Tha an treas cuid den t-sreath An t-Slighe gu Sàr-mhathais air a dèanamh suas de na deasachaidhean as ùra de Am Pàiste sa Mheadhan agus Dè cho math ’s a tha an sgoil againn? Tha iad stèidhichte air frèam ùr de chomharran a chuidicheas le bhith dèanamh a-mach ciamar a tha a’ dol dhan ionad foghlaim tràth le leasachadh càileachd agus ag amas air sàr-mhathais. Tha sinn air fàs gu math eòlach air cleachdadh chomharran a thaobh càileachd anns an dòigh seo ann an Alba. Bidh Am Pàiste sa Mheadhan4 a’ glacadh aire luchd-obrach san roinn ro-sgoile agus aig toiseach na bun-sgoile far an nochd na comharran an t-ionnsachadh-an-gnìomh a bhios a’ dol air adhart anns na bliadhnaichean seo.
Tha an leanabh aig cridhe na bhios sinn a’ dèanamh sna bliadhnaichean tràth. ‘S e ìre gu math deatamach a tha seo ann an leasachadh agus ionnsachadh na cloinne. Is dual do chloinn a bhith ceasnachail agus dèigheil air ionnsachadh mun t-saoghal a tha timcheall orra. Feumaidh sinn cur ris a’ cheasnachaidh agus ris an ùidh ann an ionnsachadh nuair a bhios an àrainneachd ionnsachaidh ga dhealbh, ag obair air bhunait ùidh agus feumalachdan gach neach-cloinne.
’S e modh-obrachaidh meòrachaidh dreuchdail a tha ann am fèin-mheasadh a leigeas leotha eòlas a chur orra fhèin agus an t-slighe air adhart as fheàrr don chloinn a chomharrachadh. Bu chòir dha, mar sin, nuadhachadh tuigseach a chur air adhart. Tha frèam nan comharran ann gus ur stiùireadh tron mhodh-obrachaidh sin. Chan e amas nan dealbhan a bhith air an cleachdadh mar liostaichean-sgrùdaidh no mar reasabaidh. Tha iad ann gus tarraing a thoirt orra còmhla ri stiùireadh eile leithid comhairle mun churraicealaim, rannsachadh air ionnsachadh, dòighean-teagaisg agus dòighean-ceannais. Seach gum bi beachdan air curraicealam agus ionnsachadh ag atharrachadh fad na tìde, bidh an dòigh san tèid na comharran a chur an gnìomh ag atharrachadh da rèir, a’ ghabhail a-steach an co-theacsa bheothail a tha am foghlam tràth ann an Alba.
Bidh fèin-mheasadh, agus na comharran air a bheil e stèidhichte, a’ coimhead air adhart. Buinidh e ri atharrachadh agus ri leasachadh, biodh e beag air bheag no mòr air mhòr. Bu chòir gun toireadh e buannachdan follaiseach don chloinn.
MEÒRACHADH MAR CHOIMHEARSNACHD PHROIFEISEANTAICH
Bidh an luchd-obrach air fad a’ meòrachadh gu cunbhalach mu chàileachd an cuid obrach. Mar phroifeiseantaich, agus mar bhuill den sgioba luchd-obrach a tha cunntachail a thaobh càileachd an fhoghlaim gu h-iomlan, tha sibh cunntachail a thaobh càileachd ur cuid obrach fhèin agus a thaobh coileanaidhean na cloinne a bhios sibh a’ teagasg agus a’ stiùireadh.
Bidh buill den luchd-obrach a nì ceangal ri ionnsachadh na cloinne moiteil às an cuid obrach fhèin agus a’ meòrachadh air a thaobh dleastanasan fa leth. Gus seo a dhèanamh, faodaidh sibh feum a chur air na comharran càileachd agus goireasan comhairle eile leithid Cumhaichean Clàraidh le Comhairle Seirbheisean Sòisealta na h-Alba agus an Còdan Obrachaidh, na h-Inbhean mu Làn Chlàradh mar luchd-teagaisg, airson Tidsearan Clàraichte no Ceannas-sgoile agus am Frèam Nàiseanta airson Leasachadh Proifeiseanta Leantainneach.
