Craighill Primary School and Nursery Classes
Baile Dhubhthaich
Comhairle na Gàidhealtachd

22 Giblean 2008

Clàr-inns

1. Cùl-eachdraidh
2. Prìomh neartan
3. Dè na beachdan a tha aig pàrantan, sgoilearan agus luchd-obrach?
4. Dè cho math ’s a tha ionnsachadh, teagasg is coileanadh?
5. Dè cho math ’s a thathar a’ coinneachadh ri feumalachdan ionnsachaidh nan sgoilearan?
6. Dè cho math ’s a tha an àrainneachd ionnsachaidh?
7. A’ stiùireadh agus a’ leasachadh na sgoile
Pàipear-taice 1 Taisbeanairean càileachd
Pàipear-taice 2 Geàrr-chunntas de fhreagairtean cheisteachain
Ciamar a chuireas sibh fios thugainn?

1. Cùl-eachdraidh

Chaidh Craighill Primary School a sgrùdadh san Dùbhlachd 2007 mar phàirt de bhall-sampaill nàiseanta de dh’fhoghlam bun-sgoile is sgoil-àraich. Chòmhdaich an sgrùdadh prìomh thaobhan de dh’obair na sgoile aig gach ìre. Rinn e measadh air coileanadh clann na sgoil-àraich agus coileanadh nan sgoilearan, èifeachdas na sgoile, an àrainneachd ionnsachaidh, pròiseasan na sgoile airson fèin-mheasadh is innleachdas, agus a comas airson leasachadh. Bhathar ag amas gu sònraichte air buileachadh ann an cànan na Beurla, cànan na Gàidhlig agus matamataig.

Rinn Luchd-sgrùdaidh na Bànrighe sgrùdadh air càileachd eòlasan na cloinne sna sgoiltean-àraich, obair nan sgoilearan, agus rinn iad agallamhan le buidhnean sgoilearan, a’ gabhail a-steach comhairle nan sgoilearan, agus luchd-obrach. Choinnich buill den sgioba sgrùdaidh cuideachd ri cathraiche Comhairle nam Pàrant, agus buidheann de phàrantan1.

Tha an sgoil a’ frithealadh taobh iar-thuath Bhaile Dhubhthaich. Aig àm an sgrùdaidh, bha 334 air clàr na sgoile, a’ gabhail a-steach 41 leanabh sna clasaichean-àraich. Bha 44 sgoilear sna trì clasaichean tro mheadhan na Gàidhlig agus bha ochdnar chloinne sa chlas-àraich tro mheadhan na Gàidhlig. Bha an co-roinn de sgoilearan aig an robh làn-chòir air biadh-sgoile an asgaidh a rèir na cuibheasachd nàiseanta. Bha frithealtachd nan sgoilearan a rèir na cuibheasachd nàiseanta.

Tha measaidhean san aithisg seo, mura h-eilear ag innse a chaochladh, a’ buntainn gu co-ionann ri clasaichean tro mheadhan na Gàidhlig is na Beurla.

2. Prìomh neartan

Chomharraich Luchd-sgrùdaidh na Bànrighe na prìomh neartan a leanas.

  • Com-pàirteachas le pàrantan agus a’ choimhearsnachd san fharsaingeachd.
  • Ceannas ceannard na sgoile.
  • Buileachadh nan sgoilearan ann an cànan na Gàidhlig sna clasaichean tro mheadhan na Gàidhlig.
  • Brosnachadh is comharrachadh choileanaidhean nan sgoilearan san fharsaingeachd.
  • Rèiteachaidhean èifeachdach airson a bhith a’ gluasad bhon sgoil-àraich gu P1 agus bho P7 gu AS1.

3. Dè na beachdan a tha aig pàrantan, sgoilearan is luchd-obrach?

Rinn Luchd-sgrùdaidh na Bànrighe anailis air freagairtean do cheisteachain a chaidh a chur a-mach gu ball-sampaill de phàrantan, sgoilearan P4 gu P7, agus an luchd-obrach uile. Tha fiosrachadh mu fhreagairtean nan ceisteachan a’ nochdadh ann am Pàipear-taice 2.

Bha pàrantan, luchd-obrach is sgoilearan fìor mhisneachail mu obair na sgoile. Bha pàrantan na sgoil-àraich uile a’ faireachdainn dì-beathte san sgoil-àraich agus bha iad den bheachd gun robh an cuid chloinne a’ faighinn deagh chùram ann. Aig ìrean na bun-sgoile, bha cha mhòr na pàrantan uile a’ smaoineachadh gun robhar a’ stiùireadh na sgoile gu math agus gun robh oidhcheannan phàrant cuideachail agus fiosrachail. Bha na pàrantan uile a’ faireachdainn gun robh an sgoil air an cuideachadh gus mìneachadh dhaibh mar a dh’fhaodadh iad taic a thoirt don cuid chloinne len obair-dachaigh. Bha sgoilearan toilichte le cha mhòr gach earrann den sgoil. Bha cha mhòr na h-uile a’ faireachdainn sàbhailte agus air an deagh choimhead às an dèidh san sgoil, agus bha e a’ còrdadh riutha a bhith innte. Nochd cairteal de na sgoilearan draghan mu ghiùlan sgoilearan eile. Bha luchd-obrach fìor mhisneachail mu bhith ag obair anns an sgoil agus bha iad a’ moladh a’ chonaltraidh èifeachdach a bha aca le àrd-mhanaidsearan. Bha barrachd chothroman gus a bhith dèanamh cho-dhùnaidhean air còrdadh ri cuid den luchd-obrach taice.

