[<<<] [Clàr-innse]
1 Curraicealam airson Sàr-mhathais, Riaghaltas na h-Alba, 2004
2 A’ leasachadh Bhuilean do Chloinn is Òigridh: an àite a th’ aig sgoiltean ann a bhith a’ lìbhrigeadh sheirbheisean amalaichte chloinne, Riaghaltas na h-Alba, 2006
3 A’ leasachadh Foghlam ann an Alba, Luchd-sgrùdaidh na Banrigh airson Foghlaim, 2006
5 Tron phàipear seo tha am facal ‘pàrantan’ a’ gabhail a-steach pàrantan, luchd-cùraim, luchd-cùraim san teaghlach, oideachan-cùraim, msaa.
7 Gabhaidh prìomh dàta coileanaidh a-steach pàtrain ann an sgilean litearrachd agus àireamhachd; ann an ìrean coileanaidh; ann an toraidhean Ùghdarras Teisteanasan na h-Alba (SQA); ann an teisteanasan eile a’ gabhail a-steach mar eisimpleir, Duais Diùc Dhùn Èideann, Lìonra Sgeama Leasachadh is Dearbhadh Dhuaisean (ASDAN), duaisean City and Guilds agus duaisean iomairt. Gabhaidh e a-steach cuideachd fianais on obair-cùrsa, dàta mu chàileachd a’ choileanaidh san fharsaingeachd an coimeas ri sgoiltean co-ionann agus dàta nàiseanta; roinnean de leasachadh pearsanta agus sòisealta agus coileanadh mar soirbheachadh ann an eòlas obrach; ceangal ri Albannach Òg agus gnìomhan saoranachd co-cheangailte; cùrsaichean còmhnaidh; agus tachartasan eile air taobh a-staigh agus taobh a-muigh latha na sgoile. Gabhaidh an dàta a-steach cinn-uidhe sgoilearan a tha a’ fàgail na sgoile.
8 Ann am measadh air a’ chiad dà
chuspair, bu chòir aire a thoirt do chomharran
càileachd co-cheangailte: QI 5.2, teagasg airson ionnsachadh
èifeachdach;
QI 5.3, coinneachadh ri feuman ionnsachaidh; agus QI 5.5,
sùileachadh agus àrdachadh coileanaidh.
9 Bu chòir aire a thoirt do QI 2.1, Na dh’fhiosraich luchd-ionnsachaidh.
10 Gabhaidh prìomh bhunan fianais a-steach: beachdachadh dìreach air luchd-ionnsachaidh; ìrean frithealaidh, glèidhidh agus às-dhùnaidh; mion-sgrùdadh air brùidealachd, burraidheachd agus gràin-cinnidh; ìrean com-pàirteachaidh agus adhartais ann an tachartasan spòrs, cultair agus saoranachd a’ gabhail a-steach ionnsachadh taobh a-muigh na sgoile; ìrean com-pàirteachaidh ann an taic do chomhaoisean, sgeamaichean comhairle agus com-pàirt sa choimhearsnachd; an ìre gu bheilear a’ coinneachadh ri feuman a h-uile neach-ionnsachaidh, a’ gabhail a-steach an fheadhainn a tha an cunnart call a-mach mar na buidhnean a tha a’ coileanadh ìrean nas ìsle; agus mion-sgrùdadh air beachdan bho bhuidheann sònraichte agus freagairtean cheisteachan bho luchd-ionnsachaidh agus com-pàirtichean eile a’ nochdadh dè cho toilichte ’s a tha iad le solarachadh na sgoile.
11 Thig fianais bho choimhead, ceanglaichean dìreach, còmhradh leantainneach agus sgrìobhainnean iomchaidh, sgrùdaidhean, ceisteachain agus còmhraidhean ri buidhnean no daoine riochdachail. Gabhaidh e a-steach fianais mu ghearan agus mholadh bho phàrantan agus ìrean frithealaidh aig coinneamhan phàrantan.
12 Tha seo a’ bruidhinn air a h-uile neach-obrach anns an sgoil. Mar eisimpleir, tha e a’ gabhail a-steach luchd-obrach cùram sòisealta, luchd-teagaisg, oibrichean òigridh, oifigearan poileis sa choimhearsnachd, eòlaichean slàinte, luchd-leasachaidh, nursaichean sgoil-àraich, sìc-eòlaichean agus diofar luchd-rianachd agus luchd-taic.
13 Bhiodh fianais a’ gabhail a-steach dàta mu ìrean neo-làthaireachd luchd-obrach agus atharrachadh luchd-obrach. Ghabhadh e a-steach cuideachd beachdachadh dìreach, sgrìobhainnean agus còmhraidhean san sgoil gu lèir, ann an roinnean no ri daoine fa leth.
14 Thig fianais bho dàta, far am bi e ri fhaotainn, bho sgrùdaidhean agus ceisteachain, agus bho chòmhraidhean ri riochdairean coimhearsnachd, solaraichean trèanaidh, buidhnean saor-thoileach, fastaichean, buidhnean iomairt agus buidhnean reachdail.
15 Thig fianais bho leasachaidhean a thàinig bhon chleachdadh as fheàrr aig ìre nàiseanta no eadar-nàiseanta agus/no eòlas luchd-teagaisg a thug buaidh air leasachaidhean san fharsaingeachd.
16 Bu chòir coimhead ri cuspair 2 ann an QI 5.8: Cùram, sochair agus leasachadh
17 Ann an co-chur a’ chomharra seo bu
chòir do sgoiltean a bhith a’ cleachdadh fiosrachadh
mu choileanadh agus adhartas diofar bhuidhnean de
luchd-ionnsachaidh mar: balaich agus nighnean; clann a bhuineas do
dhiofar bhuidhnean dùthchasach; fògarraich; clann
luchd-siubhail; clann
fo chùram; an fheadhainn aig a bheil Beurla mar
chànan a bharrachd; sgoilearan le ciorraman; an fheadhainn
le frithealadh neo-chunbhalach tro thinneas, suidheachadh
teaghlaich no cùram faochaidh, agus buidhnean sam bith eile
taobh a-staigh na sgoile a dh’fhaodadh a bhith
so-leònta.
18 Ann am measadh air QI, bu chòir aire iomchaidh a thoirt do mheasaidhean air QIan taobh a-staigh Prìomh Raointean 1 gu 4.
19 Bu chòir a’ bhuaidh a bhreithneachadh tro na QIan ann am prìomh raointean 1–4.
20 Ann am measadh an QI seo, bu chòir coimhead ri QI 3.1, Com-pàirt luchd-teagaisg ann am beatha agus obair na sgoile.
21 Faic QI 1.2, Coileanadh dhleastanasan reachdail.
22 Ann am measadh air a’ chomharra seo, bu chòir aire a thoirt do chomharran ann am prìomh raointean 1–4 a’ toirt cunntas air soirbheachadh agus coileanadh na sgoile.
[<<<] [Clàr-innse]