[Clàr-innse] [>>> ]

DÈ CHO MATH ’S A THA AN SGOIL AGAINN? - AN T-SLIGHE GU SÀR-MHATHAIS

Facal-toisich

‘Tha fianais bho sgrùdaidhean a’ sealltainn gu bheil foghlam na h-Alba a’ dèanamh tòrr rudan gu math is cuid de rudan gu fìor mhath.’
Graham Donaldson, Àrd-neach-sgrùdaidh na Bànrighe

Anns an earrainn a tha mar fhacal-toisich do A’ Leasachadh Foghlam Na h-Alba1, sgrìobh mi, ‘Tha fianais bho sgrùdaidhean a’ sealltainn gu bheil foghlam na h-Alba a’ dèanamh tòrr rudan gu math is cuid de rudan gu fìor mhath.’

Tha gun urrainn dhomh cunntas mar seo a sgrìobhadh ann an 2006 na theisteanas air cho soirbheachail ’s a tha an ‘dòigh-obrach Albannach’ ann a bhith a’ toirt measadh bhon taobh a-staigh is bhon taobh a-muigh còmhla gus leasachadh sgoile a thoirt gu buil. Tha an dòigh-obrach àraid seo a thaobh leasachadh, a chaidh a mhìneachadh an toiseach ann an cànan cumanta Dè cho math ’s a tha an sgoil againn?2, agus ann an Am Pàiste sa Mheadhan,3 air leasachadh thar còrr is còig bliadhna deug taobh a-staigh com-pàirteachas cruthachail a tha air sgoiltean, ùghdarrasan foghlaim, Riaghaltas na h-Alba, Luchd-sgrùdaidh na Bànrighe airson Foghlaim (HMIE) agus com-pàirtichean eile a thoirt còmhla. Tha èifeachdas na dòigh-obrach seo air aithneachadh gu farsaing thar na coimhearsnachd foghlaim eadar-nàiseanta.

Airson mòran sgoiltean a tha math no fìor mhath, gu h-àraid an fheadhainn le mothachadh breithneachail mu na neartan is na laigsean aca fhèin agus eachdraidh clàraichte a thaobh leasachadh, is e an dùbhlan a-nis a bhith a’ gluasad air adhart agus amas air sàr-mhathais.

Is e amas Dè cho math ’s a tha an sgoil againn? An t-Slighe gu Sàr-mhathais taic phragtaigeach a thoirt seachad do na sgoiltean is na h-ionadan foghlaim tràth uile a tha a-nis deiseil gus an t-atharrachadh ceumnaichte sin a ghabhail: bho mhath gu sàr-mhath. Tha an t-atharrachadh seallaidh seo bho bhith ag amas air ‘fìor mhath’ gu ‘sàr-mhath’ na chomharradh gu bheil an cultar càileachd taobh a-staigh sgoiltean na h-Alba air tighinn gu ìre, gu bheil foghlam na h-Alba deiseil gus fèin-mheasadh a thoirt chun na h-ath ìre. Tha e a’ ciallachadh a bhith a’ gluasad an amais bho bhith a’ meòrachadh gu bhith a’ dol an gnìomh.

Gus leasachadh, feumaidh ceannardan cridheachan is inntinn a bhuannachadh. Ach, chan eil briathran soisgeulach a-mhàin dol a dhèanamh a’ chùis. Tha feum air soilleireachd a thaobh tuigse, mion-sgrùdadh mionaideach is onarach agus am miann is an comas a bhith a’ stiùireadh leasachaidhean do luchd-ionnsachaidh air adhart. Tha na feartan seo, cuide ri aithne shoilleir mu na prìomh stiùirean airson leasachadh, a dhìth airson ‘cunntachalachdan innleachdach’. Agus tha sgoiltean cunntachail do chloinn, do phàrantan, agus do luchd-ùidh uile coimhearsnachd na sgoile.

