[<<<] [Clàr-innse] [>>>]

AN T-SLIGHE GU SÀR-MHATHAIS: PÀIRT 3

BUN-FHIOSRACHADH

Tha an treas pàirt ann an sreath Slighe gu Sàr-mhathais air a dhèanamh suas de ath-dheasachaidhean Dè cho math ’s a tha an sgoil againn? agus Am Pàiste ’sa Mheadhain.

Bha an dà phàipear sin a-riamh mu leasachadh air sgoiltean, dèanamh nithean nas fheàrr do chloinn, is mu bhith dèanamh a h-uile sgoil na sàr sgoil a tha miannach air adhartas. Tha Dè cho math ’s a tha an sgoil againn? agus Am Pàiste ’sa Mheadhain stèidhichte air frèam chomharran ath-sgrùdaichte a chuidicheas sibh ag obrachadh a-mach dè an ìre aig a bheil an sgoil agaibh ann an leasachadh a càileachd agus amas air sàr-mhathais. Tha sinn air fàs fìor eòlach air a bhith a’ cleachdadh comharran càileachd san dòigh seo an Alba. Bidh an t-aon sheata chomharran air an cleachdadh cuideachd le oifigearan leasachadh càileachd agus Luchd-sgrùdaidh na Banrigh gus dearbhadh càit a bheil sibh agus ur cuideachadh a’ planadh ur slighe air adhart.

FÈIN-MHEASADH

Chan eil fèin-mheasadh biurocratach no meacainistic. ’S e obair phroifeiseanta bhreithneachail a tha ann anns am bi sgoiltean a’ faighinn eòlas math orra fhèin agus a’ comharrachadh dè an dòigh air adhart as fheàrr do na sgoilearan aca. Mar sin, brosnaichidh e ùr-ghnàthachadh làn-bheachdaichte. Treòraichidh am frèam chomharran càileachd sibh anns an obair sin. Chan eil na h-eisimpleirean dealbhte airson an cleachdadh mar liostaichean-dearbhaidh no reasabaidhean. Tha iad ann airson an cleachdadh còmhla ri stiùireadh eile mar comhairle mun chlàr-teagaisg, rannsachadh mu ionnsachadh agus teagasg, agus coimhead ri nòsan agus modhan ceannardais. Le beachdan an co-cheangal ris a’ chlàr-teagaisg agus ionnsachadh daonnan ag atharrachadh, tha an dòigh anns a bheil sinn a’ cleachdadh nan comharran cuideachd ag atharrachadh gus cuideachadh a’ daingneachadh cho fiùghantach ’s a tha foghlam an Alba.

Tha fèin-mheasadh a’ coimhead air adhart. Tha e mu atharrachadh agus leasachadh, mean air mhean no air ball, agus tha e stèidhichte air meòrachadh, dùbhlan agus taic phroifeiseanta. Tha e a’ gabhail a-steach co-dhùnaidhean beachdaichte mu ghnìomhan a bheir buannachdan soilleir do dhaoine òga.

Aig cridhe fèin-mheasadh tha trì ceistean:

Bidh sàr sgoiltean a’ cuimseachadh nan ceistean sin air ionnsachadh. Tha ionnsachadh aig cridhe sàr sgoil. ’S e ionnsachadh a prìomh obair.

Bidh a h-uile neach-teagaisg a’ beachdachadh air càileachd na h-obrach aca. Bidh sinn a’ dèanamh seo mar luchd-obrach proifeiseanta a tha cunntachail airson càileachd na h-obrach againn sa chlas agus airson coileanadh agus leasachadh pearsanta agus sòisealta na cloinne agus nan daoine òga a tha sinn a’ teagasg, agus mar bhuill den sgioba luchd-teagaisg air a bheil uallach airson càileachd foghlaim san fharsaingeachd.

