P1 seantansan a leughadh agus freagairtean ceart a thoirt seachad mu na bha annta. Bha sgoilearan ann am P7 a’ leughadh gu fileanta agus b’ urrainn dhaibh bruidhinn gu mionaideach mu na sgeulachdan a bha iad a’ leughadh. Cha robh iad cho misneachail ann a bhith a’ cur an cèill an cuid fhaireachdainnean is bheachdan mu theagsaichean no ùghdaran. Aig na h-ìrean uile, bha sgoilearan a’ leughadh airson tlachd. Chaidh sgeama baga leabhraichean a thoirt a-steach gus balaich a bhrosnachadh a bhith a’ leughadh agus bha coltas tràth ann gun robh seo a’ soirbheachadh. Thar na sgoile, bha sgoilearan a’ sgrìobhadh gu riaghailteach airson raon adhbharan. Bha seo a’ gabhail a-steach sgrìobhadh thar a’ churraicealaim. Bha a’ chuid a bu mhotha de sgoilearan a’ dèanamh obair mhath de dh’fhaid iomchaidh.
Cànan na Gàidhlig
Ann an clas-àraich na Gàidhlig, bha clann a’ dèanamh adhartas math ann a bhith a’ togail sgilean cànain sa Ghàidhlig. Bha iad a’ cleachdadh abairtean sìmplidh gus bruidhinn air an aimsir agus gus conaltradh le càch. Bha a’ chuid a bu mhotha ag èisteachd gu cùramach aig àm nan sgeulachdan agus b’ urrainn dhaibh òrdan nan tachartasan a chuimhneachadh. Thar ìrean na bun-sgoile, uile gu lèir, bha càileachd buileachaidh ann an cànan na Gàidhlig fìor mhath. Sna bliadhnaichean mu dheireadh, bha ìre buileachaidh nan sgoilearan ann an leughadh agus sgrìobhadh air leasachadh gu co-chòrdail. Bha cuid de sgoilearan air ìrean nàiseanta a choileanadh na bu tràithe na bhithear an dùil gu h-àbhaisteach. Aig na h-ìrean uile, bha sgoilearan a’ cumail deagh aire agus a’ toirt fhreagairtean matha do dh’òrdain is fiosrachadh. Bha iad a’ bruidhinn le misneachd ri inbhich agus bha iad a’ leasachadh sgilean deasbaireachd gu math. Ann an leughadh, bha cha mhòr na sgoilearan uile a’ sealltainn tlachd agus tuigse a thaobh nan teagsaichean a bhathar a’ leughadh agus bha iad a’ deasbaireachd mu fheartan leabhraichean. Aig na h-ìrean uile, b’ urrainn do sgoilearan sgrìobhadh ann an raon stoidhlichean agus airson measgachadh de dh’adhbharan. Bha sgoilearan ann an clas P1 a’ leasachadh sgilean sgrìobhaidh tràth gu h-èifeachdach. Ann am P2 agus P3, bha sgoilearan a’ sgrìobhadh chairtean-puist macmeanmnach agus bha sgoilearan aig na h-ìrean as àirde a’ dèanamh bàrdachd fhaireachail. Bha ìrean làmh-sgrìobhaidh is taisbeanaidh math aig na h-ìrean uile.
