Àrd-sgoil Loch Abair
An Gearastan
Comhairle na Gàidhealtachd

21 Gearran 2006

Clàr-innse

1. Bun-fhiosrachadh
2. Prìomh neartan
3. Dè na beachdan a tha aig pàrantan, sgoilearan agus luchd-teagaisg?
4. Dè cho math ’s a tha ionnsachadh, teagasg agus coileanadh?
5. Dè cho math ’s a tha an taic do sgoilearan?
6. Dè cho math ’s a tha an àrainneachd ionnsachaidh?
7. Leasachadh na sgoile
Pàipear-taice 1 Cuimsean càileachd
Pàipear-taice 2 Geàrr-chunntas air freagairtean ceisteachain
Pàipear-taice 3 Coileanadh ann an Teisteanasan Nàiseanta Ùghdarras Theisteanas na h-Alba (SQA)
Ciamar a gheibh sibh fios thugainn?

1. Bun-fhiosrachaidh

Chaidh sgrùdadh Àrd-sgoil Loch Abair a dhèanamh san t-Sultain 2005 mar phàirt de shampall nàiseanta de dh’fhoghlam san àrd-sgoil. Ghabh an sgrùdadh a-steach prìomh roinnean de dh’obair na sgoile aig a h-uile ìre. Rinn e measadh air eagrachadh a’ chlàr-teagaisg, sgrùdadh air coileanadh na cloinne ann an deuchainnean (faic Pàipear-taice 3) agus measadh air càileachd coileanadh na cloinne san fharsaingeachd. Rinn iad measadh cuideachd air càileachd an ionnsachaidh agus an teagaisg agus an taic do sgoilearan, an àrainneachd ionnsachaidh, modhan fèin-mheasaidh, buaidh na sgoile agus a comas airson leasachadh san fharsaingeachd. Chaidh sùil shònraichte a thoirt air obair nan roinnean Beurla, matamataig, cànanan, a’ gabhail a-steach Fraingis agus Gaidhlig, agus foghlam spioradail agus moralta.

Bha Luchd-sgrùdaidh na Banrigh a’ coimhead ri ionnsachadh agus teagasg agus rinn iad sgrùdadh air obair sgoilearan. Thug iad aire do fhreagairtean cheisteachan a chaidh an cur gu sampall de phàrantan1 agus sgoilearan agus chun a h-uile neach-teagaisg. Rinn iad agallamhan le buidhnean de sgoilearan, a’ gabhail a-steach a’ chomhairle sgoilear, agus luchd-teagaisg. Choinnich buill den sgioba sgrùdaidh cuideachd ri cathraiche Bòrd na Sgoile, buidheann de phàrantan agus luchd-gnothachais ionadail.

’S e sgoil neo-bhuidheannach a th’ ann an Àrd-sgoil Loch Abair a’ frithealadh baile a’ Ghearastain agus an sgìre mun cuairt. Aig àm an sgrùdaidh, bha 934 air an rolla. Bha an àireamh sa cheud de sgoilearan le còir air biadh-sgoile an-asgaidh na b’ ìsle na a’ chuibheasachd nàiseanta. Bha frithealadh-sgoile na b’ ìsle na a’ chuibheasachd nàiseanta.

2. Prìomh neartan

Chomharraich Luchd-sgrùdaidh na Banrigh na prìomh neartan a leanas.

3. Dè na beachdan a tha aig pàrantan, sgoilearan agus luchd-teagaisg?

Fhreagair mu 40% de phàrantan a fhuair ceisteachain. Bha cha mhòr na h-uile a’ faireachdainn gu robh an sgoil a’ còrdadh ris a’ chloinn aca agus gun d’ fhuair iad an obair dùbhlanach agus inntinneach. Bha iad a’ faireachdainn gun tug luchd-teagaisg taic fìor mhath agus fàilte bhlàth dhaibh san sgoil. Cha robh a’ chuid a bu mhotha ag aontachadh gu robh togalaichean na sgoile air an cumail ann an deagh òrdugh. Bha mu chairteal de na pàrantan a fhreagair an ceisteachan den bheachd nach robh deagh chliù aig an sgoil sa choimhearsnachd. Cha robh iad a’ faireachdainn gu robh an sgoil air a deagh stiùireadh no gun do dhèilig i gu h-èifeachdach ri droch ghiùlan. Bha an sgoil a’ còrdadh ris a’ chuid a bu mhotha de sgoilearan agus bha iad toilichte leis a’ chuideachadh a fhuair iad bho na tidsearan. Ach, bha mu chairteal de na pàrantan a’ faireachdainn nach do mhìnich tidsearan rudan gu soilleir. Bha mòran dhiubh a’ faireachdainn nach robh an sgoil math air dèiligeadh ri burraidheachd agus nach do dhèilig an sgoil gu ceart ris a h-uile sgoilear. Bha mòran sgoilearan aig S1/S2 nach robh a’ faireachdainn sàbhailte agus tèarainte san sgoil. Bha mòr-chuid de sgoilearan a’ faireachdainn nach robh giùlan cuid de sgoilearan math. Bha a h-uile neach-teagaisg a’ faireachdainn gun do shuidhich tidsearan ìrean-coileanaidh àrda do na sgoilearan agus gun do ghabh iad uallach airson an cùram agus sochair. Bha a’ mhòr-chuid de thidsearan den bheachd nach robh an sgoil air a deagh stiùireadh, nach robh àrd luchd-stiùiridh ag obair mar sgioba, agus nach robh an conaltradh eadar iad fhèin agus luchd-teagaisg èifeachdach. Bha faisg air dara leth an luchd-fasdaidh a’ faireachdainn nach d’ fhuair iad leasachadh dreuchdail math.

Tha tuilleadh fiosrachaidh mu dè na rudan a b’ fheàrr a chòrd ri pàrantan, luchd-teagaisg agus sgoilearan, agus dè na rudan a bhiodh iad airson an leasachadh, ann am Pàipear-taice 2 den aithisg seo.

4. Dè cho math ’s a tha ionnsachadh, teagasg agus coileanadh?

An clàr-teagaisg, ionnsachadh agus teagasg

Bha an clàr-teagaisg a dh’ullaich an sgoil farsaing agus cothromach agus choinnich e ri feuman a’ chuid a bu mhotha de sgoilearan. Bha taghadh iomchaidh de chuspairean ann an clàr-teagaisg S1/S2. Thug cùrsa neartachaidh S1 cothroman airson fuasgladh chruaidh cheistean, inntrigeadh don leabharlann agus sgilean ionnsachaidh eile, ach cha robh e air a phlanadh math gu leòr gus sgoilearan a chuideachadh a’ cleachdadh nan sgilean a dh’ionnsaich iad ann an roinnean eile den chlàr-teagaisg. Bha a h-uile sgoilear a’ dèanamh cùrsaichean ann am Fraingis agus Gaidhlig ann an S1 agus aon no dhà de na cànanan sin ann an S2. Aig S3/S4, dh’fhaodadh sgoilearan suas gu naoi cùrsaichean Ìre Choitcheann no cùrsaichean co-ionann a ghabhail. Ann an S4, fhuair àireamh bheag de thagraichean gu Àrd-ìre ann an ceòl agus eachdraidh. Cha robh prògram foghlam pearsanta is sòisealta (PSE) ullaichte ann do sgoilearan le feuman taic a bharrachd. Chaidh buidhnean de sgoilearan aig S3/S4 a thaghadh airson prògraman dreuchdail a leantainn ann an gruagaireachd agus maise, cùram agus togail. Ach, cha robh feallsanachd soilleir aig an sgoil airson taghadh cò na sgoilearan a leanadh na prògraman agus cha tug iad taic gu leòr dhaibh a’ dèanamh nan leasan a chaill iad. Bha an àireamh de sgoilearan a roghnaich nua-chànan a dhèanamh aig S3/S4 ìosal. Aig S5/S6, bha an sgoil a’ tabhann iomadh seòrsa cùrsa aig Ìre Eadar-mheadhan, Àrd-ìre agus Sàr Àrd-ìre, a’ gabhail a-steach Eleactronaics Eadar-mheadhan 2. Cha robh càil a bhuineadh do fhoghlam spioradail agus moralta anns a’ phrògram foghlam pearsanta is sòisealta a rinn a h-uile sgoilear ann an S5/S6, a’ gabhail a-steach sgoilearan le feuman taic a bharrachd. Cha robh snàmh ann an clàr-teagaisg foghlam corporra. Bha prògram farsaing Iomairt ann am Foghlam air an tabhann do bhuidhnean anns a h-uile bliadhna agus bha iomadh seòrsa obair iomairt a’ dol tro cha mhòr a h-uile cuspair. Uile gu lèir, bha càileachd a’ chlàr-teagaisg iomchaidh.

