Newtonmore Primary School and Nursery Class
Bun-sgoil agus Sgoil-àraich Baile Ùr an t-Slèibh Comhairle na Gàidhealtachd

9 Gearran 2010

Bidh Luchd-sgrùdaidh na Banrigh airson Foghlaim (HMIE) a’ dèanamh sgrùdadh air sgoiltean gus innse do phàrantan1, sgoilearan agus a’ choimhearsnachd ionadail a bheil foghlam math san sgoil2. Bidh Luchd-sgrùdaidh cuideachd a’ beachdachadh le luchd-obrach na sgoile air ciamar a b’ urrainn dhaibh cur ri càileachd an fhoghlaim.

Aig toiseach an sgrùdaidh, bidh sinn a’ faighneachd don cheannard agus don luchd-obrach mu neartan na sgoile, dè dh’fheumar leasachadh, agus ciamar is aithne dhaibh. Bidh sinn a’ cleachdadh an fhiosrachaidh a bheir iad dhuinn gus ar cuideachadh a’ planadh cò ris a sheallas sinn. Rè an sgrùdaidh, bidh sinn a’ dol a-steach do na clasaichean agus a’ gabhail pàirt ann an gnìomhan eile sa bheil clann an sàs. Bidh sinn cuideachd a’ cruinneachadh bheachdan na cloinne, nam pàrantan, luchd-teagaisg agus buill den choimhearsnachd ionadail. Tha na beachdan fìor fheumail dhuinn agus bidh sinn gan cleachdadh còmhla ris an fhiosrachadh eile a tha sinn air a chruinneachadh gus a thighinn gu ar co-dhùnadh air càileachd an fhoghlaim.

Tha an aithisg seo ag innse dhuibh dè lorg sinn rè an sgrùdaidh agus càileachd an fhoghlaim san sgoil. Tha sinn a’ mìneachadh dè cho math ’s a tha clann a’ faighinn air adhart, dè cho math ’s a tha an sgoil air an cuideachadh ag ionnsachadh agus dè cho math ’s a tha i a’ coimhead às an dèidh. Tha sinn a’ toirt beachd air dè cho math ’s a tha luchd-teagaisg, pàrantan agus clann ag obair còmhla agus dè bhios iad a’ dèanamh gus an sgoil a leasachadh. Bidh sinn cuideachd a’ toirt beachd air dè cho math ’s a tha an sgoil ag obair còmhla ri buidhnean eile sa choimhearsnachd, a’ gabhail a-steach seirbheisean a tha a’ toirt taic do chloinn. San àite mu dheireadh, tha sinn a’ coimhead gu sònraichte ri dè cho math ’s a tha an sgoil air a stiùireadh agus ciamar a tha an luchd-teagaisg a’ cuideachadh na sgoile a’ coileanadh a h-amasan.

Ma tha sibh airson tuilleadh fhaighinn a-mach mu sgrùdadh na sgoile againn, rachaibh gu www.hmie.gov.uk . An seo gheibhear mìneachadh air co-dhùnaidhean a’ cheisteachain bho chloinn, phàrantan agus luchd-teagaisg. Cha toir sinn mìneachadh air na ceisteachain ma tha àireamhan luchd-freagairt cho ìosal ’s gun aithnichear iad. Ma bhios e iomchaidh, gheibh sibh cuideachd cunntasan air deagh chleachdadh san sgoil.

Clàr-innse

1. An sgoil
2. Neartan sònraichte na sgoile
3. Dè cho math ’s a tha clann ag ionnsachadh agus a’ coileanadh?
4. Dè cho math ’s a tha luchd-teagaisg ag obair còmhla ri daoine eile gus taic a thoirt do ionnsachadh chloinne?
5. A bheil luchd-teagaisg agus clann an sàs ann an leasachadh coimhearsnachd na sgoile aca?
6. A bheil sùileachadh àrd aig an sgoil airson a h-uile pàiste?
7. A bheil mothachadh air stiùir soilleir aig an sgoil?
8. Dè thachras a-nis?

