[<<<] [Clà-innse] [>>>]

AM PÀISTE SA MHEADHAN FÉIN-MHEASADH SNA BLIADHNAICHEAN TRÀTH

NA COMHARRAN CÀILEACHD

AIR.

COMHARRAN CÀILEACHD

CUSPAIREAN

 

 

 

 

 

 

PRÌOMH BHUILEAN COILEANAIDH

 

 

 

 

 

 

1.1

Leasachaidhean ann an coileanadh

  • Adhartas na cloinne
  • Càileachd coileanaidhean na cloinne san fharsaingeachd
  • Buaidh plana-leasachaidh an ionaid

 

 

 

 

 

 

1.2

Sàsachadh dhleastanasan reachdail

  • Coileanadh ionmhais
  • Gèilleadh ri reachdas agus a’ dèiligeadh ri còdan obrachaidh

 

 

 

 

 

 

BUAIDH AIR CLOINN

 

 

 

 

 

 

2.1

Fiosraichidhean na cloinne

  • An ìre gu bheil a’ chlann air an gluasad agus an sàs gu gnìomhach nan ionnsachadh fhèin

 

 

 

 

 

 

2.2

Soirbheasan an ionaid a thaobh pàrantan, luchd-cùraim agus teaghlaichean a ghabhail a-steach

  • An ìre gu bheil pàrantan, luchd-cùraim agus teaghlaichean dealasach a thaobh an ionaid agus an sàs na bheatha

 

 

 

 

 

 

BUAIDH AIR LUCHD-OBRACH

 

 

 

 

 

 

3.1

An luchd-obrach an sàs ann am beatha agus ann an obair an ionaid

  • An ìre gu bheil luchd-obrach dealasach a thaobh an ionaid agus an sàs gu gnìomhach na bheatha

 

 

 

 

 

 

BUAIDH AIR A’ CHOIMHEARSNACHD

 

 

 

 

 

 

4.1

Soirbheasan an ionaid a thaobh a bhith an sàs sa choimhearsnachd ionadail

  • An ìre gu bheil an t-ionad an sàs anns a’ choimhearsnachd ionadail

 

 

 

 

 

 

4.2

Soirbheasan an ionaid a thaobh a bhith an sàs sa choimhearsnachd as fharsainge

  • An ìre gu bheil an t-ionad: a’ brosnachadh agus a’ cur taice ri obair chruthachail agus ri nuadhachadh; ag ionnsachadh bho na cleachdaidhean as fheàrr agus gan cur an gnìomh; a’ toirt buaidh air poileasaidh no air cleachdadh anns an fharsaingeachd; a’ faicinn agus a’ toirt freagairt gu grad agus gu sùbailte air atharrachaidhean agus; an sàs ann an gnothaichean cruinneadail

 

 

 

 

 

 

SOLARACHADH FOGHLAM TRÀTH

 

 

 

 

 

 

5.1

An curraicealam

  • Feallsanachd agus dealbhadh a’ churraicealaim
  • Leasachadh a’ churraicealaim
  • Prògraman
  • Eadar-ghluasadan

 

 

 

 

 

 

5.2

Teagasg airson ionnsachadh èifeachdach

  • An suidheachadh ionnsachaidh agus dòighean-teagaisg
  • Dàimh agus cur ri chèile eadar luchd-obrach agus clan
  • Soilleireachadh agus gnothach chòmhraidhean
  • Breitheanas air a dhèanamh ri linn teagasg

 

 

 

 

 

 

5.3

A’ coinneachadh ri feumalachdan ionnsachaidh

  • Cothroman ionnsachaidh, obraichean, gnìomhan, agus goireasan
  • Comharrachadh fheumalachdan ionnsachaidh
  • Dreuchd an luchd-obrach
  • A’ coinneachadh ri agus a’ cur an gnìomh feumalachdan reachdail

 

 

 

 

 

 

5.4

Measadh airson ionnsachadh

  • Dòighean measaidh
  • Planadh fiosraichidhean ionnsachaidh agus ghnìomhan
  • Cleachdadh fiosrachadh measaidh gus ionnsachadh san àm ri teachd a chomharrachadh agus a phlanadh
  • Ullachaidhean airson clàradh agus aithriseadh

 

 

 

 

 

 

5.5

Dùil agus cur air adhart choileanaidhean

  • Dùil agus cleachdadh molaidh luchd-obrach
  • Dùil agus moit à coileanaidhean na cloinne
  • Cur air adhart agus a’ gleidheadh faireachdainn coileanaidh
  • Dàimhean eadar an luchd-obrach agus a’ chlann

 

 

 

 

 

 

5.6

Co-ionannachd agus Cothromachd

  • Dòighean in-ghabhaltais
  • Co-ionannachd agus Cothromachd gan cur air adhart
  • Dèanamh cinnteach gum bi co-ionannachd agus Cothromachd ann

 

 

 

 

 

 

5.7

Com-pàirteachas le cloinn agus pàrantan

  • Tarraing nam pàrant a-steach gu ionnsachadh na cloinne agus gu beatha an ionaid
  • Co-chomhairle agus conaltradh leis a’ chloinn agus le pàrantan
  • Còmhraidhean leis a’ chloinn agus le pàrantan mu obair an ionaid

 

 

 

 

 

 

5.8

Cùram, sochar agus leasachadh

  • Ullachaidhean gus cùram, sochar agus dìon na cloinne a dhaingneachadh
  • Dòighean agus riarachadh gus feumalachdan chloinne a thaobh f]aireachdainnean, gu pearsanta, gu sòisealta agus gu corporra, a’ choinneachadh, a’ gabhail a-steach leantainneachd cùraim agus cleachdaidhean a thaobh cùram
  • Roghainnean a thaobh foghlam agus a thaobh cùram

 

 

 

 

 

 

5.9

Leasachadh tro fèin-mheasadh

  • Dealas a thaobh fèin-mheasaidh
  • Riaghladh fèin-mheasadh
  • Leasachadh an ionaid

 

 

 

 

 

 

LEASACHADH POILEASAIDH AGUS PLANADH

 

 

 

 

 

 

6.1

Ath-bhreithneachadh poileasaidh agus leasachadh

  • Raon, soilleireachd agus freagarrachd amasan agus phoileasaidhean
  • Co-leanailteachd phoileasaidhean
  • Riaghladh, measadh agus ùrachadh phoileasaidhean

 

 

 

 

 

 

6.2

Gabhail pàirt ann am poileasaidh agus planadh

  • Gabhail pàirt gu gnìomhach ann am poileasaidh agus planadh
  • Conaltradh agus co-chomhairle

 

 

 

 

 

 

6.3

Planadh airson leasachadh

  • Leasachadh, cur an gnìomh agus measadh phlanaichean-leasachaidh
  • Cruth agus susbaint nam planaichean-leasachaidh
  • Cleachdadh fiosrachadh riaghlaidh
  • Planadh leasachaidh le buidhnean agus seirbheisean com-pàirteachais
  • Planadh airson seasmhachd

 

 

 

 

 

 

RIAGHLADH AGUS TAIC LUCHD-OBRACH

 

 

 

 

 

 

7.1

Pailteas, fastadh agus gleidheadh luchd-obrach

  • Solar luchd-obrach
  • Fastadh, cur an dreuchd agus ullachadh luchd-obrach
  • Cùram agus sochar luchd-obrach
  • Aithneachadh choileanaidhean

 

 

 

 

 

 

7.2

Cleachdadh luchd-obrach agus obair-sgioba

  • Freagarrachd agus soilleireachd raon-ùghdarrais
  • Cleachdadh luchd-obrach, a’ gabhail a-steach bhuidhnean com-pàirteachais
  • Èifeachdas obair-sgioba
  • Conaltradh

 

 

 

 

 

 

7.3

Leasachadh agus ath-bhreithneachadh luchd-obrach

  • Modhan-obrachaidh airson ath-bhreithneachadh agus taic luchd-obrach
  • Trèanadh agus leasachadh
  • Trèanadh còmhla ri luchd-obrach bho bhuidhnean com-pàirteachais

 

 

 

 

 

 

GOIREASAN

 

 

 

 

 

 

8.1

Compàirteachas leis a’ choimhearsnachdan, le ionadan-foghlaim, buidhnean agus luchd-fastaidh

  • Soilleireachadh adhbharan agus amasan
  • Ag obair le buidhnean agus le cuspairean eile
  • Dreuchd luchd-obrach ann an compàirteachasan

 

 

 

 

 

 

8.2

Riaghladh air ionmhas airson ionnsachadh

  • Pailteas ionmhais ri faotainn agus socrachadh bhuidseat
  • Modhan-obrachaidh agus modhan-riaghlaidh ionmhais
  • Riaghladh air buidseatan, agus ceanglaichean leis an ùghdarrais foghlaim/Bòrd Stiùiridh/Comataidh phàrant
  • Cleachdadh ionmhais a rèir Luach as Fheàrr gus taic a thoirt do leasachadh an ionaid

 

 

 

 

 

 

8.3

Riaghladh agus cleachdadh ghoireasan agus àite air adhbharan ionnsachadh

  • Togalaichean, taisbeanadh agus cur an làthair
  • Solar ghoireasan agus uidheamachd
  • Eagrachadh agus cleachdadh ghoireasan
  • Ullachaidhean gus slàinte agus sàbhailteachd, a’ gabhail a-steach tèarainteachd, a dhaingneachadh

 

 

 

 

 

 

8.4

Riaghladh fiosrachaidh

  • Trusadh, tasgadh agus cleachdadh data
  • Com-pàirteachadh fiosrachaidh
  • Sgrùdadh, measadh agus cleachdadh fiosrachaidh

 

 

 

 

 

 

CEANNAS

 

 

 

 

 

 

9.1

Lèirsinn, luachan agus amasan

  • Freagarrachd agus co-leanailteachd le lèirsinn, luachan agus amasan corporra agus sa choimhearsnachd
  • Co-roinn agus gleidheadh na lèirsinn
  • Cur air adhart bheachdan dearbhach mu eugsamhlachd shòisealta agus chultarail

 

 

 

 

 

 

9.2

Ceannas agus treòrachadh

  • Planadh agus conaltradh il
  • Cleachdadh ghoireasan gu ro-innleachdail

 

 

 

 

 

 

9.3

Leasachadh dhaoine agus chom-pàirteachasan

  • Leasachadh comas ceannais
  • Cruthachadh agus cumail càirdeis
  • Obair-sgioba agus com-pàirteachas

 

 

 

 

 

 

9.4

Ceannas leasachaidh agus atharrachaidh

  • Taic agus dùbhlan
  • Cruthachalachd, nuadhachadh agus atharrachadh trocheuman
  • Leasachadh leantainneach

 

 

 

 

 

 

COMAS AIR LEASACHADH

 

 

 

 

 

 

1.1 LEASACHAIDHEAN ANN AN COILEANADH

Cuspairean

  • Adhartas na cloinne
  • Càileachd coileanaidhean na cloinne san fharsaingeachd
  • Buaidh plana-leasachaidh an ionaid

Prìomh fheartan

Buinidh an comharradh seo ri coileanaidhean an ionaid. Buinidh e ri adhartas na cloinne gu bhith nan luchd-ionnsachaidh nas soirbheachaile, nan daoine misneachail agus nan saoranaich ciallach a chuideicheas gu h-èifeachdach. Buinidh e cuideachd ri cho soirbheachail agus a thug an t-ionad air adhart a lèirsinn. Bu chòir gun toireadh cur an gnìomh an comharradh càileachd seo aire do chruth an ionaid, a’ chlann agus an suidheachadh anns a bheil e.7

EISIMPLEIR ÌRE 5

  • Nì clann san ionad againn adhartas fìor mhath anns a h-uile raon den leasachadh agus den ionnsachadh. Bidh clann a tha ann an cunnart call a-mach a’ coileanadh agus a’ dèanamh adhartas fìor mhath.
  • Tha a’ chlann againn a’ fàs gu bhith nan luchd-ionnsachaidh soirbheachail, misneachail agus a’ coileanadh ann an raon chuspairean. Tha iad comasach air a bhith cùramach agus neo-eisimeileach. Le taic, bidh iad a’ cur ri beatha an ionaid agus na coimhearsnachd.
  • Tha buaidh a ghabhas tomhas aig na prìomhachasan sa phlana-leasachaidh air a bhith a’ cur ri adhartas ionnsachadh na cloinne agus obair leasachaidh an ionaid.

EISIMPLEIR ÌRE 2

  • Bidh a’ chlann againn a’ dèanamh adhartas cuingealaichte ann am prìomh raointean mòra den ionnsachadh agus den leasachadh agus bho na choilean iad roimhe. Cha bhi sinn a’ coinneachadh ri feumalachdan an fheadhainn a tha so-leònte no a’ cur taice gu leòr rin adhartas.
  • Bidh soirbheas cuingealaichte ann an raon farsaing chuspairean. Tha cùram agus neo-eisimeileachd na cloinne cuingealaichte. Bidh iad a’ gabhail pàirt ann an coimhearsnachd an ionaid ach cha bha iad an sàs mòran anns a’ choimhearsnachd as fharsainge.
  • Ged a bhios planadh leasachaidh ga dhèanamh, cha deach a chleachdadh gu h-èifeachdach gus prìomhachasan a leasaicheas fiosraichidhean agus adhartas na cloinne a chur an gnìomh.

1.2 SÀSACHADH DHLEASTANASAN REACHDAIL

Cuspairean

  • Coileanadh ionmhais
  • Gèilleadh ri reachdas agus a’ dèiligeadh ri còdan obrachaidh

Prìomh fheartan

Buinidh an comharradh seo ris a’ bhuaidh a bheir mar a shàsaicheas an ionad dleastanasan agus iarrtasan reachdail. Tha e a’ sealltainn air an ìre gu bheil ullachaidhean ann a nì cinnt às an luach as fheàrr, gu sònraichte am feum a chuirear air na tha ri fhaotainn de dh’ionmhas gus solarachadh na cloinne a leasachadh agus a ghleidheadh. Buinidh an comharradh seo cuideachd ri ullachaidhean an ionaid gus reachdas a chur an gnìomh a nì cinnteach gun tèid feumalachdan na cloinne a choinneachadh.

EISIMPLEIR ÌRE 5

  • Tha na co-dhùnaidhean a nì sinn a thaobh riaghladh air buidseat agus ionmhas a’ leigeil fhaicinn feumalachdan an ionaid agus a’ cruthachadh leasachaidhean follaiseach air na dh’fhiosraicheas a’ chlann, air an coileanaidhean agus air an adhartais.
  • Tha sinn a’ gèilleadh ri iarrtasan, laghan agus còdan-obrachaidh reachdail iomchaidh uile.8 Tha ar luchd-obrach, pàrantan agus com-pàirtichean eile eòlach air na tha dhìth sna raointean seo agus tha iad an sàs, nuair a tha e iomchaidh, ann an sàsachadh nan dleastanasan reachdail.

EISIMPLEIR ÌRE 2

  • Cha bhi sinn daonnan e a’ cur ghoireasan ionmhais gu leòr ri prìomhachasan a thaobh leasachadh a chuireas ri fiosraichidhean agus coileanaidhean na cloinne agus ri obair ar n-ionaid.
  • Tha laigsean anns an dòigh san cuir sinn iarrtasan, laghan agus còdan-obrachaidh reachdail an gnìomh. Mar eisimpleir, tha suidheachaidhean ann far am bi dàil a thaobh sgrìobhainnean iomchaidh a chur an gnìomh no ath-bhreithneachadh agus cha bhi an luchd-obrach uile-gu-lèir mothachail air a’ bhuaidh a bheir an reachdas orra.

2.1 FIOSRAICHIDHEAN NA CLOINNE

Cuspairean

  • An ìre gu bheil a’ chlann air an gluasad agus an sàs gu gnìomhach nan ionnsachadh fhèin.

Prìomh fheartan

Buinidh an comharradh seo ri càileachd fiosraichidhean ionnsachaidh na cloinne. Buinidh e cuideachd ris an ìre gu bheil beachdan na cloinne air an iarraidh agus air an cur an gnìomh.9

EISIMPLEIR ÌRE 5

  • Tha a’ chlann againn a’ gabhail tlachd à ionnsachadh tro chluiche agus an sàs ann gu gnìomhach. Tha iad air an glacadh gu slàn, air am misneachadh gu mòr agus ag eadar-obrachadh gu math tro ghnìomhan. Nar n-ionad, bidh gnìomhan a’ cumail aire na cloinne, gan cuideachadh gus co-dhùnaidhean a dhèanamh, duilgheadasan fhuasgladh agus gus fàs neo-eisimeileach. Faodaidh clann na dh’fhiosraicheas iad a thaobh leasachadh a phlanadh agus a chur air bhonn. Bidh iad a’ dèanamh roghainnean agus a’ gabhail barrachd cùraim airson an ionnsachaidh fhèin.
    Tha ar cloinn air an làimhseachadh gu cothromach, ceart agus le urram. Tha a’ mhòr-chuid a’ dèanamh adhartais fìor mhath agus a’ coileanadh gu math. Tha iad air càirdeas a chruthachadh le cloinn eile agus a’ fàs comasach air co-obrachadh leotha agus cothroman a thoirt do chàch. Bidh ar n-ionad a’ dèanamh feum de mhodhan-obrachaidh a tha cruthachail agus iomchaidh gus faighneachd do chloinn mun ionnsachadh. Bidh ar luchd-obrach ag èisteachd ris a’ chloinn agus ag obair a rèir am beachdan agus an ùidhean. Bidh a’ chlann a’ faireachdainn soirbheachail agus misneachail, agus a’ cur gu h-iomchaidh ri ar n-ionad. Bidh iad a’ faireachdainn gu bheil iad luachmhor, sàbhailte agus tèarainte.

EISIMPLEIR ÌRE 2

  • Ged a bhios clann an sàs uaireannan ann an ionnsachadh tro chluiche, cha bhi iad daonnan ag obair gu math le feadhainn eile no a’ cumail ùidh nan gnìomhan. Tha cuid nach eil a’ dèanamh adhartais iomchaidh bho na h-ìrean de choileanaidhean a bh’ aca roimhe no a’ faighinn dùbhlain na comasan slàn aca thoirt gu buil ann an cuid de raointean cudromach. Tha buidhnean sònraichte de chloinn a tha so-leònte nach eil a’ soirbheachadh gu math. Aig amannan bidh a’ chlann a’ taghadh ghnìomhan dhaibh fhèin ach cha bhi iad a’ gabhail cùraim airson an ionnsachaidh fhèin ach an-dràsta ’s a-rithist. ’S ann ainneamh a nì iad co-dhùnaidhean, a nì iad sgrùdadh no a bhios iad a’ fuasgladh cheist a tha sìmplidh. Cha bhithear a’ gabhail beachd air barailean na cloinne no gan cur an gnìomh nar n-ionad. Chan eilear a’ làimhseachadh a’ chloinn gu cothromach, ceart agus le urram. Cha bhi a’ chlann a’ faireachdainn soirbheachail, luachmhor no misneachail.