Matamataig
Bha clann san sgoil-àraich a’ dèanamh adhartas math ann am matamataig thràth. Bha iad a’ sealltainn gun robh iad math air cumaidhean sìmplidh aithneachadh agus bha iad a’ sgrùdadh chumaidhean san àrainneachd. Bha cuid a’ leasachadh deagh thuigse air briathrachas tomhais. B’ urrainn don mhòr-chuid cairtean àireimh is rudan eile a chunntais is a mhaidseadh san dòigh cheart. Ann an clasaichean na bun-sgoile bha càileachd buileachadh nan sgoilearan math uile gu lèir. Tha buileachadh air leasachadh sna bliadhnaichean mu dheireadh. Bha a’ chuid a bu mhotha de sgoilearan a’ buileachadh ìrean nàiseanta iomchaidh ann am prìomh earrannan matamataig. Bha sgoilearan le feumalachdan taic a bharrachd, a’ gabhail a-steach sgoilearan bodhar, a’ dèanamh adhartas cunbhalach. Aig grunn ìrean, cha robh sgoilearan a’ faighinn dùbhlan gu leòr san obair-chùrsa aca. Bha sgoilearan ann an P1 air deagh thoiseach tòiseachaidh a dhèanamh a thaobh a bhith a’ leasachadh nan sgilean matamataig aca. Ann an cuid de chlasaichean, cha robh sgilean nan sgoilearan ann a bhith a’ làimhseachadh TFC air an deagh leasachadh. Thar nan ìrean, bha a’ mhòr-chuid de sgoilearan sgileil ann an cunntasan inntinneil is sgrìobhte. Ann am P2, bha sgoilearan misneachail ann a bhith a’ cleachdadh airgead. Bha eòlas math aig sgoilearan air cumaidhean dà- agus trì-thaobhach. Ro no ann am P7, bha a’ mhòr-chuid de sgoilearan misneachail ann a bhith a’ cleachdadh sgilean tomhais agus bha iad a’ tòiseachadh air feum èifeachdach a dhèanamh de raon ro-innleachdan gus ceistean fhuasgladh. Cha robh cothroman cunbhalach ann do sgoilearan gus na sgilean matamataigeach aca a chur an gnìomh ann an suidheachaidhean pragtaigeach is fìor, co-chòrdail thar na sgoile.
Ann an clasaichean na sgoil-àraich, bha deagh eòlas aig an luchd-obrach air a’ chloinn agus bha iad a’ toirt deagh fhreagairt do na feumalachdan fa leth aca. Bha iad a’ cumail sùil chùramach air a’ chloinn fhad ’s a bha iad a’ cluiche agus bha iad a’ clàradh ìrean an leasachaidh is an ionnsachaidh gu h-èifeachdach. Bha sgoilearan le feumalachdan taic a bharrachd air an aithneachadh tràth agus bha iad a’ faighinn deagh thaic bho luchd-obrach. Bha an solarachadh airson a bhith a’ coinneachadh ri feumalachdan ionnsachaidh na cloinne thar na sgoile math. Bha a’ mhòr-chuid de thidsearan a’ dèanamh feum de raon math dhòighean-obrach gus feumalachdan fa leth nan sgoilearan a fhreagradh le gnìomhan iomchaidh. Thar na sgoile, bha gnìomhan cànan na Beurla, cànan na Gàidhlig agus matamataig a’ coinneachadh ri feumalachdan a’ chuid a bu mhotha de sgoilearan. Sna raointean seo, bha tidsearan a’ toirt deagh aire don ionnsachadh a bha aig sgoilearan roimhe. Thar raointean curraicealaim eile, bha leasain gu tric air an amas air buidhnean clasa slàna agus cha robh iad a’ co-fhreagairt gu leòr air feumalachdan nan sgoilearan uile. Ann an cuid de leasain, bha astar an ionnsachaidh ro shlaodach. Bha an tidsear taic a bharrachd ag obair gu h-èifeachdach thar na sgoile, a’ toirt taic do raon fharsaing de sgoilearan aig an robh duilgheadasan len cuid obrach. Chaidh prògraman foghlaim pearsanta iomchaidh (PFPan) le targaidean ionnsachaidh soilleir a leasachadh do ghrunn sgoilearan. Bhathar a’ dèanamh ath-bhreithneachadh riaghailteach air na PFPan sin agus gan co-roinn gu h-iomchaidh le sgoilearan agus pàrantan. Bha buidhnean com-pàirteachaidh, a’ gabhail a-steach neach-obrach taic na cloinne, a’ cur gu h-èifeachdach ri bhith a’ coinneachadh feumalachdan taic tro obair chunbhalach le sgoilearan agus an teaghlaichean. Bha luchd-obrach taic a’ toirt deagh chuideachadh do sgoilearan fa leth agus buidhnean sgoilearan. Bha an sgoil a’ strì gus feumalachdan nan sgoilearan don robh Beurla na cànan a bharrachd a choinneachadh. Bha mòran fheumalachdan leasachaidh aig luchd-obrach anns an raon seo.
