Acadamaidh Rìoghail Bhaile
Dhubhthaich
Comhairle na Gàidhealtachd

24 Faoilleach 2006

Clàr-innse

1. Bun-fhiosrachadh
2. Prìomh neartan
3. Dè na beachdan a tha aig pàrantan agus luchd-cùraim, sgoilearan agus luchd-teagaisg?
4. Dè cho math ’s a tha ionnsachadh, teagasg agus coileanadh?
5. Dè cho math ’s a tha an taic do sgoilearan?
6. Dè cho math ’s a tha an àrainneachd ionnsachaidh?
7. Leasachadh na sgoile
Pàipear-taice 1 Cuimsean càileachd
Pàipear-taice 2 Geàrr-chunntas air freagairtean ceisteachain
Pàipear-taice 3 Coileanadh ann an Teisteanasan Nàiseanta Ùghdarras Theisteanasan na h-Alba (SQA)
Ciamar a gheibh sibh fios thugainn?

1. Background

Chaidh sgrùdadh Acadamaidh Rìoghail Bhaile Dhubhthaich a dhèanamh san t-Sultain 2005 mar phàirt de shampall nàiseanta de dh’fhoghlam àrd-sgoile. Ghabh an sgrùdadh a-steach prìomh roinnean de dh’obair na sgoile aig a h-uile ìre. Rinn e measadh air eagrachadh a’ chlàr-teagaisg, sgrùdadh air coileanadh na cloinne ann an deuchainnean (faic Pàipear-taice 3) agus measadh air càileachd coileanadh na cloinne san fharsaingeachd. Rinn iad measadh cuideachd air càileachd an ionnsachaidh agus an teagaisg agus an taic do sgoilearan, an àrainneachd ionnsachaidh, modhan fèin-mheasaidh na sgoile, a buaidh agus a comas airson leasachadh san fharsaingeachd. Chaidh sùil shònraichte a thoirt air obair nan roinnean Beurla, matamataig, Gàidhlig agus foghlam corporra.

Bha Luchd-sgrùdaidh na Bànrigh a’ coimhead ri ionnsachadh agus teagasg agus rinn iad sgrùdadh air obair sgoilearan. Thug iad aire do fhreagairtean cheisteachan a chaidh an cur gu sampall de phàrantan1 is sgoilearan agus chun a h-uile neach-teagaisg. Rinn iad agallamhan le buidhnean de sgoilearan, a’ gabhail a-steach a’ chomhairle sgoilear, agus luchd-teagaisg. Choinnich buill den sgioba sgrùdaidh cuideachd ri cathraiche an gnìomh Bòrd na Sgoile, riochdairean bhon bhuidheann phàrant-thidsear (PTA) agus buidheann de phàrantan.

’S e sgoil neo-bhuidheannach a th’ ann an Acadamaidh Rìoghail Bhaile Dhubhthaich a’ frithealadh Baile Dhubhthaich agus grunn bhailtean mun cuairt. Aig àm an sgrùdaidh, bha 651 air an rolla. Bha an àireamh sa cheud de sgoilearan le còir air biadh-sgoile an-asgaidh a rèir na cuibheasachd nàiseanta. Bha frithealadh-sgoile a rèir na cuibheasachd nàiseanta.

2. Prìomh neartan

Chomharraich Luchd-sgrùdaidh na Bànrigh na prìomh neartan a leanas.

  • Fàilte bhlàth na sgoile agus càileachd nan dàimhean eadar sgoilearan agus luchd-teagaisg.
  • Dealas airson leasachadh agus co-roinn nan dòighean-teagaisg as fheàrr.
  • Farsaingeachd agus càileachd coileanadh na cloinne.
  • Càileachd teagaisg fìor àrd ann an grunn roinnean.
  • Mòran cheanglaichean ris a’ choimhearsnachd a chuir ri eòlas na cloinne.
  • Na goireasan spòrs agus cho tric ’s a tha iad gan cleachdadh.

3. Dè na beachdan a tha aig pàrantan, sgoilearan agus luchd-teagaisg?

Uile gu lèir, thug pàrantan agus luchd-cùraim a fhreagair an ceisteachan beachdan fàbharach mun sgoil. Bha iad den bheachd gu robh fàilte bhlàth agus deagh stiùireadh san sgoil, agus bha iad toilichte mun chliù a bha aice sa choimhearsnachd. Bha iad a’ faireachdainn gun do ghabh luchd-teagaisg uallach airson sochair na cloinne. Bha beag-chuid ag iarraidh tuilleadh fiosrachaidh mu phrìomh-amasan leasachaidh na sgoile. Bha sgoilearan toilichte le cha mhòr a h-uile roinn den sgoil. Chuir iad meas air brosnachadh bho na tidsearan airson obrachadh gu làn comais, bha iad a’ faireachdainn sàbhailte agus tèarainte agus bha an sgoil a’ còrdadh riutha. Cha robh iomagainean mòra sam bith aca. San fharsaingeachd bha beachdan fàbharach aig luchd-teagaisg mu bhith ag obair san sgoil. Bha iad a’ faireachdainn gu robh conaltradh am measg luchd-teagaisg math agus chuir iad meas air cothroman a bhith an sàs ann an co-dhùnaidhean. Bha beag-chuid de luchd-teagaisg ag iarraidh conaltradh agus obair-sgioba nas fheàrr bho àrd luchd-stiùiridh agus ag iarraidh gum biodh làimhseachadh nas èifeachdaiche air mì-mhodh am measg sgoilearan. Bha beagan dhiubh cuideachd ag iarraidh tuilleadh fiosrachaidh mu adhartas le buileachadh structairean stiùiridh ùra.

Tha tuilleadh fiosrachaidh mu dè na rudan a b’ fheàrr a chòrd ri pàrantan, luchd-teagaisg agus sgoilearan, agus dè na rudan a bhiodh iad airson an leasachadh, ann am Pàipear-taice 2 den aithisg seo.