1. An sgoil

’S e sgoil neo-bhuidheannach le sgoil-àraich a tha ann am Bun-sgoil Bhaile Ùr an t-Slèibh. Tha i a’ frithealadh Baile Ùr an t-Slèibh. Nuair a chaidh an sgrùdadh a dhèanamh san Dùbhlachd 2009, bha 80 air an rolla, a' gabhail a-steach 24 san dà chlas Ghàidhlig, 17 san sgoil-àraich Bheurla, agus dithis san sgoil-àraich Ghàidhlig. Bha frithealadh-sgoile os cionn na cuibheasachd nàiseanta ann an 2007/2008.


 2. Neartan sònraichte na sgoile

  • Suidhichidhean ionnsachaidh na cloinne agus an coileanadh san fharsaingeachd.
  • Obair-sgioba am measg luchd-teagaisg agus an spiorad fìor mhath san sgoil.
  • Adhartas ionnsachadh na cloinne tro mheadhan na Gàidhlig.
  • Clann mhisneachail, mhodhail a tha a’ cur mòran ris a’ choimhearsnachd aca.
  • Soirbheachadh a’ cheannaird le com-pàirt a thoirt do chloinn, luchd-teagaisg agus pàrantan ann an leasachadh na sgoile.

3. Dè cho math ’s a tha clann ag ionnsachadh agus a’ coileanadh?

Ionnsachadh agus coileanadh

Tron sgoil gu lèir, tha clann misneachail agus gnìomhach mar luchd-ionnsachaidh. Ann an clasaichean na sgoil-àraich, tha clann eòlach air an obair làitheil agus tha iad a’ sìor fhàs neo-eisimeileach agus misneachail san ionnsachadh. ’S urrainn dhaibh an roghainnean fhèin a dhèanamh agus tha iad ag ionnsachadh a bhith a’ co-roinn agus a’ co-obrachadh còmhla ri chèile. Tha clann ann an clas Gàidhlig na sgoil-àraich a’ tòiseachadh a’ gabhail com-pàirt nas motha ann a bhith a’ planadh na tha iad a’ dol a dh’ionnsachadh. Ann an clasaichean na bun-sgoile, tha clann a’ nochdadh sgilean fìor mhath ann an obrachadh air an ceann fhèin agus mar phàirt de bhuidheann beag. Bidh clann anns na clasaichean tro Ghàidhlig, agus sna h-ìrean as àirde de na clasaichean tro Bheurla, ag obair còmhla air gnìomhan, mòran dhiubh air an dealbh leotha fhèin. Tha luchd-teagaisg a’ tòiseachadh a’ toirt beachdan air ais feumail don chloinn mun obair. Tha seo a’ cuideachadh na cloinne a’ tuigsinn an neartan fhèin agus dè dh’fheumas iad a dhèanamh airson leasachadh. Tha clann aig a h-uile ìre a’ faireachdainn gu bheil luach air a chur orra, agus gu bheil iad sàbhailte agus air an in-ghabhail.

Tha clann ann an clasaichean na sgoil-àraich agus na bun-sgoile a’ leasachadh sgilean saoranachd agus iomairt èifeachdach thar caochladh ghnìomhan. Tha a’ chlann dealasach airson dìon na h-àrainneachd. Tha iad air obrachadh gu cruaidh le luchd-teagaisg, pàrantan agus buill de choimhearsnachd a’ bhaile gus bratach uaine Sgoiltean-Eco Alba fhaighinn. Aig gach ìre den bhun-sgoil, tha clann a’ cleachdadh cànan agus sgilean matamataig gu fìor mhath ann an caochladh shuidhichidhean fìor. Mar eisimpleir, chuir na suirbhidhean a rinn iad air beachdan sluagh na sgìre neart rin tagradh airson taigh-dhealbh gluasadach sa bhaile. Bidh clann a’ coileanadh le misneachd ann an co-chruinneachaidhean sgoile, cuirmean agus tachartasan ionadail mar fèis ciùil Bhàideanach agus Srath Spè. Tha e a’ còrdadh ri mòran dhiubh a bhith a’ gabhail pàirt ann na iomadh seòrsa tachartas spòrs, ciùil agus cultair taobh a-staigh agus taobh a-muigh uairean na sgoile. Tha clann bho na clasaichean tro Ghàidhlig a’ gabhail pàirt gnìomhach ann an tachartasan air an ruith le buidhnean cultarail Gàidhlig. Tha tuigse fìor mhath aig clann air mar a chumas iad slàn, fallain agus sàbhailte.