Buinidh fèin-mheasadh cuideachd ri buidhnean luchd-obrach a’ meòrachadh air an cuid obrach còmhla. Faodaidh sibh seo a dhèanamh ann an caochladh dhòighean:
Tha measadh le feadhainn aig an aon ìre ribh na ghnìomh dreuchdail uabhasach cudromach. ’S tric a bhios e air a dheagh stèidheachadh ann an sgioban an sàs anns an fhoghlam tràth far am bithear a’ co-roinn fios air ais am measg nam ball. Tha e a’ cur ri deasbad dreuchdail a nì sibh le àrd cho-obraichean a dh’fhaodas a bhith a’ teagasg no ag obair còmhla ribh no a’ sealltainn air dòighean-obrach anns an t-seòmar-cluiche. Chaidh na comharran anns an deasachadh seo a sgrìobhadh gus bruidhinn gu dìreach ri sgioban luchd-obrach gus an t-uallach colaisteach cudromach seo aithneachadh. Faodaidh tidsearan, nursaichean-àraich, proifeiseantaich foghlaim tràth eile agus luchd-obrach cùraim a bhith nam pàirt de sgioban ann an ionadan foghlam tràth.
Tha a’ soirbheachadh anns an dòigh as fheàrr leis a’ mhodh-obrachaidh de fhèin-mheasadh colaisteach, le luchd-obrach agus manaidsearan ionaid, nuair a bhios tuigse choitcheann aig luchd-obrach na h-ionad air fad air dè tha ‘càileachd’ a’ ciallachadh. ’S tric a bhios seo ag èirigh bho shealladh coitcheann de na tha sibh ag iarraidh mar coimhearsnachd ionaid airson na cloinne, agus dè an seòrsa solarachaidh a mhiannaicheadh sibh do chloinn ann a dhà no trì bhliadhnaichean.
Chan ann gun strì a gheibhear lèirsinn chumanta. Mar as trice, bidh caochladh bheachdan agus ùidhean aig buidhnean luchd-obrach, aig a’ chloinn is aig pàrantan, aig proifeiseantaich eile agus aig daoine cumhachdach eile sa choimhearsnachd. Gus lèirsinn chumanta a chruthachadh, feumaidh an t-ionad a dhol an sàs le gach buidheann gus a chuid luach agus phrionnsabal a shoilleireachadh agus aontachadh. Feumaidh e cuideachd aontachadh ciamar a thèid an luach agus prionnsabal a chur an gnìomh gus buaidh a thoirt air obair an ionaid, air a’ churraicealam, air an àrainneachd ionnsachaidh, air gnè an ionaid agus air an dòigh san toirear a h-uile duine a-steach ann. Bidh tuigse làidir aig ionad a bheir a-mach lèirsinn agus luachan chumanta ann a bhith a’ toirt gu buil amasan.
Tha an obair seo, a nì proifeiseantaich meòrachail, mar bhunait air a’ chultar cholaisteach a tha ri fhaicinn sa cheannas aig gach ìre: san t-seòmar-cluiche; sa chlas; taobh-staigh buidhnean-obrach agus sgioban leasachaidh; mar àrd luchd-obrach taobh-staigh ìrean; mar àrd-mhanaidsearan gu h-iomlan; no mar cheannard an ionaid a tha an urra, aig a’ cheann thall, ri càileachd a h-uile nì a bhios a’ dol air adhart anns an ionad. ’S e bhith a’ gabhail pàirt a tha sinn a’ ciallachadh le bhith nad bhall de ’choimhearsnachd luchd-ionnsachaidh’.
A’ CLEACHDADH FRÈAM NAN COMHARRAN CÀILEACHD ANN AM MEASADH
Bheir am frèam san fhoillseachadh seo dhuibh structair airson fèin-mheasadh a ghabhas cleachdadh ann an caochladh dhòighean.
