1 An t-Òg Mhìos 2004
1. Bun-fhiosrachadh
2. Prìomh neartan
3. Beachdan phàrantan agus luchd-cùraim,
sgoilearan agus luchd-teagaisg
4. Dè cho math s a tha ionnsachadh,
teagasg agus coileanadh?
5. Dè cho math s a tha an
taic do sgoilearan?
6. Dè cho math s a tha an
suidheachadh ionnsachaidh?
7. Leasachadh na sgoile
Pàipear-taice 1 Cuimsean càileachd
Pàipear-taice 2 Geàrr-chunntas
air freagairtean ceisteachain
Ciamar a gheibh sibh fios thugainn?
Chaidh sgrùdadh Bhunsgoil Ghàidhlig Ghlaschu a dhèanamh san Fhaoilleach 2004 mar phàirt de shampall nàiseanta de fhoghlam bunsgoile. Ghabh an sgrùdadh a-steach prìomh roinnean de dhobair na sgoile aig a h-uile ìre. Rinn e measadh air coileanadh sgoilearan, buaidh na sgoile agus an suidheachadh ionnsachaidh. Chaidh sùil shònraichte a thoirt air coileanadh ann an Gàidhlig, Beurla agus matamataig.
Rinn Luchd-sgrùdaidh na Bànrighe measadh air obair sgoilearan agus agallamhan le luchd-teagaisg agus sgoilearan. Rinn iad measadh air modhan fèin-mheasaidh na sgoile. Thug iad aire do fhreagairtean ri ceisteachain a chaidh a chur gu taghadh de phàrantan, gu sgoilearan B4 to B7, agus chun a h-uile neach-teagaisg. Tha fiosrachadh mu cho-dhùnaidhean nan ceisteachan ann am Pàipear-taice 2. Cuideachd choinnich buill den sgioba-sgrùdaidh cathraiche Bòrd na Sgoile, agus riochdairean bho bhuidhnean phàrant agus coimhearsnachd.
Tha an sgoil ann am meadhan baile Ghlaschu. Chaidh a stèidheachadh an 1999 agus tha i a tabhann foghlam tro mheadhan na Gàidhlig do chloinn san sgoil-àraich agus do sgoilearan bho B1 gu B7. A thaobh a mhòr-chuid den chloinn, s i a Ghàidhlig an dàrna cànan aca. Tha sgoilearan a cur a-steach iarrtas airson àite agus tha iad a tighinn bho gach ceàrn den bhaile agus bho na h-ùghdarrasan mun cuairt. Aig àm an sgrùdaidh bha 185 air an rolla, a' gabhail a-staigh 26 san sgoil-àraich. Cha robh an sgoil-àraich air a gabhail a-staigh san sgrùdadh seo. Bha a chuibhreann de sgoilearan le còir air biadh-sgoile an-asgaidh nas ìsle na a chuibheasachd nàiseanta. Bha frithealadh-sgoile os cionn na cuibheasachd nàiseanta.
Chomharraich Luchd-sgrùdaidh na Bànrighe na prìomh neartan a leanas.
Cho-dhùin an sgioba gu robh pàrantan agus luchd-cùraim, sgoilearan agus luchd-teagaisg fìor thoilichte le obair na sgoile. Shaoil iad gu robh cliù fìor mhath aig an sgoil sa choimhearsnachd agus gu robh i air a deagh stiùireadh. Bha sgoilearan toilichte san sgoil agus bha iad a smaoineachadh gu robh com-pàirt air a thoirt dhaibh ann an co-dhùnadh mun dòigh air an sgoil a leasachadh. Bha a h-uile neach-teagaisg toilichte ag obair san sgoil agus bha iad a faireachdainn gu robh deagh chom-pàirt aca sa mhodh co-dhùnaidh. Bha iomagain air luchd-teagaisg, pàrantan agus luchd-cùraim, leis an rolla a meudachadh, gu robh an togalach ro bheag dhaibh. Bha pàrantan agus luchd-cùraim den bheachd gu robh an sgoil a tabhann mòran chothroman don chloinn a bhith a com-pàirteachadh ann an suidhichidhean ionnsachaidh, spòrs agus cultair. Bha iad den bheachd cuideachd gu robh sin a toirt don chloinn mothachadh mun choimhearsnachd agus misneachd.
