Chan e rud roghnach a tha ann a bhith ag amas air atharrachadh is leasachaidhean. ’S e an dùbhlan atharrachadh a dhèanamh brìoghmhor is eadar-dhealachaidhean matha a thoirt air beathannan chloinne. Tha seo a’ ciallachadh a bhith mothachail mu chlàr-gnothaich nan amannan ri teachd agus a bhith dealasach do bhith a’ coileanadh buannachd a thaobh foghlam aig an àon àm14.
Tha a bhith a’ treòrachadh is a’ stiùireadh atharrachadh is innleachdas a’ cur iarrtas dha-rìreabh air ceannardan, a tha nas fhasa an stiùireadh nuair a tha iad air an co-roinn. Faodaidh soirbheachaidhean tràtha ann an stiùireadh atharrachaidh a bhith na bhrosnachadh cumhachdach gus a dhol an lùib tuilleadh atharrachaidh. Tha dùbhlain is riarachaidhean an lùib a bhith mar phàirt de sgioba nas fharsainge agus a bhith a’ gabhail dreuchd ro-innleachdail.
Tha dreuchd ro-innleachdail luchd-ceannais sgoile is ionaid a’ leudachadh thar na h-àitribh aca fhèin. Tha luchd-stiùiridh ann an dreuchdan àrd-stiùiridh nan oifigearan den ùghdarras. Tha seo a’ ciallachadh nach e a-mhàin gu bheil dleastanasan aca a thaobh na sgoile no an ionaid aca fhèin, ach cuideachd airson a bhith a’ cuideachadh gus càileachd an fhoghlaim thar na sgìre ionadail aca fhèin a leasachadh. Chan eil sgoiltean is ionadan air iomall gnothaich, gun aire ach do na h-iomairtean is na leasachaidhean aca fhèin. Bidh iad a’ toirt taic is a’ dèanamh tabhartas do leasachaidhean ann an àitreabhan eile, sa choimhearsnachd agus ann am buidhnean com-pàirteachaidh. Tha dleastanas aig riaghladairean sgoile, gu h-àraid ceannardan sgoile agus ceannardan àitreabhan, gus dèanamh cinnteach gu bheil stiùir airson na sgoile aca fhèin a rèir na stiùir a thathar a’ cleachdadh airson an ùghdarrais air fad, ged a dh’fhaodas nithean is cuideaman mionaideach a bhith diofraichte a rèir co-theacsa na sgoile fhèin. Feumaidh ùghdarrasan dèanamh cinnteach gu bheil raon iomchaidh de chothroman is shlighean rim faotainn do dhaoine òga uile, ge brith dè na h-àitreabhan a bhios iad a’ frithealadh.
Bidh luchd-ceannais sgoile is ionaid a’ dèanamh cinnteach à ceangalan eadar na stiùirean as fharsainge airson leasachadh is cleachdadh agus fuasglaidhean air an talamh, eadar nàiseanta is ionadail. Bidh iad a’ dèanamh cinnteach à cothromachadh eadar sùbailteachd airson àitreabhan agus làn-chòraichean do chloinn. Agus tha iad a’ dèanamh cinnteach à co-chòrdaileachd ann an càileachd an t-solarachaidh. ’S e prìomh sgil do luchd-ceannais, gu h-àraid ceannardan-sgoile, daoine is sgioban a ghluasad air adhart, is dreuchdan a chomharrachadh. Thar gach nì, tha an ceannas aca air amas air a bhith a’ toirt atharrachadh fìor air beathannan tro ionnsachadh.