Tha planadh airson sàr-mhathais a’ gabhail a-steach ceithir prìomh gnìomhan colaisteach.
Dè cho math ’s a tha an sgoil againn?
Dè cho math ’s is urrainn dhuinn a bhith?
Ciamar a ruigeas sinn sin?
Dè tha sinn air a choileanadh?

Chan e slighe chunbhalach a tha an còmhnaidh ann an adhartas. Chan eil e neo-àbhaisteach do sgoiltean fa leth tighinn gu àite còmhnard, far nach eil iad a’ dìreadh, air an t-slighe gu sàr-mhathais, is tha seo air a thaisbeanadh ann an ìrean coileanaidh nan sgoilearan. Chan eil sin a’ ciallachadh nach eil iad fhathast ag obair gu ruige sàr-mhathais. Gun teagamh, tha iad buailteach a bhith a’ leantainn air adhart ag ionnsachadh mu na tha a’ dèanamh eadar-dhealachadh fìor.
Ann a bhith a’ sireadh leasachadh leantainneach tha e cudromach gun amais sgoiltean air na nithean a tha fios againn a tha nan stiùirean airson leasachadh. Tha na stiùirean no na tomhasan seo air am mìneachadh gu mionaideach ann am Pàirt 2 A’ Sgrùdadh Sàr-mhathais agus tha iad a’ sgaoileadh thar ionnsachadh is teagasg, lèirsinn is ceannas, com-pàirteachasan, a bhith a’ com-pàirteachadh is a’ leasachadh dhaoine agus spiorad de dhùilean àrda. Tha sgrùdaidhean HMIE a’ sealltainn nach eil fèin-mheasadh an còmhnaidh air amas air na prìomh fheartan a thaobh nan tomhasan seo leithid cleachdadh seòmar-teagaisg, a’ coinneachadh ri feumalachdan agus ionnsachadh proifeiseanta gach neach-ionnsachaidh.
Tha luchd-obrach cuideachaidh a-nis aig sgoiltean is ionadan, a tha mar-thà a’ taisbeanadh neartan thar raon de na cleachdaidhean aca, airson an cuideachadh gus an t-atharrachadh ceuma sin a dhèanamh bho mhath gu sgoinneil. Tha iad buailteach dòighean-obrach a ghabhail os làimh a tha ag amas air lìbhrigeadh. Agus tha sgoiltean leithid seo buailteach deagh dhàimh a bhith aca le, is taic bho, phàrantan agus an t-ùghdarras foghlaim. Is iad na h-àitreabhan a tha mar-thà fìor eòlach orra fhèin nas buailtiche a bhith deiseil gus na dòighean-obrach seo a chleachdadh.
Amas air lìbhrigeadh A’ lèirsinn: tha coimhearsnachd na sgoile air fad a’ dèanamh dealbh den t-seòrsa sgoil a bu toil leotha, bidh iad ag obrachadh a-mach na dh’fheumas iad a dhèanamh gus seo a choileanadh, agus an uair sin ‘a’ dol air a thòir’. Cleachdaibh dòighean-obrach misneachail is cruthachail, leithid Ceasnachadh Luachail:
|