Àrd-sgoil Chnoc na Pàirce
Comhairle Baile Ghlaschu

24 Faoilleach 2006

Clàr-innse

1. Bun-fhiosrachadh
2. Prìomh neartan
3. Dè na beachdan a tha aig pàrantan agus luchd-cùraim, sgoilearan agus luchd-teagaisg?
4. Dè cho math ’s a tha ionnsachadh, teagasg agus coileanadh?
5. Dè cho math ’s a tha an taic do sgoilearan?
6. Dè cho math ’s a tha an àrainneachd ionnsachaidh?
7. Leasachadh na sgoile
Pàipear-taice 1 Cuimsean càileachd
Pàipear-taice 2 Geàrr-chunntas air freagairtean ceisteachain
Pàipear-taice 3 Coileanadh ann an Teisteanas Nàiseanta Ùghdarras Theisteanas na h-Alba (SQA)
Ciamar a gheibh sibh fios thugainn?

1. Bun-fhiosrachaidh

Chaidh sgrùdadh Àrd-sgoil Chnoc na Pàirce a dhèanamh san t-Sultain 2005 mar phàirt de shampall nàiseanta de dh’fhoghlam àrd-sgoile. Ghabh an sgrùdadh a-steach prìomh roinnean de dh’obair na sgoile aig a h-uile ìre. Rinn e measadh air eagrachadh a’ chlàr-teagaisg, sgrùdadh air coileanadh na cloinne ann an deuchainnean (faic Pàipear-taice 3) agus measadh air càileachd coileanadh na cloinne san fharsaingeachd. Rinneadh measadh cuideachd air càileachd an ionnsachaidh agus an teagaisg agus an taic do sgoilearan, an àrainneachd ionnsachaidh, modhan fèin-mheasaidh na sgoile, buaidh na sgoile agus a comas airson leasachadh san fharsaingeachd. Chaidh sùil shònraichte a thoirt air obair nan roinnean Beurla, Gàidhlig, matamataig, banas-taighe agus foghlam corporra.

Bha Luchd-sgrùdaidh na Bànrigh a’ coimhead ri ionnsachadh agus teagasg agus rinn iad sgrùdadh air obair sgoilearan. Thug iad aire do fhreagairtean cheisteachan a chaidh an cur gu sampall de phàrantan1 agus sgoilearan agus chun a h-uile neach-teagaisg. Rinn iad agallamhan le buidhnean de sgoilearan, a’ gabhail a-steach a’ chomhairle sgoilear, agus luchd-teagaisg. Choinnich buill den sgioba sgrùdaidh cuideachd ri riochdairean bho Bhòrd na Sgoile agus buidheann de phàrantan.

’S e sgoil neo-bhuidheannach a th’ ann an Àrd-sgoil Chnoc na Pàirce a’ frithealadh roinnean ann am Pollock, Newlands agus sgìre Mansewood an Glaschu. Aig àm an sgrùdaidh bha 1195 air an rolla. Is i seo an aon àrd-sgoil ann an Comhairle Bhaile Ghlaschu anns a bheil solarachadh airson Gàidhlig. Bha an àireamh sa cheud de sgoilearan le còir air biadh-sgoile an-asgaidh mòran na b’ àirde na a’ chuibheasachd nàiseanta. Bha frithealadh-sgoile na b’ ìsle na a’ chuibheasachd nàiseanta. Bha Aonad Duilgheadas Conaltraidh (CDU) anns an sgoil.

B’ i ceannard na sgoile an ceannard air Coimhearsnachd Ionnsachaidh Chnoc na Pàirce a bha a’ gabhail a-staigh sgoiltean-àraich agus bun-sgoiltean ionadail agus Bun-sgoil Ghàidhlig Ghlaschu. Bha an iar-cheannard foirmeil na cheannard an gnìomh air Àrd-sgoil Chnoc na Pairce agus ag obair còmhla ris a’ cheannard ann an riaghladh na sgoile.

2. Prìomh neartan

Chomharraich Luchd-sgrùdaidh na Bànrigh na prìomh neartan a leanas.

  • Èifeachdas luchd-teagaisg ann am brosnachadh ìrean àrda cùraim agus taic do sgoilearan agus ann an leasachadh frithealadh-sgoile agus coileanadh.
  • Coileanadh na cloinne ann an iomadh seòrsa gnìomh oideachail taobh a-muigh a’ chlàr-teagaisg fhoirmeil.
  • Càileachd a’ chùraim aoghaireil, stiùireadh mun chlàr-teagaisg agus dreuchdan, agus an taic do sgoilearan le duilgheadasan conaltraidh taobh a-staigh na sgoile.
  • Co-obrachadh làidir le pàrantan agus a’ choimhearsnachd.
  • An dòigh cho-òrdanaichte airson leasachadh luchd-teagaisg, gu h-àraidh com-pàirteachadh thidsearan ann an co-roinn nan dòighean-teagaisg as fheàrr ann an ionnsachadh agus teagasg tro cho-labhairtean proifeiseanta.

3. Dè na beachdan a tha aig pàrantan, sgoilearan agus luchd-teagaisg?

Thug cha mhòr a h-uile pàrant a fhreagair tron cheisteachan agus ann an agallamhan beachdan fàbharach mun sgoil. Bha iad den bheachd gu robh an sgoil air a deagh stiùireadh. Bha iad a’ faireachdainn gu robh fàilte orra san sgoil agus gu h-àraidh chuir iad meas air an uallach a ghabh luchd-teagaisg airson cùram agus sochair na cloinne aca. Bha iad toilichte leis an fhiosrachadh fheumail a thug luchd-teagaisg mu adhartas an cloinne. Dh’iarradh mu chòigeamh cuid de na pàrantan tuilleadh fiosrachaidh mun dòigh a chuidicheadh iad le obair-dachaigh agus mu phrìomh-amasan leasachaidh na sgoile. Bha a h-uile sgoilear den bheachd gu robh tidsearan a’ sùileachadh bhuapa obrachadh gu an làn chomas agus bha cha mhòr na h-uile a’ faireachdainn gun d’ fhuair iad taic mhath. Bha e a’ còrdadh ris a’ chuid a bu mhotha a bhith san sgoil agus bha iad a’ faireachdainn gun d’ fhuair iad air adhart gu math le sgoilearan eile. Ach, bha mu chairteal de na sgoilearan a’ faireachdainn nach deach dèiligeadh gu math ri burraidheachd. Bha cha mhòr an dàrna leth a’ faireachdainn nach robh na sgoilearan modhail. Uile gu lèir, thug luchd-teagaisg beachdan fìor mhath. Bha na h-uile a’ faireachdainn gun do ghabh luchd-teagaisg uallach airson cùram agus sochair na cloinne. Bha iad a’ smaoineachadh gu robh ceanglaichean fìor mhath ri pàrantan agus a’ choimhearsnachd. Bha cha mhòr na h-uile den bheachd gun do dh’obraich àrd luchd-stiùiridh gu math mar sgioba agus gu robh an sgoil air a deagh stiùireadh. Bha cha mhòr a h-uile tidsear a’ faireachdainn gun robh pàirt iomchaidh aca ann am modh co-dhùnaidh na sgoile, ach cha robh ach mu aon às gach triùir de luchd-obrach na sgoile a’ faireachdainn mar sin.

Tha tuilleadh fiosrachaidh mu dè na rudan a b’ fheàrr a chòrd ri pàrantan, luchd-teagaisg agus sgoilearan, agus dè na rudan a bhiodh iad airson an leasachadh, ann am Pàipear-taice 2 den aithisg seo.

