25 Lùnastal 2009
Tha an aithisg seo ag innse dhuibh mu chàileachd an fhoghlaim san sgoil1. Tha sinn a’ cur an cèill dè a’ bhuannachd a tha clann a’ faighinn bho bhith ag ionnsachadh innte. Tha sinn a’ mìneachadh dè cho math ’s a tha iad a’ dèanamh agus dè cho math ’s a tha an sgoil gan cuideachadh ag ionnsachadh. An uairsin tha sinn a’ coimhead ri na dòighean sa bheil an sgoil a’ dèanamh seo. Tha sinn a’ mìneachadh dè cho math ’s a tha an sgoil ag obair còmhla ri buidhnean eile sa choimhearsnachd, a’ gabhail a-steach pàrantan2 agus seirbheisean a tha a’ toirt taic do chloinn. Tha sinn cuideachd a’ beachdachadh air dè cho math ’s a tha luchd-teagaisg agus clann ag obair còmhla agus ciamar a tha iad a’ cur aghaidh air leasachadh na sgoile.
Tha an aithisg againn cuideachd a’ cur an cèill ‘spiorad’ na sgoile. Le ‘spiorad’ tha sinn a’ ciallachadh nan dàimhean san sgoil, dè cho math ’s a tha an sgoil a’ coimhead às dèidh agus a’ dèiligeadh ri cloinn òga agus dè na thathar a’ sùileachadh bhuapa anns gach roinn de bheatha na sgoile. San àite mu dheireadh, tha sinn a’ beachdachadh air amasan na sgoile. Gu sònraichte, tha sinn a’ cur cudrom air dè cho math ’s a tha na h-amasan a’ cuideachadh luchd-teagaisg a’ lìbhrigeadh deagh ionnsachadh, agus dè a’ bhuaidh a tha aig an stiùireadh air mar a tha an sgoil a’ soirbheachadh le coileanadh nan amasan sin.
Ma tha sibh airson tuilleadh fhaighinn a-mach mun sgrùdadh a rinn sinn air an sgoil, rachaibh gu www.hmie.gov.uk. An-seo, gheibh sibh mìneachadh air freagairtean nan ceisteachan. Ma bhios e iomchaidh, gheibh sibh cuideachd cunntasan air deagh chleachdadh san sgoil.
3. Eisimpleir de dheagh chleachdadh
|
Ionnsachadh agus coileanadh
Tha clann aig a h-uile ìre eudmhor agus a’ com-pàirteachadh gu math ann an gnìomhan ionnsachaidh. Tha iad ag obair gu math air an ceann fhèin agus a’ leasachadh nan sgilean a dh’fheumar airson obrachadh còmhla ann am buidhnean. Tha clann air tòiseachadh a’ planadh an ionnsachaidh fhèin agus a’ co-roinn nam planaichean sin ri pàrantan. Tha iad ag ionnsachadh a bhith a’ beachdachadh air an soirbheas agus a’ stèidheachadh targaidean ionnsachaidh ùra le cuideachadh bhon luchd-teagaisg aca. Bu chòir do luchd-teagaisg togail air a’ chleachdadh seo le bhith a’ toirt stiùireadh nas soilleire don chloinn air mar is urrainn dhaibh an obair a leasachadh. Feumaidh clann a bhith nas gnìomhaiche san ionnsachadh agus barrachd chothroman a bhith aca anns na tùs ìrean airson ionnsachadh tro chluich.