Seach gur e seirbheis do chloinn, daoine òga, am pàrantan is an teaghlaichean a tha ann am foghlam, tha foghlam na h-Alba gu mòr air a bhith a’ seachnadh cus aire a thoirt do cho-fharpais no na seòrsachan roghainnean a bhios gu buannachd aon sheata ‘luchd-cleachdaidh’ is gu mì-bhuannachd feadhainn eile. Tha e air amas air dèanamh cinnteach gu bheil clann uile ag ionnsachadh gu math. Tha e ag aithneachadh nan tabhartasan àraid is luachmhor a bhios gach aon de na prìomh ‘chluicheadairean’ a’ dèanamh do bhith a’ dèanamh cinnteach gu bheil daoine òga uile a’ cur eòlas air soirbheas. Tha na cluicheadairean seo a’ gabhail a-steach pàrantan is luchd-teagaisg agus an luchd-obrach taic uile a tha a’ dèanamh suas coimhearsnachd na sgoile, na com-pàirtichean leis a bheil iad ag obair a chum buannachd dhaoine òga, agus a’ choimhearsnachd as fharsainge anns a bheil dreuchd cho cudromach aig an sgoil is bhon bheil i a’ buannachadh na h-uidhir. Tha guth aig na cluicheadairean seo air fad. Ach, ’s ann ri guthan na cloinne agus am pàrantan a dh’fheumaiste èisteachd an toiseach.

Tha na feartan seo uile nan tomhasan de shàr-mhathais. Bidh sgoiltean sàr-mhath gan taisbeanadh gu ìre air leth, a tha gan comharrachadh air thoiseach air an àbhaist. San fhoillseachadh seo, tha sinn air ‘tomhasan’ a ghabhail air na nithean seo is tha sinn air cuid de phrìomh fheartan gach aon a chomharrachadh. Tha sinn air na tomhasan a thaghadh bhon fheadhainn a tha a’ tighinn am bàrr uair is uair ann an rannsachadh eadar-nàiseanta agus sna sgrùdaidhean againn de sgoiltean agus ionadan foghlam tràth. Tha gach aon de na tomhasan air a cheangal ri co-dhiù aon thaisbeanair càileachd. Thèid na taisbeanairean seo fhoillseachadh ann am Pàirt 4 den t-sreath, ann an Dè cho math ’s a tha sinn an-dràsta? Bidh iad a’ dol an àite nan taisbeanairean càileachd ann an dreach 2002 de Dè cho math ’s a tha an sgoil againn? Airson gach taobh tha An t-Slighe gu Sàr-mhathais a’ ‘fuasgladh’ is a’ comharrachadh ghnìomhan pragtaigeach a nì eadar-dhealachadh, mar is aithne do HMIE.

Bidh ceannardan sgoiltean is ionadan foghlam tràth a tha sàr-mhath a’ dèanamh an dearbh rud. Bidh luchd-sgrùdaidh a’ faicinn sin ann an sgoiltean is ag aithris mu dheidhinn. Bidh ceannardan sgoiltean sàr-mhath a’ dèanamh cinnteach à co-leanailteachd thar gach earrainn de dh’obair na sgoile agus, gu cudromach, bidh iad a’ dèanamh cinnteach à co-chòrdaileachd càileachd thar fhiosraichidhean an luchd-ionnsachaidh. Bidh iad ag amas air adhbharan is air a bhith a’ leasachadh nam modhan-obrachaidh a tha aig teis meadhain soirbheas na sgoile – soirbheas ann an ionnsachadh. Bidh iad a’ seachnadh fhàiligidhean tro eadar-theachdan a tha luath is èifeachdach. Bidh iad a’ measadh thoraidhean agus a’ leasachadh is a’ buileachadh thomhasan soirbheis air an son. Bidh ceannardan sgoiltean sàr-mhath a’ co-taobhadh mhodhan-obrachaidh uile na sgoile gus amas air a bhith a’ leasachadh ionnsachadh is dàimhean. Bidh iad ag èisteachd ri daoine agus a’ cur luach orra.