4. Dè cho math ’s a tha ionnsachadh, teagasg agus coileanadh?

An clàr-teagaisg, ionnsachadh agus teagasg

Aig a h-uile ìre bha clàr-teagaisg farsaing, cothromach agus le deagh structair aig an sgoil. Bha an sgoil air tòiseachadh a’ cur air dòigh modhan na bu shùbailte airson a’ chlàr-teagaisg gus am faigheadh barrachd sgoilearan aig a h-uile ìre cùrsaichean a bhiodh a’ coinneachadh ri na feuman agus miannan aca fa leth. Bha ullachadh iomchaidh airson foghlam spioradail agus moralta aig S1 gu S4 ach cha robh ann an S5/S6. Chuidich ceanglaichean èifeachdach ri bun-sgoiltean cuid de roinnean a’ cur air dòigh cùrsaichean a thog gu math air na bha sgoilearan air a choileanadh roimhe. Fhuair sgoilearan a bha fileanta sa Ghàidhlig air togail air na dh’ionnsaich iad sa bhun-sgoil tro mheadhan na Gàidhlig ann an eachdraidh, cruinn-eòlas agus foghlam pearsanta is sòisealta (PSE). Aig S1/S2 chùm cha mhòr a h-uile sgoilear a’ dol ag ionnsachadh an nua-chànan a ghabh iad sa bhun-sgoil. Ach, uile gu lèir, cha tug cuid de roinnean gu leòr aire do shuidhichean ionnsachaidh na cloinne sa bhun-sgoil gus dèanamh cinnteach gum biodh leantainneachd san ionnsachadh aca. Bha sgilean teicneòlas fiosrachaidh agus conaltraidh (ICT) air an deagh leasachadh anns gach roinn den chlàr-teagaisg. Bha cha mhòr a h-uile sgoilear aig S3/S4 a’ dèanamh ochd cùrsaichean Ìre Choitcheann no cùrsaichean co-ionann. An dèidh co-chomhairle iomchaidh ri pàrantan agus sgoilearan, bha beagan sgoilearan air cùrsa ro-dhreuchd a ghabhail. Chùm an sgoil sùil air adhartas nan sgoilearan air a’ chùrsa seo. Chom-pàirtich a’ chuid as motha de sgoilearan ann an S4 ann an eòlas-obrach. Aig S5/S6 bha an sgoil a’ tabhann iomadh seòrsa cùrsa do sgoilearan a thug cothrom do cha mhòr na h-uile adhartas iomchaidh a dhèanamh bhon ionnsachadh a rinn iad roimhe. Bha cuid de na cùrsaichean sin tro dheagh cheanglaichean ri sgoiltean eile san sgìre agus colaiste ionadail. Dh’fhaodadh sgoilearan cothroman a bharrachd a thaghadh ann am foghlam corporra, ealain agus deilbh, dràma, ICT agus ceòl. Bha ullachadh èifeachdach aca gus am faigheadh na sgoilearan sna clasaichean àrda air sgilean pearsanta, sòisealta agus foghlaim a leasachadh agus taic a thoirt don sgoil agus a’ choimhearsnachd.

Bha neartan cudromach anns an teagasg. Thug tidsearan mìneachadh soilleir agus, ann an cha mhòr a h-uile leasain, dh’innis iad na h-amasan ionnsachaidh gu math do sgoilearan. Chleachd iad deagh mhodhan teagaisg, a’ gabhail a-steach feum èifeachdach de ICT agus ceasnachadh sgileil gus sgoilearan a chuideachadh a’ toirt air adhart an smaoineachadh. Thug cha mhòr a h-uile tidsear aire iomchaidh do bheachdan na cloinne. Ach, cha robh iad daonnan a’ daingneachadh prìomh phuingean ionnsachaidh rè nan leasan no às an dèidh, agus aig amannan, bha iad a’ cur cus cudruim air teagasg a’ chlas gu lèir gun gu leòr eadar-obrachadh. Bha cha mhòr a h-uile sgoilear a’ co-obrachadh le tidsearan, ag obair gu dìcheallach agus le misneachd, agus deònach ionnsachadh. Dhèilig iad gu math ri astar luath an ionnsachaidh anns a’ chuid as motha de leasain. Bha an obair a rinn iad sa chlas grinn agus chrìochnaich iad an obair-dachaigh ann an tìde. Cha robh cothroman gu leòr aig sgoilearan air obrachadh còmhla ri chèile agus airson obair air an ceann fhèin. Rinn tidsearan, tidsearan taic agus an leabharlannaiche obair èifeachdach le sgoilearan gus coinneachadh ri diofar fheuman ionnsachaidh. San fharsaingeachd, bha obair-cùrsa air a dheagh mhaidseadh ris na bha sgoilearan air ionnsachadh roimhe agus thug e deagh aire do fhiosrachadh bho mheasadh. Thug tidsearan taic mhath do sgoilearan airson an coileanadh a leasachadh. Ann am beagan roinnean den chlàr-teagaisg, rinn e feum do sgoilearan an cuimsean ionnsachaidh fhèin a shuidheachadh, ach uile gu lèir bha càileachd an fhiosrachaidh a thug iad air ais do sgoilearan mu na h-ath cheuman san ionnsachadh ag atharrachadh eadar roinnean.

Coileanadh

Uile gu lèir, bha càileachd a’ choileanaidh aig S1/S2 math. Bha a’ chuid as motha de sgoilearan air adhartas math a dhèanamh san obair-cùrsa agus air coileanadh gu math ann. Ro dheireadh S2 bha cha mhòr a h-uile sgoilear air na h-ìrean-coileanaidh aca a leasachadh. Ach, cha robh an sgoil fhathast air feum èifeachdach a dhèanamh de mheasaidhean nàiseanta gus sùil dhlùth a chumail air adhartas na cloinne. Ro dheireadh S2, bha a’ mhòr-chuid de sgoilearan a’ coileanadh nan ìrean nàiseanta iomchaidh ann an leughadh. Bha na bu lugha na dara leth nan sgoilearan a’ coileanadh ìrean nàiseanta iomchaidh ann an sgrìobhadh agus matamataig. Thar nan trì bliadhna a chaidh seachad bha coileanadh na cloinne air a dhol na b’ fheàrr gu cunbhalach ann am matamataig.

Tha na beachdan a leanas stèidhichte air dàta Ùghdarras Theisteanas na h-Alba (SQA), a’ cleachdadh an Frèam-obrach Creideis agus Theisteanasan na h-Alba (SCQF)2 thar nan trì bliadhna (2003-2005) agus cuideachd air na measaidhean iomlan air càileachd an ionnsachaidh, an teagasg agus coinneachadh ri feuman na cloinne.

Uile gu lèir, bha càileachd a’ choileanaidh aig S3/S4 math. Aig S4, rinn sgoilearan mòran na b’ fheàrr na clann ann an sgoiltean le feartan co-ionann, ged a bha ìrean-coileanaidh air a dhol sìos thar nan trì bliadhna a chaidh seachad. Bha a’ chuibhreann de sgoilearan a’ coileanadh còig no barrachd duaisean aig SCQF ìre 3 no na b’ àirde os cionn na cuibheasachd nàiseanta. Aig SCQF ìre 4 no na b’ àirde, san fharsaingeachd bha a’ chuibhreann de sgoilearan a’ coileanadh còig no barrachd duaisean a rèir na cuibheasachd nàiseanta. Bha a’ chuibhreann de sgoilearan a’ coileanadh còig no barrachd duaisean aig SCQF ìre 5 no na b’ àirde na b’ ìsle na a’ chuibheasachd nàiseanta.