4. Dè cho math ’s a tha ionnsachadh, teagasg agus coileanadh?

An clàr-teagaisg, ionnsachadh agus teagasg

Bha càileachd a’ chlàr-teagaisg math. Bha farsaingeachd agus cothromachd freagarrach san taghadh de chuspairean a dh’ionnsaich sgoilearan ann an S1/S2. Chum sgoilearan a’ dol le Fraingis air an do thòisich iad sa bhun-sgoil. Bha sgoilearan a bha fileanta sa Ghàidhlig comasach air togail air na dh’ionnsaich iad den chànan sin sa bhun-sgoil. Bha teagasg tro mheadhan na Gàidhlig ri fhaighinn ann am eaconamachd dachaigh agus cruinn-eòlas ann an S1 agus S2. Bha clàr-teagaisg farsaing agus cothromach aig cha mhòr a h-uile sgoilear aig S3/S4 de ochd cuspairean aig Ìre Choitcheann no ìre cho-ionann. Bha roghainn farsaing aca agus dh’fhaodadh iad dà chuspair a ghabhail ann an roinnean mar saidheans, cànainean no teicneòlas. Bha an sgoil air ceuman a ghabhail gus ullachadh iomchaidh eile a chur air dòigh do sgoilearan dhan robh cùrsaichean dreuchdail no roghainnean eile na bu fhreagarraiche na cùrsaichean Ìre Choitcheann. Dh’fhaodadh sgoilearan a bha a’ gluasad gu S5/S6 an ionnsachadh a chumail a’ dol ann an iomadh seòrsa cùrsa aig Sàr Àrd-ìre, Àrd-ìre agus Eadar-mheadhan 2. B’ e beagan sgoilearan a bha a’ taghadh cùrsaichean aig ìre Eadar-mheadhan 1. Bho S1 gu S4 fhuair a h-uile sgoilear buannachd bho roinn prìomh ùine airson foghlam pearsanta is sòisealta (PSE), foghlam corporra agus foghlam spioradail. Cha robh gu leòr roinn ùine mar sin aig S5/S6. Mar thoradh air duilgheadasan fastachd, cha robh nua-eòlas ann an clàr-teagaisg S1-S4, agus cha robh coimpiutaireachd air a thabhann a-nis aig S3.

Aig a h-uile ìre, thug tidsearan mìneachadh soilleir do chlasaichean, buidhnean agus sgoilearan fa leth. Anns na modhan-obrach a b’ fheàrr rinn iad feum fìor mhath de cheasnachadh agus conaltradh airson toirt air sgoilearan smaoineachadh dhaibh fèin. San fharsaingeachd, bha obair-dachaigh air a chleachdadh gu math. Bha càileachd ionnsachadh na cloinne math. Thug iad aire do mhìneachadh èifeachdach nan tidsearan agus gu tric thòisicheadh iad gnìomhan prataigeach no deasbadan. Gu tric bha teagasg agus ionnsachadh air an leasachadh le cleachdadh teicneòlas fiosrachaidh agus conaltraidh (ICT). Cha robh gu leòr dùbhlain ann an cuid de na leasain no bha astar an ionnsachaidh ro shlaodach. Bha tidsearan dìcheallach agus soirbheachail le maidseadh ghnìomhan ionnsachaidh ri feuman na cloinne. Fhuair sgoilearan aig an robh duilgheadasan cuideachadh len obair bho tidsearan speisealta taic ionnsachaidh. Cha robh cuid de na tidsearan daonnan a’ toirt beachdan sgrìobhte mionaideach air mar a b’ urrainn do sgoilearan an obair a leasachadh. Thug leabharlannaiche na sgoile taic fìor èifeachdach do sgoilearan le ionnsachadh agus ann an cleachdadh ICT. Uile gu lèir, chaidh coinneachadh gu math ri feuman ionnsachaidh na cloinne.

Coileanadh

Tha na beachdan a leanas stèidhichte air dàta Ùghdarras Theisteanasan na h-Alba (SQA), a’ cleachdadh Frèam-obrach Creideis agus Teisteanasan na h-Alba (SCQF)2 airson nan trì bliadhna (2003-2005) agus cuideachd air na measaidhean iomlan air càileachd an ionnsachaidh, an teagasg agus coinneachadh ri feuman na cloinne.

Uile gu lèir, bha càileachd a’ choileanadh aig S1/S2 math. Ro dheireadh S2, choilean a’ chuid as motha de sgoilearan na h-ìrean-coileanaidh nàiseanta iomchaidh ann an leughadh, sgrìobhadh agus matamataig. Bha na cuibhreannan de sgoilearan a’ coileanadh ìrean nàiseanta iomchaidh agus nas àirde air meudachadh gu cunbhalach ann am matamataig thar nan trì bliadhna a chaidh seachad. Bha ìrean ann an leughadh air atharrachadh, agus ìrean ann an sgrìobhadh air a dhol sìos. Cha do chum an sgoil sùil mhath air ìrean-coileanaidh ann an roinnean eile den chlàr-teagaisg.

Uile gu lèir, bha càileachd a’ choileanaidh aig S3/S4 math. Ro dheireadh S4, bha a’ chuibhreann de sgoilearan a choilean còig no barrachd duaisean aig ìrean 3, 4 no 5 os cionn na cuibheasachd nàiseanta. Anns a’ chuid as motha de ghnèithean rinn an sgoil nas fheàrr na sgoiltean le feartan co-ionann, ged a bha coileanadh aig ìrean 4 agus 5 air a dhol sìos rè na h-ùine bho 2002 gu 2005.

Uile gu lèir, bha càileachd a’ choileanaidh aig S5/S6 fìor mhath. Bha a’ chuibhreann de sgoilearan a’ coileanadh aon duais no barrachd, trì no barrachd, no còig no barrachd aig SCQF ìre 6 ro dheireadh S5 mòran nas àirde na a’ chuibheasachd nàiseanta. Aig an ìre seo, choilean an sgoil gu cunbhalach mòran nas fheàrr na sgoiltean le feartan co-ionann. Bha a’ chuibhreann de sgoilearan a’ coileanadh aon duais no barrachd, trì no barrachd, no còig no barrachd aig ìre 6 ro dheireadh S6 mòran nas àirde na a’ chuibheasachd nàiseanta ach bha e air a dhol sìos beagan. Bha a’ chuibhreann de sgoilearan a choilean aon duais aig co-dhiù ìre 7 os cionn na cuibheasachd nàiseanta gu cunbhalach agus mòran nas àirde na àireamhan cuibheasach sgoiltean co-ionann.

Tha fiosrachadh air na cuspairean a chaidh an sgrùdadh air a thoirt nas fhaide air adhart san aithisg. Bha comharran cudromach air coileanadh anns na cuspairean nach deach an sgrùdadh mar a leanas.