A’ coinneachadh ri feumalachdan sgoilearan bodhar
Chomharraich luchd-obrach feumalachdan conaltraidh is ionnsachaidh nan sgoilearan bodhar gu h-èifeachdach. Bhathar a’ cur cuideam iomchaidh air a bhith a’ leasachadh sgilean cànan-comharraidh is labhairteach nan sgoilearan. Bha luchd-obrach a’ dèanamh feum èifeachdach de chlàran-ama is chomharran-cuideachaidh lèirsinneach gus taic a thoirt do sgoilearan le raon nas fharsainge de dh’fheumalachdan taic a bharrachd. Bha tidsearan nan sgoilearan bodhar, agus iar-luchd-obrach taice, a’ toirt deagh thaic do sgoilearan ann an clasaichean. B’ urrainn do sgoilearan na bhathar a’ teagasg a leantainn gu math. Bha taic oideachail a bharrachd air a dhealbhadh gu cùramach gus dèanamh cinnteach nach robh sgoilearan a’ call a-mach air earrannan den churraicealam. Bha neach-leigheis labhairt is cànain, a bha suidhichte san sgoil, a’ toirt fìor dheagh thaic do sgoilearan le feumalachdan taic a bharrachd. Bha sgoilearan bodhar air an deagh chom-pàirteachadh ann am beatha na sgoile. Bha tidsearan clasa comasach a thaobh a bhith a’ cleachdadh cànan-comharraidh gus conaltradh gu dìreach ri sgoilearan bodhar. Bha inbheach bodhar a bha a’ tadhal air an sgoil gach seachdain a’ toirt taic fìor mhath do na sgoilearan bodhar. Bha seo a’ gabhail a-steach deasbaireachd dhomhain mu chùisean is thachartasan aimsireil. Uaireannan, bha sgoilearan bodhar a’ faighinn cus taic, le cus inbhich an sàs san ionnsachadh aca.
Earrann |
Beachd |
Cùram, maitheas is leasachadh |
Bha luchd-obrach san sgoil agus san sgol-àraich a’ toirt fìor dheagh chùram do na sgoilearan. Bha luchd-obrach ag èisteachd ri draghan nan sgoilearan agus a’ dol an gnìomh gu luath gus ceistean sam bith a rèiteach. Bha an neach-glèidhidh a’ cur gu h-èifeachdach ri beatha is obair na sgoile. Bha an luchd-obrach uile a’ cur prìomhachas àrd air cùram is maitheas nan sgoilearan. Bha iad fìor mhothachail mu mhodhan dìon chloinne agus bha iad ag obair gu h-èifeachdach còmhla gus earbsa, spèis is misneachd dha chèile a chruthachadh. Bha luchd-obrach san sgoil-àraich a’ toirt brosnachadh don chloinn gus cluiche gu sàbhailte agus gus aire a thoirt orra fhèin agus air càch. Bha sgoilearan na bu shine nan caraidean do sgoilearan na b’ òige agus bha iad a’ cur gheamaichean air dòigh san raon-chluich. Bha sgoilearan a’ leasachadh deagh bheachdan a thaobh an slàinte agus am maitheis tro bhith a’ gabhail com-pàirt gu cunbhalach ann an gnìomhan is tachartasan gus slàinte a bhrosnachadh. Bha clann san sgoil-àraich a’ faighinn ghreimeannan-bidhe fallain agus bha iad an lùib prògram slàinte fhiaclan. Bha biadh na sgoile a’ còrdadh ris na sgoilearan, bha iad air an deagh thaisbeanadh agus bha iad math. Bha rèiteachaidhean taiceil air an suidheachadh aig an sgoil aig àm gluasaid bhon sgoil-àraich gu P1 agus aig P7 gu Dingwall Academy. |
Stiùireadh is cleachdadh ghoireasan agus rùm airson ionnsachadh |
Bha càileachd an àite ionnsachaidh math. Bha seòmraichean-clasa mòr, soilleir agus tarraingeach agus bha prìomh thogalach na sgoile air a dheagh chumail suas. Bha luchd-obrach na sgoile-àraich air àrainneachd chluich thlachdmhor a chruthachadh ann an togalach truagh nach robh air a dheagh chumail suas. Ann an clasaichean na bun-sgoile, bha luchd-obrach air taisbeanaidhean tarraingeach de dh’obair nan sgoilearan a chruthachadh air feadh na sgoile gus coileanadh nan sgoilearan a shealltainn is a chomharrachadh. Bha an talla-spòrsa air a dheagh chleachdadh airson Foghlam Corporra, dràma agus co-chruinneachaidhean. Bha roghainnean fallain agus ùine shòisealta a’ còrdadh ris na sgoilearan ann an àite-bidhe fa leth. Cha robh goireasan ann gus aodach a chur uime airson Foghlam Corporra. Bha sgoilearan a’ faighinn buannachd bho raon-chluich agus raon-spòrsa mòr le deagh acfhainn sreap. Bha a’ chlann san sgoil-àraich a’ dèanamh feum chunbhalach de thalla-spòrsa na sgoile agus bha cothrom aca raon-cluich a-muigh, air a dhùnadh a-staigh, a chleachdadh gach latha. Cha robh cothrom acasan le duilgheadasan gluasaid an ach air an t-ùrlar ìseal a-mhàin a chleachdadh. Bha rèiteachaidhean tèarainteachd iomchaidh suidhichte aig na slighean a-steach don sgoil is don sgoil-àraich. |
