[<<<] [Clà-innse] [>>>]

AM PÀISTE SA MHEADHAN FÉIN-MHEASADH SNA BLIADHNAICHEAN TRÀTH

AM FRÈAM CÀILEACHD:
NA PRÌOMH RAOINTEAN

Tha am frèam càileachd air a roinn ann an naoi prìomh raointean fo na sia ceistean agus faodar a mheasadh a rèir sgèile nan sia puingean.6

DÈ NA BUILEAN A THUG SINN GU BUIL?

Tha Prìomh Raon 1 a’ sealltainn air cho math agus a tha an t-ionad a’ dèanamh a rèir a lèirsinn agus a luach mar choimhearsnachd ionaid. Tha Prìomh Raon 1 cuideachd a’ sealltainn air an ìre gu bheil an t-ionad a’ coileanadh feumalachdan reachdail, a’ cumail ri còdan iomchaidh mun chleachdadh as fheàrr agus a tha fallain a thaobh ionmhas.

DÈ CHO MATH ’S A THA SINN A’ COINNEACHADH RI FEUMALACHDAN AR N-IONAD FOGHLAIM TRÀTH?

Tha Prìomh Raointean 2, 3 agus 4 a’ sealltainn air buaidh an ionaid air an fheadhainn air am bheil e a’ frithealadh – clann, pàrantan, luchd-cùraim is teaghlaichean agus a’ choimhearsnachd.

DÈ CHO MATH ’S A THA AM FOGHLAM A BHIOS SINN A’ LÌBHRIGEADH?

Tha Prìomh Raon 5 a’ sealltainn air an obair a th’ aig cridhe an ionaid. Tha na gnìomhan air a bheilear a-mach sna comharran nan dleastanasan air luchd-obrach fa leth, agus air sgioban. Tha Prìomh Raon 5 cuideachd a’ sealltainn air càileachd modhan-obrachaidh an ionaid gus a chuid obrach a leasachadh.

DÈ CHO MATH ’S A THA AR RIAGHLADH?

Tha Prìomh Raointean 6, 7 agus 8 a’ sealltainn air gnìomhan riaghlaidh a bheir an cothrom soirbheachaidh do dh’ionnsachadh agus do theagasg math. Chan eil iad a’ gealltainn leotha fhèin gum bi fiosraichidhean na cloinne de dh’fhoghlam inntinneach no saothrachail no gun soirbhich leotha, ach tha iad cudromach airson sin a dhèanamh comasach.

DÈ CHO MATH ’S A THA AR CEANNAS?

Tha Prìomh Raon 9 a’ sealltainn air ceannas an ionaid. Tha e a’ sealltainn air a lèirsinn is air a luachan, mar a chaidh iad seo a chur ri chèile le coimhearsnachd an ionad agus mar a thathar gan cleachdadh gus an t-ionad a thoirt air adhart.

DÈ AN COMAS A TH’ AGAINN AIRSON LEASACHADH?

Tha a’ cheist dheireannach seo mar bhunait air na prìomh raointean uile.

AM FRÈAM CÀILEACHD

AM FRÈAM CÀILEACHD

[<<<] [Clà-innse] [>>>]