Uile gu lèir, bha càileachd a’ choileanadh aig S5/S6 math. Ro dheireadh S5 agus S6, rinn sgoilearan mòran na b’ fheàrr na an fheadhainn ann an sgoiltean le feartan co-ionann. Ach, bha ìrean-coileanadh air a dhol sìos thar nan trì bliadhna a chaidh seachad. San fharsaingeachd bha a’ chuibhreann de sgoilearan a’ coileanadh aon no barrachd agus trì no barrachd Comharradh A-C aig SCQF ìre 6 ro dheireadh S5 a rèir nan cuibheasachd nàiseanta. Bha a’ chuibhreann de sgoilearan a’ coileanadh còig no barrachd Comharradh A-C aig SCQF ìre 6 ro dheireadh S5 na b’ ìsle na a’ chuibheasachd nàiseanta. Ro S6, bha a’ chuibhreann de sgoilearan a’ coileanadh aon no barrachd Comharradh A-C aig SCQF ìre 7 na b’ ìsle na a’ chuibheasachd nàiseanta.

Tha fiosrachadh air na cuspairean a chaidh an sgrùdadh air a thoirt nas fhaide air adhart san aithisg. Bha comharran cudromach air coileanadh anns na cuspairean nach deach an sgrùdadh mar a leanas.

Bha an sgoil a’ brosnachadh agus a’ comharrachadh nan nithean eile a choilean sgoilearan, mar eisimpleir tro fhoillseachadh làitheil, co-chruinneachaidhean agus litrichean-naidheachd. Fhuair mòran sgoilearan duaisean agus toileachas tron dealas agus com-pàirteachadh ann an iomadh seòrsa gnìomh. Airson mòran a choileanadh ann an spòrs, choisinn an sgoil duais Sgoil Spòrs na Bliadhna an Glaschu ann an 2004. Ann am ball-coise agus lùth-chleasachd, gu h-àraidh, bha sgoilearan soirbheachail aig ìre ionadail agus nàiseanta. Rinn gnìomhan mar an sgìtheadh, an club cheerleading, cuirm agus co-fharpais tàlant na sgoile leasachadh air misneachd agus sgilean làidir obair-sgioba. Chluich còmhlan pìoba agus còisirean na sgoile gu cunbhalach don sgoil agus don choimhearsnachd. Bha sgoilearan anns an CDU agus ann an club filmeadh na sgoile ag ionnsachadh sgilean ùra ann am beò-dhealbhan agus ann an cleachdadh camarathan digiteach. Bhuannaich grunn sgoilearan ann an S4 gu S6 co-fharpaisean dealbhaidh cudromach nàiseanta. Dheilbh sgoilearan anns a’ chlub postairean diofar thaisbeanaidhean brèagha airson nan trannsaichean agus ann talla-bidhe. Nochd sgoilearan S6 deagh sgilean saoranachd tro cho-obrachadh èifeachdach le sgoilearan bho air feadh a’ bhaile gus airgead a thogail agus pròiseactan coimhearsnachd a stiùireadh. Thug iad taic fìor èifeachdach do sgoilearan na b’ òige cuideachd tro sgeamaichean buddying. Aig a h-uile ìre sheall sgoilearan an tuigse air feuman dhaoine eile tro iomairtean togail-airgid soirbheachail.

Beurla

Ionnsachadh agus teagasg

Chleachd tidsearan teagasg dìreach eadar-obrachail agus ICT gu h-èifeachdach. Cheasnaich iad sgoilearan gu sgileil gus an smaoineachadh a thoirt air adhart. Dh’innis iad adhbharan leasain gu soilleir do sgoilearan. Ach, cha robh iad daonnan a’ sgrùdadh agus a’ daingneachadh an ionnsachaidh aig deireadh leasain. Cho-obraich cha mhòr a h-uile sgoilear leis na tidsearan aca agus dh’obraich iad gu dìcheallach, ach cha robh cothroman gu leòr aca co-obrachadh air gnìomhan. Chleachd tidsearan diofar dheagh mhodhan gus taic a thoirt do fheuman ionnsachaidh na cloinne. Cha robh com-pàirt gu leòr aig sgoilearan ann an sgrùdadh na h-obrach aca fhèin.

Coileanadh

Aig S1/S2, bha sgoilearan a’ dèanamh adhartas iomchaidh san obair-clas. Ro dheireadh S2, choilean a’ chuid a bu mhotha de sgoilearan na h-ìrean nàiseanta iomchaidh ann an èisteachd, labhairt agus leughadh. B’ e na bu lugha na dara leth na cloinne a choilean ìrean iomchaidh ann an sgrìobhadh. Aig S4, bha a’ chuibhreann de sgoilearan a choilean Comharraidhean 1-4 aig Ìre Choitcheann mòran na b’ ìsle na a’ chuibheasachd nàiseanta. Rinn na sgoilearan sin mòran na bu mhiosa ann am Beurla na anns na cuspairean eile aca. Bha a’ chuibhreann de sgoilearan a’ coileanadh Comharradh A-C aig Àrd-ìre ro dheireadh S6 agus aig Eadar-mheadhan 1 na b’ àirde na a’ chuibheasachd nàiseanta. Aig Eadar-mheadhan 2, bha coileanadh air a dhol sìos agus bha e na b’ ìsle na a’ chuibheasachd nàiseanta. Bha a’ chuid a bu motha de thagraichean airson Sàr Àrd-ìre soirbheachail.

Ghabh feartan eile de choileanadh na cloinne a-steach na leanas.

Matamataig

Ionnsachadh agus teagasg

Thug tidsearan mìneachadh soilleir agus rinn iad feum èifeachdach de cheistean airson dearbhadh air eòlas na cloinne. Chleachd iad obair-dachaigh gu math gus sùil a chumail air adhartas sgoilearan le obair-cùrsa. Ged a bha leasain air an deagh phlanadh, cha robh tidsearan daonnan a’ dèanamh soilleir do sgoilearan adhbhar nan leasan. Bha cha mhòr a h-uile sgoilear ag obair gu dìcheallach, agus bha iad modhail agus a’ co-obrachadh le na tidsearan. Ach, san fharsaingeachd bha astar an ionnsachaidh ro shlaodach. Thug tidsearan comhairle feumail do sgoilearan airson measaidhean, a’ gabhail a-steach ionnsachadh le taic às dèidh na sgoile. Bha e feumail na clasaichean a shuidheachadh a rèir a’ choileanaidh a rinneadh roimhe airson taic iomchaidh a thoirt do sgoilearan. Ach, gu h-àraidh aig S1/S2, dh’fhaodadh gnìomhan bhith air am maidseadh na bu dlùithe ri feuman na cloinne.

Coileanadh

Aig S1/S2, bha sgoilearan a’ dèanamh adhartas iomchaidh len obair-clas. Thar nan trì bliadhna a chaidh seachad, b’ e na bu lugha na dara leth nan sgoilearan ann an S2 a ràinig an ìre-coileanaidh nàiseanta iomchaidh. Bha a’ chuibhreann seo na b’ ìsle na a’ chuibheasachd nàiseanta ach bha e a’ dol na b’ fheàrr. Bha a’ chuibhreann de sgoilearan S4 a’ coileanadh Comharraidhean 1-4 aig Ìre Choitcheann na b’ ìsle na a’ chuibheasachd nàiseanta. Bha a’ chuibhreann de sgoilearan ann an S5/S6 a’ coileanadh Comharradh A-C aig Àrd-ìre na b’ àirde na a’ chuibheasachd nàiseanta. Aig Àrd-ìre, rinn sgoilearan na b’ fheàrr aig matamataig na anns na cuspairean eile aca agus gu tric na b’ fheàrr na bhiodh air a shùileachadh bho mar a rinn iad san Ìre Choitcheann. Aig Eadar-mheadhan 2, bha a’ chuibhreann de sgoilearan ann an S5/S6 a’ coileanadh Comharradh A-C na b’ àirde na a’ chuibheasachd nàiseanta san fharsaingeachd, ach bha seo air a dhol sìos ann an 2005. Bha a’ chuibhreann de sgoilearan a’ coileanadh Comharradh A-C aig Eadar-mheadhan 1 a rèir na cuibheasachd nàiseanta. Aig Sàr Àrd-ìre, bha dìreach na bu lugha na dara leth na cloinne soirbheachail.

