Bunsgoil a’ Mheadhain Inbhir Nis Comhairle na Gàidhealtachd

27 An Giblean 2004

Clàr-innse

1. Bun-fhiosrachaidh
2. Prìomh neartan
3. Beachdan phàrantan agus luchd-cùraim, sgoilearan agus luchd-teagaisg
4. Dè cho math ’s a tha ionnsachadh, teagasg agus coileanadh?
5. Dè cho math ’s a tha an taic do sgoilearan?
6. Dè cho math ’s a tha an suidheachadh ionnsachaidh?
7. Leasachadh na sgoile
Pàipear-taice 1 Cuimsean càileachd
Pàipear-taice 2 Geàrr-chunntas air freagairtean ceisteachain
Ciamar a gheibh sibh fios thugainn?

1. Bun-fhiosrachaidh

Chaidh sgrùdadh Bhunsgoil a’ Mheadhain a dhèanamh san Fhaoilleach 2004 mar phàirt de shampall nàiseanta de fhoghlam bunsgoile. Ghabh an sgrùdadh a-steach prìomh roinnean de dh’obair na sgoile aig a h-uile ìre. Rinn e measadh air coileanadh sgoilearan, buaidh na sgoile agus an suidheachadh ionnsachaidh. Chaidh sùil shònraichte a thoirt air coileanadh ann am Beurla, Gàidhlig agus matamataig.

Rinn Luchd-sgrùdaidh na Bànrighe measadh air obair sgoilearan agus agallamhan le luchd-teagaisg agus sgoilearan. Rinn iad measadh air modhan na sgoile airson fèin-mheasadh. Thug iad aire do fhreagairtean ri ceisteachain a chaidh a chur gu taghadh de phàrantan, gu sgoilearan B4 to B7, agus chun a h-uile neach-teagaisg. Tha fiosrachadh mu cho-dhùnaidhean nan ceisteachan ann am Pàipear-taice 2. Cuideachd choinnich buill den sgioba-sgrùdaidh ri cathraiche Bòrd na Sgoile, riochdairean bhon bhuidhinn phàrant-thidsear (PTA) agus riochdaire bho Chomunn nam Pàrant, am buidheann ionadail airson pàrantan chloinne ann an clasaichean meadhan-Gàidhlig.

Tha an sgoil a’ frithealadh sgìre-còmhnaidh mhòr air taobh siar Abhainn Nis an Inbhir Nis. A thuilleadh air sin, bha clann sna clasaichean meadhan-Gàidhlig a’ siubhal bho thaobh a-staigh cearcall 20 mìle mun sgoil, a’ gabhail a-staigh pàirtean eile den mhòr-bhaile. Fhuair an sgoil inbhe Sgoil Coimhearsnachd Ùr (NCS). Aig àm an sgrùdaidh bha 425 air an rolla, a’ gabhail a-staigh 44 san sgoil-àraich. Bha a’ chuibhreann de sgoilearan le còir air biadh-sgoile an-asgaidh nas ìsle na a’ chuibheasachd nàiseanta. Bha frithealadh-sgoile a rèir na cuibheasachd nàiseanta.

Tha measaidhean na h-aithisge seo, ach a-mhàin far a bheil a’ chaochladh air a chomharrachadh, a’ gabhail a-staigh gach cuid clasaichean meadhan-Gàidhlig agus meadhan-Beurla.

Aig an aon àm rinn HMIE agus an Coimisean Cùraim sgrùdadh co-òrdanaichte de fhoghlam ro-sgoile agus tha sinn ann an aithisg air leth.

2. Prìomh neartan

Chomharraich Luchd-sgrùdaidh na Bànrighe na prìomh neartan a leanas.

  • Sealladh agus dealas a’ cheannaird.
  • Àrd luchd-stiùiridh agus luchd-teagaisg dìcheallach agus dìleas.
  • Ullachadh làidir airson cùram agus sochair gus dèanamh cinnteach gum bi làn chom-pàirt aig a h-uile sgoilear ann am beatha na sgoile.
  • Adhartas fìor mhath taobh a-staigh chùrsaichean, gu sònraichte ann am Beurla agus Gàidhlig, saidheans agus matamataig, a lean gu ionnsachadh leantainneach do sgoilearan.
  • Sùileachadh àrd thidsearan airson obair agus giùlan sgoilearan.
  • Siostaman èifeachdach gealltanas càileachd anns an robh a’ phrìomh chudrom air coileanadh agus buileachadh sgoilearan.

