Sgoil nan Loch
Liùrbost
Comhairle nan Eilean Siar

24 Am Faoilleach 2006

Clàr-innse

1. Bun-fhiosrachadh
2. Prìomh neartan
3. Dè na beachdan a tha aig pàrantan agus luchd-cùraim, sgoilearan agus luchd-teagaisg?
4. Dè cho math ‘s a tha ionnsachadh, teagasg agus coileanadh?
5. Dè cho math ‘s a tha an taic do sgoilearan?
6. Dè cho math ‘s a tha an àrainneachd ionnsachaidh?
7. Leasachadh na sgoile
Pàipear-taice 1 Cuimsean càileachd
Pàipear-taice 2 Geàrr-chunntas air freagairtean ceisteachain
Ciamar a gheibh sibh fios thugainn?

1. Bun-fhiosrachadh

Chaidh sgrùdadh Sgoil nan Loch a dhèanamh san t-Sultain 2005. Ghabh an sgrùdadh a-steach prìomh roinnean de obair na sgoile aig a h-uile ìre. Rinn e measadh air coileanadh na cloinne, buaidh na sgoile, an àrainneachd ionnsachaidh, modhan fèin-mheasaidh na sgoile agus a comas airson leasachadh. Chaidh sùil shònraichte a thoirt air coileanadh ann am Beurla, matamataig, saidheans agus teicneolas.

Rinn Luchd-sgrùdaidh na Banrigh sgrùdadh air obair na cloinne agus agallamhan le buidhnean de sgoilearan, a’ gabhail a-steach buill de chomhairle nan sgoilear, agus luchd-teagaisg. Choinnich buill den sgioba sgrùdaidh ri cathraiche Bòrd na Sgoile agus riochdairean bhon chomann phàrant-thidsear (PTA).

Tha an sgoil do chloinn aois 5 gu 14 agus tha i a’ frithealadh sgìre Cheann a Tuath nan Loch an Leòdhas. Bha an sgoil air gluasad gu togalach ùr aig toiseach seisean 2001/02. Aig àm an sgrùdaidh, bha 102 air an rolla, le 75 sgoilearan aig ìrean na bun-sgoile, agus 27 ann an S1 agus S2. B’ e aon thidsear làn-ùine a bha san àrd-sgoil agus diofar thidsearan siubhail. Bha an tomhas de sgoilearan airidh air biadh sgoile an-asgaidh a rèir na cuibheasachd nàiseanta. Bha frithealadh sgoile a rèir na cuibheasachd nàiseanta.

Tha cròileagan na sgìre a’ cleachdadh na sgoile ach chan e an sgoil a tha ga ruith. Cha robh an cròileagan air a ghabhail a-staigh mar phàirt den sgrùdadh. Tha ullachadh an ùghdarras foghlaim do sgoilearan le feuman domhain agus iom-fhillte bho P1 gu P3 anns an sgoil. Tha e air a stiùireadh bho latha gu latha leis an sgoil agus air a ghabhail a-steach mar phàirt den sgrùdadh iomlan.

Rinn an sgioba sgrùdaidh measadh cuideachd air pàirtean den adhartas a rinn an sgoil le buileachadh nam molaidhean nàiseanta co-cheangailte ri leasachadh roinnean de sholar biadh na sgoile.

2. Prìomh neartan

Chomharraich Luchd-sgrùdaidh na Banrigh na prìomh neartan a leanas.

  • Sgoilearan a rinn co-obrachadh fìor mhath ann an àrainneachd in-ghabhalach agus a bha fìor thoilichte leis an sgoil aca.
  • An taghadh farsaing de chothroman ionnsachaidh a bha air ullachadh don chloinn.
  • Càileachd nan togalaichean agus nan goireasan.
  • Ceanglaichean tarbhach ri pàrantan agus a’ choimhearsnachd.
  • Stiùireadh làidir agus gnothaicheil agus obair-sgioba èifeachdach.

3. Dè na beachdan a tha aig pàrantan agus luchd-cùraim, sgoilearan agus luchd-teagaisg?

Thug Luchd-sgrùdaidh na Banrigh aire do fhreagairtean ceisteachain a chaidh an cur gu na pàrantan gu lèir, sgoilearan P4 gu S2, agus luchd-teagaisg. Tha fiosrachadh mu fhreagairtean nan ceisteachan ann am Pàipear-taice 2.

Thuirt pàrantan1 gu robh iad air leth riaraichte le obair na sgoile. Thug mòran dhiubh iomradh air buaidh fìor mhath na sgoile air a’ chloinn aca. Mhol iad an luchd-teagaisg agus luchd-stiùiridh na sgoile airson àrainneachd ionnsachaidh thèarainte agus thoilichte a chruthachadh. Thuirt sgoilearan gu robh iad toilichte san sgoil, gun do rinn iad deagh charaidean agus gun do chuir iad meas air na goireasan agus cothroman mar clubaichean agus turasan an dèidh na sgoile. Bha luchd-teagaisg agus tidsearan taic fìor thaiceil don h-uile roinn de obair na sgoile. Chuir iad meas air a bhith ag obair còmhla ann an àrainneachd thaiceil agus fhuair iad mòran buannachd bhon obair a rinn iad le sgoilearan.

