[Clàr-innse] [>>>]

AN T-SLIGHE GU SÀR-MHATHAIS: PÀIRT 3

RO-RÀDH

Tha mi air leth toilichte an deasachadh ùr seo de Dè cho math ’s a tha an sgoil againn? a mholadh dhuibh. Tha e a’ dol an àite a h-uile tionndadh a bha ann roimhe. ’S e ath-dheasachadh de Child at the Centre a tha san sgrìobhainn seo, agus ’s e cuideachd an treas pàirt de Dè cho math ’s a tha an sgoil againn? An t-Slighe gu Sàr-mhathais. ’S e an seata chomharran càileachd fhathast am prìomh inneal fèin-mheasaidh airson a h-uile sgoil, ach tha na stuthan fìor fheumail ann am pàirtean eile den t-sreath An t-Slighe gu Sàr-mhathais air an cur riutha a-nis.

Tha na comharran taobh a-staigh Dè cho math ’s a tha an sgoil againn? a’ leantainn an t-suidheachaidh anns a bheil sgoiltean air tòiseachadh ag obrachadh a-nis. Tha iad a’ cur cudrom sònraichte air a’ bhuaidh a tha aig sgoiltean air leasachadh foghlaim agus beatha sgoilearan na h-Alba tro mar a tha iad ag ionnsachadh, a’ soirbheachadh agus a’ coileanadh, gu sònraichte na builean farsaing airson luchd-ionnsachaidh taobh a-staigh Curraicealam airson Sàr-mhathais1 agus an aithris rùin airson na cloinne an Alba2.

Tha an cudrom air buaidh agus builean a’ daingneachadh a’ phrionnsapail nach e am fèin-mheasadh fhèin crìoch na cùise. Airson a bhith buannachdail feumaidh e leantainn gu leasachaidhean air fiosrachadh agus builean foghlaim do chloinn agus dhaoine òga agus gu cumail suas nan ìrean as àirde far a bheilear gan coileanadh. Tha Dè cho math ’s a tha an sgoil againn? mu choileanadh an dearbh nì sin. Tha e a’ togail air deagh chleachdadh ann an sgoiltean agus clasaichean air feadh Alba agus gu h-eadar-nàiseanta, agus tha e dealbhte gus luchd-teagaisg a chuideachadh a’ measadh an coileanadh làithreach agus a’ comharrachadh prìomh-amasan gnìomha.

Tha sgoiltean a’ sìor leasachadh càileachd an ionnsachaidh tro ghnìomhan a tha mac-meanmnach agus ùr-ghnàthach. Tha seataichean innealan taobh a-staigh An t-Slighe gu Sàr-mhathais gus leasachadh leantainneach anns an ionnsachadh a thoirt gu buil. Tha cruthachadh, fuasgladh cheistean, ùr-ghnàthachadh agus ionnsachadh bho shuidheachaidhean dhaoine eile nam pàirt den atharrachadh sin. Bheir Slighean gu Sàr-mhathais, an goireas didseatach a tha a’ dèanamh suas Pàirt 5 den t-sreath seo, dhuibh eachdraidh nan daoine a tha air adhartas pearsanta mòr a dhèanamh a dh’ionnsaigh sàr-mhathais.

Tha sgoiltean agus ionadan ro-sgoil a-nis ann an com-pàirteachas nas motha de luchd-obrach proifeiseanta, a tha uile a’ lìbhrigeadh diofar sheirbheisean chloinne. Mar sin, thàinig an deasachadh ùr seo de Dè cho math ’s a tha an sgoil againn? gu bith tro bhith a’ cleachdadh an aon fhrèam fèin-mheasaidh ris a h-uile seirbheis phoblach air a dhealbh timcheall air sia ceistean a bu chòir do gach seirbheis a fhreagairt.

Tha an deasachadh seo cuideachd a’ cur cudrom air cultar colaisteach anns am bi luchd-teagaisg a’ gabhail pàirt ann am beachdachadh agus meòrachadh proifeiseanta stèidhichte air tuigse choitcheann air càileachd agus sealladh coitcheann air an amasan airson daoine òga. Mar sin, bu chòir don h-uile neach-obrach a bhith an sàs ann am fèin-mheasadh. Tha co-mheasadh na h-obrach aca le luchd-obrach fa leth agus buidhnean de luchd-obrach, agus luchd-teagaisg a bhith a’ beachdachadh air obair an co-oibrichean agus air dè cho math ’s a tha stiùireadh agus riaghladh na sgoile, na phàirt a cheart cho deatamach de fhèin-mheasadh ri luchd-teagaisg àrdaichte a bhith a’ beachdachadh air leasain agus suidheachaidhean ionnsachaidh. Thig fèin-mheasadh gu bhith na phròiseas proifeiseanta breithneachail a chuidicheas sgoiltean a’ faighinn eòlas math orra fhèin, a’ comharrachadh prògram airson leasachaidh agus a’ brosnachadh ùr-ghnàthachadh làn-bheachdaichte.

Tha na comharran càileachd a’ toirt stiùireadh airson a’ phròiseis sin, chan e seata reasabaidean airson soirbheachadh. Feumaidh iad a dhol còmhla ri eòlas proifeiseanta agus bunan stiùiridh eile, mar eisimpleir mun chlàr-teagaisg, mu ionnsachadh, mu cheàird an teagaisg agus mu stiùireadh atharrachaidh, gus cur ri iarrtas coitcheann airson càileachd agus na tha an lùib a bhith ga choileanadh ann an clas no sgoil sam bith.

Bhon chiad fhoillseachadh de Dè cho math ’s a tha an sgoil againn?, tha fèin-mheasadh air a chur an sàs nas motha ’s nas motha air feadh foghlaim an Alba agus tha e air cur gu math ri leasachadh agus àrdachadh air coileanadh agus buileachadh airson a h-uile neach-ionnsachaidh. Thug mi iomradh ann an Improving Scottish Education3 air an adhartas a rinn ionadan foghlaim ann am mothachadh air na neartan agus laigsean aca fhèin, a’ cur Alba air thoiseach ann an leasachadh càileachd gu h-eadar-nàiseanta. Tha mi a’ moladh an treas dheasachaidh seo de Dè cho math ’s a tha an sgoil againn? dhuibh ann an toirt air adhart ar co-dhealas airson leasachadh leantainneach agus sàr-mhathais.

Graham Donaldson
Àrd-neach-sgrùdaidh na Banrigh

[Clàr-innse] [>>>]