1. Còir a’ phàiste air foghlam sgoile
Tha còir aig gach pàiste air foghlam sgoile.
2. Dleastanas ùghdarras an fhoghlaim ann a bhith a’ toirt seachad foghlam sgoile
Tha dleastanas aig ùghdarrasan foghlaim gus dèanamh cinnteach gu bheil foghlam chloinne air a stiùireadh gu ruige a bhith a’ leasachadh am pearsa, an tàlant is an comasan inntinn is corporra gu an làn comasan.
Bu chòir aire iomchaidh, cho fad ’s a ghabhas dèanamh, a bhith aig ùghdarrasan foghlaim do bheachdan chloinne a thaobh co-dhùnaidhean a tha a’ toirt buaidh mhòr orra, a’ gabhail aire don aois is don inbheachd.
3. A’ togail ìrean
Tha an Achd a’ stèidheachadh dleastanas Mhinistearan na h-Alba gus leasachadh ann an càileachd foghlam sgoile thar na h-Alba a dhèanamh tèarainte, agus dleastanasan ùghdarrasan foghlaim gus leasachadh anns na sgoiltean air a bheil iad an urra a dhèanamh tèarainte.
4. Prìomhachasan nàiseanta ann am foghlam
Tha an Achd ag aithris gun sònraich Ministearan na h-Alba prìomhachasan nàiseanta ann am amasan foghlaim airson foghlam sgoile, agus gum faod iad tomhaisean coileanaidh a’ buntainn ris na prìomhachasan seo a shònrachadh is fhoillseachadh.
Is iad na prìomhachasan nàiseanta ann am foghlam:
5. Aithris bhliadhnail amasan leasachaidh ùghdarras an fhoghlaim
Feumaidh ùghdarrasan foghlaim aithrisean bliadhnail de dh’amasan leasachadh foghlaim fhoillseachadh, às dèidh dhaibh co-chomhairle a chumail le buidhnean a’ riochdachadh thidsearan, luchd-obrach san fharsaingeachd, Comhairle nam Pàrant agus pàrantan san fharsaingeachd, agus às dèidh cothrom a thoirt do chloinn, do dhaoine òga agus do dhaoine ionadail eile le ùidh, am beachdan a dhèanamh aithnichte.
Seallaidh na h-aithrisean seo:
Às dèidh foillseachadh Achd nan Sgoiltean
(Brosnachadh Slàinte is Beathachadh) (Alba) 2007, gabhaidh
ùghdarrasan foghlaim cuideachd
a-steach ro-innleachdan airson dèanamh cinnteach gu bheil
sgoiltean a’ brosnachadh slàinte nan aithrisean de
dh’amasan leasachaidh.
Faodar an stèidheachadh cuideachd a rèir ghnothaichean is thomhaisean eile a tha an t-ùghdarras an dùil a tha cudromach. Faodar na h-amasan ath-bhreithneachadh rè ùine an dà mhìos dheug ma dh’atharraicheas suidheachaidhean.
Feumaidh ùghdarrasan foghlaim aithisgean bliadhnail fhoillseachadh a thaobh an soirbheis ann a bhith a’ coileanadh nan amasan as ùire a chaidh a shuidheachadh, no amasan sam bith air an deach ath-bhreithneachadh a dhèanamh.
6. Planaichean-leasachaidh sgoile (gu tric theirear planaichean-leasachaidh riutha)
Feumaidh ùghdarrasan foghlaim dèanamh cinnteach gu
bheil sgoiltean a’ foillseachadh phlanaichean-leasachaidh
bliadhnail, às dèidh co-chomhairle a chumail le
pàrantan agus buidhnean phàrant riochdachaidh,
tidsearan is an riochdairean, luchd-obrach san fharsaingeachd (co
dhiubh is ann le pàigheadh no gun phàigheadh),
buidhnean ionadail sam bith aig a bheil ùidh agus sgoilearan
a tha a’ frithealadh nan sgoiltean aca. Feumaidh na
h-amasan ann am planaichean sgoile aire a ghabhail do
dh’amasan leasachaidh bliadhnail an ùghdarrais agus
(bho chaidh Achd Com-pàirteachas Phàrantail Sgoiltean
na h-Alba 2006 fhoillseachadh) ro-innleachd na sgoile a thaobh
com-pàirteachas pàrantail a shealltainn. Às
dèidh foillseachadh Achd nan Sgoiltean (Brosnachadh
Slàinte agus Beathachadh) (Alba) 2007, bidh amasan
leasachaidh an ùghdarrais a’ gabhail a-steach an
fheadhainn a tha e air a shuidheachadh gus slàinte a
bhrosnachadh. Feumaidh sgoiltean geàrr-chunntas den phlana a
dhèanamh.
Bidh na planaichean-leasachaidh a’ gabhail a-steach cunntas de na dòighean anns am bi ceannard na sgoile a’ cumail co-chomhairle le sgoilearan a bhios a’ frithealadh na sgoile agus gan com-pàirteachadh ann an co-dhùnaidhean sam bith a tha ri dhèanamh a thaobh ruith na sgoile bho latha gu latha.
Nì ùghdarras an fhoghlaim cinnteach gu bheil aithisg bhliadhnail ann a thaobh adhartas ann a bhith a’ buileachadh a’ phlana, agus geàrr-chunntas den aithisg seo.
Feumaidh ùghdarras an fhoghlaim dèanamh cinnteach gu bheil cothrom aig pàrantan nan sgoilearan a tha anns an sgoil chun a’ phlana-leasachaidh agus an aithisg adhartais, agus gum faigh iad geàrr-chunntasan den dà sgrìobhainn, gun phàigheadh.
Faodaidh planaichean-leasachaidh a bhith nan dreachdan ath-bhreithnichte den phlana a chaidh a dhèanamh sa bhliadhna roimhe no faodaidh e a bhith gu tur ùr. Ach, bu chòir don ùghdarras ath-bhreithneachadh a dhèanamh bho àm gu àm air buileachadh a’ phlana is ma tha atharrachadh iomchaidh no cudromach sam bith ann a thaobh suidheachaidhean bu chòir dhaibh dèanamh cinnteach gu bheil plana ùr no ath-bhreithnichte ann.
7. Ath-bhreithneachadh de choileanadh sgoile
Bho àm gu àm cumaidh ùghdarrasan foghlaim co-chomhairle gus beachdan fhaighinn bho riochdairean de thidsearan is phàrantan mu chàileachd an fhoghlaim a tha air a thoirt seachad, tomhaisean is ìrean coileanaidh airson nan sgoiltean a tha iad a’ stiùireadh, a’ sònrachadh thomhaisean is ìrean eadar-dhealaichte airson sgoiltean eadar-dhealaichte. Bhon a chaidh Achd Sgoiltean na h-Alba (Com-pàirteachas Pàrantail) 2006 fhoillseachadh, tha ‘càileachd an fhoghlaim’ a-nis a’ gabhail a-steach na h-ìre chun a bheil pàrantan a’ gabhail com-pàirt anns an fhoghlam a tha air a thoirt do sgoilearan.
Feumaidh ùghdarrasan foghlaim ath-bhreithneachadh a dhèanamh air càileachd foghlaim ann an sgoiltean fa leth, le aire do na tomhaisean is na h-ìrean a tha iad air a shònrachadh, is mura h-eil an sgoil a’ coileanadh gu riarachail, feumaidh iad ceumannan a ghabhail gus seo a chur ceart.