Anns an sgoil-àraich, tha clann a’ dèanamh adhartas fìor mhath le leasachadh sgilean ann an litearras agus àireamhachd tràth. Tron sgoil gu lèir, tha clann a’ cleachdadh diofar teicneòlas fiosrachaidh agus conaltraidh (ICT) le misneachd. Tha grunn dhiubh a’ cleachdadh camara-lìn gu h-èifeachdach gus am beachdan a cho-roinn ri cloinn à sgoiltean eile san sgìre. Ann an clasaichean na bun-sgoile, tha cha mhòr a h-uile sgoilear a’ coileanadh nan ìrean nàiseanta iomchaidh ann an leughadh agus tha a‘ chuid as motha gan coileanadh ann an sgrìobhadh. Tha cha mhòr na h-uile a’ coileanadh ìrean iomchaidh ann am matamataig. Aig cha mhòr a h-uile ìre, tha àireamh mhòr de sgoilearan a’ coileanadh ìrean iomchaidh nas tràithe na bhithear an dùil. Tron sgoil gu lèir, tha clann a’ gabhail com-pàirt gnìomhach ann am beachdachadh mar chlas agus ann am buidhnean. ’S urrainn dhaibh beachd a chur an cèill agus a dhìon gu fìor èifeachdach. Tha e a’ còrdadh ri cha mhòr a h-uile sgoilear a bhith a’ leughadh iomadh seòrsa leabhar le diofar ùghdaran. Aig a h-uile ìre, tha clann a’ sgrìobhadh gu math airson caochladh adhbhar thar diofar roinnean den chlàr-teagaisg. Tha iad toilichte len obair sgrìobhte. Tha clann anns na clasaichean tron Ghàidhlig a’ dèanamh adhartas fìor mhath ann an èisteachd, labhairt, leughadh agus sgrìobhadh Gàidhlig. Ann am matamataig, tha clann aig a h-uile ìre ag ionnsachadh a bhith a’ làimhseachadh agus a’ taisbeanadh fiosrachadh gu soirbheachail, gu tric co-cheangailte rin obair cuspair. Nì a’ chuid as motha obrachadh a-mach luath agus gun mhearachd agus tha tuigse mhath aca air ùine agus airgead.

Tron sgoil gu lèir, tha clann math air fuasgladh cheistean fìor ann am matamataig. Anns na clasaichean tro Bheurla, dh’fhaodadh a’ chlann feum nas èifeachdaiche a dhèanamh de ICT gus an sgilean ann am matamataig a leasachadh.

