Ro-ràdh
1. Amasan, nàdar agus
farsaingeachd an sgrùdaidh
2. An t-Seirbheis Foghlaim: structar
obrach
3. Dòigh riaghladh
na seirbheis
4. Co-chomhairle is conaltradh
5. Riaghladh obrach
6. Riaghladh stòrais is
ionmhais
7. Measadh coileanaidh is leasachadh
leantainneach
8. Dè cho math s
a tha an t-ùghdarras a coileanadh san fharsaingeachd?
9. Prìomh phuingean gnìomha
Pàipearan-taice
Fiosrachadh mu choileanadh
Fiosrachadh mun sgrùdadh
Cuimsean càileachd
Tha Luchd-Sgrùdaidh na Bànrigh a cleachdadh chomharraidhean foillsichte ann a bhith a toirt breith air obair ùghdarrais ionadail. Tha na cuimsean càileachd sin a dol a rèir ceithir ìrean coileanaidh. Tha an aithisg seo a cleachdadh a chlàir a leanas airson co-dhùnaidhean Luchd-sgrùdaidh na Bànrigh a shoilleireachadh:
|
fìor mhath |
bha prìomh neartan follaiseach |
|
math |
neartan na b fhollaisiche na laigsean sam bith |
|
meadhanach math |
bha laigsean cudromach follaiseach |
|
neo-thaitneach |
bha prìomh laigsean follaiseach |
Tha an aithisg seo cuideachd a cleachdadh nam briathran a leanas mar mhìneachadh air àireamhan is roinnean:
|
cha mhòr a h-uile |
còrr air 90% |
|
a chuid as motha |
75-90% |
|
a mhòr-chuid |
50-74% |
|
nas lugha na dara leth |
15-49% |
|
glè bheag |
suas gu 15% |
Bidh dreuchdan foghlaim gach ùghdarras ionadail an Albainn air an sgrùdadh eadar 2000 agus 2005. Tha Earrann 9 de Achd Irean ann an Sgoiltean Etc an Albainn 2000 a cur uallach air Luchd-sgrùdaidh na Bànrigh airson Sgoiltean a bhith ag às-mheasadh èifeachd an ùghdarrais ionadail a thaobh gealltanas càileachd foghlaim air taobh a-staigh na Comhairle agus a thaobh na taic aca do sgoiltean airson leasachadh càileachd. Tha sgrùdaidhean air an dèanamh a rèir structar foillsichte de chuimsean càileachd (Riaghladh Càileachd ann am Foghlam) a tha a cur an cèill poileasaidh an Riaghaltais mu An Luach as Fheàrr.
Tha gach sgrùdadh air a dheilbh agus air a thoirt gu buil an-lùib Sgrùdadh Alba às leth Coimisean Cunntais na h-Albann. Bidh an neach-sgrùdaidh bho muigh a tha na bhall den sgioba sgrùdaidh a measadh riaghladh is planadh coileanaidh (PMP) dreuchdan foghlaim an ùghdarrais. Bidh Iar-mheasadair anns an sgioba sgrùdaidh cuideachd a bhios aig an àm na phrìomh neach-fastaidh ann an ùghdarras ionadail eile.
Chaidh dreuchdan foghlaim Chomhairle na Gaidhealtachd an sgrùdadh sna mìosan Lùnasdal-Samhain 2000.
Rinn an sgioba sgrùdaidh agallamhan le buill taghte agus oifigearan sa Chomhairle. Bha iad cuideachd a frithealadh choinneamhan, a tadhal air sgoiltean agus ionadan eile san ùghdarras agus a coinneachadh ri luchd-fastaidh, cathraichean Bhùird Sgoile agus com-pàirtichean cudromach eile den t-Seirbheis Foghlaim. Tha geàrr-chunntas den sgrùdadh ann am Pàipear-taice 2.
As leth Luchd-sgrùdaidh na Bànrigh, bha companaidh neo-eisimeileach a cur a-mach ceisteachain gu cinn-sgoile a h-uile ionad foghlaim anns an ùghdarras agus gu cathraichean nam Bòrd Sgoile/comainn phàrant agus a mìneachadh nam freagairtean aca.
Suidheachadh sòisealta is eaconomach
S e Seirbheis Foghlaim Chomhairle na Gaidhealtachd an roinn ùghdarras foghlaim as motha ann an Alba, mu 10,000 mìle ceàrnagach. Tha an t-seirbheis a frithealadh na h-ochd roinnean a leanas - Bàideanach is Srath Spè, Gallaibh, Inbhir Nis, Loch Abar, Inbhir Narann, Ros is Crombaidh, An t-Eilean Sgitheanach is Loch Aillse, agus Cataibh. Tha seo a riochdachadh roinn Comhairle glè mheasgaichte, a gabhail a-steach coimhearsnachdan ann am bailtean, sgapte air eileanan agus air iomall na mòr-thìr. Chaidh an àireamh-sluaigh iomlan a mheas aig 208,300 ann an 1999. An coimeas ri sgìre Chaolas Mhoireibh a-staigh san tìr tha an àireamh-sluaigh iomlan glè ìosal. Tha neo-ionannachd mòr ann an suidheachadh sòisealta, slàinteil agus eaconomach air feadh na roinne. Tha na comharraidhean sin air meud agus iomadachd a toirt dùbhlain don t-Seirbheis Foghlaim ag ullachadh cothrom coileanta agus co-ionann air foghlam, a conaltradh ri luchd-cleachdaidh agus a coinneachadh ris na feuman eadar-dhealaichte aca.
Tha àireamh-sluaigh iomlan roinn na Gaidhealtachd a sìor fhàs aig 4% gach bliadhna, ach tha eadar-dhealachadh mòr ann am fàs agus crìonadh an atharrachadh-sluaigh a rèir roinne agus aois. Tha ìre-fàis an àireamh-sluaigh as sine ann an obair no air an dreuchd a leigeil dhiubh nas àirde an roinn na Gaidhealtachd na ann an Albainn air fad.
Tha teachd a-steach cuibheasach roinn na Gaidhealtachd mòran nas ìsle na tha an còrr de dhAlbainn. Tha am pàigheadh an ìre mhath a rèir cuibheasachd Albann. Ach tha cùisean a bheir buaidh air luchd-fastaidh ionadail a bualadh gu mòr air an roinn. Tha atharrachadh mòr anns an ìre dìth obrach gu ràitheil an roinn na Gaidhealtachd, an coimeas ri ìre Albann. Tha an earrann de sgoilearan airidh air biadh sgoile an asgaidh mòran nas ìsle na a chuibheasachd nàiseanta, ach tha dìth ann an cuid de sgìrean cathaireil agus dùthchail.
Suidheachadh poileataigeach is obrach
Bho chaidh a stèidheachadh ann an 1996, tha Comhairle na Gaidhealtachd air a bhith neo-eisimeileach agus neo-cheangailte, air a dhèanamh suas de 80 comhairliche.
Tha cinn-uidhe agus prionnsabalan soilleir aig Comhairle na Gaidhealtachd mar structar airson obair na Seirbheis Foghlaim. Tha na cinn-uidhe agus na prionnsabalan deilbhte airson:
Tha a Chomhairle a toirt fìor phrìomhachas do phàirt na sgoile ann an cumail suas agus leasachadh choimhearsnachdan ionadail, agus lean sin gu poileasaidh gun airgead a-mhàin a bhith na adhbhar air sgoiltean a dhùnadh. Tha iad gu mòr airson co-dhùnaidhean poileataigeach agus lìbhrigeadh sheirbheisean a sgaoileadh a-mach. Tha fìor chudrom air com-pàirteachas le oifisean, buidhnean agus daoine eile gus coinneachadh ri amasan is rùintean na Comhairle.
Tha na rùintean leasachaidh corporra agus am plana corporra a toirt structar soilleir airson riaghladh is leasachadh na Seirbheis Foghlaim.
Air taobh a-staigh na Comhairle, s e foghlam aon de na naoi Comataidhean Seirbheis is Stòrais a bhios a deilbh phoileasaidhean, a roinn stòrais agus a measadh coileanaidh. Tha a Chomataidh Poileasaidh is Stòrais a coimhead thairis air leasachadh poileasaidh agus a co-eagrachadh chùisean a bhuineas do dhiofar sheirbheisean. Mar phàirt den oidhirp air co-dhùnaidhean poileataigeach a sgaoileadh a-mach, tha ochd comataidhean roinneil aig a Chomhairle a coimhead thairis air a mhòr-chuid den obair làitheil a tha coitcheann don h-uile seirbheis. Ann an seachd de na h-ochd roinnean, tha foghlam na phàirt de dhobair iomlan na Comataidh Roinneil. Tha Comataidh Foghlaim Roinneil ann an Inbhir Nis. Tha uallach sònraichte air buill thaghte airson seirbheisean comharraichte aig ìre sgìreil. Tha cuid de na buill sin a cuideachadh le leasachadh phoileasaidhean agus phlanaichean na seirbheis sin anns gach roinn sa Chomhairle.