Thug cha mhòr a h-uile tidsear mìneachadh agus stiùireadh soilleir. Bha cuid de na tidsearan ag innse agus a’ daingneachadh adhbhar nan leasan gu math do sgoilearan, ach cha robh seo cunbhalach air feadh na sgoile. Bha tidsearan agus sgoilearan ag eadar-obrachadh gu math. Ann an cuid de leasain, bha tidsearan sgileil air cur cheistean agus cleachdadh diofar dhòighean gus an smaoinicheadh sgoilearan air na bha iad ag ionnsachadh agus gun gabhadh iad uallach air a shon. Ann an cha mhòr a h-uile leasan, rinn sgoilearan an obair-cùrsa gu dìcheallach. Ach, cha robh astar an ionnsachaidh daonnan luath, inntinneach no dùbhlanach gu cunbhalach. Ann am beagan leasain, chaidh gnìomhan a thoirt do sgoilearan anns nach robh ìre dùbhlain freagarrach. Bha tidsearan a’ leasachadh an ullachaidh airson measadh air adhartas na cloinne. Bha iad a’ tòiseachadh a’ toirt fiosrachadh air ais gus am faigheadh sgoilearan tuigse shoilleir air dè dh’fheumadh iad a leasachadh. Chunnacas eisimpleirean fìor mhath air cleachdadh ICT, gu h-àraidh ann an cuspairean saidheans. Ghabh seo a-steach cothroman fìor mhath do sgoilearan air obair-dachaigh agus goireasan-teagaisg eile ann an ceimigeachd fhaighinn tron Eadar-lìon san sgoil agus aig an taigh. Ach, air feadh na sgoile, cha robh obair-dachaigh gu cunbhalach a’ dèanamh leasachadh no a’ togail gu leòr air obair-cùrsa na cloinne. Ann an cuid de chuspairean aig S1/S2, rinn tidsearan feum mhath de fhiosrachadh mu na bha sgoilearan air ionnsachadh roimhe airson planadh obair-cùrsa. Ann an cuspairean eile aig na h-ìrean sin, rinn tidsearan ro bheag gus dèanamh cinnteach gu robh obair-cùrsa air a dheagh mhaidseadh ri feuman a h-uile sgoilear. Chunnacas eisimpleirean fìor mhath de thaic ionnsachaidh do sgoilearan ann an clasaichean gnàthach, gu h-àraidh ann an clasaichean Beurla an S1.

Coileanadh

Uile gu lèir, bha càileachd a’ choileanaidh aig S1/S2 math. Bha e air a dhol na b’ fheàrr thar nan trì bliadhna a chaidh seachad. Rinn a’ chuid a bu mhotha de sgoilearan gu math san obair-cùrsa. Bha coileanadh sgoilearan air a dhol na b’ fheàrr ann an leughadh, sgrìobhadh agus matamataig. Aig deireadh S2, bha a’ chuid a bu mhotha de sgoilearan a’ dèanamh adhartas math bho na h-ìrean coileanaidh a bha aca aig deireadh na bun-sgoile agus bha àireamh àrd dhiubh air coileanadh os cionn nan ìrean nàiseanta a bhiodh air a shùileachadh.

Tha na beachdan a leanas stèidhichte air dàta Ùghdarras Theisteanas na h-Alba (SQA), a’ cleachdadh Frèam-obrach Creideis agus Theisteanasan na h-Alba (SCQF)2 thar nan trì bliadhna (2003-2005) agus cuideachd air na measaidhean iomlan air càileachd an ionnsachaidh, an teagasg agus coinneachadh ri feuman na cloinne.

Uile gu lèir, bha càileachd a’ choileanaidh aig S3/S4 math. Bha a’ chuibhreann de sgoilearan a’ faighinn còig no barrachd duaisean aig ìre 5 no nas àirde, aig deireadh S4, air a dhol na b’ fheàrr agus bha e os cionn na cuibheasachd nàiseanta agus na b’ fheàrr na ann an sgoiltean le feartan co-ionann. Ach, bha a’ chuibhreann a’ faighinn còig no barrachd duaisean aig ìre 3 no nas àirde na b’ ìsle na a’ chuibheasachd nàiseanta agus mòran na b’ ìsle na sgoiltean le feartan co-ionann.

Aig S5/S6, bha càileachd a’ choileanaidh math. Bha a’ chuibhreann de sgoilearan S4 a chaidh air adhart gu faighinn trì no barrachd duaisean aig ìre 6 no na b’ fheàrr aig deireadh S6 air a dhol suas cuideachd agus bha e a rèir na cuibheasachd nàiseanta. Bha a’ chuibhreann a fhuair còig no barrachd duaisean aig ìre 6 no na b’ fheàrr air a dhol suas cuideachd gu os cionn na cuibheasachd nàiseanta. Rinn sgoilearan mòran na b’ fheàrr na an fheadhainn ann an sgoiltean le feartan co-ionann.

Tha fiosrachadh mu na cuspairean a chaidh an sgrùdadh air a thoirt nas fhaide air adhart san aithisg. Bha comharran cudromach air coileanadh anns na cuspairean nach deach an sgrùdadh mar a leanas.

Bha na nithean eile a choilean sgoilearan a’ gabhail a-steach spòrs, ceòl, dràma, obair iomairt agus obair sa choimhearsnachd. Gu sònraichte, bha sgoilearan soirbheachail ann an cuid de na còmhlain ciùil anns an do ghabh iad pàirt. Mar eisimpleir, ràinig an còmhlan teud-chiùil a’ chuairt dheireannach nàiseanta ann an Lunnainn agus bha sgoilearan ann an Còmhlan Pìoba Sgoiltean Loch Abair a’ cluich gu cunbhalach anns a’ choimhearsnachd. Fhuair cuid de na sgoilearan a-steach do Orcastra Nàiseanta Chloinne na h-Alba agus Orcastra Nàiseanta Òigridh na h-Alba. Chuir mòran sgoilearan ri fèin-mheas agus mothachadh air obair-sgioba le bhith a’ gabhail pàirt ann an spòrs agus cur-seachadan a-muigh. Riochdaich cuid de sgoilearan an sgìre agus an dùthaich aca ann am ball-coise, seòladh agus hocaidh. Shoirbhich sgioban iomain na sgoile ann an co-fharpaisean, a’ gabhail a-steach Co-fharpaisean Sgoiltean na h-Alba. Riochdaich mòran de na sgoilearan le ciorraman Comhairle na Gàidhealtachd ann am ball-coise an Alba agus bhuannaich cuid de na sgoilearan buinn anns na Geamannan Oilimpiceach Shònraichte. Sa chuibheasachd rinn 15 sgoilearan gach bliadhna duais umha Dhiùc Dhùn Èideann a leasaich am fallaineachd agus an sgilean sòisealta agus cruadalachd. Leudaich sgoilearan ann an Cluba nan Innleadairean Òga am mothachadh air saoranachd coitcheann agus tuigse air cultaran eile le bhith a’ gabhail pàirt ann am pròiseact Computers for Africa, far an deach iad a chur an uidheam ann an sgoiltean an Afraga. Bha an Cluba soirbheachail ann am mòran cho-fharpaisean, a’ gabhail a-steach co-fharpais BT Excellence in Innovation.

