[<<<] [Clà-innse] [>>>]

DÈ CHO MATH ’S A THA AN SGOIL AGAINN? AN T-SLIGHE GU SÀR-MHATHAIS: PÀIRT 4: A’ PLANADH AIRSON SÀR-MHATHAIS

 Ag aontachadh ur lèirsinn is ur luachan

Rinn Achd nan Ìrean ann an Sgoiltean na h-Alba msaa 2000 mìneachadh soilleir air adhbhar foghlam sgoile: "gus brosnachadh a thoirt air leasachadh pearsa, tàlantan agus comasan inntinn is corporra an neach òig gu an làn comais".

Tha an Achd a’ stèidheachadh lèirsinn fharsaing airson foghlam na h-Alba a lìbhrigeadh tro fhrèam leasachaidh a tha a’ ceangal seata de phrìomhachasan nàiseanta, amasan airson leasachadh ionadail agus builean airson luchd-ionnsachaidh ann am planaichean-leasachaidh sgoile. Chaidh tuilleadh gleusaidh a dhèanamh air an lèirsinn nàiseanta leis an amas a bhith a’ dèanamh cinnteach gu bheil clann air am beathachadh, sàbhailte, gnìomhach, fallain, a’ coileanadh, in-ghabhailte, a’ faighinn spèis agus cunntachail.

Dh’ath-aithris an Curraicealam airson Sàr-mhathais na h-adhbharan iomlan aig siostam an fhoghlaim do chloinn is do dhaoine òga aois 3 gu 18 a rèir ceithir prìomh chomasan. Tha e a’ mìneachadh an rùin do gach pàiste is neach òg a bhith nan luchd-ionnsachaidh soirbheachail, nan daoine misneachail, nan saoranaich ciallach agus nan com-pàirtichean èifeachdach don chomann-shòisealta is aig an obair.

Nuair a nì gach neach a tha an lùib na sgoile sgrùdadh air an luachan is an lèirsinn còmhla, is urrainn don sgoil sealbh co-roinnte a choileanadh, agus tha seo na eileamaid riatanach den mhodh-obrachaidh leasachaidh. Feumaidh lèirsinn na sgoile agaibh a bhith fiùghantach, is thèid a gleusadh fhad ’s a bhios an t-slighe agaibh gu ruige sàr-mhathais a’ dol air adhart. Tha an t-eòlas againn fhèin ag innse dhuinn gu bheil lèirsinn is sealbhadaireachd nam pàirtean cho mòr den mhodh-obrachaidh leasachaidh ri feartan a tha a’ tighinn rompa. Bidh a’ chuid as motha de sgoiltean is de dh’ionadan a’ feuchainn ris an lèirsinn aca a dhèanamh miannmhor agus tha an fheadhainn as brosnachaile mu dheidhinn sàr-mhathais. Faodaidh am brosnachadh agaibh tighinn bho ghrunn thobraichean, bhon chloinn fhèin, bho eòlas pearsanta is proifeiseanta, agus bho sgrìobhadairean is luchd-smaoineachaidh mu bhith a’ foghlamachadh is a’ beathachadh chloinne. Bidh an lèirsinn agaibh a’ coimhead air an àrainneachd san àm ri teachd is na seòrsachan dùbhlain a dh’fhaodas a bhith a’ feitheamh oirbh. Bidh e freumhaichte anns an eòlas a tha aig an sgoil no an ionaid agaibh mar-thà mu d(h)eidhinn fhèin. Bidh solarachadh ionnsachadh is teagasg den chàileachd as àirde an còmhnaidh aig cridhe na lèirsinne agaibh, agus an fheum gus dèanamh cinnteach gu bheil gach duine cloinne a’ coileanadh gu an làn comais. Tha am bogsa gu h-ìseal a’ sealltainn eisimpleir bho chleachdadh fìor. Tha iomadh dòigh eadar-dhealaichte ann san urrainnear aithrisean leithid seo a chur an cèill is a thaisbeanadh.

Earrann bho aithris lèirsinn is luachan aon sgoil

’S e ar miann fàs nar buidhinn ionnsachaidh a tha comasach air leasachadh leantainneach — ainmeil airson càileachd sàr-mhath an ionnsachaidh is an teagaisg, a’ chùraim is a’ mhathais agus an taic a bheir sinn seachad gus coileanadh oileanach a mheudachadh.

Ann a bhith a’ gabhail os làimh gach nì a’ buntainn ris an obair againn, bidh sinn:

  • a’ gabhail ar cuid ghnothachasan os làimh le ionracas, neo-chlaonachd, cothromachd, fulangas, agus urram dha chèile;
  • a’ cur luach air iomadachd, a bhith a’ brosnachadh in-ghabhaltas sòisealta — ann an àrainneachd far a bheil a h-uile duine di-bheathte;
  • a’ sireadh adhartas tro chom-pàirteachas, a bhith ag obair gu dlùth le daoine leis a bheil sinn a’ co-roinn adhbhar cumanta.

Bidh e cuideachail dhuibh sgrùdadh a dhèanamh air na luachan air a bheil an sgoil no an t-ionad agaibh ag obair. Bidh luachan a’ buntainn ris an dòigh sa bheil na daoine uile ann an coimhearsnachd na sgoile a’ dèiligeadh ri chèile agus na tha iad airson a choileanadh dha chèile, airson na sgoile is airson a’ chomainn-shòisealta gu lèir.

Luachan Pàrlamaid na h-Alba

Tha na luachan gliocas, ceartas, co-fhaireachdainn agus ionracas air an snaidheadh air slat-shuaicheantais Pàrlamaid na h-Alba.

Bidh luachan mu dheidhinn na tha dha-rìreabh cudromach do sgoiltean is do dh’ionadan fa leth agus, mar sin, dh’fhaoidte gum bi eadar-dhealachaidhean anns na nithean air an cuir na diofar àitreabhan cuideam sònraichte. Faodaidh deasbaireachdan mu na lèirsinnean is na luachan gabhail àite am measg diofar bhuidhnean dhaoine ann an grunn cho-theacsaichean, mar eisimpleir, tro dhòighean-obrach airson a bhith a’ leasachadh saoranachd am measg dhaoine òga, tro chomhairle nam pàrant, agus ann am buidhnean amais no gnìomha a’ gabhail a-steach com-pàirtichean nas fharsainge na sgoile. Bidh pàirt aig lèirsinn is luachan na comhairle.

Is e an ath cheum agaibh na builean sin do luchd-ionnsachaidh a chomharrachadh, is taisbeanaidh seo gu bheil sibh air an t-slighe gu bhith a’ coileanadh na lèirsinn seo.

[<<<] [Clà-innse] [>>>]