3. Beachdan phàrantan agus luchd-cùraim, sgoilearan agus luchd-teagaisg

Uile gu lèir, bha beachdan fàbharach aig pàrantan, sgoilearan agus luchd-teagaisg mun h-uile roinn de obair na sgoile. Bha cha mhòr a h-uile pàrant a’ faireachdainn gu robh a’ chlann aca toilichte san sgoil agus bha iad gu sònraichte toilichte mun chùram agus sochair a fhuair iad. Bha iad den bheachd gu robhar a’ dèiligeadh gu cothromach ris a’ chloinn aca. Ach, bha mòran phàrantan mì-thoilichte mu staid a’ ghàrradh-sgoile. Bha beagan phàrantan a’ faireachdainn gu robh grunn thidsearan solair air foghlam na cloinne a chumail air ais. Bha beagan phàrantan ag iarraidh conaltradh nas fheàrr bhon sgoil gu sònraichte an co-cheangal ri prìomh-amasan na sgoile airson leasachadh foghlam a’ phàiste aca. Thuirt sgoilearan gu robh tidsearan a’ sùileachadh gun obraicheadh iad cho cruaidh ’s a ghabhadh. Thuirt iad cuideachd gum faodadh iad dòighean a mholadh airson an sgoil a leasachadh. Ach, bha cuid de sgoilearan a’ smaoineachadh gu robh sgoilearan eile nach robh modhail gu leòr. Chuir luchd-teagaisg meas air beachdachadh cunbhalach mun dòigh air prìomh-amasan na sgoile a choileanadh agus bha cha mhòr na h-uile den bheachd gu robh an sgoil air a deagh stiùireadh. Bha beagan thidsearan-taice a’ faireachdainn gu robh corra sgoilear nach robh a’ toirt urram gu leòr dhaibh.

4. Dè cho math ’s a tha ionnsachadh, teagasg agus coileanadh?

Bha farsaingeachd agus cothromachd clàr-teagaisg na sgoile math. Bha an sgoil air sùbailteachd sa chlàr-teagaisg a chleachdadh gu h-èifeachdach gus barrachd ùine a thoirt airson Beurla agus mar thoradh air an seo bha coileanadh iomlan na cloinne air a mheudachadh. Chuir tidsearan-siubhail mòran ri eòlas sgoilearan. Rinn iomairtean sònraichte a’ gabhail a-staigh pròiseactan iomairt agus frithealadh fhèisean leudachadh air a’ chlàr-teagaisg. Bha stiùireadh fìor mhath ann do luchd-teagaisg a thaobh teagasg matamataig, Beurla agus Gàidhlig, agus saidheans. Rinn seo cinnteach gu robh suidheachadh fìor leantainneach aig sgoilearan bhon sgoil-àraich gu P7, gu sònraichte ann am matamataig agus Beurla. Bha an sgoil a’ tuigsinn gum feumar ath-bhreithneachadh mar a bha prògraman airson nan ealan chruthachail do na clasaichean meadhan-Beurla air an cur an gnìomh.