Beurla

Ionnsachadh agus teagasg

Rinn tidsearan mìneachadh agus stiùireadh soilleir. Anns a’ mhòr-chuid de leasain chleachd tidsearan iomadh seòrsa modh teagaisg, a’ gabhail a-steach cothroman air an deagh phlanadh airson sgoilearan a bhith ag obair ann am buidhnean. Dhèilig sgoilearan gu math ri bhith ag obair còmhla. Bha iad eudmhor, dealasach agus trang ann an smaoineachadh air na bha iad ag ionnsachadh. Ann an leasain eile, cha robh sgoilearan a’ com-pàirteachadh cho mòr san ionnsachadh agus cha robh astar agus dùbhlan math annta. Uile gu lèir, choinnich tidsearan gu math ri feuman ionnsachaidh na cloinne. Ach, dh’fheumadh sgoilearan cothroman na bu trice agus na bu chunbhalaiche air an sgilean sgrìobhaidh a leasachadh airson caochladh adhbhar. Anns a’ chuid as motha de chlasaichean, cha d’ fhuair iad mòran obair-dachaigh a bharrachd air an obair a rinn iad sa chlas.

Coileanadh

Aig deireadh S2, choilean a’ mhòr-chuid de sgoilearan na h-ìrean nàiseanta iomchaidh ann an èisteachd, labhairt, leughadh agus sgrìobhadh. Uile gu lèir, bha cùisean a’ dol na b’ fheàrr, gu h-àraidh ann an sgrìobhadh. Ann an S4, bha a’ chuibhreann de thagraichean airson Ìre Choitcheann mòran na b’ ìsle na a’ chuibheasachd nàiseanta san fharsaingeachd ach bha na h-àireamhan a’ faighinn duais Creideis gu cunbhalach a rèir no os cionn na cuibheasachd nàiseanta. Bha barrachd is barrachd sgoilearan a’ faighinn teisteanasan Access 3. San fharsaingeachd cha do rinn sgoilearan cho math ’s a rinn iad sna cuspairean eile aca. Aig Eadar-mheadhan 1, agus Eadar-mheadhan 2, bha a’ chuibhreann de sgoilearan a’ faighinn comharradh A-C na b’ ìsle na a’ chuibheasachd nàiseanta san fharsaingeachd. Ann an S5, bha a’ chuibhreann de thagraichean airson Àrd-ìre a fhuair comharradh A-C na b’ ìsle na a’ chuibheasachd nàiseanta san fharsaingeachd. Fhuair a’ mhòr-chuid de na tagraichean airson Sàr Àrd-ìre comharradh A-C.

Ghabh feartan eile de choileanadh na cloinne a-steach na leanas.

Matamataig

Ionnsachadh agus teagasg

Rinn tidsearan mìneachadh soilleir agus feumail. Chleachd iad obair-dachaigh gu math. Aig amannan rinn iad ceasnachadh fìor mhath gus measadh a dhèanamh air tuigse na cloinne, an cuideachadh a’ smaoineachadh dhaibh fèin agus an sgilean fuasgladh chruaidh cheistean a leasachadh. Cha robh an cleachdadh fìor mhath seo cunbhalach gu leòr anns na clasaichean gu lèir. Bha cha mhòr a h-uile sgoilear ag èisteachd gu math agus dèidheil air ionnsachadh. Mar a bu trice bha leasain air an teagasg aig astar freagarrach. Rinn sgoilearan a bha a’ coileanadh ìrean na b’ àirde feum èifeachdach de àireamhairean ghrafaichean. Bha tidsearan a’ maidseadh ghnìomhan gu math ri na bha sgoilearan air a choileanadh roimhe agus, uile gu lèir, choinnich iad gu math ri feuman ionnsachaidh na cloinne. Dh’fheumadh cuid de sgoilearan, gu h-àraidh aig na tùs ìrean, taic nas fheàrr ann an àireamhachadh sa-cheann.

Coileanadh

Bha mòr-chuid de sgoilearan ann an S1/S2 a’ coileanadh nan ìrean nàiseanta iomchaidh. Ach, aig deireadh S2 bha beag-chuid cudromach de sgoilearan a’ coileanadh fada os cionn nan ìrean sin. Ann an 2003 agus 2004, fhuair mu dhara leth nan sgoilearan uile ann an S4 duaisean Creideis aig Ìre Choitcheann. Ann an 2005, chaidh cùrsaichean Teisteanasan Nàiseanta an àite cùrsaichean Ìre Choitcheann ann an S3/S4. Bha a’ chuibhreann de sgoilearan S4 a’ faighinn comharradh A-C aig Eadar-mheadhan 2, air a dhol sìos gu dithis às gach còignear. Ann an 2005, fhuair còrr air leth nan tagraichean ann an S4 aig Eadar-mheadhan 1 no 2 comharradh A. Aig S5/S6, bha a’ chuibhreann de sgoilearan a fhuair comharradh A-C aig Àrd-ìre a rèir na cuibheasachd nàiseanta ann an 2003 agus 2004 agus fada os cionn na cuibheasachd seo ann an 2005. Bha a’ chuibhreann de sgoilearan a fhuair comharradh A-C aig Eadar-mheadhan 1 no 2 os cionn no fada os cionn na cuibheasachd nàiseanta. Fhuair mòr-chuid de thagraichean aig Sàr Àrd-ìre comharradh A-C.

Ghabh feartan eile de choileanadh na cloinne a-steach na leanas.

Fraingis

Ionnsachadh agus teagasg

Bha laigsean cudromach ann an ionnsachadh agus teagasg ann am Fraingis. Cha robh tidsearan daonnan ag innse adhbhar ghnìomhan do sgoilearan. Ann an cuid de leasain, cha do rinn iad mìneachadh soilleir gu leòr air an obair no feum freagarrach de mholadh. Uile gu lèir, cha do chleachd iad taghadh farsaing gu leòr de mhodhan teagaisg. Bha cus ghnìomhan air an stiùireadh ro mhòr leis an tidsear agus cha tug iad cothroman do sgoilearan smaoineachadh dhaibh fèin no obrachadh còmhla. Dh’obraich a’ chuid a bu mhotha de sgoilearan gu math anns a’ chlas ach cha robh an suidhichidhean ionnsachaidh measgaichte gu leòr. Cha robh tidsearan daonnan a’ dèanamh cinnteach gu robh dùbhlan gu leòr aig sgoilearan a bha a’ coileanadh ìrean na b’ àirde no an taic a bha a dhìth orra aig na sgoilearan a bha a’ coileanadh ìrean na b’ ìsle. San fharsaingeachd chleachd iad obair-dachaigh gu h-èifeachdach.