Suidhichidhean ionnsachaidh agus coileanadh na cloinne
Bha structar agus cothromachadh iomchaidh ann an clàr-teagaisg na sgoile air a lìbhrigeadh tro mheadhan na Gàidhlig. Aig amannan, bha cus ullachadh sa chlàr-teagaisg do na sgoilearan a b òige, agus gu sònraichte sgoilearan B1. Cha robh ùine gu leòr aig a chloinn airson gnìomhan prataigeach leithid cluich no leudachadh an sgilean litearrais. Bho B3 air adhart, an dèidh ùine bogaidh sa Ghàidhlig, bha na sgoilearan a faighinn leasanan Beurla. Bho P6, bha sgoilearan cuideachd ag ionnsachadh Gearmailtis. A bharrachd air obair stèidhichte san sgoil rinn luchd-teagaisg feum fìor mhath de chothroman sa choimhearsnachd air a bhith a leudachadh roghainnean agus gnìomhan na cloinne. Bha iad sin a gabhail a-staigh com-pàirteachadh le buidhnean cultarach eile agus ann an tachartasan sa bhaile leithid co-fharpaisean, spòrs agus cluich air beulaibh a mhòr-shluaigh. Chaidh cudrom fìor mhath a chur air pàirtean de chultar na Gàidhlig agus na h-Alba fhilleadh a-staigh sa chlàr-teagaisg.
Chleachd tidsearan deagh thaghadh de mhodhan teagaisg a gabhail a-staigh teagasg dìreach fìor èifeachdach. Chleachd iad deagh cheasnachadh gu cunbhalach agus thug iad ùine smaoineachaidh don chloinn mus fheumadh iad freagairt. Bha tidsearan nan deagh eisimpleirean gus a leantainn do sgoilearan ann an cleachdadh na Gàidhlig. Bha ùidh agus dèidh aig sgoilearan ann an ionnsachadh agus rinn iad co-obrachadh fìor mhath. Bha a chuid as motha a dèanamh adhartas fìor mhath ann an caochladh roinnean den chlàr-teagaisg. Sna tùs ìrean, bha sgoilearan a dèanamh adhartas math a dhionnsaigh comas labhairt sa Ghàidhlig air feadh a chlàr-teagaisg gu lèir. Bha roinnean de na h-ealain chleas làidir. Bha cuid den obair ealain a chaidh a dhèanamh air feadh na sgoile fìor mhath. Ann am B2, mar eisimpleir, bha sgoilearan fìor chomasach air an dathan agus stuthan a chleachdadh gu h-èifeachdach airson dealbhan a chruthachadh. Ann am foghlam corporra, bha sgoilearan ag ionnsachadh deagh sgilean ann an danns, geamannan agus lùth-chleasachd. Aig B4, mar eisimpleir, b urrainn do sgoilearan sreath de ghluasadan bunaiteach leithid seasamh air an ceann agus caran a mhuiltein a dhèanamh ann an ruith a chèile. Bha beagan de sgoilearan nach robh cho math air gluasadan nas riaghailtiche a cho-òrdanachadh. Ann am foghlam spioradail agus moralta, bha sgoilearan ann am B5 a faighinn barrachd tuigse mu thogalaichean nan creideamhan eadar-dhealaichte. Bha tuigse fìor mhath aca mu àite na h-eaglaise taobh a-staigh a chreideimh Chrìosdail.