Tha an sgoil a’ toirt cothroman math don chloinn airson soirbheachadh ann an iomadh seòrsa tachartas spòrs, ealain agus cultair mar ball-coise, ceòl agus dannsa. Tha a’ chlann moiteil às na tha iad a’ coileanadh, gu sònraichte mar a shoirbhich iad a’ seinn sa chòisir agus ag innse sgeulachdan aig a’ Mhòd ionadail. Fhuair iad tuilleadh misneachd tro bhith a’ gabhail pàirt ann an cuirmean san sgoil agus sa choimhearsnachd. Fhuair an sgoil duais òir airson iomairt. Tha seo a’ comharrachadh soirbheas na cloinne ann an cur ri chèile leabhar-fòn ionadail agus leabhar-iùil luchd-turais airson Beàrnaraigh. Tha duais òir aig an sgoil mar sgoil brosnachadh slàinte agus tha a’ chlann uile a’ tuigsinn cho cudromach ’s a tha e a bhith a’ cumail slàn fallain. Bha an sgoil soirbheachail ann an lorg dhòighean air teicneòlas a chleachdadh gus clann a bhrosnachadh. Bho na tùs ìrean, tha clann sgileil ann an cleachdadh teicneòlas fiosrachaidh agus conaltraidh (TFC) san ionnsachadh aca. Tha iad a’ faighinn buannachd bho cheanglaichean ri sgoiltean eile mar phàirt de choimhearsnachd air-loidhne GLOW. Tha iad moiteil às na tha iad a’ coileanadh a thaobh na h-iomairt nàiseanta seo. Tha a’ chlann as sine comasach air compiutairean a chleachdadh gu h-èifeachdach airson rannsachadh air an ceann fhèin.
Anns na clasaichean Beurla agus Gàidhlig, tha cha mhòr na h-uile a’ coileanadh nan ìrean nàiseanta iomchaidh ann an cànan agus matamataig. Tha beagan a’ coileanadh nan ìrean sin tràth ach chan eil iad daonnan a’ cumail suas na h-ìre adhartais seo mar a bhios iad a’ gluasad tron sgoil. Uile gu lèir, tha a’ chuid as motha den chloinn a’ dèanamh adhartas math ann an èisteachd, labhairt, leughadh, sgrìobhadh agus matamataig. Tha a h-uile sgoilear ag èisteachd gu furachail ris an luchd-teagaisg aca agus ri càch a chèile agus bidh a’ chuid as motha dhiubh a’ labhairt le misneachd ri inbhich. Tha a’ chlann as òige air tòiseachadh air leughadh agus sgrìobhadh agus air sgrìobhadh sgeulachdan sìmplidh leotha fhèin. Anns gach clas, tha clann a’ leughadh gu math agus a’ tuigsinn na tha iad a’ leughadh. Anns a’ chlas Bheurla, chan eil iad sgileil ann an còmhradh mu leabhraichean agus ùghdaran ann an doimhneachd iomchaidh. Thar nan ìrean agus nan clasaichean, tha clann a’ sgrìobhadh airson caochladh adhbhar agus a’ togail nan sgilean a dh’fheumas iad airson a bhith nan luchd-sgrìobhaidh soirbheachail. Feumaidh a’ chlann as sine a-nis cothroman cunbhalach air sgrìobhadh nas fhaide. Anns a’ chlas Ghàidhlig, ’s urrainn don chloinn as sine riaghailtean litreachaidh agus puingean gràmair a chleachdadh san dòigh cheart. Ann am matamataig, tha a’ chuid as motha comasach air feartan chumaidhean ainmeachadh agus fad, cuideam agus ùine a thomhas aig an ìre iomchaidh airson na h-aoise aca. Tha cha mhòr a h-uile sgoilear a’ dèanamh obair phongail le àireamhan san obair sgrìobhte aca. Feumaidh iad leasachadh air an sgilean ann an obrachadh sa cheann agus ann an cleachdadh innleachdan airson fuasgladh cheistean matamataig.