Coileanadh

Aig S1/S2, dhèilig a’ chuid a bu mhotha de sgoilearan gu math ris an obair-cùrsa. Ach, gu tric cha robh gnìomhan a chaidh a thoirt dhaibh dùbhlanach agus cha tug iad cothrom dhaibh na h-ìrean air an robh iad comasach a choileanadh. Ann an S4, bha a’ chuibhreann de thagraichean airson Teisteanas Nàiseanta ann am Fraingis mòran na b’ ìsle na a’ chuibheasachd nàiseanta. De na h-àireamhan beaga thagraichean aig Ìre Choitcheann, bha a’ chuibhreann a fhuair duais Creideis os cionn na cuibheasachd nàiseanta. Aig S5/S6, bha a’ chuibhreann de thagraichean airson Fraingis Àrd-ìre agus a fhuair comharradh A-C a rèir na cuibheasachd nàiseanta san fharsaingeachd.

Cha fhacas feartan sònraichte sam bith eile air coileanadh na cloinne.

Gàidhlig

Ionnsachadh agus teagasg

Thug tidsearan mìneachadh agus stiùireadh soilleir. Ann an clasaichean nam fileantach, b’ e Gàidhlig am meadhan teagaisg. Anns na clasaichean sin, chuir tidsearan leasain air dòigh gu math agus dh’ullaich iad iomadh seòrsa suidheachadh ionnsachaidh inntinneach a ghlac aire na cloinne. Ann an Gàidhlig luchd-ionnsachaidh agus clasaichean nam fileantach, bha obair ùr air a mhìneachadh gu mionaideach agus bha rudan a dh’fheumadh iad ionnsachadh air innse agus air a dhaingneachadh don chloinn. Bha tidsearan a’ sùileachadh ìre ionnsachaidh àrd agus choinnich sgoilearan gu fìor mhath ris. Dh’atharraich tidsearan an dòighean teagaisg bho ìre gu ìre agus thug iad deagh fhiosrachadh air ais ann an cainnt do sgoilearan mun dòigh air an obair a leasachadh. Chleachd iad obair-dachaigh gu math gus an ionnsachadh a dhaingneachadh. Dhèilig fileantaich gu math ri diofar theacsaichean anns an robh dùbhlan iomchaidh. Cha robh dùbhlan gu leòr ann an cuid de ghnìomhan do sgoilearan ann an clasaichean Gàidhlig luchd-ionnsachaidh. Chaidh coinneachadh gu math ri feuman sgoilearan a bha fileanta sa Ghàidhlig tro cheasnachadh èifeachdach gus dèanamh cinnteach gu robh iad gan tuigsinn. Bha cha mhòr a h-uile sgoilear dèidheil air ionnsachadh agus dhèilig iad gu math ri cothroman air obrachadh leotha fhèin. Bha dàimhean eadar sgoilearan agus luchd-teagaisg fìor mhath.

Coileanadh

Bha cha mhòr a h-uile sgoilear bho S1 gu S6 a’ dèanamh gu math san obair-cùrsa. Aig S3/S4, fhuair a’ chuid a bu mhotha de sgoilearan duaisean Creideis no Coitcheann ann an deuchainnean Gaidhlig Ìre Choitcheann agus deuchainnean Gàidhlig luchd-ionnsachaidh. Cha do rinn sgoilearan cho math ri na cuspairean eile aca. Aig S5/S6, fhuair a’ chuid a bu mhotha de sgoilearan comharradh A-C aig Àrd-ìre ann an Gaidhlig no Gàidhlig luchd-ionnsachaidh.

Ghabh feartan eile de choileanadh na cloinne a-steach na leanas.

Foghlam spioradail agus moralta

Ionnsachadh agus teagasg

Rinn tidsearan mìneachadh agus stiùireadh soilleir agus rinn iad ceasnachadh èifeachdach air sgoilearan. Chleachd iad moladh gu math. Ach, cha do dh’innis iad adhbhar nan leasan don chloinn. Uile gu lèir, bha leasain air an stiùireadh cus le tidsearan agus cha robh com-pàirt gu leòr aig a h-uile sgoilear annta. Cha do chleachd tidsearan gu leòr mhodhan eadar-dhealaichte, a’ gabhail a-steach cothrom a thoirt do sgoilearan air co-obrachadh na bu mhotha ann an càraidean agus buidhnean. Cha do leasaich iad modhan teagaisg chun na h-ìre a chuidicheadh sgoilearan a’ cuimhneachadh air na bha iad air ionnsachadh roimhe. Bha obair-dachaigh cunbhalach agus bha gnìomhan measgaichte. Bha sgoilearan dìcheallach anns a’ chlas, a’ cumail ris an obair agus a’ freagairt cheistean gu math. Ann an cuid de chlasaichean, bha an t-astar gu tric ro shlaodach agus cha robh cuid de ghnìomhan dùbhlanach gu leòr.

Coileanadh

Aig S1/S2, bha a’ chuid a bu mhotha de sgoilearan a’ dèanamh adhartas math san ionnsachadh. Sheall a’ chuid a bu mhotha deagh eòlas agus tuigse air obair a rinn iad o chionn ghoirid. Aig S3/S4, b’ urrainn do sgoilearan beachdachadh air cùisean moraltachd agus air na nithean mu chreideamhan a dh’ionnsaich iad o chionn ghoirid. Ach, cha robh iad math air bruidhinn gu pearsanta mu na ceistean agus cha robh an comas cuimhneachaidh air na bha iad air ionnsachadh làidir. Cha robh càil a bhuineadh do fhoghlam spioradail agus moralta ann am prògraman leasachadh pearsanta agus sòisealta S5/S6. Cha robh tagraichean san roinn airson Teisteanasan Nàiseanta.

Ghabh feartan eile de choileanadh na cloinne a-steach na leanas.

5. Dè cho math ’s a tha an taic do sgoilearan?

Uile gu lèir, bha càileachd a’ chùraim aoghaireil iomchaidh. San fharsaingeachd, bha an sgoil air ullachadh èifeachdach a dhèanamh gus am biodh cùram, sochair agus dìon sgoilearan cinnteach. Bha doigh-beatha fhallain air a bhrosnachadh gu h-iomchaidh air feadh na sgoile. Bha laigsean cudromach ann am modhan na sgoile gus sàbhailteachd sgoilearan air eòlas obrach a dhèanamh cinnteach agus don fheadhainn aig an robh duilgheadasan sònraichte ann an ionnsachadh. Bha a h-uile neach-teagaisg air trèanadh fhaighinn ann am modhan dìon chloinne ach bhiodh tuilleadh trèanaidh, na bu shònraichte, na bhuannachd dhaibh. Cha robh sgoilearan aig S1/S2 daonnan a’ faireachdainn sàbhailte san sgoil. Bha an sgoil a’ cur ri chèile comharran-stiùiridh ach cha robh fios aig luchd-teagaisg air na dòighean-obrach a bha rin cleachdadh ann an diofar shuidhichidhean.

