[<<<] [Clàr-innse] [>>>]
NA COMHARRAN CÀILEACHD
Àir. |
Comharra Càileachd (QI) |
Cuspairean |
|||||
Prìomh bhuilean coileanaidh |
|||||||
1.1 |
Leasachaidhean ann an coileanadh |
|
|
|
|
|
|
1.2 |
Coileanadh dleastanasan reachdail |
|
|
|
|
|
|
Buaidh air luchd-ionnsachaidh |
|||||||
2.1 |
Fèin-fhiosrachadh luchd-ionnsachaidh |
|
|
|
|
|
|
2.2 |
Mar a shoirbhich an sgoil le toirt com-pàirt do phàrantan, luchd-cùraim agus teaghlaichean |
|
|
|
|
|
|
Buaidh air luchd-teagaisg |
|||||||
3.1 |
Com-pàirt luchd-obrach ann am beatha agus obair na sgoile |
|
|
|
|
|
|
Buaidh air a’ choimhearsnachd |
|||||||
4.1 |
Mar a shoirbhich an sgoil le obrachadh còmhla ris a’ choimhearsnachd ionadail agus ceangal rithe |
|
|
|
|
|
|
4.2 |
Mar a shoirbhich an sgoil le obrachadh còmhla ris a’ choimhearsnachd ionadail agus ceangal rithe san fharsaingeachd |
|
|
|
|
|
|
Lìbhrigeadh foghlaim |
|||||||
5.1 |
An clàr-teagaisg |
|
|
|
|
|
|
5.2 |
Teagasg airson ionnsachadh èifeachdach |
|
|
|
|
|
|
5.3 |
Coinneachadh ri feuman ionnsachaidh |
|
|
|
|
|
|
5.4 |
Measadh airson ionnsachaidh |
|
|
|
|
|
|
5.5 |
Sùileachadh agus àrdachadh coileanaidh |
|
|
|
|
|
|
5.6 |
Co-ionannachd agus cothromachd |
|
|
|
|
|
|
5.7 |
Co-obrachadh le luchd-ionnsachaidh agus pàrantan |
|
|
|
|
|
|
5.8 |
Cùram, sochair agus leasachadh |
|
|
|
|
|
|
5.9 |
Leasachadh tro fhèin-mheasadh |
|
|
|
|
|
|
Leasachadh agus dealbhadh poileasaidh |
|||||||
6.1 |
Poileasaidh sgrùdaidh agus leasachaidh |
|
|
|
|
|
|
6.2 |
Com-pàirteachadh ann am poileasaidh agus planadh |
|
|
|
|
|
|
6.3 |
Planadh airson leasachaidh |
|
|
|
|
|
|
Riaghladh agus taic do luchd-obrach |
|||||||
7.1 |
Iomchaidheachd, trusadh agus glèidheadh luchd-teagaisg |
|
|
|
|
|
|
7.2 |
Cleachdadh luchd-teagaisg agus obair-sgioba |
|
|
|
|
|
|
7.3 |
Leasachadh agus sgrùdadh luchd-teagaisg |
|
|
|
|
|
|
Com-pàirteachasan agus goireasan |
|||||||
8.1 |
Co-obrachadh leis a’ choimhearsnachd, ionadan foghlaim, buidhnean agus fastaichean |
|
|
|
|
|
|
8.2 |
Rianachd ionmhais airson ionnsachaidh |
|
|
|
|
|
|
8.3 |
Rianachd agus cleachdadh stòrais agus rùm airson ionnsachadh |
|
|
|
|
|
|
8.4 |
Rianachd fiosrachaidh |
|
|
|
|
|
|
Ceannardas |
|||||||
9.1 |
Sealladh, luachan agus amasan |
|
|
|
|
|
|
9.2 |
Ceannardas agus treòrachadh |
|
|
|
|
|
|
9.3 |
Leasachadh dhaoine agus chom-pàirteachasan |
|
|
|
|
|
|
9.4 |
Stiùireadh air leasachadh agus atharrachadh |
|
|
|
|
|
|
Comas air leasachadh |
|||||||
1.1 LEASACHAIDHEAN ANN AN COILEANADH
CUSPAIREAN
|
