4 Màrt 2008
1. Bun-fhiosrachadh
2. Prìomh neartan
3. Dè cho math s a tha an sgoil ag àrdachadh coileanadh do na h-uile?
4. Dè cho math s a tha an àrainneachd ionnsachaidh?
5. Stiùireadh agus leasachadh na sgoile
Pàipear-taice 1 Comharran càileachd
Pàipear-taice 2 Geàrr-chunntas air freagairtean cheisteachan
Pàipear-taice 3 Coileanadh ann an Teisteanasan Nàiseanta Ùghdarras Theisteanas na h-Alba (SQA)
Ciamar a gheibh sibh fios thugainn?
Chaidh sgrùdadh Àrd-sgoil Gheàrrloch a dhèanamh san t-Sultain 2007 mar phàirt de shampall nàiseanta de fhoghlam àrd-sgoile. Ghabh an sgrùdadh a-steach prìomh roinnean de dhobair na sgoile aig a h-uile ìre.
Rinn Luchd-sgrùdaidh na Banrigh measadh air dè cho math s a bha an sgoil ag àrdachadh coileanadh don h-uile sgoilear, a toirt aire don ìre a choinnich an clàr-teagaisg agus an teagasg ri feuman ionnsachaidh sgoilearan. Rinn e sgrùdadh cuideachd air coileanadh na cloinne ann an deuchainnean nàiseanta (faic Pàipear-taice 3), modhan fèin-mheasaidh agus tionnsgalachd na sgoile, agus a buaidh agus comas airson leasachaidh san fharsaingeachd. Thug an Luchd-sgrùdaidh sùil shònraichte air Beurla, matamataig, nua-chànanan, ceòl agus foghlam Gàidhlig. Rinn an sgioba sgrùdaidh measadh cuideachd air roinnean de dhadhartas na sgoile le buileachadh molaidhean nàiseanta co-cheangailte ri leasachadh air roinnean de sholar biadh sgoile.
Thug Luchd-sgrùdaidh na Banrigh aire do theagasg, ionnsachadh agus coileanadh ann an leasain agus suidheachaidhean eile agus rinn iad sgrùdadh air obair sgoilearan. Thug iad aire do fhreagairtean cheisteachan1 a chaidh a chur gu sampall de phàrantan2 agus sgoilearan agus chun a h-uile neach-obrach. Rinn iad agallamh le buidhnean de sgoilearan, a gabhail a-steach riochdairean bhon chomhairle sgoilear, agus luchd-teagaisg. Choinnich buill den sgioba sgrùdaidh cuideachd ri riochdairean bhon Chomhairle Phàrant agus seaplain na sgoile.
Tha Àrd-sgoil Gheàrrloch neo-phàirteil a thaobh creideimh agus tha i a frithealadh Geàrrloch agus an sgìre mun cuairt. Aig àm an sgrùdaidh, bha 194 air an rolla. Bha an àireamh sa cheud de sgoilearan le còir air biadh sgoile an-asgaidh a rèir na cuibheasachd nàiseanta. Bha frithealadh-sgoile mòran nas àirde na ìrean cuibheasachd nàiseanta.
Chomharraich Luchd-sgrùdaidh na Banrigh na prìomh neartan a leanas.
Gus measadh a dhèanamh air dè cho math s a bha an sgoil ag àrdachadh coileanadh do na h-uile, bheachdaich Luchd-sgrùdaidh na Banrigh air an ìre a chaidh coinneachadh ri feuman ionnsachaidh a h-uile sgoilear tron chlàr-teagaisg agus tron teagasg. Rinn iad measadh air buaidh na sgoile ann an adhartachadh ionnsachadh agus leasachadh pearsanta a h-uile sgoilear ann an leasain agus ann an suidheachaidhean eile san fharsaingeachd. Bheachdaich iad cuideachd air na h-ìrean a chaidh a choileanadh ann an raointean ionnsachaidh sònraichte.
An clàr-teagaisg
Bha càileachd a chlàr-teagaisg math. Aig a h-uile ìre dhullaich an sgoil diofar chuspairean iomchaidh airson a chuid as motha de sgoilearan. Bhathar fhathast gun gu leòr cheuman ùr-ghnàthach a ghabhail gus dèiligeadh ri feuman a h-uile sgoilear, mar eisimpleir tro chlàr-ama nas sùbailte no barrachd roghainnean a gabhail a-steach prògraman prataigeach, stèidhichte air sgilean. Ghabh nithean sònraichte sa chlàr-teagaisg a-steach na leanas.