4. Dè cho math ’s a tha ionnsachadh, teagasg agus coileanadh?

Eòlasan ionnsachaidh agus coileanaidhean nan sgoilearan

Bha càileachd iomlan a’ churraicealaim math. Ann an clasaichean na sgoil-àraich, bha clann a’ taghadh dhaibh fhèin bho raon farsaing ghnìomhan. Bha cothroman iomchaidh aca gus ionnsachadh tro ghnìomhan cluich a bha air an deagh dhealbhadh. Aig ìrean na bun-sgoile, bha luchd-obrach air raon eòlasan farsaing is cothromaichte a dhealbhadh do sgoilearan. Aig na h-ìrean tràtha, cha robh cothroman gu leòr aig sgoilearan gus ionnsachadh tro chluiche. Bha luchd-obrach air ùine a bharrachd a shònrachadh gu h-èifeachdach airson cànan na Beurla is matamataig taobh a-staigh seachdainn na sgoile.

Bha an sgoil air ùine a bharrachd a shònrachadh bho chionn ghoirid airson foghlam corporra ach cha robh i fhathast air soirbheachadh ann a bhith a’ toirt dà uair a thìde gach seachdain airson gach sgoilear, a rèir molaidhean nàiseanta. Bha tidsearan speisealta a bha a’ tadhal air an sgoil air tabhartas math a dhèanamh ri leasachadh nan sgoilearan ann an ealain is dealbhadh, ceòl, is foghlam corporra.

Cha robh luchd-obrach a’ leasachadh sgilean nan sgoilearan gu h-eagarachail ann an teicneòlas fiosrachaidh is conaltraidh (TFC) thar na sgoile. Bha càileachd an teagaisg math gu h-iomlan le eisimpleirean de theagasg fìor èifeachdach. Bha cha mhòr an luchd-teagaisg uile a’ cumail deagh rian air an cuid obrach agus a’ toirt mhìneachaidhean soilleir seachad. Bha a’ chuid a bu mhotha de thidsearan ag eadar-obrachadh gu math le sgoilearan agus a’ teagasg chlasaichean slàna gu h-èifeachdach. Cha robh gu leòr thidsearan gu seasmhach a’ co-roinn amasan nan leasanan le sgoilearan no a’ dèanamh ath-bhreithneachadh air ionnsachadh aig deireadh leasanan. Bhathar a’ cur air dòigh obair-dachaigh gu riaghailteach agus bha seo a’ cuideachadh gus ionnsachadh nan sgoilearan sa chlas a dhaingneachadh.

Bha càileachd iomlan ionnsachadh nan sgoilearan math gu leòr. Sna sgoiltean-àraich, bha clann a’ leasachadh an aire a thaobh farsaingeachd gu h-èifeachdach, is a’ dol an lùib ghnìomhan corporra beothail air frèam-sreap a-muigh. B’ urrainn dhaibh iad fhèin a chur an cèill le misneachd tro na dealbhannan aca agus obair colàis. Cha robh luchd-obrach an còmhnaidh a’ dol an sàs gu leòr gus gnìomhan cluich na cloinne a leudachadh no gus na sgilean aca a leasachadh. Ann an clasaichean na bun-sgoile, bha cha mhòr na sgoilearan uile modhail, air am misneachadh gus ionnsachadh, agus ag eadar-obrachadh math còmhla. Bha luchd-obrach air obrachadh gu soirbheachail gus àrainneachd ionnsachaidh mhath a stèidheachadh. Cha robh cothroman gu leòr aig sgoilearan gus obrachadh leotha fhèin no gu co-obrachail ann am buidhnean. Aig na h-ìrean uile, bha sgoilearan a’ dèanamh obair ealain de chàileachd math. Bha sgoilearan ann an clas P5-7 tro mheadhan na Gàidhlig ag obair gu math gus modailean inntinneach a dhèanamh ann an leasan teicneolais. Bhs sgoilearan aig P7 a’ leasachadh misneachd ann a bhith a’ cur fuinn ri chèile ann an ceòl. Aig na h-ìrean uile, ann an cus leasanan, bha astar an ionnsachaidh ro shlaodach.