PRÌOMH CHOMHARRAN: Tha an comharra seo co-cheangailte ri coileanadh na sgoile. Tha e co-cheangailte ri coileanadh agus leasachadh air adhartas luchd-ionnsachaidh san fharsaingeachd a thaobh fàs gu bhith nan luchd-ionnsachaidh soirbheachail, daoine misneachail, poball cùramach agus luchd-pàirteachaidh èifeachdach7. Tha e cuideachd mu dè cho soirbheachail ’s a bha an sgoil le toirt air adhart a sealladh. Bu chòir cleachdadh a’ chomharra càileachd seo aire a thoirt don t-seòrsa sgoil, an àireamh sgoilearan agus a suidheachadh8. |
ÌRE 5 EISIMPLEIR
ÌRE 2 EISIMPLEIR
|
|
1.2 COILEANADH DLEASTANASAN REACHDAIL
CUSPAIREAN
|
PRÌOMH CHOMHARRAN: Tha an comharra seo co-cheangailte ris a’ bhuaidh aig coileanadh dleastanasan reachdail na sgoile. Tha e a’ cur cudrom air measadh air coileanadh ionmhasail na sgoile stèidhichte air dàta ionmhasail agus an ìre gu bheil an t-ullachadh a’ daingneachadh feabhas luach, gu sònraichte cleachdadh ionmhais airson leasachadh agus cumail suas an t-solarachaidh airson luchd-ionnsachaidh. Tha an comharra cuideachd mu mar a tha an sgoil a’ toirt fainear a riatanasan reachdail agus a h-ullachadh airson reachdas a chur an gnìomh gus am bithear cinnteach gun tèid coinneachadh ri feuman a h-uile neach-ionnsachaidh.
|
ÌRE 5 EISIMPLEIR
ÌRE 2 EISIMPLEIR
|
|
2.1 NA DH’FHIOSRAICH LUCHD-IONNSACHAIDH
CUSPAIR
|
PRÌOMH CHOMHARRAN: Tha an comharra seo co-cheangailte ri càileachd na dh’fhiosraich luchd-ionnsachaidh. Tha luchd-ionnsachaidh mothachail air an neartan agus am feuman mar luchd-ionnsachaidh agus tha iad riaraichte gu bheil na beachdan aca air an gabhail a-steach10. |
ÌRE 5 EISIMPLEIR
ÌRE 2 EISIMPLEIR
|
|
2.2 SOIRBHEACHADH NA SGOILE LE COM-PÀIRT DO PHÀRANTAN, LUCHD-CÙRAIM AGUS THEAGHLAICHEAN
CUSPAIR
|
PRÌOMH CHOMHARRAN: Tha an comharra seo co-cheangailte ri com-pàirt phàrantan, luchd-cùraim agus theaghlaichean agus am beachdan mu chàileachd an fhoghlaim a tha a’ chlann aca a’ faighinn11. Tha e a’ cur cudrom sònraichte air na suidheachaidhean aca aig an àm. |
ÌRE 5 EISIMPLEIR
ÌRE 2 EISIMPLEIR
|
|
3.1 COM-PÀIRT LUCHD-TEAGAISG ANN AM BEATHA AGUS OBAIR NA SGOILE
CUSPAIR
|
PRÌOMH CHOMHARRAN: Tha an comharra seo co-cheangailte ri com-pàirt agus dealas proifeiseanta luchd-teagaisg. Tha e cuideachd a’ cur cudrom air beachdan luchd-teagaisg mun com-pàirt ann an dèanamh cinnteach gu bheil luchd-ionnsachaidh a’ faighinn deagh shuidheachadh foghlaim13. |
ÌRE 5 EISIMPLEIR
ÌRE 2 EISIMPLEIR
|
|
4.1 SOIRBHEACHADH NA SGOILE ANN AN OBRACHADH AGUS CEANGAL RIS A’ CHOIMHEARSNACHD IONADAIL
CUSPAIR
|
PRÌOMH CHOMHARRAN: Tha an comharra seo co-cheangailte ri ceangal èifeachdach na sgoile ris a’ choimhearsnachd ionadail. Tha e co-cheangailte ri beachdan na coimhearsnachd mu obair na sgoile agus an ìre gu bheil buill agus buidhnean coimhearsnachd a’ faireachdainn gu bheil an sgoil agus a’ choimhearsnachd ag obair ann an com-pàirt14. |