4. Dè cho math ‘s a tha ionnsachadh, teagasg agus coileanadh?

Ionnsachadh agus coileanadh sgoilearan

Uile gu lèir, bha eagrachadh a’ chlàr-teagaisg fìor mhath. Rinn tidsearan anns a’ bhun-sgoil agus an àrd-sgoil cinnteach gun d’ fhuair sgoilearan farsaingeachd agus taghadh iomchaidh de chothroman ionnsachaidh. Ghabh seo a-steach dèanamh cinnteach gu robh adhartas math anns a’ chuid as motha de roinnean clàr-teagaisg bho P1 gu S2. Bha ùine a bharrachd air a chleachdadh gu math gus an clàr-teagaisg a leudachadh ann an, mar eisimpleir, Gàidhlig. Bha roinnean mar iomairt agus cleachdadh teicneolas fiosrachaidh agus conaltraidh (TFC) air am filleadh a-steach gu math. Chleachd luchd-teagaisg diofar seòrsa suidheachadh feadh a’ chlàr-teagaisg airson sgrìobhadh na cloinne. Lean sgoilearan le feuman domhain agus ioma-fhillte clàr-teagaisg freagarrach. Uile gu lèir, bha càileachd an teagaisg math. Bha dàimhean fìor mhath aig tidsearan ri sgoilearan agus chleachd iad iomadh seòrsa dòigh gus an cur an greim san ionnsachadh. Thug iad mìneachaidhean soilleir agus chleachd iad obair-dachaigh gu math gus taic a thoirt do ionnsachadh na cloinne sa chlas. Anns na h-eisimpleirean a b’ fheàrr, thug tidsearan rùintean ionnsachaidh fìor shoilleir do sgoilearan agus rinn iad geàrr-chunntas còmhla riutha air na bha iad air ionnsachadh. Rinn iad feum mhath de cheasnachadh airson leudachadh air smaoineachadh na cloinne agus measadh air an tuigse. Cha robh na modhan sin cunbhalach fhathast tron sgoil gu lèir. Aig amannan, cha tug tidsearan cothroman gu leòr do sgoilearan smaoineachadh dhaibh fèin.

Uile gu lèir, bha càileachd ionnsachadh na cloinne math. Fhreagair sgoilearan na tidsearan aca gu math agus dh’obraich iad fìor mhath còmhla. Ann am foghlam corporra, mar eisimpleir, dh’obraich sgoilearan fìor mhath mar chàraidean agus ann am buidhnean beaga. Nochd mòran sgoilearan gu robh iad comasach air a bhith air am fàgail ag obair còmhla air gnìomhan suidhichte le glè bheag de stiùireadh. Mar eisimpleir, aig P3/P4 agus P6/P7 dh’obraich buidhnean gu soirbheachail air gnìomhan leughaidh agus deasbaid gun inbheach a’ cumail sùil orra. Bha sgoilearan a’ cleachdadh TFC le misneachd. Bha cha mhòr na h-uile dealasach agus eudmhor mu ionnsachadh. Uile gu lèir, bha astar an ionnsachaidh math don chuid as motha de sgoilearan ach ro shlaodach do bheagan dhiubh. Ann am beagan chlasaichean, thug sgoilearan freagairtean math ri ceasnachadh agus dùbhlan leantainneach a bha air a dhealbh airson an smaoineachadh a leudachadh ach cha robh seo fhathast cunbhalach tro na clasaichean gu lèir. Ann am Fraingis aig S2, mar eisimpleir, fhuair sgoilearan dùbhlan fìor mhath gus an cleachdadh iad an sgilean cànain gu àirde an comais. Uile gu lèir, sheall sgoilearan gu robh iad comasach air barrachd uallach a ghabhail airson an ionnsachadh.