Bha clann ann an clasaichean na sgoil-àraich toilichte agus suidhichte. Bha luchd-obrach gu soirbheachail a’ brosnachadh leasachadh a thaobh sgilean sòisealta tràth na cloinne. Ann an clasaichean na bun-sgoile, bha luchd-obrach air ceumannan èifeachdach a ghabhail gus coileanaidhean farsaing nan sgoilearan a leasachadh. Aig na h-ìrean uile, bha a’ chuid a bu mhotha de sgoilearan air adhartas math a dhèanamh ann a bhith a’ leasachadh am misneachd agus am fèin-mheasadh. Bha iad gu h-èifeachdach an lùib a bhith a’ dèanamh cho-dhùnaidhean san sgoil. Bha iad a’ cur gu h-èifeachdach ris an sgoil tro bhith nam pàirt de chomataidhean, leithid comataidh an Eco School, Buidheann-gnìomha Beathachadh na Sgoile agus comhairle na sgoile. Bha sgoilearan aig na h-ìrean àrda a’ faighinn tlachd à bhith a’ leasachadh deagh sgilean saoranachd tro bhith nan caraidean do sgoilearan nas òige. Bha sgoilearan ann am P7 a’ dèanamh tabhartas math don choimhearsnachd tro bhith a’ cur thachartasan air dòigh gus airgead a thogail airson carthannas aillse. Thar nan ìrean, bha sgoilearan air deagh sgilean obair-sgioba a leasachadh le bhith a’ coileanadh do luchd-èisteachd tro cheòl is dràma. Bha iad a’ faighinn tlachd is buannachd shòisealta bho iomadh cothrom gus cur ri tachartasan sa choimhearsnachd, mar eisimpleir, P3 a’ gabhail com-pàirt ann a bhith a’ comharrachadh Latha Naomh Dhuthaig san eaglais ionadail cuide ri bun-sgoil ionadail eile. Bha àireamh chudromach de na sgoilearan sna clasaichean Gàidhlig a’ gabhail com-pàirt gu soirbheachail ann am farpaisean aig a’ Mhòd nàiseanta.

Cànan na Beurla

Bha clann san sgoil-àraich a’ dèanamh adhartas math ann an conaltradh is cànan. Bha iad ag èisteachd gu math ri stiùiridhean agus a’ bruidhinn le misneachd ri inbhich agus ri chèile. Bha àm nan sgeulachdan a’ còrdadh riutha agus bha iad ag èisteachd gu dùrachdach. Cha robh an luchd-obrach an còmhnaidh a’ brosnachadh na cloinne gus smaoineachadh air dè an ath rud a bha a’ dol a thachairt no gus na beachd-smuaintean aca a leasachadh gu leòr. Thar clasaichean na bun-sgoile, bha càileachd iomlan buileachadh nan sgoilearan ann an cànan na Beurla math. Sna bliadhnaichean mu dheireadh bha ìrean buileachaidh ann an leughadh air a bhith math gu seasmhach agus bha iad a’ leasachadh gu cunbhalach ann an sgrìobhadh. Bha a’ chuid bu mhotha de sgoilearan a’ coileanadh ìrean nàiseanta iomchaidh ann an èisteachd, labhairt, leughadh agus sgrìobhadh. Thar nan ìrean, bha àireamh chudromach de sgoilearan a’ buileachadh nan ìrean seo na bu tràithe na bhithear dh’fhaoidte an dùil. Bha a’ chuid a bu mhotha de sgoilearan air sgilean matha a leasachadh ann an labhairt is èisteachd agus bha iad misneachail ann an raon shuidheachaidhean eadar-dhealaichte. Thar nan ìrean, bha a’ chuid a bu mhotha de sgoilearan a’ leughadh gu fileanta agus bha iad airson a bhith a’ leughadh airson tlachd. Aig P7, bha sgoilearan a’ taisbeanadh sgilean èifeachdach ann a bhith a’ dèanamh anailis air teacsaichean sgrìobhte. Aig na h-ìrean uile, bha sgoilearan a’ leasachadh eòlas làidir cànain agus a’ dèanamh pìosan sgrìobhaidh de chàileachd math ann an raon stoidhlichean eadar-dhealaichte. Cha robh sgilean sgoilearan ann a bhith a’ sgrìobhadh pìosan fada air an leasachadh gu leòr. Thar nan ìrean, bha sgoilearan a’ taisbeanadh an cuid obrach gu grinn.

Cànan na Gàidhlig

Ann an sgoil-àraich na Gàidhlig, bha clann a’ dèanamh adhartas fìor mhath ann a bhith ag ionnsachadh na Gàidhlig. Bha iad ag èisteachd gu math ri stiùiridhean agus sgeulachdan agus bha iad a’ leasachadh misneachd ann a bhith a’ bruidhinn ri inbhich. Bha clann a’ leasachadh sgilean sòisealta tro bhith a’ cluiche gu macmeanmnach agus tro bhith a’ gabhail turas mu seach a’ cluiche gèam maidsidh. Ann an clasaichean meadhan na Gàidhlig na bun-sgoile, bha càileachd iomlan a’ bhuileachaidh ann an cànan na Gàidhlig fìor mhath. Bha na sgoilearan uile cha mhòr a’ coileanadh ìrean nàiseanta ann an èisteachd, leughadh is sgrìobhadh. Bha iad a’ dèanamh adhartas fìor mhath len obair-chùrsa. Aig na h-ìrean uile, bha cha mhòr na sgoilearan uile a’ dèanamh adhartas fìor mhath ann a bhith a’ togail na Gàidhlig. Bha cha mhòr na sgoilearan uile ag èisteachd gu geur ri stiùiridhean nan tidsearan agus a’ co-fhreagairt gu h-iomchaidh. Bha cha mhòr na sgoilearan uile a’ bruidhinn le misneachd is a’ cleachdadh na Gàidhlig gu fìor mhath ann an deasbaireachd len tidsearan is le chèile. Bha iad a’ leughadh gu fileanta agus le tuigse. Ro no ann am P7, b’ urrainn do sgoilearan bruidhinn ann an doimhneachd agus beachdan a thoirt seachad mu na leabhraichean is na h-ùghdarran a b’ fheàrr leotha. Bha sgoilearan a’ coileanadh gu math ann am buidhnean beaga deasbaireachd. Aig na h-ìrean tràtha, bha sgoilearan a’ dèanamh deagh thoiseach tòiseachaidh a’ sgrìobhadh sgeulachdan. Aig na meadhan is àrd ìrean, bha sgoilearan a’ sgrìobhadh gu h-èifeachdach airson raon adhbharan.