ÌRE 5 EISIMPLEIR
ÌRE 2 EISIMPLEIR
|
|
4.2 SOIRBHEACHADH NA SGOILE ANN AN OBRACHADH AGUS CEANGAL RIS A’ CHOIMHEARSNACHD IONADAIL
CUSPAIREAN An ìre gu bheil an sgoil:
|
PRÌOMH CHOMHARRAN: Tha an comharra seo a’ cur cudrom air a’ bhuaidh a tha aig an sgoil air a’ choimhearsnachd a’ gabhail a-steach a’ choimhearsnachd foghlaim san fharsaingeachd. Tha e a’ dèiligeadh ri cultar na sgoile le bhith a’ toirt a-steach bheachdan ùra a bheir taic do chruthachadh agus ùr-ghnàthachadh, agus a’ gabhail uallach, far an urrainn dhi, airson co-roinn agus sgaoileadh nas fharsainge air a deagh chleachdadh fhèin. Tha e mu dheidhinn a bhith na sgoil a bhios a’ lorg dùbhlan agus a’ dèiligeadh gu math ri atharrachadh. Tha e cuideachd co-cheangailte ri buaidh na sgoile air leasachaidhean san fharsaingeachd15. |
ÌRE 5 EISIMPLEIR
ÌRE 2 EISIMPLEIR
|
|
5.1 AN CLÀR-TEAGAISG
CUSPAIREAN
|
PRÌOMH CHOMHARRAN: Tha an comharra seo co-cheangailte ri na dòighean anns a bheil raointean agus cuspairean sa chlàr-teagaisg, cùrsaichean ioma-chuspair, beatha na sgoile mar choimhearsnachd, agus cothroman airson coileanadh pearsanta a’ leasachadh comasan sgoilearan mar luchd-ionnsachaidh soirbheachail, daoine misneachail, poball cùramach agus luchd-pàirteachaidh èifeachdach. Tha e a’ cur cudrom air càileachd a’ chlàr-teagaisg aig gach ìre agus puing gluasaid. Tha e a’ comharrachadh gum feum an clàr-teagaisg a bhith fiùghantach gus ùr-ghnàthachadh a ghabhail a-steach, agus sùbailte airson coinneachadh ri feuman a h-uile neach-ionnsachaidh. |
ÌRE 5 EISIMPLEIR
ÌRE 2 EISIMPLEIR
|
|
5.2 TEAGASG AIRSON IONNSACHADH ÈIFEACHDACH
CUSPAIREAN
|
PRÌOMH CHOMHARRAN: Tha an comharra seo co-cheangailte ri càileachd an teagaisg airson ionnsachadh èifeachdach a thaobh àrainneachd mhath agus diofar shuidheachaidhean a bhios a’ brosnachadh ionnsachadh le toirt air luchd-ionnsachaidh smaoineachadh. Tha e a’ cur cudrom air an fheum air sreath eadar-dhealaichte agus beachdaichte de mhodhan teagaisg sgileil agus aig astar iomchaidh far am bi luchd-teagaisg agus luchd-ionnsachaidh ag eadar-obrachadh gus dèanamh cinnteach gu bheil an teagasg brosnachail agus iomchaidh do fheuman luchd-ionnsachaidh. Tha e a’ sònrachadh cleachdadh eadar-obrachadh tidsear-sgoilear gus breithneachadh mar a bu chòir teagasg agus gnìomhan a bhith air an stiùireadh airson coinneachadh ri feuman luchd-ionnsachaidh. Tha an comharra a’ toirt àite do phàirt cudromach teicneòlas fiosrachaidh agus conaltraidh (ICT) ann an neartachadh an teagaisg agus toirt taic agus brosnachadh don ionnsachadh. |
ÌRE 5 EISIMPLEIR
ÌRE 2 EISIMPLEIR
|
|
5.3 COINNEACHADH RI FEUMAN IONNSACHAIDH
CUSPAIREAN
|