Tha an t-Ard Sgioba Stiùiridh airson Foghlaim air a dhèanamh suas den Stiùiriche agus trì Stiùirichean Seirbheis. Tha Stiùiriche Seirbheis a bharrachd aca tro dhreuchd coitcheann le Seirbheisean Slàinte is Obair Sòisealta. Tha taic aig an Ard Sgioba Stiùiridh airson Foghlaim, air a bheil uallach airson ro-innleachd riaghlaidh, bho thaghadh de Mhanaidsear Foghlaim bho raointean comharraichte den t-seirbheis, a gabhail a-steach ionmhas, foghlam coimhearsnachd, seirbheisean saidhgeòlach agus sgiobannan comhairleachaidh is leasachadh càileachd. Tha Foghlam air a riaghladh agus air a thabhann aig ìre ionadail tro shia oifisean sgìreil. Tha gach oifis sgìreil air a ruith le Manaidsear Foghlaim Sgìreil agus tha taic aig na manaidsearan san dà roinn as motha bho Leas-mhanaidsear Foghlaim Sgìreil. Tha Manaidsearan Foghlaim Sgìreil a gabhail a mhòr-chuid den uallach airson riaghladh obrach agus comataidhean seirbheis sgìreil.
Ullachadh agus coileanadh foghlaim
Tha uallach air a Chomhairle airson 34,500 sgoilear ann an 189 bunsgoil, 28 àrdsgoil, trì sgoiltean sònraichte agus grunn aonadan foghlaim sònraichte. Tha foghlam ro-sgoile air a thabhann ann an 134 ionadan ùghdarrais ionadail agus 88 ionadan com-pàirteach, le 3,322 clann ann am foghlaim ro-sgoile an-dràsta an coimeas ri 1,770 ann an 1998. Tha roinn foghlam coimhearsnachd a tabhann foghlam fad-beatha ann an 23 ionad. S ann beag a tha earrann mhòr de na bunsgoiltean, le faisg air dara leth nam bunsgoiltean le dà thidsear no nas lugha. Tha 129 bunsgoiltean agus 3 àrdsgoiltean le nas lugha na 100 sgoilear. Tha 14 sa cheud de bhunsgoiltean le ìrean lànachd nas ìsle na 40%, agus chan eil ach 22% le nas àirde na 80%.
Thar nam beagan bhliadhnachan mu dheireadh, tha an àireamh sgoilearan air a dhol sìos. Tha sùil gum bi seo a leantainn agus gun toir e buaidh air planadh foghlaim sgoile. Tha an t-astar aig a bheil foghlam ro-sgoile a leudachadh cuideachd a toirt dùbhlain sònraichte don Chomhairle.
Tha cultar agus dualchas Gàidhlig làidir ann an cuid de sgìrean na Gaidhealtachd. Tha mu 718 sa bhunsgoil ann an 18 sgoiltean agus 238 san àrdsgoil ann an 11 sgoiltean a faighinn foghlaim tro mheadhan na Gàidhlig. Tha foghlam meadhan-Gàidhlig air ullachadh airson còrr air 200 pàiste ro-sgoile.
Ann am bliadhna ionmhais 1999/2000, bha am buidseat teachd a-steach iomlan còrr air 120 millean aig an t-Seirbheis Foghlaim. Bha buidseat foghlaim Chomhairle na Gaidhealtachd 3 millean os cionn measadh Taic Tabhartas Cosgais (TTC) foghlaim an riaghaltais nàiseanta. Ann an 2000/2001, bha an teachd a-steach iomlan còrr air 123 millean agus 1.5 millean os cionn TTC. Tha seo a foillseachadh a chudrom sònraichte a tha a Chomhairle a cur air foghlam agus cumail suas sgoiltean ann an leasachadh an coimhearsnachdan ionadail. Bha buidseat calpa còrr air 8 millean aig an t- seirbheis ann an 1999/2000. Tha cosgais foghlaim gach sgoilear ann an roinn na Gaidhealtachd fada os cionn a chuibheasachd nàiseanta. Ann an 1999/2000, b e cosgais sgoilear sa bhunsgoil an còigeamh suim a b àirde an Alba agus airson sgoilear san àrdsgoil b e an ceathramh suim a b àirde. Ged a tha teachd a-steach foghlaim air a dhol suas o chionn beagan bhliadhnachan, tha cùl-fhiach 84 millean air pròiseactan cumail suas agus pròiseactan calpa.
Tha an cunntas a leanas air a dhèanamh suas bho fhiosrachadh cudromach mu choileanadh sgoiltean na Comhairle a gheibhear ann am Pàipear-taice 1.
Ire a leantainn na sgoile agus cinn-uidhe na tha a fàgail
Coileanadh 5-14
Coileanadh ann an deuchainnean UTA
Frithealadh is neo-làthaireachd
Iarrtasan, prionnsabalan is amasan
Thug an t-Seirbheis Foghlaim cunntas soilleir coileanta air iarrtasan, prionnsabalan agus amasan a bha a co-fhreagairt prìomh-amasan nàiseanta is ionadail. Bha cha mhòr a h-uile ceann-sgoile agus a chuid as motha de chathraichean Bùird Sgoile riaraichte gu robh iarrtasan iomlan soilleir aig an t-Seirbheis Foghlaim.
Chaidh deagh aire a thoirt do phrìomh-amasan nàiseanta, a gabhail a-steach leasachadh foghlaim fad-beatha tro cho-chomhairle agus com-phàirteachadh. Bha rùn soilleir aca gum biodh na bha a faighinn sheirbheisean bhon ùghdarras a ruigsinn an làn chomais, agus gum biodh ìrean-coileanaidh foghlaim a sìor dhol suas. Bha fèin-mheasadh agus gealltanas càileachd air an sònrachadh gu h-èifeachdach mar mhodhan cudromach anns an iomairt a dhionnsaigh leasachadh leantainneach.
Bha prìomh-amasan ionadail, leithid brosnachadh prionnsabalan sòisealta is cultarail na Gaidhealtachd, agus adhartachadh na Gàidhlig, air an deagh riochdachadh ann an cinn-uidhe na seirbheis. Bha buaidh nan amasan sin air leantainn gu sìor fhàs aonadan ro-sgoile agus bunsgoile anns an robh clann air an teagasg tro mheadhan na Gàidhlig. Bha iomadh sgoil a com-pàirteachadh anns a Mhòd nàiseanta is ionadail, agus ann an iomadh fèis Ghàidhlig eile.
Bha cinn-uidhe na Seirbheis Foghlaim air an cur an cèill gu h-èifeachdach do sgoiltean agus do phàrantan. Dhfhoillsich buill den Bhuidheann-riaghlaidh Foghlaim, agus luchd-obrach sgoiltean, deagh mhothachadh agus tuigse de na cinn-uidhe sin. Ach cha robh an dòigh air na h-amasan sin a làn choileanadh daonnan soilleir do luchd-teagaisg sna sgoiltean. B e glè bheag de mhothachadh a bha aig luchd-fastaidh nan ionad com-pàirteachais ro-sgoile de chinn-uidhe na seirbheis.
Bha ceangal fìor mhath eadar cinn-uidhe na Seirbheis Foghlaim agus na Comhairle. Thug iad air adhart tro dhreuchd Stiùiriche Seirbheis air a cho-ruith le na Seirbheisean Foghlaim, Slàinte agus Obair Shòisealta, coinneamhan eadar stiùirichean sheirbheisean agus Comataidh Cloinne is Oigridh.
Chaidh adhartas math a dhèanamh le measadh a choileanaidh a dhionnsaigh cinn-uidhe na Seirbheis Foghlaim. Bha prògram tadhail coileanta aca airson gealltanas càileachd ann an sgoiltean agus chaidh aithisg fhoillseachadh mu ìrean agus càileachd ann an sgoiltean. Cha do rinn an t-seirbheis feum gu leòr de thoraidhean gealltanas càileachd airson làn-mheasadh na h-ìre a choinnich iad ri na cinn-uidhe.
Stiùireadh is riaghladh
Anns an fharsaingeachd, b ann math a bha buaidh stiùireadh is riaghladh san t-Seirbheis Foghlaim. Anns an dà bhliadhna a bha e san dreuchd, rinn an Stiùiriche obair fìor mhath le tòiseachadh cultar càileachd ann an sgoiltean agus le adhartachadh leasachadh leantainneach ann am foghlam. Rinn e stiùireadh fìor èifeachdach ann an comhairleachadh mu, agus mìneachadh, na bha an t-seirbheis airson a choileanadh, agus ann an cur an cèill an amais seo chun an àrd sgioba-stiùiridh, sgoiltean agus pàrantan. Bha tuigse fìor mhath aig an Stiùiriche de na suidheachaidhean poileataigeach ionadail agus nàiseanta agus rinn e obair èifeachdach a rèir sin. Chaidh dàimh fìor mhath a chumail suas le buill thaghte. Bha e a cur a làn thaice ri co-obrachadh le seirbheisean Comhairle eile agus stèidhich e grunn cheanglaichean obrach leis na seirbheisean sin. Rinn an Stiùiriche obair fìor mhath anns na prògraman cudromach a leanas:
Bha taic mhath aig an Stiùiriche bho thrì Stiùirichean Seirbheis, a thug deagh stiùireadh anns na roinnean obrach aca fhèin. Bha deagh mhothachadh aca air iarrtasan an Stiùiriche airson na seirbheis agus bha iad air tòiseachadh air obair èifeachdach airson a choileanadh. Dhaontaich cha mhòr a h-uile tidsear gu robh Prìomh Mhanaidsearan a nochdadh ùidh mhòr ann an àrdachadh càileachd. Ach dhfhaodadh ceangal nas dlùithe a bhith eadar planadh nan daoine a bha an urra ri ionmhas agus stòras, agus an fheadhainn a bha a riaghladh an stòrais sin airson an leasachadh as fheàrr a dhèanamh air ionnsachadh, teagasg agus coileanadh.