Ghabh feartan eile de choileanadh na cloinne a-steach na leanas.

Gàidhlig

Ionnsachadh agus teagasg

Thug tidsearan mìneachadh agus stiùireadh fìor shoilleir agus rinn iad feum fìor èifeachdach de Ghàidhlig mar mheadhan teagaisg. Rinn tidsearan eagrachadh fìor mhath air leasain agus rinn iad feum mhath de dhiofar theacsaichean. Rinn teagasg dìreach eadar-obrachail air leth èifeachdach cinnteach gum biodh astar ionnsachaidh aig ìre iomchaidh aig clasaichean agus buidhnean. Bha tidsearan a’ co-roinn agus a’ daingneachadh amasan nan leasan ri sgoilearan. Rinn tidsearan ceasnachadh èifeachdach gus dearbhadh an robh sgoilearan air an leasan a thuigsinn. Shuidhich iad sùileachadh àrd do sgoilearan. Thug an roghainn theacsaichean airson obair-dachaigh dùbhlan iomchaidh do sgoilearan. Dh’obraich sgoilearan gu math ann am buidhnean beaga agus rinn iad eadar-obrachadh math. Bha cha mhòr a h-uile sgoilear ag iarraidh ionnsachadh agus bha cothroman obrachadh air an ceann fhèin na bhuannachd dhaibh. Chleachd tidsearan modhan eadar-dhealaichte gus coinneachadh ri feuman diofar sgoilearan. Bha am fiosrachadh air ais mionaideach ann an sgrìobhadh agus cainnt-beòil air mar a leasaicheadh iad an obair na chuideachadh do sgoilearan.

Coileanadh

Rinn cha mhòr a h-uile sgoilear bho S1 gu S6 fìor mhath san obair-cùrsa. Bha a h-uile tagraiche airson Ìre Choitcheann bho 2003 air Comharraidhean 1-4 a choileanadh. Aig S5/S6 choilean cha mhòr a h-uile sgoilear Comharradh A-C aig Àrd-ìre. Aig Sàr Àrd-ìre choilean a h-uile sgoilear Comharraidhean A-B. Rinn sgoilearan math gu cunbhalach aig a h-uile ìre agus gu tric na b’ fheàrr aig Àrd-ìre na bhiodh air a shùileachadh bhon toraidhean san Ìre Choitcheann.

Ghabh feartan eile de choileanadh na cloinne a-steach na leanas.

Banas-taighe

Ionnsachadh agus teagasg

Bha mòran neartan anns an ionnsachadh agus teagasg. Anns a h-uile leasan, dh’innis tidsearan do sgoilearan builean sùilichte an ionnsachaidh agus thug iad mìneachadh agus stiùireadh fìor shoilleir. Chleachd iad iomadh seòrsa modh teagaisg agus rinn iad feum fìor èifeachdach de ICT aig a h-uile ìre gus ionnsachadh na cloinne a leasachadh. Anns a’ chuid a bu mhotha de leasain, chleachd tidsearan ceasnachadh gu sgileil gus dearbhadh an robh sgoilearan a’ tuigsinn agus gus am misneachadh gu obrachadh air an ceann fhèin air gnìomhan prataigeach. Bha obair-dachaigh air a dheagh phlanadh agus air a chleachdadh gu fìor èifeachdach airson taic do ionnsachadh na cloinne. Thug tidsearan fiosrachadh mionaideach sgrìobhte agus beòil air ais do sgoilearan, a ghabh a-steach molaidhean feumail airson leasachadh. Bha cha mhòr a h-uile sgoilear dealasach mu obrachadh gu dìcheallach agus choinnich iad gu math ris an t-sùileachadh àrd a shuidhich tidsearan. Thug astar luath nan leasan cothrom dhaibh adhartas math a dhèanamh san obair-cùrsa. San fharsaingeachd bha obair-cùrsa air a dheagh mhaidseadh ri feuman ionnsachaidh na cloinne. Ach, aig S1, dh’fheumadh tidsearan barrachd aire a thoirt do shuidhichidhean ionnsachaidh na cloinne sa bhun-sgoil.

Coileanadh

Aig a h-uile ìre, bha cha mhòr a h-uile sgoilear a’ dèanamh gu math san obair-cùrsa aca. Aig Ìre Choitcheann, bha a’ chuibhreann de sgoilearan a’ coileanadh duaisean Comharradh 1 air a dhol suas gu cunbhalach agus bha e mòran na b’ àirde na a’ chuibheasachd nàiseanta. Aig S5/S6, choilean a h-uile tagraiche airson Eadar-mheadhan 1 Comharraidhean A-B. Choilean a h-uile tagraiche airson Eadar-mheadhan 2 Comharradh A-C.

Ghabh feartan eile de choileanadh na cloinne a-steach na leanas.

Foghlam corporra

Ionnsachadh agus teagasg

Ann an cha mhòr a h-uile leasain rinn tidsearan eadar-obrachadh math le sgoilearan agus rinn iad feum iomchaidh de mholadh. Dh’innis iad susbaint agus amasan nan leasan do sgoilearan agus bha an stiùireadh agus am mìneachadh aca soilleir. Chleachd iad teagasg dìreach eadar-obrachail don chlas gu lèir gu h-èifeachdach. Ach, cha robh taghadh iomchaidh de mhodhan teagaisg aca. Anns na leasain a b’ fheàrr, bha astar an teagaisg iomchaidh. Anns na leasain sin, cho-obraich sgoilearan gu math còmhla ri chèile agus bha an sùileachadh airson coileanadh àrd gu leòr. Ann am beagan leasain sa chlas, bha ICT air a chleachdadh gu math airson cur ris an ionnsachadh. San fharsaingeachd bha sgoilearan dìcheallach, dealasach agus a’ cumail suas ris an obair. Ach, cha robh cothroman gu leòr aca air uallach a ghabhail airson na bha iad fhèin ag ionnsachadh. Bha na gnìomhan cùrsa air an deagh mhaidseadh ri ionnsachadh na cloinne agus san fharsaingeachd thug tidsearan taic mhath do sgoilearan. Cha robh iad daonnan a’ dèanamh soilleir do sgoilearan dè a dh’fheumadh iad a dhèanamh airson an coileanadh fhèin a leasachadh.

Coileanadh

Rinn cha mhòr a h-uile sgoilear gu math san obair-cùrsa. Aig S1/S2, bha sgoilearan a’ dèanamh adhartas iomchaidh. Aig S3/S4 bha a’ chuibhreann a’ coileanadh Comharraidhean 1-2 aig Ìre Choitcheann na b’ àirde na a’ chuibheasachd nàiseanta agus rinn sgoilearan fada na b’ fheàrr ann am foghlam corporra na anns na cuspairean eile aca. Bha tagraichean gu cunbhalach na b’ àirde na a’ chuibheasachd nàiseanta. Ann an S5/S6 aig Eadar-mheadhan 2 choilean cha mhòr na h-uile den àireamh bheag thagraichean Comharraidhean A no B. Aig Àrd-ìre, san fharsaingeachd, bha a’ chuibhreann a’ coileanadh Comharradh A-C a rèir na cuibheasachd nàiseanta.

Ghabh feartan eile de choileanadh na cloinne a-steach na leanas.