PRÌOMH CHOMHARRAN: Tha an comharra seo co-cheangailte ri ullachadh na sgoile airson coinneachadh ri feuman a h-uile neach-ionnsachaidh, a’ gabhail a-steach buidhnean a dh’fhaodadh a bhith so-leònte, agus a’ dèiligeadh ri bacaidhean ron ionnsachadh. Tha seo a’ gabhail a-steach comharrachadh fheuman, agus a’ toirt taic agus dùbhlan do bhuidhnean agus dhaoine a dh’fhaodadh a bhith a’ cur feum air taic a bharrachd ag èirigh bho, mar eisimpleir, an àrainneachd ionnsachaidh, suidheachadh theaghlaichean, feuman ciorraim no slàinte; no nithean sòisealta agus faireachail. |
ÌRE 5 EISIMPLEIR
ÌRE 2 EISIMPLEIR
|
|
5.4 MEASADH AIRSON IONNSACHAIDH
CUSPAIREAN
|
PRÌOMH CHOMHARRAN: Tha an comharra seo co-cheangailte ri com-pàirt luchd-teagaisg, luchd-ionnsachaidh agus pàrantan ann an cleachdadh diofar fiosrachaidh bho mheasadh airson ionnsachadh agus adhartas a leasachadh, agus airson meòrachadh air càileachd an teagaisg. Tha e a’ cur cudrom air measadh mar phàirt bunaiteach de ionnsachadh agus teagasg agus planadh deagh ghnìomhan ionnsachaidh don h-uile neach-ionnsachaidh. Tha e a’ sònrachadh an fheum air luchd-ionnsachaidh, pàrantan agus luchd-teagaisg a bhith ag obrachadh còmhla a’ suidheachadh thargaidean airson ionnsachaidh. Tha e cuideachd co-cheangailte ri dleastanas luchd-teagaisg airson dèanamh cinnteach gun dèan a h-uile neach-ionnsachaidh adhartas iomchaidh. |
ÌRE 5 EISIMPLEIR
ÌRE 2 EISIMPLEIR
|
|
5.5 SÙILEACHADH AGUS ÀRDACHADH COILEANAIDH
CUSPAIREAN
|
PRÌOMH CHOMHARRAN: Tha an comharra seo co-cheangailte ri sùileachadh luchd-teagaisg agus luchd-ionnsachaidh, agus an ìre gu bheil an sgoil a’ brosnachadh spiorad coileanaidh airson a h-uile neach-ionnsachaidh. Tha e a’ cur cudrom air sùileachadh a tha dùbhlanach ach so-ruigsinn airson luchd-ionnsachaidh agus air moladh agus comharrachadh a’ choileanaidh. Tha e a’ sònrachadh spiorad coileanaidh anns a bheil spèis aig luchd-teagaisg agus luchd-ionnsachaidh do chàch a chèile. |
ÌRE 5 EISIMPLEIR
ÌRE 2 EISIMPLEIR
|
|
5.6 CO-IONANNACHD AGUS COTHROMACHD
CUSPAIREAN
|
PRÌOMH CHOMHARRAN: Tha an comharra seo co-cheangailte ri na rinn an sgoil airson brosnachadh agus daingneachadh mothachadh làidir air co-ionannachd agus cothromachd tron chlàr-teagaisg agus anns gach roinn den obair aice. Tha e a’ cur cudrom air pàirt luchd-teagaisg anns an sgoil ag obair còmhla ri buidhnean com-pàirteachais gus dèanamh cinnteach gu bheil a h-uile neach-ionnsachaidh air a ghabhail a-steach ann am beatha na sgoile. Tha e a’ dèanamh cinnteach gu bheil meas air a chur air iomadachd taobh a-staigh agus taobh a-muigh coimhearsnachd na sgoile17. |
ÌRE 5 EISIMPLEIR
ÌRE 2 EISIMPLEIR
|
|
5.7 CO-OBRACHADH LE LUCHD-IONNSACHAIDH AGUS PÀRANTAN