Bha Stiùirichean Seirbheis fa leth dleastanach agus dìcheallach. Dhobraich iad gu math mar sgioba. Chuidich seo ann a bhith a cruthachadh deagh spiorad obrach air feadh na seirbheis. Dhfhairich sgoiltean gun deach deagh aire a thoirt do na beachdan aca san fharsaingeachd agus bha iadsan air coinneachadh gu math ri prògram na seirbheis airson càileachd. Bha iomadh ionad co-phàirteach ro-sgoile a faireachdainn gun cuireadh iad feum air barrachd conaltraidh agus taic bhon t-Seirbheis Foghlaim.
Bha dòigh-riaghlaidh èifeachdach aca airson leasachadh clàr-teagaisg agus gealltanas càileachd. Bha Manaidsear Foghlam Coimhearsnachd a coimhead thairis air leasachadh agus buileachadh Ro-innleachd Ionnsachadh sa Choimhearsnachd fìor mhath. Bha dreuchdan agus pròiseactan co-mhaoinichte leis an t-Seirbheis Obair Shòisealta a nochdadh ùidh mhòr ann an co-obrachadh. Bha an dòigh-obrach soirbheachail, ach bha feum air barrachd co-obrachadh a stèidheachadh aig ìre ionadail airson a bhuaidh as fheàrr a thoirt air sgoiltean.
Bha luchd-fastaidh sgoiltean a faireachdainn gun tug prìomh luchd-riaghlaidh stiùireadh soilleir ann an leasachadh coileanadh foghlaim tro dheagh chultar. Bha toirt a-steach modhan gealltanas càileachd air fhaicinn luachmhor airson a bhith a sònrachadh neartan agus roinnean a bha feumach air leasachadh ann an sgoiltean fa leth.
Bha prìomh luchd-fastaidh a bha an urra ri riaghladh loidhne air deagh adhartas a dhèanamh le luachadh obair an sgioba stiùiridh foghlaim. Bha luachadh bliadhnail stèidhichte air targaidean phlanaichean leasachaidh pearsanta agus air adhartas gach ball a buileachadh pàirtean iomchaidh den Phlana Seirbheis. B fhiach an luachadh sin a leudachadh gus barrachd cudroim a chur air a bhuaidh a bheireadh obair air leasachadh coileanadh sgoilearan.
Leasachadh poileasaidh
Dhullaich an t-Seirbheis Foghlaim, le co-chomhairle sgoiltean agus phàrantan, taghadh de dhaithisgean poileasaidh freagarrach. Bha iad air tòiseachadh gan toirt gu buil. Bha na poileasaidhean a coinneachadh gu math ri prìomh-amasan nàiseanta agus ionadail agus a toirt deagh aire do leasachadh càileachd. Nam measg bha deagh threòrachadh mu ghealltanas càileachd, planaichean leasachaidh sgoile, leasachadh is luachadh luchd-fastaidh, eadar-theachd thràth agus sgoilearan le feuman foghlaim sònraichte air an cur a-steach do fhoghlam sa phrìomh-shruth. Thug poileasaidh Teicneòlas Fiosrachaidh is Conaltraidh (TFC) fiosrachadh soilleir mu roinn stòrais, ach cha robh e cho soilleir mu chleachdadh TFC ann an ionnsachadh is teagasg.
Bha an deagh phoileasaidh gealltanas càileachd a toirt dòigh-obrachaidh soilleir a bha sgoiltean a tuigsinn gu math sa chumantas. Bu chòir a bhith a cur ris a phoileasaidh le fiosrachadh air mar a dheigheadh co-dhùnaidhean gealltanas càileachd air fad a chleachdadh airson leasachadh sgoile a thoirt gu buil agus prìomh-amasan leasachadh luchd-fastaidh a shònrachadh.
Bha iomadh sgoil air poileasaidh mu eadar-theachd thràth ann am bunsgoiltean a bhuileachadh gu h-èifeachdach. Cha robh treòrachadh gu leòr ann mun dòigh air a bhuannachd sin a chumail a dol anns na h-ìrean meadhan is àrda.
Chaidh adhartas math a dhèanamh le leasachadh agus buileachadh phoileasaidhean airson co-obrachadh le Comhairlean agus seirbheisean eile bho muigh gus cinn-uidhe cudromach na Comhairle a ruigsinn. Am measg nan eisimpleir math de dhobair corporra bha stèidheachadh dà phròiseact ùr Sgoiltean Coimhearsnachd, seirbheisean aonaichte do chloinn agus goireasan coimhearsnachd airson spòrs agus foghlam aig astar ann an àrdsgoiltean.
San fharsaingeachd, chaidh adhartas math a dhèanamh le leasachadh agus luachadh taghadh de phoileasaidhean ann an grunn phrìomh roinnean. Ach cha robh gu leòr comhairle ann mun dòigh air na poileasaidhean sin a bhuileachadh. Bha iomadh ceann-sgoile ag iarraidh comhairle nas soilleire mun dòigh air poileasaidhean a chur an gnìomh.
Bha co-chomhairle is conaltradh math. B e aon de chinn-uidhe na Seirbheis Foghlaim a bhith a co-obrachadh le iomadh com-pàirtiche gus am bi deagh ullachadh foghlaim ann don h-uile duine. Bha an Stiùiriche Foghlaim, prìomh luchd-fastaidh agus buill thaghte air sònrachadh gu robh feum air siostaman conaltraidh agus co-chomhairle èifeachdach airson com-pàirteachas mar sin a thoirt gu ìre agus a chumail suas. Bha iad air na daoine agus buidhnean com-pàirteachaidh a shònrachadh agus air planaichean a chur an sàs a bha a tionndadh a-mach soirbheachail. Bha a mhòr-chuid de chinn-sgoile a faireachdainn gu robh co-chomhairle èifeachdach aca le prìomh mhanaidsearan foghlaim. Bha mòran a faireachdainn gu robh feum air co-chomhairle nas buannachdaile le com-pàirtichean eile leithid Bùird Sgoile, pàrantan agus buidhnean sgoilear. Bha a mhòr-chuid de chathraichean Bhùird Sgoile den bheachd nach robh modhan co-chomhairleachaidh a toirt dhaibh cothrom air buaidh a thoirt air amasan agus planaichean foghlaim san sgìre aca.
Bha na leanas am measg nan comharran sònraichte air co-chomhairle agus conaltradh.
Bha Comhairle na Gaidhealtachd air rannsachadh a dhèanamh air beachdan luchd-fastaidh mun obair, riaghladh agus conaltradh anns a Chèitean 2000. Bha seo a gabhail a-steach ceistean sònraichte do luchd-teagaisg. Stèidhich an Stiùiriche buidheann-obrach gus dèiligeadh ris na cùisean a chaidh a thogail san aithisg.
Ann an 1998/99, dhfhoillsich an t-ùghdarras Aithisg Irean is Càileachd mu Sgoiltean Roinn na Gaidhealtachd. Bha dàta àireamhail anns an aithisg mu ullachadh agus coileanadh sgoile agus luachadh air a chlàr-teagaisg, air coileanadh agus air ionnsachadh is teagasg. Ann an Aithisg Best Value Public Performance Chomhairle na Gaidhealtachd, 1999, bha earrann foghlaim anns an robh dàta mu ullachadh foghlaim. Bu chòir luachadh a chur sna h-aithisgean sin. Bha aithisgean cunbhalach gu Comataidh Foghlaim na Comhairle agus Comataidhean Sgìreil a toirt beagan fiosrachaidh mu choileanadh ann an sgoiltean an ùghdarrais agus adhartas ann an coileanadh thargaidean ann am phrògram Raising Standards - Setting Targets an Riaghaltais. Bha mothachadh aig cathraichean Bùird Sgoile air mar a bha an sgoil aca a coileanadh, ach bha uallach air cuid dhiubh mun chomas aca air fiosrachadh math fhaighinn mu chàileachd foghlam bhunsgoiltean na Comhairle. Cha do dhullaich an t-Seirbheis Foghlaim mìneachadh domhainn no cothromach gu leòr air dàta do bhuill taghte, pàrantan agus com-pàirtichean eile gus am faigheadh iad air làn-mheasadh dè cho math s a bha an t-seirbheis a coileanadh.
Bha an Stiùiriche air siostam soilleir a stèidheachadh airson gearanan a thigeadh a-steach don oifis aige a chlàradh agus a cho-fhreagairt. Mar phàirt de phlana leasachaidh corporra na Comhairle, agus ann a bhith a dèiligeadh ri uallaichean mu dhàil cuid den luchd-fastaidh le freagairt, chaidh dòighean fhaighinn air dèanamh cinnteach gum biodh siostam co-ionann aig a h-uile Manaidsear Sgìreil. Bu chòir don Stiùiriche sùil a chumail air ùine freagairt Mhanaidsearan Sgìreil ri ceistean agus gearanan.
Planadh Seirbheis
Bha Planadh Seirbheis math agus bha e air a dhaingneachadh mar an dòigh air leasachadh eagraichte a choileanadh. Bha seo air deagh choileantachd, misneachd agus stiùireadh a thoirt don t-seirbheis gu h-iomlan. Bha ceangal soilleir eadar cinn-uidhe agus prìomh-amasan na seirbheis agus amasan corporra na Comhairle. Bha rùintean a Phlana Seirbheis Foghlaim a toirt aire do phrìomh-amasan ionadail agus nàiseanta agus a cur cudroim sònraichte air àrdachadh ìrean agus gealltanas càileachd. Bha cha mhòr a h-uile ceann-sgoile ann am bunsgoiltean agus àrdsgoiltean a faireachdainn gu robh am Plana Seirbheis Foghlaim a soilleireachadh amasan agus prìomh-amasan na Comhairle airson foghlaim. Bha beag-chuid de cheannardan ann an ionadan com-pàirteachais ro-sgoile cuideachd den bheachd seo. Bha e air a dhèanamh soilleir do sgoiltean dè na prìomh-amasan sa Phlana Seirbheis air am bu chòir dhaibh a bhith a beachdachadh airson nam planaichean leasachaidh aca. Ach cha robh gu leòr comhairle ann mu na h-ìrean aig an cuireadh iad na prìomh-amasan sin a-steach don phlanadh aca.
