[<<<] [Clàr-innse] [>>>]

Faodar càileachd nan nithean air an do bheachdaich sinn taobh a-staigh gach comharra a bhreithneachadh ri sia ìrean.
ÌRE
ÌRE 6 |
sàr-mhath |
air leth math no air adhart san roinn |
ÌRE 5 |
fìor mhath |
prìomh neartan |
ÌRE 4 |
math |
neartan cudromach le raointean a dh’fheumar leasachadh |
ÌRE 3 |
iomchaidh |
neartan dìreach os cionn laigsean |
ÌRE 2 |
lag |
laigsean cudromach |
ÌRE 1 |
neo-thaitneach |
prìomh laigsean |
Ann am foghlam, faodar a thighinn gu measadh ann an diofar shuidheachaidhean. Feumaidh sinn cuimhneachadh gum bi buileachadh ìrean a’ cleachdadh sgèile càileachd daonnan na sgil proifeiseanta nas motha na obair theicnigeach. Ach, bu chòir don stiùireadh coitcheann a leanas a chleachdadh gu cunbhalach.
Buinidh measadh sàr-mhath do sholarachadh a tha air adhart san roinn. Tha eòlas agus coileanadh sgoilearan aig ìre fìor àrd. Tha measadh sàr-mhath a’ riochdachadh ìre solarachaidh air leth math a tha na eisimpleir den chleachdadh as ro fheàrr agus is fhiach a sgaoileadh taobh a-muigh na sgoile. Tha e a’ ciallachadh gu bheil ìrean coileanaidh fìor àrd seasmhach agus gum bi iad air an cumail suas.
Buinidh measadh fìor mhath do sholarachadh air a chomharrachadh le prìomh neartan. Chan eil ann ach glè bheag de raointean airson leasachaidh agus chan eil gin dhiubh a’ dèanamh mòran lùghdachaidh air eòlas sgoilearan. Ged a tha measadh fìor mhath a’ riochdachadh ìre solarachaidh àrd, ’s e ìre a tha ann a bu chòir a bhith so-ruigsinn do na h-uile. Tha e a’ ciallachadh gu bheil e iomchaidh an solarachadh a chumail a’ dol gun mòran atharrachaidh. Ach, thathar a’ sùileachadh gun gabh an sgoil cothroman air leasachadh agus strì ris a’ choileanadh àrdachadh gu sàr-mhath.
Buinidh measadh math do sholarachadh air a chomharrachadh le neartan cudromach a tha, air an gabhail còmhla, gu soilleir os cionn raointean airson leasachaidh sam bith. Tha measadh math a’ riochdachadh ìre solarachaidh anns a bheil buaidh glè làidir aig na neartan. Ach, tha càileachd eòlas sgoilearan air a lùghdachadh na h-uiread le nithean a tha a’ cur feum air leasachadh. Tha e a’ ciallachadh gum bu chòir don sgoil feuchainn ri tuilleadh leasachaidh a dhèanamh air raointean de neart cudromach, ach gluasad gus dèiligeadh ri na raointean airson leasachaidh.
Buinidh measadh iomchaidh do sholarachadh air a chomharrachadh le neartan a tha dìreach os cionn laigsean. Tha measadh iomchaidh a’ comharrachadh gu bheil cothrom aig sgoilearan air ìre solarachaidh bunaiteach. Tha e a’ riochdachadh ìre far a bheil buaidh dheimhinneach aig na neartan air eòlas sgoilearan. Ach, ged nach eil na laigsean cudromach gu leòr airson gun toir iad buaidh ro dhona, tha iad a’ cur bacadh air càileachd eòlas sgoilearan san fharsaingeachd. Tha e a’ ciallachadh gum bu chòir don sgoil gluasad gus dèiligeadh ri raointean anns a bheil laigse le bhith a’ togail air a neartan.