Teagasg agus coinneachadh ri feuman sgoilearan
Uile gu lèir, bha an teagasg math. Rinn luchd-teagaisg mìneachadh soilleir air obair agus rinn iad feum mhath de cheasnachadh agus de mholadh. Bha leasain cuimseach agus bha a chuid as motha de sgoilearan soilleir mu dè bhathar a sùileachadh bhuapa a dhèanamh. Bha luchd-teagaisg a cumail a sùileachadh ìre àrd giùlain bho sgoilearan. Bha ICT air a chleachdadh gu h-èifeachdach ann am mòran leasain gus taic a thoirt don teagasg agus cur ris an ionnsachadh agus ann am beagan chùisean bha na dòighean-teagaisg air leth math. Ann am beagan leasain cha tug luchd-teagaisg fiosrachadh èifeachdach air ais a bheireadh dùbhlan do sgoilearan, mar eisimpleir tro cheasnachadh no tro bhith a toirt treòrachadh gu leòr air ciamar a dhfhaodadh iad an cuid obrach a leasachadh. Bha cleachdadh obair-dachaigh neo-chunbhalach tron sgoil gu lèir. Ann an grunn chuspairean, cha tug modhan-obrach luchd-teagaisg cothroman gu leòr do sgoilearan air obrachadh còmhla. Bho AS3 an-àird, lean clasaichean fìor bheag uaireannan gu cleachdadh cus ghnìomhan pearsanta. Bha an sgoil air feuchainn ri ro-innleachdan S ann airson Ionnsachadh a tha Measadh (AifL) a chur an gnìomh gus luchd-teagaisg a chuideachadh a leasachadh an ionnsachaidh agus an teagaisg. Gu ruige seo, cha robh iad air am buileachadh gu cunbhalach agus cha robh buaidh mòr gu leòr aca.
Bha neartan cudromach ann an ullachadh na sgoile airson coinneachadh ri feuman sgoilearan agus bha beagan raointean feumach air leasachadh. B e neart sònraichte càileachd an ullachaidh airson sgoilearan le feuman taic a bharrachd. Bha luchd-teagaisg agus luchd-taic coibhneil agus èifeachdach ann an toirt taic aoghaireil do sgoilearan agus an treòrachadh gu adhartas math a dhèanamh len ionnsachadh. Chleachd luchd-teagaisg modhan èifeachdach airson comharrachadh agus coinneachadh ri feuman sgoilearan a dhfheumadh taic a bharrachd len ionnsachadh. Fhuair sgoilearan cuideachadh bho luchd-taic ann an clasaichean gnàthach agus tro phrògraman buidhne air an deagh chuimseachadh. Bha siostaman èifeachdach aca gus targaidean do sgoilearan a dhfheumadh prògraman foghlaim pearsanta (IEPan) a shuidheachadh agus ath-sgrùdadh, a leantainn gu adhartas math airson sgoilearan. Fhuair luchd-teagaisg fiosrachadh agus trèanadh feumail mu fheuman sgoilearan sònraichte, mar an fheadhainn le trioblaidean a thaobh raon autism. Bha luchd-teagaisg tron sgoil gu lèir air tuigsinn gum feumar leasachadh air an dòigh anns an robh iad a coinneachadh ri feuman sgoilearan le diofar chomasan. Cha robh iad air ceuman èifeachdach a ghabhail gus leasachadh cunbhalach a dhèanamh, gu sònraichte ann an AS1/AS2. Mar thoradh air, cha robh dùbhlan gu leòr ann am beag-chuid de leasain airson sgoilearan comasach fheuchainn no cothrom gu leòr do sgoilearan eile na bha iad air ionnsachadh a dhaingneachadh. Cha robh àite luchd-teagaisg taic ionnsachaidh ann an clasaichean fhathast air a thoirt gu ìre tro phlanadh èifeachdach còmhla ri luchd-teagaisg a chlas. Fhuair an sgoil fiosrachadh bho bhun-sgoiltean mu na bha sgoilearan air a choileanadh roimhe. Anns a chuid as motha de chùisean, cha do chleachd luchd-teagaisg am fiosrachadh seo gu h-èifeachdach airson slighean ionnsachaidh a phlanadh no adhartas sgoilearan a mheasadh tro AS1-AS2. Bha feum air tuilleadh obrach a dhèanamh gus leudachadh air na diofar phrògraman prataigeach a tha stèidhichte air sgilean airson sgoilearan le feuman ris nach robhar a coinneachadh tro phrògraman a tha gu h-àraidh acadaimigeach.
Ionnsachadh agus leasachadh pearsanta
Uile gu lèir, bha càileachd an ionnsachaidh iomchaidh. Tron sgoil gu lèir, bha sgoilearan modhail agus a co-obrachadh, agus mar as trice chaidh iad an sàs gu math anns na gnìomhan a thugadh dhaibh. Tron sgoil gu lèir bha càileachd ionnsachadh nan sgoilearan ro chaochlaideach. Bha cus ghnìomhan gun astar agus dùbhlan iomchaidh. Ann am beagan chuspairean thug an cudrom air cruthachadh, suidheachaidhean fìor agus ionnsachadh air an ceann fhèin brosnachadh agus dealas làidir do sgoilearan. Anns na leasain sin, bha sgoilearan cinnteach mu dè dhionnsaicheadh iad ann an gnìomhan beothail agus tlachdmhor, gu tric a cleachdadh ICT. Bha luchd-teagaisg ag amas air fiosrachadh nas fheàrr a thoirt do sgoilearan mu dè bha iad air a dhèanamh gu math agus dè dhfheumadh iad a dhèanamh airson leasachadh. Bha seo gun buaidh a thoirt air adhartas sgoilearan ann an ionnsachadh, gu sònraichte ann an AS1 agus AS2. Cha robh an t-ullachadh airson gum biodh clasaichean no sgoilearan fa leth a cleachdadh leabharlann na sgoile ag obrachadh gu math. Mar thoradh air, bhathar a call cothroman air suidheachaidhean ionnsachaidh a leasachadh agus diofar sgilean ionnsachaidh adhartachadh agus ann am beagan chùisean bha luchd-teagaisg fa leth a cur air dòigh roinnean leabhraichean anns na rumannan aca fhèin.