Matamataig

Bha clann sa chlas-àraich a’ dèanamh adhartas math ann a bhith a’ tuigsinn matamataig tràth. B’ urrainn don chuid bu mhotha dathan is pàtrain sìmplidh aithneachadh. Bha iad a’ cleachdadh raon thòimhseachain is gheamaichean coimpiutair gus rudan a mhaidseadh is a sheòrsachadh. Cha robh sgilean na cloinne ann an cunntas, sgrùdadh is fuasgladh cheistean matamataigeach sìmplidh fhathast air an leasachadh gu math. Ann an clasaichean na bun-sgoile, bha càileachd iomlan a’ bhuileachaidh ann am matamataig math. Bha cha mhòr na sgoilearan uile sna h-ìrean tràtha, agus a’ chuid bu mhotha sna meadhan is àrd ìrean, a’ coileanadh ìrean buileachaidh nàiseanta iomchaidh. Bha àireamh chudromach de sgoilearan a’ buileachadh nan ìrean seo na bu tràithe na bhithear an dùil gu h-àbhaisteach. Bha ìrean buileachaidh air leasachadh sna bliadhnaichean mu dheireadh. Thar nan ìrean, b’ urrainn do sgoilearan mìneachadh ceart a thoirt air fiosrachadh bho ghrafan is chairtean freagarrach. Cha robh na sgilean aca ann a bhith a’ cleachdadh TFC gus fiosrachadh a chur an òrdan is a thaisbeanadh a’ cleachdadh dhuilleagan-cleithe fhathast air an deagh leasachadh. Bha sgoilearan ann am P1 a’ dèanamh adhartas èifeachdach ann a bhith ag ionnsachadh sgilean àireamhachd tràtha. Aig na h-ìrean uile, bha sgoilearan a’ leasachadh sgilean iomchaidh ann an àireamhachadh inntinneil. Ann am P7, bha sgoilearan a’ taisbeanadh sgilean èifeachdach ann a bhith ag obair le aonadan tomhais. Aig na meadhan ìrean, bha tuigse mhath aig sgoilearan air cumaidhean dà- is trì-thaobhach. Aig na h-ìrean àrda, bha sgoilearan a’ sealltainn eòlas iomchaidh air co-òrdanaichean. Thar nan ìrean, bha sgoilearan air ro-innleachdan freagarrach a leasachadh gu soirbheachail airson a bhith a’ fuasgladh cheistean.

5. Dè cho math ’s a thathar a’ coinneachadh ri feumalachdan ionnsachaidh nan sgoilearan?

Bha rèiteachaidhean airson a bhith a’ coinneachadh ri feumalachdan ionnsachaidh chloinne is dhaoine òga math gu h-iomlan. Bha luchd-obrach sna clasaichean-àraich a’ toirt deagh thaic do chloinn agus bha iad mothachail is co-fhreagarrach ri feumalachdan chloinne fa leth. Bha iad a’ measadh adhartas na cloinne gu riaghailteach ach cha robh iad an còmhnaidh a’ cleachdadh an fhiosrachaidh seo gus amas gu leòr air feumalachdan ionnsachaidh na cloinne. Cha robh luchd-obrach an còmhnaidh a’ cur air dòigh buidhnean is gnìomhan gus dùbhlan èifeachdach a thoirt don chloinn uile. Ann an clasaichean na bun-sgoile, bha tidsearan a’ cur air dòigh obair is gnìomhan a bha air an deagh mhaidseadh ri feumalachdan sgoilearan fa leth sa chuid a bu mhotha de chlasaichean. Cha robh luchd-obrach an còmhnaidh a’ cur air dòigh obair dhùbhlanach airson nan sgoilearan as comasaiche agus cha robh sgoilearan a’ faighinn chothroman gu leòr gus ionnsachadh leotha fhèin. Bha modhan èifeachdach ann airson a bhith ag aithneachadh sgoilearan a bha a’ feumachdainn barrachd cuideachaidh len cuid ionnsachaidh. Bha luchd-obrach taice a’ toirt seachad taic chuideachail do sgoilearan fa leth agus do bhuidhnean de sgoilearan. Bha sgoilearan ag obair gu math le raon de bhuidhnean taice gus sgoilearan a chuideachadh le feumalachdan taic a bharrachd. Bha sgoilearan a’ faighinn deagh thaic ann a bhith a’ gluasad bho ro-sgoil gu P1 agus bho P7 gu Tain Royal Academy tro, mar eisimpleir, na ceanglaichean èifeachdach a chaidh a leasachadh le Neach-obrach Seirbheisean na Cloinne.

