’S e an dùbhlan do dh’ùghdarrasan foghlaim agus bùird riaghladairean eòlas math a chur air na sgoiltean is na h-ionadan aca. Feumaidh iad ceannas a thoirt seachad cuideachd ann a bhith a’ cruthachadh lèirsinn iomlan anns am bi sgoiltean ionadail ag obair. Feumaidh iad breithneachadh co dhiubh a tha an lèirsinn, na prìomhachasan agus na builean a tha an sgoil fhèin a’ moladh freagarrach is dùbhlanach. Bu chòir dhaibh breithneachadh a dhèanamh a thaobh cuin a bu chòir a dhol san eadraigin gus taic a thoirt do dh’àitreabhan ann a bhith a’ leasachadh càileachd an ionnsachaidh is a bhith a’ toirt taic do luchd-ionnsachaidh fa leth. Tha dreuchd cuideachd aig ùghdarrasan ionadail agus bùird riaghladairean ann a bhith a’ toirt taic do chruthachas is innleachdas ann a bhith a’ cuideachadh na sgoile gus na prìomhachasan aice a choileanadh.
Tha fios againn bho fhiosraichidhean ann an Alba is ann am pàirtean eile den t-saoghal gum faod sinn tòrr de na rudan cearta a dhèanamh nuair a tha sinn a’ feuchainn ri leasachadh leantainneach a choileanadh, ach a bhith fhathast fo bhriseadh-dùil mun bhuaidh a tha aig a seo air coileanaidhean sgoilearan. Tha dòighean-obrach aig a bheil lèirsinn is dealas co-roinnte aig ìrean clasa, ionaid, sgoile, ùghdarras fhoghlaim agus nàiseanta taobh a-staigh an fhrèam iomlan airson coileanadh, buailteach a bhith soirbheachail. Gus an cothrom as fheàrr a thoirt do shoirbheas leithid seo, feumaidh co-dhùnaidhean mu na dòighean-obrach anns gach seòmar-cluiche is suidheachadh foghlam tràth, anns gach seòmar-teagaisg is anns gach sgoil, a bhith stèidhichte air fianais is dàta brìoghmhor. Tha a bhith a’ cleachdadh fianais ann an dòigh èifeachdach a’ toirt comas dhuinn togail air ar comais airson leasachadh (faicibh Pàipear-taice 2) agus ar tuigse mu na thathar a’ teagaisg, mar a thathar ga theagasg agus, nas cudromaiche buileach, mar a thathar ga ionnsachadh.
Ann an deasbaireachd sam bith mu choileanaidhean luchd-ionnsachaidh, tha e riatanach amas air daoine fa leth is buidhnean dhaoine fa leth. Tha an dòigh-obrach seo a’ toirt aodann mhic an duine do dhàta. Mar sin tha sibh buailteach a bhith a’ deasbaireachd a thaobh carson a rinn sgoilear sònraichte fada nas fheàrr no nas miosa na an t-adhartas a bhathar a’ dùileachadh bhuapa. No dh’fhaodadh sibh amas air cloinn a tha air an coimhead às an dèidh no clann aig a bheil cànan eile seach a’ Bheurla mar chiad chànan. Mar sin tha dàta air amas air a bhith a’ leantainn choileanaidhean fa leth gu dlùth agus tha seo a’ comasachadh eadar-theachd tràth gus luchd-ionnsachaidh a chumail air an t-slighe cheart leis an adhartas a thathar a’ dùileachadh bhuapa. Tha ionnsachadh proifeiseanta co-roinnte a’ toirt taic do bhith a’ togail comas, mar eisimpleir, le bhith a’ deasbaireachd mu dhòighean-obrach ionnsachaidh is teagaisg a thaobh na tha an fhianais ag innse dhuinn thar sheòmraichean-cluiche is chlasaichean, sgoiltean agus ùghdarrasan foghlaim. Tha seo a’ ciallachadh a bhith a’ dèanamh an smaoineachaidh againn mu ionnsachadh soilleir agus a bhith ga cho-roinn. Is ann gu follaiseach air ceannas airson ionnsachadh a tha an t-amas do luchd-ionnsachaidh a thaobh dhòighean-obrach leithid seo13.