Bha am brosnachadh a rinn an sgoil air coileanadh na cloinne san farsaingeachd na phrìomh neart. Sheall luchd-teagaisg gu robh ìre dealais air leth aca airson taic a thoirt do sgoilearan airson coileanadh san fharsaingeachd, gu h-àraidh ann an spòrs agus ceòl. Rinn àireamh fìor mhòr de sgoilearan feum de na cothroman a bha aca. Rinn cha mhòr a h-uile sgoilear anns na clasaichean àrda feum de na cothroman a bh’ann airson a bhith a’ gabhail uallaichean. Bha barrachd air cairteal de na sgoilearan a’ cluich ann an orcastra na sgoile. Bha còmhlan ceòl traidiseanta na sgoile "Gizzen Briggs" fìor shoirbheachail agus chluich iad aig fosgladh oifigeil Pàrlamaid na h-Alba. Bha sgoilearan glè shoirbheachail ann an co-fharpaisean spòrs, deasbaid, agus dràma agus ann an iomadh tachartas eile taobh a-muigh na sgoile. Bha mòran sgoilearan deònach taic a thoirt do iomadh tachartas togail-airgid airson carthannas. Thug grunn sgoilearan cuideachadh don sgoil tro bhith air Comhairle nan Sgoilear, nam prefeactan, a’ comhairleachadh sgoilearan nas òige, no nam buill de Bhòrd na Sgoile agus de Chomataidh Stiùiridh Ionad Coimhearsnachd Acadamaidh Rìoghail Bhaile Dhubhthaich (TRACC). Thug an obair sin cothrom do sgoilearan coileanadh ann an iomadh seòrsa cuspair agus sgilean eile a leasachadh mar obrachadh còmhla ri daoine eile, cruthachadh agus saoranachd.

Beurla

Ionnsachadh agus teagasg

Chleachd tidsearan ceasnachadh gu h-èifeachdach gus tuigse na cloinne a leasachadh, agus dhèilig iad gu math ri freagairtean agus beachdan na cloinne. Cha do rinn iad daonnan feum èifeachdach den ùine a bha aca airson teagasg, gu h-àraidh aig toiseach leasain. Anns na modhan-obrach a b’ fheàrr, bha sgoilearan ag ullachadh agus ag obrachadh airson cuimsean ionnsachaidh fa leth. Bha astar an ionnsachaidh ro shlaodach ann am beagan chlasaichean. Chleachd tidsearan diofar ghoireasan-teagaisg gu soirbheachail a’ gabhail a-steach ICT gus sgoilearan a bhrosnachadh. Chaidh eisimpleirean fhreagairtean a chleachdadh gu h-èifeachdach gus na dòighean-teagaisg as fheàrr a thoirt do sgoilearan ann an S5 agus S6. Bha a’ chuid as motha de sgoilearan dìcheallach nan obair. Chaidh coinneachadh ri feuman nan sgoilearan a bha a’ coileanadh ìre na b’ ìsle tro bhith a’ cleachdadh diofar ro-innleachdan.

Coileanadh

Ro dheireadh S2, bha beagan a bharrachd air dara leth na cloinne a’ coileanadh nan ìrean nàiseanta iomchaidh ann an sgrìobhadh. Bha dithis às gach triùir a’ coileanadh nan ìrean sin ann an leughadh. Bha an àireamh de sgoilearan a’ coileanadh nas àirde na na h-ìrean sin ann an leughadh air a dhol suas ann an 2005. Ro dheireadh S4 bha a’ chuibhreann de sgoilearan a’ faighinn duaisean Ìre Choitcheann aig Meadhan Ìre no Sàr Ìre air a dhol sìos agus bha e nas ìsle na a’ chuibheasachd nàiseanta ann an 2004 ach chaidh e suas ann an 2005 gu bhith co-ionann ris a’ chuibheasachd nàiseanta. Aig S5/S6 bha a’ chuibhreann de sgoilearan a’ faighinn comharradh A-C aig Eadar-mheadhan 1 nas ìsle na a’ chuibheasachd nàiseanta. Aig Eadar-mheadhan 2, bha sgoilearan a’ coileanadh nas ìsle na bhiodh air a shùileachadh stèidhichte air an toraidhean san Ìre Choitcheann ann an S4. Aig Àrd-ìre bha a’ chuibhreann a’ coileanadh comharradh A-C air a dhol suas gu beagan nas àirde na a’ chuibheasachd nàiseanta. Aig Sàr Àrd-ìre, bha coileanadh na cloinne air leth làidir.

Ghabh feartan eile de choileanadh na cloinne a-steach na leanas.

Matamataig

Ionnsachadh agus teagasg

Thug tidsearan mìneachadh soilleir do sgoilearan fa leth, buidhnean agus clasaichean. Chleachd iad obair-dachaigh gu math. Mar as trice bha teagasg nan leasan aig astar luath, a’ cleachdadh teagasg dìreach agus ceasnachadh èifeachdach gu sgileil gus toirt air sgoilearan smaoineachadh dhaibh fèin. Ann am beagan chlasaichean, gu h-àraidh le sgoilearan a bha a’ coileanadh ìre na b’ ìsle, cha deach feum gu leòr a dhèanamh de na modhan sin. Bha ionnsachadh ann an cuid de chlasaichean air a leasachadh le cleachdadh àireamhairean ghrafaichean. Bha an roinn an dùil barrachd feum a dhèanamh de na gnèithean ICT eile a bhathar a’ cleachdadh mar bùird-gheala eadar-obrachail nuair a bhiodh na goireasan sin air an cur an sàs. Bha dealas agus aire na cloinne math. Bha na gnìomhan a chaidh a thoirt dhaibh a rèir na bha iad air a choileanadh roimhe, agus uile gu lèir, chaidh coinneachadh gu h-èifeachdach ri na feuman ionnsachaidh aca.

Coileanadh

Bha coileanadh ann an S1/S2 air leasachadh gu cunbhalach thar nan trì bliadhna a chaidh seachad. Ro dheireadh S2 choilean mòr-chuid de sgoilearan nan ìrean nàiseanta iomchaidh airson an aois. Do àireamh mhòr de sgoilearan, bha coileanadh mòran nas àirde na na h-ìrean sin. Mar as trice bha a’ chuibhreann de sgoilearan a’ coileanadh duaisean Ìre Choitcheann aig Sàr Ìre ann an S4 agus comharradh A-C aig Àrd-ìre ann an S5/S6 os cionn na cuibheasachd nàiseanta. Bha na figearan sin na b’ ìsle ann an 2004 na bha iad sna bliadhnachan roimhe sin ach bha iad na b’ fheàrr ann an 2005, mar a bha na figearan co-fhreagarrach airson Eadar-mheadhan 2. Fhuair mòran de na tagraichean ann an S6 airson Sàr Àrd-ìre comharradh A-C.

Ghabh feartan eile de choileanadh na cloinne a-steach na leanas.