An clàr-teagaisg agus coinneachadh ri feuman ionnsachaidh
Tha an sgoil ag ullachadh clàr-teagaisg farsaing agus cothromach don chloinn. Tha a’ chlann a’ faighinn faisg air dà uair a thìde de dheagh fhoghlam corporra gach seachdain. Feumaidh luchd-teagaisg dèanamh cinnteach gum bi leasachadh nas rianaile air sgilean na cloinne ann an leasachadh pearsanta agus sòisealta, foghlam spioradail agus moralta agus saoranachd. Chan eil clann anns na clasaichean Gàidhlig ag ionnsachadh gu leòr de chuspairean tro mheadhan na Gàidhlig. Tha planaichean soilleir aig an sgoil airson atharrachaidhean a chur an gnìomh a rèir Curraicealam airson Sàr-mhathais. Tha cothroman math aig a’ chloinn a bhith a’ leughadh agus a’ sgrìobhadh anns gach roinn den chlàr-teagaisg. Feumaidh luchd-teagaisg dòighean a lorg a-nis airson gum faigh a’ chlann air an sgilean àireamhachd a chleachdadh ann an suidhichidhean nas brìoghmhoire. Tha obair-dachaigh a’ cur taic ris an obair a tha a’ chlann a’ dèanamh sa chlas ach chan eil e measgaichte gu leòr. Tha tidsearan-siubhail a’ cuideachadh a’ leasachadh sgilean na cloinne ann an ceòl, ealan agus foghlam corporra. Tha buidhnean de sgoilearan cuideachd a’ faighinn buannachd bho ionnsachadh a’ ghiotàr agus an fheadain agus bho bhùthan-obrach le buidhnean a bhios a’ tadhal sna sgoiltean.
Tha luchd-teagaisg agus luchd-taic eòlach air a’ chloinn. Bidh iad ag atharrachadh ghnìomhan gus am freagair iad air feuman a’ chuid as motha den luchd-ionnsachaidh agus a’ toirt cuideachadh iomchaidh don fheadhainn aig a bheil duilgheadas. Airson beagan den chloinn as comasaiche tha an astar aig a bheil iad ag ionnsachadh ro shlaodach. Gus an dèan iad adhartas iomchaidh, feumaidh iad obair nas dùbhlanaiche gu sònraichte ann an leughadh agus sgrìobhadh mar a bhios iad a’ gluasad tron sgoil. Tha luchd-teagaisg a’ tòiseachadh ag innse adhbhar nan leasan don chloinn, ach chan eil an cleachdadh seo fhathast cunbhalach anns gach clas. Tha an tidsear siubhail airson taic ionnsachaidh a’ toirt taic mhath don chloinn a dh’fheumas cuideachadh len obair. Còmhla ri luchd-teagaisg agus pàrantan, tha i air planaichean pearsanta a chur ri chèile gus a’ chlann sin a chuideachadh gu coileanadh nas fheàrr. Tha na planaichean sin a’ toirt targaidean soilleir agus so-ruigsinn gus an tig piseach air ionnsaich na cloinne. Tha luchd-taic a’ toirt cuideachadh feumail agus èifeachdach do fhoghlam na cloinne.
Bidh pàrantan a’ faighinn fiosrachadh cunbhalach mu bheatha agus obair na sgoile agus a’ com-pàirteachadh ann am foghlam na cloinne tro phlanadh ionnsachaidh pearsanta. Tha buill Com-pàirteachas Sgoil Bheàrnaraigh gu sònraichte taiceil don sgoil. Bidh iad a’ toirt cuideachadh luachmhor do gach roinn de bheatha na sgoile. Bidh iad a’ cuideachadh aig feasgaran curraicealaim agus tachartasan coimhearsnachd agus a’ com-pàirteachadh ann an iomadh seòrsa tachartas soirbheachail airson airgead a thogail. Tha an sgoil air diofar chom-pairteachasan èifeachdach a chur air dòigh gus taic a thoirt do ionnsachadh na cloinne. Ma bhios feum aig clann air taic a bharrachd, bidh luchd-teagaisg ag obair còmhla ri diofar bhuidhnean a bheir tuilleadh cuideachaidh dhaibh. Tha an sgoil air ceanglaichean fìor làidir a dhèanamh ri Comann Coimhearsnachd Bheàrnaraigh agus ri buidhnean eile gus foghlam na cloinne a neartachadh agus a leudachadh. Bidh cuirmean aig a’ chloinn do bhuidheann sheann daoine san sgìre agus bidh iad ag obair gu dlùth le gnìomhachasan ionadail ann an obair mar pròiseactan iomairt. Tha luchd-teagaisg ag ullachadh clann B7 gu math airson gluasad gu Sgoil MhicNeacail. Tha cothroman math aig clann a’ tòiseachadh ann am B1 tadhal san sgoil agus coinneachadh ris an neach-teagaisg aca.
