[ <<<] [Clàr-innse] [>>> ]

DÈ CHO MATH ’S A THA AN SGOIL AGAINN? - AN T-SLIGHE GU SÀR-MHATHAIS

Cò mu dheidhinn a tha sgoiltean agus ionadan foghlam tràth?

Is e buidhnean iom-fhillte a tha ann an sgoiltean. Le bhith a’ moladh gu bheil aon dòigh shìmplidh ann a tha a’ barrantachadh sàr-mhathais, thathar a’ toirt riochdachadh ceàrr is a’ dèanamh dìmeas air a’ mhodh-obrachaidh fìor ionnsaichte a tha a’ gabhail a-steach obair làitheil thidsearan is luchd-obrach taice air feadh na dùthcha.

Ach tha fios againn gu bheil ro-shuidheachaidhean ann a tha a’ toirt cothrom do shàr-mhathais no, co-dhiù, ga dhèanamh nas buailtiche tighinn gu buil.

Tha fios againn gu bheil sgoiltean mu dheidhinn daoine, agus na dàimhean a tha eatorra. Tha sgoiltean mu dheidhinn ionnsachadh. Tha sgoiltean mu dheidhinn a bhith a’ toirt taic do chloinn gus an leasaich iad deagh bheachd-smuaintean mu ionnsachadh bho aois fìor thràth. Tha sgoiltean mu dheidhinn a bhith soirbheachail agus a bhith ag iarraidh ionnsachadh is coileanadh, agus cumail a’ dol ag ionnsachadh is a’ coileanadh.

Tha sgoiltean mu dheidhinn clann le inntinnean a tha a’ leasachadh agus aig a bheil comas anabarrach airson ionnsachadh.

Tha sgoiltean mu dheidhinn dhaoine òga, is mòran dhiubh air an t-sunnd airson ionnsachadh a bha aca nam bliadhnachan tràtha a ghleidheadh. Tha feadhainn eile ann a tha air fàs sgìth den sgoil, a’ faireachdainn gu bheil iad air fàiligeadh, a’ smaoineachadh gu bheil an sgoil dòrainneach agus, dh’fhaoidte nach eil iad airson an còrr ionnsachadh. Dh’fhaoidte gu bheil cuid ann aig nach eil mòran taic aig an taigh agus nach eil uidheamaichte airson a bhith ag ionnsachadh. Dh’fhaoidte gu bheil cuid ann nach urrainn fuireach aig an taigh tuilleadh. Dh’fhaoidte gu bheil cuid ann a tha a’ gluasad air adhart aig astar reusanta ach a dh’fhaodadh fada a bharrachd a choileanadh is a dhol fada nas fhaide.

Tha sgoiltean cuideachd mu dheidhinn pàrantan. Tha a’ mhòr-chuid a’ smaoineachadh gur e àiteachan màtha ionnsachaidh a tha ann an sgoiltean an cuid chloinne. Gun teagamh, bidh amannan ann nuair a tha uallach orra co dhiubh a tha an sgoil math gu leòr, co dhiubh a tha a’ chlann aca ag ionnsachadh math gu leòr, co dhiubh a tha iad sàbhailte is toilichte, co dhiubh a bhios iad soirbheachail, co dhiubh a nì iad math nuair a ghluaiseas iad chun na h-ath ìre den fhoghlam aca, no a dh’obair. Bidh pàrantan cuideachd a’ gabhail uallach co dhiubh a tha iad fhèin – agus an tidsearan, is inbhich eile a bhios gan cuideachadh – a’ dèanamh nan rudan cearta, co dhiubh a tha iad air an cuid chloinne uidheamachadh gu ceart, co dhiubh a tha iad a’ toirt a’ chuideachaidh cheart dhaibh.

Tha sgoiltean mu dheidhinn tidsearan agus luchd-obrach foghlam tràth, luchd-cuideachaidh clasa is taic, luchd-obrach cùraim, luchd-teignigeach, luchd-obrach oifis agus dorsairean a tha, gach latha, a’ toirt taic is brosnachadh agus a tha a’ sgioblachadh às dèidh nan inntinnean sunndach – agus uaireannan aindeònach – ogà seo. Feumaidh iadsan ionnsachadh cuideachd, ach uaireannan tha iad a’ faireachdainn ro sgìth no ro thrang.