2.2 SOIRBHEASAN AN IONAID A THAOBH PÀRANTAN, LUCHD-CÙRAIM AGUS TEAGHLAICHEAN A GHABHAIL A-STEACH

Cuspairean

  • An ìre gu bheil pàrantan, luchd-cùraim agus teaghlaichean dealasach a thaobh an ionaid agus an sàs gu gnìomhach na bheatha.

Prìomh fheartan

Buinidh an comharradh seo ri gabhail a-steach phàrant, luchd-cùraim agus theaghlaichean ann an ionnsachadh an cuid chloinne agus ann an leasachadh an ionaid agus ris na beachdan aca mu chàileachd an fhoghlaim a bhios a’ chlann a’ faotainn. Tha e a’ sealltainn, gu sònraichte, air na tha iad a’ fiosrachadh an-dràsta fhèin.10

EISIMPLEIR ÌRE 5

  • Tha pàirt chudromach aig pàrantan ann an ionnsachadh agus leasachadh an cuid chloinne. Tha iad nan riochdairean air ar buidhnean phàrant, leithid comhairle na sgoile-àraich no comataidh a’ chròileagain agus a’ gabhail pàirt ann an coinneamhan iomchaidh agus ann an gnìomhan ar n-ionad. Bidh iad a’ cuideachadh, cho math ’s a ghabhas, le leasachadh is ionnsachadh, sàbhailteachd is slàinte na cloinne. Tha pàrantan, luchd-cùraim agus teaghlaichean toilichte le càileachd an fhoghlaim agus a’ chùraim a bhios sinn a’ lìbhrigeadh. Tha iad a’ faireachdainn luachmhor, air an cumail suas, fiosraichte agus aithnichte mar chom-pàirtichean. Tha pàrantan ag ràdh gum bi an t-ionad gam brosnachadh gus a bhith an sàs ann an ionnsachadh na cloinne agus ann an deasbaireachd mu fhoghlam agus mun chuideachadh a bheir iad a thaobh leasachadh ar n-ionad. Tha pàrantan, gu sònraichte an fheadhainn aig a bheil clann a tha so-leònte, ag ràdh gum faigh iad freagairtean a tha luath agus cùramach air na beachdan is na ceistean a th’ aca mu ionnsachadh an cuid chloinne.

EISIMPLEIR ÌRE 2

  • Chan eil feadhainn de ar pàrantan, feadhainn aig a bheil clann le feumalachdan taic a bharrachd nam measg, a’ faighinn taice gu h-èifeachdach. Tha cuid de phàrantan nach eil a’ faireachdainn luachmhor mar chom-pàirtichean no gun gabh sinn beachd air am barailean mu chàileachd an fhoghlaim agus a’ chùraim a bhios a’ chlann a’ faotainn. Tha seo ri fhaicinn anns an dìth misneachd a nochdas cuid a phàrantan a thaobh taic a chur ri leasachadh agus ionnsachadh na cloinne agus ceangal a dhèanamh ri ar n-ionad. Bidh an àireamh a bhios a’ frithealadh choinneamhan phàrant ìseal agus cha bhi pàrantan a’ faighinn ach fiosrachadh cuingealaichte mun churraicealam, mu ionnsachadh agus mu theagasg. Bidh pàrantan a’ faireachdainn nach eil cothroman gu leòr aca bruidhinn rinn mu leasachadh agus ionnsachadh na cloinne agus buaidh a thoirt air sin. Bidh pàrantan a’ faireachdainn nach eil e comasach daonnan ceistean a thogail mu adhartas na cloinne agus aig amannan nach eil iad a’ faighinn gu leòr fiosrachaidh mu dheidhinn.

3.1 AN LUCHD-OBRACH AN SÀS ANN AM BEATHA AGUS ANN AN OBAIR AN IONAID

Cuspairean

  • An ìre gu bheil an luchd-obrach dealasach a thaobh an ionaid agus an sàs gu gnìomhach na bheatha.11

Prìomh fheartan

Buinidh an comharradh seo ri ìre com-pàirteachais proifeiseanta agus dealas luchd-obrach. Tha e cuideachd a’ sealltainn air beachdan luchd-obrach a thaobh an com-pàirteachadh gus dèanamh cinnteach gum faigh a’ chlann foghlam agus cùram aig àrd inbhe.12

EISIMPLEIR ÌRE 5

  • Tha tuigse shoilleir againn còmhla air na tha dhìth gus foghlam àrd inbhe a thoirt don chloinn againn. Tha sinn air ar gluasad agus an sàs gu brìoghmhor ann an leasachadh càileachd foghlaim agus cùraim ar cloinne. Tha sinn an sàs gu gnìomhach ann an leasachadh obair an ionaid le obair-sgioba èifeachdach san ionad fhèin agus le ar buidhnean com-pàrtaichte. Tha sinn an sàs gu togarrach ann a bhith a’ cur ri leasachadh luchd-obrach agus leasachadh proifeaseanta, rud a bheir piseach air leasachadh is ionnsachadh na cloinne agus an coileanaidhean. Tha sinn a’ faireachdainn luachmhor, gu bheil co-chomhairle air iarraidh, gu bheil taic ann dhuinn agus gun toir ar beachdan agus ar n-eòlas, fa leth agus mar sgioban, buaidh air mar a chuireas an t-ionad ri càileachd na h-obrach agus ris buaidh air a’ chloinn. Tha beachdan dearbhach againn mu chumhaichean obrach, ghoireasan agus sheirbheisean, ath-bhreithneachadh air dreuchdan agus cothroman a thaobh leasachadh luchd-obrach. Tha sinn a’ faireachdainn gu bheilear a’ cur taice rinn agus gun urrainn dhuinn foghlam àrd inbhe a thoirt seachad.

EISIMPLEIR ÌRE 2

  • Anns an ionad againn, chan eil sinn aontaichte a thaobh na tha dhìth gus foghlam àrd inbhe a lìbhrigeadh. Tha misneachd ìseal a’ cur air àireamh mhòr den luchd-obrach. Ged a tha feadhainn ag iarraidh com-pàirteachadh ann an obair leasachaidh, tha mòran nach freagair tro obair co-chomhairleachaidh, no nach gabh pàirt ann an ath-bhreithneachadh air dreuchdan no leasachadh luchd-obrach. Chan eil ullachaidhean a thaobh riaghladh nan dùbhlain no taiceil agus chan eil cothroman gu leòr ann airson obair-sgioba. Tha sinn a’ faireachdainn nach eil againn ach cothroman cuingealaichte aig coinneamhan airson dòighean a mholadh gus ionnsachadh a leasachadh, agus air nithean leithid ath-bhreithneachadh dhreuchdan, cumhaichean obrach agus leasachadh luchd-obrach.

4.1 SOIRBHEASAN AN IONAID A THAOBH A BHITH AN SÀS SA CHOIMHEARSNACHD IONADAIL

Cuspairean

  • An ìre gu bheil an t-ionad an sàs anns a’ choimhearsnachd ionadail.

Prìomh fheartan

Buinidh an comharradh seo ris a’ cheangal èifeachdach a nì an t-ionad leis a’ choimhearsnachd ionadail. Buinidh e ri beachdan na coimhearsnachd mu obair an ionaid agus mun ìre dham bi daoine agus buidhnean sa choimhearsnachd den bheachd gu bheil an t-ionad agus a’ choimhearsnachd an sàs ann an obair ann an com-pàirteachas.13

EISIMPLEIR ÌRE 5

  • Tha daoine sa choimhearsnachd ionadail an sàs gu gnìomhach san ionad againn. Tha sinn ag obair le buidhnean iomchaidh sa choimhearsnachd as fharsainge ann a bhith a’ toirt taic do chloinn agus do theaghlaichean, mar eisimpleir gus feumalachdan na cloinne a mheasadh, cur ri am fiosraichidhean no taic shònraichte a thoirt gus bacaidhean air ionnsachadh a lùghdachadh. Tha buidhnean anns a’ choimhearsnachd an sàs nur n-ionad agus a’ cur taice ris. Tha sinn a’ toirt freagairt gu luath agus gu h-èifeachdach air ceistean agus air gearanan. Tha beachdan dearbhach gan nochdadh aig a’ choimhearsnachd ionadail, aig buidhnean, luchd-trèanaidh agus colaistean, mu chàileachd agus mu bhuaidh nan seirbheisean a bhios sinn a’ toirt do theaghlaichean agus do chloinn. Tha a’ choimhearsnachd a’ faireachdainn gum bi sinn a’ toirt feart air a beachdan aca mu nithean leithid cliù an ionaid, am feum a chuirear air mar ghoireas airson na coimhearsnachd, mar a bheir e freagairt air gearanan bhon choimhearsnachd agus an ìre gum bi a’ choimhearsnachd an sàs ann am beatha an ionaid againn. Bidh colaistean agus buidhnean a bhios a’ tairgse trèanaidh agus greisean-gnìomhachais a’ faireachdainn gum bi taic anabarrach math ga thoirt san ionad do dh’oileanaich air greis-gnìomhachais. Tha buidhnean com-pàrtaichte agus buidhnean reachdail ag ràdh gu bheil ullachaidhean èifeachdach com-pàirteachais aig an ionad againn, rud a bhios a’ cur ri riarachadh agus ris na dh’fhiosraicheas a’ chlann.

EISIMPLEIR ÌRE 2

  • Cha bhi daoine sa choimhearsnachd an sàs gu leòr anns an ionad againn. Tha riochdairean às leth na coimhearsnachd a’ faighinn fiosrachaidh mu na gnìomhan agus na seirbheisean a th’ air an lìbhrigeadh san ionad ach cha bhi cothrom gu leòr aca gus buaidh a thoirt orra seo. Chan eil buidhnean sa choimhearsnachd an sàs gu gnìomhach ann a bhith a’ toirt taic do chloinn agus do theaghlaichean agus ’s e glè bheag de dh’fheum a chuirear air an ionad airson ghnìomhan coimhearsnachd. Tha daoine sa choimhearsnachd ionadail ag ràdh gu bheil iad an sàs gu ìre anns an ionad ach gu bheil iad a’ faireachdainn nach toirear gu leòr aire air na ceistean no na molaidhean aca mu ciamar a dh’fhaodte an t-ionad a leasachadh agus taic a chur ris na teaghlaichean agus ris a’ chloinn againn. Tha cuid de bhuidhnean a’ faireachdainn nach eil iad ach an sàs gu ìre ann am beatha an ionaid agus a’ toirt buaidh air. Cha bhi buidhnean a bhios a’ tairgse trèanaidh agus greisean-gnìomhachais a’ faireachdainn daonnan gu bheil sinn a toirt taic do dh’oileanaich air greis-ghnìomhachais no a’ cleachdadh greisean-gnìomhachais gu h-èifeachdach gus stiùireadh a thoirt mu dhreuchdan. Tha cuid de na buidhnean com-pàirteachais agus de bhuidhnean reachdail a’ faireachdainn gum faodamaid obrachadh na bu dhlùithe leotha gus piseach a thoirt air na dh’fhiosraicheas a’ chlann agus teaghlaichean.

4.2 SOIRBHEASAN AN IONAID A THAOBH A BHITH AN SÀS SA CHOIMHEARSNACHD AS FHARSAINGE

Cuspairean

  • An ìre gu bheil an t-ionad
  • a’ brosnachadh agus a’ cur taic ri obair chruthachail agus ri nuadhachadh agus ag ionnsachadh bho na cleachdaidhean as ùire agus as fheàrr agus gan cur an gnìomh
  • a’ toirt buaidh air poileasaidh no air cleachdaidh anns an fharsaingeachd
  • faicinn agus a’ toirt freagairt gu grad agus gu sùbailte air atharrachaidhean
  • an sàs ann an ceistean cruinneadail

Prìomh fheartan

Tha an comharradh seo a’ sealltainn air a’ bhuaidh a bheir an t-ionad air a’ choimhearsnachd foghlaim as fharsainge. Tha e a’ dèiligeadh ri mar a bhios an t-ionad a’ brosnachadh agus a’ cur a thaice ri obair chruthachail agus nuadhachadh agus a bhith fosgailte mu bheachdan ùra, agus a bhith a’ roinn na cleachdaidhean as fheàrr nas fharsainge nuair a ghabhas sin dèanamh. Tha e mu dheidhinn a bhith na ionad a bhios ag iarraidh dùbhlain agus a bhios a’ dèiligeadh gu math ri atharrachaidhean. Buinidh e cuideachd ris a’ bhuaidh a bheir an t-ionad air leasachaidhean nas fharsainge.14

EISIMPLEIR ÌRE 5

  • Tha sinn gu math fiosrachail mu dheidhinn, agus nuair a tha e iomchaidh an sàs ann, am farsaingeachd de phrògraman nuadhach, nam measg ceanglaichean ri ionadan is ri sgoiltean ann an sgìrean eile den dùthaich agus thall thairis. Tha eisimpleirean ann den cleachdadh às fheàrr agus as ùire, bho ionadan, bho sgoiltean agus bho dhùthchannan eile ris an deach gabhail agus a chur an gnìomh anns an ionad. Bidh sinn ag obair an com-pàirteachas le ionadan is buidhnean eile. Tha iad seo air leasachaidhean brìgheil a thoirt air foghlam agus air seirbheisean ar cuid chloinne.
  • Tha sinn an sàs ann an leasachaidhean no ann am buidhnean-obrach le ionadan is buidhnean eile, leis an ùghdarras foghlaim, no air bhonn nàiseanta, far am bheil sin iomchaidh.
  • Tha an t-ionad againn a’ cur cuideam air a bhith ag atharrachadh chleachdaidhean a rèir atharrachaidhean ann am feumalachdan agus gus dèanamh cinnteach gum faigh a’ chlann lìbhrigeadh àrd fad na tìde.
  • Tha an t-ionad againn faicsinneach. Tha sinn a’ tuigsinn agus a’ dol an sàs ann an ceistean nas fharsainge a bhios a’ bualadh air daoine ann an raointean eile. Bidh sinn ag oideachadh airson seasmhachd agus ag ullachadh ar luchd-ionnsachaidh gum bi nan saoranaich cruinneil.

EISIMPLEIR ÌRE 2

  • Cha bhi sinn a’ brosnachadh obair chruthachail no atharrachaidhean. Bidh an t-ionad againn a’ lìbhrigeadh foghlaim a bhios a’ coinneachadh ri feumalachdan na cloinne ach ’s ann ainneamh a bhios sinn nuadhach no ag ionnsachadh bho dheagh ionadan no bho thall thairis.
  • ’S glè bheag de ar luchd-obrach a tha an sàs ann an comataidhean no ann am buidhnean-comhairleachaidh taobh-muigh ar n-ionad. ’S e glè bheag de bhuaidh a bhios aig an ionad taobh-muigh ar sgìre ionadail.
  • ’S ann gealtach a tha sinn a thaobh atharrachaidhean. Cha bhi sinn daonnan a’ toirt freagairt for-ghnìomhach air atharrachaidhean ann am feumalachdan na cloinne.
  • Ged a tha beagan tuigse againn air ceistean taobh-muigh ar coimhearsnachd, cha bhi sinn ag ullachadh na cloinne againn gu cunbhalach gu bhith nan saoranaich cruinneil.

5.1 AN CURRAICEALAM

Cuspairean

  • Feallsanachd agus dealbhadh a’ churraicealaim.15
  • Leasachadh a’ churraicealaim
  • Prògraman
  • Eadar-ghluasadan16

Prìomh fheartan

Buinidh an comharradh seo ris na dòighean san cuir raointean curraicealaim, beatha an ionaid mar choimhearsnachd agus cothroman airson coileanaidhean pearsanta ri comas na cloinne mar luchd-ionnsachaidh soirbheachail, mar dhaoine misneachail agus mar shaoranaich ciallach a chuideicheas gu h-èifeachdach. Tha e a’ sealltainn air càileachd a’ churraicealaim thairis air ìrean agus prìomh ìrean eadar-ghluasaid ann an ionnsachadh na cloinne agus am feum air ionnsachadh a tha beothail agus gnìomhach tro chluiche. Tha e a’ daingneachadh gum feum an curraicealam a bhith fiùghantach, beachd a ghabhail air fiosraichidhean proifeiseanta air nuadhachadh agus a bhith sùbailte gus feumalachdan agus ùidhean na cloinne a choinneachadh.

EISIMPLEIR ÌRE 5

  • Tha feallsanachd follaiseach aig ar curraicealam, a tha air a bhonntachadh air luachan com-pàrtaichte. Tha e a’ tòiseachadh le feumalachdan a’ phàiste fhèin. Chaidh a dhealbhachadh gus comas a thoirt don chloinn uile adhartas a dhèanamh leis na prìomh rudan nan cuid ionnsachaidh is leasachaidh. Tha dùbhlan, tlachd, pearsanachadh agus roghainn ann an ionnsachadh gan cur air adhart aige. Tha leud, cothromachadh, doimhneachd agus sùbailteachd gu leòr ann gus feumalachdan gach neach a choinneachadh, feadhainn aig a bheil feumalachdan taic a bharrachd nam measg. Tha an curraicealam gu tur mothachail air comhairle ionadail is nàiseanta agus tha comas ann gus nuadhachadh breithneachail a thoirt a-steach leis an luchd-obrach, agus do chloinn a dhol an sàs ann an nithean sa bheil ùidh aca. Tha an curraicealam stèidhichte gu daingeann air cluiche is air ionnsachadh gnìomhach.
  • Bidh ar curraicealam ga leasachadh agus ga ùrachadh gu cunbhalach, leis an luchd-obrach air fad an sàs anns an obair agus iad mothachail air beachdan na cloinne agus nam pàrant. Bidh sinn a’ beachdachadh mar luchd-obrach air a’ churraicealam a tha sinn a’ lìbhrigeadh agus a’ cur ri fiosraichidhean càileachd cloinne uile, air a’ bhuaidh a bhios aig an fhiosrachaidh air a’ chloinn agus air na builean a bheir iad gu buil.
  • Tha na prògraman againn nam brodadh-inntinn, nan dùbhlan agus tlachdmhor. Bidh sinn a’ dèiligeadh ri agus a’ coinneachadh ri feumalachdan agus ùidhean na cloinne fa leth. Tha ar curraicealam a’ cur taic ri adhartais le agus eadar roinnean ionnsachaidh agus gan cur air adhart gu math a thaobh coileanaidhean nas fharsainge.
  • Tha taic air leth èifeachdach ga toirt don chloinn nuair a bhios iad air an suidheachadh eadar an t-ionad againne agus ionad eile agus sa ghluasad bhon dachaigh dhan sgoil-àraich. Tha sinn a’ toirt aire mhath do dh’adhartas leantainneach ann an ionnsachadh na cloinne, a’ gabhail a-steach na bhios iad ag ionnsachadh nuair a ghabhas iad a’ cheum chudromach bhon sgoil-àraich gu P1.

