Tha an t-siathamh ceist seo de na ceistean àrd ìre ann an Dè cho math’s a tha an sgoil againn? agus Am Pàiste sa Mheadhan (An t-Slighe gu Sàr-mhathais Pàirt 3), Dè an comas a tha againn airson leasachadh?, a’ cur feum air breithneachadh cruinneil stèidhichte air na measaidhean a chaidh a dhèanamh a’ cleachdadh nan comharran càileachd, agus an fhianais air a bheil iad stèidhichte. Ann a bhith a’ freagairt na ceiste seo, bu chòir do sgoiltean, ùghdarrasan agus bùird riaghladairean aire a ghabhail do chùisean co-theacsach leithid àrd luchd-obrach a’ leigeil dhiubh an dreuchdan, planaichean airson ath-structaradh, agus atharrachaidhean cudromach ann an goireasan. Bu chòir do luchd-obrach aire a ghabhail don ‘eachdraidh choileanaidh’ aca ann a bhith a’ dèanamh leasachaidhean agus a’ stiùireadh atharrachadh. Bu chòir dhaibh cuideachd beachdachadh air a’ chomais aca gus freagairt gu luath ri atharrachaidhean agus a bhith cruthachail is innleachdach fhad ’s a tha iad an tòir air sàr-mhathais.
Tha an comas airson leasachadh co-cheangailte ri raon nithean, leithid: fèin-mheasadh èifeachdach; beairteas dàta is innleachdais a tha air a dheagh chleachdadh, mar eisimpleir, gus adhartas luchd-ionnsachaidh fa leth a leantainn; lèirsinn aontaichte is cho-roinnte; aimsir fhosgailte, cholaisteach a tha a’ dèanamh smaoineachadh is ionnsachadh proifeiseanta follaiseach; a bhith a’ cumail sùil dhlùth is thaiceil air iomairtean; agus smaoineachadh cruthachail a thaobh a bhith a’ lorg fhuasglaidhean a chuidicheas gus fiosraichidhean ionnsachaidh is coileanadh a leasachadh do na h-uile.
Ann a bhith a’ breithneachadh air a comas leasachaidh, bu chòir gum b’ urrainn don sgoil innse gu bheil no nach eil misneachd aice gu bheil an fhianais is na measaidhean chun a seo a’ taisbeanadh:
Dh’fhaoidte gum bi na h-ìrean misneachd airson gach aon de na nithean gu h-àrd ag atharrachadh, is dh’fhaodadh iad a bhith a’ gabhail a-steach chumhaichean, ach bu chòir dhaibh leantainn air adhart gu aithris iomlan de mhisneachd ann an comas na sgoile gus leasachadh.
Mar eisimpleir, dh’fhaodadh an sgoil a ràdh: "Tha sinn misneachail gu bheil an fhianais is na measaidhean chun an ama seo a’ sealltainn:
Faodaidh roinnean no ìrean fa leth an dòigh-obrach seo a chleachdadh cuideachd gus breithneachaidhean cruinneil a dhèanamh a thaobh an comais airson leasachadh.