Bha coileanadh sgoilearan fìor mhath an co-cheangal ri prìomh-amasan nàiseanta ann am foghlam. Chom-pàirtich iad gu cunbhalach ann an co-fharpaisean leithid am Mòd Nàiseanta no deuchainnean sgrìobhaidh eadar sgoilearan san ùghdarras agus rinn iad fìor mhath annta. Bha sgoilearan a bha ag ionnsachadh sgilean ann am pìobaireachd, seinn agus clàrsach a cluich gu cunbhalach air beulaibh dhaoine. Bha a h-uile sgoilear ag ionnsachadh deagh sgilean ann an teicneolas fiosrachaidh agus conaltraidh (TFC). Aig B7 bha sgoilearan fìor chomasach air TFC a chleachdadh gu h-èifeachdach airson caochladh adhbhar leithid faighinn a-steach don eadar-lìon agus cleachdadh PowerPoint airson taic agus leasachadh air roinnean eile den ionnsachadh. Ann an sgeamaichean leithid "buddying" agus leughadh mar chàraidean, bha na sgoilearan a bu shine a cuideachadh an fheadhainn òga a leudachadh an cànan agus an sgilean pearsanta agus sòisealta. Bha sgoilearan, aig an robh Gàidhlig mar dhàrna cànan, fìor mhisneachail agus dèidheil air a chleachdadh ann an còmhradh ri daoine eile. Bha a chomhairle sgoilear a tuigsinn dè bha ri dhèanamh agus gum faodadh e buaidh a thoirt air mar a bha an sgoil ag obrachadh. Uile gu lèir, bha sgoilearan ag ionnsachadh deagh sgilean ann an saoranachd. Mar phàirt de phròiseact tionnsgnaidh, bha sgoilearan ann am B1/B2 air geama cànain a dhèanamh agus air a reic ri pàrantan a bha ag ionnsachadh Gàidhlig. Bha na sgoilearan sna clasaichean àrda a sealltainn comas airson eirmseachd agus cruthachadh le bhith ag eagrachadh agus a rianachd tachartasan togail-airgid agus sòisealta. Rinn sgoilearan B7 prògram rèidio seachdainneach don sgoil.
Cànainean
Uile gu lèir, bha coileanadh na cloinne ann an Gàidhlig math. Bha leasachadh air ìrean coileanaidh ann an sgrìobhadh sna bliadhnachan mu dheireadh agus a-nis bha iad a ruigsinn air ìrean coileanadh ann an leughadh. Bha a chuid as motha de sgoilearan a coileanadh nan ìrean nàiseanta iomchaidh. Bha cha mhòr na h-uile nach robh a coileanadh aig na h-ìrean sin a dèanamh adhartas math. Bha feum aig beagan dhiubh air taic shònraichte le raointean àraidh de chànan. Uile gu lèir, choinnich sgoilearan gu math ri caochladh obair-clasa anns a robh dùbhlan iomchaidh. Sna tùs ìrean, bha sgilean labhairt na cloinne a tighinn air adhart gu math. Sna h-ìrean meadhan agus àrda, bha tuigse mhath aig sgoilearan mu ghràmar agus gnàthas-cainnt Gàidhlig. Bha iad comasach air labhairt le misneachd ri càch a chèile agus ri inbhich mu chaochladh chuspairean. Ron àm a ruigeadh iad B7 bha a chuid as motha de sgoilearan fileanta ann an leughadh le tuigse agus faireachdainn agus bha aithne aca air pàirtean cudromach den teacsa a chaidh a leughadh. Tron sgoil gu lèir, bha sgilean na cloinne ann an sgrìobhadh fìor mhath. Rinn iad sgrìobhadh math airson caochladh adhbhar air feadh a chlàr-teagaisg gu lèir. Bha an sgrìobhadh aca air a chur ri chèile gu math agus bha briathrachas faireachail air a dheagh chleachdadh far an robh sin iomchaidh.