Agus tha sgoiltean cuideachd mu dheidhinn nan daoine eile uile a tha a-muigh an sin – thar geataichean na sgoile – a tha a’ toirt taic don sgoil is do a sgoilearan. Luchd-obrach òigridh, luchd-obrach shòisealta, oifigearan leasachadh càileachd, oifigearan poileis, luchd-obrach saor-thoileach, luchd-obrach dreuchdail, banaltraman, dotairean, leasaichean, saidhgeòlaichean, ministearan/sagartan, luchd-fastaidh...Tha cuid dhiubh timcheall na sgoile gu tric. Tha cuid dhiubh ag obair gu cruaidh air cùlaibh ghnothaichean. Tha iad uile a’ dèanamh thabhartasan luachmhor ri beathannan, mathas is coileanaidhean na cloinne sna coimhearsnachdan foghlaim againn.

Tha na coimhearsnachdan seo – an dà chuid taobh a-staigh na sgoile agus timcheall oirre – a’ toirt seachad a’ cho-theacsa shòisealta aig a’ chuid as motha de bhailtean mòra is beaga na h-Alba. Bidh sgoiltean sàr-mhath a’ sealltainn an dàimh dhlùth choimhearsnachd seo ann an iomadh dòigh eadar-dhealaichte.

Tha Dè cho math ’s a tha an sgoil againn? An t-Slighe gu Sàr-mhathais mu dheidhinn a bhith a’ toirt còmhla nan diofar dhaoine taobh a-staigh coimhearsnachd sgoile ann an dàimhean matha, cinneasach is cruthachail le chèile. Tha na dàimhean seo ag amas air a bhith a’ coileanadh soirbheas do chloinn is do dhaoine òga uile.

’S e aon nì a tha cinnteach, gu bheil comas ionnsachaidh aig gach pàiste. Tha e an urra ris na daoine a bhios a’ toirt taic dhaibh tron mhodh-obrachaidh ionnsachaidh strì gus dèanamh cinnteach gu bheil gach aon dhiubh ag ionnsachadh aig an astar as freagarraiche dhaibhsan, agus na feumalachdan aca a choinneachadh san dòigh as fheàrr.

Tha soirbheas a’ gabhail a-steach a bhith ag iarraidh ionnsachadh an-dràsta, is a bhith ag iarraidh cumail air adhart ag ionnsachadh san àm ri teachd.

Dè tha sinn a’ ciallachadh le soirbheas?

Tha soirbheas ga shealltainn fhèin ann an diofar dhòighean is ann an diofar chruthan.

Tha soirbheas a’ gabhail a-steach a bhith ag iarraidh ionnsachadh an-dràsta, agus a bhith ag iarraidh ionnsachadh san àm ri teachd.

Ann an Alba, tha ionnsachadh, gu sònraichte, mu dheidhinn a bhith a’ leasachadh nan ceithir comasan ann an Curraicealam airson Sàr-mhathais.4 Tha e mu dheidhinn a bhith soirbheachail ann an ionnsachadh, misneachail, a bhith nad dheagh shaoranach agus a bhith comasach is deònach tabhartas a dhèanamh. Agus gus seo a choileanadh, feumaidh clann na h-Alba air fad a bhith sàbhailte, air an deagh choimhead às an dèidh, fallain agus gnìomhach. Feumar dèiligeadh riutha le urram, feumaidh iad a bhith air an in-ghabhail, air an cuideachadh gus coileanadh agus gus iad fhèin a ghiùlain gu cunntachail.

Ach do na h-uile, tha soirbheas mu dheidhinn a bhith a’ toirt comas gu buil, mu dheidhinn a bhith a’ coileanadh.