Bha eisimpleirean math ann de dh’obair sgoilearan ann an ealan agus deilbh. Aig P1/ P2 bha sgoilearan a’ dèanamh adhartas math ann an seinn Ghàidhlig agus aig P3/P4 dh’ainmicheadh sgoilearan diofar ionnstramaidean le èisteachd ri pìos ciùil. Bha sgoilearan air duaisean a bhuannachadh airson iomairt agus airson obair Eco Sgoil. Aig na tùs ìrean, mar eisimpleir, bha sgoilearan air ticeadan a dhealbh agus a dhèanamh airson tachartas togail-airgid agus bha sgoilearan ann an S2 a’ ruith club film. Chum sgoilearan tachartas airson togail-airgid gu cunbhalach, thug iad taic do dhiofar bhuidhnean carthannais agus, mar thoradh air, leudaich an tuigse air feuman dhaoine eile. Aig P6 agus P7, dh’ionnsaich sgoilearan sgilean ann an absèileadh, canùadh agus obair-sgioba tro chom-pàirteachadh ann an turas còmhnaidh. Bho P6 gu S2 ghabh sgoilearan an t-uallach airson leabharlann na sgoile a ruith. Aig S2, thug sgoilearan taic èifeachdach do ionnsachadh chloinne na b’ òige agus dheasaich iad litir-naidheachd na sgoile. Bha comhairle na sgoile an sàs ann an adhartachadh slàinte agus air leasachadh a dhèanamh air an dòigh-obrach a thaobh biadh sgoile. Bha àireamh mhòr de sgoilearan a’ leasachadh an sgilean ann an gàirnealaireachd, ball-coise agus scrabail aig clubaichean an dèidh na sgoile.

Beurla agus conaltradh

Uile gu lèir, bha càileachd a’ choileanaidh ann am Beurla math. Cha robh pàtran cunbhalach leasachaidh ri fhaicinn bliadhna an dèidh bliadhna. Bha a’ chuid as motha de sgoilearan a’ coileanadh a rèir nan ìrean nàiseanta ann an èisteachd, labhairt agus leughadh. Bha a’ mhòr-chuid a’ coileanadh nan ìrean sin ann an sgrìobhadh. Bha a’ chuid as motha de sgoilearan nach robh a’ coileanadh ìrean nàiseanta a’ faighinn taic mhath agus a’ dèanamh adhartas math. Bha sgoilearan le feuman domhain agus ioma-fhillte a’ dèanamh adhartas math ann an leasachadh an sgilean conaltraidh. Aig P1 agus P2, bha sgoilearan a’ dèanamh adhartas fìor mhath. Aig a h-uile ìre, b’ urrainn do sgoilearan èisteachd agus bruidhinn ri chèile ann am buidhnean mu dhiofar chuspairean. Bha a’ chuid as motha air mothachadh fhaighinn air diofar sheòrsa luchd-amais agus bha iad ag ionnsachadh deagh sgilean aithris. Aig P4, leugh a’ chlann teacsaichean le misneachd agus bha e furasta dhaibh fiosrachadh sònraichte a chomharrachadh. Aig P7 agus aig S2, dh’aithnicheadh sgoilearan mar a chleachd sgrìobhaichean cànan airson buaidh. Bha sgoilearan misneachail a’ cleachdadh an eadar-lìon airson fiosrachadh fhaighinn ach cha robh an sgilean ann an taghadh agus cleachdadh fiosrachaidh gu h-iomchaidh adhartach gu leòr. Aig a h-uile ìre, rinn sgoilearan sgrìobhadh math airson caochladh adhbhar. Bha mòran dhiubh fìor èifeachdach ann an cur an cèill smaointean agus faireachdainnean ann an rosg agus bàrdachd co-cheangailte ri obair cuspair mar an Dara Cogadh Mòr no cùisean na h-àrainneachd.

Matamataig

Uile gu lèir, bha càileachd a’ choileanaidh ann am matamataig math. Cha robh pàtran coileanaidh soilleir air a bhith ann sna bliadhnachan mu dheireadh. Air feadh na sgoile, bha a’ chuid as motha de sgoilearan a’ coileanadh nan ìrean nàiseanta iomchaidh ann an làimhseachadh fiosrachaidh, ann an àireamh, airgead is tomhas agus ann an cumadh, suidheachadh is gluasad. Rinn an fheadhainn nach robh a’ coileanadh nan ìrean sin adhartas iomchaidh bho na h-ìrean coileanaidh a bha aca roimhe. Bha sgoilearan le feuman domhain agus ioma-fhillte a’ faighinn mothachadh air cumadh agus àireamh. Airson beagan sgoilearan a bha a’ coileanadh ìrean nas àirde, bha astar an adhartais ro shlaodach. Aig a h-uile ìre, bha sgoilearan ag ionnsachadh sgilean iomchaidh ann an cleachdadh choimpiutairean airson dàta a làimhseachadh. Rinn beagan sgoilearan ann am P7 gu S2 feum èifeachdach de dhuilleagan-clèithe. Tron sgoil gu lèir, bha cha mhòr a h-uile sgoilear misneachail anns an àireamhachadh sgrìobhte aca. Bha beagan sgoilearan nach robh luath agus ceart gu leòr leis an àireamhachadh inntinneil aca. Bha tuigse mhath aig sgoilearan ann an clasaichean P1 gu P5 air feartan chumaidhean. Bha misneachd aig a’ chuid as motha de sgoilearan ann an clasaichean P6 gu S2 ag obair le ceàrnan. Aig a h-uile ìre, bha sgoilearan ag ionnsachadh deagh sgilean ann am fuasgladh chruaidh cheistean agus feòrachadh. Bha mothachadh iomchaidh aig a’ chuid as motha air ro-innleachdan a dh’fhaodadh iad a chleachdadh airson fuasgladh èifeachdach air cruaidh cheistean.

