[ <<<] [Clàr-innse] [>>> ]
| ’S e sgoil shàr-mhath a tha innte!’ Dè tha daoine a’ ciallachadh nuair a chanas iad sin? A bheil a leithid de rud ann ri sgoil shàr-mhath? An urrainn do sgoiltean a bhith sàr-mhath anns gach nì? Dè na seòrsa rudan air am bi daoine a’ smaoineachadh nuair a bhios iad a’ bruidhinn mu dheidhinn sàr-mhathais? |
Am biodh an aon bheachd aig cloinn is daoine òga mu sgoil shàr-mhath ’s a bhiodh aig an tidsearan, no am pàrantan, no buil den choimhearsnachd ionadail?
’S e briathar a tha ann an ‘sàr-mhathais’ a bhios sinn a’ cleachdadh gus an ìre as àirde den speactram càileachd a mhìneachadh. Nuair a smaoinicheas sinn air sàr-mhathais, bidh sinn a’ smaoineachadh air rud a tha air leth, na mhodail airson a sheòrsa – an rud as fheàrr a tha ann.
Tha an goireas seo a’ dèanamh oidhirp air coimhead air cuid de na rudan air am faod sinn smaoineachadh nuair a bhruidhneas sinn air ‘sàr-mhathais’ ann an sgoiltean no ionadan foghlam tràth. Tha sinn air ‘tomhasan’ a ghabhail orra agus tha sinn air deich dhiubh a chomharrachadh agus cuid de na prìomh fheartan a tha an lùib gach fear.

Cò às a bheil na deich tomhasan seo a’ tighinn?
Tha sinn air na tomhasan a thaghadh bhon fheadhainn a tha a’ tighinn am bàrr uair is uair ann an rannsachadh eadar-nàiseanta agus ann an sgrùdaidhean HMIE de sgoiltean agus foghlam tràth. Tha sinn air deuchainn a dhèanamh orra le bhith a’ bruidhinn ri raon dhaoine a tha gu gnìomhach an sàs ann an coimhearsnachdan sgoile a tha a’ taisbeanadh cuid de na feartan a tha an lùib sàr-mhathais. San t-seagh seo, is urrainn do sgoiltean uile sàr-mhathais a ruigsinn.
Chan eil foirmle singilte ann airson sàr-mhathais seach gu bheil iomadh dòigh eadar-dhealaichte ann san urrainn do sgoiltean a dhol an tòir air sàr-mhathais a choileanadh ann an iomadh earrainn den cuid obrach. Thathar a’ faicinn sàr-mhathais mar shlighe seach rudeigin a tha suidhichte no air a mhìneachadh ro-làimh. Bidh an dòigh ’s an ruigear sin an crochadh air an rathad a chaidh a thaghadh, na suidheachaidhean aig an fhìor thoiseach agus air an t-slighe, agus eadar-obrachaidhean na buidhne luchd-siubhail a tha san sgioba.
Cò dha a bheil an iùl seo?
Tha an iùl seo do gach neach a tha ag obair gus a’ chlann is na daoine òga sna sgoiltean againn a theagasg, gus taic a thoirt dhaibh agus gus na fiosraichidhean ionnsachaidh aca a leasachadh.
Tha e airson luchd-obrach uile:
Tha e do cheannardan uile – taobh a-staigh na sgoile fhèin agus ùghdarras an fhoghlaim – a tha a’ stiùireadh is a’ toirt taic do dh’obair chàich.
Tha e do luchd-obrach uile a tha a’ cur ri ionnsachadh taobh a-staigh agus thar an t-seòmair-teagaisg no an t-seòmair-chluich, is a tha a’ toirt taic do sgoilearan fa leth.
Tha e do dhaoine a tha ag obair ann an com-pàirteachas leis an sgoil: pàrantan, luchd-obrach cùraim ann an àiteachan-còmhnaidh, buidhnean-gnìomha, buidhnean coimhearsnachd, àitreabhan foghlaim eile agus gnìomhachasan ionadail.
Dè tha an iùl seo a’ dèanamh?
Tha an iùl seo a’ mìneachadh cuid de na rudan a bhios ceannardan sgoile, tidsearan agus luchd-obrach taic a’ dèanamh, agus a tha fios againn a tha soirbheachail ann a bhith a cuideachadh chloinne is dhaoine òga gus ionnsachadh is coileanadh.
Tha e stèidhichte air eisimpleirean fìor de chuid den chleachdadh as fheàrr à sgoiltean na h-Alba, air an tarraing bho na tha Luchd-sgrùdaidh na Bànrighe airson Foghlaim air fhaicinn.
Tha e a’ toirt geàrr-chunntas is a’ togail air co-dhùnaidhean rannsachadh eadar-nàiseanta mu ionnsachadh is teagaisg a thaobh èifeachdas is leasachadh sgoile.
Tha e a’ toirt air adhart na dòigh-obrach a tha air a bhith aig cridhe a’ chultair càileachd agus an fhrèam leasachaidh ann an Alba airson cha mhòr fichead bliadhna.
Tha e ag aithris air cuid de na rudan a tha daoine òga, tidsearan, ceannardan-sgoile, pàrantan, luchd-obrach taic agus buill eile de choimhearsnachd na sgoile air innse dhuinn a tha iad fhèin a’ dèanamh gus sàr-mhathais a choileanadh.
A thaobh nam briathran a thathar a’ cleachdadh san iùl seo, tha:
|
Dè tha an iùl seo a’ gabhail a-steach?
Tha an iùl seo ann an còig pàirtean, ri bhith air am foillseachadh aig diofar amannan thairis air an ath bhliadhna. Tha am foillseachadh seo a’ gabhail a-steach Pàirtean 1 agus 2.
Pàirt 1: Ag Amas air Sàr-mhathais
Pàirt 2: A’ Sgrùdadh Sàr-mhathais
Pàirt 3: Dè cho math ’s a tha sinn an-dràsta?
Pàirt 4: A’ Planadh airson Sàr-mhathais
Pàirt 5: Slighean gu Sàr-mhathais
Cò mu dheidhinn a tha sgoiltean agus ionadan foghlam tràth? Is e buidhnean iom-fhillte a tha ann an sgoiltean. Le bhith a’ moladh gu bheil aon dòigh shìmplidh ann a tha a’ barrantachadh sàr-mhathais thathar a’ toirt riochdachadh ceàrr is a’ dèanamh dìmeas air a’ mhodh-obrachaidh fìor ionnsaichte a tha a’ gabhail a-steach obair làitheil thidsearan is luchd-obrach taice air feadh na dùthcha. |
[ <<<] [Clàr-innse] [>>> ]