Tha luchd-teagaisg a’ co-obrachadh gu math mar sgioba. Bidh iad a’ gabhail obair os làimh airson an sgoil a leasachadh gus am bi suidhichidhean nas fheàrr aig an luchd-ionnsachaidh. Bidh luchd-teagaisg ag obair còmhla anns na rumannan-teagaisg gus dòighean-teagaisg èifeachdach a cho-roinn. Còmhla ri pàrantan, bidh iad a’ dèanamh measadh air càileachd an fhoghlaim san sgoil agus a’ comharrachadh raointean leasachaidh freagarrach. Bidh luchd-taic a’ toirt cuideachadh fìor fheumail airson diofar thachartasan sgoile mar cuirmean-ciùil. Tha iad deònach trèanadh a bharrachd a dhèanamh airson an dòighean-teagaisg fhèin a leasachadh gus an toir iad seirbheis nas fheàrr don chloinn. Tha clann ag ionnsachadh uallach a ghabhail le bhith a’ dèanamh diofar dhleastanasan mar buddies san raon-sgoile. Tha a’ chomhairle sgoilear a’ tòiseachadh a’ toirt buaidh air co-dhùnaidhean a tha a’ bualadh air an sgoil aca. Tha comataidh uaine gnìomhach a’ co-obrachadh gu soirbheachail le pàrantan air diofar iomairtean, mar eisimpleir a’ leasachadh lios na sgoile. Tha luchd-teagaisg gu dìcheallach a’ leantainn modhan an ùghdarrais ionadail airson dèiligeadh ri gearanan.
Tha àrainneachd aoigheil agus oideachail san sgoil don chloinn. Tha cothroman cunbhalach aca air òrdaighean cràbhachd. Tha luchd-teagaisg agus clann fìor mhoiteil às an sgoil aca agus às na tha iad a’ coileanadh. Tha luchd-teagaisg eòlach air a’ chloinn agus tha iad a’ gabhail ceuman iomchaidh airson an dìon agus an cumail sàbhailte. Tha iad air trèanadh iomchaidh fhaighinn ann an dìon chloinne. Tha clann a’ creidsinn gun toir inbhich cuideachadh dhaibh ma bhios feum aca air. Bho na tùs ìrean, tha fìor urram agus uallach eadar a’ chlann agus eadar clann agus luchd-teagaisg. Uile gu lèir, bu chòir don sgoil brosnachadh nas soilleire a dhèanamh air cùisean co-ionannachd agus iomadachd san fharsaingeachd. Tha luchd-teagaisg a’ sùileachadh gum bi modh agus dòigh-giùlain na cloinne aig ìre àrd. Tha luchd-teagaisg a’ cleachdadh moladh gu math gus a’ chlann a bhrosnachadh gu bhith a’ dèanamh cho math ’s a ghabhas ann an leasain. Chan eil an ìre a tha iad a’ sùileachadh bho chuid den chloinn as comasaiche àrd gu leòr.
Aig an àm seo tha an sgoil ag ath-bhreithneachadh a sealladh, a luachan agus a h-amasan còmhla ri pàrantan agus clann. Tha an ceannard a’ toirt stiùireadh math agus tha i fìor eudmhor mun sgoil agus mun choimhearsnachd san fharsaingeachd. Tha i air obrachadh gu dlùth le luchd-teagaisg gus leasachaidhean a dhèanamh air an ionnsachadh agus an teagasg. Còmhla ri luchd-teagaisg, pàrantan agus clann tha i air prìomhachasan leasachaidh a chomharrachadh agus air plana soilleir a chur ri chèile airson nan leasachaidhean sin a stiùireadh. Tha a h-uile neach-teagaisg fìor thaiceil agus dealasach airson leudachadh air suidhichidhean ionnsachaidh na cloinne. Uile gu lèir, tha comas aig an sgoil a bhith a’ leasachadh nan roinnean foghlaim mar a tha iad air am mìneachadh san aithisg seo.
Tha sinn cinnteach gun urrainn don sgoil na leasachaidhean a dh’fheumar a dhèanamh mar thoradh air an sgrùdadh a choileanadh. Mar sin, cha bhi sinn a’ tilleadh don sgoil às dèidh an sgrùdaidh seo. Innsidh an t-ùghdarras foghlaim do phàrantan mu adhartas na sgoile le leasachadh càileachd an fhoghlaim.