CUSPAIREAN
|
PRÌOMH CHOMHARRAN: Tha an comharra seo co-cheangailte ri co-obrachadh na sgoile le pàrantan, luchd-cùraim agus teaghlaichean a thaobh buaidh air ionnsachadh agus adhartas. Tha e a’ sònrachadh mar a tha an sgoil a’ cur luach air a h-uile pàrant agus mar a tha iad a’ cuideachadh a’ toirt taic don ionnsachadh mar phàirt bhunaiteach de cho-obrachadh soirbheachail. Tha e a’ cur cudrom air obair na sgoile ann am brosnachadh com-pàirt phàrantan ann an ionnsachadh na cloinne aca, a’ sireadh agus a’ cur an gnìomh beachdan phàrantan agus a’ toirt fiosrachaidh dhaibh mu obair na sgoile. |
ÌRE 5 EISIMPLEIR
ÌRE 2 EISIMPLEIR
|
|
5.8 CÙRAM, SOCHAIR AGUS LEASACHADH
CUSPAIREAN
|
PRÌOMH CHOMHARRAN: Tha an comharra seo co-cheangailte ri ullachadh na sgoile airson coinneachadh ri feuman faireachail, corporra, slàinte agus sòisealta luchd-ionnsachaidh. Tha e cudromach gum bi an t-ullachadh sin air a chur gu feum aig amannan gluasaid. Tha an cudrom air modhan na sgoile airson dèanamh cinnteach gu bheil luchd-ionnsachaidh a’ faireachdainn sàbhailte agus gu bheilear a’ coimhead às an dèidh agus air modhan planaichte airson an leasachadh pearsanta agus sòisealta a bhrosnachadh. Tha e a’ sònrachadh an fheum air comhairle a bheir cothrom do luchd-ionnsachaidh roghainnean fiosraichte a dhèanamh taobh a-staigh na sgoile agus mu dè an taobh a thèid iad an dèidh dhaibh an sgoil fhàgail. |
ÌRE 5 EISIMPLEIR
ÌRE 2 EISIMPLEIR
|
|
5.9 LEASACHADH TRO FHÈIN-MHEASADH
CUSPAIREAN
|
PRÌOMH CHOMHARRAN: Tha an comharra seo co-cheangailte ri ullachadh na sgoile airson leasachadh tro fhèin-mheasadh agus a bhith dealasach mu dheidhinn. Tha e a’ sònrachadh cho cudromach ’s a tha e a bhith a’ tional agus a’ dèiligeadh ri beachdan a h-uile com-pàirtiche agus neach le ùidh san sgoil agus a’ toirt com-pàirt dhaibh. Tha e a’ cur cudrom air an ìre gu bheil eòlas math aig sgoil oirre fhèin agus mar a tha i a’ leasachadh soirbheachadh agus coileanadh luchd-ionnsachaidh, agus coimhearsnachd na sgoile san fharsaingeachd. |
ÌRE 5 EISIMPLEIR
ÌRE 2 EISIMPLEIR
|
|
6.1 SGRÙDADH AGUS LEASACHADH POILEASAIDH
CUSPAIREAN
|
PRÌOMH CHOMHARRAN: ’S ann a tha poileasaidhean mu dheidhinn gnìomhachd. Tha an comharra seo co-cheangailte ri feum air poileasaidhean pongail, soilleir a tha a’ comharrachadh prìomhachasan ionadail agus nàiseanta, a’ toirt treòrachadh coitcheann airson obair na sgoile agus a’ leasachadh solarachadh ann an clasaichean. Tha e a’ sònrachadh prìomh phàirt gach neach le ùidh san sgoil ann an dèanamh cinnteach gum bi poileasaidhean ag adhartachadh cunbhalachd nar n-obair le luchd-teagaisg agus com-pàirtichean eile. Tha e a’ cur cudrom air an ìre gu bheil poileasaidhean a’ comharrachadh sealladh, luachan agus amasan na sgoile agus a’ sònrachadh an fheum air cumail ag ùrachadh phoileasaidhean gus am bi iad a’ stiùireadh cleachdadh a leanas gu builean nas fheàrr do luchd-ionnsachaidh. |