Gàidhlig

Ionnsachadh agus teagasg

Anns na leasain a chaidh an sgrùdadh, thug an t-aon thidsear san roinn mìneachadh agus stiùireadh soilleir agus rinn i feum sàr-mhath de Ghàidhlig mar mheadhan teagaisg. Rinn i feum fìor mhath de cheasnachadh airson ionnsachadh na cloinne a bheothachadh. Ann an clasaichean, thug suidheachaidhean nàdarra bho chultar agus eachdraidh na Gàidhlig agus bho chuspairean air feadh a’ chlàr-teagaisg dùbhlan don chloinn agus chuir e ri an ionnsachadh. Bha a’ chuid a bu mhotha de sgoilearan fìor dhealasach agus bha mòran dhiubh glè dheònach freagairt ri ceistean agus ann an deasbad. Thug an tidsear taic fa leth fìor mhath do sgoilearan rè nan leasan. Rinn gnìomhan agus obair air an deagh thaghadh a rèir feuman na cloinne cinnteach gun dèanadh iad adhartas math ann an togail sgilean sa Ghàidhlig. Fhuair sgoilearan stiùireadh fìor mhath air mar a leasaicheadh iad an obair.

Coileanadh

Aig S1, rinn sgoilearan a bha a’ dèanamh Gàidhlig adhartas math a’ leasachadh an sgilean ann an èisteachd, labhairt, leughadh agus sgrìobhadh. Bha iad a’ togail air na bha iad air ionnsachadh sa bhun-sgoil. Aig S1 gu S4 bha sgoilearan Gàidhlig air deagh phìosan de rosg fada a sgrìobhadh. Aig S3 bha fuaimneachadh math, pongail aig luchd-ionnsachaidh Gàidhlig agus sheall iad gu robh iad a’ fàs na b’ fheàrr air tuigsinn stiùireadh an tidseir ann an Gàidhlig. Anns na trì bliadhna a chaidh seachad bha am beagan thagraichean airson Ìre Choitcheann uile air duaisean Sàr Ìre no Meadhan Ìre a choileanadh. Aig Àrd-ìre choilean a h-uile tagraiche comharradh A-C.

Ghabh feartan eile de choileanadh na cloinne a-steach na leanas.

Foghlam corporra

Ionnsachadh agus teagasg

Rinn tidsearan eagrachadh fìor mhath air leasain, ag ullachadh suidheachaidhean ionnsachaidh a ghlac aire na cloinne. Ghabh deagh chùisean a-steach teagasg dìreach fìor èifeachdach. Bha astar an ionnsachaidh fìor mhath. Thug ìrean àrda obair prataigeach dùbhlain iomchaidh do sgoilearan, ris an do dhèilig iad gu math. Rinn sgoilearan co-obrachadh agus eadar-obrachadh math. Ann an clasaichean a’ leantainn cùrsaichean barrantaichte bha ICT air a chleachdadh gu h-èifeachdach gus cur ri ionnsachadh na cloinne. Chaidh coinneachadh gu math ri feuman na cloinne tro roghainnean a thoirt dhaibh air cùrsaichean agus gnìomhan. Thug tidsearan fiosrachadh feumail air ais do sgoilearan air mar a leasaicheadh iad an coileanadh.

Coileanadh

Bha cha mhòr a h-uile sgoilear a’ dèanamh fìor mhath san obair-cùrsa aca. Aig S3/S4 bha a’ chuibhreann de sgoilearan a’ faighinn duaisean Sàr Ìre aig an Ìre Choitcheann mòran nas àirde na a’ chuibheasachd nàiseanta. Aig S5/S6 bha a’ chuibhreann de sgoilearan a’ faighinn comharradh A-C aig Àrd-ìre mòran nas àirde na a’ chuibheasachd nàiseanta. Rinn sgoilearan nas fheàrr gu cunbhalach aig Àrd-ìre ann am foghlam corporra na bhiodh air a shùileachadh bhon coileanadh aig Ìre Choitcheann. Aig Ìre Choitcheann agus aig Àrd-ìre rinn sgoilearan nas fheàrr ann am foghlam corporra na rinn iad anns na cuspairean eile aca, agus bha àireamh thagraichean aig gach ìre os cionn na cuibheasachd nàiseanta.

Ghabh feartan eile de choileanadh na cloinne a-steach na leanas.

5. Dè cho math ’s a tha an taic do sgoilearan?

Bha ullachadh fìor mhath san sgoil airson cùram, sochair agus dìon sgoilearan. Bha an sgioba ùr-fhastaichte de thriùir phrìomh thidsearan aoghaireil air obair-sgioba math a dhèanamh agus thug iad taic mhòr dha chèile. Bha sgoilearan a’ faireachdainn gu robh e furasta bruidhinn ri na tidsearan aoghaireil aca agus gun do dhèilig iad ri na h-iomagainean aca ann an dòigh iomchaidh agus mhothachail. Chuidich an sàr siostam budaidh ann an S1 leis an ullachadh fìor mhath airson gluasad sgoilearan bho P7 gu S1 agus chuir pàrantan agus sgoilearan S1 meas air.

Bha na cothroman do sgoilearan an sgilean pearsanta is sòisealta agus an sgilean airson saoranachd anns an sgoil san fharsaingeachd a leasachadh fìor mhath. Thug an taghadh fìor fharsaing de chur-seachadan taobh a-muigh na sgoile agus gnìomhan iomairt cothroman fìor èifeachdach do sgoilearan ionnsachadh mu stiùireadh agus a bhith nan saoranaich èifeachdach. Chruinnich an sgioba aoghaireil fiosrachadh mu choileanadh agus ùidhean na cloinne gu cunbhalach ach cha do chum iad sùil no cunntas cunbhalach gu leòr air an adhartas a thaobh foghlaim. Uile gu lèir, bha am prògram airson PSE iomchaidh, ach gu tric cha b’ e stuthan ionnsachaidh math a bha iad a’ cleachdadh. Cha deach cudrom gu leòr a chur air dèanamh cinnteach gum faigheadh sgoilearan S5/S6 prògram le structair a bheireadh taic dhaibh a’ gluasad a-mach às an sgoil gu obair no foghlam adhartach agus àrd-ìre.

Bha an t-ullachadh airson stiùireadh mun chlàr-teagaisg agus dreuchdan fìor mhath. Bha fiosrachadh mionaideach air a thoirt mu chùrsaichean aig gach ìre eadar-ghluasaid, agus bha misneachd aig sgoilearan ann an cleachdadh ICT airson taic le dèanamh co-dhùnaidhean. Choinnich luchd-teagaisg aoghaireil ri gach sgoilear fa leth gus beachdachadh air roghainnean cùrsa mar a bha iad a’ gluasad bho ìre gu ìre. Rinn a h-uile sgoilear an S4 eòlas obrach agus chaidh ceangal a dhèanamh ri Colaiste Taobh Tuath na Gaidhealtachd gus cùrsaichean dreuchdail ullachadh do chuid de na sgoilearan. Thug neach-comhairle Careers Scotland taic fìor mhath do sgoilearan aig na h-ìrean eadar-ghluasaid agus còmhla ri neach-cuideachaidh leabharlainn na sgoile bha iad air earrann comhairle-dreuchd fìor mhath a chur ann an leabharlann na sgoile.