6. Dè cho math ’s a tha an àrainneachd ionnsachaidh?

Earrann

Beachd

Cùram treòrachail

Sa chlas-àraich, bha luchd-obrach a’ toirt seachad àrainneachd ionnsachaidh a bha fìor shàbhailte is fhàilteachail. Aig ìrean na bun-sgoile, bha rèiteachaidhean fìor mhath aig luchd-obrach airson cùram treòrachail. Bha iad seo a’ gabhail a-steach modhan iomchaidh gus a dhol an gnìomh an aghaidh burraidheachd, cungaidhean-leighis a thoirt seachad agus a bhith a’ cleachdadh an Eadar-lìn gu sàbhailte. Bha an luchd-obrach uile air trèanadh iomchaidh a dhèanamh ann an dìon chloinne. Bha sgoilearan misneachail gun dèiligeadh luchd-obrach gu h-èifeachdach ri burraidheachd sam bith a dh’fhaodadh a bhith ann. Bha raon dhòighean iomchaidh aig sgoilearan gus draghan sam bith innse do luchd-obrach. Bha iad fiosrach mu bhith gan cumail fhèin fallain agus bha iad air buannachd fhaighinn à bhith a’ gabhail com-pàirt ann an raon farsaing de chlubaichean às dèidh sgoile a bha a’ brosnachadh gluasad corporra. Bha sgoilearan ann am P7 a’ toirt taic chuideachail do sgoilearan a’ tighinn a-steach do P1. Chaidh deagh fhiosrachadh a chumail ri pàrantan mu na dòighean san robhar a’ teagasg chùisean slàinte mhothachail.

Càileachd thoglaichean is ghoireasan

Bha càileachd iomlan nan toglaichean math gu leòr. Bha rèiteachaidhean tèarainteachd freagarrach suidhichte airson faighinn a-steach do thoglaichean na sgoil-àraich is na sgoile. Bha raointean teagaisg ro bheag agus a’ cuingealachadh cuid de chleasan nan sgoilearan. Bha e uaireannan doirbh do luchd-cleachdaidh is luchd-tadhail le duilgheadasan-gluasaid faighinn a-steach do thoglaichean. Cha robh rùm stòraidh gu leòr ann. Bha meud reusanta ann an talla na sgoile agus bhathar ga chleachdadh cha mhòr fad na h-ùine airson foghlam corporra, dràma agus co-chruinneachaidhean sgoile. Bha tòrr uinneagan ann nach robh a’ fosgladh ceart agus a bha air an droch chumail suas. Ann an cuid de dh’àiteachan, bha e doirbh smachd a chumail air an teasachadh. Bha na toglaichean sealach a’ solarachadh seòmraichean-clasa rùmail ach bha feum aca air ath-sgeadachadh.

Àileadh is dàimhean, dùilean agus a’ brosnachadh coileanadh is co-ionannachd

Bha luchd-obrach air àrainneachd fìor fhàilteachail a chruthachadh do sgoilearan, pàrantan agus luchd-tadhail. Bha dàimhean eadar luchd-obrach agus sgoilearan fìor mhath agus bha cha mhòr na sgoilearan uile modhail agus càirdeil. Bha na sgoilearan moiteil às an sgoil agus bha cothroman iomchaidh aca gus a bhith an lùib a bhith a’ dèanamh cho-dhùnaidhean. Bha luchd-obrach a’ dùileachadh ìrean àrda giùlain is làthaireachd bho sgoilearan. Cha robh dùilean nan tidsearan a thaobh buileachadh nan sgoilearan àrd gu leòr gu cunbhalach. Bha an sgoil soirbheachail ann a bhith a’ comharrachadh choileanaidhean nan sgoilearan san sgoil agus san fharsaingeachd aig co-chruinneachaidhean, duaisean sònraichte agus tro thaisbeanaidhean. Bha pasgan coileanaidh aig na sgoilearan uile a chaidh a chleachdadh gu fìor shoirbheachail gus raon farsaing de na coileanaidhean aca a chlàradh. Bha cothroman iomchaidh agus cunbhalach ann airson aire a thoirt do chreideamh. Bha poileasaidh iomchaidh aig an sgoil airson co-ionannachd cinnidh agus bhathar a’ dèiligeadh gu cothromach ri sgoilearan san sgoil. Cha robh an sgoil a’ brosnachadh iomadachd is cùisean co-ionannachd gu co-chòrdail tron churraicealam.