Saidheans

Uile gu lèir, bha càileachd coileanadh na cloinne ann an saidheans math. Aig P3/P4, b’ urrainn don chuid as motha de sgoilearan feartan sònraichte neo-dhruim-altachain innse agus aithrisean matha a sgrìobhadh. Aig P5, b’ urrainn do sgoilearan cuimhneachadh air prìomh chomharran lusan air am biodh flùraichean agus beagan fheartan cudromach mu fhàs lusan a mhìneachadh. Aig P6/P7, sheall sgoilearan eòlas math air diofar seòrsa creig agus thuig iad mar a bha iad air an cruthachadh ann am plaosg na Talmhainn. B’ urrainn dhaibh na dòighean air criostailean fhàs a mhìneachadh gu ceart. Bha sgoilearan ann an S1 a’ tuigsinn nan diofar dhòighean anns an gabhadh lùth a stòradh agus atharrachadh gu cruthan eile. Aig S2, bha sgoilearan air aithrisean matha ullachadh air prìomh fheartan eileamaidean ceimigeach, agus bha cuid dhiubh a’ cleachdadh an sgilean TFC airson leasachadh air na h-òraidean aca. Aig a h-uile ìre, bha sgoilearan a’ togail diofar sgilean rannsachaidh mar coimhead, tomhas agus dèanamh obair prataigeach gu sàbhailte. Ann am beagan chlasaichean sa bhun-sgoil, bha sgoilearan cuideachd ag ionnsachadh sgilean iomchaidh ann an dealbh, mìneachadh agus aithris. Aig ìrean na h-àrd-sgoile, cha robh dòigh leudachaidh nan sgilean sin riaghailteach gu leòr. Cha robh sgoilearan ann an S1/S2 daonnan misneachail ann am mìneachadh toraidhean dheuchainnean agus a’ tighinn gu co-dhùnaidhean iomchaidh.

Teicneolas

Uile gu lèir, bha càileachd a’ choileanaidh ann an teicneolas math. Bha sgoilearan aig a h-uile ìre a’ faighinn deagh mhothachadh air na diofar dhòighean anns a bheil buaidh aig teicneolas air am beatha. Bha sgoilearan ann am P1 gu P5 a’ faighinn tuigse iomchaidh air obair deilbh agus dèanamh rudan. Chleachd iad stuthan mar breigeachan plastaig agus cairt gus nithean a dhealbh agus a thogail a rèir riaghailtean sònraichte. Bha sgoilearan ann am P6 agus P7 air tuigse mhath fhaighinn air cho cudromach ‘s a tha neart ann an togail. Bha iad air innealan a chleachdadh gu h-èifeachdach airson cumadh modailean crèadha de structar na Talmhainn. Rinn iad obair shoirbheachail còmhla ris an tidsear foghlam teicnigeach cuideachd gus deagh innealan-tomhais gaoithe a dhealbh agus a thogail mar phàirt den phròiseact aca air an aimsir. Bha sgoilearan aig P4 gu S2 ag ionnsachadh diofar sgilean feumail tron obair leis an tidsear eaconamas-dachaigh. Ghabh iad sin a-steach ionnsachadh mu aodaichean agus eadar-fhigheachd agus mu shlàinteachas agus sàbhailteachd ann an deasachadh bidhe. Ach, uile gu lèir, cha robh eòlas, tuigse agus sgilean na cloinne ann an teicneolas a’ fàs ann an dòigh riaghailteach gu leòr mar a chaidh iad air adhart tron sgoil.

5. Dè cho math ‘s a tha an taic do sgoilearan?

Thug luchd-teagaisg aire fìor mhath do chùram agus sochair na cloinne agus bha eòlas math aca air a’ chloinn fa leth. O chionn ghoirid fhuair iad uile trèanadh ann am modhan dìon chloinne agus bha tuigse mhath aca air dè bu chòir dhaibh a dhèanamh nam biodh feum air. Bha sgoilearan a’ faireachdainn tèarainte agus sàbhailte san sgoil. Bha fios aca gun dèiligeadh luchd-teagaisg ri burraidheachd sam bith agus bha tuigse mhath aig a’ chuid as motha air co thuige a dheigheadh iad airson cuideachadh le duilgheadasan sam bith. Chuir luchd-teagaisg mòran cudruim air leasachadh sòisealta agus faireachail na cloinne. Dhèilig iad ri feuman pearsanta na cloinne agus rinn iad cinnteach gu robh cothroman cunbhalach aig sgoilearan bruidhinn mu dhiofar chuspairean riatanach. Bha tuigse mhath aig sgoilearan air cùisean mar mì-ghnàthachadh stuthan ceimigeach, dàimhean pearsanta agus dòigh-beatha fhallain. Bha sgoilearan le feuman domhain agus ioma-fhillte a’ dèanamh adhartas fìor mhath ann an leasachadh pearsanta is sòisealta. Aig S1 agus S2, bha siostam èifeachdach aca gus cothrom a thoirt do sgoilearan coinneachadh gu cunbhalach ri luchd-oideachaidh sònraichte gus sùil a chumail air an adhartas agus an cor. Aig S2, bha cothrom aig sgoilearan air fiosrachadh math mu roghainnean cuspaire agus dhreuchdan. Bha taic èifeachdach air ullachadh gus sgoilearan a ghluasad a-steach gu P1, bho P7 gu S1 agus bho S2 gu Sgoil MhicNeacail.