Bha an sgioba thidsearan taic ionnsachaidh agus luchd-taice air an deagh chleachdadh gus coinneachadh ri feuman sgoilearan le duilgheadasan ionnsachaidh no giùlain. Bha ullachadh airson coinneachadh ri feuman sgoilearan fa leth fìor mhath. Dh’ullaich tidsearan taic ionnsachaidh cunntasan fìor fheumail air na sgoilearan a bha air an co-roinn ri pàrantan agus luchd-teagaisg. Thug iad comhairle shoilleir do thidsearan clas air mar a bheireadh iad taic do sgoilearan fa leth agus bha iad ag obair còmhla riutha ann an clasaichean. Dh’obraich an àireamh bheag de sgoilearan a bha a’ faighinn taic teagaisg gu mhath air cùrsaichean stèidhichte san sgoil no prògraman Teisteanasan Nàiseanta aig ìre Inntrigidh. Choilean sgoilearan a bha a’ faighinn ullachadh sònraichte airson deuchainnean gu math ann an deuchainnean bho thaobh a-muigh na sgoile. Chleachd luchd-teagaisg a thug taic do sgoilearan prògraman agus ro-innleachdan air leth math airson taic fìor èifeachdach do sgoilearan le dòigh-giùlain dùbhlanach. Bha prògraman foghlaim pearsanta (IEPan) aig beagan sgoilearan aig an robh cuimsean iomchaidh fad-ùine agus geàrr-ùine. Cha robh na cuimsean air an co-roinn math gu leòr ri luchd-teagaisg no pàrantan.

Bha iar-cheannard fìor èifeachdach le toirt gu chèile diofar bhuidhnean co-phàirteach gus dèanamh cinnteach gun coinneachadh iad ri feuman na cloinne. Bha meas mòr aig luchd-obrach na sgoile agus na buidhnean sin air. Aig coinneamhan sònraichte mu fheumalachdan sgoilearan gach seachdain fhuair luchd-teagaisg agus sgoilearan fiosrachadh mu na ro-innleachdan taic a bha rim faighinn san sgoil. Nuair a bha feum air, bha tuilleadh taic ri fhaotainn bho choinneamhan Buidheann Ceangail na Sgoile (SLG) anns an robh cuid de na buidhnean pàirteachais. Bha ullachadh èifeachdach stèidhichte airson planaichean-gnìomha air an dealbh aig na coinneamhan sin a sgrùdadh agus am buaidh air beatha na cloinne a mheasadh.

6. Dè cho math ’s a tha an suidheachadh ionnsachaidh?

Cuspair

Beachd

Càileachd nan togalaichean agus nan goireasan

Bha taobh a-staigh na sgoile fìor mhath is air a cumail suas le sgeadachadh soilleir agus brèagha. Ghabh na goireasan airson foghlam corporra a-steach amar-snàmh a bha air a cleachdadh gu tric agus deagh raon-cluiche fuadain a-muigh. Bha stoc math leabhraichean san leabharlann a bha na sgoilearan a’ cleachdadh gu tric. Bha ìre fìor mhath de ghoireasan ICT innte, a’ gabhail a-steach cothrom math air an eadra-lìon. Ach, bha àireamh mhòr de laigsean san togalach a thug droch bhuaidh air càileachd beatha na cloinne. Bha toileat nan sgoilearan ann an droch staid agus gun siabann no uisge teth. Cha robh goireasan ann do sgoilearan no inbhich le ciorram airson faighinn nas fhaide na an fhor-thalla. Bha ullachadh airson tèarainteachd feumach air sgrùdadh. Bha ceàrnaidhean sòisealta nan sgoilearan fìor bheag. Chaidh beagan chùisean slàinte agus sàbhailteachd eile a thoirt gu aire na sgoile agus an ùghdarras foghlaim. Uile gu lèir, bha càileachd nan togalaichean iomchaidh.

Suidheachadh agus dàimh, sùileachadh agus adhartachadh coileanaidh agus co-ionannachd

Bha an suidheachadh san sgoil fìor aoigheil agus càirdeil. Bha sgoilearan air leth modhail, agus bha dàimhean fìor mhath eadar sgoilearan agus luchd-teagaisg. Sheall sgoilearan agus luchd-teagaisg gu robh iad toilichte leis an sgoil. Dhèilig sgoilearan gu fìor mhath ri sùileachadh àrd an luchd-teagaisg a thaobh obair-sgoile. Cha robh sùileachadh àrd gu leòr aig cuid den luchd-teagaisg airson coileanadh na cloinne. Rinn cha mhòr a h-uile neach-teagaisg deagh fheum de mholadh airson brosnachadh agus misneachd a thoirt do sgoilearan. Bha àite agus comharrachadh èifeachdach air a thoirt do choileanadh sgoilearan san fharsaingeachd bho àm gu àm aig co-chruinneachaidhean agus ann an litir-naidheachd na sgoile, agus air bùird agus taisbeanaidhean coileanaidh. Riochdaich sgoilearan aig a h-uile ìre an sgoil ann an co-fharpaisean agus cluich ciùil. Bha mothachadh làidir aca air co-ionannachd agus cothromachd. Bha an sgoil a’ cur fàilte air cloinn le feuman taic a bharrachd agus air ionnsachadh diofar chànainean Eòrpach. Ach, bha barrachd ri dhèanamh ann an adhartachadh tuigse na cloinne mu phoileasaidh na sgoile air cùisean a bhuineas do chothrom co-ionann mar co-ionannachd cinnidh. Leis nach robh cothrom aig ciorramaich faighinn gu pàirtean den togalach cha b’ urrainn dhaibh làn chom-pàirt a ghabhail ann am beatha agus obair na sgoile. Bha òrduighean cràbhachd ann gu cunbhalach.

Co-obrachadh le pàrantan agus a’ choimhearsnachd

Bha fiosrachadh fìor mhath air a thoirt do phàrantan tro litir-naidheachd air a deagh ullachadh gach mìos. Bha aithisgean gu pàrantan air adhartas na cloinne aca feumail ach cha tug iad beachd fhathast air PSE. Bha an sgoil math air bruidhinn ri pàrantan nuair a bha uallach ann mu adhartas no modh sgoileir. Chaidh comhairle a chur ri pàrantan mu chùisean mar còd èididh na sgoile. Bha ceanglaichean fìor èifeachdach aca ri diofar bhuidhnean air an taobh a-muigh tron SLG. Rinn am prògram eòlas obrach ceanglaichean feumail ri mòran ghnothachasan ionadail. Bha an sgoil ag obair gu dlùth le TRACC, a’ chomhairle choimhearsnachd agus a’ co-obrachadh le Bòrd na Sgoile agus am PTA. Thug ullachadh stèidhichte le bun-sgoiltean na sgìre cothrom do sgoilearan gluasad gu furasta bho P7 gu S1. Choinnich an sgoil ris na bun-sgoiltean sin trì uairean gach bliadhna gus cumail a’ dol le leasachadh ceanglaichean curaicealaim. O chionn ghoirid bha iad a’ coimhead ri nua-chànainean.