Bha leasachadh pearsanta agus sòisealta sgoilearan fìor mhath. Bha sgoilearan fìor mhodhail, càirdeil agus èasgaidh. Ghabh sgoilearan anns na clasaichean àrda os làimh caochladh dhleastanasan gu fìor mhath agus bha an sgoil air taic a thoirt dhaibh tro thrèanadh iomchaidh aig àm iomchaidh airson dleastanasan sònraichte. Aig a h-uile ìre, bha cothroman aig sgoilearan a dhol an sàs ann an tachartasan a chuidich iad a fàs mar dhaoine misneachail agus saoranaich cunntachail, mar eisimpleir tro iomadh seòrsa tachartas carthannais. Bho AS3 gu AS6, ghabh mòran sgoilearan pàirt ann an Sgeama Dhuaisean Diùc Dhùn Èideann, agus fhuair na sgoilearan a bu shine cuideachd air teisteanasan Stiùiriche Spòrs sa Choimhearsnachd fhaighinn. Chuidich obair iomairt agus co-fharpaisean ann an spòrs agus na h-ealain sgoilearan ag ionnsachadh sgilean ann an obair-sgioba, fuasgladh-cheistean agus a dèiligeadh ri cunnartan ann an dòigh chuimseach. Chuidich na tachartasan sin cuideachd ag ionnsachadh luachan iomchaidh mu chom-pàirteachadh agus cuideachadh. Bha sgoilearan anns na clasaichean àrda air tachartasan deireadh-teirm a chur air dòigh airson daoine eile, mar Farpais-cheist Nollaige agus Taisbeanadh Aodaich a chòrd gu mòr ri daoine. Bha an sgoil air iomadh seòrsa tachartas a chruthachadh airson dòighean-beatha beothail a bhrosnachadh a ghabh a-steach diofar phrògraman spòrs agus fallaineachd. Bha sgioba de sgoilearan AS1/AS2 air duais nàiseanta fhaighinn bho Chàirdean na Talmhainn airson a h-obair air cùisean àrainneachd agus glèidhteachais. Bha a roth-gaoithe fhèin aig an sgoil a bha a meudachadh mothachadh sgoilearan air stòrasan ath-nuadhachaidh. Ghabh am prògram foghlaim pearsanta agus sòisealta (PSE) a-steach cuspairean freagarrach bho AS1 gu AS6. Bha sgoilearan a faighinn beachdan fallain agus sgilean saoranachd tro chothroman cunbhalach air com-pàirteachadh anns an ionnsachadh aca ann am PSE. Bha structair a chùrsa a toirt sùbailteachd airson gum b urrainn do ghnìomhan dèiligeadh ri cùisean co-aimsireach. Cha d fhuair teagasg a phrògraim tro leasain PSE sgrùdadh dlùth gu leòr fhathast airson dèanamh cinnteach gun robh càileachd fèin-fhiosrachadh sgoilearan ann an leasain PSE daonnan àrd.
Beurla
Cho-roinn luchd-teagaisg susbaint nan leasan gu h-èifeachdach ri sgoilearan. Chleachd iad ICT agus meadhanan eile gus sgoilearan a chuideachadh a leudachadh an sgilean cnuasachadh sgrùdail. Rinn an teagasg cinnteach gun ghabh a h-uile neach-ionnsachaidh barrachd is barrachd uallach airson an ionnsachaidh, agus com-pàirt ann. Sa chumantas bha gnìomhan a rèir feuman sgoilearan ach dhfheumadh sgoilearan comhairle na bu trice mu dè b urrainn dhaibh a dhèanamh airson leasachadh air na bha iad ag ionnsachadh aig AS1/AS2. Tron bheachdachadh a rinn iad air roghainn mhath de theacsaichean, a gabhail a-steach sgrìobhadh Albannach, dhfhàs misneachd sgoilearan ann an cur an cèill am beachdan fhèin mu chùisean ionadail agus nàiseanta.
Uile gu lèir, bha càileachd an teagaisg, an ionnsachaidh, coinneachadh ri feuman agus a choileanaidh math. Ghabh nithean sònraichte a-steach na leanas.
Matamataig
Rinn luchd-teagaisg saothair gus leasain a dhèanamh freagarrach do sgoilearan agus chleachd iad obair-dachaigh gu math. Thug iad mìneachaidhean cuideachail do sgoilearan fa leth. Thug luchd-teagaisg mìneachadh èifeachdach air bun-bheachdan nas sìmplidh agus ciamar a dhèanadh iad àireamhachd gnàthach. Ann an cuid de chlasaichean, bha ICT air a chleachdadh airson cur ri càileachd an teagaisg agus an ionnsachaidh. Dhobraich sgoilearan gu math anns a chlas, ach cha robh cothroman gu leòr aca smaoineachadh dhaibh fèin no obrachadh còmhla. Cha robh luchd-teagaisg daonnan a mìneachadh do sgoilearan dè bhathar a sùileachadh bhuapa ionnsachadh agus cha robh iad daonnan a cleachdadh ceasnachadh gu h-èifeachdach. Ann an grunn leasain bha astar an ionnsachaidh ro shlaodach.