Àileadh is dàimhean, dùilean agus brosnachadh coileanadh agus co-ionannachd |
Bha an àileadh is na dàimhean taobh a-staigh na sgoile fìor mhath. Bha luchd-obrach a’ dèanamh cinnteach à àileadh fìor fhàilteachail agus bha fìor dhealas aca do bheatha is obair na sgoile. Bha sgoilearan moiteil mun sgoil aca. Bha iad modhail agus bha giùlan fìor mhath aca. Bha misneachd nan sgoilearan agus an luchd-obrach àrd. Bha cothroman iomchaidh aig an sgoil airson aire a thoirt do chreideimh agus airson a bhith a’ comharradh coileanadh nan sgoilearan. Bha coileanadh nas fharsainge nan sgoilearan air a chomharradh aig co-chruinneachaidhean na sgoile, agus bha cairtean-teisteanais agus dealbhan air an deagh thaisbeanadh air feadh na sgoile. Bha luchd-obrach a’ cleachdadh moladh gu h-èifeachdach gus deagh ghiùlan a bhrosnachadh agus gus sgoilearan a bhrosnachadh gus an dìcheall a dhèanamh. Bha dùil a thaobh buileachadh agus taisbeanadh obrach àrd. Bha a bhith ag ionnsachadh mu cho-ionannachd is cothromachd na fheart riaghailteach de dh’fhoghlam creideimh is moralta agus de ghnìomhan leasachaidh pearsanta is sòisealta. Ann an cuid de chuspairean, cha robh an luchd-obrach an còmhnaidh a’ dèanamh cinnteach gun robh iad a’ cleachdadh briathrachas freagarrach. |
Soirbheachas na sgoile ann a bhith a’ com-pàirteachadh phàrantan, luchd-cùraim is theaghlaichean |
Bha an sgoil fìor shoirbheachail ann a bhith a’ com-pàirteachadh phàrantan, luchd-cùraim agus teaghlaichean. Bha an sgoil agus an sgoil-àraich a’ conaltradh gu h-èifeachdach le pàrantan tro litrichean-naidheachd cunbhalach agus leabhraichean ceangal-dachaigh. Bha cha mhòr na pàrantan uile a’ frithealadh agallamhan phàrantan. Bha na fèilltean curraicealaim bliadhnail fìor fhiosrachail agus a’ faighinn deagh thaic bho phàrantan is sgoilearan a bha a’ cur luach mòr orra. Bha tidsearan agus luchd-obrach na sgoil-àraich a’ dèanamh aithisgean adhartais bliadhnail do phàrantan a’ cleachdadh foirm aithisg an ùghdarrais ionadail. Bha na h-aithisgean meadhan-bliadhna goirid agus cha robh iad a’ tabhann ach beagan fiosrachaidh mu gach leanabh. Ach, bha aithisgean ceann na bliadhna nas mionaidiche. Bha comas ann càileachd cruth nan aithisgean a leasachadh. Bha pàrantan agus a’ choimhearsnachd, a’ gabhail a-steach gnothachasan ionadail, a’ toirt taic ghnìomhach do thachartasan sòisealta agus togail-airgid fad bliadhna na sgoile. Bha an Club Rotary ionadail a’ toirt taic gach bliadhna do eòlas rothaireachd. Bha luchd-obrach sheirbheisean cloinne a’ cuideachadh gus sgoilearan a thrèanadh gu bhith nan luchd-cuideachaidh misneachail san raon-chluich. Bha sgoilearan a’ dèanamh raon de thaisbeanaidhean soirbheachail ciùil is dràma do phàrantan agus don choimhearsnachd ionadail. Bha oifigearan poilis ionadail a’ toirt taic èifeachdach do ghnìomhan leithid a bhith a’ togail aire mu mhì-chleachdadh stuthan agus a bhith a’ cleachdadh an eadar-lìn gu sàbhailte. Bha an sgoil air co-chomhairle a chumail le pàrantan mu na goireasan a bhathar a’ cleachdadh airson foghlam slàinte. |
Tha Pàipear-Taice 1 a’ toirt measadh iomlan Luchd-Sgrùdaidh na Banrighe air obair na sgoile.