Tha na comharran càileachd a’ buntainn ri teagasg airson ionnsachadh èifeachdach, coinneachadh ri feumalachdan gach neach-ionnsachaidh, measadh airson ionnsachadh agus dùilean, gu h-àraid cumhachdach a thaobh a bhith a’ toirt seachad clàr-gnothaich airson deasbaireachd eadar ùghdarras an fhoghlaim no bòrd nan riaghladairean agus an sgoil. Is urrainn do na tomhasan a thathar a’ lorg ann am Pàirt 2 A’ Sgrùdadh Sàr-mhathais cuideachadh cuideachd.
Is e dreuchd oifigearan leasachadh càileachd agus ceangail fa leth, tabhartas gnìomhach a dhèanamh aig gach ìre den mhodh-obrachaidh leasachaidh ann an sgoiltean is ionadan. Is e prìomh earrainn na h-obrach seo amas air cleachdadh seòmar-teagaisg no cluiche a chumail suas, agus coileanadh a thogail.
Thathar a’ dùileachadh gun gabh ùgdarrasan ionadail a-steach seata de thargaidean a thathar a’ cruthachadh gu h-ionadail airson a bhith a’ togail buileachadh ann am bun- is àrd-sgoiltean. Bidh targaidean sònraichte do bhuidhnean nas so-leòinte nam pàirt de na targaidean aca.
Tha a bhith a’ dèanamh tabhartas gnìomhach a’ ciallachadh a bhith a’ brosnachadh sgoiltean is ionadan gu bhith miannmhor, is a bhith a’ toirt taic do luchd-obrach ann a bhith a’ sgrùdadh nan luachan aca agus, ann an cuid de chùisean, a’ dol an gnìomh. Feumaidh oifigearan dèanamh cinnteach gu bheil lèirsinn na sgoile a’ gabhail aire do lèirsinn is phrìomhachasan nàiseanta an ùghdarrais agus amasan airson leasachadh ionadail. Faodaidh iad àitreabhan a chuideachadh le bhith a’ dèanamh nam prìomhachasan is nan amasan sin furasta an tuigsinn, ruigsinneach is pragtaigeach. Ann an deasbaireachd leis an sgoil, dh’fhaodadh iad, mar eisimpleir, cuideachadh gus an eadar-mhìneachadh is an suidheachadh gu daingeann taobh a-staigh co-theacsa na sgoile fhèin.
Is urrainn do dh’oifigearan modhan-obrachaidh coltach ris a seo a ghabhail os làimh a thaobh seirbheisean amalaichte chloinne is modhan-obrachaidh planadh coimhearsnachd, ag obair leis an sgoil gus na prìomhachasan aig ìrean ùghdarrais ionadail is coimhearsnachd eadar-mhìneachadh taobh a-staigh cho-theacsaichean sgoiltean is ionadan fa leth, fhad ’s a thathar cuideachd gan cuideachadh gus rùm fhaighinn airson freagairt ri feumalachdan sònraichte na coimhearsnachd ionnsachaidh aca fhèin. Feumaidh an luchd-ùidh uile dèanamh cinnteach gu bheil planaichean aig na diofar ìrean co-cheangailte ri chèile. Feumaidh oifigearan cuideachd cothromachadh iomchaidh fhaighinn eadar na tha an t-ùghdarras a’ ro-òrdanachadh agus an ìre shaorsa a tha a dhìth air sgoiltean is ionadan gus freagairt ri feumalachdan nan coimhearsnachdan aca fhèin.
Dh’fhaoidte gum bi feum aig àrd-mhanaidsearan is luchd-obrach ann an sgoiltean air taic ann a bhith a’ suidheachadh nam prìomhachasan ro-innleachdail aca, co dhiubh a tha no nach eil feum ann a bhith a’ cleachdadh am pro forma a chaidh a chruthachadh leis an ùghdarras.
Aig ìre nas anmoiche, feumaidh oifigearan agus riaghladairean sgoile obrachadh le sgoiltean is ionadan gus na soirbheasan aca ann a bhith a’ coileanadh nam builean leasaichte a chaidh a phlanadh do luchd-ionnsachaidh a chomharrachadh.
Eisimpleirean de na seòrsachan cheistean a dh’fhaodadh oifigearan is riaghladairean sgoile foighneachd do luchd-ceannais is luchd-obrach
|
Is urrainnear TC 6.2 Gabhail pàirt ann am poileasaidh is planadh agus TC 6.3 Planadh airson leasachadh, a chleachdadh gus rèiteachaidhean airson planadh airson leasachadh agus a’ bhuaidh iomlan aca, a mheasadh.