An clàr-teagaisg agus coinneachadh ri feuman ionnsachaidh

Ann an clasaichean na sgoil-àraich, tha luchd-teagaisg aig ìre thràth ann am buileachadh Curraicealam airson Sàr-mhathais. Tha luchd-teagaisg a’ toirt deagh aire do dh’ùidhean na cloinne ann am planadh ghnìomhan. Ann an clasaichean na bun-sgoile, tha luchd-teagaisg air tòiseachadh fìor mhath a dhèanamh air buileachadh Curraicealam airson Sàr-mhathais. Tha an clàr-teagaisg a tha air a dheagh phlanadh a’ cuideachadh na cloinne le leasachadh sreath fharsaing de eòlas agus sgilean. Tha luchd-teagaisg a’ tòiseachadh a’ dèanamh feum fìor èifeachdach den fhiosrachaidh agus nam builean bho Curraicealam airson Sàr-mhathais. Còmhla, bidh iad a’ planadh gnìomhan agus obair iomchaidh agus brosnachail a tha a’ dèanamh leasachadh fìor mhath air sgilean litearrais agus àireamhachd na cloinne thar roinnean eile den ionnsachadh. Tha luchd-teagaisg ag ullachadh sreath mhath de ghnìomhan inntinneach agus beothail don chloinn a’ gabhail a-steach ionnsachadh mu iomairt, seasmhachd agus saoranachd. Tha luchd-teagaisg a’ cur cudrom iomchaidh air cànan agus cultar na h-Alba. Anns na clasaichean tro Bheurla, tha clann a’ faighinn deagh shuidhichidhean ionnsachaidh ann am Fraingis agus Gàidhlig. Chan eil ùine gu leòr air a chur mu coinneamh ionnsachadh nan cànanan sin gus cothrom a thoirt dhaibh leasachadh math gu leòr a dhèanamh air an sgilean, gu h-àraidh ann an sgrìobhadh. Tha luchd-teagaisg a’ gabhail a-steach ùidhean na cloinne nuair a tha iad a’ planadh an ionnsachaidh. Tha an sgoil ag ullachadh dà uair a thìde de dheagh fhoghlam corporra gach seachdain don chloinn agus a’ toirt cothroman a bharrachd air sgilean a leasachadh ann an diofar spòrs mar snàmh agus sgitheadh.

Anns a’ chlas Bheurla san sgoil-àraich, tha luchd-teagaisg a’ coinneachadh gu fìor èifeachdach ri feuman na cloinne. Tha iad fìor eòlach air a’ chloinn agus bidh iad a’ planadh diofar ghnìomhan agus obair a tha air an deagh bhreithneachadh gus aire na cloinne a chumail agus ceasnachadh a bhrosnachadh. Tha luchd-teagaisg a’ cruinneachadh fiosrachadh feumail mu dè tha a’ chlann ag ionnsachadh agus ga chleachdadh nuair a tha iad a’ planadh ionnsachadh agus leasachadh ri thighinn. Tha cothromachadh iomchaidh eadar gnìomhan a tha clann a’ taghadh dhaibh fèin agus na gnìomhan a tha air an stiùireadh le inbhich. Anns a’ chlas tro Ghàidhlig san sgoil-àraich, feumaidh clann barrachd chothroman air beachdachadh agus rannsachadh sa chluich. Ann an clasaichean na bun-sgoile, tha luchd-teagaisg a’ dèanamh planadh cùramach agus meòrachadh cunbhalach air adhartas na cloinne. Tha iad a’ dèanamh ullachadh èifeachdach gus an ionnsachadh a dhèanamh nas beothaile don chloinn. Tha obair-dachaigh cunbhalach aca agus gu tric tha e inntinneach agus dùbhlanach. Tha e a’ toirt taic do ionnsachadh na cloinne sa chlas. Tha luchd-teagaisg a’ toirt mìneachaidhean soilleir agus ag innse adhbhar nan leasan don chloinn. Tha cha mhòr na h-uile math air mìneachadh dè tha iad ag iarraidh air a’ chloinn ionnsachadh agus tha mòran dhiubh a’ cleachdadh ceasnachadh gu math gus tuigse na cloinne a sgrùdadh. Tha beagan ghnìomhan nach eil air am maidseadh dlùth gu leòr ri feuman ionnsachaidh na cloinne. Tha a h-uile pàiste a dh’fheumas taic a bharrachd a’ faighinn cuideachadh math agus a’ dèanamh adhartas math len ionnsachadh. Tha clann a’ faighinn buannachd bhon taic fìor mhath bho luchd-taic na sgoile agus luchd-cuideachaidh saor-thoileach.