Bha Dingwall Primary School and Nursery Class a’ toirt seachad foghlam de chàileachd àrd do cuid sgoilearan. Bha cùram, earbsa agus urram aig ìre àrd thar na sgoile agus bha pàrantan fìor thaiceil don sgoil. Bha luchd-obrach a’ gabhail com-pàirt ghnìomhach anns gach earrann de bheatha is obair na sgoile. Bha deagh bheachd aig sgoilearan a thaobh na sgoile agus bha iad ag obair cruaidh. Bha buileachadh math ann an cànan na Beurla agus matamataig agus fìor mhath ann an cànan na Gàidhlig. Bha sgoilearan bodhar air an deagh amalachadh do bheatha na sgoile. Bha càileachd an ionnsachaidh is an teagaisg math agus uaireannan fìor mhath.
Bha ceannardas ceannard na sgoile fìor mhath. Bha spèis fìor mhath aig na sgoilearan, an luchd-obrach agus a’ choimhearsnachd dha. Bha e air àrainneachd ionnsachaidh bhlàth agus fhàilteachail a leasachadh is a chumail suas. Bha luchd-obrach agus pàrantan a’ cur luach air cho furasta ’s a bha e bruidhinn ris. Bha ceannard na sgoile air com-pàirteachasan cinneasach a leasachadh le pàrantan, sgoiltean eile agus leis a’ choimhearsnachd ionadail. Bha lèirsinn shoilleir aige airson na sgoile, stèidhichte air tuigse mun choimhearsnachd agus feumalachdan nan sgoilearan is an teaghlaichean. Bha e a’ tadhal air gach clas gach latha agus bha e eòlach air gach sgoilear fa leth. Bha na trì iar-cheannardan agus an dà phrìomh thidsear a’ toirt deagh thaic dha. Bha na h-iar-cheannardan a’ toirt deagh stiùireadh do na clasaichean-àraich is na clasaichean tro mheadhan na Gàidhlig. Bha obair-sgioba fìor èifeachdach air feadh na sgoile. Bha an sgioba stiùiridh air raon math ghnìomhan a leasachadh gus obair na sgoile a mheasadh. Bha ceannard na sgoile agus na h-iar-cheannardan a’ dèanamh ath-bhreithneachadh air planaichean nan tidsearan agus bha iad a’ toirt fios brosnachail dhaibh air ais ann an sgrìobhadh agus ann an comhradh. Cha robh seo an-còmhnaidh a’ toirt dùbhlan do thidsearan gus fàs nas fheàrr. Bha iad a’ tadhal air clasaichean na sgoil-àraich is na bun-sgoile gus ath-bhreithneachadh a dhèanamh air earrannan den ionnsachadh is den teagasg agus bha iad a’ coimhead air ball-sampaill de dh’obair nan sgoilearan gu riaghailteach. Bha comas ann air feadh na sgoile gus deagh chleachdadh a cho-roinn is a shealltainn, gus ionnsachadh is teagasg de chàileachd cho-leanailteach àrd a leasachadh. Bha comas aig an sgoil gus solarachadh a leasachadh do sgoilearan.