Uile gu lèir, bha càileachd leasachadh pearsanta agus sòisealta math. Chaidh luchd-teagaisg agus sgoilearan air mòran thurasan còmhnaidh, agus bha saoranachd gnìomhach glè adhartach tro sgeama Computers for Africa na sgoile agus iomairt pharsailean Nollaige. Ghabh am prògram foghlam pearsanta is sòisealta (PSE) a-steach iomadh seòrsa gnìomh fhreagarrach. Rinn luchd-teagaisg ath-sgrùdadh cunbhalach air susbaint agus teagasg a’ phrògraim PSE, ach cha robh iad daonnan a’ mìneachadh do sgoilearan adhbharan nan cuspairean a bhiodh iad ag ionnsachadh. Rinn sgoilearan adhartas math san leasachadh pearsanta agus sòisealta aca ach bha feum aig cuid dhiubh air tuilleadh taic. Bha deagh ìrean fèin-mheas aig a’ chuid a bu mhotha de sgoilearan agus b’ urrainn dhaibh smaoineachadh dhaibh fèin. Cha tug tidsearan treòrachaidh fiosrachadh mionaideach gu leòr do phàrantan mu leasachadh pearsanta agus sòisealta, coileanadh san fharsaingeachd agus mar a bha a’ chlann aca a’ tighinn air adhart san sgoil.

Uile gu lèir, bha càileachd stiùireadh curraicealaim agus dhreuchdan math. Bha ullachadh iomchaidh ann gus sgoilearan a chuideachadh airson roghainnean a dhèanamh aig prìomh ìrean eadar-ghluasaid. Ghabh iad sin a-steach iomadh seòrsa stuth taice mar leabhrain le fiosrachadh agus agallamhan air leth le eòlaichean dhreuchdan. Ghabh cha mhòr a h-uile sgoilear S4 pàirt ann am prògram eòlas obrach. Bha feum aig an ullachadh airson measadh nam prògraman tuilleadh leasachaidh. Ghabh am prògram PSE a-steach cothroman iomchaidh do sgoilearan air deagh sgilean ionnsachadh mu thaisbeanadh agus agallamhan. Thug an sgoil taic do sgoilearan gus am faigheadh iad gu diofar làithean fosgailte aig colaistean no oilthighean agus cothroman trèanaidh eile. Thug tidsearan treòrachaidh cothrom air agallamhan fa leth do phàrantan agus sgoilearan agus thug iad comhairle math dhaibh air na ceanglaichean eadar roghainnean curraicealaim agus slighean gu dreuchdan. Ach, air feadh na sgoile, cha robh gu leòr clàradh air adhartas na cloinne.

Thug luchd-teagaisg taic do iomadh sgoilear ann an clasaichean gnàthach agus sgoilearan le feuman iom-fhillte a dh’fheumadh taic a bharrachd. Bha e comasach cuid de sgoilearan gun uiread de fheuman iom-fhillte a bharrachd fhilleadh a-steach do chlasaichean gnàthach. Bha laigsean cudromach anns an ullachadh airson coinneachadh ri feuman ionnsachaidh na cloinne le feuman taic iom-fhillte a bharrachd. Cha robh siostam san sgoil airson tubaistean a bhuineadh do shlàinte agus sàbhailteachd na cloinne anns na h-ionadan taic ionnsachaidh. Thug tidsearan taic ionnsachaidh don h-uile tidsear fiosrachadh mionaideach mu sgoilearan le feuman ionnsachaidh sònraichte. Chuidich sgoilearan S6 cuid de na sgoilearan a b’ òige ann an clasaichean agus anns an ionad taic ionnsachaidh. Anns na h-ionadan, chruthaich taisbeanaidhean inntinneach àrainneachd ionnsachaidh math. Bha luchd-teagaisg anns na h-ionadan taic ionnsachaidh dàimheil agus thug iad taic mhath do sgoilearan fa leth. Dh’ullaich tidsearan mòran phrògraman foghlaim pearsanta (IEPan). Ach, bha laigsean aig mòran dhiubh a thaobh mar a bha cuimsean air an suidheachadh agus air an ath-sgrùdadh. Bha e doirbh do luchd-teagaisg lorg a chumail air adhartas agus stèidheachadh nan ath cheuman ann an ionnsachadh na cloinne. Leis nach robh an siostam airson cumail Clàran Fheuman agus lìonadh a-steach earrannan buntainneach riaghailteach gu leòr cha robh luchd-teagaisg cinnteach mu fheuman na cloinne.

Fhuair sgoilearan le duilgheadasan sòisealta, faireachail agus giùlain taic fìor mhath bho luchd-teagaisg anns an Ionad Taic do Sgoilearan. Bha luchd-teagaisg air ceanglaichean fìor mhath a dhèanamh ri pàrantan a bha a’ faireachdainn gum faodadh iad bruidhinn ris an Ionad aig àm sam bith. Shuidhich luchd-teagaisg ìrean àrda airson frithealadh-sgoile, oidhirp agus giùlan. Dhèilig cuid de sgoilearan fìor mhath ris agus bha iad air Teisteanasan Nàiseanta a choileanadh. Rinn luchd-teagaisg san Ionad conaltradh math ris a’ chòrr den sgoil. Rinn an siostam tar-chuir èifeachdach cinnteach gum biodh co-chomhairle iomchaidh air a dhèanamh mus biodh sgoilear air a chur dhan Ionad.

6. Dè cho math ’s a tha an suidheachadh ionnsachaidh?

Cuspair

Beachd

Càileachd nan togalaichean agus nan goireasan

Uile gu lèir, bha càileachd nan togalaichean agus nan goireasan lag. Ghabh neartan a-steach rumannan-teagaisg mòra, saidheans-lannan leasaichte agus raon spòrs uile-aimsir fìor mhath. Ach, bha cuid de rumannan-teagaisg feumach air sgeadachadh agus bha uisge a’ faighinn a-steach do mhòran de na togalaichean, gu h-àraidh ann am foghlam corporra. Bha leacan briste san làr ann am mòran roinnean den sgoil nan cunnart. Bha an àireamh mhòr de dhorsan a’ ciallachadh nach robh an sgoil tèarainte agus bha an siostam rabhaidh agus na dòighean-obrach airson teine feumach air ath-sgrùdadh gun dàil. Bha cus atharrachadh ann an càileachd nan taisbeanaidhean air feadh na sgoile. Bha dùil aig an ùghdarras foghlaim càileachd nan togalaichean a leasachadh mar phàirt de phrìomh phrògram ath-sgeadachaidh na comhairle.

Suidheachadh agus dàimh, sùileachadh agus adhartachadh coileanaidh agus co-ionannachd

San fharsaingeachd bha dàimhean eadar luchd-teagaisg agus sgoilearan math agus bha a’ chuid a bu mhotha de sgoilearan deònach agus modhail. Ach, cha robh làn mhothachadh aig a h-uile sgoilear agus neach-teagaisg air dìlseachd agus ceangal ris an sgoil. Bha sgoilearan a’ faireachdainn gun deach dèiligeadh gu h-èifeachdach ri cùisean burraidheachd ach bha mòran sgoilearan aig S1/S2 nach robh a’ faireachdainn sàbhailte san sgoil. Thug a’ chomhairle sgoile cothrom do sgoilearan aig a h-uile ìre com-pàirteachadh ann an co-dhùnaidhean. Air a’ bhliadhna a dh’fhalbh bha iad air a bhith soirbheachail ann an obrachadh còmhla ri ailtirean air an ath-sgeadachadh a bha san amharc agus ann an leasachadh càileachd a’ bhidhe san àite-ithe. Bha an sgoil ag ath-sgrùdadh ballrachd na comhairle gus com-pàirteachadh na b’ fheàrr a bhrosnachadh agus sgilean saoranachd a leudachadh. Shuidhich tidsearan fa leth ìrean àrda airson càileachd agus taisbeanadh obair sgoilearan agus chleachd iad moladh gu h-èifeachdach ach bha dòighean-obrach ro neo-chunbhalach air feadh na sgoile. Bha latha nan duaisean gach bliadhna agus co-chruinneachaidhean cunbhalach a’ comharrachadh na bha sgoilearan air a choileanadh. Ach, cha tug co-chruinneachaidhean cothroman gu leòr air òrdaighean cràbhachd. Bha am poileasaidh deagh ghiùlain a chaidh a thoirt a-steach o chionn ghoirid gun buaidh a thoirt san sgoil fhathast. Bha sgoilearan a’ faireachdainn nach robh luach gu leòr air deagh ghiùlan san sgoil. Bha cus atharrachaidh air feadh na sgoile eadar na bhathar a’ sùileachadh bho sgoilearan a choileanadh. Bha tidsearan a’ cur air adhart spiorad coileanaidh ach bha e gun làn bhuaidh a thoirt ann an cuid de clasaichean. O chionn ghoirid chaidh inbhe sgoil brosnachadh slàinte a thoirt don sgoil. Bha pàirt cudromach aig an roinn foghlam spioradail agus moralta ann am brosnachadh co-ionannachd agus cothromachd tron chlàr-teagaisg. Bha poileasaidh co-ionannachd cinnidh iomchaidh aig an sgoil ach cha robh i air modhan a chur ri chèile airson adhartachadh deagh dhàimhean eadar daoine a bhuineadh do chinnidhean eadar-dhealaichte.