Bha Manaidsearan Foghlaim Sgìreil a coimhead thairis air plana airson gach sgìre a bha aca. Bha na planaichean sin dlùth-cheangailte ris a phrìomh Phlana Seirbheis agus a sònrachadh leasachadh cudromach ann am foghlam aig ìre roinneil. Bha Planaichean Sgìreil ùghdarraichte le Comataidhean Roinneil. Bha iad feumail airson conaltradh agus cunntachalachd do chom-pàirtichean aig ìre ionadail, ach dhfheumadh iad a bhith air an ceangal nas dlùithe a-steach don chùrsa planaidh agus air an cleachdadh airson riaghladh èifeachdach air an t-seirbheis.
Air taobh a-staigh Plana na Seirbheis Foghlaim, chaidh targaidean a shuidheachadh airson co-phlanadh a chur air chois leis an t-Seirbheis Obair Sòisealta agus an t-Seirbheis Slàinte. Bhathar air tòiseachadh gan deilbh airson cùram-chloinne, òigridh buailteach do dhùnadh a-mach agus slàinte chloinne gam bheilear a gabhail cùraim. Bha am Plana Ionnsachadh sa Choimhearsnachd fìor mhath agus bha dleastanasan sònraichte airson co-obrachadh eadar sheirbheisean air an comharrachadh gu soilleir.
Cheangail cùrsa a Phlanadh Seirbheis a-steach gu math le cùrsa-obrach na sgoile. Dhfheumadh na Planaichean Foghlaim Sgìreil, planaichean phròiseactan fa leth agus modh-obrachaidh leasachadh is luachadh luchd-fastaidh a bhith air fhilleadh a-steach don chùrsa gus dèanamh cinnteach nach biodh fiosrachadh sam bith a dhìth air planaichean sgoiltean. Bu chòir beachdachadh air structar planaidh a thoirt don h-uile ionad a shealladh mar a bha na pàirtean eadar-dhealaichte de phlanadh a dèanamh suas aon chùrsa planaidh is buidseat.
Ged a bha iomadh comharradh math air planadh, bha nithean ann a bha feumach air leasachadh. Cha deach feum èifeachdach a dhèanamh de luachadh gealltanas càileachd agus Sgrùdadh Luach as Fheàrr gus Planadh Seirbheis agus tabhann seirbheis a stiùireadh. Dhfheumadh targaidean agus slatan-tomhais a phlana a bhith na bu chinntiche agus comasach air an tomhas, agus a bhuaidh a bhathar a sùileachadh airson leasachadh sgoile air a shònrachadh. Dhfheumadh am plana cuideachd iomradh a thoirt air feumalachdan leasachadh luchd-fastaidh, agus amannan a mhìneachadh airson gach prìomh-amas a bhuileachadh, a dhaingneachadh agus a mheasadh.
Bha buidhnean fòcais, air an dèanamh suas de Stiùirichean Seirbheis, cinn-sgoile, aonaidhean luchd-teagaisg agus luchd-comhairleachaidh a measadh earrannan den Phlana Seirbheis. Choinnich luchd-fastaidh le uallach airson pròiseactan sònraichte ri Ceannardan Seirbheis trì uairean gach bliadhna gus innse dè an t-adhartas a chaidh a dhèanamh. Bha adhartas ann an coinneachadh ri targaidean air a luachadh dà uair sa bhliadhna aig Fòraman Foghlaim Sgìreil agus cunntas mu na co-dhùnaidhean a thoirt don Chomataidh Foghlaim iomlan. Bu chòir don t-seirbheis a-nis togail air an deagh mhodail measaidh seo le bhith a luachadh buaidh nam prògraman air adhartas sgoile.
Dhullaich an t-Seirbheis Comhairleachaidh prògram math de chùrsaichean leasachadh luchd-fastaidh, co-cheangailte ri prìomh-amasan a Phlana Seirbheis. Ach bu chòir barrachd trèineadh airson stiùireadh ann an sgoiltean a bhith aca agus na cùrsaichean a bhith na b fhosgailte. Cha deach feum gu leòr a dhèanamh de aithisgean nàiseanta, agus de luachadh sgoile is luchd-fastaidh, airson feuman leasachadh luchd-fastaidh a shònrachadh.
Chaidh deagh aire a thoirt do roghainnean lìbhrigidh eile ann am planadh airson foghlam ro-sgoile. Bha Cùmhnant Ire Seirbheis le Seirbheisean Ro-sgoile Roinn na Gaidhealtachd a cur uallach orra airson seirbheis taic agus gealltanas càileachd ro-sgoile ann an ionadan com-pàirteachais roinn na Gaidhealtachd. Bha Comataidh Sheirbheisean Chloinne a co-eagrachadh lìbhrigeadh sheirbheisean chloinne.
Feum agus buaidh prìomh luchd-fastaidh
Bha prìomh luchd-fastaidh air an cur gu deagh fheum agus air an cleachdadh airson taic a chur ri càileachd agus prìomh-amasan leasachaidh na seirbheis. Thug an dòigh san deach luchd-fastaidh an cleachdadh deagh aire do neartan agus eòlas pearsanta agus chaidh a dhèanamh soilleir do sgoiltean fa leth. Choinnich Sgioba Stiùiridh Foghlaim na Gaidhealtachd uair sa mhìos airson dòighean riaghladh agus riaghladh obrach a thoirt gu chèile agus airson conaltradh a mhisneachadh.
B e ciad dhleastanasan a Phrìomh Neach-comhairle a bhith a riaghladh an luchd-comhairle, Oifigearan Leasachaidh Clàr-teagaisg, an t-Aonad Leasachadh Luchd-fastaidh agus cuid de na prògraman àrdachadh-ìrean. Rinn co-fhilleadh nan roinnean sin den t-seirbheis leudachadh mòr air a chomais airson leasachadh a thoirt gu buil an lùib sgoiltean. Bha am Prìomh Neach-comhairle air taic mhòr a chur ri leasachadh, adhartachadh agus buileachadh modhan gealltanas càileachd.
Bha Stiùiriche Seirbheis Chloinne, Oigridh agus Teaghlaichean air fhastadh o chionn ghoirid, co-mhaoinichte agus air a riaghladh le Seirbheisean Foghlaim, Slàinte is Obair Shòisealta. Thug an dreuchd seo cothrom a bharrachd air co-obrachadh airson ìrean seirbheis a leasachadh. Thug Manaidsear Ionmhais deagh thaic do Stiùiriche Planadh is Stòrais.
Bha dleastanas soilleir aig gach aon de na còig Manaidsearan Foghlaim Sgìreil airson leasachadh càileachd agus taic do sgoiltean san sgìre aca. Thug iad deagh stiùireadh ann am buileachadh a Phlana Seirbheis gu h-ionadail agus bha iad a dol an sàs nas motha ann am pàirtean de ghealltanas càileachd. Ach bha mòran den ùine aca air a thoirt suas le cùisean rianachd agus gnàth-chùrsa. Bu chòir don obair aca ann an gealltanas càileachd a leudachadh. Dhfheumadh an t-Seirbheis Foghlaim a bhith cinnteach gu robh suidheachadh rianachd freagarrach is èifeachdach agus an Luach as Fheàrr aca anns gach sgìre.
Fhuair na Manaidsearan Foghlaim Sgìreil cuideachadh math bho luchd-comhairle bhunsgoil ionadail agus luchd-comhairle àrdsgoil stèidhichte aig ìre roinneil, a dhobraich gu math mar sgioba. A bharrachd air uallach a bhith orra airson grunnan roinn den chlàr-teagaisg, bha gealltanas càileachd an urra ris gach neach-comhairle. Bha luchd-comhairle a faighinn taic bho Oifigearan Leasachaidh Clàr-teagaisg a bha air am fo-fhastadh. Bha feum air ath-mheasadh dè cho cothromach s a bha an ùine a bha luchd-comhairle a caitheamh air gealltanas càileachd agus taic clàr-teagaisg. Dhfheumadh an t-Seirbheis Foghlaim beachdachadh mun dòigh as fheàrr air taic a thoirt do roinnean àrdsgoile aon-tidsear agus bunsgoiltean beaga.
Bha cuid de phrògraman àrdachadh-ìrean air an lìbhrigeadh gu h-èifeachdach le Oifigearan Leasachaidh a bha air am fo-fhastadh, a cleachdadh an taic airgid a bha ri fhaotainn bho Mhaoin Sàr-obair an Riaghaltais. Bu chòir barrachd feum a dhèanamh de fhiosrachadh bho fhèin-mheasadh sgoiltean, luachadh sgoiltean agus aithisgean sgrùdaidh bho Luchd-sgrudaidh na Banrigh airson Sgoiltean gus an tèid a mhaoin sin gu na raointean as fheumaiche.
Riaghladh stòrais
Anns an fharsaingeachd, b ann math a bha riaghladh stòrais, ged a bha feum air buileachadh nas sònraichte agus nas coileanta de phrionnsabalan An Luach as Fheàrr. Bho thùs, bha a Chomhairle air a bhith a caitheamh barrachd air an tomhas Cosgais Taic Tabhartais airson taic a chur ri foghlam. Bha dòigh mhath aca airson roinn stòrais a bha a dlùth leantainn an stiùireadh nàiseanta agus a thug aire do phrìomh-amasan ionadail agus do thabhartasan sònraichte a bha rim faotainn leithid Maoin Sàr-obair.