ÌRE 5 EISIMPLEIR
ÌRE 2 EISIMPLEIR
|
|
6.2 COM-PÀIRTEACHADH ANN AM POILEASAIDH AGUS PLANADH
CUSPAIREAN
|
PRÌOMH CHOMHARRAN: Tha an comharra seo co-cheangailte ris a h-uile com-pàirtiche (luchd-teagaisg, luchd-ionnsachaidh, pàrantan, buill den choimhearsnachd agus buidhnean com-pàirteachais) a bhith an sàs ann an leasachadh agus dealbhadh poileasaidh agus obair na sgoile san fharsaingeachd. Tha e a’ sònrachadh cho cudromach ’s a tha e a bhith a’ cumail fiosrachadh ri na com-pàirtichean uile mu obair agus leasachadh na sgoile, agus a bhith a’ cur comhairle riutha mu obair airson leasachaidh. |
ÌRE 5 EISIMPLEIR
ÌRE 2 EISIMPLEIR
|
|
6.3 PLANADH AIRSON LEASACHAIDH
CUSPAIREAN
|
PRÌOMH CHOMHARRAN: Tha an comharra seo co-cheangailte ri ullachadh na sgoile airson planadh airson leasachaidh agus a bhuaidh19. Tha e a’ cur cudrom air modhan na sgoile airson planaichean agus measadh air am builean airson luchd-ionnsachaidh a thoirt gu buil. Tha e a’ sònrachadh an fheum air prìomhachasan soilleir stèidhichte gu daingeann air fiosrachadh bho fhèin-mheasadh. Tha e co-cheangailte ri planadh agus buileachadh eadar-bhuidheann gus leasachaidhean fhaighinn a bheir buannachd sa bhad agus san fhad-ùine. |
ÌRE 5 EISIMPLEIR
ÌRE 2 EISIMPLEIR
|
|
7.1 IOMCHAIDHEACHD, TRUSADH AGUS GLEIDHEADH LUCHD-TEAGAISG
CUSPAIREAN
|
PRÌOMH CHOMHARRAN: Tha an comharra seo co-cheangailte ri solarachadh agus trusadh luchd-teagaisg agus èifeachdas an ullachaidh gus am bi an cùram agus sochair agus an deòin air an obair a dhèanamh air a dhaingneachadh. Tha e a’ cur cudrom air follaiseachd agus co-ionannachd agus cothromachd ann an trusadh luchd-teagaisg gu dreuchdan, agus air an ìre gu bheil soirbheachadh luchd-teagaisg air aithneachadh agus air a chomharrachadh san sgoil. |
ÌRE 5 EISIMPLEIR
ÌRE 2 EISIMPLEIR
|
|
7.2 CLEACHDADH AGUS OBAIR-SGIOBA LUCHD-TEAGAISG
CUSPAIREAN
|
PRÌOMH CHOMHARRAN: Tha an comharra seo co-cheangailte ri èifeachdas obair luchd-teagaisg fa leth agus ann an sgioban. Tha e cuideachd a’ cur cudrom air an ìre gu bheil ùghdarras air a thoirt do luchd-teagaisg obrachadh gu an làn chomas, agus tha an obair aca air a stiùireadh a dh’ionnsaigh leasachadh air builean airson luchd-ionnsachaidh. Tha e a’ sònrachadh nam modhan agus structairean a tha ag adhartachadh sealbh air, agus dealas airson, a’ cho-iomairt seo. |
ÌRE 5 EISIMPLEIR
ÌRE 2 EISIMPLEIR
|
|
7.3 LEASACHADH AGUS SGRÙDADH LUCHD-OBRACH
CUSPAIREAN
|