Buinidh measadhlag do sholarachadh anns a bheil beagan neartan, ach anns a bheil laigsean cudromach. San fharsaingeachd, faodar a thighinn gu measadh lag ann an grunn chùisean. Ged a dh’fhaodadh beagan neartan a bhith ann, bidh laigsean cudromach, leotha fhèin no còmhla ri nithean eile, gu leòr airson eòlas sgoilearan a lùghdachadh ann an iomadh dòigh. Tha e a’ ciallachadh gu bheil feum air obair sa bhad, le structair agus air a dhealbh leis an sgoil.
Tha measadh neo-thaitneach a’ comharrachadh prìomh laigsean anns an t-solarachadh a dh’fheumas obair leasachail gun dàil. Tha eòlas sgoilearan ann an cunnart air iomadh dòigh. Cha mhòr anns a h-uile cùis, feumaidh luchd-teagaisg air a bheil uallach airson solarachadh a fhuair measadh neo-thaitneach taic bho phrìomh mhanaidsearan ann am planadh agus coileanadh na dh’fheumar a dhèanamh airson leasachadh a thoirt gu buil. ’S dòcha gun gabh seo a-steach obrachadh còmhla ri luchd-teagaisg no buidhnean eile air taobh a-staigh no taobh a-muigh na sgoile.
Tha am frèamchomharran san ath-dheasachadh seo de Dè cho math ’s a tha an sgoil againn? a’ toirt seata innealan gus cuideachadh a’ dèanamh measadh air càileachd an fhoghlaim ann an sgoil. Tha na comharran a’ dol thar gach raon de obair sgoile agus tha iad dealbhte airson cuideachadh a’ comharrachadh neartan agus prìomh-amasan leasachaidh a dh’fhaodar fhighe a-steach a phlana leasachaidh. Thar nam bliadhnachan, tha luchd-teagaisg ann an sgoiltean air fàs eòlach air a bhith a’ cleachdadh chomharran san dòigh seo gus an cuideachadh a’ riaghladh leasachadh leantainneach. Feumaidh fios a bhith aig sgoil daonnan dè cho math ’s a tha i a’ dèanamh thar gach raon den obair aice, agus cuidichidh na comharran sibh a’ dèanamh seo.
Tha gach tomhas air sàr-mhathais ann am Pàirt 2 de An t-Slighe gu Sàr-mhathais co-cheangailte ri aon de na prìomh raointean anns a bheil na comharran ann an Dè cho math ’s a tha an sgoil againn? air an eagrachadh. ’S urrainn do na tomhasan sgoil a chuideachadh a’ gluasad air adhart le na roinnean den obair aice far a bheil i a’ meas gu bheil i deiseil gus a dhol bho math, no fìor mhath, gu barraichte. ’S urrainn dhaibh cuideachadh a’ dèanamh fìor atharrachaidhean ri na nithean a tha aig cridhe na tha sgoil a’ ciallachadh - ionnsachadh agus soirbheachadh do na h-uile. Chan e innealan sgrùdaidh a tha anns na tomhasan. Chan eil iad a’ gabhail a-steach gach nì a tha a’ tachairt ann an sgoil. Tha iad a’ cur cudrom air na nithean a tha a’ toirt buaidh dhìreach air ionnsachadh agus builean don h-uile duine òg. ’S e a tha annta meadhanan airson cruth-atharrachadh, a’ gluasad dìreach a-steach do na gnìomhan agus cleachdaidhean a bhuineas do shàr-mhathais. Tha na tomhasan agus na comharran co-cheangailte riutha a’ toirt beachdan air cuid de na rudan a tha comasach air sgoil a dhèanamh na sàr sgoil.
Bidh ciamar agus cuin a chleachdas sgoil na tomhasan an urra ris an ìre a tha an sgoil air a ruigsinn air a slighe gu sàr-mhathais agus an seòrsa leasachaidhean a dh’fheumar. Bidh e cuideachd an urra ri pàirtean den chomas airson leasachaidh aice, ’s e sin dè cho ullaichte ’s a tha an sgoil agaibh airson an seòrsa atharrachaidhean a dhèanamh is urrainn beatha a luchd-ionnsachaidh atharrachadh:
Tha Planadh airson Sàr-mhathais, pàirt 4 de Dè cho math ’s a tha an sgoil againn?: An t-Slighe gu Sàr-mhathais a’ coimhead nas dlùithe ri na diofar dhòighean anns am faod sgoil pàirt a ghabhail ann an leasachadh a sealladh agus a luachan, a modhan fèin-mheasaidh agus planadh airson leasachaidh gus am faighear modhan a bhios freagarrach airson coinneachadh ri feuman na sgoile fa leth.