Bha làn mhothachadh air a thoirt do bhuill taghte den airgead agus stòras eile a bha rim faotainn leis a Chomhairle agus de bhuaidh mholaidhean airson suidheachadh buidseat tro chunntasan air an deach beachdachadh le comataidhean seirbheis agus am Buidheann-obrach Buidseit.
Chaidh deagh cheumannan a ghabhail gus dèanamh cinnteach gun deigheadh stòras a chleachdadh ann an dòigh eaconomach, èifeachdach agus comasach airson foghlam a thabhann air taobh a-staigh Chomhairle na Gaidhealtachd. Bha na leanas air a ghabhail a-steach:
Bha a Chomhairle aig a cheum deireannach de chòmhraidhean mu chùmhnant Com-pàirteachas Prìbheideach Poballach airson ceithir sgoiltean ùra a thogail.
Chaidh luachadh a dhèanamh trì uairean airson pàirt den ullachadh a thomhas agus a mheasadh airson An Luach as Fheàrr. Chaidh an dèanamh air seirbheisean còmhdhail dachaigh-gu-sgoil, biadh ann an sgoiltean an Loch Abar agus riaghladh airson Siostam Teicneòlais Fiosrachaidh is Conaltraidh na Seirbheis Foghlaim. Ann an luachadh ri teachd, bu chòir barrachd ceasnachaidh a dhèanamh mun fheum air an t-seirbheis agus comharran a chleachdadh airson co-mheasadh coileanaidh. Cha robh prògram coileanta aig an t-Seirbheis Foghlaim airson luachadh An Luach as Fheàrr ann an roinnean cudromach den ullachadh no adhbhar soilleir airson an luachadh sin. Bu chòir pàirtean cudromach den ullachadh, a gabhail a-steach sgoiltean le mòran rùm a chòrr agus an structar rianachd roinneil, a bhith ann am prògram measaidh An Luach as Fheàrr. Cha robh toraidhean bhon luachadh a chaidh a ghabhail os làimh fhathast aig ìre aig am b urrainn don ùghdarras sealltainn leasachadh air lìbhrigeadh seirbheis no lùghdachadh chosgaisean.
B ann meadhanach math a bha conaltradh eadar Seirbheisean Thogalaichean is Ailtireachd agus an t-Seirbheis Foghlaim mu ìre cosgais cumail suas thogalaichean agus prìomh-amasan airson cosgais thogalaichean sgoile. Bha dìth soilleireachd mu dhleastanasan fa leth gach seirbheis airson cumail suas thogalaichean agus ann an siostaman airson prìomh-amasan co-cheangailte ri cosgais cumail suas thogalaichean a stèidheachadh. Bu chòir leasachadh a dhèanamh air an ullachadh airson cumail suas thogalaichean agus air riaghladh maoin.
Riaghladh ionmhais
Anns an fharsaingeachd, b ann math a bha riaghladh ionmhais. Bha deagh dhàimh eadar na Seirbheisean Foghlaim agus Ionmhais. Bha fiosrachadh agus com-pàirt air a thoirt do bhuill taghte ann an suidheachadh buidseat agus modhan stiùiridh buidseat tro chomataidhean seirbheis agus am Buidheann-obrach Buidseat. Bha mòran co-chomhairle mun h-uile moladh buidseat tro fòraman, cinn-sgoile agus Bùird Sgoile, mus deigheadh an cur fa chomhair nan comataidhean iomchaidh.
Bha fiosrachadh math mu ionmhas ri fhaotainn airson riaghladh buidseat aig ìre seirbheis. Bha am prìomh sgioba riaghlaidh agus glèidheadairean buidseat fa leth a faighinn agus a beachdachadh mu aithisgean riaghladh buidseat gu cunbhalach. Chaidh easaontachd a rannsachadh agus a cheartachadh ma bha feum air. Bha adhartas air a dhèanamh a dhionnsaigh buidseat ioma-bliadhnail le buidseatan air an ullachadh airson 2000/01 agus 2001/02.
Bha sgeama riaghladh sgoile ùghdarraichte coileanta aig a Chomhairle, a bha a mìneachadh dleastanasan an ùghdarras foghlaim, An Stiùiriche Foghlaim, cinn-sgoile agus Bùird Sgoile. Bha e ceangailte gu soilleir ri riaghailtean ionmhais agus cùmhnant na Comhairle. Anns a chumantas bha cinn-sgoile riaraichte leis an sgeama agus leis an fhiosrachadh a fhuair iad mu ionmhas. Ged a fhuair glèidheadairean buidseat aithisgean measaidh buidseat gu cunbhalach, thuirt cuid nach robh an ìre ach truagh. Thug iomadh ceann-sgoile iomradh air duilgheadasan rianachd agus ro bheag trèinidh co-cheangailte ris an sgeama riaghladh sgoile ùghdarraichte. Bhathar ga luachadh gus dèanamh cinnteach gum biodh barrachd comas rianachd agus riaghladh buidseit aig cinn-sgoile.
Ged a thug am Plana Seirbheis beagan iomraidh air buidseatan, bu chòir a bhith teann ag obrachadh a-mach chosgaisean. Bha feum air ceanglaichean na bu shoilleire eadar planadh agus ullachadh buidseit.
Fhuair lìbhrigeadh siostaman ionmhais deagh thaic bho leabhrain obrachaidh soilleir, pàipearan agus trèineadh luchd-fastaidh.
Tomhas, measadh agus luachadh coileanaidh
Anns an fharsaingeachd, bha deagh shiostaman aig an t-Seirbheis Foghlaim an sàs gus measadh a dhèanamh air coileanadh air feadh an ùghdarrais. Bha structar soilleir aca airson gealltanas càileachd agus ùidh mhòr ann an luachadh cunbhalach agus ann a bhith a misneachadh spiorad adhartachaidh. Chaidh adhartas math a dhèanamh a dhionnsaigh coileanadh a chinn-uidhe airson fèin-mheasadh agus gealltanas càileachd a chur air adhart mar bhunait na seirbheis.
Bha leabhraichean-làimhe mu ghealltanas càileachd airson bunsgoiltean agus àrdsgoiltean a sealltainn gu soilleir nam prionnsabalan agus modhan airson càileachd a ghealltainn anns an t-Seirbheis Foghlaim. Bha plana leasachaidh aig a h-uile sgoil, stèidhichte air clàr-stiùiridh soilleir. Chaidh planaichean an luachadh le sgioba gealltanas càileachd agus aithisg sgrìobhte a chur chun a chinn-sgoile. Chaidh iarraidh air ionadan com-pàirteachais foghlaim ro-sgoile plana leasachaidh bliadhnail a dhèanamh ron Ogmhìos 2001.
Anns a chumantas bha an t-Seirbheis Foghlaim a luachadh càileachd foghlaim nam bunsgoiltean agus àrdsgoiltean tro phrògram tadhail airson gealltanas càileachd. Bha seo na dheagh mheadhan airson eòlas coileanta a thoirt don t-Seirbheis Foghlaim mu choileanadh sna sgoiltean. Bha sgiobannan comhairleachaidh gealltanas càileachd, oifigearan fo-fhastaichte agus Manaidsearan Foghlaim Sgìreil a tadhal anns a h-uile sgoil gach bliadhna. Bheireadh modh-obrachaidh nas sònraichte airson gealltanas càileachd, stèidhichte air feum, ùine dhaibh airson an dleastanas mar luchd-taic a choileanadh na b fheàrr. Bha feum air barrachd doimhneachd agus coileantachd ann an tional fiosrachaidh. Bha a chiad chuairt de luachadh a rinn an t-Seirbheis Foghlaim a sealltainn gun do shaoil a chuid bu mhotha de luchd-fastaidh gu robh iad feumail ann am planadh sgoile, ach nach robh cuid dhiubh domhain gu leòr. Bha suidheachadh co-ionann an sàs airson gealltanas càileachd ann an sampla bliadhnail de dhionadan ro-sgoile an-lùib bhunsgoiltean, agus thèid sin a leudachadh a-mach gu ionadan com-pàirteachais.
Bha oidhirp mhòr ga dhèanamh airson gun deigheadh na comharran coileanaidh nàiseanta ann an How good is our school?1 agus The Child at the Centre 2 an cleachdadh airson measadh càileachd agus planadh leasachaidh agus bhathar air tòiseachadh a gabhail riutha aig gach ìre san t-Seirbheis Foghlaim. Ach bha cleachdadh chomharran coileanaidh airson fèin-mheasadh ann an sgoiltean fhathast caochlaideach air feadh an ùghdarrais.
Chaidh stiùireadh mu leasachadh is luachadh luchd-fastaidh a chur chun a h-uile sgoil ann an 1999. B ann neo-thaitneach a bha adhartas le buileachadh a rèir an t-sùileachaidh nàiseanta, gu h-àraidh ann am bunsgoiltean. Chaidh targaid a chur sa Phlana Seirbheis gus am biodh leasachadh is luachadh luchd-fastaidh air a ghluasad air adhart gu bhith a gabhail a-steach a h-uile tidsear ron Ogmhìos 2001. Bu chòir don Ard Stiùireachas dèanamh cinnteach gu bheil modhan aca a choinnicheas ris an targaid agus gum faigh a h-uile neach-fastaidh buannachd bho luachadh brìoghmhor. Cha robh siostam soilleir aca airson dèiligeadh ri co-dhùnaidhean luachadh luchd-fastaidh airson a bhith a sònrachadh agus a coinneachadh ri feuman leasachaidh luchd-fastaidh.
