Mus dèan sibh a-mach na dh’fheumas sibh a dhèanamh, feumaidh fios a bhith agaibh dè cho fada air adhart ’s a tha sibh air an rathad mar-thà. Dh’fhaodadh sibh buidheann de chomharran càileachd a thaghadh bho Dè cho math ’s a tha an sgoil againn? no Am Pàiste sa Mheadhan (An t-Slighe gu Sàr-mhathais Pàirt 3) airson ur cuideachadh gus an t-àite tòiseachaidh agaibh a chomharrachadh. Tha an dàimh eadar na builean do luchd-ionnsachaidh a thagh sibh agus na dh’fheumas an sgoil a dhèanamh gus na builean seo a choileanadh na phrìomh amas an seo. Tha sin an uair sin a’ ciallachadh a bhith a’ tuigsinn is a bhith comasach air mìneachadh a thoirt seachad mun dòigh sa bheil cleachdaidhean seòmar-teagaisg no seòmar-cluiche agus an àrainneachd nas fharsainge airson ionnsachadh a’ buntainn ris na tha luchd-ionnsachaidh a’ coileanadh. ’S e seo cnag na cùise.
Dh’fhaoidte nach fheum sgoiltean aig a bheil deagh eachdraidh a thaobh a bhith a’ meòrachadh air an cuid obrach fhèin, gu tric le taic bho ùghdarras an fhoghlaim, mòran ùine a chur seachad air an ìre seo. Dh’fhaoidte gum bi am fiosrachadh ri fhaotainn mar-thà11.
Ma chomharraicheas sibh cleachdadh lag, feumaidh sibh aghaidh a chur ris na laigsean mus tèid sibh nas fhaide air adhart. ’S e a’ chiad cheist a bu chòir dhuibh fhoigneachd, ciamar a thogadh sibh air neartan gus aghaidh a chur ri laigsean. Tha seo a’ toirt amas misneachail don mhodh-obrachaidh leasachaidh.
Tha Pàirt 2 A’ Sgrùdadh Sàr-mhathais a’ toirt eisimpleirean de dheagh chleachdadh a chaidh fhaicinn ann an sgoiltean is ionadan air feadh na h-Alba. Dh’fhaoidte gum bi e cuideachail dhuibh iomradh a thoirt air na h-eisimpleirean seo nuair a tha sibh a’ planadh mar a tha sibh dol a choileanadh nam builean agaibh. Tha Pàirt 5 Slighean gu Sàr-mhathais, an goireas didsiotach, a’ gabhail a-steach raon de dh’eisimpleirean prataigeach a chaidh a thoirt bho àitreabhan fìor agus a dh’fhaodas sibh a chleachdadh airson fiosrachadh agus ann an gnìomhan ionnsachaidh proifeiseanta. Tha Slighean gu Sàr-mhathais cuideachd a’ gabhail a-steach geàrr-chunntasan mu raon rannsachadh RA agus eadar-nàiseanta, ceangailte ris na taobhan, a tha a’ toirt seachad fianais a bharrachd air am faodar coimhead fhad ’s a thathar a’ dealbhadh is a’ buileachadh nam pròiseactan leasachaidh.
Nuair a tha sibh air fear de na builean, no clach-mhìle no prìomhachas nas fhaide-ùine, air a’ phlana-leasachaidh agaibh a choileanadh gu soirbheachail, faodaidh sibh a ghluasad chun a’ ‘chlàir-gnothaich gleidhidh.’