Uile gu lèir, bha càileachd an teagaisg math agus gu tric bha e fìor mhath. Shuidhich luchd-teagaisg cuimsean soilleir ann am Beurla agus matamataig a bha iad a’ co-roinn gu cunbhalach ri sgoilearan. Bha sgoilearan cuideachd a’ suidheachadh an cuimsean fhèin taobh a-staigh am planaichean ionnsachaidh pearsanta. Rinn tidsearan deagh ullachadh airson an cuid obrach agus san fharsaingeachd rinn iad soilleir do sgoilearan gu robh mòran air a shùileachadh bhuapa a thaobh an obair agus an giùlain. Chruthaich ceasnachadh èifeachdach nan tidsearan agus an deagh dhàimhean ri sgoilearan mothachadh air adhbhar sna clasaichean. Bha obair-dachaigh freagarrach air a shuidheachadh feadh gach raon den chlàr-teagaisg. Bha a’ chuid as motha de sgoilearan sna h-ìrean meadhan agus àrda comasach air obrachadh air an ceann fhèin. Rinn iad cuideachd co-obrachadh fìor mhath, gu sònraichte ann an gnìomhan leughaidh agus sgrìobhaidh. Sa chuid as motha de chlasaichean, bha sgoilearan air an cuideachadh gu bhith ag obair aig astar luath. Bha a’ chuid as motha de sgoilearan fìor mhodhail agus bha cha mhòr na h-uile dìcheallach. Rinn rannsachaidhean agus dearbhaidhean inntinneach leudachadh riaghailteach air eòlas agus tuigse sgoilearan ann an saidheans. Rinn sgoilearan aig a h-uile ìre mòran leughaidh agus bha iad comasach air beachdachadh le misneachd, air dè tha teagsaichean a’ ciallachadh.

Bha an sgoil fìor shoirbheachail ann a bhith a’ toirt air adhart leasachadh pearsanta agus sòisealta na cloinne. Bha sgoilearan modhail agus fèin-mhisneachail. Bha an comhairle sgoilear cudromach don sgoil agus b’ iad a thòisich am bàr bidhe aig meadhan-latha. Thug clubaichean bidhe agus clubaichean ionnsachaidh taic do chuid de sgoilearan agus cothroman do fheadhainn eile air a bhith a’ gabhail uallach. Thug gnìomhan iomairt deagh chothroman do sgoilearan airson co-obrachadh agus thug iad dhaibh barrachd tuigse mun àrainneachd. Rinn an sgoil fìor fheum de World Books Day gus litearras a bhrosnachadh. Bha sgilean sgoilearan ann an teicneolas fiosrachaidh agus conaltraidh (TFC) air an sìor leasachadh. Ach cha robh tidsearan fhathast a’ cleachdadh TFC gu cunbhalach air feadh a’ chlàr-theagaisg gu lèir. Rinn a’ chòisir Ghàidhlig sàr mhath aig a’ Mhòd Nàiseanta Rìoghail. Rinn a’ chòisir Bheurla gu math aig an fhèis ionadail. Ghabh cuid de na sgoilearan pàirt ann an sgioban ball-coise agus snàmh na sgoile agus bha iad fìor shoirbheachail ann an co-fharpaisean.

Beurla

Uile gu lèir, bha càileachd a’ choileanaidh ann am Beurla math. Bha coileanadh na sgoile air meudachadh sa chuid as motha de ìrean rè nan trì bliadhna mu dheireadh. Feadh gach ìre, bha a’ chuid as motha de sgoilearan a’ coileanadh nan ìrean iomchaidh ann an èisteachd, labhairt, leughadh agus sgrìobhadh. Bha mòran de sgoilearan a’ coileanadh seach ìrean nàiseanta. Aig a h-uile ìre bha cha mhòr a h-uile sgoilear ag èisteachd gu math agus a’ labhairt le misneachd. Ann am P1/P2, bha sgoilearan ag ionnsachadh deagh sgilean ann an leughadh ‘leabhraichean mòra’. Bha iad air deagh sgilean sgrìobhaidh a thogail gu luath mar thoradh air na ro-innleachdan teagaisg eagraichte. Aig gach ìre eile rinn a’ chuid as motha de sgoilearan earrannan sgrìobhaidh leudaichte le deagh òrdugh. Bha an sgrìobhadh a rinn beagan de na sgoilearan aig P6/P7 aig ìre fìor àrd. Nochd cha mhòr a h-uile sgoilear fìor ùidh ann an leughadh airson toileachaidh. Tron sgoil gu lèir, bha sgilean a’ chuid as motha de sgoilearan ann an leughadh airson fiosrachaidh a’ tighinn air adhart gu math.