Bha sgeama dearbhaidh a dol gus cuideachadh a thoirt do sgoiltean ag ullachadh aithisg Irean agus Càileachd fa leth a gabhail a-steach a h-uile prìomh roinn den obair aca thairis air cùrsa thrì-bliadhna. Chaidh targaid a chur don Phlana Seirbheis gus dèanamh cinnteach gum foillsicheadh a h-uile àrdsgoil agus 20% de bhunsgoiltean na h-aithisgean sin ron Ogmhìos 2002. Dhfhaodadh barrachd den fhiosrachadh bho na h-aithisgean sin a chleachdadh ann an aithisg Irean agus Càileachd Sheirbheisean.
Bha an t-Seirbheis Foghlaim air pròiseact dearbhaidh a chur an sàs airson coileanadh sgoilearan a leantainn bho P7 air tùs, agus an uair sin P4, a-steach don àrdsgoil. Cha robh siostam aca fhathast airson fiosrachadh bunasach mu choileanadh sgoilearan sna tùs ìrean a chuidicheadh sgoiltean a measadh adhartais na cloinne aig ìrean eile.
Bha planaichean airson Aonad Riaghlaidh Coileanaidh fhathast gun an toirt gu ìre. Bha fiosrachadh mu na h-ìrean coileanaidh 5-14 ann an sgoiltean air a chur ri chèile. Chaidh dàta nàiseanta mu choileanadh ann an deuchainnean Ughdarras Teisteanais na h-Albann (UTA) a thoirt do sgoiltean agus am fiosrachadh a chur air dòigh gus am faigheadh iad air coileanadh a cho-mheasadh ri sgoiltean eile roinn na Gaidhealtachd. Chaidh beachdachadh gu sònraichte air coileanadh sgoilearan ann an cuairtean bliadhnail gealltanas càileachd.
Bha dòighean èifeachdach aca airson dèiligeadh ri sgrùdaidhean Luchd-sgrùdaidh na Bànrigh airson Sgoiltean. Fhuair sgoiltean taic mhath ann an cruthachadh agus buileachadh phlanaichean gnìomha gus dèiligeadh ri puingean gnìomha ann an aithisgean sgrùdaidh. Ann an ath-sgrùdadh, riaraich a chuid bu mhotha de sgoiltean cha mhòr a h-uile moladh.
Tro na modhan sin agus modhan eile airson fiosrachadh a thional mu sgoiltean, bha Prìomh Mhanaidsearan agus, gu h-àraidh, Manaidsearan Foghlaim Sgìreil a cur ri chèile deagh fhiosrachadh mu bhuaidh nan sgoiltean. Bha a chuid bu mhotha de chinn-sgoile cinnteach gu robh am fiosrachadh ceart aig an ùghdarras mu choileanadh nan sgoiltean aca agus bha iad air am misneachadh gu bhith cur air adhart dòigh eagraichte airson an obair a mheasadh agus a luachadh. Ach bha feum air dòigh nas eagraichte airson a bhith a tional, a mìneachadh agus a toirt cunntais air raon farsaing dàta àireamhail mu choileanadh, aig ìre sgoile agus ìre seirbheis, airson adhartas a chuideachadh agus fhoillseachadh.
Leasachadh leantainneach coileanaidh
Bha ceann-uidhe soilleir aig an t-Seirbheis Foghlaim airson cumail ag àrdachadh ìrean coileanaidh foghlaim ann an roinn na Gaidhealtachd a bha àrd anns a chumantas. Gus seo a dhèanamh bhathar air raon farsaing mhodhan a thoirt gu buil airson leasachadh coileanaidh agus àrdachadh-ìrean ann an sgoiltean. Bha iad sin a cur cudrom soilleir air prìomh-amasan nàiseanta agus ionadail. Chaidh deagh fheum a dhèanamh de Mhaoin Sàr-obair an Riaghaltais airson taic a chur ri prògraman leasachaidh.
Mar phàirt den phrògram Eadar-theachd Thràth, bha sgoiltean ann an sgìrean le dìth air an cur don chiad cheum den phrògram. Thug trèineadh cruaidh anns a chiad sgrìobhadh is àireamhachadh, fastadh luchd-cuideachaidh clasrum, barrachd taic ionnsachaidh, pasgain ionnsachaidh dachaigh-sgoil agus taghadh de ghnìomhan leasachadh luchd-fastaidh deagh bhuaidh air leasachadh foghlaim. Bha clasaichean sna tùs ìrean ann am bunsgoiltean roinn na Gaidhealtachd air fad air an lùghdachadh, gu 30 sgoilear air a char as àirde. Dhfheumadh barrachd measadh agus luachadh a dhèanamh den fhìor bhuaidh a bha aig a phrògram seo air ìre eòlais agus coileanaidh sgoilearan.
Anns an fharsaingeachd, b ann meadhanach math a bha adhartas le buileachadh stiùireadh clàr-teagaisg 5-14 agus Teastaichean Nàiseanta èifeachdach. Chaidh taic a chur ri teagasg ann an iomadh roinn den chlàr-teagaisg, a gabhail a-steach matamataig, Beurla, saidheans agus foghlam slàinte. Chaidh trèineadh luchd-fastaidh ullachadh airson cuideachadh le adhartas ann an stiùireadh sna h-ealain, foghlam spioradail is moralta agus matamataig inntinneil. Fhuaireadh stuthan-taic clàr-teagaisg airson na h-ealain, ceòl agus foghlam corporra. Chaidh tòiseachadh air pròiseactan taic airson saidheans bho P6 gu S2 agus ceanglaichean nas fheàrr ann a nua-chànain eadar a bhunsgoil agus an àrdsgoil. A bharrachd air matamataig ann am bunsgoiltean, chaidh adhartas math a dhèanamh a dhionnsaigh buileachadh thargaidean a chaidh a shuidheachadh mar thoradh air pròiseact Raising Standards Setting Targets an Riaghaltais. Ach cha robh dùbhlan gu leòr ann an targaidean a chaidh a shuidheachadh aig ìrean 5-14 (faic Pàipear-taice 1). Bu chòir don t-Seirbheis Foghlaim cumail a dol le measadh adhartais ann an àrdachadh-ìrean sgoilearan, agus le stiùireadh feumail mu roinnean de chlàr-teagaisg 5-14 a bha air an sònrachadh airson leasachadh. Dhfhaodadh pàirt na b èifeachdaiche a bhith aig buidhnean-bhagaid sgoile ann a bhith a toirt na taice sin gu ìre, gu h-àraidh airson sgoiltean a tha glè bheag.
Bha àrdsgoiltean air adhartas math a dhèanamh le toirt a-steach chùrsaichean ùra gus cothrom a thoirt do sgoilearan Teisteanasan Nàiseanta fhaighinn. Bha ullachadh math aca airson leasachadh luchd-fastaidh gus cuideachadh a thoirt do luchd-teagaisg leis na cùrsaichean sin. Thug oifigearan taic comhairle mu riaghladh, ullachadh chlàr-ama agus cuisean treòrachaidh. Ach air dhà de na trì bliadhna mu dheireadh, bha sgoilearan a fhuair teisteanas Ard-ìre UTA a coileanadh ìrean mòran na b ìsle na shùilichear bho thoraidhean an Ire Chumanta. Bha feum air tuilleadh a dhèanamh airson an àireamh sgoilearan a coileanadh 5+ theisteanasan Ard-ìre a chur suas (faic Pàipear-taice 1).
Bha a h-uile àrdsgoil air airgead fhaighinn airson am prògraman taic ionnsachaidh a leudachadh. Bha prògram taic ionnsachaidh air leth soirbheachail aca aig àm na Càisge do sgoilearan S5 agus S6 air feadh roinn na Gaidhealtachd. Bha gnìomhan taic ionnsachaidh gan leudachadh gu bunsgoiltean agus sgoiltean foghlam sònraichte.
Chaidh adhartas math a dhèanamh le bun-structar TFC air feadh roinn na Gaidhealtachd. Chaidh coinneachadh ri targaid airson aon choimpiutar mu choinneamh a h-uile còig sgoilear san àrdsgoil agus adhartas math a dhèanamh a dhionnsaigh aon fhaighinn mu choinneamh a h-uile 7.5 sgoilear sa bunsgoil. Ach cha robh ro-innleachd iomlan aca airson dèanamh cinnteach gu robh iad a dèanamh an fheum as fheàrr de TFC airson leasachadh sgoile no airson measadh èifeachdach air a bhuaidh air coileanadh.