Uile gu lèir, bha càileachd an teagaisg agus coinneachadh ri feuman sgoilearan iomchaidh. Bha càileachd an ionnsachaidh lag. Bha an coileanadh iomchaidh. Ghabh nithean sònraichte a-steach na leanas.
Nua-chànanan
Chleachd luchd-teagaisg moladh gu h-èifeachdach agus rinn iad eadar-obrachadh math le sgoilearan. Ghabh leasain a-steach measgachadh iomchaidh de ghnìomhan agus rinn luchd-teagaisg feum mhath de ICT gus sgoilearan a bhrosnachadh agus cur ris an ionnsachadh aca. Fhuair sgoilearan taic mhath len ionnsachadh ach cha robh astar agus dùbhlan gu leòr ann an cuid de leasain Fraingis. Ann an Gearmailtis, bha sgoilearan air tòiseachadh ag ionnsachadh sgilean cànain leudaichte ann an suidheachaidhean freagarrach. Dhfhaodadh luchd-teagaisg barrachd chothroman a thoirt don h-uile sgoilear air na sgilean sin a leasachadh tro ghnìomhan co-obrachaidh.
Uile gu lèir, bha càileachd an teagaisg, an ionnsachaidh agus coinneachadh ri feuman math. Bha an coileanadh math. Ghabh nithean sònraichte a-steach na leanas.
Gàidhlig
Chleachd luchd-teagaisg iomadh seòrsa gnìomh gus brosnachadh agus com-pàirt a thoirt do sgoilearan anns an ionnsachadh. Aig a h-uile ìre chleachd luchd-teagaisg ceistean gu h-èifeachdach gus tuigse sgoilearan a leudachadh. Bha amasan nan leasan air an co-roinn ri sgoilearan agus air an daingneachadh anns na leasain. Bha spiorad math anns a h-uile clas agus bha sgoilearan ag iarraidh an obair as fheàrr a choileanadh. Bha cothroman air a thoirt do sgoilearan co-obrachadh ann an càraidean, agus ann am buidhnean beaga agus mòra. Bha ICT air a chleachdadh gu fìor èifeachdach airson taic a thoirt don ionnsachadh agus sgoilearan a bhrosnachadh.
Uile gu lèir, bha càileachd an teagaisg agus an ionnsachaidh fìor mhath, agus bha coinneachadh ri feuman math. Bha coileanadh fìor mhath. Ghabh nithean sònraichte a-steach na leanas.
Ceòl
Bha leasain cuimseach. Bha an teagasg taiceil, agus bha mìneachaidhean agus stiùireadh soilleir. Bhathar a coinneachadh gu fìor mhath ri feuman sgoilearan bho AS3 far an do rinn iad roghainnean agus speisealachd ach chuir an cion roghainn ionnstramaid ann an AS1/AS2 bacadh air adhartas do chuid dhiubh ann an cluich ciùil. Bha ICT air a chleachdadh gu fìor èifeachdach, gu sònraichte gus cuideachadh le innleachdas. Bha a chuid as motha de sgoilearan dealasach agus chaidh iad an sàs gu math ann an ionnsachadh, ach dhfheumadh iad barrachd chothroman airson cluich ioma-ionnstramaid ann an clasaichean agus buidhnean.
Uile gu lèir, bha càileachd an teagaisg fìor mhath. Bha càileachd an ionnsachaidh agus coinneachadh ri feuman sgoilearan math. Bha coileanadh math. Ghabh nithean sònraichte a-steach na leanas.
Coileanadh
Tha fiosrachadh mu na cuspairean a chaidh an sgrùdadh air a thoirt nas tràithe anns an aithisg. Tron sgoil gu lèir, tha feartan sònraichte de dhadhartas sgoilearan, toraidhean ann an deuchainnean agus teisteanasan eile, a gabhail a-steach an fheadhainn a fhuaireadh bho Ùghdarras Theisteanas na h-Alba (SQA) taobh a-staigh Frèam Creideis agus Teisteanasan na h-Alba (SCQF) 3 airson nan trì bliadhna 2005-2007, air an toirt shìos.
Aig deireadh AS2 bha an coileanadh iomchaidh. Ghabh nithean sònraichte a-steach na leanas.
Aig deireadh AS4 bha coileanadh math. Ghabh nithean sònraichte a-steach na leanas.
Aig deireadh AS6 bha coileanadh math. Ghabh nithean sònraichte a-steach na leanas.