EISIMPLEIR ÌRE 2

  • Tha leud agus cothromachadh a dhìth, gu ìre chudromach aig amannan, air a curraicealam air feadh prìomh raointean. Chan eil e a’ nochdadh gu slàn feumalachdan no ùidhean gach pàiste fa leth. Chan eil comas gu leòr ann airson sùbailteachd no nuadhachaidh agus chan eil ach feart gu leòr ga thoirt air stiùireadh nàiseanta is ionadail. Tha laigsean ann an cuid de raointean curraicealaim agus tha feumalachdan aig cuid den chloinn nach eilear a’ coinneachadh. Chan eil cothroman gu leòr aig a’ chloinn a bhith gnìomhach nan ionnsachadh ann an suidheachaidhean cluiche. Tha an curraicealam air a stiùireadh tuilleadh ’s a’ chòir le goireasan airson ghnìomhan.
  • Chan eil sinn air ar curraicealam ùrachadh gu math mar fhreagairt air feumalachdan ag atharrachadh no a mhùthadh gu leòr gus feumalachdan ar luchd-ionnsachaidh a choinneachadh. Cha bhi sinn a’ gabhail a-steach ar luchd-obrach, pàrantan no ar cloinne gu cunbhalach nuair a bhios càileachd fiosraichidhean na cloinne ga ath-bhreithneachadh agus ga leasachadh.
  • Tha laigsean sa churraicealam a thaobh taic a chur ris a’ chloinn gus an comasan uile a thoirt gu buil. Tha feadhainn de ar prògraman nach eil nan dùbhlain no nam brodadh-inntinn.
  • Chan eil sinn a’ cur cuideam gu leòr air daingneachadh adhartais ann an ionnsachadh am measg na cloinne no leantainneachd a thaobh mar a tha iad ag ionnsachadh aig na h-ìrean eadar-ghluasaid as cudromaiche.

5.2 TEAGASG AIRSON IONNSACHADH ÈIFEACHDACH

Cuspairean

  • An suidheachadh ionnsachaidh agus dòighean-teagaisg
  • Dàimh eadar luchd-obrach agus clann
  • Soilleireachadh agus gnothach chòmhraidhean
  • Breitheanas air a dhèanamh ri linn teagasg

Prìomh fheartan

Buinidh an comharradh seo ri càileachd an teagaisg airson ionnsachadh èifeachdach ann an suidheachadh dearbhach agus raon fiosraichidhean a chuireas ionnsachadh gnìomhach air adhart agus a chuidicheas a’ chloinn gus meòrachadh mu na dh’fhiosraich iad. Tha e a’ cur cuideam air an fheum air raon de dhòighean-teagaisg a tha caochlaideach, sùbailte agus cùramach gus dèanamh cinnteach gum bi an teagasg fhèin na mhisneachd agus gum buin e ri feumalachdan na cloinne. Tha e a’ cur cuideam cuideachd air feum a nithear den chàirdeas eadar an luchd-obrach agus a’ chlann gus breitheanas glic a ghabhail mu ciamar a bu chòir an teagasg a stiùireadh gus feumalachdan na cloinne a choinneachadh. Tha an comharradh ag aithneachadh cho cudromach sa tha teicneolas fiosrachaidh agus conaltraidh (ICT) gus teagasg a shaidhbhreachadh agus a’ chlann a chuideachadh is a bhrosnachadh.

EISIMPLEIR ÌRE 5

  • Tha sinn a’ cur feum air raon farsaing de shuidheachaidhean ionnsachaidh agus de dhòighean-teagaisg a tha nan dùbhlan, tlachdmhor agus a ghabhas a-steach gnìomhan-cluiche cruthachail agus mac-meanmnail. Tha iad a’ tòiseachadh le, agus a’ freagairt air, feumalachdan gach pàiste fa leth. Bidh iad a’ glacadh an aire, gam brosnachadh agus a’ cur ris na dh’ionnsaich iad mar-thà. Bidh sinn ag obrachadh gu dìreach leis a’ chloinn gus an sgilean-ionnsachaidh neo-eisimeileach air leth a leasachadh. Bidh gnìomhan-cluiche a’ toirt phàistean còmhla gus co-dhùnaidhean a ghabhail agus duilgheadasan a sgrùdadh is fhuasgladh. Bidh astar an ionnsachaidh a’ toirt comas don chloinn air fad adhartas iomchaidh a dhèanamh. Bidh sinn a’ cleachdadh ICT gu h-èifeachdach airson ionnsachadh is teagasg.
  • Bidh a’ chlann againn a’ gabhail tlachd à ionnsachadh. Tha an eadar-obair a th’ againn leotha a’ leigeil fhaicinn gu bheil tuigse choileanta againn air ionnsachadh agus leasachadh na cloinne. Tha iad air am breithneachadh fìor mhath gus cur ri iom-fhillteachd cluich na cloinne. Tha sinn a’ tuigsinn agus a’ leasachadh brosnachadh na cloinne gus am bi iad an sàs le rùn ann an cluich. ’S e dàimhean a tha daonnan càirdeil agus earbsach a th’ againn leis a’ chloinn agus bidh sinn gam moladh gu h-èifeachdach gus ionnsachadh a thoirt air adhart. Bidh sinn a’ coimhead gu dlùth air a’ chloinn feuch a bheil eadraiginn a dhìth agus a’ cleachdadh fiosrachadh mun adhartas gus ionnsachadh san àm ri teachd a phlanadh.
  • Tha an teagasg againn a’ gabhail a-steach na cloinne gu h-iomlan agus gam brosnachadh gus am beachdan a nochdadh agus ceistean a chur. Bidh ar ceasnachadh gu math ealanta is bidh sinn a’ dèanamh cinnteach gum bi ùine aig a’ chloinn a bhith a’ breithneachadh mus toir iad freagairt. Tha sinn a’ cur luach air freagairtean na cloinne agus bidh sinn a’ leasachadh nam freagairtean gu h-iomlan gus an t-ionnsachadh a leudachadh agus beachdan èifeachdach a bhrosnachadh. Tha ceasnachadh, neo-eisimeileachd agus misneachd aig a’ chloinn gan cur air adhart gu cunbhalach.
  • Bidh breitheanas glic ga thoirt mu adhartas na cloinne agus bidh sinn a’ freagairt gu luath gus dèanamh cinnteach gum bi na gnìomhan agus fiosraichidhean a’ coinneachadh ri feumalachdan gach neach-cloinne. Bidh sinn a’ gabhail beachd gu h-iomlan air atharrachaidhean eadar pàistean a thaobh a bhith a’ frithealadh an ionaid agus a’ dèanamh cinnteach gum bi na cleachdaidhean cluiche is cùraim air an deagh cho-òrdanachadh gus beachd iomlan a ghabhail air feumalachdan fa leth.

EISIMPLEIR ÌRE 2

  • Tha na dòighean-teagaisg againn cuingealaichte agus gann de bhrosnachadh is gun ghnìomhan chruthachail agus cha bhi iad a’ gabhail beachd gu h-iomlan air feumalachdan na cloinne. Chan eil nan gnìomhan dùbhlanach no buntainneach gu leòr. Chan eil sinn an còmhnaidh cunbhalach san dòigh san glèidh sinn aire na cloinne agus a bhith an sàs nan fiosraichidhean cluiche. ’S ann cuingealaichte a tha ceanglaichean a tha sinn a’ dèanamh ris an adhartas agus ris an ionnsachadh a rinn a’ chlann mar-thà. Tha gnìomhan na cloinne air an stiùireadh tuilleadh ’s a’ chòir le inbhich agus cha bhi iad a’ leasachadh neo-eisimeileachd no misneachd math gu leòr. Chan eil ach beagan ghnìomhan a’ leudachadh air fiosraichidhean na cloinne no a chuireas taic ri adhartas. Chan eil iad a’ dol a rèir feumalachdan no ceumannan leasachaidh na cloinne. Cha bhi sinn a’ cleachdadh ICT gu h-èifeachdach ann an ionnsachadh is teagasg.
  • Cha bhi an t-eadar-obair a th’ againn leis a’ chloinn an còmhnaidh a’ cur ri iom-fhillteachd cluiche. Ged a chuireas sinn taic ris a’ chloinn nan ionnsachadh, gu tric bidh sinn a’ dèanamh eadraiginn ro thràth nan cluich, rud a lùghdaicheas cothroman don chloinn am beachdan a chur an altaibh a chèile. Cha bhi sinn daonnan a’ tairgse cuideachadh iomchaidh ri linn ghnìomhan a tha dùbhlanach. Tha sinn fiosraichte mun chloinn a tha nur cùraim ach chan eil sinn mothachail ann an doimhneachd gu leòr air leasachadh cloinne gus adhartas ann an ionnsachadh a thoirt air adhart.
  • Cha bhi ceasnachadh ar luchd-obrach a’ cur taice ri leasachadh air beachdachadh na cloinne agus tha e air a stiùireadh tuilleadh ’s a chòir le inbhich. Bidh sinn ag èisteachd ri freagairtean na cloinne ach cha bhi sinn a’ cur riutha mar bu chòir gus am brosnachadh gus beachdan cuideachail a nochdadh.
  • Tha am breitheanas a nì sin mu adhartas na cloinne nan leasachadh agus nan ionnsachadh stèidhichte uaireannan air tuigse chuibhrichte air ciamar a ghabhas ceangal èifeachdach a dhèanamh gus ionnsachadh na cloinne a leudachadh agus bidh seo a’ cur bacaidh oirnn freagairt gu h-iomchaidh air feumalachdan, ùidhean agus suidheachaidhean fa leth.

5.3 A’ COINNEACHADH RI FEUMALACHDAN IONNSACHAIDH

Cuspairean

  • Cothroman ionnsachaidh, obraichean, gnìomhan agus goireasan
  • Comharrachadh fheumalachdan ionnsachaidh
  • Dreuchd an luchd-obrach
  • A’ coinneachadh ri agus cur an gnìomh feumalachdan reachdail

Prìomh fheartan

Buinidh an comharradh seo ri ullachaidhean an ionaid gus feumalachdan na cloinne uile a choinneachadh, a’ ghabhail a-steach buidhnean a dh’fhaodadh a bhith so-leònte, agus aghaidh a chur air bacaidhean a thaobh ionnsachadh. Tha seo a’ gabhail a-steach a bhith a’ comharrachadh fheumalachdan, agus a’ tairgse taice agus dùbhlain do, bhuidhnean is phàistean fa leth aig am bheil, dh’fhaoidte, feumalachdan taic a bharrachd leithid: clann a th’ air an sealltainn às an dèidh; air an sealltainn às an dèidh fo aoigheachd; clann le neo-làthaireachd tro thinneas, suidheachadh an teaghlaich no cùram-faothachaidh; feadhainn aig a bheil Beurla mar chànan a bharrachd; fògarraich agus clann Siopsach/Luchd-siubhail; agus clann nas comasaiche.

EISIMPLEIR ÌRE 5

  • Tha coinneachadh ri feumalachdan ionnsachaidh agus leasachaidh na cloinne aig cridhe ur n-obrach. Tha sinn a’ suidheachadh gnìomhan agus goireasan ionnsachaidh, stuthan nàdarra nam measg, a rèir aois, feumalachdan agus comas gach pàiste fa leth. Tha na dòighean sam bheil sinn a’ teannadh ri leasachadh is ri ionnsachadh buntainneach agus dùbhlanach agus bidh iad a’ gabhail beachd gu h-iomlan air fiosraichidhean, ùidhean agus dòighean-ionnsachaidh sònraichte na cloinne. Tha a’ chlann comasach roghainnean a dhèanamh, a dhol air thòir nan nithean anns a bheil ùidh aca agus tha iad air an glacadh a-steach ann an cluich. Tha na prògraman againn sùbailte gus comas a thoirt do gach pàiste a dhol air adhart aig an astar fhèin. Tha sinn a’ cleachdadh ghoireasan gu h-èifeachdach airson taic a chur ri ionnsachadh na cloinne agus a’ cleachdadh farsaingeachd de dhòighean ionnsachaidh is de dhòighean teagaisg.
  • Bidh sinn ag aithneachadh aig ìre thràth, ag ath-bhreithneachadh agus a’ measadh feumalachdan na cloinne, nam measg feadhainn aig am bheil feumalachdan a tha air leth diofraichte bho chàch. Tha sinn a’ toirt a-steach nam pàrant agus luchd-cùraim agus nan seirbheisean com-pàirteachais anns a’ mhodh-obrachaidh. Tha sinn ag eagrachadh taice a tha riaghailteach agus cuideachail gu cunbhalach airson comas a thoirt don chloinn pàirt iomlan a ghabhail anns a h-uile nì co-cheangailte rin leasachadh is rin ionnsachadh.
  • Tha cothroman cunbhalach aig luchd-obrach an ionaid, luchd-obrach taic-ionnsachaidh, buidhnean com-pàirteachais agus pàrantan deasbad a dhèanamh gus dèanamh cinnteach gun tèid aghaidh a chur gu grad air nithean sam bith a dh’fhaodadh bacadh a chur air ionnsachadh. Tha sinn mothachail air na feumalachdan ionnsachaidh eadardhealaichte a bhios aig a’ chloinn agus air suidheachaidhean fa leth. Tha tuigse fhollaiseach againn air ar dreuchdan agus tha ionnsachadh èifeachdach ga thoirt a-steach a chuidicheas a’ chloinn gus adhartas seasmhach a dhèanamh. Tha taic agus comhairle phrìseil ga toirt seachad le luchd-obrach taic-ionnsachaidh agus leis na buidhnean com-pàirteachais don luchd-obrach agus do phàrantan gus feumalachdan ionnsachaidh na cloinne a choinneachadh. Tha amasan fìrinneach againn a thaobh na cloinne air fad.
  • Tha an reachdas agus a’ chomhairle a th’ ann an-dràsta mu chloinn aig am bheil feum air taic a bharrachd nan ionnsach-adh ga chur an gnìomh gu h-èifeachdach. Tha amasan iomchaidh againn airson na cloinne anns na prògraman foghlaim pearsantaichte agus na planaichean taic co-òrdanaichte. Tha sinn a’ cur luach mòr air beachdan nam pàrant nuair a bhios sinn ag ath-bhreithneachadh air feumalachdan na cloinne agus planaichean ionnsachaidh.

EISIMPLEIR ÌRE 2

  • Tha sinn a’ cur cuid de ghnìomhan agus de ghoireasan an sàs a rèir feumalachdan nam pàistean fa leth ach chan eil sinn daonnan a’ cur gu leòr ris na dh’ionnsaich iad mar-thà agus a’ cur taice riutha gus na h-ath cheumannan ann an ionnsachadh a ghabhail anns a h-uile raon den churraicealam. ’S ann cuingealaichte a tha cothroman na cloinne goireasan a thaghadh dhaibh fhèin gu neo-eisimeileach agus dol air thòir nan nithean anns a bheil ùidh aca fhèin.
  • Tha ceumannan gan gabhail gus feumalachdan ionnsachaidh a chomharrachadh ach chan eilear a’ toirt aire gu leòr don chloinn a’ cluich agus chan eil ullachaidhean air an leasachadh airson sùil a chumail air adhartas na cloinne. Cha bhi sinn daonnan ag obair dlùth gu leòr leis a’ chloinn, le pàrantan no leis na buidhnean iomchaidh gus feumalachdan na cloinne aig am bheil, dh’fhaoidte, feum air taic a bharrachd nan ionnsachadh aithneachadh. Chan eilear air pàrantan no luchd-cùraim a ghabhail a-steach gu lèir sa mhodh-obrachaidh gus amasan sònraichte ionnsachaidh aithneachadh airson am pàistean.
  • Nuair a tha sinn a’ planadh ghnìomhan ionnsachaidh don chloinn air fad, chan eil sinn a’ toirt gu leòr aire do nithean leithid an suidheachadh ionnsachaidh, suidheachadh an teaghlaich, slàinte no ciorram, no cùisean sòisealta no faireachdail a dh’fhaodadh bacadh a chur air ionnsachadh. Chan eil sinn soilleir mu ar dreuchdan agus mar a ghabhas taic a chur ri feumalachdan na cloinne a thaobh ionnsachadh agus leasachadh. Chan eil taic agus comhairle gu leòr gan tairgse leis an fheadhainn le dleastanasan riaghlaidh agus le luchd-obrach taic-ionnsachaidh anns an ionad don luchd-obrach gus feumalachdan na cloinne a choinneachadh.
  • Chan eil sinn mothachail gu h-iomlan, agus cha bhi sinn a’ cur feum, air an reachdas agus a’ chomhairle a th’ ann an-dràsta mu chloinn a tha feumach air taic a bharrachd nan ionnsachadh. Chan eil na clàran mu adhartas na cloinne a’ leigeil fhaicinn gu cuimseach nam feumalachdan aca agus chan eilear gan ath-bhreithneachadh gu cunbhalach. Chan eil gnothach gu leòr aig pàrantan, clann no buidhnean bhon taobh a-muigh ris a’ mhodh-obrachaidh.

5.4 MEASADH AIRSON IONNSACHADH

Cuspairean

  • Dòighean measaidh
  • Planadh fiosraichidhean ionnsachaidh agus ghnìomhan
  • Cleachdadh fiosrachadh measaidh gus ionnsachadh san àm ri teachd a chomarrachadh agus a phlanadh
  • Ullachaidhean airson clàradh agus aithriseadh

Prìomh fheartan

Buinidh an comharradh seo ri gabhail a-steach luchd-obrach, na cloinne is nam pàrant ann an roinneadh is cleachdadh farsaingeachd de dh’fhiosrachadh measaidh gus piseach a thoirt ionnsachadh is air leasachadh agus gus beachd a ghabhail air càileachd an teagaisg. Tha e a’ sealltainn air measadh mar phàirt bhunaiteach de dh’ionnsachadh agus de theagasg agus a’ planadh ghnìomhan ionnsachaidh àrd inbhe airson na cloinne uile. Tha e a’ cur cuideam air mar a dh’fheumas a’ chlann, pàrantan, luchd-obrach agus buidhnean iomchaidh eile a bhith ag obair còmhla gus builean a thaobh ionnsachadh a leasachadh. Buinidh e cuideachd ri cunntachalachd an luchd-obrach airson an adhartais iomchaidh aig a’ chloinn uile.