A h-uile bliadhna, bidh sibh ag iarraidh sealltainn gu dlùth ri cuid de shoirbheasan agus de choileanaidhean ur n-ionad (Prìomh Raointean 1 gu 4) agus nithean leithid ionnsachadh, teagasg agus a’ coinneachadh ri feumalachdan ionnsachaidh (Prìomh Raon 5). Bhon sgrùdadh seo, agus bhon mheòrachadh dreuchdail a nì sibh bho là gu là, faodaidh sibh prìomh cheistean eile aithneachadh airson an tuilleadh rannsachaidh, breithneachaidh agus sgrùdaidh le bhith a’ cur feum air barrachd den fhiosrachadh sna comharran càileachd ann am Pr`iomh Raointean 5 gu 9.
Tha na nithean air an cuirear aghaidh sna Prìomh Raointean ceangailte gu dlùth ri chèile. Tha seo a’ fàgail gum faodadh neart no laigse ann an aon raon buaidh a thoirt air càileachd ann an raon eile. Bidh faireachdainn agus dàimhean a’ bualadh air ionnsachadh; bidh a bhith ag obair le buidhnean-gnìomha eile a’ bualadh air cùram agus sochar na cloinne; bidh ceannas a’ bualadh air agus fo bhuaidh misneachd luchd-obrach. Mar sin, faodaidh am frèam ur cuideachadh adhbhar fhaighinn airson nan neartan agus nan laigsean a thàinig am bàrr.
Ma bhios fèin-mheasadh air deagh stèidh anns an ionad agaibh, bidh dòigh-dèiligidh roghainneach a tha air a bonntachadh air na soirbheasan agus coileanaidhean a thug sibh
a-mach, cho math ri ceistean a tha gun fhuasgladh, èifeachdach gus feum a dhèanamh de fhrèam nan comharran.
Uaireannan, ge-tà, bidh feum air dòigh-dèiligidh nas coileanta. Mar eisimpleir, dh’fhaoidte gum biodh e cuideachail do cheannard no do mhanaidsear ùr a tha dìreach an dèidh ionad a ghabhail thairis obrachadh tron chuid as motha no a h-uile comharradh gus dealbh soilleir fhaighinn de chàileachd obair an ionaid. Gheibh a h-uile ionad buannachd nuair a sheallas an luchd-obrach air an obair aca ann am farsaingeachd an-dràsta sa rithist gus a dhèanamh cinnteach gu bheil a h-uile càil ag obrachadh mar bu chòir. Anns an dòigh seo, nochdaidh ceistean a chuireas feum air sealladh nas dlùithe. ’S e dòigh eile a tha seo air feum a dhèanamh de na comharran, a’ toirt sùil fharsaing agus an uair sin sealladh nas dlùithe.
A’ CLEACHDADH CHOMHARRAN AGUS BUIN FIANAIS
Bu chòir rian a chumail air roghainn na fianais air am bi sibh a’ bonntachadh ur measaidh le bhith a’ cleachdadh eisimpleirean. Bu chòir an ìre agus an dòigh san tèid na h-eisimpleirean a chruinneachadh a mheòrachadh gu faiceallach agus a dheasbad agus aontachadh le luchd-obrach. Tha e feumail cuideachd a bhith cinnteach às an fhianais agaibh le bhith a’ feuchainn aon bhun fianais an coimeas ri dara agus treas bun. Mar eisimpleir, dh’fhaodte èifeachdas agus poileasaidh ur n-ionaid airson feumalachdan luchd-ionnsachaidh a choinneachadh a sgrùdadh a rèir mar a thèid a chur an gnìomh an seòmraichean-cluiche agus a dheasbad leis an luchd-obrach, leis a’ chloinn agus le pàrantan. Bu chòir gun cuidich am modh-obrachaidh seo gus measadh a dhèanamh air buaidh a’ phoileasaidh gus feumalachdan na cloinne a choinneachadh.
Thig na prìomh bhuin fianais às na chì sibh a’ tachairt, bho dhiofar seòrsa dàta agus bho bheachdan dhaoine a tha ceangailte gu dlùth ris an ionad, leithid a’ chlann fhèin, pàrantan, buidhnean com-pàrtaichte, cho math ri luchd-obrach.
