[<<<] [Clà-innse] [>>>]

AM PÀISTE SA MHEADHAN FÉIN-MHEASADH SNA BLIADHNAICHEAN TRÀTH

PÀIPEAR-TAICE A TRÌ
DÒIGH-DÈILIGIDH CHUMANTA THAIRIS AIR SEIRBHEISEAN POBLACH UILE

Chan e eileanan a tha ann an ionadan is sgoiltean foghlaim tràth. Bidh iad ag obair le ionadan, sgoiltean, colaistean, luchd-fastaidh agus grunn sheirbheisean eile airson piseach a thoirt air càileachd a’ churraicealaim airson na cloinne agus nan daoine òga, agus an taic a tha dhìth a thoirt dhaibh gus na comasan air fad aca a thoirt gu buil.

Tha grunn sheirbheisean poblach a’ cleachdadh frèam nan comharran san dara deasachadh seo de Am Pàiste sa Mheadhan. Bidh ùghdarrasan foghlaim ga chleachdadh gus càileachd na seirbheis a bhios iad a’ toirt seachad nan obair a mheasadh. Bidh oibrichean òigridh, oibrichean sòisealta agus sgioban phroifeiseantaich ag obair ann an seirbheisean cloinne ga chleachdadh cuideachd. Le bhith a’ cleachdadh an aon fhrèama, tha cànan cumanta ann a thaobh càileachd. Tha seo ga dhèanamh cus nas fhasa do gach neach a tha ag obair le cloinn is le daoine òga na builean aca a chom-pàirteachadh agus taic a chur ri càch-a-chèile ann a bhith a’ leasachadh fiosraichidhean agus coileanaidhean dhaoine òga.

Cleachadaidh Luchd-sgrùdaidh na Bànrighe airson Foghlaim an aon fhrèam ann an sgrùdadh, agus luchd-sgrùdaidh eile cuideachd. Nuair a bhios Luchd-sgrùdaidh na Bànrighe a’ sgrùdadh ionadan is sgoiltean foghlam tràth, cleachdaidh iad roinn de chomharran air an taghadh às an fhrèam. Tha na comharran seo a’ sealltainn gu sònraichte air builean is buaidh an fhoghlaim a th’ air a lìbhrigeadh san ionad agus air na nithean cudromach a tha a’ cur riutha seo. Cumaidh LSFB air a’ gabhail beachd air Inbhean Cùraim Nàiseanta airson foghlam tràth is cùram-cloinne suas gu aois 16 nar cuid sgrùdaidhean amalaichte le Coimisean a’ Chùraim.

Chaidh am frèam càileachd a chur ri chèile gus a bhith air an aon rèir ri modalan is duaisean càileachd, mar eisimpleir Creideas nar Cosnaichean, Comharra na Cairte agus Modal Sàr-mhathais Ionad na h-Eòrpa airson Riaghladh Càileachd, agus faodar a chleachdadh còmhla riutha. Mar eisimpleir, faodaidh builean à measadh fo Chomharra na Cairte, agus an fhianais air a bheil iad stèidhichte, cur ri ar measaidhean a’ cleachdadh am frèam càileachd agus a chaochladh.

Chaidh am frèam seo a dhealbh gus a chleachdadh aig barrachd is aon ìre Mar eisimpleir, gabhaidh a chleachdadh:

Tha seo a’ ciallachadh gum faod measaidhean a nì sibh san ionad agaibh, agus an fhianais air a bheil e stèidhichte, cur ri measadh ann an suidheachaidhean eile. Mar eisimpleir, dh’fhaodadh an cleachdadh gus càileachd na seirbheise do chloinn sa choimhearsnachd agaibh a mheasadh. Dh’fhaodadh an cleachdadh cuideachd còmhla ri measaidhean bho ionadan, sgoiltean is sgioban eile gus cur ri measadh air èifeachdas an ùghdarrais foghlaim agaibh.

[<<<] [Clà-innse] [>>>]