[<<<] [Clà-innse] [>>>]

AM PÀISTE SA MHEADHAN FÉIN-MHEASADH SNA BLIADHNAICHEAN TRÀTH

PÀIPEAR-TAICE A DHÀ
AN DÀIMH EADAR AM FRÈAM CÀILEACHD CHOMHARRAN AGUS NA DEICH TOMHASAN ANN AM PÀIRT 2 DE AN T-SLIGHE GU SÀR-MHATHAIS.

Tha frèam nan comharran anns an deasachadh seo de Am Pàiste sa Mheadhan a’ toirt seachad innealan a chuidicheas sibh gus càileachd an fhoghlaim san ionad agaibh a mheasadh. Tha na comharran a’ gabhail a-steach a h-uile taobh de dh’obair an ionaid agus air an dealbhachadh gus ur cuideachadh neartan agus prìomhachasan airson leasachadh aithneachadh a an cur ris a’ phlana-leasachaidh agaibh. Thairis air na bliadhnaichean, tha luchd-obrach air tighinn suas ri bhith a’ cleachdadh chomharran san dòigh seo airson an cuideachadh gus rian a chumail air am modh-obrachaidh leasachadh leantainneach. Bidh ionad daonnan ag iarraidh fios a bhith aige ciamar a tha a’ soirbheachadh leis anns an obair air fad agus cuidichidh na comharran gus seo a dhèanamh.

Tha a h-uile h-aon de na tomhasan càileachd ann an Pàirt 2 de An t-Slighe gu Sàr-mhathais co-cheangailte ri fear de na prìomh raointean anns a bheil na comharran ann an Am Pàiste sa Mheadhan air an eagrachadh. Faodaidh na tomhasan cuideachadh a thoirt don ionad gus gluasad air adhart na mìrean obrach far a bheil e den bheachd a bhith comasach gluasad bho math, no fìor mhath, gu math dha-rìribh. Faodaidh iad atharrachaidhean mòra a thoirt air an nithean sin a tha aig cridhe an ionaid - ionnsachadh is soirbheas do na h-uile. Chan e innlealan sgrùdaidh a tha sna tomhasan. Chan eil iad a’ gabhail a-steach a h-uile càil a bhios a’ dol air adhart ann an ionad. Chan eil iad a’ sealltainn ach air na nithean sin aig a bheil buaidh dhìreach air ionnsachadh is air builean airson nan daoine òga air fad. ’S e th’ annta acfhainn airson cruth-atharrachadh, a’ gluasad a-steach dìreach do na gnìomhan is na cleachdaidhean a tha co-cheangailte ri sàr-mhathais. Tha na tomhasan agus na feartan a tha nan lùib a’ toirt seachad bheachdan mu chuid de na rudan a bheir ionad gu bhith na ionad sàr-mhath.

Bidh ciamar agus cuin a chleachdas sibh na tomhasan an crochadh air an ìre aig a bheil an t-ionad air an t-slighe gu sàr-mhathais agus air na seòrsaichean leasachaidhean a tha dhìth. Bidh e an crochadh cuideachd air nithean co-cheangailte ris a’ chomas a th’ aige leasachadh a dhèanamh, ’s e sin, cho deasaichte ’s a tha an t-ionad gus na h-atharrachaidhean a dhèanamh a dh’fhaodadh beatha na cloinne atharrachadh gu mòr. Nam measg seo, tha:

Tha A’ Planadh airson Sàr-mhathais, Pàirt 4 de Dè cho math ’s a tha an sgoil againn?: An t-Slighe gu Sàr-mhathais a’ sealltainn nas mionaidiche air na dòighean eadar-dhealaichte sam faod an t-ionad agaibh lèirsinn is luachan, dòighean fèin-mheasaidh is planaidh a leasachadh gus an atharraich sibh an dòigh-dèiligidh a rèir feumalachdan an ionaid agaibh fhèin.

[<<<] [Clà-innse] [>>>]