Mar luchd-teagaisg, tha sinn moiteil às an obair againn fhìn agus mar sin a’ beachdachadh air a thaobh ar dleastanasan fa leth. Airson seo faodaidh sinn na comharran càileachd agus comhairle eile mar Na h-Inbhean airson Làn-chlàradh, airson Tidsearan Clàraichte no airson Ceannardas agus am Frèam Nàiseanta airson Leasachadh Proifeiseanta Leantainneach a chleachdadh.

Tha fèin-mheasadh cuideachd a’ gabhail a-steach buidhnean de luchd-teagaisg a’ co-bheachdachadh air an obair aca fhèin. Faodaidh sinn seo a dhèanamh ann an grunn dhòighean tro:

’S e obair phroifeiseanta chudromach a tha anns a’ mheasadh air comhaoisean seo agus tha e na chomharra air uallach proifeiseanta sgioban luchd-teagaisg airson na h-obrach aca. Tha e an lùib beachdachadh proifeiseanta le àrd-cho-oibrichean a bhios, ’s dòcha, a’ teagasg còmhla riutha no a’ sgrùdadh cleachdadh ann an clasaichean. Chaidh na comharran anns an ath-dheasachadh seo a sgrìobhadh air dhòigh ’s gum bi iad a’ bruidhinn ri na sgioban luchd-teagaisg. Mar seo tha uallach colaisteach a’ faighinn àite cudromach.

Ma tha tuigse choitcheann aig coimhearsnachd sgoile air dè tha càileachd a’ ciallachadh ’s ann as fheàrr a dh’obraicheas fèin-mheasadh colaisteach le luchd-teagaisg agus le manaidsearan sgoile. Tha seo gu tric a’ tighinn bho shealladh coitcheann aig coimhearsnachd sgoile airson na sgoile agus a sgoilearan, ’s dòcha stèidhichte air beachd aontaichte air ciamar a bu chòir an sgoil a bhith an ceann dà bhliadhna no trì.

Chan eil e furasta a thighinn gu sealladh coitcheann. Mar as trice tha diofar bheachdan agus ùidhean ann am buidhnean luchd-teagaisg agus thidsearan-taic, clann agus pàrantan, luchd-obrach proifeiseanta eile agus buill cudromach den choimhearsnachd. Gus sealladh coitcheann fhaighinn, feumaidh sgoil ceangal ris an luchd-pàirteachaidh sin uile ann an soilleireachadh agus aontachadh a luachan agus prionnsapalan. Feumaidh i cuideachd aontachadh ciamar a stiùireas na luachan agus prionnsapalan sin a h-uile roinn den obair aice, an clàr-teagaisg, an àrainneachd ionnsachaidh, spiorad na sgoile agus an dòigh anns a bheil a h-uile duine air a ghabhail a-steach agus an dàimh ri càch a chèile: a’ sealltainn nam prionnsapalan agus luachan ann an gnìomh. Tha mothachadh làidir aig sgoil a ruigeas sealladh agus luachan coitcheann air an taobh tha i a’ dol agus a rùn moralta.

’S e na gnìomhan seo, air an dèanamh le luchd-obrach proifeiseanta breithneachail, a’ bhunait airson ceannardas aig a h-uile ìre:

Tha na gnìomhan measaidh coltach ris an fheadhainn a tha sinn ag iarraidh air sgoilearan a dhèanamh san ionnsachaidh aca fhèin. Tha gabhail pàirt annta a’ cruthachadh coimhearsnachd de luchd-ionnsachaidh.

RIAGHLADH MEASAIDH

Tha e cudromach gum bi adhbhar ann airson measadh a dhèanamh air na roinnean a bha air an taghadh, agus beachd soilleir air dìreach ciamar a bhios measadh air a dhèanamh, cuin agus co leis. Tha ùine na phrìomh ghoireas ann an sgoiltean trang agus chan fheumar a h-uile nì a mheasadh sa bhad. Ach, feumar a dhèanamh gu riaghailteach gus nach bi roinnean cudromach de obair na sgoile air am fàgail às agus nach bi lorg gu bheil cùisean a’ dol ceàrr gus am bi iad air buaidh a thoirt air luchd-ionnsachaidh. Feumaidh ùine a chaithear air breithneachadh a chothromachadh ris an ùine airson leasachaidh. Feumaidh sinn cuideachd cumail a’ cur cudrom air prìomh obair na sgoile - ionnsachadh agus teagasg.