Thug luchd-teagaisg aire mhath do choinneachadh ri feuman ionnsachaidh na cloinne. Uile gu lèir, bha na diofar ghnìomhan freagarrach airson feuman ionnsachaidh agus comasan na cloinne ach uaireannan cha tug iad ìre dùbhlain àrd gu leòr do àireamh bheag de na sgoilearan. Dh’obraich luchd-cuideachaidh clas gu fìor mhath le tidsearan clas agus an tidsear siubhail airson taic foghlaim a’ toirt taic do ionnsachadh na cloinne ann an diofar shuidheachaidhean. Bha sgoilearan le feuman taic a bharrachd a’ dèanamh adhartas fìor mhath agus, far an robh e iomchaidh, a’ leantainn prògraman foghlaim pearsanta (IEPan) freagarrach. Bha sgoilearan le feuman domhain agus ioma-fhillte a’ faighinn taic fìor mhath agus air an gabhail a-steach ann am beatha na sgoile. Bha iad a’ dèanamh adhartas math agus bha iad toilichte san sgoil. Rinn luchd-teagaisg cinnteach gu robh modhan ionnsachaidh air an atharrachadh gu h-iomchaidh gus coinneachadh ri na feuman fa leth aca. Ged a bha IEPan soilleir air an stèidheachadh, cha robh Clàran Fheuman idir aca. Cha robh soilleireachd gu leòr mu dhleastanasan fa leth luchd-obrach na sgoile agus an ùghdarras foghlaim a thaobh fosgladh agus riaghladh Chlàran Fheuman. Gu sònraichte, cha robh e soilleir ciamar a bha beachdan gach duine a bha an sàs ann am measadh sgoilearan le feuman sònraichte foghlaim air an co-òrdanachadh gus dèanamh cinnteach gu robhar a’ coinneachadh ri na feuman aca gu cunbhalach agus gu h-èifeachdach mar a chaidh iad air adhart tron sgoil.

6. Dè cho math ‘s a tha an àrainneachd ionnsachaidh?

Cuspair

Beachd

Càileachd nan togalaichean agus nan goireasan

Rinn luchd-teagaisg feum fìor mhath de na sàr ghoireasan a bha aca airson ionnsachadh. Rinn iad feum fìor mhath den rùm a bha san togalach agus bha iad a’ dèanamh rùm-teagaisg a-muigh den talamh timcheall air an togalach. Bha ceàrnaidhean sòisealta san sgoil air an deagh chleachdadh. Ghabh seo a-steach feum fìor mhath den t-seòmar-bidhe aig àm-dìnneir a’ toirt suidheachadh feumail do sgoilearan agus luchd-teagaisg. Bha goireasan a bharrachd mar seòmar ioma-mhothachaidh air an deagh chleachdadh leis an sgoil agus le buidhnean eile. Bha an t-ullachadh airson tèarainteachd iomchaidh. Bha ullachadh fìor mhath ann gus coinneachadh ri feuman a’ chuid as motha de luchd-cleachdaidh le ciorram.

Suidheachadh agus dàimh, sùileachadh agus adhartachadh coileanaidh agus co-ionannachd

Nochd sgoilearan agus luchd-teagaisg mothachadh air dearbh-aithne làidir, agus pròis, san sgoil. Bha an spèis a bha aca do chàch a chèile follaiseach agus bha am misneachd àrd. Bha sùileachadh àrd aig luchd-teagaisg airson giùlan na cloinne agus an dealas mu ionnsachadh. Cha robh sùileachadh àrd aig a h-uile neach-teagaisg fhathast airson na b’ urrainn do sgoilearan a choileanadh. Bha na sgoilearan air leth modhail agus bha am beachdan mu ionnsachadh fìor dheimhinneach. Bha spèis aca do sgoilearan le iomadh seòrsa feum agus bha iad air an gabhail a-steach gu math ann am beatha na sgoile. Chuidich seo a’ toirt tuigse mhath don h-uile sgoilear air feuman dhaoine eile. Bha mothachadh na cloinne air cùisean co-cheangailte ri co-ionannachd cinnidh gan leasachadh gu h-èifeachdach. Bha cothroman làitheil aig sgoilearan air òrdaighean cràbhachd. Bha na bha iad a’ coileanadh air a chomharrachadh gu cunbhalach.