Bha coileanadh na cloinne ann am Beurla math. Ron àm a dhfhàgadh iad B7, bha sgoilearan a coileanadh ìrean nàiseanta ann am Beurla co-ionann ris na bha iad a coileanadh ann an Gàidhlig. Ron àm a ruigeadh iad B7, bha sgoilearan a leughadh caochladh leabhraichean dùbhlanach airson toileachas. Ann am beachdachadh le buidhinn, bha aithne aca air nithean a tha coltach agus eu-coltach ann an dàin agus sgeulachdan a leugh iad. Bha na sgilean fìor mhath a bha air an comharrachadh san sgrìobhadh Gàidhlig aca cuideachd follaiseach san sgrìobhadh Beurla.
Bha sgoilearan ann am B6 a tòiseachadh a cleachdadh abairtean bunaiteach Gearmailtis agus am briathrachas a bhuineadh don obair-clasa. Bha iad misneachd agus dèidh aca air a bhith ag ionnsachadh treas cànain.
Matamataig
Uile gu lèir, bha an coileanadh ann am matamataig fìor mhath. Airson grunn bhliadhnachan bha ìrean coileanaidh daonnan àrd. Bha cha mhòr na h-uile a coileanadh nan ìrean nàiseanta iomchaidh. Bha sgoilearan nach do choilean na h-ìrean sin ag obrachadh tron obair-clasa aca aig astar iomchaidh. Bha sgilean na cloinne ann an àireamhachadh inntinneil air a thighinn air adhart gu math suas bho na tùs ìrean. B urrainn do sgoilearan ann am B2 fiosrachadh a chruinneachadh agus a thaisbeanadh air grafaichean dhealbh. Sna h-ìrean meadhan, bha greim math aig a chuid as motha de sgoilearan air nithean a bhuineadh do àireamh agus b urrainn dhaibh an t-ainm ceart a chur ri taghadh de chumaidhean. Ro B7, bha deagh thuigse aig sgoilearan air na ro-innleachdan airson fuasgladh chruaidh cheistean agus feòrachadh. Bha eòlas math aca air feartan chumaidhean dà-sheallach agus trì-sheallach. Rinn iad deagh fheum de dhuilleagan-clèithe airson fiosrachadh a chur an rian agus a thaisbeanadh.
Bha ullachadh fìor mhath aig an sgoil airson cùram agus sochair na cloinne a dhaingneachadh. Bha dòighean aca airson dèiligeadh ri raointean leithid dìon chloinne agus burraidheachd. Bha e soilleir do sgoilearan agus luchd-teagaisg dè bu chòir dhaibh a dhèanamh nam biodh nithean a dèanamh dragh dhaibh. Bha tuigse mhath aig sgoilearan mun dòigh air cumail sàbhailte agus fallain. An dèidh na sgoile, bha grunn bhuidhnean a cur air dòigh tachartasan taobh a-muigh na sgoile don chloinn. Ann an conaltradh ri pàrantan, uaireannan cha robh e soilleir gu leòr cò a bha an urra ri cùram agus sochair na cloinne ann an gnìomhan nach robh air an ruith leis an sgoil.
Bha luchd-teagaisg cùramach mu bhith a coinneachadh ri feuman ionnsachaidh na cloinne. Bha sreath mhath de mhodhan aca airson taic a thoirt do ionnsachadh dàrna cànan leithid gnìomhan fìor mhath airson taic do phàrantan agus ullachadh deagh stuthan-teagaisg. Thug tidsearan deagh aire do fheuman na cloinne ann an obair-clasa. Uile gu lèir, thug luchd-cuideachaidh clasa taic mhath do sgoilearan agus tidsearan ach dhfhaodar an cleachdadh nas fheàrr ann an clasaichean airson a bhith ag amas nas motha air taic do sgoilearan fa leth le feuman comharraichte. Cha robh luchd-teagaisg daonnan a dèanamh measadh mionaideach gu leòr air feuman gach sgoilear le duilgheadasan sònraichte gus am faigheadh iad air a bhith ag amas san dòigh as fheumaile air prògraman pearsanta. Bha a phrìomh thidsear, air an robh uallach airson a bhith a stiùireadh taic ionnsachaidh, air tòiseachadh fìor mhath a dhèanamh gus stuthan measaidh feumail a chruthachadh do sgoilearan le duilgheadasan sònraichte a thaobh cainnt.