Gàidhlig

Uile gu lèir, bha càileachd a’ choileanaidh ann an Gàidhlig math. Bha coileanadh aig P3, P4 agus P6 air meudachadh rè nan trì bliadhna mu dheireadh. Ach, bha coileanadh ann am P7 air a dhol sìos rè 2002-2003. Bho P1 air adhart rinn a h-uile sgoilear adhartas fìor mhath a’ togail sgilean ann an èisteachd agus labhairt. Ro P7 bha iad comasach air beachdachadh air iomadh seòrsa cuspair ann an Gàidhlig fhileanta, ghnàthasach. Ann an leughadh, bha a’ chuid as motha de sgoilearan aig P3 agus P6 a’ coileanadh nan ìrean nàiseanta. Aig P7, bha dàrna leth na cloinne a’ coileanadh nan ìrean sin agus bha cuid dhiubh seach na h-ìre seo. Bho P3 gu P7 chleachd sgoilearan an sgilean gu h-èifeachdach ann an leughadh airson fiosrachaidh gus an obair ann an eòlas àrainneachd agus foghlam spioradail agus moralta a rannsachadh. Ann an sgrìobhadh, bha a’ mhòr-chuid aig P3, cha mhòr na h-uile aig B6 agus mun dàrna leth aig P7, a’ coileanadh nan ìrean nàiseanta. Rinn sgoilearan mòran sgrìobhaidh mu thaghadh de chuspairean co-cheangailte ris a h-uile roinn den chlàr-teagaisg. Choilean grunn sgoilearan ann am P3 gu P5 ìrean fìor àrd sna sgeulachdan dùbhlain a rinn iad bho mhac-meanmna. Sgrìobh sgoilearan ann am P7 dàin mac-meanmnach agus beothail mu bhith ann an crith-thalmhainn ach bha feum aca air tuilleadh cleachdaidh gus inbhe iomlan an sgrìobhaidh aca a thogail. Bha coileanadh P7 a’ tighinn air adhart.

Matamataig

Uile gu lèir, bha càileachd a’ choileanaidh ann am matamataig math. Rè nan ceithir bliadhna mu dheireadh, bha sìor leasachadh ann. Aig a h-uile ìre, bha a’ chuid as motha de sgoilearan a’ coileanadh nan ìrean nàiseanta iomchaidh feadh nam builean coileanaidh gu lèir. Bha misneachd aig sgoilearan ann am P1 a’ cleachdadh briathrachas matamataig. Aig a h-uile ìre, b’ urrainn don chuid as motha de sgoilearan àireamhachadh inntinneil a dhèanamh gun mhearachd. Bha misneachd aca ann an cleachdadh ro-innleachdan airson fuasgladh chruaidh cheistean agus àireamhachd. Chaidh deagh fheum a dhèanamh de TFC ann an cuid de chlasaichean gus tuigse sgoilearan mu làimhseachadh fiosrachaidh a leudachadh. Chaidh obair-dachaigh a chleachdadh gu math gus obair a chaidh ionnsachadh sa chlas a dhaingneachadh. Sna h-ìrean àrda, bha duilgheadas aig cuid de sgoilearan ann an obrachadh le bloighean agus àireamhan sa cheud.

5. Dè cho math ’s a tha an taic do sgoilearan?

Bha a h-uile neach-teagaisg misneachail mu bhuileachadh mhodhan airson dìon chloinne agus an aghaidh burraidheachd air an robh tuigse fìor mhath aca. Rinn am Buidheann Ceangal Sgoiltean co-òrdanachadh èifeachdach air taic bho chaochladh bhuidhnean gus taic shònraichte a thoirt airson feuman sòisealta agus faireachail na cloinne. Còmhla ri luchd-teagaisg taice, bha na sgoilearan a bu shine a’ dèanamh cinnteach gum biodh sgoilearan modhail sa ghàrradh-sgoile le bhith a’ cumail sùil air sgoilearan nas òige agus a’ toirt taic dhaibh. Mar phàirt de iomairt na sgoile mar sgoil a tha a’ misneachadh deagh shlàinte, bha cuid de sgoilearan a’ frithealadh a’ chlub bracaist. Bha planaichean aig an sgoil airson pàirt a ghabhail san ‘Iomairt Slighean nas Sàbhailte chun na Sgoile’ mar thoradh air na cunnartan a dh’fhaodadh an adhbharachadh le draibhearan a’ leigeil às agus a’ togail sgoilearan taobh a-muigh na sgoile.