4. Dè cho math ’s a tha luchd-teagaisg ag obair còmhla ri daoine eile gus taic a thoirt do ionnsachadh chloinne?

Tha luchd-teagaisg air com-pàirteachasan air leth èifeachdach a dhèanamh le diofar bhuidhnean agus dhaoine, a’ gabhail a-steach poileas na coimhearsnachd agus gnothachasan ionadail. Tha iad a’ cuideachadh na cloinne a’ dèanamh adhartas len ionnsachadh. Tha an sgoil a’ dèanamh conaltradh fìor èifeachdach le pàrantan tro litrichean-naidheachd, oidhcheannan phàrant agus aithisgean adhartais sgrìobhte. Gus coinneachadh ri iarrtasan bho phàrantan, chuir an sgoil air dòigh sreath de bhùthan-obrach a bha air an deagh fhrithealadh air roinnean de dh’obair na sgoile, a’ gabhail a-steach cùisean slàinte a dh’fheumas làimhseachadh faiceallach agus obair luchd-teagaisg a bhios a’ tadhal san sgoil. Aig a h-uile ìre, bidh luchd-teagaisg a’ cuideachadh phàrantan gus taic a thoirt don phàiste aca len ionnsachadh. Tha Comhairle Phàrant èifeachdach a’ toirt taic fìor mhath don sgoil, mar eisimpleir ann an adhartas le ath-thòiseachadh leasain snàmh don chloinn. Tha an sgoil a’ dèiligeadh gu h-iomchaidh le iomagainean agus gearanan sam bith bho phàrantan. Tha ullachadh aca a tha air an deagh phlanadh gus taic a thoirt do chloinn a’ gluasad bhon sgoil-àraich gu P1 agus bho P7 gu Àrd-sgoil Chinn a’ Ghiuthsaich/Kingussie High School.

5. A bheil luchd-teagaisg agus clann an sàs ann an leasachadh coimhearsnachd na sgoile aca?

Aig a h-uile ìre, tha clann soirbheachail le leasachadh an sgilean pearsanta agus sòisealta agus tha iad a’ fàs nas misneachaile anns gach nì a tha iad a’ dèanamh. Tha a’ chlann as sine nam buddies don chloinn as òige le bhith gan cuideachadh agus gan gabhail a-steach anns gach roinn de bheatha na sgoile. Bidh a’ chomhairle sgoilear, buill na comataidh-eco agus oifigearan òga sàbhailteachd rathaid a’ dèanamh co-dhùnaidhean cudromach mu dè thachras san sgoil. Tha seo air leantainn gu leasachaidhean san raon-cluich, agus air roinnean den ionnsachadh. Tha buill den bhuidheann stiùiridh a chaidh a chur air chois gus iomairt Sgoil Rights Respecting a stèidheachadh air ceann ionnsachadh mu chòraichean agus dhleastanasan chloinne. Tha pàirt cudromach aig an luchd-taic air fad ann am beatha na sgoile. Tha luchd-teagaisg breithneachail agus bidh iad a’ còmhradh ri chèile gu cunbhalach mu na dòighean-teagaisg as fheàrr. Bu chòir dhaibh a-nis cuail orra a’ leudachadh am modhan fèin-mheasaidh airson ionnsachadh agus gnìomhachadh sa chlas. Bheireadh seo cothrom dhaibh tuilleadh leasachaidh a dhèanamh air na cothroman ionnsachaidh a tha iad a’ toirt don chloinn. Tha an ceannaird soirbheachail le bhith a’ toirt com-pàirt do gach ball de choimhearsnachd na sgoile ann na leasachadh fèin-fhiosrachadh na cloinne. Tha i air sreath de ro-innleachdan a thoirt a-steach gus sùil a chumail air obair na sgoile. Tha iad sin air cur ri roinnean de shuidhichidhean ionnsachaidh na cloinne. Tha cothrom ann airson cumail cunntas air adhartas na cloinne a leudachadh gus luchd-teagaisg a chuideachadh le suidheachadh thargaidean ionnsachaidh.

