Tha A’ Planadh airson Sàr-mhathais, Pàirt 4 de Dè cho math ’s a tha an sgoil againn? An t-Slighe gu Sàr-mhathais a’ togail air comhairle a bha ann roimhe a thaobh planadh airson leasachadh1. Tha e a’ sealltainn mar is urrainn do choimhearsnachd na sgoile na tomhasan de mhathas ann anm Pàirt 1 Ag amas air Sàr-mhathais agus Pàirt 2 A’ Sgrùdadh Sàr-mhathais a chleachdadh ri taobh nan comharran càileachd ann am Pàirt 3 Dè cho math ’s a tha sinn an-dràsta2? gus amasan na sgoile a cho-dhùnadh, is mar a tha i dol a ruigsinn sin.
Tha an iùl seo airson gach neach a tha a’ teagasg, a’ toirt taic, is ag obair gus fiosraichidhean ionnsachaidh chloinne is dhaoine òga a leasachadh:
Tha dreuchdan brìoghmhor, ach eadar-dhealaichte, aig na buidhnean seo uile ann a bhith a’ toirt buaidh air a’ mhodh-obrachaidh ionnsachaidh.
Tha A’ Planadh airson Sàr-mhathais a’ toirt planadh leasachaidh chun na h-ath ìre. Tha sgoiltean cleachdte ri bhith a’ foighneachd na ceiste, ‘Dè cho math ’s a tha an sgoil againn?’ Tha sgoiltean na h-Alba a-nis deiseil gus trì ceistean a bharrachd fhoighneachd:
agus