Uile gu lèir, bha dòighean air coinneachadh ri feuman sgoilearan math. Bha feuman sgoilearan air taic a bharrachd air an comharrachadh agus air am measadh gu h-èifeachdach le tidsearan taic ionnsachaidh, an sìc-eòlaiche foghlaim agus an co-òrdanaiche taic giùlain. Bha giùlan cuid de sgoilearan gu sònraichte gan cur gu dùbhlan. Ach, thug iomairt NCS cothrom don sgoil air beagan ro-innleachdan mac-meanmnach a dheilbh gus coinneachadh ri na feuman ioma-fhillte sin. Bha dealas làidir na sgoile airson taic a thoirt do sgoilearan le iomadh seòrsa feum a bharrachd a’ ciallachadh gum biodh an ceannard gu tric ag ath-bhreithneachadh mar a tha goireasan air an cleachdadh. Rinn coinneamhan cunbhalach, a’ gabhail a-staigh pàrantan agus riochdairean bho bhuidhnean eile, cinnteach gu robh sùil air a chumail air adhartas na cloinne. Bhathar a’ cur ri Clàir Fheuman nuair a bhiodh sin iomchaidh. Bha deagh mhodhan aig an sgoil airson cuimsean ionnsachaidh a shuidheachadh don h-uile sgoilear. Bha sgoilearan air an cur ann am buidhnean a rèir comais airson cànan agus matamataig aig cuid de ìrean. Bha an sgoil a’ cumail sùil air an t-suidheachadh sin gus dèanamh cinnteach gur e an dòigh a b’ fheàrr air coinneachadh ri feuman. Ach, bha cuid de thidsearan nach robh cho comasach ri feadhainn eile air gnìomhan ullachadh a thug deagh aire do na comasan eadar-dhealaichte aig sgoilearan. Bu chòir do chuid de thidsearan feum na b’ fheàrr a dhèanamh den fhiosrachadh bhon taghadh math de mheasaidhean gus dèanamh cinnteach gu robhar a’ làn choinneachadh ri feuman a h-uile sgoilear. Thug luchd-cuideachaidh deagh thaic do sgoilearan sa chlas. Ach, dh’fheumadh tidsearan sna clasaichean meadhan-Beurla barrachd treòrachaidh agus taic a thoirt don luchd-obrach sin.

6. Dè cho math ’s a tha an suidheachadh ionnsachaidh?

Cùis

Beachd

Càileachd nan togalaichean agus nan goireasan

Bha càileachd nan togalaichean meadhanach math. Rinn an ceannard am feum a b’ fheàrr de na ceithir togalaichean sgoile eadar-dhealaichte agus bha taisbeanaidhean fìor mhath de obair sgoilearan follaiseach. Cha robh mòran rùm ann airson taic shònraichte a thoirt do sgoilearan le feuman dùbhlanach agus ioma-fhillte agus cha robh leabharlann san sgoil. Bha siostam fìor shàbhailte aig doras na sgoile ach cha robh àiteachan-feitheimh do phàrantan taobh a-staigh an togalaich freagarrach. Dh’fhaodadh talamh neo-chòmhnard a’ ghàrradh-sgoile a bhith cunnartach agus bha seo a’ ciallachadh nach robh saorsa aig sgoilearan gu bhith a’ cluich ann. Bha cothroman do sgoilearan le ciorraman bodhaig fìor chuingichte.

Suidheachadh agus dàimhean, sùileachadh agus adhartachadh buileachaidh agus co-ionannachd

Bha luchd-teagaisg agus sgoilearan fìor mhoiteil às an sgoil. Bha cha mhòr a h-uile sgoilear fìor mhodhail. Bha an ceannard air sgioba èifeachdach de luchd-teagaisg a chur ri chèile a bha math air obrachadh còmhla. B’ e a’ chomhairle sgoilear buidheann misneachail de sgoilearan a bha a’ togail chùisean agus a’ gabhail uallach. O chionn ghoirid chuir iad athchuinge air dòigh a bha a’ cur an cèill am miann air slighe gu pàirc ionadail a chumail fosgailte. Thug co-chruinneachaidhean seachdaineach cothrom air a bhith a’ comharrachadh na bha sgoilearan a’ buileachadh, a’ cur aghaidh air cùisean sòisealta agus a’ cumail òrdaighean cràbhachd. Shoirbhich an ceannard ann an