5. Dè cho math ’s a tha an taic do sgoilearan?

Uile gu lèir bha an t-ullachadh airson cùram aoghaireil agus sochair na cloinne fìor mhath. Bha deagh mhodhan aig an sgoil airson dìon chloinne, a’ gabhail a-steach modhan an aghaidh burraidheachd. Bha prògram èifeachdach aca air a lìbhrigeadh tro cho-chruinneachaidhean agus leasain PSE, mar eisimpleir, gus dèanamh cinnteach gu robh earbsa aig sgoilearan anns an dòigh a dhèiligeadh an sgoil ris na h-uallaichean aca. Bhrosnaich an sgoil doigh-beatha fhallain tron phrògram PSE. Bha an luchd-teagaisg cùram aoghaireil fìor eòlach air na sgoilearan tron com-pàirt sa phrògram PSE agus ceanglaichean iomchaidh eile. Bha an sgoil anns a’ chiad ìrean de bhuileachadh sgeama luchd-oideachaidh do sgoilearan ann an S1 gus com-pàirt a h-uile neach-teagaisg ann an cùram aoghaireil a neartachadh. Bha an sgoil air ceanglaichean fìor fheumail a stèidheachadh le iomadh buidheann air taobh a-muigh na sgoile airson taic òigridh.

Ghabh am prògram PSE a-steach prìomh roinnean de dhàimhean, foghlam slàinte, slàinte gnèitheasach, dèanamh co-dhùnaidhean, foghlam dhreuchdan, ullachadh airson saoghal na h-obrach agus saoranachd. Ghabh iomadh duine bho thaobh a-muigh na sgoile com-pàirt mar luchd-labhairt. Ach, dh’fheumadh tidsearan obair nas èifeachdaiche a dhèanamh le sgoilearan airson an cuideachadh a’ gabhail barrachd com-pàirt san ionnsachadh aca.

Thug an sgoil stiùireadh fìor mhath mun chlàr-teagaisg do sgoilearan. Aig ìrean gluasaid cudromach, fhuair sgoilearan agus am pàrantan fiosrachadh farsaing air roghainnean cùrsa. Rinn an sgoil ullachadh math do sgoilearan airson roghainnean dreuchd a dhèanamh le bhith gan cuideachadh a’ measadh nan neartan agus ùidhean aca fhèin. Bha ullachadh math aig sgoilearan cuideachd airson obair tro ghnìomhan iomairt agus eòlas-obrach. Rinn tidsearan cùram aoghaireil cuideachadh mòr a’ cumail cunntas air adhartas a h-uile sgoilear agus a’ toirt taic dhaibh le suidheachadh cuimsean iomchaidh. Bheachdaich iad còmhla ri gach sgoilear air adhartas agus cuimsean agus dh’ullaich iad aithisgean cùram aoghaireil fa leth dhaibh. Thug na h-aithisgean sin cothrom air deagh fhiosrachadh a thoirt do phàrantan agus luchd-cùraim agus taic fheumail do sgoilearan.

Uile gu lèir, bha càileachd na taic ionnsachaidh math, le beagan neartan soilleir. Rinn luchd-teagaisg san roinn taic ionnsachaidh cuideachadh mòr do sgoilearan le diofar dhuilgheadasan, agus bha buaidh mhath aca air spiorad dheimhinneach na sgoile. Dh’obraich iad gu math còmhla ri sgoilearan fa leth agus buidhnean de sgoilearan gus cuideachadh a’ leasachadh an litireachd agus àireamhachd. Dhèilig iad ri ullachadh eadar-dhealachadh airson deuchainnean do sgoilearan a bha a’ cur feum orra. Do sgoilearan aig an robh prògraman foghlaim pearsanta (IEPan), bha cudrom iomchaidh air cuimsean ionnsachaidh san ùine fhada agus ghoirid. Ach, cha robh na cuimsean daonnan mionaideach gu leòr gus cothrom a thoirt don h-uile tidsear cur gu h-èifeachdach ris a’ choileanadh aca. Thug tidsearan taic giùlain cuideachadh iomchaidh do sgoilearan san ionad taic do sgoilearan, ach cha robh gu leòr taic ann nuair a bha sgoilearan a’ dol air ais gu clasaichean gnàthach. Chuir seo ris a’ chion cunbhalachd ann am buaidh cuid de na tidsearan-clasa a’ dèiligeadh ri iomadh feum na cloinne.

Thug an t-Aonad Duilgheadas Conaltraidh (CDU) taic fìor èifeachdach ann an leasachadh sgilean conaltraidh, sòisealta agus eagrachaidh do sgoilearan le trioblaidean autism. Fhuair sgoilearan buannachd bho na modhan teagaisg le structair fìor mhath a bha air an cleachdadh taobh a-staigh an aonaid agus rinn luchd-teagaisg dìcheall gus dèanamh cinnteach gum biodh sgoilearan a’ faireachdainn gu robh spèis ga thoirt dhaibh. Bha mothachadh fìor làidir air obair-sgioba, a’ gabhail a-steach nan tidsearan cuspaire. Bha IEPan aig a h-uile sgoilear anns an robh cuimsean iomchaidh a chuir cudrom air togail spèis agus misneachd annta fhèin. Bha lorg mhath aig sgoilearan air na cuimsean aca agus bha iad a’ strì gus an coileanadh. Ach, cha robh na cuimsean sin air an innse math gu leòr do luchd-teagaisg cuspaire. Bha sgoilearan air am filleadh a-steach gu math do chlasaichean gnàthach agus bha iad uile a’ dèanamh adhartas math a dh’ionnsaigh coileanadh Teisteanasan Nàiseanta ann an grunn chuspairean. Bha ro-innleachdan èifeachdach aca gus taic a thoirt do sgoilearan nuair a bha iad ann an roinnean cuspaire. Dh’fheumadh luchd-teagaisg san CDU a-nis dòigh nas riaghailtiche a chleachdadh gus sùil a chumail air ionnsachadh is teagasg agus a’ bhuaidh air adhartas na cloinne. Fhuair òigridh san aonad buannachd bho phrògram a chuidicheadh iad a’ dèanamh caraidean, a’ gabhail a-steach com-pàirteachadh ann an gnìomhan sòisealta. Fhuair an t-aonad taic mhath bho phàrantan agus diofar luchd-obrach proifeiseanta. Bha e air fhaicinn mar phàirt nàdarra den sgoil agus chuir an luchd-teagaisg agus na sgoilearan gu lèir luach air a’ chomhairle agus taic choileanta a fhuair iad bho thidsearan an CDU.

Rinn an t-iar-cheannard le uallach airson taic do sgoilearan obair èifeachdach còmhla ris an sgioba. Bha e a’ cur air dòigh geàrr-chunntas soilleir den raon taic do sgoilearan. Dh’fheumadh e dèanamh cinnteach gun cumadh an sgoil suas cudrom làidir air filleadh a-steach gach iall den taic do sgoilearan gus coinneachadh gu cunbhalach ris an iomadh feum aig sgoilearan anns gach roinn den sgoil.

6. Dè cho math ’s a tha an suidheachadh ionnsachaidh?

Cuspair

Beachd

Càileachd nan togalaichean agus nan goireasan

O chionn ghoirid bha an sgoil air a dèanamh suas às ùr agus bha i tèarainte, glan agus air a deagh chumail suas. Bha mòran rudan innte a chuir ris an deagh àrainneachd ionnsachaidh, a’ gabhail a-steach:

  • rumannan-teagaisg soilleir agus le deagh ghoireasan teagaisg;
  • leabharlann ann am meud math agus le mòran leabhraichean a bha air a dheagh chleachdadh;
  • iomadh seòrsa goireas ICT anns gach roinn den sgoil;
  • stiùideo dràma air a deagh uidheamachadh;
  • deagh ghoireasan spòrs a’ gabhail a-steach tallachan lùth-chleas, spòrs, eacarsaich agus amar snàmh is goireasan spòrs fìor rùmail a-muigh;
  • na rumannan airson cùram aoghaireil agus taic ionnsachaidh agus an t-aonad taic do sgoilearan ann an àite freagarrach a thug deagh chothrom do sgoilearan air taic èifeachdach agus iomchaidh; agus
  • làrach, agus goireasan, an CDU.