Co-obrachadh le pàrantan agus a’ choimhearsnachd

Bha luchd-teagaisg air ceanglaichean fìor mhath a stèidheachadh ri pàrantan agus a’ choimhearsnachd. Chuir iad comhairle ri pàrantan gu cunbhalach air roinnean de fhoghlam na sgoile ann an ullachadh airson planadh airson leasachadh an fhoghlaim agus a thaobh cùisean slàinte ris am feumar dèiligeadh gu faiceallach. Fhuair pàrantan fiosrachadh math mu obair leantainneach na sgoile. Ghabh seo a-steach cleachdadh èifeachdach de làrach-lìn na sgoile, aithisgean soilleir agus cunbhalach mu adhartas na cloinne aca, litrichean-naidheachd brèagha agus fiosrachail agus geàrr-chunntas feumail de phlana leasachaidh na sgoile. Fhuair pàrantan na cloinne bho P1 gu P5 lethbhric de chlàr-bidhe na sgoile gus an cuidicheadh iad a’ chlann a’ dèanamh roghainnean freagarrach. Bha Bòrd na Sgoile agus am PTA fìor ghnìomhach

Co-obrachadh le pàrantan agus a’ choimhearsnachd

ann an taic a thoirt don sgoil. Bha an cròileagan ionadail a’ coinneachadh san sgoil agus air a ghabhail a-steach ann an iomadh tachartas sgoile. Bha deagh cheanglaichean aig an sgoil ri sgoiltean eile. Ghabh seo a-steach sgaoileadh deagh chleachdadh coitcheann a thaobh ionnsachadh agus teagasg. Thug ceanglaichean ri gnìomhachasan agus companaidhean ionadail taic do roinnean ionnsachaidh mar obair-dachaigh agus adhartachadh slàinte.

7. Leasachadh na sgoile

Tha measadh iomlan Luchd-sgrùdaidh na Banrigh air obair na sgoile ann am Pàipear-taice 1.

Thug Sgoil nan Loch deagh ìre foghlaim do na sgoilearan aice. Bha luchd-teagaisg air dèiligeadh fìor mhath ri na cothroman a thug an togalach ùr agus fhuair iad air àrainneachd ionnsachaidh fìor dheimhinneach a chruthachadh. Bha iad air taghadh farsaing de chothroman ionnsachaidh a stèidheachadh agus sheall seo ann an coileanadh na cloinne san fharsaingeachd. Bha iad a’ dèanamh adhartas math le stèidheachadh modhan coitcheann airson ionnsachadh agus teagasg a’ leantainn nan dòighean-teagaisg as fheàrr. Bha sgoilearan dèidheil air ionnsachadh, san fharsaingeachd bha an coileanadh math agus bha luchd-teagaisg gu mòr airson seo a leasachadh. Bha ceanglaichean ri pàrantan agus a’ choimhearsnachd làidir agus a’ cur ri tuilleadh leasachaidhean.

Dh’obraich an ceannard gu fìor èifeachdach còmhla ris an iar-cheannard gus stiùireadh fìor mhath a thoirt do luchd-teagaisg. Bha ìre àrd de eòlas proifeiseanta aca le chèile agus bha amas soilleir aca airson leasachadh leantainneach na sgoile. Anns na ceithir bliadhna bho chaidh an sgoil a ghluasad, bha iad air obair-sgioba fìor mhath a stèidheachadh agus, còmhla ri luchd-teagaisg, air suidheachadh fèin-mheasadh deimhinneach a stèidheachadh. Còmhla ri àrd luchd-stiùiridh, bha luchd-teagaisg a’ smaoineachadh gu cunbhalach air an obair fhèin agus a’ leasachadh an dòighean-obrach. Ghabh mòran dhiubh uallach airson leasachadh roinnean den chlàr-teagaisg. O chionn glè ghoirid thòisich dà bhall den luchd-teagaisg a’ co-obrachadh ann an dreuchd prìomh thidsearan. Bha e fhathast ro thràth airson measadh dè a’ bhuaidh a bha aig an dreuchd aca. Bha lorg aig luchd-teagaisg air an fheum air cumail a’ leasachadh am modhan fèin-mheasaidh, agus, gu sònraichte mar a chum iad cunntas air adhartas na cloinne, gus am biodh a’ bhuaidh as motha aige air ionnsachadh agus coileanadh na cloinne. Sheall Sgoil nan Loch gu robh i comasach air dèanamh cinnteach gum biodh leasachadh leantainneach air a foghlam agus, le com-pàirteachadh leantainneach sgoilearan agus phàrantan, bha i comasach air cumail an leasachadh a’ dol.