Suidheachadh agus dàimhean, sùileachadh agus adhartachadh buileachaidh agus co-ionannachd

stèidheachadh suidheachadh coileanaidh do na h-uile. Bha an sgoil fìor èifeachdach ann an dèanamh cinnteach gu robhar a’ dèiligeadh gu co-ionann ris a h-uile sgoilear sna clasaichean meadhan-Gàidhlig agus meadhan-Beurla agus a’ cur luach air nithean a bhuineas do chultaran eadar-dhealaichte.

Co-obrachadh le pàrantan ‘s a’ choimhearsnachd

Bha deagh cheanglaichean aig an sgoil ri pàrantan agus luchd-cùraim, agus ri Bòrd na Sgoile. O chionn ghoirid bha am PTA air cur ris an àireamh de bhall agus thug e deagh thaic don sgoil tro thogail-airgid. Chuir an sgoil co-chomhairle ri pàrantan tro na ceisteachain. Chaidh beachdan phàrantan a shireadh cuideachd mu mhodhan na sgoile a thaobh foghlam slàinte. Chum litrichean-naidheachd cunbhalach fiosrachadh riutha mun sgoil. Chaidh fiosrachadh a thoirt do phàrantan mu adhartas na cloinne tro aithrisean goirid eadar-amail agus aithisg bhliadhnail le barrachd fiosrachaidh. Chum an sgoil làithean fosgailte agus coinneamhan oidhche feumail. Ach, bha an ceannard mothachail gu robh cuid de phàrantan ag iarraidh barrachd fiosrachaidh mu adhartas na cloinne agus mun amas aice-se agus aig an ùghdarras, airson na sgoile. Bha planaichean aice airson aghaidh a chur air an seo. Bha deagh cheanglaichean air an stèidheachadh le eaglaisean ionadail, an talla-chluich, gnothachasan ionadail, agus na h-àrdsgoiltean co-cheangailte riutha.

7. Leasachadh na sgoile

Thug an sgoil suidheachadh foghlaim fìor mhath do sgoilearan taobh a-staigh àrainneachd thoilichte, shàbhailte agus dàimheil. Mar thoradh air a cudrom làidir air buileachadh bha a’ chuid as motha de sgoilearan a’ coileanadh nan cuimsean nàiseanta no nas àirde. Bha misneachd agus comas aig a’ chuid as motha de sgoilearan gus am beachdan a chur an cèill. Bha obair-sgioba èifeachdach na phàirt deimhinneach den sgoil agus thug luchd-teagaisg deagh thaic do chàch-a-chèile. Choinnich an sgoil gu h-èifeachdach ris na feuman eadar-dhealaichte agus rinn i an fheum a b’ fheàrr de cheanglaichean ri buidhnean. Bha càileachd an teagaisg agus an ionnsachaidh math agus uaireannan fìor mhath.

Thug an ceannard stiùireadh fìor èifeachdach. Bha i air a h-amas a dhèanamh follaiseach do luchd-teagaisg dhan tug i misneachd agus togail. Bha i an dùil leudachadh air a’ cho-obrachadh le pàrantan. Bha a dealas airson àrdachadh coileanaidh agus luach co-ionann air a h-uile sgoilear ri fhaicinn sa h-uile leasachadh. Gu sònraichte, bha i a’ cur cudrom air àrdachadh coileanaidh sgoilearan ann am P7 sa chlas meadhan-Gàidhlig. Rè an dà bhliadhna mu dheireadh bha mòran neo-làthaireachd luchd-teagaisg na dhùbhlain shònraichte agus thug e buaidh air leasachadh leantainneach coileanaidh aig ìrean den sgoil. Choilean an triùir leas-cheannard an dleastanasan gu fìor èifeachdach sa bheagan ùine a bha aca airson stiùireadh. Bha an ceannard air ùghdarras a thoirt don h-uile neach-teagaisg a bhith a’ gabhail pàirt den uallach airson leasachadh na sgoile. Bha iad soilleir mu phrìomh-amasan airson leasachadh ri teachd agus bha iad fìor fheumail do bhuidhnean obrach. Bha na modhan fìor èifeachdach aig àrd luchd-stiùiridh airson sùil a chumail air dòighean-teagaisg a’ gabhail a-staigh measadh air planaichean thidsearan, sgrùdadh leabhrain sgoilearan agus sùil shònraichte air dòighean-teagaisg sa chlas. Bha misneachd aig tidsearan ann an cumail sùil air an obair fhèin agus càch-a-chèile. Bha an sgoil air sealltainn gu soilleir a comas air leasachadh rè nan trì bliadhna mu dheireadh agus bha i fìor chomasach air an leasachadh seo a chumail a’ dol.