PRÌOMH CHOMHARRAN: Tha an comharra seo co-cheangailte ri ullachadh na sgoile airson leasachadh agus sgrùdadh proifeiseanta luchd-obrach airson a h-uile neach-obrach fo riaghladh na sgoile. Tha e a’ cur cudrom air modhan soilleir agus riaghailteach airson sgrùdadh luchd-obrach a tha a’ faighinn taic bho iomadh seòrsa cothrom iomchaidh airson leasachadh. Tha e co-cheangailte ri co-thrèanadh a tha dealbhte airson adhartachadh air leasachadh proifeiseanta agus obair ann an com-pàirteachas èifeachdach20. |
ÌRE 5 EISIMPLEIR
ÌRE 2 EISIMPLEIR
|
|
8.1 CO-OBRACHADH LEIS A’ CHOIMHEARSNACHD, IONADAN FOGHLAIM, BUIDHNEAN AGUS FASTAICHEAN
CUSPAIREAN
|
PRÌOMH CHOMHARRAN: Tha an comharra seo co-cheangailte ri èifeachdas agus buaidh co-obrachadh na sgoile leis a’ choimhearsnachd, ionadan foghlaim, buidhnean, fastaichean agus eile le bhith a’ toirt taic do luchd-ionnsachaidh agus a’ cuimseachadh na taic air daoine fa leth. Tha e a’ cur cudrom air ullachadh na sgoile airson co-chomhairleachadh, conaltradh agus obrachadh còmhla ri daoine eile ann an dòighean taiceil agus èifeachdach. Tha prìomh chùisean a’ gabhail a-steach na h-ìre gu bheil an sgoil ag obair gu h-èifeachdach ann an diofar chom-pàirteachasan ioma-chuspair agus a dealas airson co-obrachadh ann am planadh, lìbhrigeadh, agus measadh co-phròiseactan. |
ÌRE 5 EISIMPLEIR
ÌRE 2 EISIMPLEIR
|
|
8.2 RIANACHD IONMHAIS AIRSON IONNSACHAIDH
CUSPAIREAN
|
PRÌOMH CHOMHARRAN: Tha an comharra seo co-cheangailte ri buaidh solarachadh agus rianachd ionmhais na sgoile. Tha e a’ cur cudrom air follaiseachd, cothromachd agus feabhas luach ann an rianachd ionmhais na sgoile agus an ìre gu bheil cleachdadh stòras ionmhasail a’ leantainn gu builean nas fheàrr do luchd-ionnsachaidh. |
ÌRE 5 EISIMPLEIR
ÌRE 2 EISIMPLEIR
|
|
8.3 RIANACHD AGUS CLEACHDADH STÒRAIS AGUS RÙM AIRSON IONNSACHAIDH
CUSPAIREAN
|
PRÌOMH CHOMHARRAN: Tha an comharra seo co-cheangailte ri buaidh solarachadh agus rianachd stòrais agus an rùm a tha san sgoil air an àrainneachd ionnsachaidh. Tha e a’ cur cudrom air ìre brosnachaidh luchd-ionnsachaidh bho na togalaichean agus na goireasan, agus air ullachadh slàinte agus sàbhailteachd na sgoile. |
ÌRE 5 EISIMPLEIR
ÌRE 2 EISIMPLEIR
|
|
8.4 4 RIANACHD FIOSRACHAIDH
CUSPAIREAN
|
PRÌOMH CHOMHARRAN: Tha an comharra seo co-cheangailte ri ullachadh na sgoile airson rianachd fiosrachaidh. Tha e a’ cur cudrom air siostaman na sgoile airson tional agus obrachadh fiosrachaidh agus air an ìre gu bheil e air a cho-roinn gus luchd-teagaisg a chuideachadh a’ leasachadh builean do luchd-ionnsachaidh. Tha e a’ sònrachadh na h-ìre gu bheil fiosrachadh air a chleachdadh airson sùil a chumail air adhartas luchd-ionnsachaidh. |
ÌRE 5 EISIMPLEIR