Co-obrachadh le pàrantan agus a’ choimhearsnachd

San fharsaingeachd bha ceanglaichean èifeachdach aig an sgoil ri pàrantan. Bha luchd-teagaisg san Ionad Taic do Sgoilearan a’ dèanamh co-obrachadh fìor mhath le pàrantan na cloinne dhan tug iad taic. Bha mearachdan anns an leabhar-làimhe do phàrantan agus cha robh am fiosrachadh as ùire ann. Bha an sgoil a’ dol a chur làrach-lìn le fiosrachadh air bhog. Thug tidsearan fiosrachadh feumail do phàrantan mu adhartas na cloinne aca. Ach, dh’fheumadh an sgoil sùil a chumail air càileachd aithisgean gu pàrantan gus dèanamh cinnteach gu bheil am fiosrachadh ceart. Bha co-chomann làidir aca ris a’ Bhòrd-sgoile thaiceil. Bha ceanglaichean làidir aca ri fastaichean, na poileis agus buidhnean ionadail eile air taobh a-muigh na sgoile.

7. Leasachadh na sgoile

Bha tidsearan dìcheallach ann an Àrd-sgoil Loch Abair a thug mòran ùine ag ullachadh ghnìomhan do sgoilearan taobh a-muigh a’ chlàr-teagaisg fhoirmeil. Bha a’ chuid a bu mhotha de sgoilearan modhail agus dìcheallach. Bha coileanadh air a dhol na b’ fheàrr gu cunbhalach cuideachd thar nan trì bliadhna a chaidh seachad. Ann an grunn nithean, bha sgoilearan a-nis a’ dèanamh na b’ fheàrr na ann an sgoiltean le feartan co-ionann. Ach, cha robh cuid de sgoilearan a’ dèanamh adhartas gu leòr. Cha robh a h-uile sgoilear agus neach-teagaisg moiteil gu leòr às an sgoil aca. Bha laigsean cudromach ann an sàbhailteachd cuid de sgoilearan a dhèanamh cinnteach agus cha robh am poileasaidh air brosnachadh deagh-bheus fhathast air buaidh gu leòr a thoirt air suidheachadh agus dàimhean san sgoil. Bha ionnsachadh agus teagasg measgaichte air feadh na sgoile ach san fharsaingeachd bha e math.

Bha amas soilleir aig a’ cheannard airson na sgoile ach cha robh e làn shoirbheachail le innse do luchd-teagaisg agus a’ faighinn taic bhuapa. Bha an sgoil air a bhith soirbheachail ann an leasachadh frithealadh agus coileanadh mean air mhean. Ach, cha robh gu leòr chomharran-stiùiridh ann airson obair an luchd-teagaisg gus dèanamh cinnteach gum biodh dòighean-obrach cunbhalach aca. Cha deach aig àrd luchd-stiùiridh air suidheachadh a chruthachadh anns an robh earbsa, spèis agus misneachd am measg luchd-teagaisg. Bha mòran den luchd-teagaisg gun earbsa ann an stiùireadh na sgoile agus a’ faireachdainn gu robh co-chomhairle lag. Bha laigsean mòra anns an ullachadh airson dìon slàinte agus sàbhailteachd cuid de sgoilearan. Cha robhar soilleir no fosgailte gu leòr a thaobh buidseatan. Bha na ceathrar iar-cheannardan air roinnean de na h-obrach aca fhèin a choileanadh ach b’ e beagan buaidh a thug iad air càileachd solarachadh na sgoile san fharsaingeachd. Chuir na raointean-dleastanais aca cus cudruim air obair rianachd seach cùisean ro-innleachdail ann an stiùireadh na sgoile. Cha robh an ceanglaichean ri roinnean cuspair dùbhlanach no taiceil gu leòr. Cha robh àrd luchd-stiùiridh ag obair gu rianail mar sgioba. Bha aon dhiubh air soirbheachadh ann an leasachadh roinnean de ICT san sgoil. Bha an sgoil air prìomh thidsearan clàr-teagaisg fhastadh o chionn ghoirid a ghabh uallach fa leth airson grunn chuspairean. Bha na prìomh thidsearan sin a’ coimhead gealltanach agus bha cuid dhiubh a’ tòiseachadh a’ toirt buaidh air na roinnean aca fhèin.

Bha laigsean cudromach ann am modhan na sgoile airson measadh air a h-obair. Thadhail àrd luchd-stiùiridh air clasaichean airson sgrùdadh is measadh air ionnsachadh agus teagasg. Thug iad fiosrachadh air ais do thidsearan air na chunnaic iad ach cha do rinneadh còmhradh no sgrùdadh air na puingean gnìomha a chaidh aontachadh. Bha an ceannard a’ beachdachadh air toraidhean dheuchainnean gach bliadhna le cuid de na prìomh thidsearan ach cha robh leis na h-uile. Cha robh puingean gnìomha soilleir a’ leantainn nan còmhraidhean daonnan gus dèanamh cinnteach gum biodh leasachadh leantainneach ann. Bha cuid de thidsearan a’ tadhal ann an rumannan-teagaisg chàch a chèile ach cha robh an deagh dhòigh-obrach seo cunbhalach air feadh na sgoile. Dh’fheumadh an ceannard agus an t-ùghdarras foghlaim stiùireadh nas fheàrr a thoirt san sgoil gus am biodh neart agus sgilean a h-uile neach-teagaisg air an stiùireadh a dh’ionnsaigh leasachadh foghlam nan sgoilearan aca.

Prìomh phuingean gnìomha

Bu chòir don sgoil agus an ùghdarras foghlaim, còmhla ri Luchd-sgrùdaidh na Banrigh, ceumannan a ghabhail gus:

Dè thachras a-nis?

Chaidh iarraidh air an sgoil agus an ùghdarras foghlaim plana-gnìomha ullachadh a’ sealltainn mar a dhèiligeas iad ri prìomh cho-dhùnaidhean na h-aithisge, agus am plana sin a cho-roinn ri pàrantan agus luchd-cùraim. Bidh Luchd-sgrùdaidh na Banrigh ag obair còmhla ris an sgoil agus an ùghdarras foghlaim gus sùil a chumail air adhartas. Foillsichidh iad aithisg eadar-amail air adhartas taobh a-staigh dà bhliadhna bho cheann-là foillseachaidh na h-aithisge seo. Cumaidh Luchd-sgrùdaidh na Banrigh orra a’ co-obrachadh leis an sgoil agus an ùghdarras foghlaim ann an cumail sùil air adhartas, agus nì iad ath-sgrùdadh. Leanaidh seo gu aithisg eile gu pàrantan agus luchd-cùraim, taobh a-staigh dà bhliadhna bho cheann-là foillseachaidh na h-aithisge seo, air an ìre leasachaidh a chaidh a choileanadh.