Cuspair |
Beachd |
Cùram aoghaireil |
Uile gu lèir, bha càileachd a chùraim aoghaireil a gabhail a-steach cùram agus sochair sgoilearan fìor mhath. Bha luchd-teagaisg coibhneil agus furasta bruidhinn riutha agus chùm iad sùil gu ìre iomchaidh air sgoilearan. Bha sgoilearan cinnteach gun deigheadh dèiligeadh ri duilgheadasan sam bith gun dàil, gu h-èifeachdach agus gu faiceallach. Dhobraich luchd-treòrachaidh agus luchd-teagaisg taic ionnsachaidh gu math mar sgioba agus còmhla ri buidhnean com-pàirteachais gus dèiligeadh ri feuman sgoilearan. Bha a h-uile neach-obrach a beachdachadh gu cunbhalach air feuman taic pearsanta agus ionnsachaidh sgoilearan agus bha taic air leth math air a thoirt do sgoilearan aig an robh duilgheadasan len giùlan. Bha modhan airson cùram agus sochair sgoilearan a dhaingneachadh, a gabhail a-steach dìon chloinne agus dèiligeadh ri burraidheachd, soilleir agus aithnichte do luchd-obrach. Thuirt sgoilearan a dhfhiosraich burraidheachd gun robh cùisean air am fuasgladh gu luath agus gu h-èifeachdach. Thug club ùr-ghnàthach aig àm-bidhe misneachd do sgoilearan aig AS1/AS2 prìomh phàirt a ghabhail ann am filleadh a-steach sa chlas aca sgoilearan nach robh a leantainn clàr-teagaisg gnàthach. Rinn ceanglaichean aoghaireil ri bun-sgoiltean gluasad sgoilearan bho P7 gu AS1 nas fhasa. Bha an sgoil air ceuman deimhinneach a ghabhail ann an àrdachadh mothachadh sgoilearan air dòighean-beatha fallain agus ghabh sgoilearan gu math ri na diofar roghainnean fallain a bha air am brosnachadh tro bhiadh sgoile. Bha sgoilearan a leasachadh an sgilean sòisealta agus an eòlas air biadh fallain gu math tro chothroman mar ithe còmhla aig àm-bidhe. |
Càileachd nan togalaichean agus nan goireasan |
Bha an togalach math. Ghabh nithean sònraichte a-steach na leanas.
|
Suidheachadh agus dàimhean, sùileachadh agus adhartachadh buileachaidh agus co-ionannachd |
Bha an sgoil air leth aoigheil agus càirdeil. Bha sgoilearan, pàrantan agus luchd-obrach moiteil às an sgoil agus às na bhathar a coileanadh. Bha dàimhean fìor mhath tro cha mhòr an sgoil gu lèir agus bha misneachd àrd. Bha luchd-teagaisg a sùileachadh ìre àrd dealais bho sgoilearan a thaobh an ionnsachaidh agus an giùlain. Bha mothachadh làidir air co-ionannachd agus cothromachd aig an sgoil agus bha i air leth soirbheachail ann an gabhail a-steach sgoilearan à iomadh seòrsa coimhearsnachd. Rinn luchd-teagaisg cinnteach gum faigheadh sgoilearan le feuman taic cudromach air làn phàirt a ghabhail ann am beatha na sgoile. Bha a h-uile neach-obrach air trèanadh fhaighinn mu phoileasaidh co-ionannachd cinnidh an ùghdarras foghlaim. Mar thoradh air, bha an sgoil a-nis ann an suidheachadh math airson làn sgrùdadh a dhèanamh air an ìre a leasaich an clàr-teagaisg beachdan agus luachan sgoilearan. Bha tuigse mhath aig sgoilearan air cùisean co-ionannachd agus cothromachd sa chomann-shòisealta. Cha do dhullaich an sgoil gu leòr òrdaighean cràbhachd do sgoilearan. Bha an ceannard ag obair còmhla ris an t-seaplain ionadail gus ullachadh na sgoile anns an raon seo a leasachadh. |
Co-obrachadh le pàrantan agus a choimhearsnachd |
Bha an sgoil air dàimhean fìor mhath a dhèanamh ri pàrantan agus a choimhearsnachd. Ghabh nithean sònraichte a-steach na leanas.
Tro cheisteachan an sgrùdaidh, nochd pàrantan ìrean àrda toileachais leis an sgoil. Ach, còmhla ri beagan sgoilearan, thuirt beagan dhiubh gun robh iomagainean sònraichte aca mu roinnean den fhoghlam san sgoil. Dhfheumadh an sgoil na h-iomagainean sin a rannsachadh agus fhuasgladh, agus a modhan gearain ath-bhreithneachadh, gus dèanamh cinnteach gum b urrainn do phàrantan, sgoilearan agus luchd-obrach an iomagainean innse aig ìre thràth agus leis an dìomhaireachd iomchaidh. |
Bha an sgoil soirbheachail le àrdachadh coileanadh airson a h-uile sgoilear. Rinn sin cinnteach gum b urrainn dhaibh na teisteanasan a dhfheumadh iad fhaighinn airson a dhol air adhart bhon sgoil. Barrachd is barrachd, bha an sgoil a toirt cothroman inntinneach do sgoilearan sgilean agus feartan pearsanta a leudachadh, mar misneachd agus iomairt. Bha luchd-teagaisg fhathast ag obrachadh gus àite a thoirt do na pàirtean cudromach sin de choileanadh. Bha an sgoil a-nis ann an suidheachadh math airson amasan nas àirde agus nas ùire a thoirt do na sgoilearan aice gus dèanamh cinnteach gum biodh an sgilean ionnsachaidh agus suidheachaidhean dreuchdail gan uidheamachadh gu math airson nan làithean ri teachd.
