[<<<] [Clà-innse] [>>>]

DÈ CHO MATH ’S A THA AN SGOIL AGAINN? AN T-SLIGHE GU SÀR-MHATHAIS: PÀIRT 4: A’ PLANADH AIRSON SÀR-MHATHAIS

A’ comharrachadh phrìomhachasan, a’ sònrachadh bhuilean is a’ planadh lìbhrigeadh

Feumaidh an sgoil no an t-ionad àireamh de phrìomhachasan leasachaidh no aithrisean bhuilean a ghabhas làimhseachadh a shònrachadh, air an cur an cèill mar bhuilean do luchd-ionnsachaidh. Bidh buileachadh a’ phlana agaibh ag amas air na ceumannan is na gnìomhan a dh’fheumas sibh gus na builean seo a choileanadh.

Tha e ciallach gum biodh na builean a’ tighinn am bàrr à lèirsinn na sgoile no an ionaid agaibh, a’ gabhail aire do na comasan taobh a-staigh na Curraicealaim airson Sàr-mhathais, agus a’ buntainn ri raon farsaing choileanaidhean. Faodaidh sibh coimhead air na tomhasan ann am Pàirt 2 de A’ Sgrùdadh Sàr-mhathais agus anns na comharran càileachd ann an Dè cho math ’s a tha an sgoil againn? agus Am Pàiste sa Mheadhan airson beachd-smuaintean. Dh’fhaoidte gun roghnaich sibh cuideachd cuspair a thaghadh, mar eisimpleir, a bhith a’ mion-atharrachadh a’ churraicealaim, mar phrìomhachas. San t-suidheachadh seo nuair a tha sibh a’ leasachadh nam planaichean gnìomha agaibh, foighnichibh dhuibh fhèin ciamar a nì na gnìomhan a ghabhas sibh a thaobh gach aon de na deich tomhasan tabhartas, a bharrachd air a’ bhuaidh a bhios aca air na builean airson luchd-ionnsachaidh. Mar sin dh’fhaoidte gun dèan sibh sgrùdadh air mar a leasaicheas sibh dòighean-ionnsachaidh gnìomhach, mar a bheir sibh a-steach no bheir sibh tuilleadh leasachaidh air prionnsabalan measaidh airson ionnsachadh agus mar a nì sibh feum de dhreuchd phàrantan ann a bhith a’ brosnachadh ionnsachadh an cuid chloinne fiù ’s mus beachdaich sibh air atharrachaidhean don churraicealam no do shusbaint. Dh’fhaoidte gu bheil e nas fheàrr ma tha na builean do luchd-ionnsachaidh air an suidheachadh aig ìre àrd agus ma tha iad beag ann an àireamh. Bidh e comasach amharc air builean, bidh e comasach cuid dhiubh a thomhas gu dìreach agus bidh e comasach measadh a dhèanamh orra air fad8.

Le bhith a’ toirt iomradh air raon farsaing dàta9, cuide ris na prìomh theachdaireachdan bho rannsachadh, bu chòir comas a bhith agaibh a bhith mionaideach nur cuid dealbhaidh. Cuidichidh seo cuideachd nuair a thig sibh gu bhith a’ dèanamh measadh air buaidh nan gnìomhan leasachaidh agaibh. Tha measadh làidir a’ cur feum air dàta earbsach agus feumaidh an sgoil no an t-ionad agaibh a bhith beairteach a thaobh dàta. Bu chòir gum biodh comas aice/aige na leasachaidhean a thathar air a choileanadh a thaisbeanadh — sin an leasachadh mu choinneamh na bun-ìre aig an toiseach. Leigidh seo fhaicinn dhuibh dè cho fad ’s a tha sibh air siubhal.

Cuideachd, tha dàta a tha air ùrachadh gu cunbhalach gur chuideachadh gu bhith nas mionaidiche mu na h-ath cheumannan airson luchd-ionnsachaidh fa leth agus mu na dòighean teagaisg as fheàrr airson an gabhail.