7. Leasachadh na sgoile

Ann an cha mhòr a h-uile cuspair choilean sgoilearan ann an Acadamaidh Rìoghail Bhaile Dhubhthaich fìor mhath ann an deuchainnean SQA. Ann an co-fharpaisean ciùil, dràma, bàrdachd agus spòrs rinn sgoilearan coileanadh fìor soirbheachail ann an iomadh cuspair. Ach, ann am beagan roinnean, bha càileachd coileanadh na cloinne lag. Gu tric bha ionnsachadh agus teagasg fìor mhath. Bha mòran thidsearan air tòiseachadh èifeachdach a dhèanamh air ICT fhilleadh a-steach sna leasain aca. Fhuair sgoilearan feuman taic a bharrachd taic fìor mhath. Bha prìomh neartan ann an cùram aoghaireil agus stiùireadh curaicealaim agus dhreuchdan. Ach, bha beagan laigsean sa phrògram PSE agus cha robh modhan na sgoile airson suidheachadh chuimsean, cumail cunntas agus sùil air adhartas sgoilearan adhartach gu leòr.

Anns na 18 mìosan a bha e san dreuchd thug an ceannard stiùireadh math agus stèidhich e dàimhean fìor mhath ri sgoilearan, pàrantan agus luchd-teagaisg. Thug e a-steach àireamh de leasachaidhean ann am fèin-mheasadh agus chuir e cudrom làidir air leasachadh ionnsachadh agus teagasg. Bha eòlas fìor mhath aige air na sgoilearan agus bha e soilleir gum b’ urrainn dha neartan agus laigsean ann an solarachadh a chomharrachadh. Bha amas soilleir aige airson leasachadh na sgoile ach cha robh e air an amas a làn mhìneachadh do sgoilearan, pàrantan agus luchd-teagaisg. Bha e soirbheachail ann an tuilleadh neartachadh air ceanglaichean ri TRACC agus ann an leudachadh pàirt na sgoile aig cridhe na coimhearsnachd. Bha an sgioba àrd luchd-stiùiridh air a dèanamh suas de thriùir iar-cheannardan eile, aon dhiubh na iar-cheannard an gnìomh. Bha iad uile fìor èifeachdach anns na roinnean uallaich sònraichte aca agus bha comas aca a bhith nan sgioba fìor èifeachdach. Rinn a’ chuid as motha de phrìomh thidsearan stiùireadh fìor mhath air na roinnean aca agus bha beagan roinnean air an stiùireadh gu h-èifeachdach le tidsearan neo-àrdaichte. Bha an sgoil ag atharrachadh a structair airson dreuchdan àrdaichte aig ìre prìomh thidsear, ach bha adhartas slaodach. Thug mòran den luchd-teagaisg stiùireadh fìor mhath ann an tachartasan taobh a-muigh na sgoile, ann an ceòl traidiseanta mar eisimpleir. Bha àireamh de bhuidhnean-obrach san sgoil, le cuid dhiubh air an stiùireadh le luchd-teagaisg neo-àrdaichte.

Bha a h-uile neach-teagaisg an sàs ann am fèin-mheasadh na sgoile. Ghabh na diofar mhodhan a-steach coimhead air obair sa chlas agus a’ toirt beachd le luchd-teagaisg àrdaichte, mion-sgrùdadh cunbhalach air toraidhean dheuchainnean agus air adhartas le iomairtean leasachadh. Dh’ullaich a h-uile roinn sgrùdaichte measaidh air an obair stèidhichte air comharran nàiseanta. Ghabh obair a thàinig bho thoraidhean fèin-mheasadh a-steach seiseanan feasgair airson leasachadh dreuchdail leantainneach, agus in-sheirbheis is trèanadh còmhla ri bun-sgoiltean na sgìre. Bha feum air tuilleadh co-chomhairle ri sgoilearan air càileachd an ionnsachaidh agus an teagaisg. Uile gu lèir, bha an sgoil ann an suidheachadh math airson an leasachadh a chumail a’ dol.

Prìomh phuingean gnìomha

Bu chòir don ùghdarras foghlaim agus an sgoil cumail orra a’ toirt càileachd àrd agus a’ leasachadh foghlaim. Ann a bhith a’ dèanamh seo, bu chòir dhaibh aire a thoirt don fheum air:

  • dealbh agus toirt gu buil siostam iomchaidh airson cuimsean pearsanta a shuidheachadh a bheir taic do adhartas agus coileanadh sgoilearan anns gach roinn den sgoil;
  • cumail a’ leasachadh modhan airson sgrùdadh agus measadh obair na sgoile gus dèanamh cinnteach gum bi iad nam meadhanan èifeachdach airson leasachadh air ionnsachadh, teagasg agus coileanadh;
  • dèanamh cinnteach gum bi na fìor dhòighean-teagaisg as fheàrr air an sgaoileadh tron sgoil gu lèir; agus
  • dèiligeadh ris na cùisean slàinte agus sàbhailteachd air an comharrachadh san sgrùdadh, a’ gabhail a-steach ruigsinneachd.

Dè thachras a-nis?

Chaidh iarraidh air an sgoil agus an ùghdarras foghlaim plana-gnìomha ullachadh a’ sealltainn mar a dhèiligeas iad ri prìomh cho-dhùnaidhean na h-aithisge, agus am plana sin a cho-roinn ri pàrantan agus luchd-cùraim. Anns an eadar-ama, cumaidh Luchd-sgrùdaidh na Bànrigh orra a’ co-obrachadh leis an ùghdarras foghlaim a thaobh cùisean slàinte agus sàbhailteachd. Taobh a-staigh dà bhliadhna bho cheann-là foillseachaidh na h-aithisge seo thèid innse do phàrantan agus luchd-cùraim mun adhartas a rinn an sgoil.

Donnchadh MacGuaire

Neach-sgrùdaidh na Bànrigh

24 Faoilleach 2006

Pàipear-taice 1 Cuimsean càileachd

Tha na h-earrannan sa chlàr shìos a’ leantainn òrdugh nan cuimsean càileachd san aithisg seo. Gheibh sibh na prìomh bheachdan a chaidh a thoirt umpa anns na h-earrannan sin. Ach, buinidh roinnean cuid de na cuimsean càileachd do earrannan eile den aithisg agus dh’fhaodadh gum bi iomradh orra annta sin cuideachd.