Bha an stiùireadh tron sgoil gu lèir math. Bha ro-innleachd a cheannaird airson cumhachd a thoirt do luchd-teagaisg aig a h-uile ìre a bhith a stiùireadh nan raointean aca fhèin a tòiseachadh a nochdadh toraidhean misneachail ann an cuid de raointean. Bha an cothrom aig luchd-teagaisg am beachdan fhèin a chur air adhart ann an suidheachadh a bha a sìor shùileachadh bhuapa a bhith cunntachail airson leasachadh. Bha an dòigh seo airson stiùireadh a leasachadh aig a h-uile ìre math agus bha e a brosnachadh dòighean-teagaisg inntinneach, ùr-ghnàthach bho chuid den luchd-teagaisg. Mar eisimpleir, bha stiùireadh taic ionnsachaidh eisimpleireach. Bha a bhuaidh air teagasg prìomh luchd-teagaisg nan roinnean nas caochlaidiche. Dhfheumadh àrd sgioba stiùiridh na sgoile a-nis rianachd nas èifeachdaiche a dhèanamh air a bhuidheann stiùirichean seo, agus tionnsgsnaidhean nas òrdaile a chur air dòigh anns an ionnsachadh gus fèin-fhiosrachadh sgoilearan tron sgoil gu lèir a leasachadh. Rinn an ceannard stiùireadh math. Anns an dà bhliadhna a bha e san dreuchd bha e air suidheachadh urraim agus earbsa proifeiseanta a stèidheachadh le luchd-obrach. Bha iad fhèin agus a choimhearsnachd a bha an sgoil a frithealadh a cur meas mòr air. Bha e air breithneachadh math a nochdadh ann am brosnachadh neartan na sgoile agus anns an dòigh a fhritheil i a coimhearsnachd. Bha sealladh soilleir aig a cheannard airson buaidh na sgoile a mheudachadh. Bha e air cudrom a chur air coinneachadh ann an dòigh nas èifeachdaiche ri feuman a h-uile neach-ionnsachaidh tro roghainnean agus tro ionnsachadh agus teagasg nas fheàrr. Bha e air tòiseachadh a cur an t-seallaidh seo an gnìomh le aire shònraichte air roinnean den choileanadh. Cha robh e fhathast air an sealladh seo innse gu soilleir don h-uile neach-obrach no do choimhearsnachd na sgoile gu lèir.
Bha fèin-mheasadh iomchaidh. Rinn modhan gealltanas càileachd na sgoile cinnteach gun robh fios aig luchd-obrach dè cho math s a bha an sgoil a dèanamh san fharsaingeachd, mar eisimpleir sa mhiann shoirbheachail aice air teisteanasan do sgoilearan. Bha modhan èifeachdach aig an sgoil airson faighinn a-mach ciamar a bha pàrantan agus sgoilearan a faireachdainn mun sgoil. Rinn luchd-teagaisg sgrùdadh air toraidhean bho dheuchainnean agus, bho àm gu àm, bha buill den àrd sgioba stiùiridh a tadhal air leasain gus measadh a dhèanamh air càileachd an ionnsachaidh fhad s a bha e a dol air adhart. Bha planaichean leasachaidh ceangailte ri toradh nam measaidhean sin. Bha na dòighean-obrach sin feumail ach cha robh iad teann gu leòr airson buaidh mhòr a thoirt air càileachd a leanadh gu leasachadh. Gu sònraichte, bha cus neo-chunbhalachd anns an dòigh san do bhuilich manaidsearan sa mheadhan na dòighean-obrach. Cha robh an ceannard fhathast air pàirt dìreach gu leòr a ghabhail ann an gealltanas càileachd aig a h-uile ìre. Cha do rinn e soilleir dè bha e a sùileachadh gus dèanamh cinnteach gun robh leasachaidhean planaichte, mar AifL, air am buileachadh gu h-èifeachdach. Gus ionnsachadh agus coileanadh a leasachadh agus leasachadh leantainneach a chumail a dol dhfheumadh an sgoil a-nis modhan fèin-mheasadh nas cunbhalaiche a chleachdadh leis a h-uile neach-teagaisg, neach-ionnsachaidh agus pàrant. Uile gu lèir, bha comas airson leasachaidh aig an sgoil.
Còmhla ri bhith a togail air na neartan agus a dèiligeadh ri na cùisean air an togail tron aithisg seo, bu chòir don sgoil agus don ùghdarras foghlaim dèiligeadh ri na prìomh phuingean gnìomha a leanas.
Prìomh phuingean gnìomha
Dè thachras a-nis?
Chaidh iarraidh air an sgoil agus an ùghdarras foghlaim plana gnìomh ullachadh a sealltainn ciamar a dhèiligeas iad ri prìomh thoraidhean na h-aithisge, agus am plana sin a cho-roinn ri pàrantan agus luchd-cùraim. Taobh a-staigh dà bhliadhna bho cheann-là foillseachaidh na h-aithisge seo thèid innse do phàrantan agus luchd-cùraim mun adhartas a rinn an sgoil.
Graham Norris
Neach-sgrùdaidh na Banrigh
4 Màrt 2008
Bha na cuimsean càileachd a leanas air an cleachdadh anns a mhodh sgrùdaidh gus cur ri measadh air buaidh iomlan na sgoile a thaobh adhartachadh air ionnsachadh agus coileanadh airson a h-uile sgoilear.