Faodaidh clann beachdan a tha inntinneach agus luachmhor a nochdadh mun ionnsachadh agus mu na bhios feumail dhaibhsan. Am measg nan dòighean sam faodar beachdan na cloinne fhaighinn, tha bruidhinn ri buidhnean beaga, èisteachd riutha ’s iad a’ cluich agus còmhradh fhad ’s a tha sibh gan cuideachadh gus bruidhinn air an cuid obrach agus adhartais.
Bidh fiosrachadh air leth aig pàrantan5 mun cuid chloinne agus an t-adhartas a nì iad nan luchd-ionnsachaidh rè ùine san ionad, aig an taigh agus ann an suidheachaidhean eile. Cuideachd, tha lèirsinn chudromach aca air càileachd an t-solarachaidh mar luchd-ùidh agus luchd-cleachdaidh an ionaid. Gabhaidh na beachdan aca air an ionad a chruinneachadh tro choinneachadh neo-fhoirmeil làitheil, tachartasan air an eagrachadh do phàrantan, mar a fhreagras iad nuair a nochdas duilgheadas no uallach agus tro cheisteachain bho àm gu àm gus na beachdan aca a thional.
Ma dh’fhàsas sibh mothachail air laigse nur cuid chleachdaidhean, dh’fhaoidte gum biodh e feumail dhuibh sùil a thoirt air stiùireadh sgrìobhte agus pàipearan cuideachd. Ghabhadh a leithid a-steach prògraman curraicealaim, planaichean-luchd-obrach, poileasaidhean agus stiùiridhean agus geàrr-chunntais choinneamhan. Ach, uaireannan chan ionann na tha sgrìobhte agus na thachair ann a da-rìribh. San aon dòigh, faodaidh aithisg mu adhartas phlanaichean-leasachaidh ur n-ionad a bhith cuideachail ach feumar an sgrùdadh a rèir na tha air tachairt ann an da-rìribh. ’S e an rud as cudromaiche buileach a’ bhuaidh a tha aig na prìomh ghnìomhan san ionad air a’ chloinn fhèin agus air an ionnsachadh.
A’ RIAGHLADH MEASADH
Tha e cudromach adhbharan a bhith agaibh airson measadh a dhèanamh air na nithean a roghnaich sibh agus beachd soilleir a bhith agaibh air dìreach ciamar a bhios measadh ga dhèanamh, cuine agus cò leis. Tha ùine na phrìomh ghoireas ann an ionadan dripeil agus cha leig sibh leas a h-uile dad a mheasadh anns a’ bhad. Feumaidh sibh a bhith òrdail, ge-tà, oir cha bhi sibh airson gun dèanar dearmad air nithean cudromach co-cheangailte ri obair an ionaid agus faighinn a-mach gu bheil gnothaichean a’ dol ceàrr an dèidh dhaibh cothrom fhaighinn buaidh a thoirt air a’ chloinn. Feumar an ùine a thathar a’ cur seachad air breithneachadh a chothromachadh ris an ùine a thathar a’ cosg air leasachadh. Feumar cuideachd cuideam a chur air prìomh obair an ionaid – leasachadh agus ionnsachadh na cloinne a thoirt air adhart.
Bidh mòran mhanaidsearan a’ ceangal sgrùdadh agus measadh a-steach do chlàr ghnìomhan. Mar eisimpleir, bidh ceannard na sgoile ag iarraidh luchd-obrach na
sgoil-àraich a thoirt a-steach dhan mheasadh bhliadhnail air an sgoil air fad. Faodaidh ceannard cròileagain lèirmheas air solarachadh a thoirt a-steach mar chuid de choinneamhan cunbhalach luchd-obrach agus ùine a chur mu seach uair sa bhliadhna gus sealltainn air obair a’ chròileagain gu lèir. Le bhith a’ cumail cunntas de dheasbadan agus de dh’fhianais, bidh cnap fianais ga cruinneachadh le manaidsearan is luchd-obrach ceum air cheum, a ghabhas cleachdadh nuair a bhios iad a’ dèanamh measaidh a rèir nan comharran càileachd. Faodaidh am clàr-ama a bhith sùbailte a rèir feumalachdan an ionaid. ’S e an rud as cudromaiche, ge-tà, gum bi an leithid de ghnìomhan mar phàirt àbhaisteach de dh’obair an ionaid agus gum bithear a sealltainn gu soilleir air ionnsachadh is air soirbheas na cloinne. Feumar na prìomh mhodhan-obrachaidh air fad ann am foghlam agus anns na gnìomhan ceannais a leantainn troimhe gu ruige a’ bhuaidh a bhios aca air a’ chloinn.