Bha luchd-obrach na sgoil-àraich mothachail mu bhuil Còdan Cleachdaidh Comhairle Sheirbheisean Sòisealta na h-Alba. Aig an sgrùdadh mu dheireadh a rinn Coimisean a’ Chùraim air a’ chlas-àraich, chaidh aon iarrtas a dhèanamh agus cha deach molaidhean sam bith a dhèanamh. Chaidh aghaidh a chur ris an iarrtas.
Prìomh phuingean gnìomhachaidh Bu chòir don sgoil agus don ùghdarras foghlaim a dhol an gnìomh gus dèanamh cinnteach à leasachadh a bharrachd a thaobh obair na sgoil-àraich is na sgoile. Ann a bhith a’ dèanamh sin, bu chòir dhaibh aire a ghabhail don fheum gus leasachadh a thoirt air:
|
Dè an ath rud a thachras?
Chaidh iarraidh air an sgoil agus air an ùghdarras foghlaim plana gnìomha a dheasachadh a’ comharradh mar a chuireas iad aghaidh air prìomh thoraidhean na h-aithisge, agus am plana sin a cho-roinn le pàrantan. Taobh a-staigh dà bhliadhna bho fhoillseachadh na h-aithisge seo, thèid fios a chur gu pàrantan mun adhartas a tha an sgoil air a dhèanamh.
Susan R Duff
Neach-sgrùdaidh na Banrighe airson Foghlaim
Òg-mhìos 2008
Tha na h-earrannan gu h-ìseal a’ leantainn òrdan na h-aithisge seo. Lorgaidh sibh na prìomh bheachdan a rinneadh mu gach taisbeanair càileachd fa leth sna h-earrannan sin. Ge-tà, tha earrannan de chuid de na taisbeanairean càileachd a’ buntainn ri earrannan eile den aithisg agus dh’fhaoidte gun tèid iomradh a thoirt orra an sin cuideachd.
Dè cho math ’s a tha ionnsachadh, teagasg agus coileanadh? |
|
An curraicealam |
math |
A’ teagasg airson ionnsachadh èifeachdach |
math |
Eòlasan an luchd-ionnsachaidh |
math |
Leasachadh ann an coileanadh: cànan na Beurla |
math |
Leasachadh ann an coileanadh: cànan na Gàidhlig |
fìor mhath |
Leasachadh ann an coileanadh: matamataig |
math |
Dè cho math ’s a thathar a’ coinneachadh ri feumalachdan ionnsachaidh nan sgoilearan? |
|
A’ coinneachadh ri feumalachdan ionnsachaidh |
math |
Dè cho math ’s a tha an àrainneachd airson ionnsachadh? |
|
Cùram, maitheas is leasachadh |
fìor mhath |
Stiùireadh is cleachdadh ghoireasan agus rùm airson ionnsachadh |
math |
Com-pàirteachas an luchd-obrach ann am beatha is obair na sgoile |
fìor mhath |
Dùil is a bhith a’ brosnachadh coileanadh |
fìor mhath |
Co-ionannachd is cothromachd |
math |
Soirbheachas na sgoile ann a bhith a’ com-pàirteachadh phàrantan, luchd-cùraim is theaghlaichean |
fìor mhath |
A’ stiùireadh agus a’ leasachadh na sgoile |
|
A’ leasachadh dhaoine is chom-pàirteachasan |
fìor mhath |
Ceannardas (a’ cheannaird) a thaobh leasachadh is atharrachadh |
fìor mhath |
Ceannardas (thar na sgoile) a thaobh leasachadh is atharrachadh |
math |
Leasachadh tro fhèin-mheasadh |
math |
Tha an aithisg seo a’ cleachdadh nam faclan a leanas gus breithneachaidhean an luchd-sgrùdaidh a dhèanamh soilleir:
| sàr-mhath air leth, air thoiseach san raon | |
| fìor mhath | neartan mòra |
| math | neartan cudromach, feum air leasachadh ann an cuid de raointean |
| math gu leòr | neartan dìreach a’ toirt bàrr air laigsean |
| lag | laigsean cudromach |
| uireasbhach | laigsean mòra |
Tha feartan cudromach nam freagairtean bho na caochladh bhuidhnean a fhuair ceisteachain air an clàradh gu h-ìseal.