Bu chòir don sgoil agus an t-ùghdarras foghlaim obrachadh gus coinneachadh nas fheàrr ri feuman sgoilearan. Ann a bhith a’ dèanamh seo bu chòir dhaibh aire a thoirt don fheum air:

  • aghaidh a chur air sàbhailteachd na cloinne a thaobh talamh corrach a’ ghàrradh-sgoile;
  • leasachadh a dhèanamh air coileanadh ann an Gàidhlig agus Beurla sna h-ìrean àrda de na clasaichean meadhan-Gàidhlig;
  • leasachadh a dhèanamh air dòighean anns a bheilear a’ cleachdadh measadh tron sgoil air fad, agus trèanadh a thoirt do luchd-cuideachaidh clasa ann an clasaichean meadhan-Beurla gus am bithear a’ coinneachadh gu cunbhalach ri feuman a h-uile sgoilear; agus
  • togail air an dlùth cho-obrachaidh le pàrantan agus com-pàirteachadh riutha, ann an dòigh nas èifeachdaiche, an amas airson na sgoile

Dè thachras a-nis?

Chaidh iarraidh air an sgoil agus an ùghdarras foghlaim plana-gnìomha ullachadh a’ sealltainn mar a dhèiligeas iad ri prìomh cho-dhùnaidhean na h-aithisge, agus am plana sin a cho-roinn le pàrantan agus luchd-cùraim. Taobh a-staigh dà bhliadhna de cheann-là foillseachaidh na h-aithisge seo thèid innse do phàrantan agus luchd-cùraim mun adhartas a rinn an sgoil.

Lorna Walker
Neach-sgrùdaidh na Bànrighe

27 An Giblean 2004

Pàipear-taice 1: Cuimsean càileachd

Bhreithnich sinn na leanas fìor mhath

Bhreithnich sinn na leanas math

Bhreithnich sinn na leanas meadhanach math

Bhreithnich sinn na leanas neo-thaitneach

Pàipear-taice 2: Geàrr-chunntas air freagairtean a’ cheisteachain

Tha roinnean cudromach de fhreagairtean bho na caochladh bhuidhnean a fhuair ceisteachain air an liostadh gu h-ìosal.

Na nithean a b’ fheàrr a chòrd ri pàrantan agus luchd-cùraim

Na nithean a bhiodh pàrantan agus luchd-cùraim airson an leasachadh

  • Bha oidhcheannan phàrant feumail agus fiosrachail.
  • Chuir luchd-teagaisg fàilte bhlàth orra san sgoil.
  • Shaoil a’ chlann aca gu robh an obair-sgoile inntinneach agus dùbhlanach.
  • Bha a’ chlann aca agus tidsearan a’ cur urram air càch-a-chèile.
  • Bha an sgoil air a deagh stiùireadh.
  • Bha iad airson beachd soilleir fhaighinn mu phrìomh-amasan na sgoile airson foghlam na cloinne aca a leasachadh.

Na nithean a b’ fheàrr a chòrd ri sgoilearan

Na nithean a bhiodh sgoilearan airson an leasachadh

  • Bha tidsearan a’ ceartachadh an obair-dachaigh gu cunbhalach.
  • Chuidich tidsearan iad nuair nach b’ urrainn dhaibh an obair a dhèanamh.
  • Chuidich an sgoil iad a’ cumail sàbhailte agus fallain.
  • Fhuair iad air adhart gu math le clann eile.
  • Giùlan cuid den chloinn san sgoil.