Chan ann mu dheidhinn roghainnean furasta a tha coileanadh, tha e mu dheidhinn a bhith a’ fàs làidir is fallain is a bhith a’ faireachdainn math annad fhèin, mu bhith ag ionnsachadh mu choileanadh ann an gnìomhan spòirs. Tha soirbheas mu dheidhinn a bhith a’ leasachadh sgilean cruthachail: ann am fuasgladh-cheistean, ann an gnìomhan teignigeach, ann an ceòl, ealan, dealbhadh, sna meadhanan agus ann an dràma. Tha e mu dheidhinn a bhith iomairteach, mu bhith a’ fàs cinneasach. Tha e mu bhith ag ionnsachadh a bhith ag obair gu h-èifeachdach leat fhèin no le feadhainn eile ann am buidhnean. Tha soirbheas cuideachd mu bhith ag ionnsachadh thu fhèin a chur an cèill, a bhith a’ togail misneachd is fèin-earbsa, a bhith a’ creidsinn gu bheil an tabhartas a tha thu fhèin a’ dèanamh ris a’ chomann-shòisealta luachmhor is gun tèid luach a chur air. Tha e mu dheidhinn a bhith a’ dèanamh cho-dhùnaidhean is roghainnean air an deach smaoineachadh gu math. Tha e mu dheidhinn a bhith a’ faireachdainn in-ghabhaltas ann an nithean agus cunntachail air do shon fhèin is do chàch agus mu bhith ag ionnsachadh a bhith a’ gabhail cùram do dhaoine eile. Tha e mu dheidhinn a bhith ag ionnsachadh a bhith a’ gabhail cùram mun t-saoghal is a bhith ag iarraidh a dhèanamh na àite nas fheàrr an-dràsta agus do na ginealaich a tha ri teachd.

Do chuid, bidh soirbheas a’ ciallachadh ìrean buileachaidh àrda: ann an toraidhean ÙTA5, ann an ìrean 5-14, ann am measaidhean clasa, ann an gnìomhan a chaidh a chrìochnachadh. Agus tha buileachadh cudromach do dhaoine òga air fad. Faodaidh e buaidh chudromach a thoirt air ‘cothroman beatha’ nan daoine òga againn. Tha e a’ fosgladh dhorsan.

Faodaidh làthaireachd nas fheàrr a bhith an lùib soirbheis, a bhith an lùib ghnothaichean is a’ gabhail com-pàirt gu ìre nas motha, a bhith ag ionnsachadh a bhith a’ fuireach is ag obair còmhla ri càch. Tha e a’ ciallachadh a bhith uidheamaichte gu math airson na h-ath ìre ionnsachaidh, co dhiubh is ann sa bhun-sgoil, san àrd-sgoil no ann am foghlam às-dèidh sgoile agus cosnadh. Tha e a’ ciallachadh a bhith uidheamaichte gu math san fharsaingeachd, mar eisimpleir, le pàrantan a dh’fhaodas cuideachadh le bhith a’ dèanamh cinnteach gu bheilear a’ gabhail deagh chùram den cuid chloinne, is gu bheil iad toilichte is deiseil airson ionnsachadh.

Bidh adhartas an còmhnaidh an lùib soirbheas ann an ionnsachadh. Tha fàs ann am fèin-mheas a’ tighinn an cois fàs ann an soirbheas. Faodaidh astar adhartas chloinne a bhith nas luaithe no nas slaodaiche, a rèir dè an ìre aig a bheil iad, an eachdraidh a thaobh soirbheas ann an ionnsachadh, na sgilean, na comasan is na tàlantan a tha iad a’ toirt leotha don mhodh-obrachaidh ionnsachaidh agus an raon chnapan-starra is dhùbhlain a tha mun coinneamh. Tha e cuideachd an crochadh gu riatanach air càileachd an ionnsachaidh is an teagaisg a tha iad a’ faighinn.

Gu deimhinne is urrainn don a h-uile pàiste ionnsachadh. Tha e an urra ris na daoine a tha a’ toirt taic dhaibh tron mhodh-obrachaidh ionnsachaidh strì gus dèanamh cinnteach gu bheil gach aon dhiubh ag ionnsachadh aig an astar as freagarraiche dhaibh fhèin, agus am feumalachdan a choinneachadh san dòigh as fheàrr a ghabhas.

Dè na seòrsachan rudan a bhios daoine ag iarraidh bho sgoiltean?

Dè na seòrsachan rudan a bhios daoine ag iarraidh bho sgoiltean

Carson a bhios sinn a’ bruidhinn cho tric mu ‘shàr-mhathais’?