Bidh mòran sgoiltean a’ cur sgrùdadh agus measadh ann am mìosachan ghnìomhan4. Le bhith a’ cumail nòta den chòmhradh agus den fhianais, bidh iad mean air mhean a’ cur ri chèile fianais a dh’fhaodas iad a chleachdadh ann am measaidhean le comharran càileachd. ’S dòcha gun cleachd cuid mìosachan bliadhnail, agus gum bi cuid eile a’ planadh an gnìomhan ri frèam ùine nas fhaide no nas sùbailte. Ach, ’s e as cudromaiche gum bi an obair sin air a chur ann an obair na sgoile agus gun cuir e cudrom soilleir air ionnsachadh agus soirbheachadh na cloinne. Feumar a h-uile prìomh obair foghlaim, agus obair riaghlaidh agus ceannardais, a leantainn troimhe gu buaidh nan nithean sin air sgoilearan, agus an toraidhean.

Tha na comharran anns an ath-dheasachadh seo de Dè cho math ’s a tha an sgoil againn? air an cur fo shia ceistean a tha HMIE, agus buidhnean eile, a’ cleachdadh airson adhbharan measaidh.

Tha na sia ceistean sìmplidh ach cumhachdach seo ann am frèam càileachd de naoi Prìomh Raointean san deasachadh seo de Dè cho math ’s a tha an sgoil againn? mar a chithear ann am pàipear-taice 1.

A’ CLEACHDADH AN FHRÈAM CHOMHARRAN CÀILEACHD ANN AM FÈIN-MHEASADH

Tha am frèam càileachd a’ toirt structair airson fèin-mheasaidh a dh’fhaodar a chleachdadh ann an diofar dhòighean.

Tha comharran ann a dh’fhaodas sinn a chleachdadh airson breithneachadh proifeiseanta air Dè cho math ’s a tha an sgoil againn? Tha an seata chomharran seo a’ toirt còmhla comharran coileanaidh (mar eisimpleir dàta mun choileanadh agus buileachadh) le comharran air spiorad na sgoile (mar beachdan luchd-ionnsachaidh) agus breithneachadh proifeiseanta stèidhichte air fianais air càileachd solarachadh na sgoile agus na dòighean-teagaisg air an deach beachdachadh.

Gach bliadhna tha e feumail sùil mhionaideach a thoirt air nithean a bhuineas do bhuilean agus do bhuaidhean na sgoile (Prìomh Raointean 1 gu 4) agus roinnean mar ionnsachadh, teagasg agus coinneachadh ri feuman ionnsachaidh (Prìomh Raon 5). Bhon mhion-sgrùdadh seo, agus bho mheòrachadh proifeiseanta làitheil, ’s dòcha gun comharraich sibh cùisean airson tuilleadh rannsachaidh, beachdachaidh agus mion-sgrùdaidh a’ cleachdadh barrachd de mhion-fhiosrachadh nan comharran càileachd ann am Prìomh Raointean 5 gu 9.