Earrann 3. Dè cho math s a tha an sgoil ag àrdachadh coileanadh do na h-uile? |
|
Eagrachadh a chlàr-teagaisg |
math |
An teagasg |
math |
Coinneachadh ri feuman sgoilearan |
math |
Suidheachadh ionnsachaidh na cloinne |
iomchaidh |
Leasachadh pearsanta agus sòisealta |
fìor mhath |
Càileachd a choileanaidh san fharsaingeachd: AS1/AS2 |
iomchaidh |
Càileachd a choileanaidh san fharsaingeachd: AS3/AS4 |
math |
Càileachd a choileanaidh san fharsaingeachd: AS5/AS6 |
math |
Earrann 4. Dè cho math s a tha an àrainneachd ionnsachaidh? |
|
An cùram aoghaireil |
fìor mhath |
Togalaichean agus goireasan |
math |
Suidheachadh agus dàimhean |
fìor mhath |
Sùileachadh agus adhartachadh coileanaidh |
fìor mhath |
Co-ionannachd agus cothromachd |
fìor mhath |
Co-obrachadh le pàrantan, a Chomhairle Phàrant agus a choimhearsnachd |
fìor mhath |
Earrann 5. Stiùireadh agus leasachadh na sgoile |
|
Stiùireadh a cheannaird |
math |
Stiùireadh tron sgoil gu lèir |
math |
Fèin-mheasadh |
iomchaidh |
Tha an aithisg seo a cleachdadh an sgèile fhacal a leanas gus breithneachadh an luchd-sgrùdaidh a shoilleireachadh:
sàr-mhath |
air leth math, ceannas san earrann |
fìor mhath |
prìomh neartan |
math |
neartan cudromach le roinnean a dhfheumar leasachadh |
iomchaidh |
neartan dìreach os cionn laigsean |
lag |
laigsean cudromach |
neo-thaitneach |
prìomh laigsean |
Tha geàrr-chunntas air freagairtean cheisteachan anns an liosta gu h-ìosal. Chaidh coimhead ri prìomh nithean às na ceisteachain anns an sgrùdadh agus tha beachdan air an gabhail a-steach tron aithisg mar a bhios iomchaidh.
Na rudan a shaoil pàrantan a rinn an sgoil gu math |
Na rudan a shaoil pàrantan a dhfhaodadh an sgoil a dhèanamh nas fheàrr |
Fhreagair faisg air dara leth nam pàrantan na ceisteachain. Bha beachdan fìor mhath aca mun chuid as motha de roinnean. Gu sònraichte:
|
Thog beagan phàrantan iomagainean mu roinnean de ionnsachadh agus teagasg, obair-dachaigh, agus an ìre fiosrachaidh a thug an sgoil dhaibh mu na prìomh amasan leasachaidh aice. |
Na rudan a shaoil sgoilearan a rinn an sgoil gu math |
Na rudan a shaoil sgoilearan a dhfhaodadh an sgoil a dhèanamh na b fheàrr |
Bha beachdan fìor mhath aig sgoilearan mun sgoil. Gu sònraichte bha iad den bheachd:
|
Thuirt beagan sgoilearan gun robh iomagainean aca mu roinnean de ionnsachadh agus teagasg, obair-dachaigh, agus an ìre gun deach dèiligeadh gu ceart ris a h-uile sgoilear anns an sgoil. |
Na rudan a shaoil luchd-teagaisg a rinn an sgoil gu math |
Na rudan a shaoileas luchd-teagaisg a dhfhaodadh an sgoil a dhèanamh na b fheàrr |
Bha beachdan fìor dheimhinneach aig luchd-obrach mun h-uile roinn den sgoil ris an deach dèiligeadh anns a cheisteachan. |
Bu toil le beagan bhuill den luchd-faice a bhith an sàs nas motha ann am modhan co-dhùnaidh. |
Ùghdarras Theisteanas na h-Alba (SQA)
Ìrean Frèam Creideis agus Teisteanasan na h-Alba (SCQF):
7: Sàr Àrd-ìre aig A-C/CSYS aig A-C
6: Àrd-ìre aig A-C
5: Eadar-mheadhan 2 aig A-C; Ìre Choitcheann aig 1-2
4: Eadar-mheadhan 1 aig A-C; Ìre Choitcheann aig 3-4
3: Cùrsaichean Access 3; Ìre Choitcheann aig 5-6
Àireamh sa cheud de rolla AS4 a coileanadh aig deireadh AS4
2005 |
2006 |
20074 |
||
Beurla agus Matamataig @ Ìre 3 |
Àrd-sgoil Gheàrrloch |
100 |
92 |
100 |
Nàiseanta |
90 |
91 |
91 |
|
5+ @ Ìre 3 no nas fheàrr |
Àrd-sgoil Gheàrrloch |
100 |
95 |
94 |
Nàiseanta |
90 |
91 |
91 |
|
5+ @ Ìre 4 no nas fheàrr |
Àrd-sgoil Gheàrrloch |
97 |
89 |
86 |
Nàiseanta |
76 |
77 |
75 |
