[<<<] [Clà-innse] [>>>]

AM PÀISTE SA MHEADHAN FÉIN-MHEASADH SNA BLIADHNAICHEAN TRÀTH

PÀIPEAR-TAICE A H-AON
SGÈILE NAN SIA PUINGEAN

Faodar càileachd na tha sibh a’ toirt fa-near taobh-staigh gach comharradh a thomhas a rèir nan sia ìrean.

ÌRE 6

SÀR MHATH

Air leth, air thoiseach san earrainn

ÌRE 5

FÌOR MHATH

Neartan mòra

ÌRE 4

MATH

Neartan cudromach le raointean airson leasachadh

ÌRE 3

RIARACHAIL

Neartan dìreach a’ toirt bàrr air laigsean

ÌRE 2

LAG

Laigsean cudromach

ÌRE 1

MÌ-RIARACHAIL

Laigsean mòra

Ann an saoghal toinnte an fhoghlaim tha iomadh dòigh ann sam bi solar airidh air measadh sònraichte. Feumaidh sinn a bhith mothachail gum bi barrachd de sgil proifeiseanta na de mhodh-obrachaidh teicnigeach an lùib a bhith a’ buileachadh ìrean. Bu chòir, ge-tà, an stiùireadh coitcheann anns na duilleagan a leanas a chur gu feum gu cunbhalach.

Buinidh measadh sàr mhath ri solar a tha na mhodail na earrainn. Tha fiosraichidhean agus coileanaidhean na cloinne aig ìre càileachd fìor àrd. Tha measadh sàr mhath a’ riochdachadh inbhe solair air leth a tha na eisimpleir de chleachdadh as fheàrr buileach agus as fhiach a sgaoileadh taobh-muigh an ionaid. Tha e a’ ciallachadh gum bheil na h-ìrean coileanaidh fìor àrd seasmhach agus gun tèid an cumail suas.

Buinidh measadh fìor mhath ri solar a tha air a chomharrachadh le neartan mòra. Chan eil mòran raointean far a bheil leasachadh a dhìth agus ma tha feadhainn ann chan eil iad ag adhbharachadh lùghdachadh cudromach ann am fiosraichidhean na cloinne. Ged a tha measadh fìor mhath a’ riochdachadh inbhe solair àrd, bu chòir gun gabh an ìre seo a choileanadh le na h-uile. Tha e a’ ciallachadh gum bheil e gu tur freagarrach cumail air adhart leis an t-solair gun atharrachaidhean cudromach. Tha dùil ann, ge-tà, gun gabh an t-ionad cothroman piseach a thoirt air agus oidhirp a dhèanamh an ìre coileanaidh àrdachadh gu sàr mhath.

Buinidh measadh math ri solar a tha air a chomharrachadh le neartan cudromach a tha, nuair a thèid an gabhail còmhla, a’ toirt bàrr air raointean sam bheil feum air leasachadh. Tha measadh math a’ riochdachadh inbhe solair sam bheil buaidh dhearbhach chudromach aig na neartan. Tha càileachd fiosrachaidh na cloinne air a lùghdachadh ann an dòigh air choireigin, ge-tà, tro nithean air am bheil leasachadh a dhìth. Tha e a’ ciallachadh gum bu chòir don ionad feuchainn ri leasachadh a bharrachd a dhèanamh anns na raointean le neartan cudromach, ach bu chòir ceumannan a ghabhail gus dèiligeadh ri raointean leasachaidh.

Buinidh measadh riarachail ri solar a th’ air a chomharrachadh le neartan a tha dìreach a’ toirt bàrr air laigsean. Tha measadh riarachail a’ sealltainn gu bheil cothrom aig a’ chloinn air ìre bhunaiteach solair. Tha e a’ riochdachadh inbhe sam bheil buaidh dhearbhach aig neartan air fiosraichidhean na cloinne. Ged nach eil na laigsean cudromach gu leòr gus droch bhuaidh sheasmhach a thoirt, bidh iad a’ cur impidh air càileachd iomlan fiosraichidhean na cloinne. Tha e a’ ciallachadh gum bu chòir don ionad gnìomhan a chur air bhonn gus aghaidh a chur air raointean le laigsean agus, aig an aon àm, a’ togail air neartan.

Buinidh measadh lag ri solar anns a bheil beagan neartan ach far am bheil laigsean cudromach. Anns an fharsaingeachd, faodar measadh lag a ruighinn air caochladh adhbharan. Ged a dh’fhaodadh beagan neartan a bhith ann, bidh na laigsean cudromach, leotha fhèin no còmhla, fòghainteach gu leòr gus fiosraichidhean na cloinne a lùghdachadh gu susbaintaeach. Tha e a’ ciallachadh gum bheil feum air gnìomhan structaireil agus dealbhaichte leis an ionad.

Buinidh measadh mì-riarachail nuair a bhios laigsean mòra san t-solar agus feum air ceumannan lesachail gun dàil. Tha fiosraichidhean na cloinne ann an cunnart ann an dòighean susbainteach. Anns a’ mhòr-chuid de shuidheachaidhean, bidh feum aig luchd-obrach aig am bheil dleastanas solair a chaidh a mheasadh mì-riarachail air taic bho àrd-mhanaidsearan ann a bhith a’ planadh is a’ dol an sàs anns na gnìomhan deatamach a tha dhìth airson leasachadh. Gus seo a dhèanamh, dh’fhaodadh gum feum a bhith ag obrachadh ri taobh luchd-obrach no buidhnean-gnìomha eile, taobh-staigh no taobh-muigh an ionaid.

[<<<] [Clà-innse] [>>>]