Tha dlùth cheangal eadar na roinnean ris a bheilear a’ dèiligeadh taobh a-staigh gach Prìomh Raon fa leth. Tha seo a’ ciallachadh gum faod neartan no laigsean ann an aon raon buaidh a thoirt air càileachd ann an raon eile. Faodaidh sùileachadh luchd-teagaisg buaidh a thoirt air ionnsachadh; obrachadh còmhla ri buidhnean com-pàirteachais air cùram agus sochair chloinne; ceannardas agus misneachd luchd-teagaisg air càch a chèile. ’S e sin, faodaidh am frèam ur cuideachadh a’ breithneachadh adhbharan nan neartan agus laigsean a chaidh an lorg. Ma bhios fèin-mheasadh stèidhichte anns an sgoil, ’s e dòigh roghnach stèidhichte air eòlas air builean agus buaidh san sgoil agaibh agus air na cùisean ris am feumar dèiligeadh dòigh èifeachdach air an fhrèam chomharran a chleachdadh.

Ach, bho àm gu àm, ’s dòcha gum feumar dòigh nas coileanta. Mar eisimpleir, ’s dòcha gum bi e feumail do cheannard a tha air ùr thòiseachadh ann an sgoil obrachadh tro na comharran gu lèir no a’ chuid as motha dhiubh gus dealbh soilleir fhaighinn air càileachd gach taobh de obair na sgoile. Gu dearbh, tha e gu buannachd a h-uile sgoil nuair a sheallas luchd-obrach ris an obair aca gu lèir bho àm gu àm gus dèanamh cinnteach gu bheil gach nì ag obrachadh gu math. Anns an dòigh seo thig sibh tarsainn air cùisean far am feum sibh ‘sùil nas mionaidiche’. ’S e an dòigh chumanta seo airson sealladh farsaing agus sùil nas mionaidiche dòigh eile air na comharran a chleachdadh.

CLEACHDADH CHOMHARRAN AGUS BHUNAN FIANAIS

Le bhith a’ cleachdadh diofar chomharran agus bhunan fianais, ’s urrainn dhuinn a thighinn gu beachd coileanta air càileachd, a’ coimhead ris bho dhiofar thaobhan agus a’ dearbhadh dè cho co-chòrdail ’s a tha na measaidhean.

Bu chòir an taghadh fianais air a bheil measaidhean air an stèidheachadh a bhith air an cumail furasta an riaghlaidh tro shamplachadh. Bu chòir beachdachadh gu cùramach air an ìre agus an seòrsa samplachaidh. Tha e feumail cuideachd feuchainn dè cho làidir ’s a tha an fhianais le ‘triantanachadh. Tha seo a’ gabhail a-steach aon bhun fianais air a choimeas ri dara agus treas bun. Mar eisimpleir, dh’fhaodar èifeachdas poileasaidh sgoile ann an coinneachadh ri feuman luchd-ionnsachaidh a dhearbhadh le bhith ga chur an gnìomh ann an clasaichean agus a’ còmhradh ri luchd-obrach, luchd-ionnsachaidh agus pàrantan5. Bu chòir don triantanachadh seo cuideachadh a’ measadh dè a’ bhuaidh a tha aig poileasaidh ann an coinneachadh ri feuman luchd-ionnsachaidh.

Thig na prìomh bhunan fianais bho na chì sinn, diofar seòrsa dàta, agus beachdan dhaoine aig a bheil dlùth chom-pàirt anns an sgoil, mar a’ chlann agus na daoine òga fhèin, pàrantan, buidhnean com-pàirteachais, a thuilleadh air luchd-obrach. Bheir Pàipear-taice 56 eisimpleirean den t-seòrsa fianais a thathar ag iarraidh. Far a bheil laigsean ann an cleachdadh air an comharrachadh, tha e feumail cuideachd coimhead ri stiùireadh agus sgrìobhainnean. Dh’fhaodadh na sgrìobhainnean sin gabhail a-steach prògraman oideachaidh, planaichean luchd-teagaisg, stuthan cùrsa, poileasaidhean agus stiùireadh agus geàrr-chunntas choinneamhan. Ach, ’s dòcha nach eil na thachras daonnan co-ionann ri na tha ann an sgrìobhadh. Anns an aon dòigh, ’s dòcha gun cuidich aithisgean adhartais mu phlanaichean leasachaidh ach feumar an dearbhadh ri na chaidh a lìbhrigeadh. ’S e a tha cudromach buaidh a h-uile prìomh obair san sgoil air an luchd-ionnsachaidh fhèin agus air na tha iad ag ionnsachadh.