EISIMPLEIR ÌRE 5

  • Tha an luchd-obrach againn a’ cur feum air raon iomchaidh de mhodhan measaidh, nam measg a’ cumail sùil air a’ chloinn agus a’ dèanamh cheanglaichean riutha. Tha sinn a’ cumail sùil gheur air an taic agus air an eadraiginn a bhios a dhìth air pàistean fa leth agus air buidhnean. Bidh co-dhiù aon neach-obrach fìor eòlach air a’ phàiste.
  • Tha fiosraichidhean ionnsachaidh àrd inbhe gam planadh a chleachdas an tuigse a th’ againn air ionnsachadh is air leasachadh na cloinne agus air na builean ionnsachaidh. Tha sinn eòlach air agus a’ dèiligeadh ri feumalachdan agus ùidhean fa leth agus tha sinn soilleir mu na tha sinn an dùil a dh’ionnsaicheas a’ chlann. Bidh sinn a’ cur agus a’ leudachadh ri na dh’ionnsaich a’ chlann mar-thà.
  • Bidh sinn a’ cur feum gu h-èifeachdach air fiosrachadh measaidh gus ionnsachadh agus teagasg a mheasadh agus na cleachdaidhean againn a leasachadh. Bidh sinn a’ coimhead gu dlùth air a’ chloinn a’ cluich, a’ cumail sùil air an adhartas agus a’ cleachdadh an fhiosrachaidh gus an ionnsachadh san àm ri teachd a phlanadh agus gus co-dhùnaidhean a ghabhail feuch am biodh eadraiginn na chuideachadh. Bidh sinn a’ sireadh agus a’ cleachdadh fiosrachaidh mu leasachadh-cloinne bho phàrantan agus, nuair a tha e iomchaidh, bho bhuidhnean taice. Tha a’ chlann againn an sàs gu gnìomhach nan ionnsachadh agus ann am measadh a dhèanamh air an ionnsachadh is an adhartas.
  • Tha ullachaidhean a ghabhas riaghladh againn gus clàran a chumail a chuidicheas gus adhartas na cloinne a chlàradh agus aithis a thoirt do phàrantan. Tha na pàrantan a’ faighinn fiosrachadh ùr gu cunbhalach, a ghabhas a-steach aithrisean sgrìobhte mu adhartas na cloinne a thaobh a’ churraicealam air fad. Bidh an luchd-obrach a’ toirt geàrr-iomradh do phàrantan gu cunbhalach. Bidh a’ chlann a’ cur ris na geàrr-iomraidhean seo agus bidh sealbh aca orra ann an seadh.

EISIMPLEIR ÌRE 2

  • Bidh sinn a’ measadh adhartas na cloinne ach gu tric cha bhi sinn a’ cleachdadh ach air raon chumhang de dhòighean-obrach. Cha bhi sinn a’ dèiligeadh gu gnìomhach no a’ tairgse càileachd ann am fios air ais don chloinn nuair a nì sinn conaltradh riutha.
  • Nuair a bhios fiosraichidhean ionnsachaidh gam planadh airson na cloinne, cha bhi sinn a’ dèanamh feum gu leòr den fhiosrachadh bho phàrantan, bho eòlaichean no luchd-obrach taic ionnsachaidh a thaobh
    co-dhùnaidhean air dè an taic no an eadraiginn a tha a dhìth. Cha bhi sinn a’ gabhail beachd gu h-iomlan air ionnsachadh agus leasachadh na cloinne no air an astar aig am bi iad a’ dèanamh adhartais.
  • Bidh sinn a’ cur seachad ùine a’ tional fiosrachadh measaidh ach gun a bhith ga chleachdadh gu h-èifeachdach.
    ’S ann ainneamh a thathar ga chleachdadh gus ionnsachadh agus teagasg a mheasadh no ga cho-roinn is ga dheasbad gu h-adhartach leis an luchd-obrach, feadhainn bho bhuidhnean eile nam measg, no leis a’ chloinn. Cha bhi a’ chlann daonnan a’ faighinn bheachdan air ais mun ionnsachadh.
  • Bidh sinn a’ cumail fios ri pàrantan mu adhartas na cloinne ach chan eil modhan-obrachaidh agus briathrachas measaidh gam mìneachadh gu soilleir dhaibh. Cha bhi fios mionaideach, buntainneach sna h-aithisgean sgrìobhte no clàradh a thaobh adhartas ach a thaobh cuid de na nithean an lùib an ionnsachaidh. Chan eilear a’ brosnachadh na cloinne no nam pàrant cur ri aithrisean no beachdan a nochdadh orra.

5.5 DÙIL AGUS CUR AIR ADHART CHOILEANAIDHEAN

Cuspairean

  • Dùil agus cleachdadh molaidh luchd-obrach
  • Dùil agus moit à coileanaidhean na cloinne
  • Cur air adhart agus a glèidheadh faireachdainn coileanaidh
  • Dàimhean eadar an luchd-obrach agus a’ chlann

Prìomh fheartan

Buinidh an comharradh seo ri dùilean an luchd-obrach agus na cloinne, agus ris an ìre gu bheil an t-ionad a’ cur air adhart spiorad coileanaidh airson na cloinne uile. Tha e ag amas air dùilean dhùbhlanach ach ciallach a thoirt don chloinn agus air coileanaidhean a mholadh agus a mhealtainn. Tha e a’ cur cuideam air spiorad spàirn agus soirbheis anns am bheil urram co-aontach eadar luchd-obrach agus clann.

EISIMPLEIR ÌRE 5

  • Tha dùilean àrda againn uile gu cunbhalach mu choileanaidhean is mu ghiùlan cloinne agus bidh sinn gan com-pàirteachadh leis a’ chloinn agus le pàrantan. Bidh sinn a’ moladh nuair a tha e iomchaidh gus clann a bhrosnachadh agus neo-eisimeileachd agus co-obrachadh a chur air adhart le bhith a’ cur feum air caochladh
    ro-innleachdan freagarrach.
  • Tha dùilean àrda aig a’ chloinn againn mun deidhinn fhèin agus mu dhaoine eile. Tha faireachdainn aca mu choileanaidhean agus mu adhartas, agus tha iad a’ gabhail tlachd ann an cothroman iomchaidh gus dleastanas a ghabhail orra fhèin. Tha an obair aca air a dheagh thaisbeanadh air feadh an t-seòmair-cluiche agus an ionaid.
  • Tha suidheachadh ionnsachaidh brosnachail, misneachail ga lìbhrigeadh agus amasan àrda airson an coileanadh. Tha cothroman air an deagh phlanadh airson na cloinne gus eòlas a chur air coileanaidhean as fhiach. Tha na h-amasan àrda a th’ aig a’ chloinn rim faicinn san dòigh san gabh iad gu togarrach ri gnìomhan san t-seòmar-cluiche, ri adhartas agus ri coileanaidhean. Tha na h-ìrean àrda misneachd agus an ìre gum bheilear an sàs ann an gnothaichean a’ nochdadh bheachdan deimhinneach ionnsachaidh. Tha sinn a’ comharrachadh choileanaidhean na cloinne gu cunbhalach taobh-staigh an ionaid agus leis an teaghlach is a’ choimhearsnachd.
  • Tha na dàimhean san ionad blàth agus dearbhach agus air a bhonntachadh air urram agus earbsa co-aontach. Tha an fhaireachdainn nar seòmraichean-cluiche gu math socair agus làn de rùn. Tha a’ chlann modhail agus ag ionnsachadh a bhith bàidheil do chàch.

EISIMPLEIR ÌRE 2

  • Tha ar dùilean mu choileanaidhean is mu ghiùlan na cloinne tuilleadh is ìseal uaireannan. Bidh sinn a’ cleachdadh moladh mar thaic do chloinn ach cha bhi seo cunbhalach ann a bhith a’ brosnachadh na cloinne no a’ cur taice ri giùlan math am measg na cloinne.
  • Tha cus den chloinn nach creid na tha comasach dhaibh a choileanadh. Tha feadhainn aig nach eil mòran fèin-spèis no misneachd a thaobh an comas coileanaidh no dleastanas a ghabhail orra fhèin.
  • Tha an àrainneachd a bhios sinn a’ tairgse gu math tioram aig amannan. Chan eil an ùidh ach cuingealaichte anns na gnìomhan agus tha duilgheadasan aca an inntinn a chumail air rudan. Chan eil spiorad coileanaidh ga cur air adhart leis an luchd-obrach air fad air feadh an ionaid, agus chan eil diù ga thoirt do phlanadh, aithneachadh no com-pàirteachas de choileanaidhean na cloinne.
  • Chan eil na dàimhean eadar luchd-obrach is a’ chlann daonnan stèidhichte air urram co-aontach no air tuigse mu bhith ag obair còmhla ri cloinn. Tha cuid de luchd-obrach nach bi a’ dol an lùib na cloinne gu h-iomlan nuair a bhios iad a’ cluich, agus bidh an cluich aca gun treòrachadh aig amannan.

5.6 CO-IONNANACHD AGUS COTHROMACHD

Cuspairean

  • Dòighean in-ghabhaltais
  • Co-ionnanachd agus cothromachd gan cur air adhart
  • Dèanamh cinnteach gum bi co-ionnanachd agus cothromachd ann

Prìomh fheartan

Buinidh an comharradh seo ri ceumannan a th’ air an gabhail leis an ionad gus faireachdainn làidir co-ionnanachd is cothromachd a chur air adhart agus a dhaingneachadh tron churraicealam agus thairis air nithean co-cheangailte ri obair an ionaid. Tha e a’ sealltainn air an dreuchd a th’ aig an luchd-obrach gus dèanamh cinnteach gun tèid a’ chlann air fad a thoirt a-steach ann am beatha an ionaid agus gun tèid luach a chur air iomadachd taobh-staigh is taobh-muigh an ionaid.17

EISIMPLEIR ÌRE 5

  • Anns an ionad againn, bidh sinn a’ cur fàilte air a h-uile pàiste is teaghlach. Tha dàimhean obrach èifeachdach eadar an luchd-obrach agus seirbheisean com-pàirteachais a’ dèanamh cinnteach gun tèid na feumalachdan aca ath-bhreithneachadh, a mheasadh agus a choinneachadh. Bidh sinn a’ cuideachadh theaghlaichean aig a bheil duilgheadasan ann a bhith a’ faighinn cothrom air seirbheisean taice. Bidh ar n-ionad a’ toirt air falbh bacaidhean air leasachadh is air ionnsachadh agus a’ dèanamh cinnteach gun tèid a’ chlann agus am pàrantan a thoirt a-steach gu h-iomlan anns a h-uile nì an lùib beatha an ionaid. Thathar a’ cur pàrantan air chomas pàirt a ghabhail gu co-ionann ann an cùram ’s ann am foghlam an cuid chloinne. Bidh sinn a’ sealltainn gu soilleir air clann a tha so-leònte.
  • Tha co-ionannachd chothroman agus cothromachd gan cur air adhart againn mar a tha ri fhaicinn gu follaiseach bho obair an ionaid. Thathar ag aithneachadh iomadachd, a’ cur luach air is ga cur air adhart san ionad againn agus sa choimhearsnachd agus a’ cur cuideam air na thathar a’ co-roinn nar luachan agus nar fiosraichidhean. Tha ceistean mu cho-ionannachd agus mu chothromachd do chàch gan deasbad gu fosgailte agus gu mothachail am measg ar cloinne is ar luchd-obrach.
  • Thathar a’ dèiligeadh ris a’ chloinn, ri pàrantan is ris an luchd-obrach againn le co-ionnanachd, le urram agus air mhodh a tha cothrom agus ceart. Chan eil cultar is cànan, ciorram, gnè, cinneadh, creideamh, roghainn a thaobh fèise agus feumalachdan taic a bharrachd nam bacaidhean air com-pàirteachadh is air coileanadh. Tha misneachd aig a’ chloinn agus tha fios aca cò ris am bruidhinn iad ma bhios a’ faireachdainn nach eil iad a’ faighinn cothromachd. Bidh a h-uile duine san ionad againn a’ faireachdainn luachmhor, sàbhailte agus tèarainte.

EISIMPLEIR ÌRE 2

  • Chan eil a’ chlann no na pàrantan uile a’ faireachdainn gu bheil fàilte ga chur orra no gu bheil iad an sàs anns an ionad. Cha do shoirbhich gu h-iomlan leis an ionad againn a thaobh bacaidhean air ionnsachadh a thoirt air falbh. Tha an luchd-obrach againn ag obair le seirbheisean com-pàirteachais ach chan eil an còmhnaidh dlùth gu leòr gus dèanamh cinnteach gun tèid feumalachdan na cloinne air fad a choinneachadh.
  • Chan eil co-ionannachd chothroman no faireachdainn mu chothromachd na chomharradh bhrìgheil ann an obair ar n-ionad. San fharsaingeachd, bidh dearmad ga dhèanamh air ceistean mu iomadachd no cha bhi luach gu leòr ga chur orra. Chan eilear a’ cur dìu gu leòr ann an ullachadh na cloinne gus co-ionannachd agus cothromachd a chur air adhart sa bheatha a tha air thoiseach orra.
  • Thathar a’ gabhail ris gu bheilear a’ dèiligeadh ris a’ chloinn, ar pàrantan agus ar luchd-obrach le ceartas is le urram ach ’s e glè bheag de cheumannan a thathar a’ gabhail gus seo a dhearbhadh. Tha cuid de bhuidhnean chloinne nach eil air an riochdachadh gu leòr ann an gnìomhan. Tha eadar-dhealachaidhean sna dòighean sam bi an luchd-obrach a’ gabhail gnothaich ri co-ionannachd is ri cothromachd. Chan eilear daonnan a’ cur taice ris a’ chloinn gus ana-ceartas aithneachadh agus dèiligeadh ris.

5.7 COM-PÀIRTEACHAS LE CLOINN AGUS PÀRANTAN

Cuspairean

  • Tarraing nam pàrant a-steach ann an ionnsachadh na cloinne agus gu beatha an ionaid
  • Co-chomhairle agus conaltradh leis a’ chloinn agus le pàrantan
  • Còmhraidhean leis a’ chloinn agus le pàrantan mu obair an ionaid

Prìomh fheartan

Buinidh an comharradh seo ri com-pàirteachas an ionaid le pàrantan, le luchd-cùraim agus le teaghlaichean air fad ann an obair an ionaid agus ris a’ bhuaidh a bheir e air ionnsachadh is air adhartas na cloinne. Tha e a’ cur cuideam air an dòigh san cuir an t-ionad luach air gach pàrantan agus na bhios iad a’ cur ri bhith a’ toirt taic do dh’ionnsachadh mar rud bunaiteach ach an soirbhich le dà thaobh a’ chom-phàirteachais. Tha e a’ sealltainn air obair an ionaid gus na pàrantan a ghabhail a-steach ann an ionnsachadh an cuid chloinne, a’ sireadh agus a’ cur an gnìomh a rèir bheachdan nam pàrant agus a’ cumail fios riutha mu obair an ionaid.

EISIMPLEIR ÌRE 5

  • Tha ionad blàth againn agus tha sinn a’ brosnachadh gach pàrant gu gnìomhach gus pàirt a ghabhail ann am beatha an ionaid. Tha sinn a’ cur ar taice ri riochdachadh phàrant air comataidhean no comhairlean foirmeil. Tha taic do phàrantan agus an ceangal riutha air am planadh agus tha rùn aige. Bidh seo a’ cur ri com-pàirteachas dèanadach le pàrantan agus com-pàirteachadh ann an ionnsachadh an cuid chloinne. Tha an luchd-obrach againn eòlach air a bhith ag obair le pàrantan agus a’ cur fàilte orra, nuair a tha iomchaidh, a bhith ag obair leinn anns an ionad. Tha sinn a’ cur deagh thaic ri pàrantan gus tuigsinn agus pàirt a ghabhail ann an deasbadan mu adhartas na cloinne agus dòighean san gabh obrachadh còmhla sna h-ath cheumannan ann an ionnsachadh. Bidh sinn a’ coinneachadh ri pàrantan aig amannan a dh’fhreagras orra ma ghabhas sin dèanamh.
  • Tha conaltradh agus co-chomhairleachadh àrd inbhe ann le pàrantan mu nithean leithid càileachd a’ chùraim agus an fhoghlaim san ionad agus an dòigh sa bheilear a’ ruith an ionaid. Tha pàrantan an sàs ann an co-dhùnaidhean mu obair an ionaid san àm ri teachd. Tha modhan-obrachaidh ghearan follaiseach againn agus tha pàrantan a’ tuigsinn mar a bhios iad gan cleachdadh. Tha ullachaidhean èifeachdach againn gus feumalachdan eadar-dhealaichte nam pàrant a choinneachadh, leithid feadhainn aig a bheil feum air seirbheisean eadar-theangachaidh no aig a bheil duilgheadasan a thaobh gluasad.
  • Tha aithisg bhliadhnail ga toirt do na pàrantan, don chloinn agus do ar
    com-pàirtichean mu shoirbheasan a thaobh prìomhachasan leasachaidh agus coileanadh bhuilean. Tha sinn a’ toirt seachad fiosrachadh a tha soilleir mun a h-uile nì co-cheangailte ri ar n-obair. Tha aithisgean mu chàileachd an ionaid a’ tairgse measadh cruinn air na prìomh nithean agus ag aithneachadh neartan agus raointean leasachail.

EISIMPLEIR ÌRE 2

  • Tha sinn a’ gabhail ris a’ chuideachaidh bho phàrantan ach cha bhi sinn gan gabhail a-steach gu gnìomhach ann an gnothaichean air dòigh rianail. Chan eil na pàrantan air an riochdachadh gu math air buidhnean leithid comataidh a’ chròileagain no comhairle nam pàrant. Thathar a’ brosnachadh nam pàrant gus dol an sàs ann an ionnsachadh an cuid chloinne, mar eisimpleir tro thionnsgnaidhean a nì ceangal ris an dachaigh, ach chan eil gu leòr stiùiridh ga thoirt dhaibh mu ciamar a bheir iad taic dhan chloinn. ’S e glè bheag de cheumannan a thathar a’ gabhail a bheir an comas do phàrantan pàirt a ghabhail ann an cùram is ann am foghlam an cuid chloinne. Tha sgilean a dhìth air cuid den luchd-obrach mu bhith ag obair le pàrantan sna modhan-obrachaidh gus ionnsachadh na cloinne a leasachadh. Chan eil na h-ullachaidhean againn do phàrantan gus tadhal air an ionad no coinneachadh ris an luchd-obrach sùbailte gu leòr.
  • Tha na modhan gus conaltradh a dhèanamh ri pàrantan cuingealaichte agus chan eilear gam brosnachadh gus na beachdan aca a nochdadh no dòighean a mholadh gus leasachadh a thoirt air solar an ionaid. ’S beag am beachd a thathar a’ gabhail air raon nam feumalachdan aig pàrantan, leithid feadhainn aig a bheil Beurla mar chànan a bharrachd. Chan eil na pàrantan a’ tuigsinn buileach mar a chuireas iad ceist oirnn no mu ullachaidhean gus gearanan a thogail.
  • Tha aithisg ga toirt do na pàrantan is do chom-pàirtichean mu choileanaidhean agus mu raointean rin leasachadh ann an caochladh nithean an lùib na h-obrach. Chan eil ach beagan luach air an fhiosrachadh do na pàrantan, ge-tà, mar thoradh air, mar eisimpleir, gu bheil e air a chur an làthair gu suarach, cion soilleireachaidh agus cion mionaideachd mu nithean cudromach co-cheangailte ri obair na seirbheise.

5.8 CÙRAM, SOCHAR AGUS LEASACHADH

Cuspairean

  • Ullachaidhean gus cùram, sochar agus dìon na cloinne a dhaingneachadh
  • Dòighean agus riarachadh gus feumalachdan chloinne gu faireachdail, gu pearsanta, gu sòisealta agus gu corporra a choinneachadh, a’ gabhail a-steach leantainneach cùraim agus cleachdaidhean a thaobh cùram
  • Roghainnean mu fhoghlam is mu chùram

Prìomh fheartan

Buinidh an comharradh seo ri ullachaidhean an ionaid gus feumalachdan faireachdail, corporra, slàinte agus sòisealta na cloinne a choinneachadh. Tha e a’ sealltainn air modhan-obrachaidh an ionaid gus dèanamh cinnteach gum bi a’ chlann a’ faireachdainn sàbhailte agus air solar nan prògraman iomchaidh gus an faireachdail, pearsanta agus sòisealta aca a dhaingneachadh. Tha e a’ cur cuideam air an fheum air comhairle a bheir comas do phàrantan agus don chloinn roghainnean fiosraichte a dhèanamh.