|
Cùis |
Beachd |
|
Càileachd nan togalaichean agus nan goireasan |
Uile gu lèir, bha laigsean ann an càileachd an togalaich. Bha an sgoil air fàs agus cha robh rùm gu leòr dhi san togalach a bha i a cleachdadh. Gu sònraichte, dhfhaodadh gu robh meud rùm-teagaisg B1 na chunnart a thaobh sàbhailteachd agus a cur bacadh air an tomhas de ionnsachadh prataigeach a bha comasach. A bharrachd air sin, cha robh mòran rùm no saorsa aig sgoilearan sa ghàrradh-sgoile bheag airson cluich agus eacarsaich. Rinn luchd-teagaisg deagh fheum de cheàrnaidhean eile leithid an talla-bidhe agus raon-cluiche rin taobh gus barrachd rùm a thoirt dhaibh. Bha an togalach fhèin math ach bha pàirtean dheth a cur feum air measadh nas fheàrr a thaobh cunnairt. Bha an siostam tèarainteachd èifeachdach. Bha e furasta do chiorramaich faighinn a-steach don togalach. Bha e air a dheagh chleachdadh airson cur-seachadan an dèidh na sgoile agus air an oidhche do sgoilearan agus don choimhearsnachd san fharsaingeachd. |
|
Suidheachadh agus dàimhean, sùileachadh agus adhartachadh buileachaidh agus co-ionannachd |
Bha coltas gu robh spiorad coimhearsnachd làidir san sgoil. Bha toileachas agus coileanadh na cloinne follaiseach. Sheall taisbeanaidhean san trannsa agus sna rumannan-teagaisg gu robh an suidheachadh ionnsachaidh gnìomhach, beothail agus taiceil. Rinn luchd-teagaisg soilleir dè bha iad a sùileachadh a thaobh obair agus giùlain. Chleachd luchd-teagaisg siostaman duaiseachaidh deimhinneach airson deagh bheus agus conaltradh sa Ghàidhlig a mhisneachadh. Choinnich sgoilearan gu math ri na dùbhlain sin. Bha iad cofhurtail agus modhail còmhla ri luchd-teagaisg agus luchd-tadhail. Ghabh iad uallach agus chuir iad an cèill am beachdan mu thaghadh de chùisean. Bha dàimhean aig a h-uile ìre fìor mhath. Dhobraich luchd-teagaisg fìor mhath mar sgioba agus bha iad fèin-mhisneachail. Chleachd iad co-chruinneachaidhean cunbhalach airson a bhith ag adhradh còmhla agus a comharrachadh coileanaidh. Bha an sgoil an sàs ann an iomadh tachartas airson airgead a thogail do bhuidhnean carthannais. Bhrosnaich dèiligeadh an luchd-teagaisg ri sgoilearan agus pàrantan mothachadh air co-ionannachd agus cothromachd. |
|
Co-obrachadh le pàrantan agus a choimhearsnachd |
Bha an ceannard agus an luchd-teagaisg air co-obrachadh fìor mhath a stèidheachadh le pàrantan. Bha cùisean nam pàrant air an deagh riochdachadh tro Bhòrd na Sgoile agus Comunn nam Pàrant (CnP)1. Bha ceanglaichean dlùth aig gach buidheann ris an sgoil agus thug iad taic làidir do nithean a bha a dol air adhart san sgoil. Bha conaltradh cunbhalach aig an sgoil ri pàrantan tro dheagh litrichean-naidheachd dà-chànanach, aithisgean mu adhartas sgoilearan agus leabhar-làimhe fìor fheumail. Thug oidhche fhosgailte tràth san t-seisean-sgoile cothrom do phàrantan air coinneachadh ris an luchd-teagaisg agus sùil fhaighinn air na stuthan-teagaisg a bhiodh a chlann aca a cleachdadh. O chionn ghoirid chuir an sgoil air dòigh