Ach:

  • cha robh slighe a-steach do dhaoine le ciorram gu prìomh-dhoras na sgoile no gu na roinnean teagaisg a b’ fhaide shuas; agus
  • bha èifeachd teas agus èadhar ag atharrachadh air feadh na sgoile.

Suidheachadh agus dàimh, sùileachadh agus adhartachadh coileanaidh agus co-ionannachd

Bha suidheachadh fìor chàirdeil agus aoigheil san sgoil. Bha luchd-teagaisg agus sgoilearan toilichte gum buineadh iad don sgoil agus bha am misneachd àrd. Bha an spiorad san sgoil na neart. Ghabh comharran math a-steach:

  • an cuideachadh bho sgoilearan ann an iomadh roinn de bheatha na sgoile, mar eisimpleir, mar charaidean do sgoilearan na b’ òige, aig coinneamhan clàr-teagaisg agus phàrantan, agus mar bhuill de chomhairle na sgoile;
  • deagh-bheus agus deagh dhàimhean anns an sgoil;
  • obair-sgioba èifeachdach le sgoilearan agus luchd-teagaisg;

Cuspair

Beachd

 
  • sgeamaichean èifeachdach gus an sùileachadh àrd airson coileanadh a bhrosnachadh;
  • an àireamh àrd de sgoilearan agus tidsearan a ghabh pàirt ann an seiseanan ionnsachaidh a bharrachd agus feadhainn le taic agus ann an gnìomhan taobh a-muigh a’ chlàr-teagaisg;
  • comharrachadh coileanadh na cloinne a bha a’ cuideachadh le leasachadh misneachd agus an sùileachadh àrd am measg sgoilearan; agus
  • an cultar in-ghabhaltachd iomlan, le aire iomchaidh air cùisean cinnidh, gnè agus co-ionannachd. Rinn an sgoil oidhirp air sgoilearan, a’ gabhail a-steach sgoilearan bhon CDU, a ghabhail a-staigh ann an iomadh seòrsa gnìomh san sgoil.

Ach cha tug an sgoil cothroman gu leòr don chloinn airson òrdaighean cràbhachd.

Co-obrachadh le pàrantan agus a’ choimhearsnachd

Bha co-obrachadh na sgoile le pàrantan, a’ choimhearsnachd agus buidhnean bhon taobh a-muigh fìor làidir. Gu h-àraidh:

  • thug Bòrd na Sgoile agus an comann phàrant-thidsear taic fheumail agus luachmhor don sgoil;
  • bha deagh cheanglaichean aca ri fastaichean ionadail gus taic a thoirt do phrògram eòlas obrach na sgoile;
  • bha ullachadh na sgoile airson sgoilearan a ghluasad thairis bho na bun-sgoiltean co-cheangailte rithe fìor èifeachdach;
  • chùm an sgoil suas ceangal fìor mhath ri pàrantan, a’ gabhail a-steach pàrantan chloinne a bha a’ faighinn taic ionnsachaidh agus giùlain;
  • chaidh beachdan phàrantan a shireadh, mar eisimpleir, air coinneamhan phàrant; agus
  • thug pàipear-naidheachd na sgoile, air ullachadh le sgoilearan, agus na litrichean-naidheachd deagh chothroman don choimhearsnachd ionnsachadh mu obair na sgoile agus coileanadh na cloinne.

7. Leasachadh na sgoile

Uile gu lèir, thug an sgoil foghlam èifeachdach do na sgoilearan, stèidhichte air dealas a’ cheannaird agus an luchd-teagaisg. Bha an sgoil air dàimhean fìor mhath a chruthachadh ri sgoilearan agus pàrantan. Bha frithealadh-sgoile na b’ fheàrr agus san fharsaingeachd bha e a rèir na cuibheasachd nàiseanta. Bha luchd-teagaisg dealasach mu àrdachadh coileanaidh agus chom-pàirtich iomadh sgoilear gu deònach agus gu soirbheachail ann an iomadh seòrsa gnìomh taobh a-muigh na sgoile. Dh’fheumadh a h-uile neach-teagaisg a-nis a bhith an sàs ann am buileachadh dòigh-obrachaidh airson na sgoile gu lèir airson tuilleadh leasachaidh air a’ bhuaidh leis a bheilear a’ coinneachadh ri feuman ionnsachaidh agus giùlain fa leth.

Bha stiùireadh fìor èifeachdach air an sgoil. Bha spèis mhòr aig luchd-teagaisg, sgoilearan agus pàrantan don cheannard agus bha an dealas airson leasachadh gach raon de obair na sgoile air a dhaingneachadh tro obair-sgioba làidir agus èifeachdach. Chuidich seo an sgoil a’ brosnachadh spiorad in-ghabhalach agus sùileachadh àrd airson coileanadh na cloinne. Chuir na h-iar-cheannardan an dleastanasan an gnìomh gu h-èifeachdach. Chuir iad ri prìomh-amasan na sgoile a’ gabhail a-steach cùram aoghaireil agus taic na b’ fharsainge aig amannan gluasad na cloinne. Thug an t-iar-cheannard foirmeil taic air leth math don cheannard ann an stiùireadh agus riaghladh na sgoile. Bha an t-iar-cheannard le uallach airson leasachadh dreuchdail luchd-teagaisg ri mholadh airson tidsearan a chuideachadh a’ co-roinn dòighean-obrach èifeachdach eatorra. Ann am beagan roinnean bha buaidh aig prìomh thidsearan gu h-àraidh air stiùireadh leasachadh ann an ionnsachadh, teagasg agus coileanadh. Ach, bha buaidh thidsearan fa leth eadar-dhealaichte air feadh na sgoile. Bha ceannardan roinne ùr-fhastaichte air tòiseachadh math a dhèanamh a’ cur an gnìomh an dleastanasan.

Bha an sgoil air diofar mhodhan a stèidheachadh airson sgrùdadh air càileachd na obrach. Ghabh iad sin a-steach luchd-comhairle, pàrantan agus sgoilearan tro cheisteachain. Chuir luchd-teagaisg ri leasachadh na sgoile cuideachd tron com-pàirteachadh ann am buidhnean obrach. Bha sgrùdadh roinne bliadhnail, air a stiùireadh leis a’ cheannard agus àrd neach-stiùiridh còmhla ri gach prìomh thidsear, a’ gabhail a-steach mion-sgrùdadh air toraidhean dheuchainnean agus cumail sùil air adhartas pròiseactan leasachaidh. Dh’ullaich an ceannard aithisg anns an robh deagh bhreithneachadh agus measadh air ìrean agus càileachd san sgoil. Ach, gus buaidh na bu motha a thoirt air coileanadh, bha an sgoil air siostam leasaichte a thoirt a-steach o chionn ghoirid airson gealltanas càileachd. Bha comharraidhean a’ nochdadh gu robh buaidh mhath aig an dòigh ùr seo. Bha àrd luchd-stiùiridh a’ tadhal air clasaichean, mar eisimpleir, air comharrachadh mar a dh’fhaodadh càileachd foghlam na cloinne a leasachadh ann an S1/S2. Ach, bha beagan phrìomh thidsearan agus ceannardan roinne gun làn chom-pàirteachadh fhathast ann am buileachadh an t-siostam leasaichte. Le sùil ri cumail a’ leasachadh ionnsachadh agus teagasg agus dèanamh cinnteach gum bi buaidh chunbhalach anns gach roinn den sgoil, bu chòir do àrd luchd-stiùiridh cumail a’ leudachadh ceangal nas cunbhalaiche agus nas fheumaile ri prìomh thidsearan agus roinnean, a thuilleadh air na coinneamhan sgrùdaidh bliadhnail.