Dè cho math ’s a tha ionnsachadh, teagasg agus coileanadh?

Eagrachadh a’ chlàr-teagaisg

Math

An teagasg

Math

Suidheachaidhean ionnsachaidh na cloinne

Math

Coinneachadh ri feuman sgoilearan

Math

Càileachd a’ choileanaidh san fharsaingeachd: S1/S2

Math

Càileachd a’ choileanaidh san fharsaingeachd: S3/S4

Math

Càileachd a’ choileanaidh san fharsaingeachd: S5/S6

Fìor mhath

Dè cho math ’s a tha an taic do sgoilearan?

Cùram aoghaireil

Fìor mhath

Leasachadh pearsanta is sòisealta

Math

Stiùireadh curaicealaim agus dhreuchdan

Fìor mhath

Taic ionnsachaidh

Fìor mhath

Dè cho math ’s a tha an àrainneachd ionnsachaidh?

Togalaichean agus goireasan

Iomchaidh

Suidheachadh agus dàimhean

Fìor mhath

Sùileachadh agus adhartachadh coileanaidh

Fìor mhath

Co-ionannachd agus cothromachd

Math

Co-obrachadh le pàrantan, Bòrd na Sgoile agus a’ choimhearsnachd

Fìor mhath

Leasachadh na sgoile

Stiùireadh na sgoile

Math

Buaidh agus cleachdadh luchd-teagaisg le uallaichean a bharrachd

Math

Fèin-mheasadh

Math

Tha an aithisg seo a’ cleachdadh an sgèile fhaclan a leanas airson soilleireachadh air breithneachadh an luchd-sgrùdaidh:

sàr-mhath

sàr-mhath

fìor mhath

prìomh neartan

math

neartan cudromach le roinnean a dh’fheumar leasachadh

iomchaidh

neartan dìreach os cionn laigsean

lag

laigsean cudromach

neo-thaitneach

prìomh laigsean

Pàipear-taice 2 Geàrr-chunntas air freagairtean ceisteachain

Na rudan a shaoil pàrantan a rinn an sgoil gu math

Na rudan a shaoil pàrantan a dh’fhaodadh an sgoil a dhèanamh nas fheàrr

Bha cha mhòr na h-uile a’ faireachdainn:

  • gu robh deagh chliù aig an sgoil sa choimhearsnachd;
  • gu robh tidsearan math air innse dhaibh mu neartan agus laigsean na cloinne aca;
  • gun do chuir luchd-teagaisg fàilte orra san sgoil;
  • gun robh an sgoil a’ dèiligeadh ri cùis iomagain sam bith a thogadh iad; agus
  • gu robh an sgoil air a deagh stiùireadh.

Bha beag-chuid cudromach ag iarraidh:

  • tuilleadh fiosrachaidh mu phrìomh-amasan leasachaidh na sgoile;
  • barrachd co-chomhairle air co-dhùnaidhean a bheir buaidh air an cuid chloinne;
  • togalaichean na sgoile a bhith air an cumail ann an òrdugh nas fheàrr; agus
  • fiosrachadh nas fheàrr air mar a dh’fhaodadh iad taic a thoirt don chloinn le obair-dachaigh.

Na rudan a shaoil sgoilearan a rinn an sgoil gu math

Na rudan a shaoil sgoilearan a dh’fhaodadh an sgoil a dhèanamh nas fheàrr

Thuirt cha mhòr na h-uile:

  • gu robh iad a’ faireachdainn sàbhailte agus tèarainte;
  • gun d’ fhuair iad air adhart gu math le sgoilearan eile;
  • gu robh an sgoil a’ còrdadh riutha;
  • gun do chuidich tidsearan iad nuair a bha duilgheadasan aca; agus
  • gun do shuidhich tidsearan ìrean-coileanaidh àrda do na sgoilearan.

Bha beag-chuid ag iarraidh:

  • leasachadh air giùlan cuid de sgoilearan; agus
  • barrachd com-pàirt a bhith aca ann an leasachadh na sgoile.

Na rudan a shaoil sgoilearan a rinn an sgoil gu math

Na rudan a shaoil luchd-teagaisg a dh’fhaodadh an sgoil a dhèanamh nas fheàrr

Thuirt cha mhòr na h-uile:

  • gu robh e a’ còrdadh riutha a bhith ag obair san sgoil;
  • gu robh coileanadh na cloinne air a chomharrachadh gu cunbhalach;
  • gu robh deagh chothroman aca com-pàirteachadh ann an co-dhùnaidhean; agus
  • gu robh conaltradh èifeachdach am measg luchd-teagaisg.

Bha beag-chuid ag iarraidh:

  • conaltradh nas fheàrr eadar àrd luchd-stiùiridh agus luchd-teagaisg;
  • àrd luchd-stiùiridh a bhith ag obrachadh nas motha mar sgioba; agus
  • dèiligeadh nas èifeachdaiche ri dìth-smachd.

Pàipear-taice 3 Coileanadh ann an Teisteanasan Nàiseanta Ùghdarras Theisteanasan na h-Alba (SQA)

Ìrean Frèam-obrach Creideis agus Theisteanasan na h-Alba (SCQF):
7: Sàr Àrd-ìre aig A-C/CSYS aig A-C
6: Àrd-ìre aig A-C
5: Eadar-mheadhan 2 aig A-C; Ìre Choitcheann aig 1-2
4: Eadar-mheadhan 1 aig A-C; Ìre Choitcheann aig 3-4
3: Cùrsaichean Access 3; Ìre Choitcheann aig 5-6