lìonradh obair-dachaigh gus cuideachadh a thoirt do sgoilearan agus pàrantan nach robh fileanta sa Ghàidhlig. Bha iad cuideachd a ruith clasaichean-oidhche sa chànan gach seachdain do phàrantan. Sa choimhearsnachd san fharsaingeachd, bha deagh chliù aig an sgoil agus thàinig iomadh cuireadh do sgoilearan airson com-pàirteachadh ann an tachartasan poblach. Mhisnich an sgoil ceanglaichean ri buidhnean iomairt sònraichte leithid Sradagan2 agus an t-Ionad Bangla3. |
Sna ceithir bliadhna on chaidh an sgoil a stèidheachadh sheall an ceannard agus an luchd-teagaisg gu robh iad comasach air leasachadh leantainneach a choileanadh. Cho-obraich iad gu dlùth airson foghlam fìor mhath a thoirt do na sgoilearan. Bha an ceannard fìor mhath air an sgoil a stiùireadh agus dèidheil air an sgoil a leasachadh. Bha eòlas math aice air pàrantan, luchd-teagaisg agus sgoilearan agus bha tuigse fìor mhath aice mu na cùisean a bha a toirt buaidh air leasachadh na sgoile. Bha a dòigh-obrachaidh cùramach agus smaointeachail. Bha a phrìomh thidsear fìor èifeachdach mar thidsear-clasa agus na deagh eisimpleir gus a leantainn agus neach-comhairle do na tidsearan fo dhearbhadh. Bha i a leudachadh a sgilean fhèin airson a bhith a comharrachadh feuman sgoilearan agus a toirt taic ionnsachaidh dhaibh.
Bha deagh ullachadh aca airson obair na sgoile a mheasadh. Ghabh iad sin a-staigh planadh leasachaidh, beachdachadh agus sgrùdadh cunbhalach air obair na cloinne sa chlas, agus cumail cunntas air coileanadh sgoilearan. Bha luchd-teagaisg a cnuasachadh an dòigh-obrach gu cunbhalach. Bha iad air comhairle a chur ri pàrantan, luchd-teagaisg agus sgoilearan mu roinnean de obair na sgoile. Uaireannan cha robh ceangal math gu leòr eadar gnìomhan sgrùdaidh agus prìomh-amasan a phlana leasachaidh gus cothrom a thoirt do luchd-teagaisg aire shònraichte a thoirt do phrìomh phròiseactan.
|
Bu chòir don sgoil agus an t-ùghdarras foghlaim cumail orra a' tabhann deagh fhoghlam agus ga leasachadh. Ann a bhith a' dèanamh seo bu chòir dhaibh aire a thoirt don fheum air:
|
Dè thachras a-nis?
Mar thoradh air a choileanadh àrd, an eachdraidh leasachaidh làidir agus stiùireadh fìor èifeachdach na sgoile seo, cha bhi Luchd-sgrùdaidh na Bànrighe ag ullachadh aithisgean an còrr co-cheangailte ris an sgrùdadh seo. Chaidh iarraidh air an sgoil agus an ùghdarras foghlaim plana-gnìomha ullachadh a sealltainn mar a dhèiligeas iad ri prìomh cho-dhùnaidhean na h-aithisge, agus am plana sin a cho-roinn ri pàrantan agus luchd-cùraim. Taobh a-staigh dà bhliadhna de cheann-là foillseachaidh na h-aithisge seo bidh co-obrachadh eadar an ùghdarras foghlaim agus an sgoil, airson aithisg adhartais ullachadh do phàrantan agus luchd-cùraim. Bidh Luchd-sgrùdaidh na Bànrigh a cumail a bruidhinn ris an ùghdarras foghlaim agus an sgoil mu chùisean co-cheangailte ris an togalach agus le sùil ri barrachd rannsachaidh a dhèanamh air na dòighean-teagaisg fìor mhath a chaidh an comharrachadh san aithisg.