6. A bheil sùileachadh à rd aig an sgoil airson na cloinne air fad?

Tha clann toilichte a bhith a’ frithealadh Bun-sgoil Bhail Ùr an t-Slèibh/Newtonmore Primary School agus tha fàilte bhlàth aig luchd-tadhail don sgoil aca. Tha dàimhean tron sgoil gu lèir math agus tha giùlan na cloinne fìor mhath. Tha fios aig a’ chloinn gun gluais inbhich gu luath agus gu h-èifeachdach ma dh’innseas iad mu dhragh sam bith a tha orra. Tha obair-sgioba luchd-teagaisg fìor èifeachdach agus tha an spiorad san sgoil air leth math. Tron sgoil gu lèir, tha cudrom làidir air urram agus cùram do dhaoine eile. Tha clann den bheachd gu bheilear a’ dèiligeadh gu ceart riutha. Tha iad soilleir mu dè dhèanadh iad gus cur an aghaidh lethbhreith no claon-bhreith. Tha an luchd-teagaisg air fad fìor dhealasach airson math na cloinne gu lèir. Tha fios aca dè nì iad gus a’ chlann a chumail sàbhailte. Bidh an sgoil a’ gluasad gu luath agus gu h-iomchaidh ma tha clann dheth bhon sgoil gun adhbhar. Tha na tha clann a’ coileanadh air a chomharrachadh ann an taisbeanaidhean balla brèagha, tro litrichean-naidheachd agus aig co-chruinneachaidhean. Tha an sgoil a’ toirt cothroman math airson òrdaighean cràbhachd.

7. A bheil mothachadh air stiùir soilleir aig an sgoil?

Tha sealladh coitcheann aig an luchd-teagaisg air fad a bhith a’ dèanamh cinnteach gu bheil a h-uile sgoilear air a ghabhail a-steach ann an obair na sgoile agus a’ faighinn deagh shuidheachadh ionnsachaidh. Tha conaltradh èifeachdach aig gach ìre. Tha pàrantan a’ cur làn thaic ris an taobh a tha an sgoil a’ gluasad. Ann an togail spiorad na sgoile, tha an ceannard air urram a chosnadh bho luchd-teagaisg, clann, pàrantan agus a’ choimhearsnachd san fharsaingeachd. Tha i a’ faighinn taic èifeachdach bhon phrìomh neach-teagaisg, a tha a’ dèanamh stiùireadh fìor mhath air leasachaidhean clàr-teagaisg. Le ceannardas làidir leantainneach, tha an sgoil ann an suidheachadh fìor mhath airson an leasachadh a chumail a’ dol.

8. Dè thachras a-nis?

Mar thoradh air càileachd fìor mhath an fhoghlam san sgoil, cha bhi sinn a’ tilleadh don sgoil co-cheangailte ris an sgrùdadh seo. Innsidh an t-ùghdarras foghlaim do phàrantan mu adhartas na sgoile mar phàirt de dh’ullachadh an ùghdarrais airson aithisgean do phàrantan air càileachd na sgoile.

Tha sinn air na raointean a leanas aontachadh leis an sgoil agus an ùghdarras foghlaim.

  • Leasachadh air fèin-mheasadh, a’ gabhail a-steach cumail cunntas air adhartas na cloinne, gus dèanamh cinnteach gun coinnichear ri feuman ionnsachaidh na cloinne air fad.
  • Cumail a’ dol le leasachadh modhan ionnsachaidh agus teagaisg a rèir Curraicealam airson Sàr-mhathais.

Aig an sgrùdadh mu dheireadh a rinn Coimisean a’ Chùraim air clasaichean na sgoil-àraich cha robh no iarrtasan no molaidhean sam bith ann.

Tha comharran càileachd a’ cuideachadh sgoiltean agus sgoiltean-àraich, ùghdarrasan foghlaim agus luchd-sgrùdaidh a’ breithneachadh dè tha math agus dè dh’fheumas a bhith air a leasachadh ann an obair sgoile agus sgoil-àraich. Gheibh sibh na comharran càileachd sin anns an fhoillseachadh How good is our school? agus The Child at the Centre bho HMIE. Às dèidh dhaibh gach sgoil a sgrùdadh, cruinnichidh Riaghaltas na h-Alba measaidhean air trì comharran càileachd cudromach gus cunntas a chumail air dè cho math ’s a tha a h-uile sgoil agus sgoil-àraich an Alba a’ dèanamh.