EISIMPLEIR ÌRE 5

  • Tha ar poileasaidhean agus dòighean-obrach airson cùram treudach agus sochar soilleir, iomchaidh agus air an cur an gnìomh leis an luchd-obrach air fad. Tha sinn a’ tuigsinn ar dreuchd agus dleastanasan agus a’ toirt aire gus slàinte, sàbhailteachd agus soirbheas farsaing na cloinne a dhaingneachadh. Tha sinn air trèanadh fhaghinn ann am modhan-obrachaidh dìon-cloinne, tha sinn gan tuigsinn agus gan cur an gnìomh. Thathar a’ dèiligeadh gu mothachail agus gu h-èifeachdach ri feumalachdan agus ceistean na cloinne agus an teaghlaichean. Tha sinn a’ cur cuideam air beatha fhallain agus a’ brosnachadh slàinte air feadh an ionaid.
  • Tha sinn air leth mothachail air feumalachdan faireachdail, pearsanta, sòisealta agus corporra na cloinne agus bidh sinn gan cur air adhart an leasachadh sa churraicealam agus anns an obair againn. Thathar ag aithneachadh agus a’ cur luach air coileanaidhean na cloinne agus tha càirdeas ga bhrosnachadh agus taic air a thoirt dha. Thathar a’ toirt comhfhurtachd dhaibh ma bhios tha iad troimh-a-chèile. Tha cothroman aca aire a thoirt do dhaoine eile agus pàirt a ghabhail ann an co-dhùnaidhean mun ionad agus tha iad an sàs gu gnìomhach ann am beatha is ann an obair an ionaid. Tha spiorad earbsa, urraim agus misneachd ann. Tha a’ chlann agus an teaghlaichean a’ faighinn taice bhon luchd-obrach uile agus bho eòlaichean bho sheirbheisean com-pàirteachais. Tha rian èifeachdach an gnìomh gus dèanamh cinnteach gum faigh a’ chlann cùram leantainneach agus bidh sinn a’ cumail conaltraidh ri pàrantan agus ri ionadan no seirbheisean eile air am bi a’ chlann a’ frithealadh. Bidh an luchd-obrach againn a’ gabhail beachd air roghainnean nam pàrant agus a’ cumail ri cleachdaidhean cùraim a th’ aca aig an taigh. Bidh sinn a’ cur taice gu faiceallach ris a’ chloinn agus rin teaghlaichean nuair a bhios atharrachaidhean san luchd-obrach, gu h-àraid le prìomh luchd-obrach. Tha cothroman iomchaidh aig clann a bhios a’ frithealadh fad an là fois a ghabhail agus biadh a tha cothromaichte agus fallain ithe. Tha cothrom cunbhalach aca faighinn a-mach agus bidh iad an sàs ann an gnìomhan lùthmhor.
  • Thathar a’ brosnachadh na cloinne gus roghainnean a dhèanamh mun fhoghlam is mun chùram a gheibh iad. Tha chomhairle is taic air a thoirt do theaghlaichean a thaobh roghainnean a dhèanamh mu fhoghlam is chùram an cuid chloinne.

EISIMPLEIR ÌRE 2

  • Bidh na poileasaidhean againn a’ fàgail às cuid de nithean mu chùram is mu shochar no chan eilear gan cur an gnìomh gu h-iomlan. Tha feadhainn den luchd-obrach againn aig nach eil tuigse slàn mun dreuchd ann an dìon chloinne no na modhan-obrachaidh a bu chòir a leantainn, agus tha feum aca air barrachd trèanaidh. Ged a bhios an luchd-obrach a’ cur taice ri feumalachdan na cloinne, bidh iad a’ dèanamh dearmaid aig amannan beachd a ghabhail air còraichean, dìomhaireachd, urram agus prìobhaideachd na cloinne.
  • Chan eil ach raon cumhang de dhòighean agus de phrògraman ga chleachdadh gus sgilean faireachdail, pearsanta agus sòisealta na cloinne a leasachadh. ’S e glè bheag de chothroman a th’ ann coileanaidhean a chomharrachadh no mothachadh mu shaoranachd a leasachadh. Chan eilear a’ brosnachadh na cloinne daonnan sa chàirdeas a th’ aca le feadhainn eile. Chan eil na dòighean-obrach a th’ againn gus faireachdainn de dh’earbsa, de dh’urram is de mhisneachd a chruthachadh gu tur èifeachdach. Tha eisimpleirean ann de chion mothachaidh mu fhiosrachadh pearsanta na cloinne agus mar fhreagairt air feumalachdan faireachdail. Chan eil na cleachdaidhean cùraim gu tur èifeachdach ann a bhith a’ toirt taic a thaobh feumalachdan faireachdail agus pearsanta na cloinne. Chan eilear a’ toirt aire gu leòr do leantainneachd a’ chùraim a tha a’ chlann a’ faotainn. Chan eil sinn daonnan a’ gabhail beachd air cleachdaidhean cùraim na cloinne aig an taigh no na dh’fhiosraicheas iad ann an seirbheisean is ann an ionadan eile. Chan eil na ceanglaichean le seirbheisean is le buidhnean taic eile stèidhichte ro mhath. Chan eil an conaltradh a chumas sinn ri teaghlaichean mu atharrachaidhean air riarachadh math gu leòr agus tha sgilean a dhìth air cuid den luchd-obrach a thaobh ceangal a dhèanamh agus taic a thoirt do phàrantan ri linn atharrachaidhean.
  • Chan eil ach beagan chothroman aig a’ chloinn roghainnean a dhèanamh a thaobh foghlam is cùram. Chan eil cothroman aig gu leòr phàrantan buaidh a thoirt air foghlam is cùram an cuid chloinne agus roghainnean a dhèanamh.

5.9 LEASACHADH TRO FHÈIN-MHEASADH

Cuspairean

  • Dealas a thaobh fèin-mheasadh
  • Rianachd fèin-mheasadh
  • Leasachadh an ionad

Prìomh fheartan

Buinidh an comharradh seo ri ullachaidhean an ionaid airson leasachadh tro fhèin-mheasadh agus dealas air a shon. Tha e a’ cur cuideam air cho cudromach sa tha e beachdan nam pàrant, na cloinne agus nam buidhnean eile le ùidh sa chùis a thional is a fhreagairt, agus an gabhail a-steach. Tha e a’ sealltainn air an ìre gu bheil eòlas aig an ionad air fhèin agus a chuireas e ri soirbheasan agus coileanaidhean na cloinne, agus a nì e leasachaidhean air beatha is obair an ionaid.

EISIMPLEIR ÌRE 5

  • Fa leth agus le co-obraichean, tha sinn a’ measadh ar n-obair fhèin mar luchd-cleachdaidh breithneachail agus a’ dèanamh leasachaidhean, mar eisimpleir ann an gnìomhan san t-seòmar-cluiche no eagrachadh ar prògraman airson a’ churraicealaim. Bidh sinn ag obair còmhla air measadh solair a dh’ionnsaidh leasachadh leantainneach, agus atharrachaidhean mòra far a bheil feum air an leithid. Tha siostaman air leth èifeachdach againn gus beachdan an luchd-obrach, nam pàrant, na cloinne agus feadhainn eile a chruinneachadh mu chàileachd na h-obrach .Tha ar lèirsinn, luachan agus amasan gan cleachdadh mar bhunait gus an obair againn ath-bhreithneachadh.
  • Tha ar fèin-mheasadh a’ sealltainn air na prìomh raointean de shoirbheasan, choileanaidhean agus mhaith na cloinne. Tha e tarraing à raon farsaing de dh’fhianais agus tha e cruaidh, rianail agus follaiseach. Bidh sinn a’ breithneachadh air cleachdaidhean a th’ ann an-dràsta agus a’ measadh thionnsgnaidhean no atharrachaidhean ùra sam bith a thug sinn a-steach. Tha sinn a’ dèanamh feum de sgeamaichean barrantachaidh, nuair a tha sin iomchaidh, mar bhunait làidir do leasachadh. Tha raointean a tha làidir agus raointean sa bheil feum air leasachadh air an sònrachadh gu soilleir. Tha sinn a’ co-roinn deagh chleachdadh.
  • San ionad againn, thathar a’ cur feum air fèin-mheasadh gus adhartas is leasachadh a thomhas agus faodaidh sinn fianais fhollaiseach a nochdadh mu leasachadh air a bhonntachadh air fèin-mheasadh a nì sinn. Tha sinn a’ sealltainn gu sònraichte air leasachaidhean leantainneach ann an ionnsachadh is teagasg agus ann an coileanaidhean na cloinne air fad.

EISIMPLEIR ÌRE 2

  • San ionad againn, tha fèin-mheasadh air fhaicinn gu mòr mar dhleastanas àrd-mhanaidsearan nach buin gu ìre mhòr sam bith ris an luchd-obrach air fad, clann no pàrantan. Chan eil am fèin-mheasadh ach lag, chan eil e a’ sealltainn air na dh’fhiosraicheas a’ chlann no an coileanaidhean agus ’s ann ainneamh a chruthaicheas e gnìomhan airson leasachadh.
  • Ged a tha àrd luchd-obrach a’ measadh cuid de nithean solair, chan eil ach raon cumhang de mhodhan gan cleachdadh aca nach bi a’ sealltainn daonnan air coileanaidhean no maith na cloinne no a’ sònrachadh gu soilleir neartan agus far am bheil feum air leasachadh. Chan eil beachdan seasmhach againn mu na raointean a tha làidir agus an fheadhainn nach eil. Chan urrainn dhuinn a’ bhuaidh a th’ aig tionnsgnaidhean air a’ chloinn a shealltainn.
  • ’S e glè bheag de bhuaidh a th’ aig fèin-mheasadh air ionnsachadh, teagasg no coileanaidhean na cloinne gu lèir. Cha bhi an fhianais cheangailte daonnan a’ toirt seachad fiosrachaidh a tha cudromach airson rianachd agus chan eilear ga chleachdadh gus adhartas a mheasadh agus leasachadh a phlanadh.

6.1 ATH-BHREITHNEACHADH POILEASAIDH AGUS LEASACHADH

Cuspairean

  • Raon, soilleireachd agus freagarrachd amasan is phoileasaidhean
  • Co-leanailteachd phoileasaidhean
  • Riaghladh, measadh agus ùrachadh phoileasaidhean

Prìomh fheartan

Buinidh poileasaidhean ri gnìomhan. Buinidh an comharradh seo ris an fheum air poileasaidhean a chuirear an cèill gu follaiseach a tha a’ nochdadh prìomhachasan ionadail is nàiseanta, a bheir stiùireadh follaiseach mu obair an ionaid agus a chuireas ri solar. Tha e a’ cur cuideam air prìomh dhreuchd an luchd-ùidh air fad ann a bhith a’ daingneachadh gun cuir na poileasaidhean co-leanailteachd air adhart san obair le
luchd-obrach is luchd-ùidh eile. Tha e a’ sealltainn air an ìre gu nochd na poileasaidhean lèirsinn, luachan is amasan an ionaid agus a’ cur cuideam air an fheum air siostaman èifeachdach gus poileasaidhean a chumail ris an uair ach an stiùir iad cleachdadh às an tig builean nas fheàrr airson na cloinne.

EISIMPLEIR ÌRE 5

  • Tha an luchd-obrach agus na pàrantan a’ co-roinn, agus dealasach a thaobh, amasan agus luachan an ionaid, a tha gan co-roinn leis a’ chloinn. Tha ar poileasaidhean a’ cur na cloinne air thoiseach. Tha iad a’ toirt stiùireadh, a’ gabhail beachd air prìomhachasan ionadail agus nàiseanta agus a’ gèilleadh ris an reachdas iomchaidh. Tha iad cunbhalach a rèir amasan is poileasaidhean an ùghdarrais foghlaim no na buidhne riaghlaidh agus ri poileasaidhean nàiseanta. Tha iad a’ toirt stiùireadh a tha follaiseach is geàrr a bheir piseach air cleachdadh san ionad agus a bheir buaidh dhearbhach air fiosraichidhean na cloinne.
  • Tha poileasaidhean an ionaid ag amas air feumalachdan na cloinne a choinneachadh agus bacaidhean air ionnsachadh a lùghdachadh. Tha na ceanglaichean a thaobh obair le tionnsgnaidhean eile air an taisbeanadh gu follaiseach anns na poileasaidhean agus rim faicinn ann an gnìomh.
  • Tha an luchd-obrach agus na pàrantan an sàs gu gnìomhach ann an leasachadh is ath-bhreithneachadh ar poileasaidhean agus sa bhuaidh a bheir na poileasaidhean air obair an ionaid. Bidh sinn ag ùrachadh nam poileasaidhean seo a rèir iarrtasan reachdail làithreach, gu h-àraidh a thaobh measadh-chunnart agus cùram, sochair is dìon na cloinne.18

EISIMPLEIR ÌRE 2

  • Chan eil na ceanglaichean eadar ar
    n-amasan is poileasaidhean an còmhnaidh follaiseach do phàrantan. Chan eil na poileasaidhean againn daonnan a’ toirt stiùiridh follaiseach is geàrr don luchd-obrach, do phàrantan is do luchd-ùidh eile mar thaic do chleachdadh is lìbhrigeadh seasmhach. Chan eil na h-amasan againn a’ sealltainn dlùth gu leòr air a bith a’ lìbhrigeadh fiosraichidhean ionnsachaidh àrd inbhe agus a’ toirt comas don chloinn air fad na h-inbhean as àirde a choinneachadh.
  • ’S ann cuingealaichte a tha a’ bhuaidh aig poileasaidhean an ionaid air obair an ionaid agus chan eilear ga stiùireadh gu leòr gus feumalachdan ionnsachaidh na cloinne a choinneachadh agus bacaidhean air ionnsachadh a lùghdachadh. Chan eil na tha sinn a’ cur ri obair compàirteachais air a mhìneachadh gu math agus chan eil buaidh gu leòr aige air a bhith a’ leasachadh builean na cloinne uile.
  • Chan eil sinn ag ath-bhreithneachadh is ag atharrachadh phoileasaidhean gu cunbhalach. Tha mòran de ar poileasaidhean nach deach ùrachadh gus cumail ri iarrtasan reachdail làithreach, atharrachaidhean air suidheachadh an ionaid no prìomhachasan nàiseanta is ionadail. Chan eil againn ach ceangal cuingealaichte ris na buidhnean le ùidh sa chùis gus poileasaidhean a chruthachadh is ath-bhreithneachadh gus dèanamh cinnteach gun stiùir iad cleachdadh, às an tig builean nas fheàrr airson na cloinne.

6.2 GABHAIL PÀIRT ANN AM POILEASAIDH AGUS PLANADH

Cuspairean

  • Gabhail pàirt gu gnìomhach ann am poileasaidh agus planadh
  • Conaltradh agus co-chomhairle

Prìomh fheartan

Buinidh an comharradh seo ris an ìre gu bheil buidhnean le ùidh (nam measg luchd-obrach, clann, pàrantan, daoine bhon choimhearsnachd as fharsainge agus buidhnean com-pàirteachais) ann an leasachadh poileasaidh agus ann an obair an ionaid anns an fharsaingeachd. Tha e cur cuideam air cho cudromach ’s a tha e fios a chumail ris a h-uile buidheann le ùidh sa chùis mu obair is leasachadh an ionaid, agus co-chomhairle a chumail mu ghnìomhan gus leasachadh a dhèanamh.

EISIMPLEIR ÌRE 5

  • Bidh sinn a’ cleachdadh beachdan a h-uile duine a tha an sàs ann an obair an ionaid gus leasachadh, measadh agus ath-bhreithneachadh air poileasaidhean a dhèanamh agus leasachaidhean a dhaingneachadh airson na cloinne. Bidh àrd-mhanaidsearan a’ toirt a-steach nam pàrant agus an luchd-obrach gu gnìomhach ann an obair an ionaid, mar eisimpleir aig coinneamhan, buidhnean phàrant agus buidhnean-obrach.
  • Tha sinn dealasach a chum conaltradh agus co-chomhairle a chumail leis a’ chloinn, le pàrantan, luchd-obrach agus leis an luchd-ùidh uile. Tha sinn a’ dèanamh cheanglaichean ri raon iomchaidh de bhuidhnean comhairleachaidh, agus tha stiùireadh poileasaidh follaiseach againn airson conaltradh agus beachdan a thoirt air ais don luchd-ùidh air fad. Tha misneachd aig luchd-obrach, aig a’ chloinn agus aig com-pàirtichean gus beachdan a nochdadh, ceistean a chur agus molaidhean a dhèanamh.

EISIMPLEIR ÌRE 2

  • Tha structairean a dhìth, leithid coinneamhan, buidhnean-obrach agus fòraim eile, gus a’ chlann, na pàrantan agus an luchd-obrach a chuideachadh is a bhrosnachadh gus obair an ionaid againn a thoirt air adhart. Tha feadhainn de na prìomh luchd-ùidh nach eilear a’ gabhail a-steach gu leòr gus poileasaidhean an ionaid a leasachadh ann an dòigh a nì feum. Thathar a’ gabhail beachd air barailean na cloinne ach chan eilear gan cur an gnìomh daonnan nuair a bhiodh e iomchaidh a leithid a dhèanamh. Cha bhi an luchd-ùidh againn daonnan a’ faireachdainn gu bheil seilbh aca air, no dealas a thaobh, poileasaidhean an ionaid.
  • Bidh sinn a’ toirt fiosrachadh do phàrantan is don luchd-obrach mun obair is mun adhartas a tha sinn a’ dèanamh ach chan eil am fiosrachadh fhèin soilleir, coileanta no làithreach fad na tìde. ’S e raon car cumhang de mhodhan conaltraidh a bhios sinn a’ cleachdadh. Chan eil structair againn airson co-chomhairle a chumail le na buidhnean eadar-dhealaichte agus ’s e glè bheag de dh’fhiosrachadh a bhios sinn a’ toirt air ais nuair a thèid co-chomhairle a chumail.

6.3 PLANADH AIRSON LEASACHADH

Cuspairean

  • Leasachadh, cur an gnìomh agus measadh phlanaichean-leasachaidh
  • Cruth agus susbaint nam planaichean-leasachaidh
  • Cleachdadh fiosrachadh riaghlaidh
  • Planadh leasachadh le buidhnean agus seirbheisean com-pàirteachais
  • Planadh airson seasmhachd

Prìomh fheartan

Buinidh an comharradh seo ris a’ bhuaidh a bheir ullachaidhean an ionaid a thaobh planadh airson leasachadh. Tha e a’ sealltainn air modhan-obrachaidh an ionaid gus planaichean a chur an gnìomh agus na builean a bheir iad airson na cloinne agus an teaghlaichean a mheasadh. Tha e a’ cur cuideam air an fheum air structair follaiseach, pongail mu fhiosrachadh à fèin-mheasadh. Buinidh e ri planadh is cur an gnìomh eadar-bhuidhne gus leaschaidhean fhaighinn a bheir buannachdan san ùine fhada.