Tha sinn air na raointean leasachaidh a leanas aontachadh leis an sgoil agus an ùghdarras foghlaim.
|
Tha comharran càileachd a’ cuideachadh sgoiltean agus sgoiltean-àraich, ùghdarrasan foghlaim agus luchd-sgrùdaidh a’ breithneachadh dè tha math agus dè dh’fheumas a bhith air a leasachadh ann an obair sgoile agus sgoil-àraich. Gheibh sibh na comharran càileachd sin anns na foillseachaidhean How good is our school? agus The Child at the Centre bho HMIE. Às dèidh dhaibh gach sgoil a sgrùdadh, cruinnichidh Riaghaltas na h-Alba measaidhean air trì comharran càileachd cudromach gus cunntas a chumail air dè cho math ’s a tha a h-uile sgoil agus sgoil-àraich an Alba a’ dèanamh.
’S iad seo na measaidhean airson Bun-sgoil Bheàrnaraigh.
Leasachaidhean ann an coileanadh |
math |
Suidhichidhean an luchd-ionnsachaidh |
math |
Coinneachadh ri feuman ionnsachaidh |
math |
Rinn sinn measadh cuideachd air na roinnean a leanas de dh’obair na sgoile.
An clàr-teagaisg |
riarachail |
Leasachadh tro fhèin-mheasadh |
math |
Neach-sgrùdaidh na Banrigh: Elaine Merrilees
25 Lùnastal 2009
Gus tuilleadh fhaighinn a-mach mu sgrùdaidhean no gus lethbhreac eileagtronaigeach fhaighinn den aithisg seo rachaibh gu www.hmie.gov.uk. Cuiribh fios gu Sgioba Rianachd agus Conaltradh Gnìomhachais (BMCT) ma tha sibh airson faighneachd mun ullachadh againn airson eadar-theangachadh no tionndaidhean iomchaidh eile.
Ma tha sibh airson beachd a thoirt air gin sam bith de na sgrùdaidhean againn, cuiribh fios thugainn aig HMIEenquiries@hmie.gsi.gov.uk no dh’fhaodadh sibh sgrìobhadh an-toiseach gu BMCT, Luchd-sgrùdaidh na Banrigh airson Foghlaim, Taigh Denholm, Pàirc Ghnìomhachais Almondvale, Slighe Almondvale, Baile Lèibhinn EH54 6GA.
Tha am modh gearain againn ri fhaotainn bhon làrach-lìn againn www.hmie.gov.uk no faodar sgrìobhadh chun a’ Mhanaidsear Ghearanan againn, aig an t-seòladh gu h-àird no fònadh 01506 600259.
Ma tha sibh fhathast mì-thoilichte leis na rinn sinn aig crìch ar modh gearain, faodaidh sibh ur gearan a thogail le Ombudsman Seirbheisean Poblach na h-Alba (SPSO). Tha an SPSO gu tur neo-eisimeileach le cumhachdan airson gearan mu roinnean agus bhuidhnean Riaghaltais a rannsachadh. Bu chòir dhuibh sgrìobhadh gu SPSO, Saor-phost EH641, Dùn Èideann EH3 0BR. Faodaidh sibh cuideachd fònadh 0800 377 7330, fax 0800 377 7331 no post-: ask@spso.org.uk. Gheibhear tuilleadh fiosrachaidh mu oifis an Ombudsman bhon làrach-lìn aig www.spso.org.uk.
Tha an aithisg seo a’ cleachdadh an sgèile fhacail a leanas gus breithneachadh an luchd-sgrùdaidh a shoilleireachadh.
sàr-mhath |
air leth, air thoiseach san roinn |
fìor mhath |
neartan mòra |
math |
neartan cudromach le raointean airson leasachadh |
riarachail |
neartan dìreach a’ toirt bàrr air laigsean |
lag |
laigsean cudromach |
neo-riarachail |
laigsean mòra |
Còraichean glèidhte leis a’ Chrùn 2009
Luchd-sgrùdaidh na Banrigh airson Foghlaim