Iain MacIlleDhuinn

Neach-sgrùdaidh na Banrigh

21 Gearran 2006

Pàipear-taice 1 Cuimsean càileachd

Tha na h-earrannan sa chlàr shìos a’ leantainn òrdugh na h-aithisge seo. Gheibh sibh na prìomh bheachdan a chaidh a thoirt mu na cuimsean càileachd fa leth anns na h-earrannan sin. Ach, buinidh roinnean cuid de na cuimsean càileachd do earrannan eile den aithisg agus dh’fhaodadh gum bi iomradh orra annta sin cuideachd.

Dè cho math ’s a tha ionnsachadh, teagasg agus coileanadh?

Eagrachadh a’ chlàr-teagaisg
Iomchaidh
An teagasg
Math
Suidhichidhean ionnsachaidh na cloinne
Math
Coinneachadh ri feuman sgoilearan
Iomchaidh
Càileachd a’ choileanaidh san fharsaingeachd: S1/S2
Math
Càileachd a’ choileanaidh san fharsaingeachd: S3/S4
Math
Càileachd a’ choileanaidh san fharsaingeachd: S5/S6
Math
Dè cho math ’s a tha an taic do sgoilearan?

Cùram aoghaireil

Iomchaidh

Leasachadh pearsanta is sòisealta

Math

Stiùireadh curraicealaim agus dhreuchdan

Math

Taic ionnsachaidh

Lag

Dè cho math ’s a tha an àrainneachd ionnsachaidh?

Togalaichean agus goireasan

Lag

Suidheachadh agus dàimhean

Iomchaidh

Sùileachadh agus adhartachadh coileanaidh

Iomchaidh

Co-ionannachd agus cothromachd

Lag

Co-obrachadh le pàrantan, Bòrd na Sgoile agus a’ choimhearsnachd

Iomchaidh

Leasachadh na sgoile

Stiùireadh na sgoile

Lag

Buaidh agus cleachdadh luchd-teagaisg le uallaichean a bharrachd

Lag

Fèin-mheasadh

Lag

Tha an aithisg seo a’ cleachdadh an sgèile fhaclan a leanas airson soilleireachadh air breithneachadh an luchd-sgrùdaidh:

sàr-mhath

sàr-mhath

fìor mhath

prìomh neartan

math

neartan cudromach le roinnean a dh’fheumar leasachadh

iomchaidh

neartan dìreach os cionn laigsean

lag

laigsean cudromach

neo-thaitneach

prìomh laigsean

Pàipear-taice 2 Geàrr-chunntas air freagairtean ceisteachain

Na rudan a shaoil pàrantan a rinn an sgoil gu math

Na rudan a shaoil pàrantan a dh’fhaodadh an sgoil a dhèanamh na b’ fheàrr

Bha cha mhòr a h-uile pàrant den bheachd:

  • gun do chuir luchd-teagaisg fàilte orra san sgoil;
  • gun tug oidhcheannan phàrant cuideachadh agus fiosrachadh dhaibh agus gun tug aithisgean sgoile fiosrachadh feumail dhaibh mu adhartas na cloinne aca; agus
  • gun d’ fhuair a’ chlann aca an obair inntinneach agus dùbhlanach.

Bha mòran den bheachd:

  • nach robh deagh chliù aig an sgoil sa choimhearsnachd agus nach robh togalaichean na sgoile air an cumail ann an deagh òrdugh;
  • nach robh an sgoil air a deagh stiùireadh agus nach robh mòran spèis aig tidsearan agus sgoilearan do chàch a chèile;
  • nach do dhèilig an sgoil gu h-èifeachdach ri giùlan mì-iomchaidh;
  • nach robh iad soilleir mu phrìomh-amasan na sgoile airson foghlam na cloinne aca a leasachadh; agus
  • nach do mhìnich tidsearan dhaibh ciamar a chuidicheadh iad a’ chlann le obair-dachaigh.

Na rudan a shaoil sgoilearan a rinn an sgoil gu math

Na rudan a shaoil sgoilearan a dh’fhaodadh an sgoil a dhèanamh na b’ fheàrr

Bha a’ chuid as motha de sgoilearan den bheachd:

  • gu robh tidsearan a’ sùileachadh gun obraicheadh iad gu an làn chomas;
  • gun do cheartaich tidsearan an obair-dachaigh, gun tug iad cuideachadh dhaibh nuair a bha duilgheadasan aca agus gun do dh’innis iad dhaibh nuair a rinn iad rudeigin gu math; agus
  • gu robh an sgoil a’ còrdadh riutha, gun d’ fhuair iad air adhart gu math le sgoilearan eile agus gu robh fios aca dè dhèanadh iad nam biodh càil a dèanamh dragh dhaibh.

Bha mòran den bheachd:

  • nach do mhìnich tidsearan rudan gu soilleir;
  • nach robh giùlan sgoilearan math agus nach robh an sgoil math air dèiligeadh ri burraidhean;
  • nach robh iad a’ faireachdainn sàbhailte agus tèarainte san sgoil; agus
  • nach deach dèiligeadh gu ceart ris a’ chloinn san sgoil.

Na rudan a shaoil luchd-teagaisg a rinn an sgoil gu math

Na rudan a shaoil luchd-teagaisg a dh’fhaodadh an sgoil a dhèanamh na b’ fheàrr

Bha a h-uile no cha mhòr a h-uile neach-teagaisg den bheachd:

  • gu robh e a’ còrdadh riutha a bhith ag obair san sgoil, gun do ghabh iad uallach airson cùram agus sochair na cloinne, agus gun do rinn iad saothair gus deagh dhàimhean a chumail suas ris a’ choimhearsnachd;
  • gu robh tuigse mhath aca air modhan na sgoile airson dìon chloinne; agus
  • gun do shuidhich tidsearan ìrean-coileanaidh àrda do na sgoilearan, gun do rinn iad cinnteach gum faigheadh sgoilearan fiosrachadh feumail air ais mun obair agus gun do chomharraich iad coileanadh na cloinne.

Bha mòran den bheachd:

  • nach robh an sgoil air a deagh stiùireadh, nach robh àrd luchd-stiùiridh ag obair mar sgioba, agus nach robh conaltradh eadar àrd luchd-stiùiridh agus luchd-teagaisg agus am measg luchd-teagaisg èifeachdach;
  • nach robh ùine airson leasachadh dreuchdail leantainneach air a chleachdadh gu math agus nach robhar a’ beachdachadh gu cunbhalach mun dòigh air prìomh-amasan na sgoile a leasachadh; agus
  • nach robh ìrean a chaidh an suidheachadh airson giùlan na cloinne air an cumail suas gu cunbhalach agus nach deach dèiligeadh gu h-èifeachdach ri cion-smachd agus burraidheachd.