ÌRE 2 EISIMPLEIR
|
|
9.1 SEALLADH, LUACHAN AGUS AMASAN
CUSPAIREAN
|
PRÌOMH CHOMHARRAN: Tha an comharra seo a’ cur cudrom air ciamar a tha an sgoil ag obair còmhla ri daoine eile airson cruthachadh sealladh coitcheann agus mothachadh air rùn agus slighe a tha àrd-mhiannach agus dùbhlanach. Tha an comharra a’ cur cudrom air an ìre gu bheil sealladh, luachan agus amasan a’ stiùireadh planadh airson, agus a’ toirt buaidh air, leasachaidhean ann an càileachd an ionnsachaidh agus an teagaisg agus builean do luchd-ionnsachaidh agus an teaghlaichean. |
ÌRE 5 EISIMPLEIR
ÌRE 2 EISIMPLEIR
|
|
9.2 CEANNARDAS AGUS TREÒRACHADH
CUSPAIREAN
|
PRÌOMH CHOMHARRAN: Tha an comharra seo a’ cur cudrom air ceannardas airson
mapadh leasachaidhean ri teachd, ceangailte ri sealladh, luachan
agus amasan. |
ÌRE 5 EISIMPLEIR
ÌRE 2 EISIMPLEIR
|
|
9.3 LEASACHADH DHAOINE AGUS CHOM-PÀIRTEACHASAN
CUSPAIREAN
|
PRÌOMH CHOMHARRAN: Tha an comharra seo co-cheangailte ri èifeachdas na sgoile ann an àrdachadh a’ chomais airson ceannardais aig a h-uile ìre agus a’ daingneachadh dàimhean obrach feumail agus builean soirbheachail le com-pàirtichean agus buidhnean com-pàirteachais. Tha an comharra co-cheangailte ri spiorad agus cultar na sgoile, air a dhealbh tro eadar-obrachadh taobh a-staigh na sgoile agus co-obrachadh le buidhnean com-pàirteachais. Tha èifeachdas an fheadhainn le dleastanasan ceannardais iomchaidh, a thaobh mar a thathar gan cur gu feum, dleastanasan agus obair-sgioba an co-cheangal ri riatanasan eagrachaidh agus prìomh neartan. Tha toirt ùghdarras agus cumhachd do luchd-teagaisg agus com-pàirtichean agus taic do obair-sgioba èifeachdach nan comharran cudromach. |
ÌRE 5 EISIMPLEIR
ÌRE 2 EISIMPLEIR
|
|
9.4 STIÙIREADH AIR LEASACHADH AGUS ATHARRACHADH
CUSPAIREAN
|
PRÌOMH CHOMHARRAN: Tha an comharra seo co-cheangailte ri dè cho èifeachdach ’s a tha ceannardas na sgoile ann an cumail suas ìrean àrda càileachd agus brosnachadh leasachadh leantainneach agus sàr-mhathais anns an t-solarachadh airson a h-uile neach-ionnsachaidh22. ’S e pàirt cudromach de cheannardas am feum airson an fheadhainn le dleastanasan ceannardais iarraidh air luchd-teagaisg leasachadh a dhèanamh air càileachd an t-solarachaidh airson luchd-ionnsachaidh, le bhith a’ suidheachadh thargaidean dùbhlanach ach iomchaidh agus a’ toirt deagh thaic gus an cuideachadh gan coileanadh. Tha an comharra cuideachd co-cheangailte ri comas an fheadhainn le dleastanasan ceannardais aig a h-uile ìre misneachd agus taic a thoirt do chleachdadh ùr-ghnàthach a leanas gu atharrachaidhean deimhinneach ann am fèin-fhiosrachadh luchd-ionnsachaidh. |
ÌRE 5 EISIMPLEIR
ÌRE 2 EISIMPLEIR
|
|
[<<<] [Clàr-innse] [>>>]