Aig cridhe fèin-mheasaidh, tha sinn ag iarraidh faighinn a-mach:
Bidh na h-ionadan sàr-mhath ag amas nan ceistean seo air ionnsachadh. Tha ionnsachadh aig cridhe sàr-ionaid. Is e ionnsachadh bun na h-obrach.
AM FRÈAM CÀILEACHD
Thathar air na comharran san deasachadh seo de Am Pàiste sa Mheadhan ullachadh fo shia cheistean ris a bheil LSFB, agus buidhnean eile, a’ gabhail gus measadh a dhèanamh.
Tha na sia ceistean seo, a tha sìmplidh ach cumhachdach, air an cur an làthair sna naoi prìomh raointean ann an cairt anns an deasachadh seo de Am Pàiste sa Mheadhan.
Tha a’ chiad dà cheist air leth cudromach.
Tha an dà cheist seo a’ sealltainn air coileanaidhean an ionaid a rèir a phrìomh adhbhair agus buaidh an ionaid air a’ chloinn, air pàrantan agus air a’ choimhearsnachd san fharsaingeachd. Buinidh iad ri soirbheas an ionaid gus clann a chuideachadh a bhith nan luchd-ionnsachaidh soirbheachail, nan daoine misneachail, nan saoranaich chùramach a chuireas gu h-èifeachdach ris a’ choimhearsnachd. Buinidh iad cuideachd ri Lèirsinn na h-Alba do chloinn ’s do dhaoine òga gum bu chòir gum biodh iad sàbhailte, air an oideachadh, fallain, beothail, in-ghabhailte, measail agus cùramach.
Gus tomhas mar a shoirbhicheas leibh leis an dà cheist seo agus gus leasachadh a phlanadh, bidh agaibh ri beachdachadh air na prìomh nithean a bheir buaidh orra. Mar eisimpleir, mura bheil a’ chlann a’ tighinn air adhart gu bhith misneachail, dh’fhaodadh sibh sealltainn air a’ churraicealam a tha a’ chlann a’ leantainn no an seòrsa ionnsachaidh anns a bheil iad an sàs. Bu chòir dhuibh, mar sin, beachd a ghabhail air a’ chiad dà cheist an lùib cheistean eile co-cheangailte ri:
Bidh an dòigh-dèiligidh seo a’ toirt cothrom do phroifeasantaich meòrachadh air cleachdaidhean taobh-staigh ar seòmraichean-cluiche agus clasaichean-àraich agus taobh-staigh an ionaid no na sgoile san fharsaingeachd agus coimhead air na ceanglaichean làidir eadar cuid dhen obair agus ar soirbheasan agus coileanaidhean. Far a bheilear ag aithneachadh an cleachdadh as fheàrr, bu chòir a mhealtainn agus innse mu dheidhinn. Far nach eil soirbheachadh le gnothaichean, faodar faighinn gu cnag na cùise le bhith a’ dèanamh feum de chuid de na comharran gus sùil nas mionaidiche a thoirt air na nithean sònraichte.
Mar eisimpleir, mura bheil clann ag ionnsachadh gu h-èifeachdach no mura bheil iad air an gluasad gu ionnsachadh, dh’fhaoidte gum feum sibh sealltainn air rudan co-cheangailte ri càileachd an fhoghlaim san ionad agus na ceistean a leanas a chur.
Bidh an dòigh-dèiligidh cuimseach seo a’ toirt cothrom dhuibh cuideam a chur air na raointean prìomhachais seach a bhith a’ còmhdach gach pàirt de dh’obair an ionaid gu gnàthach.