Com-pàirteachas le pàrantan agus a’ choimhearsnachd

Bha an sgoil air ceanglaichean sàr-mhath a leasachadh le pàrantan agus leis a’ choimhearsnachd. Bha pàrantan agus buill den choimhearsnachd air tabhartas cudromach a chur ri ionnsachadh nan sgoilearan le bhith, mar eisimpleir, a’ cuideachadh ann an clasaichean, air cuairtean agus le clubaichean. Bha buidheann beag de phàrantan a’ toirt taic rianachail chuideachail agus a’ cuideachadh san leabharlann. Bha pàrantan agus buill eile den choimhearsnachd ag obrachadh math le luchd-obrach agus sgoilearan sna caochladh chomataidhean sgoile is bhuidhnean-gnìomha, nam measg Comhairle nam Pàrant agus Comann nam Pàrant is nan Tidsearan. Bha an ceannard gu cunbhalach a’ cur a-mach litrichean-naidheachd fiosrach agus a’ coinneachadh gu cunbhalach ri pàrantan. Bha e air taic fìor chuideachail a thoirt do phàrantan mu dhòighean eadar-dhealaichte sam b’ urrainn dhaibh cuideachadh le ionnsachadh an cuid chloinne. Mar eisimpleir, le taic bho sgoilearan, thug an ceannard seachad taisbeanadh do phàrantan air sgilean èifeachdach airson a bhith ag innse sgeulachdan. Bha aithisgean sgoile soilleir agus a’ toirt comhairle chuideachail. Bha an sgoil air ceanglaichean làidir a leasachadh le buidhnean coimhearsnachd agus gnothachasan a bha a’ tadhal gu cunbhalach air an sgoil agus a bha a’ cur ri ionnsachadh nan sgoilearan. Bha pàrantan agus a’ choimhearsnachd ionadail a’ toirt taic fìor mhath do thaisbeanaidhean is thachartasan sgoile. Bha an sgoil air ceanglaichean fìor èifeachdach a leasachadh le sgoiltean-àraich is sgoiltean ionadail. Bha sgoilearan a’ faighinn buannachd à deagh cheanglaichean curraicealaim le Tain Royal Academy. Mar eisimpleir, bha sgoilearan aig P7 a bha a’ gluasad gu AS1 air raon sgilean a leasachadh tro latha de chleasan fuasgladh cheistean, a bha èifeachdach.

7. A’ stiùireadh is a’ leasachadh na sgoile

Tha Pàipear-taice 1 a’ toirt measadh iomlan LSBF air obair na sgoile.

Gu h-iomlan, bha mòran neartan aig càileachd an fhoghlaim a bha Craighill Primary School a’ solarachadh. Bha an sgoil, a bha air a stiùireadh le ceannard a bha fìor chùramach is sunndach, a’ toirt àrainneachd fhàilteachail is thaiceil san robh cha mhòr na sgoilearan uile modhail. Bha pàrantan a’ toirt taic fìor mhath don sgoil. Bha buileachadh nan sgoilearan ann an cànan na Beurla agus matamataig math, agus, sna clasaichean tro mheadhan na Gàidhlig, fìor mhath ann an cànan na Gàidhlig. Bha càileachd an teagaisg math gu h-iomlan ach cha robhar ga chumail suas gu co-chòrdail thar nan clasaichean uile. Bha dealas aig tidsearan don sgoil agus bha iad ag obair gu math le àrd-mhanaidsearan agus an raon farsaing de luchd-obrach taice. Cha robh luchd-obrach fhathast air dèanamh cinnteach à leasachadh seasmhach ann an sgilean nan sgoilearan a thaobh ann a bhith ag ionnsachadh leotha fhèin agus a’ co-obrachadh le chèile.

Bha an ceannard eòlach agus a’ toirt ceannardas fìor èifeachdach. Bha e air urram agus misneachd nam pàrant, nan sgoilearan agus an luchd-obrach a bhuannachadh. Bha e a’ sealltainn dealas fìor làidir do dh’fhoghlam agus mathais nan sgoilearan. Bha an ceannard a’ taisbeanadh ìre comais proifeasanta àrd agus bha luchd-obrach a’ cur luach air a shunnd is a thaic. Bha e air grunn thaobhan de dh’obair na sgoile a leasachadh, mar eisimpleir, tro bhith a’ toirt phàrantan gu soirbheachail an lùib beatha na sgoile agus ann a bhith a’ clàradh agus a’ comharrachadh choileanaidhean nan sgoilearan. Bha an ceannard agus a dhà iar-cheannard air sgioba àrd-stiùiridh èifeachdach a chur ri chèile. Bha na h-iar-cheannardan a’ coileanadh nan raointean-ùghdarrais iomchaidh aca gu math agus bha iad air iomairtean soirbheachail a stiùireadh leithid sgeama charaidean na sgoile agus comhairle nan sgoilearan. Bha iad ag obair gu math leis a’ cheannard gus obair na sgoile a sgrùdadh is a mheasadh, a’ cleachdadh raon farsaing de dhòighean-obrach. Bha an sgioba àrd-stiùiridh ag obair gu h-èifeachdach le tidsearan gus adhartas nan sgoilearan a leantainn gu eagarachail agus gus targaidean ionnsachaidh a shuidheachadh dhaibh ann an leughadh, sgrìobhadh agus matamataig. Bha iad a’ coinneachadh gu riaghailteach ri tidsearan gus bruidhinn mu adhartas nan sgoilearan. Bha an ceannard agus na h-iar-cheannardan a’ tadhal air leasanan gu foirmeil agus a’ toirt fios air ais cuideachail do thidsearan airson leasachaidhean a dhèanamh. Cha robh na rèiteachaidhean seo teann gu leòr agus cha robh leasachaidhean leantainneach ann an ionnsachadh is teagasg air tighinn asta fhathast. Bha àrd-mhanaidsearan ag obair leis an luchd-obrach gus measadh a dhèanamh air obair na sgoile agus bha iad air grunn phrìomhachasan iomchaidh a chomharrachadh airson leasachadh. Bha an comas aig ceannard na sgoile, le taic bho na h-iar-cheannardan aige agus ùghdarras an fhoghlaim, gus leasachaidhean leantainneach a dhèanamh.