Seonag NicAoidh
Neach-sgrùdaidh na Bànrighe
1 An t-Òg Mhìos 2004
Bhreithnich sinn na leanas meadhanach math
Bhreithnich sinn na leanas neo-thaitneach
Tha roinnean cudromach de fhreagairtean bho na caochladh bhuidhnean a fhuair ceisteachain air an liostadh gu h-ìosal.
|
Na nithean a b fheàrr a chòrd ri pàrantan agus luchd-cùraim |
Na nithean a bhiodh pàrantan agus luchd-cùraim airson an leasachadh |
|
|
|
Na nithean a b fheàrr a chòrd ri sgoilearan |
Na nithean a bhiodh sgoilearan airson an leasachadh |
|
|
|
Na nithean a b fheàrr a chòrd ris a h-uile neach-obrach |
Na nithean a bhiodh luchd-obrach airson an leasachadh |
|
|
Chaidh lethbhric den aithisg seo chun a cheannaird agus luchd-obrach san sgoil, Stiùiriche an Fhoghlaim, comhairlichean ionadail agus Buill Pàrlamaid Albannach iomchaidh. Neach sam bith a tha ag iarraidh lethbhreac an asgaidh tha còir aige cur ga iarraidh gu Luchd-sgrùdaidh na Bànrighe airson Foghlaim, Togalach Europa, 450 Sràid Earra-Ghàidheal, Glaschu G2 8LG no fònadh 0141 242 0100. Tha e ri fhaotainn cuideachd air an làrach-lìn againn: www.hmie.gov.uk.
Neach sam bith a tha airson beachd a thoirt seachad mu nì sam bith san sgrùdadh no san aithisg seo, tha còir aige sgrìobhadh an toiseach gu Frank Crawford, HMCI aig an t-seòladh gu h-àird. Tha lethbhreac den mhodh gearain againn ri fhaotainn bhon oifis sin agus air an làrach-lìn againn.
Ma tha sibh fhathast mì-thoilichte, faodar fios a chur dìreach gu Ombudsman Seirbheisean Poblach na h-Alba no tron Bhall Pàrlamaid Albannach agaibh. Tha Ombudsman Seirbheisean Poblach na h-Alba gu tur neo-eisimeileach le ùghdarras airson gearanan an aghaidh Roinnean agus Buidhnean Riaghaltais a rannsachadh. Sa chumantas cha bheachdaich i mun ghearan agaibh gus an tèid modh gearain HMIE a chleachdadh. An àite sin, mar as trice iarraidh i cothrom an toiseach air cùisean a chur ceart ma ghabhas sin dèanamh.
Feumaidh gearanan gu Ombudsman Seirbheisean Poblach na h-Alba a bhith air an cur a-steach taobh a-staigh 12 mìosan de cheann-là foillseachaidh na h-aithisge seo.
Gheibhear fios chun an Ombudsman aig:
Ban-Ollaimh Ailios Brown
Ombudsman Seirbheisean Poblach na h-Alba
23 Sràid Walker
Dùn Èideann
EH3 7HX
Àireamh-fòn: 0870 011 5378
post-dealain: enquiries@scottishombudsman.org.uk
Tha tuilleadh fiosrachaidh mu oifis an Ombudsman ri fhaotainn bhon làrach-lìn: www.scottishombudsman.org.uk
Còraichean glèidhte leis a Chrùn 2004
Luchd-sgrùdaidh na Bànrighe airson Foghlaim
Faodar lethbhreac a dhèanamh den aithisg seo gu h-iomlan no de earrann dhi, ach chan fhaodar a chleachdadh ann am malairt no ann an co-cheangal ri leabhran-fiosrachaidh no sanas, agus feumar iomradh a thoirt air an aithisg agus ceann-là a foillseachaidh.
1. Buidheann nàiseanta a riochdachadh cùisean
phàrant ann am foghlam tro mheadhan na Gàidhlig.
2. Buidhnean coimhearsnachd meadhan-Gàidhlig do chloinn aois 5 gu 12.
3. Ionad coimhearsnachd Bangladeshi ionadail.