Prìomh phuingean gnìomha

Bu chòir don sgoil agus don ùghdarras foghlaim cumail a’ dol leis a’ chàileachd àrd agus leis an leasachadh foghlaim. Ann a bhith a’ dèanamh seo, bu chòir dhaibh gabhail a-steach an fheum air:

  • cumail a’ leasachadh càileachd an ionnsachaidh agus an teagaisg gus tuilleadh àrdachaidh a dhèanamh air coileanadh san fharsaingeachd; agus
  • dèanamh cinnteach gun tèid coinneachadh ri làn-chòir sgoilearan le feuman sònraichte foghlaim air aithris ioma-chuspair soilleir agus aontaichte de na feuman aca.

Dè thachras a-nis?

Mar thoradh air a’ choileanadh àrd, leasachaidh làidir agus stiùireadh fìor èifeachdach na sgoile gu ruige seo, cha bhi Luchd-sgrùdaidh na Banrigh ag ullachadh aithisgean tuilleadh co-cheangailte ris an sgrùdadh seo. Chaidh iarraidh air an sgoil agus an ùghdarras foghlaim plana-gnìomh ullachadh a’ sealltainn mar a dhèiligeas iad ri prìomh thoraidhean na h-aithisge, agus am plana sin a cho-roinn ri pàrantan agus luchd-cùraim. Taobh a-staigh dà bhliadhna bho fhoillseachadh na h-aithisge seo ullaichidh an t-ùghdarras foghlaim, ag obair còmhla ris an sgoil, aithisg adhartais do phàrantan agus luchd-cùraim.

Joan Mackay

Neach-sgrùdaidh na Banrigh

20 Am Faoilleach 2006

Pàipear-taice 1 Cuimsean càileachd

Tha na h-earrannan sa chlàr shìos a’ leantainn òrdugh nan cuimsean càileachd san aithisg seo. Gheibh sibh na prìomh bheachdan a chaidh a thoirt umpa anns na h-earrannan sin. Ach, buinidh roinnean cuid de na cuimsean càileachd do earrannan eile den aithisg agus dh’fhaodadh gum bi iomradh orra annta sin cuideachd.

Dè cho math ‘s a tha ionnsachadh, teagasg agus coileanadh?

Eagrachadh a’ chlàr-teagaisg

Fìor mhath

An teagasg

Math

Ionnsachadh na cloinne

Math

Coileanadh na cloinne ann am Beurla

Math

Coileanadh na cloinne ann am matamataig

Math

Coileanadh na cloinne ann an saidheans

Math

Coileanadh na cloinne ann an teicneolas

Math

Càileachd a’ choileanaidh san fharsaingeachd: S1/S2

Math

Dè cho math ‘s a tha an taic do sgoilearan?

Cùram aoghaireil

Fìor mhath

Leasachadh pearsanta is sòisealta

Fìor mhath

Coinneachadh ri feuman na cloinne

Math

Dè cho math ‘s a tha an àrainneachd ionnsachaidh?

Togalaichean agus goireasan

Sàr mhath

Suidheachadh agus dàimhean

Fìor mhath

Sùileachadh agus adhartachadh coileanaidh

Math

Co-ionannachd agus cothromachd

Fìor mhath

Co-obrachadh le pàrantan, Bòrd na Sgoile agus a’ choimhearsnachd

Fìor mhath

Leasachadh na sgoile

Stiùireadh na sgoile

Fìor mhath

Fèin-mheasadh

Math

Tha an aithisg seo a’ cleachdadh an sgèile fhaclan a leanas airson soilleireachadh air breithneachadh an luchd-sgrùdaidh:

sàr-mhath

sàr-mhath

fìor mhath

prìomh neartan

math

neartan cudromach le beagan roinnean a dh’fheumar leasachadh

iomchaidh

neartan dìreach os cionn laigsean

lag

laigsean cudromach

neo-thaitneach

laigsean mòra

Pàipear-taice 2 Geàrr-chunntas air freagairtean ceisteachain

Tha roinnean cudromach de fhreagairtean nam buidhnean a fhuair ceisteachain anns a’ chlàr a leanas.

Na rudan a shaoil pàrantan a rinn an sgoil gu math.

Na rudan a shaoil pàrantan a dh’fhaodadh an sgoil a dhèanamh nas fheàrr.

  • Ghabh luchd-teagaisg uallach airson cùram agus sochair na cloinne agus dhèilig iad gu ceart ris a’ chloinn aca.
  • Chuir luchd-teagaisg fàilte orra san sgoil.
  • Mhisnich luchd-teagaisg a’ chlann gus obrachadh gu àirde an comais agus thug iad fiosrachadh feumail dhaibh mu adhartas an cloinne.
  • Bha an sgoil air a deagh stiùireadh agus bha deagh chliù aice anns a’ choimhearsnachd.
  • Barrachd fiosrachaidh a thoirt mun dòigh a b’ urrainn dhaibh a’ chlann a chuideachadh le obair-dachaigh.
  • Beachd nas soilleire a thoirt air prìomh-amasan leasachaidh na sgoile.

Na rudan a shaoil sgoilearan a rinn an sgoil gu math.

