Às dèidh dhuibh an gnìomh a tha sibh air a phlanadh a ghabhail, feumaidh sibh measadh a dhèanamh air a luach iomlan, a’ cleachdadh nan comharran càileachd buntainneach. Is urrainn dhuibh adhartas a thomhas san dòigh seo. Tha measadh a’ gabhail a-steach a bhith a’ mion-sgrùdadh dàta coileanaidh, a’ samplachadh bheachdan dhaoine is ag amharc gu dìreach air càileachd a’ chleachdaidh gus an t-eadar-dhealachadh a tha thu air a dhèanamh a shònrachadh.
Eisimpleir de mheasadh a’ com-pàirteachadh luchd-obrach uile
|
’S iad builean do chloinn a thèid a mheasadh. Cha bhi iad a’ buntainn ri sgrìobhadh phoileasaidhean no a bhith a’ dèanamh stuthan teagaisg. Tha na gnìomhan seo buailteach a bhith ann am planaichean gnìomha mionaideach, agus tha iad nan dòigh gus faighinn gu cinn-uidhe nas cudromaiche: leasachaidhean ann an ionnsachadh is choileanaidhean chloinne.
’S e modh-obrachaidh fiùghantach a tha ann am measadh, a tha a’ dol air adhart fad na bliadhna, chan ann aig amannan suidhichte. Ma bheir sibh an aire do dhuilgheadasan, feumaidh sibh an gnìomh iomchaidh a ghabhail, a’ mion-atharrachadh a’ phlana agaibh ma tha sin riatanach.
Ann an suidheachaidhean leithid seo, dh’fhaoidte gum feum sgoiltean is ionadan, às dèidh deasbaireachd a chumail leis na h-ùghdarrasan ionadail aca, ath-bheachdachadh air na prìomhachasan bunaiteach aca. Dh’fhaoidte gum feumar cuid de chlachan-mìle is de chrìochan-obrach atharrachadh cuideachd. ’S e an rud a tha cudromach gun tèid càileachd ionnsachadh na cloinne, agus dùilean gun soirbhich iad uile is gun ruig iad an comasan iomlan, a chumail suas mar phrìomhachasan bunaiteach is gu bheilear an còmhnaidh gan cur air thoiseach.
Bho àm gu àm feumaidh sibh ‘sgrùdadh slàinte’ a ghabhail os làimh le bhith a’ cur nan comharran càileachd an gnìomh san fhrèam iomlan thar raon na h-obrach agaibh. Bu chòir sgrùdadh leithid seo duilgheadasan sam bith ann an gnìomhan gleidhidh a thoirt am follais. Bu chòir don aithisg a thig às a seo a bhith ag amas air builean airson, agus buaidh air, luchd-ionnsachaidh.