Tha mi air leth toilichte an deasachadh ùr seo de Am Pàiste sa Mheadhan a mholadh dhuibh. Tha e a’ tighinn an àite a h-uile deasachaidh eile dheth. Còmhla ri deasachadh ùr de Dè cho math ’s a tha an sgoil againn? tha an sgrìobhainn seo na trian de Dè cho math ’s a tha an sgoil againn? An t-Slighe gu Sàr-mhathais. Bidh na comharran càileachd fhathast air an cleachdadh mar chiad acfhainn fèin-mheasaidh do gach ionad foghlaim tràth no sgoil ach còmhla riutha a-nis tha na stuthan feumail anns an t-sreath An t-Slighe gu Sàr-mhathais.
Tha na comharran taobh-staigh Am Pàiste sa Mheadhan a’ mìneachadh a’ phiseach a thainig air suidheachadh foghlam tràth. Tha iad a’ sealltainn gu sònraichte air a’ bhuaidh a bheir foghlam tràth ann a bhith a’ leasachadh eòlas foghlaim agus beatha na cloinne as òige ann an Alba. Tha an deasachadh seo de Am Pàiste sa Mheadhan a’ cur cuideam air cho cudromach sa tha soirbheasan agus coileanaidhean na cloinne, gu sònraichte na builean farsaing do luchd-ionnsachaidh taobh-staigh a’ Churraicealaim airson Sàr-mhathais1 agus an aithris-seallaidh do chloinn na h-Alba.2
Tha na làithean as òige air leth cudromach ann a bhith a’ toirt buaidh air beatha chloinne san àm ri teachd. Thathar air sealltainn mar a tha na buannachdan a thig an lùib fiosrachaichidhean àrd inbhe a’ cur ri leasachadh cloinne gu faireachdail, gu sòisealta agus gu h-inntleachdail. Tha e riatanach gum bi seo ceart bho thùs ach am faodar cur ri builean anns an ùine fhada.
Tha an cuideam a th’ air buaidh agus air builean a’ dearbhadh ris a’ phrionnsabal nach e ceann-crìche ann fhèin a th’ ann am fèin-mheasadh. Bu chòir gun toireadh e feabhas air na thathar a’ fiosrachadh a thaobh foghlam agus air builean airson na cloinne, agus gu ruige a’ chàileachd as àirde a chumail suas far a bheil e mar-thà. ’S ann air sin a thathar a-mach ann an Am Pàiste sa Mheadhan. Tha e a’ togail air an deagh chleachdadh a tha an-dràsta ann am foghlam tràth air feadh Alba agus gu h-eadar-nàiseanta. Tha e a’ cuideachadh luchd-obrach le bhith a’ measadh an cleachdaidhean agus a’ comharrachadh phrìomhachasan, a’dèanamh cinnteach gum bi leantainneachd nas fheàrr eadar an dachaigh agus an t-ionad, agus bhon ionad dhan bhun-sgoil.
Tha An t-Slighe gu Sàr-mhathais a’ toirt innleachdan seachad a dh’fhaodar cleachdadh mar leasachadh leantainneach. Anns An t-Slighe gu Ruige Sàr-mhathais, an goireas didsiteach a tha mar Phàirt 5 den t-sreath seo, tha sgeulachdan mun fheadhainn ann am foghlam tràth a ghluais air adhart gu mòr air an t-slighe aca fhèin gu sàr-mhathais.
Tha ionadan foghlam tràth nam pàirt a-nis de chom-pàirteachas farsaing de phroifeiseantaich a bhios a’ lìbhrigeadh diofar sheirbheisean do chloinn. Tha an deasachadh seo de Am Pàiste sa Mheadhan, mar sin, air fàs le bhith a’ gabhail ri frèam airson fèin-mheasadh a th’ aig seirbheisean poblach air fad agus e stèidhichte air sia ceistean a tha cudromach do sheirbheis sam bith. Tha e a’ dèanamh cinnteach cuideachd gun cumar na ceanglaichean ri Inbhean Cùraim Nàiseanta a bhios HMIE agus Coimisean a’ Chùraim a’ cleachdadh anns an obair-sgrùdaidh amalaichte aca.
Tha an deasachadh seo cuideachd a’ cur cuideam air suidheachadh far am bi an luchd-obrach uile an sàs ann an deasbad agus ann am meòrachadh dreuchdail, stèidhichte air tuigse choitcheann air càileachd agus air lèirsinn chumanta mu na ha-amasan a th’ aca do chloinn. Bu chòir, mar sin, an luchd-obrach uile a ghabhail a-steach sa mhodh-obrachaidh mu fhèin-mheasadh, ag innse mu na dh’ionnsaich iad agus a’ measadh an cuid obrach còmhla.
San co-theacsa seo, bidh fèin-mheasadh na shreath de mhodhan-obrachaidh meòrachaidh dreuchdail a chuidicheas ionadan gus eòlas math a chur orra fhèin, na clàran-obrach airson leasachadh aithneachadh agus nuadhachadh tuigseach a chur air adhart. Tha na comharran càileachd mar stiùireadh anns a’ mhodh-obrachaidh sin agus chan ann mar shreath fhuasglaidhean leis an soirbhich. Tha iad air an suidheachadh le teòmachd dhreuchdail agus stiùireadh eile, mar eisimpleir mun churraicealam, mu ionnsachadh agus mu cheannas air atharrachadh, gus am bi deasbad beòthail ann mu chàileachd agus mar a thèid a choileanadh, san t-seòmar-cluiche, san sgoil-àraich agus sa bhun-sgoil.
Bho chaidh Am Pàiste sa Mheadhan fhoillseachadh an toiseach, tha fèin-mheasadh air fàs gu bhith sìor stèidhichte air feadh foghlam Alba agus air cuideachadh gu mòr gus coileanaidhean na cloinne uile a leasachadh. Thug mi tarraing ann an Leasachadh Foghlam na h-Alba3 air an adhartas mhòr a rinn ionadan foghlaim a thaobh a bhith mothachail air an cuid neartan agus laigsean fhèin, a’ cur Alba air thoiseach gu h-eadar-nàiseanta a thaobh càileachd. Tha mi a’ moladh an dara leasachadh seo de Am Pàiste sa Mheadhan dhuibh gus an rùn a th’ againn uile airson leasachadh leantainneach agus sàr-mhathais ann am foghlam tràth a thoirt air adhart.
Graham Donaldson
Àrd-neach-sgrùdaidh na Banrigh