Faodaidh diofar sheòrsachan dàta a bhith ann. Bu chòir do dhàta a bhith a’ sealltainn ìrean coileanaidh làithreach chloinne agus a bhith comasach air leasachaidhean sam bith ann an adhartas is coileanadh gach leanaibh agus companaich is buidhnean sònraichte a thaisbeanadh. Bu chòir do dhàta a bhith a’ gabhail a-steach mion-sgrùdaidhean de bheachdan dhaoine a dh’fhaodas a bhith air an coimeas ris na beachdan aca às dèidh do dh’iomairtean a bhith air am buileachadh. Tha measaidhean a tha stèidhichte air amharc dìreach air càileachd ionnsachaidh san t-seòmar-cluiche no teagaisg10 riatanach.

Eisimpleir de dheagh chleachdadh a thaobh amharc is measadh co-inbheach

  • Bha amasan amhairc nan àrd-mhanaidsearan is nan co-inbheach air a cheangal gu soilleir ris a’ phlana-leasachaidh.
  • Bha luchd-obrach gu cunbhalach a’ faighinn fios air ais sgrìobhte is labhairteach a’ tabhann moladh, taic is dùbhlan, le deasbaireachdan às dèidh sin.
  • Bhathar a’ cleachdadh fianais a chaidh a chur còmhla bho amharcan airson leasachadh na sgoile air fad agus nuair a bhathar a’ cumail sùil air adhartas le earrannan den phlana-leasachaidh.
  • Bhathar air amharcan co-inbheach a leudachadh gu bhith a’ gabhail a-steach luchd-obrach bho na sgoiltean eile uile sa bhuidhinn.

 

Eisimpleir de dheagh chleachdadh a’ com-pàirteachadh phàrantan

  • Bhiodh ceannard na sgoile a’ cumail fòram fosgailte air latha suidhichte gach mìos is bha pàrantan uile a’ faighinn cuireadh a bhith an làthair.
  • Ann an co-theacsa shocrach, chuir pàrantan ri measaidhean is bhruidhinn iad mu phlanaichean-leaschaidh.

Bidh sibh a’ smaoineachadh air thoiseach oirbh fhèin a thaobh nam builean agaibh. Gu tric bheir e nas fhaide na aon bhliadhna gus builean no prìomhachasan dùbhlanach do chloinn a bhuileachadh. Dh’fhaodadh sibh smaoineachadh air dhà no trì bhliadhnachan mar ‘riaghailt choitcheann’ le clachan-mìle suidhichte aig amannan sònraichte rè na h-ùine sin.

Chan eil e glic aithrisean bhuilean a bhith air an suidheachadh ann an ‘clàran cloiche’. San t-saoghal chaochlaideach againn, tha planadh fiùghantach. Faodaidh na suidheachaidhean is na co-theacsaichean sam bi sgoiltean is ionadan ag obair atharrachadh. Faodaidh sluaghan sgoilearan atharrachadh, agus mar sin faodaidh na feumalachdan ris am feum àitreabhan freagairt atharrachadh cuideachd. Tha e ciallach gum bu chòir sgoiltean is ionadan na planaichean-leasachaidh aca a mhion-atharrachadh ann an suidheachaidhean leithid seo. Cha leig sibh a leas plana fa leth a dhèanamh gus dèiligeadh ri leasachaidhean leithid seo. Dìreach atharraichibh am plana-leasachaidh ìre-àird agaibh is thoiribh na h-aithrisean buile ùr no ath-bhreithnichte a-steach na lùib. Uaireannan bidh seo a’ ciallachadh gun tèid maill a chur ann an lìbhrigeadh leasachaidhean a tha ann mar-thà gus aghaidh a chur air feumalachd nas cudromaiche.

[<<<] [Clà-innse] [>>>]