Àireamh sa cheud de rolla iomchaidh S4 a’ coileanadh ro dheireadh S4

2003

2004

20053

Beurla agus Matamataig @ Ìre 3

Acadamaidh Rìoghail Bhaile Dhubhthaich

90

95

94

Coimeas air Sgoiltean 4

92

91

93

Nàiseanta

91

91

90

5+ @ Ìre 3 no nas fheàrr

Acadamaidh Rìoghail Bhaile Dhubhthaich

93

95

93

Coimeas air Sgoiltean

91

90

91

Nàiseanta

91

91

90

5+ @ Ìre 4 no nas fheàrr

Acadamaidh Rìoghail Bhaile Dhubhthaich

81

82

76

Coimeas air Sgoiltean

76

75

74

Nàiseanta

76

77

76

5+ @ Ìre 5 no nas fheàrr

Acadamaidh Rìoghail Bhaile Dhubhthaich

37

35

33

Coimeas air Sgoiltean

29

30

26

Nàiseanta

34

35

34

Àireamh sa cheud de rolla iomchaidh S4 a’ coileanadh ro dheireadh S5

2003

2004

20053

5+ @ Ìre 4 no nas fheàrr

Acadamaidh Rìoghail Bhaile Dhubhthaich

91

86

85

Coimeas air Sgoiltean 4

77

77

76

Nàiseanta

78

78

78

5+ @ Ìre 5 no nas fheàrr

Acadamaidh Rìoghail Bhaile Dhubhthaich

58

50

52

Coimeas air Sgoiltean

39

39

42

Nàiseanta

45

45

45

1+ @ Ìre 6 no nas fheàrr

Acadamaidh Rìoghail Bhaile Dhubhthaich

43

47

43

Coimeas air Sgoiltean

34

35

33

Nàiseanta

39

39

38

3+ @ Ìre 6 no nas fheàrr

Acadamaidh Rìoghail Bhaile Dhubhthaich

24

26

22

Coimeas air Sgoiltean

17

18

18

Nàiseanta

23

23

22

5+ @ Ìre 6 no nas fheàrr

Acadamaidh Rìoghail Bhaile Dhubhthaich

17

13

9

Coimeas air Sgoiltean

7

6

7

Nàiseanta

10

9

9

Àireamh sa cheud de rolla iomchaidh S4 a’ coileanadh ro dheireadh S6

2003

2004

20053

5+ @ Ìre 5 no nas fheàrr

Acadamaidh Rìoghail Bhaile Dhubhthaich

60

62

54

Coimeas air Sgoiltean 4

46

43

41

Nàiseanta

47

47

47

1+ @ Ìre 6 no nas fheàrr

Acadamaidh Rìoghail Bhaile Dhubhthaich

53

53

51

Coimeas air Sgoiltean

40

38

38

Nàiseanta

44

44

43

3+ @ Ìre 6 no nas fheàrr

Acadamaidh Rìoghail Bhaile Dhubhthaich

35

35

31

Coimeas air Sgoiltean

27

24

25

Nàiseanta

31

31

30

5+ @ Ìre 6 no nas fheàrr

Acadamaidh Rìoghail Bhaile Dhubhthaich

25

25

24

Coimeas air Sgoiltean

16

15

14

Nàiseanta

20

20

19

1+ @ Ìre 7 no nas fheàrr

Acadamaidh Rìoghail Bhaile Dhubhthaich

15

15

14

Coimeas air Sgoiltean

10

9

8

Nàiseanta

12

12

12

Ciamar a gheibh sibh fios thugainn?

Ma tha sibh ag iarraidh lethbhreac a bharrachd den aithisg seo

Chaidh lethbhric den aithisg seo a chur gu ceannard agus luchd-obrach na sgoile, Stiùiriche an Fhoghlaim, a’ Chultair & an Spòrs, comhairlichean ionadail agus buill iomchaidh de Phàrlamaid na h-Alba. Neach sam bith a tha ag iarraidh lethbhreac an asgaidh tha còir aige cur ga iarraidh gu Luchd-sgrùdaidh na Bànrigh airson Foghlaim, Argyll House, 3rd Floor, Marketgait, Dun Deagh DD1 1QP no fònadh 01382 349999. Tha e ri fhaotainn cuideachd air an làrach-lìn againn www.hmie.gov.uk.

Ma tha sibh airson beachd a thoirt air sgrùdaidhean àrd-sgoiltean

Neach sam bith a tha airson beachd a thoirt mu nì sam bith a bhuineas do sgrùdaidhean àrd-sgoiltean, tha còir aige sgrìobhadh an toiseach gu Frank Crawford, HMCI, aig Luchd-sgrùdaidh na Bànrigh airson Foghlaim, Europa Building, 450 Sràid Earra-Ghàidheal, Glaschu G2 8LG.

Ar modh gearain

Ma tha gearan agaibh mun aithisg seo, bu chòir sgrìobhadh an toiseach gu Hazel Dewart, Business Management Unit, Luchd-sgrùdaidh na Bànrigh airson Foghlaim, Taigh Denholm, Pàirc Ghnìomhachais Almondvale, Slighe Almondvale, Baile Lèibhinn EH54 6GA. Tha lethbhreac den mhodh-gearain againn ri fhaotainn bhon oifis seo no fònadh 01506 600258 no bhon làrach-lìn againn aig www.hmie.gov.uk.

Ma tha sibh mì-thoilichte leis na tha sinn air a dhèanamh aig deireadh a’ mhodh-gearain againn, faodaidh sibh ur gearan a thogail le Ombudsman Seirbheisean Poblach na h-Alba. Tha Ombudsman Seirbheisean Poblach na h-Alba gu tur neo-eisimeileach le ùghdarras airson gearanan an aghaidh Roinnean agus Buidhnean Riaghaltais a rannsachadh. Bu chòir dhuibh sgrìobhadh gu Ombudsman Seirbheisean Poblach na h-Alba, 4-6 Sràid Melville, Dùn Èideann EH3 7NS. Faodaidh sibh cuideachd fònadh 0870 011 5378 no post-dealain enquiries@scottishombudsman.org.uk. Gheibhear tuilleadh fiosrachaidh mu oifis an Ombudsman bhon làrach-lìn: www.scottishombudsman.org.uk.

Còraichean glèidhte leis a’ Chrùn 2006

Luchd-sgrùdaidh na Bànrigh airson Foghlaim

Faodar lethbhreac a dhèanamh den aithisg seo gu h-iomlan no de earrann dhi, ach chan fhaodar a chleachdadh ann am malairt no ann an co-cheangal ri leabhran-fiosrachaidh no sanas, agus feumar iomradh a thoirt air an aithisg agus ceann-là a foillseachaidh.

Footnotes

1. Tron aithisge seo, bu chòir tuigsinn gu bheil am facal ‘pàrantan’ a’ gabhail a-steach luchd-cùraim dalta, luchd-teagaisg cùram còmhnaidheach agus luchd-cùraim a tha nan càirdean no caraidean.
2. Ìrean Frèam-obrach Creideas agus Teisteanasan na h-Alba (SCQF):
    7: Sàr Àrd-ìre aig A-C/CSYS aig A-C
    6: Àrd-ìre aig A-C
    5: Eadar-mheadhan 2 aig A-C; Ìre Choitcheann aig 1-2
    4: Eadar-mheadhan 1 aig A-C; Ìre Choitcheann aig 3-4
    3: Cùrsaichean Access 3; Ìre Choitcheann aig 5-6
3. Ro Thagradh
4. ’S e coimeas air sgoiltean na deich sgoiltean dìreach os cionn agus na deich sgoiltean dìreach fon sgoil a thathar a’ sgrùdadh a thaobh an àireamh sa cheud de sgoilearan le còir air biadh-sgoile an-asgaidh (FME).