Chan e eileanan a tha ann an sgoiltean. Bidh iad ag obair còmhla ri sgoiltean eile, colaistean, fastaichean agus grunn sheirbheisean eile airson leasachadh air càileachd a’ chlàr-teagaisg airson luchd-ionnsachaidh, toirt dhaibh an taic a dh’fheumas iad agus an cuideachadh a’ coileanadh gu an làn chomas.
Tha am frèam chomharran anns an ath-dheasachadh seo de Dè cho math ’s a tha an sgoil againn? air a chleachdadh le grunn sheirbheisean poblach. Bidh ùghdarras foghlaim a’ cleachdadh an fhrèam mar a tha e air a mhìneachadh ann an Riaghladh Càileachd ann am Foghlam air measadh air càileachd na seirbheis a tha iad a’ tabhann thar gach raon den obair aca. Tha an t-aon fhrèam air a chleachdadh le oibrichean-òigridh, le luchd-obrach sòisealta agus le sgioban de luchd-obrach proifeiseanta a tha ag obair ann an seirbheisean chloinne. Tha cleachdadh an aon fhrèam a’ toirt briathrachas coitcheann airson càileachd a tha ga dhèanamh mòran nas fhasa don h-uile duine a tha ag obair le clann agus daoine òga an toraidhean a cho-roinn agus taic a thoirt do chàch a chèile le leasachadh eòlas agus coileanadh dhaoine òga.
Tha Luchd-sgrùdaidh na Banrigh airson Foghlaim agus luchd-sgrùdaidh eile ag obrachadh a dh’ionnsaigh cleachdadh an fhrèam choitcheann seo anns a h-uile sgrùdadh. Nuair a bhios HMI a’ sgrùdadh sgoiltean, cleachdaidh iad buidheann de chomharran air an taghadh às an fhrèam iomlan. Tha na comharran seo a’ cur cudrom sònraichte air builean agus buaidh an fhoghlaim a tha an sgoil a’ tabhann agus na nithean cudromach a tha a’ cur riutha seo.
Chaidh am frèam càileachd a dhealbh airson a bhith co-chòrdail ri grunn mhodailean agus dhuaisean càileachd, mar eisimpleir Creideas nar Cosnaichean, Comharra Clàr agus Modail Sàr-mhathais Buidheann Riaghladh Càileachd na h-Eòrpa, agus faodar an cleachdadh còmhla riutha. Mar eisimpleir, faodaidh toraidhean bho mheasadh Charter Mark, agus an fhianais air an robh e stèidhichte, a bhith na phàirt de na measaidhean agaibh a’ cleachdadh an fhrèam càileachd, agus vice versa.
Bha am frèam dealbhte airson a chleachdadh aig barrachd air aon ìre. Mar eisimpleir, faodar a chleachdadh:
Tha seo a’ ciallachadh gum faod na measaidhean a nì sibh san sgoil agaibh, agus an fhianais air a bheil iad stèidhichte, cuideachd a’ cur ri measaidhean ann an suidheachaidhean eile. Mar eisimpleir, dh’fhaodar an cleachdadh ann am measadh càileachd sheirbheisean do chloinn sa choimhearsnachd agaibh. Dh’fhaodar an cleachdadh cuideachd còmhla ri measaidhean bho sgoiltean, aonadan ro-sgoil agus sgioban eile gus cur ri measaidhean air èifeachdas an ùghdarras foghlaim agaibh.