Bha luchd-obrach na sgoil-àraich mothachail mu sheaghan Còdan Cleachdaidh Comhairle Sheirbheisean Sòisealta na h-Alba. Aig an sgrùdadh mu dheireadh a rinn Coimisean a’ Chùraim air na clasaichean-àraich, bha aon iarrtas air a bhith ann. Bhathar air aghaidh a chur ris a seo gu riarachail.

Prìomh phuingean gnìomha

Bu chòir don sgoil agus don ùghdarras fhoghlaim a dhol an gnìomh gus ionnsachadh agus teagasg a leasachadh. Ann a bhith a’ dèanamh seo bu chòir dhaibh aire a ghabhail don fheum a bhith:

  • a’ toirt seachad barrachd chothroman gus leigeil le sgoilearan a bhith nan luchd-ionnsachaidh neo-eisimeileach, gnìomhach;
  • a’ leasachadh modhan nas eagaraiche airson a bhith a’ sgrùdadh is a’ measadh cleachdadh san t-seòmar-clasa gus dèanamh cinnteach à teagasg agus ionnsachadh, air feadh na sgoile, a tha èifeachdach gu co-chòrdail; agus
  • a’ dèanamh cinnteach gu bheil sgoilearan a’ leasachadh nas eagaraiche agus nas co-chòrdaile, thar na sgoile, na sgilean aca ann a bhith a’ cleachdadh teicneòlas fiosrachaidh agus conaltraidh.

Dè an ath rud a thachras?

Chaidh iarraidh air an sgoil agus ùghdarras an fhoghlaim plana gnìomha a dheasachadh a’ comharrachadh mar a chuireas iad aghaidh ri prìomh thoraidhean na h-aithisge, agus am plana sin a cho-roinn le pàrantan. Taobh a-staigh dà bhliadhna bho fhoillseachadh na h-aithisge seo, thèid fios a chur gu pàrantan mu adhartas na sgoile.

Alistair Brown
Neach-sgrùdaidh na Bànrighe

22 Giblean 2008

Pàipear-taice 1 Taisbeanairean Càileachd

Tha na h-earrannan sa chlàr gu h-ìseal a’ leantainn òrdan na h-aithisge seo. Lorgaidh sibh na prìomh bheachdan a rinneadh mu gach taisbeanair càileachd fa leth sna h-earrannan sin. Ach, tha earrannan de chuid de na taisbeanairean càileachd a’ buntainn ri earrannan eile den aithisg is dh’fhaoidte gun tèid iomradh a thoirt orra an sin cuideachd.

Dè cho math ’s a tha ionnsachadh, teagasg agus coileanadh?

Structar a’ churraicealaim

math

Am pròiseas teagaisg

math

Eòlasan ionnsachaidh nan sgoilearan

math gu leòr

Buileachadh nan sgoilearan ann an cànan na Beurla

math

Buileachadh nan sgoilearan ann an cànan na Gàidhlig

fìor mhath

Buileachadh nan sgoilearan ann am matamataig

math

Dè cho math ’s a thathar a’ coinneachadh ri feumalachdan ionnsachaidh nan sgoilearan?

A’ coinneachadh ri feumalachdan nan sgoilearan

math

Dè cho math ’s a tha an àrainneachd ionnsachaidh?

Cùram treòrachail

fìor mhath

Toglaichean agus goireasan

math gu leòr

Àileadh agus dàimhean

fìor mhath

Dùilean agus a’ brosnachadh coileanadh

fìor mhath

Co-ionannachd agus cothromachd

math

Com-pàirteachas le pàrantan, Comhairle nam Pàrant agus a’ choimhearsnachd

sàr-mhath

A’ stiùireadh agus a’ leasachadh na sgoile

Ceannardas ceannard na sgoile

fìor mhath

Fèin-mheasadh

math

Tha an aithisg seo a’ cleachdadh nam faclan a leanas gus breithneachaidhean an luchd-sgrùdaidh a dhèanamh soilleir:

sàr-mhath

air leth, air thoiseach san earrainn

fìor mhath

neartan mòra

math

neartan cudromach le cuid de raointean airson leasachadh

math gu leòr

neartan dìreach a’ toirt bàrr air laigsean

lag

laigsean cudromach

uireasbhach

laigsean mòra

Pàipear-taice 2 Geàrr-chunntas air freagairtean nan ceisteachan

Tha feartan cudromach bho fhreagairtean nan caochladh bhuidhnean a fhuair ceisteachain air an toirt seachad gu h-ìseal.

Na tha an sgoil a’ dèanamh math am beachd nam pàrantan

Na dh’fhaodadh an sgoil a dhèanamh na b’ fheàrr am beachd nam pàrantan

  • Bha luchd-obrach gan dèanamh dì-beathte san sgoil.
  • Bha oidhcheannan phàrant cuideachadh agus fiosrachail.
  • Bha an sgoil air dòighean sam b’ urrainn do phàrantan a’ chlann a chuideachadh le obair-dachaigh a mhìneachadh.
  • Bhathar a’ dèiligeadh gu cothromach ris a’ chloinn aca san sgoil.
  • Bha an sgoil math air co-chomhairle a chumail le pàrantan mu cho-dhùnaidhean a’ toirt buaidh air an cuid cloinne.
  • Bha an sgoil air a deagh stiùireadh.

