Chaidh na còig pàirtean de Dè cho math ’s a tha an sgoil againn? An t-Slighe gu Sàr-mhathais a dhealbhadh mar mhodh-obrachaidh chiallach, a’ tarraing air an eòlas a tha againn mar-thà mu leasachadh èifeachdach sgoile, ann an Alba is gu h-eadar-nàiseanta. Tha fèin-mheasadh is planadh èifeachdach bunaiteach don mhodh-obrachaidh sin. Thathar a’ faicinn foghlam Albannach mar nì a tha aig fìor thoiseach cleachdadh fèin-mheasaidh, agus thathar ag aithneachadh, gu h-eadar-nàiseanta, na ‘dòigh-obrach Albannaich’ a thaobh leasachadh sgoile, a’ measgachadh fèin-mheasadh is sgrùdadh. Is e an dùbhlan a-nis togail air an neart sin, is dèanamh cinnteach gu bheil gnìomhan is leasachadh, air an deach breithneachadh math a dhèanamh, a’ tighinn à measadh.
Tha an ceangal gu ruige a bhith a’ dol an gnìomh a’ tighinn tro phlanadh, agus is e adhbhar planaidh fuasglaidhean a chruthachadh is a bhuileachadh airson cuideachadh gus barrachd a choileanadh do luchd-ionnsachaidh uile. Tha sin a’ ciallachadh a bhith a’ tuigsinn is a bhith comasach air mìneachadh a thoirt air mar a tha na tha a’ tachairt ann an seòmar-teagaisg a’ buntainn ris na tha luchd-ionnsachaidh a’ coileanadh, is a bhith a’ mion-atharrachadh chleachdaidhean is fhiosraichidhean gus dèanamh cinnteach à tuilleadh leasachaidh do luchd-ionnsachaidh.
’S e modh-obrachaidh meòrachail, proifeiseanta tro bheil sgoiltean is ionadan a’ cur fìor dheagh eòlas orra fhèin, a tha ann am fèin-mheasadh. Tha na deasachaidhean as ùire de Dè cho math ’s a tha an sgoil againn? agus Am Paiste sa Mheadhan air an dealbhadh gus sgoiltean a chuideachadh leis a’ ghnìomh sin. Tha planadh leasachaidh a’ togail air an fhèin-eòlais sin le bhith gur com-pàirteachadh ann a bhith a’ tuigsinn is a’ cur luach air a’ chuid as fheàrr de na nithean a tha againn mar-thà, a’ co-dhùnadh dè dìreach cho math ’s a dh’fhaodas sinn a bhith, agus a’ comharrachadh na slighe as fheàrr air adhart.
’S e A’ Planadh airson Sàr-mhathais Pàirt 4 de An t-Slighe gu Sàr-mhathais. Tha e ag amas air cuideachadh gus planadh leasachaidh a dhèanamh nas sìmplidhe, far a bheil sin riatanach. Tha e a’ daingneachadh cho cudromach ’s a tha e a bhith a’ com-pàirteachadh phàrantan, bhuidhnean com-pàirteachaidh agus an luchd-ionnsachaidh fhèin. Tha e cuideachd a’ stiùireadh an amais gu ruige a bhith a’ dèanamh leasachaidhean soilleir do fhiosraichidhean ionnsachaidh is choileanaidhean chloinne is dhaoine òga sna h-ionadan foghlaim tràth is sna sgoiltean againn.
Graham Donaldson
Àrd-neach-sgrùdaidh na Bànrighe