Tha ceannas na phrìomh stiùir airson leasachadh ann am buidheann sam bith. Bidh ceannardan a’ togail sàr-mhathais a-steach don obair làitheil aca. Bidh iad a’ suidheachadh is a’ coinneachadh amasan leasachaidh, is bidh iad a’ planadh, a’ sgrùdadh agus a’ measadh leasachaidhean. Bidh iad a’ dèanamh cinnteach à càileachd nan leasachaidhean a tha iad air a dhèanamh agus nì iad cinnteach gu bheil cliù de ‘chàileachd àrd’ aig an sgoil. Bidh iad a’ cruthachadh luach tro bhith ag obair le com-pàirtichean is le luchd-ùidh. Chan eil iad mì-mhisneachail.

Is urrainn do sgrùdadh is aithris a bhith cuideachail, an dà chuid do LSB agus co-obraichean sna h-àitreabhan a tha iad a’ sgrùdadh, gus amas air na nithean a dh’fheumas a bhith air an dèanamh is na dòighean gus atharrachadh ceumnaichte ann an càileachd is co-chòrdaileachd an ionnsachaidh a thoirt gu buil. Bidh gnìomhan an còmhnaidh ag amas air a bhith a’ coinneachadh ri feumalachdan na cloinne is nan daoine òga a tha an sgoil a’ frithealadh. Bidh gnìomhan cuideachd a’ gabhail a-steach a bhith a’ cur air dòigh is a’ stiùireadh leasachadh proifeiseanta leantainneach èifeachdach do luchd-obrach. Tha an t-ùghdarras foghlaim riatanach anns a’ mhodh-obrachaidh a tha ag amas air sàr-mhathais. Tha na h-ùghdarrasan as soirbheachaile a’ com-pàirteachadh cheannardan sgoile mar àrd-oifigearan den ùghdarras a thaobh dèanamh cho-dhùnaidhean agus planadh is lìbhrigeadh, mar sin a’ cur às do chnapan-starra sam bith a dh’fhaodadh a bhith ann a thaobh adhartas ann an dàimhean eadar sgoiltean is ùghdarrasan. Tha an com-pàirteachas seo na phrìomh dhleastanas de cheannardan-sgoile uile. Tha e a’ toirt leis cunntachaileachd chan ann a-mhàin airson na cloinne taobh a-staigh nan àitreabhan ‘aca fhèin’ ach cuideachd airson dhaoine òga uile sna sgoiltean uile taobh a-staigh na sgìre.

‘Tha Dè cho math ’s a tha an sgoil againn? An t-Slighe gu Sàr-mhathais a’ togail air an eòlas chinnteach gu bheil sgoiltean na h-Alba iad fhèin mòr-mhiannach airson clann is daoine òga na h-Alba.’


Tha freumhan làidir aig Dè cho math ’s a tha an sgoil againn? An t-Slighe gu Sàr-mhathais ann an leasachadh a’ chultair càileachd ann am foghlam na h-Alba. Tha e a’ toirt còmhla prionnsabalan fèin-mheasaidh, planadh leasachadh sgoile, tomhas is stiùireadh coileanaidh agus èifeachdas is leasachadh sgoile. Ach tha e a’ dèanamh barrachd air a sin. Tha e a’ toirt nam prionnsabalan seo chun na h-ath ìre le bhith a’ taisbeanadh sealladh co-leantaileach de na rudan a tha ag obair, agus mar is urrainn do sgoiltean sàr-mhathais a choileanadh anns gach rud a nì iad. Tha e mòr-mhiannach ach tha e a’ togail air an eòlas chinnteach gu bheil sgoiltean na h-Alba iad fhèin mòr-mhiannach airson clann is daoine òga na h-Alba.

Graham Donaldson, Àrd-neach-sgrùdaidh na Bànrighe

[Clàr-innse] [>>> ]