Tha ruitheaman, no cearcallan, fèin-mheasaidh is planadh leasachaidh deagh stèidhichte aig ionadan foghlam tràth, sgoiltean is ùghdarrasan ann an Alba. Tha duilleagan 6-8 de Dè cho math ’s a tha an sgoil againn? agus Am Pàiste sa Mheadhan a’ toirt geàrr-chunntas air na dòighean-obrach as èifeachdaiche a thaobh fèin-mheasadh. Far a bheil planadh aig an ìre as èifeachdaiche, tha fèin-mheasadh air a cheangal gu dìreach ri builean aontaichte do dhaoine òga4. Tha planadh leasachaidh a’ toirt cothrom do sgoiltean is do dh’ionadan dùilean bhon taobh a-muigh agus feumalachdan an luchd-ionnsachaidh aca fhèin a thoirt còmhla. Tha innleachdas a’ tighinn gu bith gu nàdarra tro luchd-obrach5 a bhith ag amas air na dòighean as fheàrr gus freagairt ri feumalachdan chloinne. Is urrainnear innleachdas a ruigsinn tro na modhan-obrachaidh cruthachail aca fhèin no a mhion-atharrachadh bhon chleachdadh math a thathar a’ faicinn ann an àitreabhan is ann am buidhnean eile. Tha dreuchd aig ùghdarrasan foghlaim ann a bhith a’ brosnachadh innleachdas.
Ma tha sgrìobhainnean planaidh air an dealbhadh gu cùramach is ma tha iad cuideachail is ag obrachadh, tha seo a’ cuideachadh luchd-obrach gus am modh-obrachaidh leasachaidh a structaradh is a leasachadh. Ach, dh’fhaoidte gun toir biùrocrasaidh nach eil riatanach aire air falbh bho leasachadh. Bu chòir do phlanadh an luchd-obrach uile a bhrosnachadh gus obrachadh ann an sgioban gus atharrachaidhean is innleachdan a bhios buannachdail do chloinn a thoirt a-steach is a bhuileachadh. Tha dleastanas sònraichte aig ùghdarrasan foghlaim gus dèanamh cinnteach gu bheil sgrìobhainnean air an sgioblachadh.
Tha planadh èifeachdach stèidhichte air meòrachadh is deasbaireachd proifeiseanta. Tha deasbaireachd leithid seo a’ brosnachadh ionnsachadh luchd-obrach, sealbhadaireachd, obair-sgioba agus ceannas6. Tha a bhith ag amas air leasachadh a’ toirt cothrom do luchd-obrach an ‘dealbh mòr fhaicinn’, agus meòrachadh air, is mar sin barrachd ionnsachadh mu, na dreuchdan aca fhèin ann a bhith a’ coileanadh bhuilean matha do chloinn.
Ann am bliadhnachan bho chionn ghoirid, tha sinn air sìor fhàs nas mothachail gur ann leis a’ chloinn fhèin a tha sgoiltean is suidheachaidhean bliadhnachan tràtha agus gu bheil na guthan aca cudromach. Tha dleastanas reachdail aig sgoiltean gus clann is pàrantan a chom-pàirteachadh. Tha dleastanas aig comhairlean phàrant fhèin ìrean àrdachadh is dèanamh cinnteach à leasachaidhean ann an càileachd an fhoghlaim a thathar a’ toirt seachad. Tha an dòigh-obrach a thaobh planadh a tha air a mìneachadh ann an A’ Planadh airson Sàr-mhathais, a’ gabhail ris gu bheil coimhearsnachd àitreabh na sgoile air fad com-pàirtichte ann an dòigh air choireigin ann am planadh airson sàr-mhathais: clann, pàrantan, luchd-obrach agus iadsan leis a bheil an sgoil ag obair ann an com-pàirteachas7. Tha i cuideachd a’ gabhail ris gum bi mothachadh is tuigse gnìomhach ann a thaobh an luchd-ceannais is an luchd-obrach mun dàimh eadar planadh leasachaidh taobh a-staigh an ionaid no na sgoile, agus a’ choimhearsnachd as fharsainge agus planadh sheirbheisean. San dòigh seo, bidh àitreabhan a’ cur ri leasachadh dhòighean-obrach chiallach a thaobh a bhith a’ leasachadh bheathannan chloinne is dhaoine òga.