Diagram

Tha am frèam chomharran dealbhte mar inneal airson cuideachadh le measadh agus leasachadh air càileachd an fhoghlaim a tha sinn a’ tabhann don h-uile neach-ionnsachaidh. Tha na naoi Prìomh Raointean anns an fhrèam a’ dol thairis air gach roinn de obair na sgoile agus faodar an cur ann am buidhnean farsaing fo thrì cinn: soirbheachadh agus coileanadh na sgoile, a beatha agus a h-obair, agus a sealladh agus ceannardas.

Tha a’ chiad dà cheist san fhrèam fìor chudromach:

Tha an dà cheist seo a’ cur cudrom air soirbheachadh agus coileanadh na sgoile an co-cheangal ri a prìomh rùn, agus a buaidh air cloinn agus daoine òga, pàrantan agus a’ choimhearsnachd gu lèir. Tha iad co-cheangailte ri dè cho math ’s a tha an sgoil air a’ chlann a chuideachadh gu bhith nan luchd-ionnsachaidh soirbheachail, daoine misneachail, poball cùramach agus luchd-pàirteachaidh èifeachdach anns a’ choimhearsnachd. Tha iad cuideachd co-cheangailte ri sealladh na h-Alba airson còir chloinne agus dhaoine òga air sàbhailteachd, oideachadh, fallaineachd, coileanadh, dèanadas, in-ghabhalachd, urram agus uallach.

Gus soirbheachadh agus coileanadh a bhreithneachadh co-cheangailte ris an dà cheist seo agus gus planadh airson leasachaidhean, tha e cudromach beachdachadh air na prìomh nithean a tha a’ toirt buaidh orra. Mar eisimpleir, mur eil sgoilearan a’ fàs mar luchd-pàirteachaidh èifeachdach, ’s dòcha gun seall sinn ris a’ chlàr-teagaisg a tha iad a’ leantainn, no an seòrsa ionnsachaidh anns a bheil iad an sàs. Mar sin, feumar beachdachadh air a’ chiad dà cheist ann an solas cheistean eile mar:

Diagram

Tha an dòigh seo a’ toirt cothrom air meòrachadh proifeiseanta air cleachdadh taobh a-staigh nan clasaichean againn fhìn, agus san sgoil againn gu lèir, agus a’ cuideachadh le beachdachadh air na ceanglaichean eadar roinnean den obair againn agus ar soirbheachadh agus coileanadh.
Far an lorgar an cleachdadh as fheàrr, bu chòir sin a chomharrachadh agus a cho-roinn ri daoine eile agus mur eil cùisean a’ dol gu math, faodar an adhbhar a lorg tro shùil shònraichte air cuid de na comharran.

Mar eisimpleir, mur eil clann agus daoine òga ag ionnsachadh gu h-èifeachdach no mur eil iad ag iarraidh ionnsachadh, ’s dòcha gum feum sinn coimhead ri roinnean de chàileachd an fhoghlaim a tha an sgoil a’ tabhann gus na ceistean a leanas a fhreagairt.

’S e seo dòigh-obrach ‘cho-rèireach’. Tha e a’ toirt comas dhuibh cudrom a chur air raointean prìomhachais an àite cumail a’ dol thairis air roinn ma seach de obair na sgoile.

Le bhith a’ cur cudrom air a’ chiad chòig cheistean agus a’ tighinn gu beachd air Dè cho math ’s a tha an sgoil againn?, faodaidh sinn an uair sin coimhead ris an t-siathamh ceist, beachd fhaighinn air ar comas air leasachadh agus co-dhùnadh Dè cho math ’s is urrainn dhuinn a bhith?.

[<<<] [Clàr-innse] [>>>]