Prìomh phuingean gnìomha

Bha mothachadh air adhbhar agus slighe soilleir aig Àrd-sgoil Chnoc na Pàirce agus bha i a’ dol air adhart le misneachd. Bha comas aice cumail a’ leasachadh càileachd an fhoghlaim agus dèiligeadh ris an tuiteam ann an coileanadh an deuchainnean. Ann an toirt air adhart an leasachaidh a bha san amharc, bu chòir don sgoil agus an ùghdarras foghlaim aire a thoirt don fheum air:

Dè thachras a-nis?

Chaidh iarraidh air an sgoil agus an ùghdarras foghlaim plana-gnìomha ullachadh a’ sealltainn mar a dhèiligeas iad ri prìomh cho-dhùnaidhean na h-aithisge, agus am plana sin a cho-roinn ri pàrantan agus luchd-cùraim. Taobh a-staigh dà bhliadhna bho cheann-là foillseachaidh na h-aithisge seo thèid innse do phàrantan agus luchd-cùraim mun adhartas a rinn an sgoil.

Eleanor Harkness

Neach-sgrùdaidh na Bànrigh

24 Faoilleach 2006

Pàipear-taice 1 Cuimsean càileachd

Tha na h-earrannan sa chlàr shìos a’ leantainn òrdugh nan cuimsean càileachd san aithisg seo. Gheibh sibh na prìomh bheachdan a chaidh a thoirt umpa anns na h-earrannan sin. Ach, buinidh roinnean cuid de na cuimsean càileachd do earrannan eile den aithisg agus dh’fhaodadh gum bi iomradh orra annta sin cuideachd.

Dè cho math ’s a tha ionnsachadh, teagasg agus coileanadh?

Eagrachadh a’ chlàr-teagaisg

Math

An teagasg

Math

Suidheachaidhean ionnsachaidh na cloinne

Math

Coinneachadh ri feuman sgoilearan

Math

Càileachd a’ choileanaidh san fharsaingeachd: S1/S2

Math

Càileachd a’ choileanaidh san fharsaingeachd: S3/S4

Math

Càileachd a’ choileanaidh san fharsaingeachd: S5/S6

Math

Dè cho math ’s a tha an taic do sgoilearan?

Cùram aoghaireil

Fìor mhath

Leasachadh pearsanta is sòisealta

Fìor mhath

Stiùireadh curaicealaim agus dhreuchdan

Fìor mhath

Taic ionnsachaidh

Math

Dè cho math ’s a tha an àrainneachd ionnsachaidh?

Togalaichean agus goireasan

Math

Suidheachadh agus dàimhean

Fìor mhath

Sùileachadh agus adhartachadh coileanaidh

Fìor mhath

Co-ionannachd agus cothromachd

Fìor mhath

Co-obrachadh le pàrantan, Bòrd na Sgoile agus a’ choimhearsnachd

Fìor mhath

Leasachadh na sgoile

Stiùireadh na sgoile

Fìor mhath

Buaidh agus cleachdadh luchd-teagaisg le uallaichean a bharrachd

Math

Fèin-mheasadh

Iomchaidh

Tha an aithisg seo a’ cleachdadh an sgèile fhaclan a leanas airson soilleireachadh air breithneachadh an luchd-sgrùdaidh:

sàr-mhath

sàr-mhath

fìor mhath

prìomh neartan

math

neartan cudromach le roinnean a dh’fheumar leasachadh

iomchaidh

neartan dìreach os cionn laigsean

lag

laigsean cudromach

neo-thaitneach

prìomh laigsean

Pàipear-taice 2 Geàrr-chunntas air freagairtean ceisteachain

Na rudan a shaoil pàrantan a rinn an sgoil gu math

Na rudan a shaoil pàrantan a dh’fhaodadh an sgoil a dhèanamh na b’ fheàrr

Bha cha mhòr na h-uile a’ smaoineachadh:

  • gu robh an sgoil air a deagh stiùireadh agus gu robh deagh chliù aice sa choimhearsnachd;
  • gun do chuidich tidsearan na sgoilearan obrachadh gu an làn chomasan agus gun do dhèilig iad gu ceart ris a’ chloinn;
  • gun do chuir luchd-teagaisg fàilte orra san sgoil agus gun do ghabh iad cùram agus uallach na cloinne;
  • gu robh coinneamhan phàrant feumail agus gun tug aithisgean sgoile dhaibh deagh fhiosrachadh mu adhartas na cloinne; agus
  • gun do dhèilig an sgoil fìor mhath ri uallaichean a thog pàrantan.

Bha cuid dhiubh den bheachd:

  • nach do mhìnich an sgoil ciamar a chuidicheadh iad le obair-dachaigh; agus
  • gum faodadh an sgoil fiosrachadh na b’ fheàrr a thoirt dhaibh air a prìomh-amasan leasachaidh.

Na rudan a shaoil sgoilearan a rinn an sgoil gu math

Na rudan a shaoil sgoilearan a dh’fhaodadh an sgoil a dhèanamh na b’ fheàrr

Bha na h-uile den bheachd:

  • gu robh tidsearan a’ sùileachadh bhuapa obrachadh gu an làn chomas.

Bha cha mhòr na h-uile a’ faireachdainn:

  • gu robh iad sàbhailte agus tèarainte agus gu robh co-dhiù aon tidsear eòlach orra;
  • gu robh an sgoil math air an iomagainean agus uallaichean fhuasgladh; agus
  • gun do chuidich tidsearan iad nuair a bha duilgheadasan aca.

Bha cuid dhiubh den bheachd:

  • gum faodadh an sgoil a bhith na b’ fheàrr air dèiligeadh ri burraidhean.

Bha àireamh mhòr den bheachd:

  • gum faodadh sgoilearan a bhith na bu mhodhaile.

Na rudan a shaoil luchd-fastaidh a rinn an sgoil gu math

Na rudan a shaoil luchd-fastaidh a dh’fhaodadh an sgoil a dhèanamh na b’ fheàrr

Bha na h-uile den bheachd:

  • gun do sheall luchd-teagaisg cùram agus uallach airson sgoilearan;
  • gun do dhèilig an sgoil gu h-èifeachdach ri burraidheachd sam bith; agus
  • gun d’ fhuair sgoilearan fiosrachadh feumail air ais mun obair aca.

Bha cha mhòr na h-uile den bheachd:

  • gun do rinn luchd-teagaisg oidhirp mhòr air deagh dhàimhean a bhrosnachadh agus a chumail suas le pàrantan agus a’ choimhearsnachd;
  • gun do dh’obraich an àrd luchd-stiùiridh gu math mar sgioba agus gu robh an sgoil air a deagh stiùireadh;
  • gun do shuidhich tidsearan ìrean-coileanaidh àrda; agus
  • gun robh e a’ còrdadh riutha a bhith ag obair san sgoil.

Bha cuid dhiubh den bheachd:

  • nach robh ìrean a chaidh a shuidheachadh airson modh-giùlain na cloinne air an cumail suas gu cunbhalach san sgoil.

Bha mu aon às gach triùir de luchd taic a’ faireachdainn:

  • nach robh cothroman gu leòr aca com-pàirteachadh ann an dèanamh co-dhùnaidhean.