Na bha an sgoil a’ dèanamh gu math am beachd nam pàrantan |
Na dh’fhaodadh an sgoil a dhèanamh na b’ fheàrr am beachd nam pàrantan |
|
|
Na bha an sgoil a’ dèanamh gu math am beachd nan sgoilearan |
Na dh’fhaodadh an sgoil a dhèanamh na b’ fheàrr am beachd nan sgoilearan |
|
|
Na bha an sgoil a’ dèanamh gu math am beachd an luchd-obrach |
Na dh’fhaodadh an sgoil a dhèanamh na b’ fheàrr am beachd an luchd-obrach |
|
|
Chaidh lethbhreacan den aithisg seo a chur gu ceannard agus luchd-obrach na sgoile, Stiùiriche an Fhoghlaim, a’ Chultair is an Spòirs, comhairlichean ionadail agus Buill iomchaidh de Phàrlamaid na h-Alba. Cho fad ’s a tha iad rim faotainn, gheibhear lethbhreacan a bharrachd an-asgaidh bho Luchd-Sgrùdaidh na Banrighe airson Foghlaim, Taigh Longman, 28 Rathad Longman, Longman an Ear, Inbhir Nis IV1 1SF no le fòn a chur gu 01463 253115. Gheibhear lethbhreacan cuideachd bhon làraich-lìn againn: www.hmie.gov.uk.
Modh Fios air Ais agus Gearanan LSBF
Ma tha sibh airson beachd a thoirt seachad air earrann sam bith de sgrùdaidhean bun-sgoile, bu chòir dhuibh sgrìobhadh sa chiad dol a-mach gu Chris McIlroy, Àrd-Neach-Sgrùdaidh na Banrighe, aig Luchd-Sgrùdaidh na Banrighe airson Foghlaim, Taigh Denholm, Pàirc Gnìomhachais Almondvale, Slighe Almondvale, Baile Dhùn Lèibhe EH54 6GA.
Ma tha dragh oirbh mun aithisg seo, bu chòir dhuibh sgrìobhadh sa chiad dol a-mach chun a’ Mhanaidseir Ghearanan againn, Sgioba Stiùireadh Gnothachais is Conaltraidh LSBF, Dàrna Ùrlar, Taigh Denholm, Pàirc Gnìomhachais Almondvale, Slighe Almondvale, Baile Dhùn Lèibhe EH54 6GA. Faodaidh sibh cuideachd post-d a chur gu HMIEComplaints@hmie.gsi.gov.uk. Tha lethbhreac den mhodh gearain againn ri fhaotainn bhon oifis seo le bhith a’ cur fòn gu 01506 600200 no bhon làraich-lìn againn aig www.hmie.gov.uk .
Aig deireadh na modh gearain againn, mura h-eil sibh riaraichte leis na rinn sinn, faodaidh sibh an gearan agaibh a thogail le Ombudsman Sheirbheisean Poblach na h-Alba (OSPA). Tha an OSPA gu tur neo-eisimeileach agus tha cumhachdan aige sgrùdadh a dhèanamh air gearanan mu roinnean agus buidhnean Riaghaltais. Bu chòir dhuibh sgrìobhadh chun an OSPA, Post An-Asgaidh EH641, Dùn Èideann EH3 0BR. Faodaidh sibh cuideachd fòn a chur gu 0800 377 7330; facs 0800 377 7331; no post-d: ask@spso.org.uk. Gheibhear tuilleadh fiosrachaidh mu oifis an Ombudsman bhon làrach-lìn: www.spso.org.uk.
Dlighe-Sgrìobhaidh a’ Chrùin 2008
Luchd-Sgrùdaidh na Banrighe airson Foghlaim
Faodar an aithisg seo ath-dhèanamh gu h-iomlan no ann am pàirt, ach a-mhàin air adhbharan coimeirsealta no an lùib ro-sheallaidh no sanais, fhad ’s a tha an tobar agus an ceann-là air an innse.
1. Tron aithisg seo, tha an teirm ‘pàrantan’ a’ gabhail a-steach luchd-cùraim dalta, luchd-obrach cùraim ann an dachannan-còmhnaidh agus luchd-cùraim a tha nan càirdean no nan caraidean.