EISIMPLEIR ÌRE 5

  • Tha cùrsa shoilleir a thuigear gu math againn a thaobh planadh leasachaidh. Tha sinn a’ toirt an luchd-ùidh againn a-steach bho thùs gus cruth a chur air ar planaichean. Tha dealas aig an luchd-obrach againn am plana-leasachaidh a chur ri chèile is an gnìomh. Bidh sinn a’ mion mheasadh a’ bhuaidh a bheir a’ phlana air piseach a thoirt air builean na cloinne agus an teaghlaichean.
  • Tha plana-leasachaidh an ionaid a’ sealltainn suidheachadh an ionaid againn gu h-iomlan, cho math ri prìomhachasan ionadail is nàiseanta agus tha e air a chur an làthair ann an dòigh sam faod an luchd-ùidh air fad ruigsinn air. Tha amasan a ghabhas coileanadh ach a tha nan dùbhlain gan socrachadh anns a’ phlana agus tha e a’ leigeil fhaicinn gu soilleir mar a thèid gnothaichean a mhaoineachadh, co air am bi dleastanas, nuair a thèid an cur an gnìomh, a’ bhuaidh a bheir iad air a’ chloinn agus mar a thèid soirbheas a mheasadh.
  • Ann a bhith a’ cur plana-leasachaidh ri chèile, bidh sinn a’ cleachdadh fiosrachadh gu h-èifeachdach bho fèin-mheasadh agus ath-bhreithneachadh is leasachadh dhreuchdan. Gu sònraichte, bidh sinn a’ tarraing à fianais bho bhith cumail sùil air càileachd an teagaisg agus fiosraichidhean na cloinne agus à fianais mu leasachadh, adhartas is coileanaidhean na cloinne.
  • Tha ar dealas a thaobh a bhith a’ planadh le buidhnean agus seirbheisean com-pàirteachais ri fhaicinn anns an fheum a nithean de sh’obrachadh amalaichte gus amasan a thaobh leasachadh a choileanadh. Tha ar com-pàirtichean an sàs gu h-iomlan ann am planadh gus dèanamh cinnteach gum bi a’ chlann sàbhailte, fallain agus fo chùraim agus gun coilean iad na tha comasach dhaibh.
  • Bidh sinn a’ gabhail beachd gu faiceallach air ceistean mu leantainneachd is sheasmhachd phlanadh leasachaidhean.

EISIMPLEIR ÌRE 2

  • Tha sinn an sàs ann am planadh leasachaidh ach chan eilear ga riaghladh gu math daonnan gus sealltainn air piseach a thoirt air càileachd choileanaidhean na cloinne. Bidh beagan measaidh ga ghabhail os làimh air planaichean-leasachaidh ach ’s an ainneamh a bhios seo a’ dol cho fada ri breithneachadh air na buannachdan don chloinn. Ged a tha mòran de ar luchd-obrach an sàs anns a’ mhodh-obrachaidh planaidh, tha feadhainn aig nach eil dealas a chur an gnìomh.
  • Chan eil structair no cur an làthair a’ phlana-leasachaidh againn follaiseach no cuideachail mar sgrìobhainn-obrach. Tha cus no chan eil gu leòr amasan leasachaidh ann agus chan eil iad seo daonnan a’ sealltainn air na prìomhachasan as cudromaiche airson an ionaid. Chan eil sinn soilleir ciamar a nì sinn measadh air soirbheas ar planaichean.
  • Chan eil am modh-obrachaidh planaidh againn stèidhichte gu math air fiosrachadh riaghlaidh ag èirigh à dearbhadh càileachd, no sgrùdadh air fiosrachadh iomchaidh, a bhith a’ sealltainn air na dh’fhiosraicheas a’ chlann nam measg. Thathar a’ fàgail às cuid de na prìomhachasan mòra leasachaidh mar thoradh air a seo.
  • Tha sinn ag obair gu ìre le sgoiltean agus le ionadan, buidhnean proifeiseanta agus buidhnean com-pàirteachais gus prìomhachasan a chomharrachadh agus dol an sàs ann am planadh còmhla. Tha cion soilleireachaidh ann mu raointean far am faodte bhith ag obair còmhla agus mu dhleastanasan a thaobh a bhith a’ cur a’ phlana an gnìomh.
  • Chan eil ar planadh leasachaidh a’ toirt gu leòr aire do chomas-obrach thionnsgnaidhean a dhaingneachadh anns an ùine fhada.

7.1 PAILTEAS, FASTADH AGUS GLEIDHEADH LUCHD-OBRACH

Cuspairean

  • Solar luchd-obrach
  • Fastadh, suidheachadh agus ullachadh luchd-obrach
  • Cùram is sochar luchd-obrach
  • Aithneachadh choileanaidhean

Prìomh fheartan

Buinidh an comharradh seo ri solar agus fastadh luchd-obrach agus èifeachdas nan ullachaidhean gus an cùram agus an sochar agus an deòin an obair a dhèanamh a dhaingneachadh. Tha e a’ sealltainn air follaiseachd, co-ionannachd is cothromachd nuair a tha luchd-obrach ga chur ann an dreuchdan, agus air an ìre gu bheil soirbheasan luchd-obrach an ionaid air aithneachadh agus air a chomharrachadh.

EISIMPLEIR ÌRE 5

  • Tha am pailteas luchd-obrach sgileil is uidheamaichte againn19 agus de thaic bho sheirbheisean sònraichte gus curraicealam iomchaidh àrd inbhe a thoirt don chloinn uile, nam measg feadhainn aig a bheil feumalachdan taic a bharrachd. Tha cothrom againn air luchd-obrach leasachail a tha iomchaidh is uidheamaichte agus bidh sinn a’ dèanamh cinnteach gun tèid an cleachdadh agus an cuideachadh gu h-èifeachdach.
  • Tha modhan-obrachaidh fastaidh aig an ionad againn a tha èifeachdach, sàbhailte agus follaiseach. Nuair a bhios luchd-obrach gan suidheachadh, bidh sinn a’ gabhail aire mar a tha iomchaidh air uidheamachadh, sgilean, comasan agus fiosraichidhean a tha a dhìth airson na h-obrach. Tha modhan-obrachaidh ullachaidh èifeachdach againn don luchd-obrach ùr air fad, nam measg luchd-obrach leasachail agus luchd-obrach sealach eile. Tha poileasaidh co-ionannachd chothroman èifeachdach ga ruith mu fhastadh agus chuideachadh ar luchd-obrach. Bidh sinn a’ sealltainn gu rianail air ceistean mu cho-ionannachd is mu chothromachd, nam measg cinneadh, creideamh, ciorram agus gnè.
  • Tha modhan-obrachaidh follaiseach againn gus na h-inbhean mu ghiùlan, mu chùram is mu shochar a shocrachadh ris a bhiodh dùil aig an luchd-obrach agus bhon luchd-obrach. Tha an luchd-obrach againn fiosraichte mun cuid dhleastanasan is chòraichean agus na còdan-cleachdaidh dreuchdail a tha iomchaidh.
  • Bidh sinn ag aithneachadh is a’ comharrachadh ar coileanaidhean agus a’ cuideachadh an luchd-obrach gus an obair as fheàrr a dhèanamh. Bidh an fheadhainn aig am bheil dleastanasan stiùiridh a’ cur soirbheasan luchd-obrach an cèill gu cunbhalach agus a’ cur cuideam air na cleachdaidhean as fheàrr.

EISIMPLEIR ÌRE 2

  • Bidh raon teòmachd ar luchd-obrach a’ cur air chomas gum bi còmhdach farsaing den churraicealam ann ach tha beàrnan ann an cuid de raointean sgilean leithid taic a bharrachd airson ionnsachadh don chloinn a tha ga h-iarraidh. Chan eil sinn a’ toirt na buannachd as fheàrr à teòmachd an luchd-obrach bho bhuidhnean com-pàirteachais agus bho bhuidhnean eile.
  • Anns an fharsaingeachd, bidh na modhan-obrachaidh fastaidh a’ dol gu math ach dh’fhaodadh am planadh nas fheàrr agus a bhith nas fhor-ghnìomhaiche. Chan eil na modhan-obrachaidh ullachaidh againn an còmhnaidh air an cur ri chèile gus dèanamh cinnteach gum bi an luchd-obrach ullaichte airson an dreuchdan. Aig amannan, chan eil luchd-cuideachaidh bho phàrantan, luchd-obrach a’ tadhal no luchd-obrach leasachail eòlach air dòighean-obrach bunaiteach a thaobh eagrachadh. Tha dealas againn a thaobh co-ionannachd agus cothromachd ann am fastadh ach chan eil sinn an còmhnaidh a’ cumail sùil gu rianail gu bheilear air na prionnsabalan seo a chur an gnìomh.
  • Aig amannan, chan eil na poileasaidhean againn gus inbhean mu ghiùlan, mu chùram is mu shochar airson an luchd-obrach a shocrachadh soilleir no air an aon rèir. Tha cuid den luchd-obrach nach eil cinnteach às an dleastanasan, còraichean agus còd-cleachdaidh dreuchdail no mu na tha an dùil riutha no bhuapa.
  • Bidh an luchd-obrach a’ faireachdainn uaireannan nach bi an fheadhainn le dleastanasan stiùiridh a’ luachadh an coileanaidhean agus nach bi sinn a’ comharrachadh soirbheas. ’S e glè bheag de dh’aithneachadh foirmeil no poblach a bheir sinn do shoirbheasan luchd-obrach.

7.2 CLEACHDADH LUCHD-OBRACH AGUS OBAIR-SGIOBA

Cuspairean

  • Freagarrachd agus soilleireachd raon-ùghdarrais
  • Cleachdadh luchd-obrach, a’ gabhail a-steach buidhnean com-pàirteachais
  • Èifeachdas obair-sgioba
  • Conaltradh

Prìomh fheartan

Buinidh an comharradh seo ri èifeachdas thabhartasan dhaoine fa leth agus an sgioba Tha e a’ sealltainn cuideachd air an ìre gu bheil luchd-obrach air chomas an oidhirp as fheàrr a dhèanamh agus gum bi an obair aca a’ gabhail cuimse ri leasachadh nan builean airson na cloinne. Tha e a’ cur cuideam air na modhan-obrachaidh a tha dhìth airson obair-sgioba èifeachdach.

EISIMPLEIR ÌRE 5

  • Tha dealbhan-obrach agus raointean-ùghdarrais follaiseach aig an luchd-obrach, an fheadhainn aig buidhnean comp-àirteachais nam measg, a bhios a’ gabhail cuimse ri feumalachdan an luchd-ionnsachaidh. Tha an luchd-obrach a’ faighinn cumhachd, dhùbhlan agus taice. Tha dleastanasan follaiseach aig luchd-sgioba, mar eisimpleir a bhith an urra ri roinn den t-seòmar-cluiche no mar phrìomh threòraiche aig buidheann den chloinn agus bithear a’ cumail sùil air an obair aca agus ga mheasadh. Bidh àrd-mhanaidsearan a’ dèanamh measaidh air coileanaidhean san fharsaingeachd.
  • Bidh sinn a’ cleachdadh luchd-obrach gu h-èifeachdach agus thathar a’ mìneachadh is a’ tuigsinn an dleastanasan. Tha an luchd-obrach ag obair còmhla ris a’ chloinn agus a’ cur gu h-èifeachdach rin cuid leasachaidh is ionnsachaidh. Tha manaidsearan a’ cleachdadh luchd-obrach leasachail is luchd-obrach taice gu h-èifeachdach gus cur ris an luchd-obrach a tha ag obair leis a’ chloinn fhèin agus a’ leigeil leotha cuimse a ghabhail ri teagasg is ionnsachadh is cur air adhart fiosraichidhean cluiche àrd inbhe.
  • Tha dòigh dèiligidh cho-obrachail agus cholaisteach stèidhichte againn. Tha spiorad obrachadh-sgioba agus de chur ri chèile dreuchdail follaiseach anns an ionad againn. Tha sinn ag obair gu math le luchd-obrach taice agus le eòlaichean air aoigheachd. Tha manaidsearan a’ dèanamh cinnteach gum bi ceanglaichean èifeachdach eadar luchd-obrach agus proifeiseantaich eile a tha an sàs ann an cùram ’s ann am foghlam phàistean air leth, agus a’ toirt ùine airson co-chomhairle èifeachdach.
  • Tha dòighean-conaltraidh is cunntachalachd luchd-obrach soilleir. Tha fhios aig an luchd-obrach againn ciamar a chuireas iad ceistean agus a nochdas iad beachdan cuideachail. Tha sinn uile a’ gabhail uallaich airson conaltradh, co-chomhairle agus roinneadh fiosrachaidh leis an luchd-obrach san ionad agus le feadhainn bho bhuidhnean eile. Tha an fheadhainn aig am bheil dleastanasan riaghlaidh cùramach, follaiseach agus so-ruigsinn.

EISIMPLEIR ÌRE 2

  • Chan eilear an còmhnaidh a’ tuigsinn dreuchdan is dleastanasan an luchd-obrach agus tha feadhainn de na raointean-ùghdarrais nach eil a’ gabhail cuimse gu math ri feumalachdan luchd-ionnsachaidh. Tha an ìre gu bheilear an sàs ann an obair-sgioba caochlaideach ann an càileachd agus cha bhi an luchd-obrach uile a’ cur gu h-iomlan ri obair an ionaid.
  • Cha bhi mar a tha sinn a’ cleachdadh luchd-obrach an còmhnaidh a’ toirt na buannachd as fheàrr às an sgilean agus cha eil e daonnan air an aon rèir ri feumalachdan na cloinne. Chan eil an luchd-obrach daonnan a’ tuigsinn dreuchd luchd-taice air aoigheachd no luchd taic-oideachaidh. Bidh àrd-mhanaidsearan a’ cosg ùine uaireannan air gnìomhan àbhaisteach a dh’fhaodadh a bhith air an dèanamh le feadhainn eile.
  • Cha bhi cleachdadh luchd-obrach air aoigheachd no luchd taic-oideachaidh daonnan a rèir feumalachdan na cloinne.
  • Cha bhi an luchd-obrach againn a’ conaltradh is a’ dèanamh co-chomhairle le chèile gu leòr gus pàistean fa leth a chuideachadh. ’S ann cuingealaichte a tha cothroman airson conaltradh is co-chomhairle eadar luchd-obrach agus mhanaidsearan. Chan eil manaidsearan uile air am meas mar so-ruigsinn agus fosgailte don luchd-obrach.

7.3 LEASACHADH AGUS ATH-BHREITHNEACHADH LUCHD-OBRACH

Cuspairean

  • Modhan-obrachaidha airson ath-bhreitneachadh agus taic luchd-obrach
  • Trèanadh is leasachadh
  • Trèanadh còmhla ri luchd-obrach bho bhuidhnean com-pàirteachais

Prìomh fheartan

Buinidh an comharradh seo ris a’ bhuaidh a bheir ullachaidhean an ionaid air leasachadh luchd-obrach is ath-bhreithneachadh dreuchdail don luchd-obrach air fad fo riaghladh an ionaid. Tha e a’ sealltainn air modhan-obrachaidh a tha follaiseach is rianail gus luchd-obrach ath-bhreithneachadh le raon farsaing de chothroman iomchaidh gus cothroman leasachaidh a thairgse. Buinidh e ri co-thrèanadh a th’ air a dhealbhachadh gus com-pàirteachadh èifeachdach a chur air adhart.20

EISIMPLEIR ÌRE 5

  • Tha ar modh-obrachaidh gus luchd-obrach ath-bhreithneachadh a rèir a’ chleachdaidh as fheàrr agus, nuair a bhios e iomchaidh, a rèir na th’ air a chur sìos ann an stiùireadh ionadail is nàiseanta. Tha e ag aithneachadh neartan is sgilean an luchd-obrach air fad agus a’ coinneachadh am feumalachdan leasachaidh. Tha frèam follaiseach is làidir againn mu leasachadh dreuchdail agus ath-bhreithneachadh leantainneach don luchd-obrach air fad anns an ionad. Bidh am fiosrachadh bhon ath-bhreithneachadh luchd-obrach agus bho àiteachan eile a’ cur cruth air gnìomhan leasachaidh luchd-obrach agus a’ cur taice ri adhartas leantainneach.
  • Bidh sinn a’ gabhail uallach airson comharrachadh amasan is phrìomhachasan a thaobh ar leasachadh dreuchdail fhèin. Tha leasachadh luchd-obrach air a phlanadh gu math, a rèir fheumalachdan comharraichte agus a’ tarraing à teòmachd ionadail is nàisanta. Ann an leasachadh luchd-obrach, tha trèanadh ionadail is nàiseanta a tha iomchaidh, sgaileadh-obrach, ullachadh le luchd-seise agus comhairleachadh. Bidh sinn a’ cumail sùil air a’ bhuaidh agus ga mheasadh agus thathar a’ cleachdadh nan builean gus buaidh a thoirt air planadh anns an ùine tha romhainn.
  • Bidh an luchd-obrach againn a’ tighinn còmhla gus fiosrachadh agus sgilean ùra a cho-roinn agus a dhol an sàs ann an co-leasachadh luchd-obrach mu phrìomhachasan is mu chleachdaidhean coitcheann. Thig mar thoradh air co-leasachaidhean luchd-obrach don luchd-obrach againn fhìn agus don fheadhainn ann an seirbheisean com-pàiteachaidh, piseach follaiseach air na h-ullachaidhean gus taic a thoirt do chloinn is don teaghlaichean.

EISIMPLEIR ÌRE 2

  • Tha modhan-obrachaidh againn gus
    ath-bhreithneachadh a dhèanamh air ar luchd-obrach ach chan eil an t-ath-bhreithneachadh rianail gu leòr no èifeachdach gus feumalachdan fa leth a thaobh leasachadh a chomharrachadh. Tha cuid den luchd-obrach nach eil cinnteach ciamar a ghabhas am feum as fheàrr a dhèanamh de mhodh-obrachaidh ath-bhreithneachaidh agus cha bhi iad ga mheas mar thaiceil. Chan eilear a’ dèanamh feum gu rianail de na builean a thig à ath-bhreithneachadh luchd-obrach ann a bhith a’ toirt piseach air leantainneachd leasachaidh an ionaid no air dreuchdan an luchd-obrach.
  • Bidh an t-ath-bhreithneachadh luchd-obrach a’ comharrachadh nan neartan is sgilean aig a’ chuid as motha den luchd-obrach ach cha bhi leasachadh no trèanadh luchd-obrach daonnan a’ coinneachadh nam feumalachdan sònraichte againn. Tha an prògram airson trèanadh agus leasachadh aig amannan car cumhang agus cha bhi e daonnan a’ tarraing às an teòmachd a tha ri faotainn. Cha bhi buaidh ga mheasadh is ga leantail gu rianail. Chan eil taic chunbhalach ga toirt don luchd-obrach ùr no do dh’oileanaich ann an trèanadh.
  • Bidh beagan trèanaidh ga gabhail os làimh againn le buidhnean-gnìomha eile ach chan eil tuigse ro mhath aig mòran de luchd-obrach an ionaid no nan seirbheisean-taice air obair càch-a-chèile. Chan eil co-leasachadh luchd-obrach air cuimse gu leòr a ghabhail ri ciamar a dh’fhaodas luchd-obrach taic a chumail ris a’ chloinn.