Pàipear-taice 3 Coileanadh ann an Teisteanasan Nàiseanta Ùghdarras Theisteanas na h-Alba (SQA)

Ìrean Frèam-obrach Creideis agus Theisteanasan na h-Alba (SCQF):
7: Sàr Àrd-ìre aig A-C/CSYS aig A-C
6: Àrd-ìre aig A-C
5: Eadar-mheadhan 2 aig A-C; Ìre Choitcheann aig 1-2
4: Eadar-mheadhan 1 aig A-C; Ìre Choitcheann aig 3-4
3: Cùrsaichean Access 3; Ìre Choitcheann aig 5-6

Àireamh sa cheud de rolla iomchaidh S4 a’ coileanadh ro dheireadh S4

2003

2004

20053

Beurla agus Matamataig @ Ìre 3

Àrd-sgoil Chnoc na Pàirce

91

94

88

Coimeas air Sgoiltean4

81

80

76

Nàiseanta

91

91

90

5+ @ Ìre 3 no nas fheàrr

Àrd-sgoil Chnoc na Pàirce

95

94

94

Sgoiltean Comparator

80

81

78

Nàiseanta

91

91

90

5+ @ Ìre 4 no nas fheàrr

Àrd-sgoil Chnoc na Pàirce

78

77

66

Sgoiltean Comparator

54

53

50

Nàiseanta

76

77

76

5+ @ Ìre 5 no nas fheàrr

Àrd-sgoil Chnoc na Pàirce

26

26

20

Sgoiltean Comparator

12

11

9

Nàiseanta

34

35

34

Àireamh sa cheud de rolla iomchaidh S4 a’ coileanadh ro dheireadh S5

2003

2004

20053

5+ @ Ìre 4 no nas fheàrr

Àrd-sgoil Chnoc na Pàirce

83

80

81

Coimeas air Sgoiltean4

55

58

57

Nàiseanta

78

78

78

5+ @ Ìre 5 no nas fheàrr

Àrd-sgoil Chnoc na Pàirce

45

38

39

Coimeas air Sgoiltean

18

20

18

Nàiseanta

45

45

45

1+ @ Ìre 6 no nas fheàrr

Àrd-sgoil Chnoc na Pàirce

44

33

36

Coimeas air Sgoiltean

16

15

14

Nàiseanta

39

39

38

3+ @ Ìre 6 no nas fheàrr

Àrd-sgoil Chnoc na Pàirce

24

19

22

Coimeas air Sgoiltean

4

4

5

Nàiseanta

23

23

22

5+ @ Ìre 6 no nas fheàrr

Àrd-sgoil Chnoc na Pàirce

8

7

6

Coimeas air Sgoiltean

1

1

1

Nàiseanta

10

9

9

Àireamh sa cheud de rolla iomchaidh S4 a’ coileanadh ro dheireadh S6

2003

2004

20053

5+ @ Ìre 5 no nas fheàrr

Àrd-sgoil Chnoc na Pàirce

44

46

39

Coimeas air Sgoiltean

21

22

21

Nàiseanta

47

47

47

1+ @ Ìre 6 no nas fheàrr

Àrd-sgoil Chnoc na Pàirce

40

46

36

Coimeas air Sgoiltean

19

21

20

Nàiseanta

44

44

43

3+ @ Ìre 6 no nas fheàrr

Àrd-sgoil Chnoc na Pàirce

25

30

24

Coimeas air Sgoiltean

10

8

8

Nàiseanta

31

31

30

5+ @ Ìre 6 no nas fheàrr

Àrd-sgoil Chnoc na Pàirce

16

17

15

Coimeas air Sgoiltean

4

2

3

Nàiseanta

20

20

19

1+ @ Ìre 7 no nas fheàrr

Àrd-sgoil Chnoc na Pàirce

7

8

4

Coimeas air Sgoiltean

1

1

1

Nàiseanta

12

12

12

Ciamar a gheibh sibh fios thugainn?

Ma tha sibh ag iarraidh lethbhreac a bharrachd den aithisg seo

Chaidh lethbhric den aithisg seo a chur gu ceannard agus luchd-obrach na sgoile, Director of Education, comhairlichean ionadail agus buill iomchaidh de Phàrlamaid na h-Alba. Neach sam bith a tha ag iarraidh lethbhreac an asgaidh tha còir aige cur ga iarraidh gu Luchd-sgrùdaidh na Bànrigh airson Foghlaim, 3rd Floor, Argyll House, Marketgait, Dun Deagh DD1 1QP no fònadh 01382 349999. Tha e ri fhaotainn cuideachd air an làrach-lìn againn aig www.hmie.gov.uk.

Ma tha sibh airson beachd a thoirt air sgrùdaidhean àrd-sgoiltean

Neach sam bith a tha airson beachd a thoirt mu nì sam bith a bhuineas do secondary inspections, tha còir aige sgrìobhadh an toiseach gu Frank Crawford, HMCI, aig Luchd-sgrùdaidh na Banrigh airson Foghlaim, Europa Building, 450 Sràid Earra-ghaidheil, Glaschu G2 8LG.

Ar modh gearain

Ma tha gearan agaibh mun aithisg seo, bu chòir sgrìobhadh an toiseach gu Hazel Dewart, Business Management Unit, Luchd-sgrùdaidh na Banrigh airson Foghlaim, Taigh Denholm, Pàirc Ghnìomhachais Almondvale, Slighe Almondvale, Baile Lèibhinn EH54 6GA. Tha lethbhreac den mhodh-gearain againn ri fhaotainn bhon oifis seo no fònadh 01506 600258 no bhon làrach-lìn againn aig www.hmie.gov.uk.

Ma tha sibh mì-thoilichte leis na tha sinn air a dhèanamh aig deireadh a’ mhodh-gearain againn, faodaidh sibh ur gearan a thogail le Ombudsman Seirbheisean Poblach na h-Alba. Tha Ombudsman Seirbheisean Poblach na h-Alba gu tur neo-eisimeileach le ùghdarras airson gearanan an aghaidh Roinnean agus Buidhnean Riaghaltais a rannsachadh. Bu chòir dhuibh sgrìobhadh gu Ombudsman Seirbheisean Poblach na h-Alba, 4-6 Sràid Melville, Dùn ÈideannEH3 7NS. Faodaidh sibh cuideachd fònadh 0870 011 5378 no post-dealain enquiries@scottishombudsman.org.uk. Gheibhear tuilleadh fiosrachaidh mu oifis an Ombudsman bhon làrach-lìn: www.scottishombudsman.org.uk .

Còraichean glèidhte leis a’ Chrùn 2006

Luchd-sgrùdaidh na Banrigh airson Foghlaim

Faodar lethbhreac a dhèanamh den aithisg seo gu h-iomlan no de earrann dhi, ach chan fhaodar a chleachdadh ann am malairt no ann an co-cheangal ri leabhran-fiosrachaidh no sanas, agus feumar iomradh a thoirt air an aithisg agus ceann-là a foillseachaidh.

Footnotes

1. Tron aithisg seo, bu chòir tuigsinn gu bheil am facal ‘pàrantan’ a’ gabhail a-steach luchd-cùraim dalta, luchd-teagaisg cùram còmhnaidheach agus luchd-cùraim a tha nan càirdean no caraidean.
2. Ìrean Frèam-obrach Creideas agus Teisteanasan na h-Alba (SCQF):
    7: Sàr Àrd-ìre aig A-C/CSYS aig A-C
    6: Àrd-ìre aig A-C
    5: Eadar-mheadhan 2 aig A-C; Ìre Choitcheann aig 1-2
    4: Eadar-mheadhan 1 aig A-C; Ìre Choitcheann aig 3-4
    3: Cùrsaichean Access 3; Ìre Choitcheann aig 5-6
3. Ro thagradh
4. ’S e Coimeas air Sgoiltean na deich sgoiltean dìreach os cionn agus na deich sgoiltean dìreach fon sgoil a thathar a’ sgrùdadh a thaobh an àireamh sa cheud de sgoilearan le còir air biadh-sgoile an-asgaidh (FME).