’S iad seo na measaidhean airson Bun-sgoil Bhail Ùr an t-Slèibh/Newtonmore Primary School agus Clasaichean na Sgoil-àraich.

Bun-sgoil

Leasachaidhean ann an coileanadh

fìor mhath

Suidhichidhean an luchd-ionnsachaidh

fìor mhath

Coinneachadh ri feuman ionnsachaidh

math

Clasaichean na Sgoil-àraich

Leasachaidhean ann an coileanadh

math

Suidhichidhean na cloinne

fìor mhath

Coinneachadh ri feuman ionnsachaidh

fìor mhath

Rinn sinn measadh cuideachd air na roinnean a leanas de dh’obair na sgoile agus na sgoil-àraich.

An clàr-teagaisg

fìor mhath

Leasachadh tro fhèin-mheasadh

math

Neach-sgrùdaidh na Banrigh: Anne McGachey
9 Gearran 2010

Nuair a bhios sinn a’ sgrìobhadh aithisgean, tha sinn a’ cleachdadh an sgèile fhacail a leanas gus breithneachadh an luchd-sgrùdaidh a shoilleireachadh.

sàr-mhath

a’ ciallachadh

air leth, air thoiseach san earrann

fìor mhath

a’ ciallachadh

neartan mòra

math

a’ ciallachadh

neartan cudromach le beagan raointean airson leasachadh

riarachail

a’ ciallachadh

neartan dìreach a’ toirt bàrr air laigsean

lag

a’ ciallachadh

laigsean cudromach

mì-riarachail

a’ ciallachadh

laigsean mòra



Gus tuilleadh fhaighinn a-mach mu sgrùdaidhean no gus lethbhreac eileagtronaigeach fhaighinn den aithisg seo rachaibh gu www.hmie.gov.uk.

Cuiribh fios thugainn ma tha sibh airson faighinn a-mach ciamar a gheibhear an aithisg ann an cruth eadar-dhealaichte, mar eisimpleir, ann an eadar-theangachadh, no ma tha sibh airson beachd a thoirt mu nì sam bith sna sgrùdaidhean againn. Faodaidh sibh fios a chur thugainn aig HMIEenquiries@hmie.gsi.gov.uk no sgrìobhadh thugainn aig BMCT, Luchd-sgrùdaidh na Banrigh airson Foghlaim, Taigh Denholm, Pàirc Ghnìomhachais Almondvale, Slighe Almondvale, Baile Lèibhinn EH54 6GA.

Faodaidh luchd-cleachdaidh fòn-teacsa fios a chur thugainn aig 01506 600 236. ’S ann airson luchd-cleachdaidh bodhar a tha an t-seirbheis seo. Na cleachdaibh an àireamh seo airson bruidhinn rinn oir cha chuir an loidhne troimhe sibh gu neach-obrach.

Tha am modh gearain againn ri fhaotainn air an làrach-lìn againn www.hmie.gov.uk no faodar fios a chur chun a’ Mhanaidsear Ghearanan againn, aig an t-seòladh gu h-àird no fònadh 01506 600259.

Ma tha sgoil-àraich san sgoil, faodaidh sibh fios a chur chun a’ Cho-òrdanaiche Ghearanan, Prìomh Oifis, Coimisean a’ Chùraim, Compass House, Riverside Drive, Dùn Deagh DD1 4NY, fòn 0845 603 0890.

Còraichean glèidhte leis a’ Chrùn 2010
Luchd-sgrùdaidh na Banrigh airson Foghlaim

 

Bun-nòtaichean

  1. Tron aithisg seo, bu chòir tuigsinn gu bheil am facal ‘pàrantan’ a’ gabhail a-steach luchd-daltach, luchd-teagaisg cùram còmhnaidheach agus luchd-cùraim a tha nan càirdean no caraidean.
  2. Tha am facal ‘sgoil’ a’ gabhail a-steach clas no clasaichean na sgoil-àraich ma bhios e iomchaidh.