|
5+ @ Ìre 5 no nas fheàrr |
Àrd-sgoil Gheàrrloch |
49 |
54 |
54 |
Nàiseanta |
34 |
35 |
32 |
Àireamh sa cheud de rolla AS4 a coileanadh aig deireadh AS5
2005 |
2006 |
20074 |
||
5+ @ Ìre 4 no nas fheàrr |
Àrd-sgoil Gheàrrloch |
94 |
100 |
92 |
Nàiseanta |
78 |
78 |
79 |
|
5+ @ Ìre 5 no nas fheàrr |
Àrd-sgoil Gheàrrloch |
69 |
64 |
70 |
Nàiseanta |
45 |
45 |
46 |
|
1+ @ Ìre 6 no nas fheàrr |
Àrd-sgoil Gheàrrloch |
56 |
56 |
62 |
Nàiseanta |
39 |
38 |
38 |
|
3+ @ Ìre 6 no nas fheàrr |
Àrd-sgoil Gheàrrloch |
28 |
33 |
35 |
Nàiseanta |
23 |
22 |
22 |
|
5+ @ Ìre 6 no nas fheàrr |
Àrd-sgoil Gheàrrloch |
13 |
15 |
22 |
Nàiseanta |
10 |
10 |
9 |
Àireamh sa cheud de rolla AS4 a coileanadh aig deireadh AS6
2005 |
2006 |
20074 |
||
5+ @ Ìre 5 no nas fheàrr |
Àrd-sgoil Gheàrrloch |
84 |
72 |
67 |
Nàiseanta |
47 |
48 |
47 |
|
1+ @ Ìre 6 no nas fheàrr |
Àrd-sgoil Gheàrrloch |
76 |
63 |
62 |
Nàiseanta |
43 |
43 |
42 |
|
3+ @ Ìre 6 no nas fheàrr |
Àrd-sgoil Gheàrrloch |
59 |
38 |
34 |
Nàiseanta |
30 |
30 |
29 |
|
5+ @ Ìre 6 no nas fheàrr |
Àrd-sgoil Gheàrrloch |
43 |
25 |
31 |
Nàiseanta |
19 |
20 |
19 |
|
1+ @ Ìre 7 no nas fheàrr |
Àrd-sgoil Gheàrrloch |
35 |
16 |
15 |
Nàiseanta |
12 |
13 |
12 |
Ma tha sibh ag iarraidh lethbhreac eile den aithisg seo
Chaidh lethbhric den aithisg seo a chur gu ceannard agus luchd-obrach san sgoil, Stiùiriche an Fhoghlaim, a Chultair & an Spòrs, comhairlichean ionadail agus buill iomchaidh de Phàrlamaid na h-Alba. Neach sam bith a tha ag iarraidh lethbhreac an-asgaidh tha còir aige cur ga iarraidh gu Luchd-sgrùdaidh na Banrigh airson Foghlaim, 1st Floor, Taigh Endeavour, 1 Greenmarket, Dùn Deagh DD1 4QB no fònadh 01382 576700. Tha e ri fhaotainn cuideachd air an làrach-lìn againn aig www.hmie.gov.uk.
Beachdan agus Modhan Gearain HMIE
Neach sam bith a tha airson beachd a thoirt seachad mu nì sam bith co-cheangailte ri sgrùdaidhean àrd-sgoiltean, bu chòir dha sgrìobhadh an toiseach gu Frank Crawford, HMCI, aig Luchd-sgrùdaidh na Banrigh airson Foghlaim, Togalach Europa, 450 Sràid Earra-Ghàidheil, Glaschu G2 8LG.
Neach sam bith air a bheil iomagain mun aithisg seo, tha còir aige sgrìobhadh an toiseach chun a Mhanaidsear Ghearanan againn, HMIE Business Management Unit, Dara Ùrlar, Taigh Denholm, Pàirc Ghnìomhachais Almondvale, Slighe Almondvale, Baile Lèibhinn, EH54 6GA. Faodaidh sibh cuideachd post-dealain a chur gu HMIEcomplaints@hmie.gsi.gov.uk. Tha lethbhreac den mhodh gearain againn ri fhaotainn bhon oifis seo, le fònadh 01506 600200 no bhon làrach-lìn againn aig www.hmie.gov.uk.
Neach sam bith a tha fhathast mì-thoilichte aig crìch ar modh gearain, faodar gearan a thogail ri Ombudsman Seirbheisean Poblach na h-Alba (SPSO). Tha an SPSO gu tur neo-eisimeileach le ùghdarras airson gearanan an aghaidh roinnean agus bhuidhnean Riaghaltais a rannsachadh. Bu chòir dhuibh sgrìobhadh gu Ombudsman Seirbheisean Poblach na h-Alba, Saor-phost EH641, Dùn Èideann EH3 0BR. Faodaidh sibh fòn a chur cuideachd gu 0800 377 7330 (facs 0800 377 7331) no post-dealain gu: ask@spso.org.uk. Tha tuilleadh fiosrachaidh mu oifis an Ombudsman ri fhaotainn bhon làrach-lìn: www.spso.org.uk.
Còraichean glèidhte leis a Chrùn 2008
Luchd-sgrùdaidh na Banrigh airson Foghlaim
Faodar lethbhreac a dhèanamh den aithisg seo gu h-iomlan no de earrann dhi, ach chan fhaodar a cleachdadh ann am malairt no ann an co-cheangal ri leabhran-fiosrachaidh no sanas, agus feumar iomradh a thoirt air an aithisg agus ceann-là a foillseachaidh.