8.1 COM-PÀIRTEACHAS LEIS A’ CHOIMHEARSNACHD, LE IONADAN FOGHLAIM, BUIDHNEAN AGUS LUCHD-FASTAIDH

Cuspairean

  • Soilleireachd adhbharan agus amasan
  • Ag obair le buidhnean agus le cuspairean eile
  • Dreuchd luchd-obrach ann an com-pàirteachasan

Prìomh fheartan

Buinidh an comharradh seo ri èifeachdas agus buaidh com-pàirteachas an ionaid leis a’ choimhearsnachd, le ionadan foghlaim, colaistean, buidhnean, luchd-fastaidh agus eile ann a bhith a’ toirt taic do chloinn. Tha e a’ sealltainn air ullachaidhean an ionaid gus conaltradh agus co-chomhairle a chumail le feadhainn eile ann an dòighean riaghailteach, cruthaichte, taiceil agus èifeachdach. Am measg nam prìomh cheistean tha an ìre gum bi an t-ionad ag obair gu h-èifeachdach an an raon chom-pàirteachasan ioma-chuspair agus gu bheil rùn aige co-obrachadh a thaobh planadh, lìbhrigeadh, sgrùdadh agus measadh co-phròiseactan.

EISIMPLEIR ÌRE 5

  • Tha sinn ri co-obrachadh èifeachdach, rud a tha a’ toirt buaidh air càileachd na taice a bhios a’ chlann a’ faotainn. Tha sinn soilleir mu na raointean ris a bheil sinn an urra sinn fhìn agus an fheadhainn far a bheil taic bho ar com-pàirtichean a dhìth oirnn. Tha sinn dealasach ann a bhith ag obair le com-pàirtichean agus tha sinn soilleir mu na h-amasan a tha an lùib co-obrachaidh.
  • Tha na ceanglaichean a th’ againn le ionadan foghlaim agus le buidhnean eòlaichean air an t-ionnsachadh a shaidhbhreachadh agus air coileanaidhean na cloinne agus an taic dhan teaghlaichean a leasachadh. Bidh an luchd-obrach againn ag obair gu math còmhla ri feadhainn eile gus dèanamh cinnteach gum faigh a’ chloinn taic fìor mhath agus gun cuirear aghaidh air am feumalachdan ionnsachaidh is sochair aig na prìomh amannan eadar-ghluasad. Tha com-pàirteachas èifeachdach againn, nuair a bhios e iomchaidh, le buidhnean sa choimhearsnachd, colaistean, saidhgeòlaichean foghlaim, seirbheisean leighis agus obraichean sòisealta. Bidh an luchd-obrach ag obair leis na com-pàirtichean seo gus fiosraichidhean a shaidhbhreachadh no taic a thoirt do phàistean fa leth no do bhuidhnean chloinne.
  • San ionad againn, bidh an fheadhainn aig am bheil dleastanasan riaghlaigh gu gnìomhach a’ sireadh chothroman airson a bhith ag obair le com-pàirtichean. Bidh sinn ag obair le com-pàirtichean a bheir seirbheisean amalaichte don chloinn agus pròiseactan sna coimhearsnachdan gus prìomhachasan is amasan ionadail a thoirt air adhart. Tha na h-ullachaidhean againn gus conaltradh, planadh, measadh, clàradh, aithris agus ath-bhreithneachadh a dhèanamh soilleir agus soirbheachail.

EISIMPLEIR ÌRE 2

  • Chan eil na h-amasan againn soilleir a thaobh a bhith ag obair ann an com-pàirteachas. Tha beagan phròiseactan com-pàirteachais againn a tha a’ coinneachadh ri feumalachdan phàistean fa leth ach dh’fhaodte barrachd a dhèanamh mar thaic do fheadhainn eile. Chan eil ann ach beagan measaidh air obrachadh còmhla.
  • Chan eilear an còmhnaidh a’ dèanamh feum èifeachdach de na ceanglaichean a th’ againn le ionadan foghlaim eile gus ionnsachadh agus adhartas a leasachadh. Bidh na ceanglaichean a’ sealltainn air cùisean treudach ach cha bhi iad a’ toirt aire gu leòr do leasachadh ionnsachaidh is dealbhachaidh. Bidh na lìonraidhean agus na com-pàirteachasan againn a’ toirt taice don chuid as motha den chloinn ach chan eil na feumalachdan aig cloinn a tha so-leònte daonnan gan coinneachadh.
  • Bidh sinn ag obair ann an com-pàirteachas còmhla ri feadhainn eile ach chan eil sinn daonnan soilleir mu obair is dleastanasan càch-a-chèile taobh-staigh ullachaidhean obair com-pàirteachas. Chan eil an an fheadhainn aig am bheil dleastanasan riaghlaidh an còmhnaidh for-ghnìomhach a thaobh cothroman a shireadh airson a bhith ag obair is a’ planadh le com-pàirtichean ach am faodar feumalachdan na cloinne air fad a choinneachadh.

8.2 RIAGHLADH AIR IONMHAS AIRSON IONNSACHADH

Cuspairean

  • Pailteas ionmhais ri fhaotainn agus socrachadh bhuidseat
  • Modhan-obrachaidh agus modhan-riaghlaidh ionmhais
  • Riaghladh air buidseatan agus ceanglaichean leis an ùghdarrais foghlaim/Bòrd-stiùiridh/Comataidh Phàrant
  • Cleachdadh ionmhais a rèir Luach as Fheàrr gus taic a thoirt do leasachadh an ionaid

Prìomh fheartan

Buinidh an comharradh seo ris a’ bhuaidh a bheir riarachadh is riaghladh ionmhas an ionaid air ionnsachadh. Tha e a’ sealltainn air fosgailteachd, cothromachadh, agus riaghladh a rèir an Luach as Fheàrr air ionmhas an ionaid agus air gun toir an fheum a nithear de ghoireasan-ionmhais builean nas fheàrr don chloinn.

EISIMPLEIR ÌRE 5

  • Tha gu leòr a dh’ionmhas againn gus taic a chur ri obair an ionaid agus bidh sinn a’ toirt an fheum as fheàrr às an ionmhas a tha sinn a’ faotainn. Bidh sinn a’ cumail co-chomhairle leis an luchd-obrach, a’ chloinn is na pàrantan mu iarrtasan maoineachaidh agus tha iad seo ceangailte gu follaiseach ri amasan leasachaidh ionadail agus ri prìomhachasan nàiseanta.
  • Tha modhan-obrachaidh follaiseach againn mu smachd air ionmhas. Bidh sinn a’ cumail sùil is rian air a’ chaiteachas againn gu follaiseach agus gu h-èifeachdach, agus a’ gabhail beachd air comhairle ionadail is nàiseanta.
  • Tha na modhan againn a thaobh riaghladh air buidseatan a’ lìbhrigeadh fiosrachadh a tha soilleir agus làithreach. Tha na h-ullachaidhean a th’ againn mu rianachd air ionmhas bho là gu là èifeachdach a thaobh ùine luchd-obrach.
  • Bidh na prìomhachasan againn mu chleachdadh ghoireasan ionmhais ceangailte gu follaiseach ri prìomhachasan leasachaidh an ionaid. Bidh sinn a’ cleachdadh ar n-ionmhas gus càileachd an ionnsachaidh a leasachadh agus mar thaic do leasachaidhean sònraichte. Thathar air an t-ionmhas againn a riarachadh gu h-èifeachdach agus gu gnothachail mar thaic do ar prìomhachasan leasachaidh às an tàinig builean dearbhach airson na cloinne.21
  • EISIMPLEIR ÌRE 2
  • ’S an fharsaingeachd, tha gu leòr de dh’ionmhas againn gus obair an ionaid a thoirt air adhart ach chan eilear a’ cumail co-chomhairle iomchaidh le feadhainn den luchd-obrach mu ullachaidhean ionmhais. Gu tric cha bhi sinn a’ meòrachadh ann an gu leòr doimhneachd air iarrtasan airson phròiseactan a tha ceangailte ri prìomhachasan ionadail is nàiseanta.
  • Tha cion soilleireachaidh, fosgailteachd agus cothromachd sna h-ullachaidhean a thaobh riaghladh air a’ bhuidseat.
  • Chan eil am fiosrachadh bho shiostaman buidseat coileanta no làithreach. Bidh an rianachd a nì sinn air ionmhas bho là gu là a’ toirt an luchd-obrach a-steach gun adhbhar a thaobh fiosrachadh mu ionmhas.
  • Chan eil ach ceangal coitcheann aig cuid de riarachadh nam buidseat ri leasachadh air càileachd ionnsachaidh. Cha bhi na co-dhùnaidhean mu na buidseatan againn an còmhnaidh a’ gabhail beachd air an fheum a th’ ann taic a chur ri prìomhachasan leasachaidh an ionaid agus na builean airson na cloinne a leasachadh.

8.3 RIAGHLADH AGUS CLEACHDADH GHOIREASAN AGUS ÀITE AIRSON IONNSACHADH

Cuspairean

  • Togalaichean, taisbeanadh agus cur an làthair
  • Solar ghoireasan agus uidheamachd
  • Eagrachadh is cleachdadh ghoireasan
  • Ullachaidhean gus slàinte agus sàbhailteachd, a’ gabhail a-steach tèarainteachd, a dhaingneachadh

Prìomh fheartan

Buinidh an comharradh seo ris a’ bhuaidh a bheir solar is riaghladh ghoireasan is àiteachan an ionaid air an àrainneachd airson ionnsachaidh. Tha e a’ sealltainn air an ìre gum bi a’ chlann air an gluasad leis na togalaichean is na goireasan, agus air ullachaidhean an ionaid a thaobh slàinte is sàbhailteachd.

EISIMPLEIR ÌRE 5

  • Tha na togalaichean againn a’ toirt seachad àrainneachd airson ionnsachadh a tha sàbhailte, tlachdmhor agus na brodadh-inntinn tro ghnìomhan cluiche, sòisealta is cùraim. Tha àite iomchaidh againn gus clann aig a h-uile aois ris a bheil an t-ionad an urra a ghleidheadh. Tha àrainnean cuimir ann far am faod a’ chlann cluich a-staigh agus air an t-sitig agus gus fois is cadal fhaighinn. Tha àrainnean iomchaidh againn airson an luchd-obrach agus nam pàrant agus àite gu leòr a thaobh tasgadh is taisbeanadh. Tha sinn a’ gèilleadh ris dleastanasan reachdail a thaobh ruigsinneachd. Tha na taisbeanaidhean de dh’obair na cloinne a’ cur taice ris an ionnsachadh agus a’ cruthachadh àrainneachd a tha na brodadh-inntinn. Tha cothromachadh iomchaidh ga chruthachadh eadar obair na cloinne fhèin, stuth air a chlò-bhualadh, dealbhan agus stuth-taisbeanaidh eile.
  • Tha goireasan iomchaidh, ICT nam measg, math gu leòr, làithreach agus air an glèidheadh gu math. Bidh na goireasan a’ cumail taice gu math ris na ceanglaichean eadar an luchd-obrach agus a’ chlann ach an ionnsaich iad gu h-èifeachdach.
  • Tha na goireasan againn air an eagrachadh gu math, goireasach, gan cleachdadh gu h-èifeachdach agus air an riaghladh ann an dòigh sheasmhach. Tha ionnsachadh is teagasg gan saidhbhreachadh tro chleachdadh ICT, an àrainneachd ionadail agus ghoireasan bho thaobh a-muigh an ionaid. Bidh sinn a’ brosnachadh na cloinne gus feum neo-eisimeileach agus cùramach a dhèanamh de na goireasan. Bidh sinn a’ cumail sùil air an fheum a chuirear air goireasan agus ga mheasadh gus dèanamh cinnteach gun tèid feumalachdan na cloinne a choinneachadh.
  • Tha na togalaichean againn tèarainte agus thathar a’ comharrachadh nithean a thaobh slàinte is sàbhailteachd agus a’ gabhail gnothaich riutha. Tha reachdas iomchaidh a’ bualadh air slàinte agus sàbhailteachd ga chur an gnìomh agus tha tèarainteachd is sàbhailteachd na cloinne gan daingneachadh fad na tìde.

EISIMPLEIR ÌRE 2

  • Tha àrainneachd shàbhailte sna togalaichean againn ach feumaidh an atharrachadh airson taic a chur ri gnìomhan ionnsachaidh, sòisealta is cùraim. Bidh cion àite ann an cuid de raointean a’ cur bacadh air cothroman ionnsachaidh. Tha beagan sgioblachaidh a dhìth air an togalach agus bidh ruigsinneachd doirbh do chuid de luchd-cleachdaidh. Chan eil ach beagan thaisbeanaidhean de dh’obair na cloinne is de nithean inntinneach eile ri fhaicinn, ’s ann ainneamh a thathar gan atharrachadh agus ’s e glè bheag a chuireas iad ri ionnsachadh is ri teagasg. Bidh stuth air a chlò-bhualadh no stuth malairtean gu tric fad air thoiseach sna taisbeanaidhean.
  • Tha a’ chuid as motha de na goireasan, ICT nam measg, ag obrachadh ach tha mòran a tha feumach air ùrachaidh agus/no air càraidh. ’S e raon beag de ghoireasan a th’ againn a bhrosnaicheas is a bheir dùbhlan don chloinn.
  • Tha na goireasan againn air an eagrachadh gu math mar as trice. Bidh cuid den luchd-obrach a’ saidhbhreachadh ionnsachadh le bhith a’ cleachdadh ghoireasan ann an dòigh adhartach ach ’s e glè bheag de dh’fheum a nì sinn den àrainneachd no de ghoireasan bho thaobh-muigh an ionaid. ’S e glè bheag de dh’fheum neo-eisimeileach a bhios a’ chlann a’ toirt às na goireasan.
  • Cha bhi sinn a’ cumail sùil gheur gu leòr air tèarainteachd an togalaich. Tha sinn air beagan ghnothaichean co-cheangailte ri slàinte is sàbhailteachd a chomharrachadh ach chan eilear a’ cur aghaidh orra seo gu h-èifeachdach fad na tìde.

8.4 RIAGHLADH FIOSRACHAIDH

Cuspairean

  • Trusadh, tasgadh agus cleachdadh dàta
  • Com-pàirteachadh fiosrachaidh
  • Sgrùdadh, measadh is cleachdadh fiosrachaidh

Prìomh fheartan

Buinidh an comharradh seo ri ullachaidhean an ionaid a thaobh riaghladh fiosrachaidh. Tha e sealltainn air siostaman an ionaid gus fiosrachadh a thional is a chleachdadh agus air an ìre gun tèid a cho-roinn gus an luchd-obrach a chuideachadh ann a bhith a’ toirt piseach air builean airson na cloinne. Tha e a’ cur cuideam air an an ìre gun tèid fiosrachadh a chleachdadh gus sùil a chumail air adhartas na cloinne.

EISIMPLEIR ÌRE 5

  • Tha dòighean-obrach èifeachdach againn airson fiosrachadh a thional is a thasgadh gus coileanaidhean ionnsachaidh a leasachadh agus àrdachadh. Tha sinn a’ riaghladh fiosrachaidh gu h-èifeachdach gus adhartas na cloinne a shònrachadh, na feumalachdan aca a choinneachadh agus cuimse a ghabhail ri taic is ri goireasan. Tha cothrom iomchaidh aig an luchd-obrach air fiosrachadh. Tha na h-ullachaidhean againn gus fiosrachadh a ghleidheadh, a thasgadh agus a lorg a’ gèilleadh ri reachdas.
  • Tha sinn a’ tuigsinn agus a’ cumail ri protocal a thaobh co-roinn fiosrachaidh. Bidh sinn a’ co-roinn fiosrachaidh gu h-èifeachdach am measg an luchd-obrach, a’ ghabhail a-steach dàta mu bhuidseatan agus mu làthaireachd na cloinne. Tha na siostaman againn a’ toirt cothrom do chom-pàirtichean iomchaidh fiosrachadh a tha dhìth orra fhaighinn gus soirbheas na cloinne a dhaingneachadh agus an t-ionnsachadh aca a leasachadh. Tha na pàrantan uile-gu-lèir mothachail mun fhiosrachadh a thathar a’ gleidheadh mun cuid chloinne agus cò a dh’fhaodadh sealltainn air.
  • Bidh sinn a’ cleachdadh mion-sgrùdadh dàta gus sùil a chumail air gnothaichean agus adhartas a shealltainn.

EISIMPLEIR ÌRE 2

  • Bidh sinn a’ tional is a’ tasgadh mòran dàta ach chan eil, na mheasg, dàta cudromach a tha dhìth gus sùil a chumail, agus piseach a thoirt, air coileanaidhean. Bidh an siostam againn a’ toirt beagan taice don luchd-obrach gus leasachadh a phlanadh. Tha ar riaghladh fiosrachaidh a’ coinneachadh feumalachdan cuid den luchd-cleachdaidh ach chan eil e cur cothrom iomchaidh air chomas fad na tìde. Chan eil na h-ullachaidhean againn a thaobh riaghladh fiosrachaidh a’ gèilleadh ri reachdas an còmhnaidh.
  • Chan eil sinn an còmhnaidh a’ co-roinn gu leòr fiosrachaidh am measg luchd-obrach ach am faigh iad sealladh farsaing air obair an ionaid agus am bi e comasach dhaibh builean na cloinne a leasachadh.
  • Tha siostaman againn gus leasachadh is adhartas na cloinne a chlàradh ach chan eil an t-adhartas a nì cuid de bhuidhnean, leithid a’ chlann aig a bheil feumalachdan taic a bharrachd agus clann a th’ air an sealltainn às an dèidh, gan comharrachadh gu math.

9.1 LÈIRSINN, LUACHAN AGUS AMASAN

Cuspairean

  • Freagarrachd agus co-leanailteachd le lèirsinn, luachan is amasan corporra agus sa choimhearsnachd
  • Co-roinn agus gleidheadh na leìrsinn
  • Cur air adhart bheachdan dearbhach mu eugsamhlachd shòisealta agus chultarail

Prìomh fheartan

Tha an comharradh seo a’ sealltainn air mar a bhios an t-ionad ag obair le feadhainn eile gus lèirsinn chumanta a chruthachadh agus rùn is stiùireadh a tha nan dùbhlain. Tha an comharradh seo a’ sealltainn air an ìre gu bheil lèirsinn, luachan is amasan a’ stiùireadh planadh airson, agus a’ toirt buaidh air, piseach a thoirt air càileachd an ionnsachaidh is an teagaisg, agus nan builean airson luchd-ionnsachaidh is an teaghlaichean.