Bha adhartas math a dhionnsaigh buileachadh amais an t-Seirbheis Foghlaim airson taic agus leudachadh cànan is cultar na Gàidhlig. Chaidh ullachadh èifeachdach a dhèanamh airson raon farsaing de fhoghlam Gàidhlig. Rinn an t-Seirbheis deagh phlanadh airson gum biodh adhartas agus leantailteachd bho chlasaichean bunsgoil gu àrdsgoil. Chaidh feum fìor mhath a dhèanamh de thabhartasan sònraichte bhon riaghaltas nàiseanta airson trèineadh, leasachadh stuthan teagaisg, dreuchdan teagaisg ùra a chur air chois agus ullachadh foghlaim a leudachadh. Bha an t-Seirbheis air dèiligeadh gu math ri iarrtasan phàrantan airson clasaichean a bharrachd, ach bha iad air am bacadh aig gainnead thidsearan meadhan-Gàidhlig gu nàiseanta. Bha deagh phlanaichean aca airson barrachd ullachaidh do luchd-ionnsachaidh Gàidhlig ann am bunsgoiltean. Bha iad a cumail suas an dàimh mhath a bha aca ri buidhnean bho muigh agus buidhnean phàrant, a bha airson taic agus brosnachadh a thoirt don Ghàidhlig. Bu chòir don t-Seirbheis Foghlaim cumail ag obair le buidhnean leithid sin agus an cleachdadh as fheàrr a chom-pàirteachadh. Bha feum air ceanglaichean nas foirmeile agus barrachd co-obrachaidh le seirbheisean Comhairle eile le ùidh ann an àrdachadh na Gàidhlig. Chaidh deagh chudrom a chur air leasachadh coileanaidh. Chaidh tomhas math de stiùireadh feumail a chur gu luchd-fastaidh. Chaidh feum fìor mhath a dhèanamh de thrèineadh in-sheirbheis farsaing, airson taic a thoirt do thidsearan meadhan-Gàidhlig. Bha feum a-nis air leasachadh luchd-fastaidh le amasan nas sònraichte agus nas adhartaiche. Ann an grunn sgoiltean, bha prògraman nàiseanta leithid Eadar-theachd Thràth agus luchd-cuideachaidh clasrum air an atharrachadh gu sgileil gus coimeasgachadh ri prògraman bogaidh Gàidhlig ann am P1 gu P3. Bu chòir neartachadh agus leudachadh a dhèanamh air an deagh adhartas ann an cleachdadh bhuidhnean leasachaidh airson pàirt den ullachadh a thoirt air adhart.
Gus coileanadh a chinn-uidhe a bhith a cur foghlaim air adhart mar fhoghlaim fad-beatha do dhaoine fa leth agus mar phàirt cudromach de leasachadh coimhearsnachd, bha an t-Seirbheis Foghlaim air adhartas math a dhèanamh a stèidheachadh Sgoiltean Ura Coimhearsnachd (NCS). Bha am prògram air a dheagh phlanadh. Bha an obair làitheil anns an dà sheòrsa sgoil air a dhèanamh le bun-sgioba de luchd-teagaisg ioma-chuspair, fo stiùireadh mhanaidsear aonachaidh a co-obrachadh le cinn-sgoile ionadail. Bha gach prògram air a bhith feumail airson co-obrachadh le leasachadh sheirbheisean airson an coimhearsnachdan ionadail.
Gus dèanamh cinnteach gum biodh comasan òigridh fa leth air an làn leasachadh, bha an t-Seirbheis Foghlaim air Ionad Nàiseanta Sàr-chomais airson Ceòl Traidiseanta Albannach a stèidheachadh. Dhfhaodadh barrachd feum a dhèanamh de fhoghlam aig astar gus coinneachadh ri feuman fa leth agus gus cothrom a thoirt don h-uile sgoilear a bhith a coileanadh an làn chomais agus a leasachadh an tàlantan.
Chaidh Seirbheis Taic Sgoilearan a stèidheachadh mar phàirt de phrògram Alternatives to Exclusions. Bha clàr-stiùiridh mu dhùnadh a-mach ga ath-dheasachadh airson a chur an gnìomh ann an 2001. Bha an àireamh sgoilearan a chaidh a dhùnadh a-mach às an sgoil bho 1998/99 air a dhol sìos, gu h-àraidh an àireamh a chaidh a thoirt bhon rola (faic Pàipear-taice 1). Nam biodh trèineadh leantainneach aig luchd-fastaidh ann an taic modh-giùlain bhiodh e comasach buaidh a phrògram seo a choileanadh gu h-iomlan.
Rinn an t-Seirbheis Foghlaim feum de dhiomadh meadhan airson a bhith a foillseachadh deagh chleachdadh, a gabhail a-steach:
Bu chòir a bhith a togail air an obair sin airson deagh chleachdadh agus coileanadh a dhèanamh nas follaisiche.
Beachd farsaing
Bha Comhairle na Gaidhealtachd air mòr-chudrom a chur air taic agus leasachadh don t-Seirbheis Foghlaim agus fhuair iad air luach a chur ri obair nan sgoiltean. Gu sònraichte, thar an dà bhliadhna mu dheireadh, bha an t-Seirbheis Foghlaim air buannachd bho stiùireadh fìor mhath anns an robh iarrtas soilleir agus aontachadh mu chinn-uidhe. Chaidh cultar a thoirt a-steach de phlanadh agus gealltanas càileachd, le cudrom air leasachadh. Chaidh tòiseachadh a co-obrachadh le grunn sheirbheisean Comhairle agus com-pàirtichean eile airson cur ri seirbheisean ann an dòigh aonaichte.
Bha modhan conaltraidh is comhairleachaidh air an stèidheachadh leis a chuid as motha de na prìomh chom-pàirtichean. Bha deagh cheanglaichean ri sgoiltean air an cumail suas.
Bha an sgoil agus na sgoilearan air coileanadh gu math. Bha coileanadh sgoilearan, aig cha mhòr a h-uile ìre, gu cunbhalach os cionn a chuibheasachd nàiseanta. Bha e deatamach gum biodh an t-seirbheis a suidheachadh thargaidean le dùbhlan iomchaidh airson a bhith cinnteach de leasachadh leantainneach.
Bha structar airson gealltanas càileachd soirbheachail air a thoirt a-steach. Dhfheumadh luchd-fastaidh foghlaim a-nis an structar seo a thoirt air adhart, mar a chaidh a mhìneachadh san aithisg, airson sùil gheur a chumail air soirbheachadh nam prògram leasachaidh agus An Luach as Fheàrr a chaidh a thoirt a-steach.
Comharraidhean adhartach
Tillidh Luchd-sgrùdaidh na Bànrigh mu dhà bhliadhna as dèidh clò-bhualadh na h-aithisg seo airson measadh a dhèanamh air coileanadh nam molaidhean seo. Chaidh iarraidh air an ùghdarras foghlaim plana gnìomha ullachadh agus fhoillseachadh, am broinn ochd seachdainean bho fhoillseachadh na h-aithisg seo, a sealltainn mar a dhèiligeas iad ri na prìomh phuingean gnìomha a leanas san aithisg.
Uilleam Mac a Chlèirich
Luchd-sgrùdaidh na Bànrigh airson Sgoiltean
Roinn Càileachd, Irean is Sgrùdadh
Gearran 2001
Fiosrachadh mu choileanadh
Cuimsean àireamhail
Co-cheangailte ris a phrògram Raising Standards Setting Targets, shuidhich Comhairle na Gaidhealtachd an targaid a leanas airson gum bi an àireamh chuibheasach de leth-làithean bhon sgoil mu choinneamh gach sgoilear ann am bunsgoiltean agus àrdsgoiltean air ìsleachadh ro 2000/01.