Pàipear-taice 3 Coileanadh ann an Teisteanasan Nàiseanta Ùghdarras Theisteanas na h-Alba (SQA)

Ìrean Frèam-obrach Creideis agus Theisteanasan na h-Alba (SCQF):
7: Sàr Àrd-ìre aig A-C/CSYS aig A-C
6: Àrd-ìre aig A-C
5: Eadar-mheadhan 2 aig A-C; Ìre Choitcheann aig 1-2
4: Eadar-mheadhan 1 aig A-C; Ìre Choitcheann aig 3-4
3: Cùrsaichean Access 3; Ìre Choitcheann aig 5-6

Àireamh sa cheud de rolla S4 a’ coileanadh aig deireadh S4

2003

2004

20053

Beurla agus Matamataig @ Ìre 3

Àrd-sgoil Loch Abair

84

92

80

Coimeas air Sgoiltean 4

92

94

92

Nàiseanta

91

91

90

5+ @ Ìre 3 no nas fheàrr

Àrd-sgoil Loch Abair

81

91

83

Coimeas air Sgoiltean

90

92

91

Nàiseanta

91

91

90

5+ @ Ìre 4 no nas fheàrr

Àrd-sgoil Loch Abair

72

80

74

Coimeas air Sgoiltean

76

79

78

Nàiseanta

76

77

76

5+ @ Ìre 5 non nas fheàrr

Àrd-sgoil Loch Abair

35

43

38

Coimeas air Sgoiltean

34

34

35

Nàiseanta

34

35

34

Àireamh sa cheud de rolla S4 a’ coileanadh aig deireadh S5

2003

2004

20053

5+ @ Ìre 4 no nas fheàrr

Àrd-sgoil Loch Abair

76

73

82

Coimeas air Sgoiltean 4

79

78

79

Nàiseanta

78

78

78

5+ @ Ìre 5 no nas fheàrr

Àrd-sgoil Loch Abair

40

47

49

Coimeas air Sgoiltean

43

46

45

Nàiseanta

45

45

45

1+ @ Ìre 6 no nas fheàrr

Àrd-sgoil Loch Abair

33

38

45

Coimeas air Sgoiltean

40

40

40

Nàiseanta

39

39

38

3+ @ Ìre 6 no nas fheàrr

Àrd-sgoil Loch Abair

26

21

31

Coimeas air Sgoiltean

21

23

22

Nàiseanta

23

23

22

5+ @ Ìre 6 no nas fheàrr

Àrd-sgoil Loch Abair

11

13

17

Coimeas air Sgoiltean

8

7

8

Nàiseanta

10

9

9

Àireamh sa cheud de rolla S4 a’ coileanadh aig deireadh S6

2003

2004

20053

5+ @ Ìre 5 no nas fheàrr

Àrd-sgoil Loch Abair

44

43

47

Coimeas air Sgoiltean 4

48

47

47

Nàiseanta

47

47

47

1+ @ Ìre 6 no nas fheàrr

Àrd-sgoil Loch Abair

39

39

43

Coimeas air Sgoiltean

45

45

46

Nàiseanta

44

44

43

3+ @ Ìre 6 no nas fheàrr

Àrd-sgoil Loch Abair

26

28

31

Coimeas air Sgoiltean

31

30

29

Nàiseanta

31

31

30

5+ @ Ìre 6 no nas fheàrr

Àrd-sgoil Loch Abair

18

20

21

Coimeas air Sgoiltean

19

18

17

Nàiseanta

20

20

19

1+ @ Ìre 7 no nas fheàrr

Àrd-sgoil Loch Abair

7

12

8

Coimeas air Sgoiltean

12

10

12

Nàiseanta

12

12

12

Ciamar a gheibh sibh fios thugainn?

Ma tha sibh ag iarraidh lethbhreac a bharrachd den aithisg seo

Chaidh lethbhric den aithisg seo a chur gu ceannard agus luchd-obrach na sgoile, Stiùiriche an Fhoghlaim, a’ Chultair & an Spòrs, comhairlichean ionadail agus buill iomchaidh de Phàrlamaid na h-Alba. Neach sam bith a tha ag iarraidh lethbhreac an asgaidh tha còir aige cur ga iarraidh gu Luchd-sgrùdaidh na Banrigh airson Foghlaim, 3rd Floor, Argyll House, Marketgait, Dun Deagh DD1 1QP no fònadh 01382 349999. Tha e ri fhaotainn cuideachd air an làrach-lìn againn aig www.hmie.gov.uk.

Ma tha sibh airson beachd a thoirt air sgrùdaidhean àrd-sgoiltean

Neach sam bith a tha airson beachd a thoirt mu nì sam bith a bhuineas do sgrùdaidhean àrd-sgoile, tha còir aige sgrìobhadh an toiseach gu Frank Crawford, HMCI, aig Luchd-sgrùdaidh na Banrigh airson Foghlaim, Europa Building, 450 Sràid Earra-ghaidheil, Glaschu G2 8LG.

Ar modh gearain

Ma tha gearan agaibh mun aithisg seo, bu chòir sgrìobhadh an toiseach gu Hazel Dewart, Business Management Unit, Luchd-sgrùdaidh na Banrigh airson Foghlaim, Taigh Denholm, Pàirc Ghnìomhachais Almondvale, Slighe Almondvale, Baile Lèibhinn EH54 6GA. Tha lethbhreac den mhodh-gearain againn ri fhaotainn bhon oifis seo no fònadh 01506 600258 no bhon làrach-lìn againn aig www.hmie.gov.uk.

Ma tha sibh mì-thoilichte leis na tha sinn air a dhèanamh aig deireadh a’ mhodh-gearain againn, faodaidh sibh ur gearan a thogail le Ombudsman Seirbheisean Poblach na h-Alba. Tha Ombudsman Seirbheisean Poblach na h-Alba gu tur neo-eisimeileach le ùghdarras airson gearanan an aghaidh Roinnean agus Buidhnean Riaghaltais a rannsachadh. Bu chòir dhuibh sgrìobhadh gu Ombudsman Seirbheisean Poblach na h-Alba, 4-6 Sràid Melville, Dùn Èideann EH3 7NS. Faodaidh sibh cuideachd fònadh 0870 011 5378 no post-dealain enquiries@scottishombudsman.org.uk. Gheibhear tuilleadh fiosrachaidh mu oifis an Ombudsman bhon làrach-lìn: www.scottishombudsman.org.uk

Còraichean glèidhte leis a’ Chrùn 2006

Luchd-sgrùdaidh na Banrigh airson Foghlaim

Faodar lethbhreac a dhèanamh den aithisg seo gu h-iomlan no de earrann dhi, ach chan fhaodar a chleachdadh ann am malairt no ann an co-cheangal ri leabhran-fiosrachaidh no sanas, agus feumar iomradh a thoirt air an aithisg agus ceann-là a foillseachaidh.

1. Tron aithisge seo, bu chòir tuigsinn gu bheil am facal ‘pàrantan’ a’ gabhail a-steach luchd-cùraim daltachais, luchd-teagaisg cùram còmhnaidheach agus luchd-cùraim a tha nan càirdean no caraidean.
2. Ìrean Frèam-obrach Creideas agus Teisteanasan na h-Alba (SCQF):
    7: Sàr Àrd-ìre aig A-C/CSYS aig A-C
    6: Àrd-ìre aig A-C
    5: Eadar-mheadhan 2 aig A-C; Ìre Choitcheann aig 1-2
    4: Eadar-mheadhan 1 aig A-C; Ìre Choitcheann aig 3-4
    3: Cùrsaichean Access 3; Ìre Choitcheann aig 5-6
3. Ro Thagradh
4. ’S e coimeas air sgoiltean na deich sgoiltean dìreach os cionn agus na deich sgoiltean dìreach fon sgoil a thathar a’ sgrùdadh a thaobh an àireamh sa cheud de sgoilearan le còir air biadh-sgoile an-asgaidh (FME).