EISIMPLEIR ÌRE 5

  • Tha sinn ag obair leis a’ chloinn, le pàrantan is le com-pàirtichean eile gus lèirsinn chumanta a leasachadh is a chruthachadh airson an ionaid is na coimhearsnachd le bhith a’ meòrachadh, a’ deasbad agus a’ cumail co-chomhairle leantainneach. Tha ar lèirsinn stèidhichte gu làidir air foghlam tràth agus cùram-cloinne àrd inbhe agus tha e a rèir nam prìomhachasan ionadail is nàiseanta. Tha obair an ionaid a’ faighinn stiùiridh bho na h-aithrisean soilleir a thaobh lèirsinn, luachan is amasan.
  • Tha sinn an còmhnaidh a’ sgrùdadh is a’ daingneachadh ar lèirsinn, ar luachan is ar n-amasan tro ar tachartasan is gnìomhan. Tha seo a’ toirt dhuinn faireachdainn làidir mu rùn coitcheann air feadh coimhearsnachd an ionaid. Tha sinn a’ gabhail beachd gu h-iomlan air ar lèirsinn, ar luachan is ar n-amasan nuair a bhios sinn a’ dèanamh ath-bhreithneachaidh air ar n-obair, a’ cur leasachaidhean an gnìomh agus a’ dealbhachadh na slighe romhainn.
  • Tha amasan follaiseach agus beachdan dearbhach gan socrachadh leis an lèirsinn is na luachan is amasan againn a thaobh eugsamhlachd. Tha rùn làidir againn a thaobh co-ionannachd. Tha co-ionannachd ga cur air adhart is tha sinn a’ comharrachadh eugsamhlachd agus tha seo ri fhaicinn sa phlana-leasachaidh againn.

EISIMPLEIR ÌRE 2

  • Tha an aithris air lèirsinn, luachan is amasan an ionaid a rèir nam prìomhachasan ionadail is nàiseanta san fharsaingeachd. ’S e glè bheag de cheangal a bh’ aig daoine a bhuineas do choimhearsnachd an ionaid no do na buidhnean com-pàirteachais le cruthachadh ar lèirsinn, ar luachan is ar n-amasan. Mar thoradh air seo, cha bhuin na h-amasan againn ach gu ìre ris na buidhnean eadar-dhealaichte san ionad no chan eil iad ceangailte gu leòr ri prìomh ghnìomhan an ionaid.
  • Chan eil faireachdainn làidir ann mu luachan no mu lèirsinn chumanta a thaobh rùn ann an coimhearsnachd an ionaid. Mar as trice, chan eilear a’ dol air ais air luachan no gan daingneachadh sna ceanglaichean, sa chonaltradh, sna tachartasan no sna gnìomhan a bhios sinn a’ cur ris bho là gu là. Nuair a bhios an obair againn ga mheasadh, chan eil sinn a’ gabhail beachd gu leòr air an lèirsinn, air na luachan no air na h-amasan.
  • Ged a tha an lèirsinn is na luachan againn a’ socrachadh amasan follaiseach mu bheachdan dearbhach a thaobh eugsamhlachd agus in-ghabhaltas, chan eil iad seo air an neadachadh gu leòr ann an obair an ionaid.

9.2 CEANNAS AGUS TREÒRACHADH

Cuspairean

  • Planadh agus conaltradh ro-innleachdail
  • Cleachdadh ghoireasan gu ro-innleachdail

Prìomh fheartan

Tha an comharradh seo a’ sealltainn air ceannas gus leasachadh a dhealbhachadh,
co-cheangailte ri lèirsinn, luachan is amasan. Tha e a’ sealltainn air sgilean is eòlas ceannais, dealas dreuchdail is pearsanta agus cruthachadh nam modhan-obrachaidh a bheir stiùireadh seachad.

EISIMPLEIR ÌRE 5

  • Tha leasachadh is soirbheasan leantainneach airson luchd-ionnsachaidh aig cridhe slighe ro-innleachdail an ionaid. Tha sinn a’ dèanamh cinnteach gum bi ionnsachadh àrd inbhe tro chluich aig cridhe ar planaichean-leasachaidh, agus gum bi prìomhachasan leasachaidh ceangailte ri ar cleachdaidhean. Bidh sealladh soilleir de dh’amasan an ionaid ga chur an cèill gus am bi an luchd-obrach as fharsainge agus a’ chlann soilleir agus dealasach mum pàirt fhèin gus an coileanadh.
  • Bidh sinn a’ dèanamh cho-dhùnaidhean a tha follaiseach agus air am bonntachadh air fianais mu riarachadh ghoireasan, gus cuimse a gabhail ri amasan aonaichte agus an luach as fheàrr a choileanadh. Tha an fheadhainn aig am bheil dleasatanasan riaghlaidh san ionad a’ sealltainn an dealas a thaobh ionnsachadh le bhith tadhal air clasaichean no air seòmraichean-cluich, a’ cruthachadh deagh chleachdaidh, a’ toirt bheachdan air ais, a’ roinn lèirsinn gu farsaing agus a’ brosnachadh fèin-mheasaidh. Tha sinn a’ daingneachadh an t-suidheachaidh far am bi an luchd-obrach a’ faireachdainn comasach agus misneachail dreuchd treòrachaidh a ghabhail ann an obair an ionaid.

EISIMPLEIR ÌRE 2

  • Tha sinn air stiùireadh farsaing a stèidheachadh airson obair an ionaid againn ach chan eilear air seo a chur an cèill math gu leòr don chloinn, do na pàrantan no do na com-pàirtichean. Tha leasachadh air an ionad, obrachadh ann an com-pàirteachas agus amas air inbhean àrda nan amasan bunaiteach den phlana-leasachaidh againn ach chan eil sinn daonnan a’ toirt seachad stiùiridh shoilleir mu ciamar a ghabhas iad a choileanadh no mar a bhios iad a’ bualadh air cleachdaidhean. Tha miann againn airson an t-slighe air adhart ach chan eil e daonnan air a stiùireadh le mion-sgrùdadh de dhàta iomchaidh.
  • Bidh sinn a’ cur gu leòr cuideam air an ionnsachadh sna planaichean-leasachaidh againn ach chan eilear a’ cleachdadh ghoireasan a rèir seo. Chan eil an fheadhainn aig am bheil dleastanasan riaghlaidh an sàs gu leòr ann an gnìomhan a bheir buaidh dhìreach air ionnsachadh is air teagasg.

9.3 LEASACHADH DHAOINE AGUS COM-PÀIRTEACHAIS

Cuspairean

  • Leasachadh comas-ceannais
  • Cruthachadh is cumail càirdeis
  • Obair-sgioba is com-pàirteachas

Prìomh nithean

Buinidh an comharradh seo ri èifeachdas an ionaid a thaobh comas-ceannais a chruthachadh aig gach ìre agus dàimhean-obrach dearbhach agus builean soirbheachail le com-pàirtichean is buidhnean com-pàirteachaidh a dhaingneachadh. Tha an comharradh co-cheangailte ri spiorad agus faireachdainn an ionaid, tro cheanglaichean san ionad agus co-obrachadh le buidhnean eile. Tha èifeachdas an fheadhainn aig am bheil dleastanasan riaghlaidh, mar a thathar gan cleachdadh, an dleastanasan agus an obair-sgioba a thaobh iarrtasan eagrachaidh gu math cudromach is buntainneach. ’S e nithean cudromach a th’ ann an cleachdadh agus comasachadh luchd-obrach is chom-pàirtichean agus taic do obair-sgioba èifeachdach.

EISIMPLEIR ÌRE 5

  • Tha sinn a’ sealltainn air ionnsachadh àrd inbhe chluich mar chridhe leasachadh an ionaid. Tha sinn a’ gabhail ri dòighean-ceannais a rèir suidheachadh an ionaid agus tha sinn mothachail air dàimhean. Tha sinn a’ cur gu feum farsaingeachd sgilean agus a’ brosnachadh is a’ toirt taic do sgilean eile. ’S e dòigh-dèiligidh chomhairleach is cholaisteach a th’ againn, rud a chruthaicheas rùn coitcheann. Nuair a bhios feum air, bidh sinn ag iomain ghnìomhan dìreach air aghaidh. Bidh an fheadhainn aig am bheil dleastanasan riaghlaidh a’ daingneachadh faireachdainn cheannas-sgaoilte nuair a bhios luchd-obrach a’ faireachdainn comasach air a bhith tionnsgalach agus dreuchd treòrachaidh a ghabhail taobh-staigh an t-seòmair-teagaisg no an t-seòmair-cluiche agus fiù ’s an raointean eile. Tha sinn a’ dèanamh feum de dh’fhiosrachadh choitcheann agus air na nithean anns a bheil ùidh aig an luchd-obrach agus air beachdan na cloinne. Tha sinn air buaidh a thoirt nar n-aonar, ann an sgioban agus air feadh an ionaid.
  • Tha sinn air àrainneachd obrach thaiceil a chruthachadh far am bi faireachdainn choitcheann mu chùram aig daoine gus dèanamh cinnteach gun soirbhich leis a’ chloinn. Tha na dàimhean-obrach a th’ againn stèidhichte air earbsa agus cùram dha-rìribh don luchd-obrach is do chom-pàirtichean. Bidh sinn a’ cuideachadh dhaoine gus aghaidh a chur air trioblaidean a tha nan dùbhlan, fiosrachadh a roinn agus dèiligeadh ri duilgheadasan. Tha sinn a’ daingneachadh spiorad dhleastanas coitcheann agus taic co-aontach air feadh coimhearsnachd an ionaid. Bidh sinn a’ cruthachadh, ag ath-bhreithneachadh is a’ leasachadh ar structairean airson riaghladh, ionnsachadh is taic, gus dàimhean dearbhach a chruthachadh. Bidh sinn a’ brosnachadh an luchd-obrach agus ag aithneachadh is a’ comharrachadh an coileanaidhean.
  • Tha ìre àrd de dhealas againn a thaobh obair com-pàirteachais agus leasachadh sgioba gus am bi piseach leantainneach ann. Tha spiorad obair-sgioba follaiseach anns an ionad againn. Bidh sinn ag obair gu gnìomhach leis na com-pàirtichean iomchaidh agus tha ìrean àrda a’ gabhail pàirt anns an obair againn. Bidh sinn a’ measadh choileanaidhean sgioban gu cunbhalach a rèir amasan aontaichte.

EISIMPLEIR ÌRE 2

  • Tha cuid de dhaoine a tha lag a thaobh sgilean ceannais no ann an obrachadh corporra. Chan eil na dòighean-ceannais a’ freagairt air feumalachdan an ionaid gus leasachaidhean a dhèanamh. Tha sinn a’ cur ar taice ri cuid de thionnsgnaidhean a bhios feadhainn eile a’ moladh ach cha bhi sinn a’ brosnachadh luchd- leasachaidhean a mholadh. Cha bhi ceannardan a’ sealltainn gu leòr air ionnsachadh is teagasg agus chan eil gnè an ionaid, ged a tha i dearbhach, a’ cur an cèill nan dùbhlan no adhartais gu h-iomlan.
  • Mar as trice, tha àrainneachd-obrach thaiceil againn anns am bi a’ chuid as motha a’ gabhail uallaich gus càileachd an ionnsachaidh is an teagaisg a leasachadh. Anns an fharsaingeachd, tha càileachd a’ dàimh agus gnè an àrainneachd obrach tuilleadh is caochlaideach anns an ionad. Chan eil na dàimhean -obrach againn an còmhnaidh air a bhonntachadh air earbsa. Cha bhi sinn a’ toirt ach beagan de dh’fheart air cruthachadh, ath-bhreithneachadh is leasachadh nan structairean riaghlaidh, ionnsachaidh is taice, gus dàimhean dearbhach a chruthachadh. Chan eil sinn ag aithneachadh no a’ comharrachadh choileanaidhean an luchd-obrach gu cunbhalach.
  • Tha sinn air sgioba-obrach a chruthachadh is a ghleidheadh le cuid de chom-pàirtichean as cudromaiche agus tha sinn air a bhith èifeachdach gu ìre a thaobh a bhith ag obair ann an com-pàirteachas ach tha an suidheachadh gun seasmhachd anns an fharsaingeachd. Chan eil dealas ga nochdadh gu rianail mu bhith ag obair ann an com-pàirteachas no àite gnìomhach a ghabhail ann an gnìomhan a chuir buidhnean com-pàirteachais air bhonn. Anns an fharsaingeachd, chan eil obair-sgioba stèidhichte gu math san ionad agus cha bhi sinn a’ dèanamh measadh gu cunbhalach air coileanaidhean a rèir amasan aontaichte.

9.4 CEANNAS LEASACHAIDH AGUS ATHARRACHAIDH

Cuspairean

  • Taic is dùbhlan
  • Cruthachalachd, nuadhachadh agus atharrachadh tro cheuman
  • Leasachadh leantainneach

Prìomh nithean

Buinidh an comharradh seo ri èifeachdas ceannais an ionaid gus ìrean àrda de chàileachd a ghleidheadh agus leasachadh is sàr-mhathais leantainneach a chur air adhart san
t-solar airson na cloinne uile.22 Tha e air leth cudromach gun toir feadhainn aig am bheil dleastanasan riaghlaidh dùbhlan do luchd-obrach càileachd solair na cloinne a leasachadh, le bhith a’ socrachadh amasan a tha cruaidh ach a ghabhas ruigsinn agus taic a thoirt le bhith gan cuideachadh gus an coiileanadh. Buinidh an comharradh cuideachd ri comas is soirbheas an fheadhainn aig am bheil dleastanasan riaghlaidh a thaobh cleachdaidhean tionnsgalach a bhrosnachadh is a chuideachadh, a leanas gu atharrachaidhean dearbhach air na dh’ fhiosraicheas a’ chlann.

EISIMPLEIR ÌRE 5

  • Tha dealas againn ro-innleachdan airson leasachaidh a phlanadh is a chur an gnìomh. Tha sinn a’ tuigsinn gu bheil feum air atharrachadh, taic is dùbhlan, tha amasan cruaidh againn agus tha sinn a’ riaghladh atharrachadh gu h-èifeachdach. Tha sinn a’ dèanamh feum de na cleachdaidhean as fheàrr ann am fèin-mheasadh gus an t-ionnsachadh a leasachadh. Bidh leasachadh anns an ionad a’ gabhail beachd air a’ chomas a thaobh leasachadh agus bidh tìde aig an luchd-obrach atharrachaidhean a bhreithneachadh agus a neadachadh.
  • Tha lèirsinn pongail againn mu na tha cudromach don ionad, don choimhearsnachd agus don chloinn. Bidh sinn a’ nuadhachadh a rèir an t-seallaidh sin. Bidh sinn a’ stiùireadh agus a’ cumail rian air astar atharrachaidhean aontaichte. Bidh sinn a’ dèanamh a’ ghnothaich air a’ chridhe ’s air an inntinn còmhla. Bidh sinn a’ dèiligeadh gu h-èifeachdach ri aimhreit a dh’fhaodadh èirigh am measg luchd-obrach. Bidh sinn a’ cur feum gu riaghailteach air builean fèin-mheasadh gus cur ris na rudan leis am bi sinn a’ soirbheachadh agus a’ cur fàilte air dòighean nuadhach aig a bheil mar amas càileachd an ionnsachaidh is an teagaisg agus na builean airson na cloinne a leasachadh. Bidh sinn a’ stiùireadh is a’ riaghladh atharrachaidhean gu h-èifeachdach agus gu ro-innleachdail le bhith a’ cruthachadh phrìomhachasan agus a’ sealltainn air ìre de thionnsgnaidhean cudromach a ghabhas làimhseachadh agus an cur an cèill gu math.
  • Bidh pàirt làidir aig ceannardan aig gach ìre ann a bhith a’ cumail suas ìrean àrda càileachd agus a’ stiùireadh leasachaidh is nuadhachaidh, ionnsachaidh is teagaisg, le sùil air buaidh is air builean. Tha dreuchd is dleastanasan follaiseach aca uile ann an leasachadh càileachd. Tha an t-ionad daonnan a’ rannsachadh dhòighean gus barrachd comais leasachaidh a chruthachadh le bhith a’ cur ri eòlas agus sgilean. Tha sinn a’ toirt chothroman don luchd-obrach gus ceannas a ghabhail ann an caochladh shuidheachaidhean agus an cuid teòmachd agus misneachd àrach is leasachadh.

EISIMPLEIR ÌRE 2

  • Tha cuid den luchd-obrach nach bi a’ gabhail ri atharrachaidhean, fiù nuair a tha iad ag amas air leasachaidhean a choileanadh airson na cloinne. Chan eilear a’ riaghladh gu math astar nan atharrachaidhean. Cha bhi an fheadhainn aig am bheil dleastanasan riaghlaidh seasmhach a thaobh taic a chur ris an luchd-obrach agus dùbhlan a thoirt dhaibh no a’ sealltainn gu leòr air socrachadh amasan leasachaidh. Chan eil na modhan-obrachaidh againn mu fhèin-mheasadh air an toirt air adhart fada gu leòr gus an
    t-ionnsachadh is an teagasg a leasachadh. Chan eil sinn a’ cur ùine no ghoireasan gu leòr an dara taobh airson cuid de leasachaidhean no a’ gabhail beachd gu leòr air comas an ionaid a thaobh leasachadh no air an fheum a th’ ann dealas an luchd-obrach fhaotainn.
  • Tha lèirsinn againn mu na tha cudromach airson an ionaid no na coimhearsnachd ach chan eil cleachdadh a tha nuadhach no èifeachdach ga chomharrachadh, ga thoirt air adhart, ga mheasadh no ga sgapadh gu rianail air feadh an ionaid. Tha sinn mothachail air eisimpleirean de dheagh chleachdadh san ionad ach chan eil sinn air cuimse ghabhail fhathast ris na h-innealan as motha a chuireas ri càileachd an ionnsachaidh is an teagaisg. Gu tric chan eil mar a chuireas sinn atharrachaidhean an cèill math gu leòr gus comas a thoirt don luchd-obrach na h-adhbharan airson atharrachaidhean a chur an gnìomh, no na buannachdan ris a bheilear an dùil, a thuigsinn.
  • Tha ceannardan aig gach ìre nach bi ri stiùireadh làidir gu leòr no a’ toirt air adhart dealas an ionaid mu leasachadh leantainneach air ionnsachadh is teagasg agus air builean airson na cloinne. Tha cion èifeachdas ann an leasachadh càileachd. Ann a bhith a’ cur nan raointean-ùghdarrais seo an gnìomh, tha an fheadhainn aig am bheil dleastanasan riaghlaidh buailteach a bhith a’ sealltainn air siostaman is gnìomhan seach air builean is buaidh nas fheàrr airson na cloinne. Tha luchd-obrach an ionaid ag obair gu cruaidh mar as trice, ach cha bhi sinn a’ cur ris an eòlas agus na sgilean aca mar bu chòir agus a’ toirt chothroman dhaibh gus ceannas a ghabhail.

[<<<] [Clà-innse] [>>>]