Na nithean a bu mhotha a thug toileachas do luchd-teagaisg

Na nithean a bhiodh luchd-teagaisg airson an leasachadh

  • Conaltradh èifeachdach eadar àrd luchd-stiùiridh agus luchd-teagaisg.
  • Deagh chothroman air a bhith a’ com-pàirteachadh sna modhan co-dhùnaidh.
  • Chaidh dèiligeadh gu h-èifeachdach ri mì-rian.
  • Bha soirbheachadh sgoilearan air a chomharrachadh gu cunbhalach.
  • Bha e a’ còrdadh riutha a bhith ag obair san sgoil.
  • Bha an sgoil air a deagh stiùireadh.
  • Cha robh draghan mòra sam bith aig tidsearan.
  • Bha cuid den luchd-taice den bheachd nach robh urram gu leòr eadar iad fhèin agus sgoilearan.

Ciamar a gheibh sibh fios thugainn?

Chaidh lethbhric den aithisg seo chun a’ cheannaird agus luchd-obrach san sgoil, Stiùiriche an Fhoghlaim, a’ Chultair agus an Spòrs, comhairlichean ionadail agus Buill Pàrlamaid Albannach iomchaidh. Neach sam bith a tha ag iarraidh lethbhreac an asgaidh tha còir aige cur ga iarraidh gu Luchd-sgrùdaidh na Bànrighe airson Foghlaim, Taigh an Raoin Rèidh, 28 Rathad an Raoin Rèidh, Inbhir Nis IV1 1SF no fònadh 01463 253115. Tha e ri fhaotainn cuideachd air an làrach-lìn againn: www.hmie.gov.uk.

Neach sam bith a tha airson beachd a thoirt seachad mu nì sam bith san sgrùdadh no san aithisg seo, tha còir aige sgrìobhadh an toiseach gu Frank Crawford, HMCI aig Luchd-sgrùdaidh na Bànrighe airson Foghlaim, Aitreabh Europa, 450 Sràid Earra-Ghàidheil, Glaschu G2 8LG an t-seòladh gu h-àird. Tha lethbhreac den mhodh gearain againn ri fhaotainn bhon oifis sin agus air an làrach-lìn againn.

Ma tha sibh fhathast mì-thoilichte, faodar fios a chur dìreach gu Ombudsman Seirbheisean Poblach na h-Alba no tron Bhall Pàrlamaid Albannach agaibh. Tha Ombudsman Seirbheisean Poblach na h-Alba gu tur neo-eisimeileach le ùghdarras airson gearanan an aghaidh Roinnean agus Buidhnean Riaghaltais a rannsachadh. Sa chumantas cha bheachdaich i mun ghearan agaibh gus an tèid modh gearain HMIE a chleachdadh. An àite sin, mar as trice iarraidh i cothrom an toiseach air cùisean a chur ceart ma ghabhas sin dèanamh.

Feumaidh gearanan gu Ombudsman Seirbheisean Poblach na h-Alba a bhith air an cur a-steach taobh a-staigh 12 mìosan de cheann-là foillseachaidh na h-aithisge seo.

Gheibhear fios chun an Ombudsman aig:
Ban-Ollaimh Ailios Brown
Ombudsman Seirbheisean Poblach na h-Alba
23 Sràid Walker
Dùn Èideann
EH3 7HX
Àireamh-fòn: 0870 011 5378
post-dealain: enquiries@scottishombudsman.org.uk

Tha tuilleadh fiosrachaidh mu oifis an Ombudsman ri fhaotainn bhon làrach-lìn: www.scottishombudsman.org.uk

Còraichean glèidhte leis a’ Chrùn 2004
Luchd-sgrùdaidh na Bànrighe airson Foghlaim

Faodar lethbhreac a dhèanamh den aithisg seo gu h-iomlan no de earrann dhi, ach chan fhaodar a chleachdadh ann am malairt no ann an co-cheangal ri leabhran-fiosrachaidh no sanas, agus feumar iomradh a thoirt air an aithisg agus ceann-là a foillseachaidh.