Na rudan a shaoil sgoilearan a dh’fhaodadh an sgoil a dhèanamh nas fheàrr.

  • Bha iad a’ faireachdainn sàbhailte agus tèarainte san sgoil agus bha iad toilichte innte.
  • Fhuair iad air adhart gu math le sgoilearan eile.
  • Mhìnich tidsearan rudan gu soilleir, bha iad a’ sùileachadh gun obraicheadh iad gu àirde an comasan agus thug iad cuideachadh dhaibh nuair a bha duilgheadasan aca.
  • Leasachadh giùlan cuid de sgoilearan.

Na rudan a shaoil luchd-teagaisg a rinn an sgoil gu math.

Na rudan a shaoil luchd-teagaisg a dh’fhaodadh an sgoil a dhèanamh nas fheàrr.

  • Bha conaltradh èifeachdach eadar àrd luchd-stiùiridh agus luchd-teagaisg agus bha an sgoil air a deagh stiùireadh.
  • Ghabh iad uallach airson cùram agus sochair na cloinne.
  • Bha spèis aig luchd-teagaisg agus sgoilearan do chàch a chèile agus bha soirbheachadh na cloinne air a chomharrachadh gu cunbhalach.
  • Bha e a’ còrdadh riutha a bhith ag obair san sgoil.
  • Leudachadh cothroman thidsearan taic air com-pàirteachadh ann an co-dhùnaidhean.

Ciamar a gheibh sibh fios thugainn?

Ma tha sibh ag iarraidh lethbhreac a bharrachd den aithisg seo

Chaidh lethbhric den aithisg seo a chur gu ceannard agus luchd-obrach na sgoile, Stiùiriche an Fhoghlaim, comhairlichean ionadail agus buill iomchaidh de Phàrlamaid na h-Alba. Neach sam bith a tha ag iarraidh lethbhreac an asgaidh tha còir aige cur ga iarraidh gu Luchd-sgrùdaidh na Banrigh airson Foghlaim, Taigh an Raoin Rèidh, 28 Rathad an Raoin Rèidh, Inbhir Nis, IV1 1SF no fònadh 01463 253115. Tha e ri fhaotainn cuideachd air an làrach-lìn againn www.hmie.co.uk.

Ma tha sibh airson beachd a thoirt air a h-uile ath-sgrùdadh

Neach sam bith a tha airson beachd a thoirt mu nì sam bith a bhuineas don h-uile ath-sgrùdadh, tha còir aige sgrìobhadh an toiseach gu Frank Crawford, HMCI, aig Luchd-sgrùdaidh na Banrigh airson Foghlaim, Taigh Denholm, Pàirc Ghnìomhachais Almondvale, Slighe Almondvale, Baile Lèibhinn, EH54 6GA.

Ar modh gearain

Ma tha gearan agaibh mun aithisg seo, bu chòir sgrìobhadh an toiseach gu Hazel Dewart, Business Management Unit, Luchd-sgrùdaidh na Banrigh airson Foghlaim, Ùrlar 2, Taigh Denholm, Pàirc Ghnìomhachais Almondvale, Slighe Almondvale, Baile Lèibhinn EH54 6GA. Tha lethbhreac den mhodh-gearain againn ri fhaotainn bhon oifis seo no fònadh 01506 600265 no bhon làrach-lìn againn aig www.hmie.gov.uk.

Ma tha sibh mì-thoilichte leis na tha sinn air a dhèanamh aig deireadh a’ mhodh-gearain againn, faodaidh sibh ur gearan a thogail le Ombudsman Seirbheisean Poblach na h-Alba. Tha Ombudsman Seirbheisean Poblach na h-Alba gu tur neo-eisimeileach le ùghdarras airson gearanan an aghaidh Roinnean agus Buidhnean Riaghaltais a rannsachadh. Bu chòir dhuibh sgrìobhadh gu Ombudsman Seirbheisean Poblach na h-Alba, 4-6 Sràid Melville, Dùn Èideann EH3 7NS. Faodaidh sibh cuideachd fònadh 0870 011 5378 no post-dealain enquiries@scottishombudsman.org.uk. Gheibhear tuilleadh fiosrachaidh mu oifis an Ombudsman bhon làrach-lìn: www.scottishombudsman.org.uk

Còraichean glèidhte leis a’ Chrùn 2006

Luchd-sgrùdaidh na Banrigh airson Foghlaim

Faodar lethbhreac a dhèanamh den aithisg seo gu h-iomlan no de earrann dhi, ach chan fhaodar a chleachdadh ann am malairt no ann an co-cheangal ri leabhran-fiosrachaidh no sanas, agus feumar iomradh a thoirt air an aithisg agus ceann-là a foillseachaidh.

1. Tron aithisg seo tha am facal ‘pàrantan’ a’ gabhail a-steach luchd-dalta, luchd-obrach thaighean còmhnaidh agus càirdean no caraidean a tha nan luchd-cùraim.