DÀTA A THAOBH MEUD
Tha diofar dàta a thaobh meud ann a dh’fhaodas sibh a chleachdadh gus ur cuideachadh a’ tighinn gu measadh. Chan eil an liosta seo òrdachail no iomlan:
BEACHDAN DHAOINE
Faodaidh sibh faighneachd do dhaoine dè tha iad a’ smaoineachadh. Tha molaidhean anns an liosta a leanas:
BEACHDACHADH DÌREACH
Faodaidh sibh pàirt a ghabhail ann am beachdachadh dìreach air ionnsachadh agus teagasg. Mar eisimpleir:
Faodaidh sibh pàirt a ghabhail ann am beachdachadh dìreach air diofar sgrìobhainnean. Mar eisimpleir:
Bidh mòran sgoiltean a’ dèanamh sgrùdadh cunbhalach mar phàirt den obair ghnàthach. Tro bhith a’ tarraing gu chèile an sgrùdadh gnàthach agaibh uile ann am mìosachan bliadhnail, faodaidh sibh a sgaoileadh a-mach tron bhliadhna. Ma cheangaileas sibh e cuideachd ri comharran càileachd, faodar an fhianais a thionaileas sibh airson aithisg ìrean agus càileachd na sgoile agaibh a chleachdadh. Seo eisimpleir de mhìosachan sgrùdaidh aon sgoil.
DÈ CHO MATH ‘S A BHIOS SINN A’ DÈANAMH? |
TRICEAD |
LÙN |
SUL |
DÀM |
SAM |
DÙB |
FAO |
GEA |
MÀR |
GIB |
CÈI |
ÒGM |
An clàr-teagaisg |
Prògram bliadhnail |
|
|
|
|
|
|
|
|
|
|
|
Dàta mu choileanadh san sgoil |
|
|
|
|
|
|
|
|
|
|
|
|
Teisteanasan nàiseanta agus barrantasan eile |
|
|
|
|
|
|
|
|
|
|
|
|
Measadh, planadh, sgrùdadh agus aithisgean air adhartas agus coileanadh |
Sia-seachdaineach |
|
|
|
|
|
|
|
|
|
|
|
Leabhraichean-latha obair-dachaigh |
Gach teirm |
|
|
|
|
|
|
|
|
|
|
|
Leabhrain sgoilearan agus obair sa chlas |
Sampall gach mìos |
|
|
|
|
|
|
|
|
|
|
|
Obrachadh ann an clasaichean |
Prògram planaichte de thadhal air clasaichean |
|
|
|
|
|
|
|
|
|
|
|
Aithisgean do phàrantan |
Aig ìrean |
|
|
|
|
|
|
|
|
|
|
|
Adhartas/cunntasan sgoilearan |
Gach teirm |
|
|
|
|
|
|
|
|
|
|
|
Sgrùdadh air prògraman foghlaim pearsanta |
Gach teirm |
|
|
|
|
|
|
|
|
|
|
|
Frithealadh |
Gach mìos |
|
|
|
|
|
|
|
|
|
|
|
Modh |
Gach mìos |
|
|
|
|
|
|
|
|
|
|
|
Beachdan luchd-teagaisg |
Gach teirm |
|
|
|
|
|
|
|
|
|
|
|
Samplachadh beachdan sgoilearan |
Prògram planaichte |
|
|
|
|
|
|
|
|
|
|
|
Samplachadh beachdan phàrantan |
Gach bliadhna |
|
|
|
|
|
|
|
|
|
|
|
Sgrùdaidhean slàinte & sàbhailteachd |
Gach teirm |
|
|
|
|
|
|
|
|
|
|
|
Adhartas a dh’ionnsaigh targaidean ann am plana leasachaidh na sgoile |
Gach teirm |
|
|
|
|
|
|
|
|
|
|
Ged is dòcha gum bi cudrom, òrdugh agus tricead ur sgrùdaidh fhèin eadar-dhealaichte bhon eisimpleir seo, tha an t-aon amas aca: eòlas math a bhith agaibh air an sgoil agaibh. Ma mhapas sibh toraidhean ur sgrùdaidh air grid de chomharran, chì sibh dè an ìre gun toir seo gu leòr fianais gus am faigh sibh air cunntas a thoirt air ìrean agus càileachd agus am feum sibh sùil nas mionaidiche a thoirt ann an cuid de raointean.
[<<<] [Clàr-innse] [>>>]