  • Bha cha mhòr an còigeamh cuid de phàrantan a’ faireachdainn nach robh toglaichean na sgoile air an cumail ann an deagh òrdan.

Na tha an sgoil a’ dèanamh math am beachd nan sgoilearan

Na dh’fhaodadh an sgoil a dhèanamh na b’ fheàrr am beachd nan sgoilearan

  • Bha tidsearan ag innse dhaibh nuair a bha iad air rudeigin a dhèanamh math.
  • Bha tidsearan a’ dùileachadh gun obraicheadh iad cho math ’s a b’ urrainn dhaibh.
  • Bha an sgoil gan cuideachadh gus iad fhèin a chumail sàbhailte is fallain.
  • Ma bha iad troimh-chèile, bha an sgoil math air cuideachadh gus rudan a rèiteach.

  • Bha cairteal de na sgoilearan a’ faireachdainn gum faodadh na sgoilearan a bhith nas modhaile.

Na tha an sgoil a’ dèanamh math am beachd an luchd-obrach

Na dh’fhaodadh an sgoil a dhèanamh na b’ fheàrr am beachd an luchd-obrach

  • Bha an sgoil air a deagh stiùireadh.
  • Bhathar gu cunbhalach a’ comharrachadh soirbheachas nan sgoilearan.
  • Bha e a’ còrdadh riutha a bhith ag obair san sgoil.
  • Bha luchd-obrach a’ gabhail uallach airson cùram agus mathas nan sgoilearan.

  • Bha grunn den luchd-obrach nach robh a’ teagasg ag iarraidh barrachd com-pàirt ann am pròiseasan dèanamh-cho-dhùnaidhean.

Ciamar a chuireas sibh fios thugainn?

Ma tha sibh ag iarraidh lethbhreac a bharrachd den aithisg seo

Chaidh lethbhreacan den aithisg seo a chur gu ceannard na sgoile agus luchd-obrach na sgoile, Stiùiriche an Fhoghlaim, a’ Chultair agus an Spòirs, comhairlichean ionadail, agus buill iomchaidh de Phàrlamaid na h-Alba. A rèir iarrtas, gheibhear lethbhreacan a bharrachd an-asgaidh bho Luchd-sgrùdaidh na Bànrighe airson Foghlaim, Taigh Longman, 28 Rathad Longman, Inbhir Nis, IV1 1SF no le fòn a chur gu 01463 253115.

Gheibhear lethbhreacan cuideachd bhon làrach-lìn againn: www.hmie.gov.uk.

Modh Fios air ais agus Gearanan LSBF

Ma tha sibh airson beachd a thoirt seachad air taobh sam bith de sgrùdaidhean bun-sgoile bu chòir dhuibh sgrìobhadh sa chiad dol a-mach gu Chris McIlroy, Àrd-neach-sgrùdaidh na Bànrighe airson Foghlaim, Taigh Denholm, Pàirc Gnìomhachais Almondvale, Slighe Almondvale, Baile Dhùn Lèibhe EH54 6GA.

Ma tha dragh oirbh mun aithisg seo, bu chòir dhuibh sgrìobhadh sa chiad dol a-mach chun a’ Mhanaidsear Ghearanan againn, Sgioba Stiùireadh Gnothachais is Conaltraidh LSBF, Dàrna Ùrlar, Taigh Denholm, Pàirc Gnìomhachais Almondvale, Slighe Almondvale, Baile Dhùn Lèibhe EH54 6GA. Faodaidh sibh cuideachd post-d a chur gu HMIEComplaints@hmie.gsi.gov.uk. Tha lethbhreac dhen mhodh ghearain againn ri fhaotainn bhon oifis seo le bhith a’ cur fòn gu 01506 600200 no bhon làrach-lìn againn aig www.hmie.gov.uk.

Mura h-eil sibh riaraichte leis a’ ghnìomh a tha sinn air a ghabhail aig deireadh na modh gearain againn, faodaidh sibh an gearain agaibh a thogail le Ombudsman Seirbheisean Poblach na h-Alba (OSPA). Tha OSPA gu tur neo-eisimeileach agus tha cumhachdan aige sgrùdadh a dhèanamh air gearanan mu roinnean agus buidhnean Riaghaltais. Bu chòir dhuibh sgrìobhadh chun an OSPA, Post an asgaidh EH641, Dùn Èideann EH3 0BR. Faodaidh sibh cuideachd fòn a chur gu 0800 377 7330, facs 0800 377 7331, no post-d: ask@spso.org.uk. Gheibhear tuilleadh fiosrachaidh mu oifis an Ombudsman bhon làrach-lìn: www.spso.org.uk.

Dlighe-sgrìobhaidh a’ Chrùin 2008

Luchd-sgrùdaidh na Bànrighe airson Foghlaim

Faodar an aithisg seo ath-dhèanamh gu h-iomlan no ann am pàirt, ach airson adhbharan coimearsalta no a thaobh ro-shealladh no sanas, fhad’s a tha an tobar agus an ceann-là air an innse.

Footnotes

  1. Tron aithisg seo, tha an teirm ‘pàrantan’ a’ gabhail a-steach luchd-cùraim dalta, luchd-obrach cùraim ann an dachannan-còmhnaidh agus luchd-cùraim a tha nan càirdean no nan caraidean.