|
|
Ire Tòiseachaidh |
Ire An-dràsta |
Targaid |
|
|
|
|
|
|
|
|
Bunsgoil |
Gaidhealtachd |
18 |
15 |
16 |
|
|
Nàiseanta |
21 |
19 |
18 |
|
Ardsgoil |
Gaidhealtachd |
35 |
33 |
27 |
|
|
Nàiseanta |
43 |
41 |
36 |
|
|
1998/1999 |
1999/2000 |
|
|
|
|
|
Dùnadh a-mach iomlan |
566 |
507 |
|
Air an toirt bhon rola |
42 |
10 |
|
|
Gaidhealtachd |
1997 71 |
1998 72 |
1999 73 |
|
|
Nàiseanta |
64 |
64 |
65 |
|
|
Cuibheasachd chomhairlean co-ionann 3 |
67 |
68 |
70 |
|
% Gu Foghlam Ard-Ire Làn-ùine |
Gaidhealtachd |
1996/97 29 |
1997/98 31 |
1998/99 36 |
|
|
Nàiseanta |
29 |
30 |
31 |
|
|
Cuibheasachd chomhairlean co-ionann |
30 |
32 |
34 |
|
|
|
|
|
|
|
% Gu Foghlam Adhartach Làn-ùine |
Gaidhealtachd |
19 |
17 |
17 |
|
|
Nàiseanta |
18 |
19 |
19 |
|
|
Cuibheasachd chomhairlean co-ionann |
18 |
18 |
17 |
|
|
|
|
|
|
|
% A-steach |
Gaidhealtachd |
35 |
35 |
34 |
|
Do DhObair |
Nàiseanta |
25 |
26 |
26 |
|
|
Cuibheasachd chomhairlean co-ionann |
26 |
28 |
28 |
|
Targaid |
Ire Tòiseachaidh |
Ire An-dràsta |
Ire Targaid |
|
|
|
|
|
|
|
|
Leughadh |
Gaidhealtachd |
74 |
75 |
79 |
|
|
Nàiseanta |
70 |
73 |
77 |
|
Sgrìobhadh |
Gaidhealtachd |
63 |
65 |
71 |
|
|
Nàiseanta |
56 |
61 |
67 |
|
Matamataig |
Gaidhealtachd |
78 |
78 |
82 |
|
|
Nàiseanta |
73 |
77 |
81 |
|
Targaid |
Ire Tòiseachaidh |
Ire An-dràsta |
Ire Targaid |
|
|
|
|
|
|
|
|
Leughadh |
Gaidhealtachd |
53 |
56 |
59 |
|
|
Nàiseanta |
41 |
46 |
54 |
|
Sgrìobhadh |
Gaidhealtachd |
49 |
50 |
55 |
|
|
Nàiseanta |
36 |
40 |
48 |
|
Matamataig |
Gaidhealtachd |
52 |
47 |
60 |
|
|
Nàiseanta |
42 |
43 |
55 |
|
|
Ire Tòiseachaidh |
Ire An-dràsta |
Ire Targaid |
|
|
|
|
|
|
|
|
SG Beurla 1-6 |
Gaidhealtachd |
95 |
96 |
95 |
|
|
Nàiseanta |
92 |
93 |
94 |
|
SG Matamataig 1-6 |
Gaidhealtachd |
95 |
96 |
95 |
|
|
Nàiseanta |
92 |
93 |
94 |
|
5+SG 1-6 |
Gaidhealtachd |
94 |
95 |
96 |
|
|
Nàiseanta |
90 |
91 |
93 |
|
5+SG 1-4 |
Gaidhealtachd |
79 |
83 |
84 |
|
|
Nàiseanta |
72 |
74 |
77 |
|
5+G 1-2 |
Gaidhealtachd |
31 |
36 |
37 |
|
|
Nàiseanta |
28 |
31 |
34 |
|
HG, 3+ (A-C) |
Gaidhealtachd |
22 |
24 |
25 |
|
|
Nàiseanta |
20 |
20 |
23 |
|
HG, 5+ (A-C) |
Gaidhealtachd |
5 |
6 |
7 |
|
|
Nàiseanta |
6 |
6 |
8 |
|
% S4 Rola a faighinn: 5+ Ire Chumanta aig 1-6 |
Gaidhealtachd |
1997 95 |
1998 95 |
1999 95 |
|
|
Nàiseanta |
90 |
90 |
91 |
|
|
Cuibheasachd chomhairlean co-ionann |
93 |
93 |
94 |
|
|
|
|
|
|
|
5+ Ire Chumanta aig 1-4 |
Gaidhealtachd |
82 |
82 |
84 |
|
|
Nàiseanta |
73 |
74 |
75 |
|
|
Cuibheasachd chomhairlean co-ionann |
79 |
80 |
81 |
|
|
|
|
|
|
|
5+ Ire Chumanta aig 1-2 |
Gaidhealtachd |
35 |
36 |
37 |
|
|
Nàiseanta |
29 |
31 |
31 |
|
|
Cuibheasachd chomhairlean co-ionann |
34 |
36 |
35 |
|
|
|
|
|
|
|
3+ Ard-Ire aig A-C an S5 |
Gaidhealtachd |
22 |
25 |
24 |
|
|
Nàiseanta |
20 |
20 |
20 |
|
|
Cuibheasachd chomhairlean co-ionann |
22 |
23 |
23 |
|
|
|
|
|
|
|
5+ Ard-Ire at A-C an S5 |
Gaidhealtachd |
5 |
7 |
7 |
|
|
Nàiseanta |
6 |
6 |
7 |
|
|
Cuibheasachd chomhairlean co-ionann |
6 |
7 |
7 |
|
|
|
|
|
|
|
% S4 rola a faighinn 1+ CSYS aig A-C an S6 |
Gaidhealtachd Nàiseanta Cuibheasachd chomhairlean co-ionann |
10 10 11 |
9 9 10 |
12 10 11 |
|
|
|
|
|
|
|
% S5/S6 rola a faighinn 3+ Modailean NC |
Gaidhealtachd Nàiseanta |
46 41 |
45 42 |
41 39 |
|
|
Cuibheasachd chomhairlean co-ionann |
42 |
43 |
41 |
(- a riochdachadh coileanadh nas ìsle na bhiodh air a shùileachadh agus * a comharrachadh coileanadh mòran nas ìsle na bhiodh air a shùileachadh)
|
|
1997 |
1998 |
1999 |
|
Gaidhealtachd |
-4.5* |
-1.6 |
-3.0* |
Fiosrachadh mun sgrùdadh
Ionadan air an deach tadhal:
Acadamaidh Alanais
Acadamaidh Dhòrnoch
Ardsgoil Gheàrrloch
Ardsgoil Chinn a Ghiùthsaich
Ardsgoil Loch Abair
Ardsgoil a Phluic
Ardsgoil Phort-rìgh
Bunsgoil Bhealaich
Bunsgoil Bishop Eden
Bunsgoil Dhrochaid a Bhanna
Bunsgoil a Mheadhain
Bunsgoil RC a Ghearasdain
Bunsgoil Chinn a Ghiùthsaich
Bunsgoil Loch Carrain
Bunsgoil RC Lochyside
Bunsgoil a Phluic
Bunsgoil Acadamaidh Pulteneytown
Bunsgoil RC Naomh Ioseph
Bunsgoil Stafainn
Sgoil Shònraichte Naomh Cliamhain
Sgoil-àraich a Mheadhain
Cròileagan Fliperz
Cròileagan Hacraig
Cròileagan Inbhir Lòchaidh
Cròileagan Junior World
Cròileagan Chinn a Ghiùthsaich
Cròileagan Luirg
Cròileagan Loch Carrain
Sgoil-àraich Phort-rìgh
Sgoil-àraich Stepping Stones
Coinneamhan a chaidh am frithealadh:
Sgioba Riaghlaidh Foghlaim Roinn na Gaidhealtachd
Buidheann Sònraichte Gealltanas Càileachd
Buidheann Poileasaidh an Stiùireachais
Com-pàirteachas Cùram-chloinne na Gaidhealtachd
Agallamhan no coinneamhan le Buill agus Oifigearan na Comhairle:
Cathraiche agus Iar-chathraiche Comataidh an Fhoghlaim
Ceannard na Comhairle
Fear-gairm na Comhairle
Stiùiriche an Ionmhais
Stiùiriche Sheirbheisean Thogalaichean is Ailtireachd
Stiùiriche Obair Sòisealta
Comataidh an Fhoghlaim
Luchd-ùghdarrais Comataidh Foghlam Sgìreil
Fòram Foghlaim Sgìreil
Comataidh Foghlaim Sgìre Inbhir Nis (Ros is Crombaidh)
Ceannard Thogalaichean, Prìomh Oifigear Càraidh
agus Ceannard Cumhachd is Innleadaireachd; Seirbheisean Thogalaichean agus Ailtireachd
Oifigear Leasachaidh Gàidhlig; Roinn a Cheannaird
Agallamhan no coinneamhan le Buidhnean Com-pàirteachaidh eile:
Fòram Foghlam Sgìreil (Cathraichean Bùird Sgoile)
Comunn na Gàidhlig (CNAG)
Comhairle nan Sgoiltean Àraich (CNSA)
Comann nam Pàrant
Agallamhan le Luchd-fastaidh na Seirbheis Foghlaim
Cuimsean càileachd
Bhreithnich sinn na leanas fìor mhath
Bhreithnich sinn na leanas math
Bhreithnich sinn na leanas meadhanach math
Cha deach aon nì fhoillseachadh a bha airidh air a chomharradh seo.
Cha deach aon nì fhoillseachadh a bha airidh air a chomharradh seo.
Ciamar a gheibh sibh fios thugainn?
Chaidh lethbhreac den aithisg seo gu Ceannard an ùghdarrais ionadail, gu Stiùiriche Seirbheis an Fhoghlaim, gu oifigearan eile san ùghdarras ionadail, gu buill de Riaghaltas na h-Albann, gu Audit Scotland, gu ceannardan ionadan foghlaim an ùghdarrais ionadail, gu cathraichean Bùird Sgoile/comainn phàrant an ùghdarrais ionadail agus gu daoine agus buidhnean iomchaidh eile. Neach sam bith a tha ag iarraidh lethbhreac an-asgaidh tha còir aige cur ga iarraidh chun an t-seòladh a leanas no fònadh 0131 244 0746. Tha e ri fhaotainn cuideachd air an làrach-lìn againn: www.scotland.gov.uk/hmie
Neach sam bith a tha ag iarraidh beachd a thoirt seachad air an sgrùdadh no air an aithisg tha còir aige seo a dhèanamh ann an sgrìobhadh an toiseach gu Uilleam Mac a Chlèirich, Prìomh Neach-sgrùdaidh aig an t-seòladh a leanas. Thèid innse ann an sgrìobhadh do neach sam bith a tha mì-thoilichte leis an fhreagairt mun ath cheum a bu chòir dha a ghabhail.
Luchd-sgrùdaidh na Bànrigh airson Sgoiltean
Roinn Càileachd, Irean agus Sgrùdadh
1-B-01
Cidhe Bhictoria
Dùn Eideann
EH6 6QQ
Còraichean glèidhte leis a Chrùn 2001
Riaghaltas na h-Albann
Faodar lethbhreac a dhèanamh den aithisg seo gu h-iomlan no de earrainn dhith fhad s nach cuirear sin gu feum ann am malairt no ann an co-cheangal ri leabhran-fiosrachaidh no sanas agus fhad s a dhainmichear an aithisg agus ceann-là a foillseachaidh.
1 How good is our school? - Self-evaluation using performance indicators (Roinn Sgrùdaidh Luchd-sgrùdaidh na Bànrigh airson Sgoiltean, SOEID, 1996)
2 The Child at the Centre - Self-evaluation in the Early Years (SEED, 2000)
3 Tha cuibheasachd chomhairlean co-ionann a gabhail a-steach buidheann de chomhairlean ionadail a tha coltach ri chèile a thaobh chùisean soisio-eacanomaigeach agus deamografaiceach.
4 Ire A mu dheireadh P3. Ire B mu dheireadh P4. Ire C mu dheireadh P6. Ire D mu dheireadh P7.
5 Ire E mu dheireadh S2.