Ma thèid sinn air ais grunn bhliadhnachan – gu na 1980an – bhathar a’ dèanamh tòrr bruidhinn mu sgoiltean ‘èifeachdach’. B’ e sgoiltean a bha a’ dèanamh na h-obrach don deach an cur air bhonn a bha ann an sgoiltean èifeachdach. Aig an àm sin, b’ e am prìomh uallach a bhith a’ dèanamh cinnteach gun robh ìre co-chòrdail càileachd ann an sgoiltean uile, gus am biodh clann cinnteach à foghlam math ge brith càite am biodh iad a’ fuireach – barrantas càileachd, ga chur an dòigh eile. B’ e am prìomhachas dèanamh cinnteach nach robh sgoiltean sam bith a’ tuiteam fo ìrean riarachail a thaobh an fhoghlaim a bha iad a’ lìbhrigeadh agus an dòigh san robhar gan stiùireadh.

Chaidh tòrr rannsachaidh a dhèanamh a thaobh prìomh fheartan èifeachdais agus dh’fhoillsich HMIE dà aithisg aig an robh buaidh mhòr Effective Secondary Schools6 agus Effective Primary Schools.7 Thug na h-aithisgean seo seachad comhairle phragtaigeach mu bhith a’ dèanamh cinnteach às ìrean iomchaidh thar raon fheartan a bha air an comharrachadh mar cudromach a thaobh èifeachdas sgoile.

Bhon uair sin, gu deimhinne, tha beachd-smuaintean a thaobh foghlam air gluasad air adhart. Tha ‘barrantas càileachd’ air atharrachadh gu ‘leasachadh càileachd’ is daoine a’ tuigsinn gu bheil na thathar a’ dùileachadh ag atharrachadh, agus nach eil na bha na dheagh chleachdadh an uair sin, cho freagarrach – no math gu leòr – a-nis. Anns a’ chiad dhreach de Dè cho math ’s a tha an sgoil againn?, sgrìobh HMIE: ‘Tha na tha sinn a’ ciallachadh le càileachd thar ùine ag atharrachadh mar fhreagairt air atharrachaidhean sa chomann-shòisealta.’ Tha na h-atharrachaidhean seo a’ toirt buaidh air an t-saoghal sa bheil daoine òga beò, saoghal a tha làn de dh’atharrachadh luath is farsaing, saoghal anns a bheil mì-chinntean a’ tighinn am bàrr sna h-àrainneachdan sòisealta, poileataigeach, teicneòlasach is eaconamach. Tha dùbhlan an cois gach aon de na h-atharrachaidhean seo.

Thar nam bliadhnachan, tha cuideam fàsmhor air leasachadh leantainneach, air a bhith ag ath-bhreithneachadh càileachd an fhoghlaim, air planadh is air a bhith a’ lìbhrigeadh seirbheis nas fheàrr. ’S ann air a seo a bu chòir don chuideam a bhith. Do chloinn is do dhaoine òga ann an Alba, ‘cha dèan a’ chùis ach an rud as fheàrr.’ Agus chan eil mòran teagaimh ann nach eil a’ mhòr-chuid de sgoiltean air fàs, is a’ sìor fhàs, nas fheàrr.

Tha Dè cho math ’s a tha an sgoil againn? An t-Slighe gu Sàr-mhathais ag amas air dùbhlan a bharrachd a thoirt do na sgoiltean sin a tha mar-thà air adhartas cudromach a dhèanamh. Faodaidh iad mar-thà a bhith math no fìor mhath ann an iomadh taobh den obair aca. Tha an iùl a’ toirt seachad mapa den tìreachas, is a’ moladh dhòighean eadar-dhealaichte gus an ceann-uidhe roghnaichte a ruigsinn.

Tha fios aig luchd-siubhail eòlach gu bheil iad a’ faireachdainn riaraichte às dèidh sreap no turas-coiseachd a chrìochnachadh, ach gu bheil iad cuideachd deiseil airson dùbhlain eile. ’S ann mar sin a tha le ionnsachadh – chan eil sa cheann-uidhe ach àite-stad air an t-slighe. Bidh ginealaich ùra ann – clann is luchd-obrach – a bhios a’ tabhann dhòighean-seallaidh ùra is a’ taisbeanadh amasan ùra. Agus bheir sgoiltean freagairt le beachd-smuaintean is fuasglaidhean ùra.

Chan eil na tomhasan de shàr-mhathais a tha air am mìneachadh san iùl seo a’ còmhdach gach rud a bhios sgoiltean a’ dèanamh. Seach seo, tha iad ag amas air na nithean a tha sinn air dèanamh a-mach a tha gu h-àraid cudromach airson soirbheas. Tha an iùl a’ gabhail ris gu bheil nithean eile ann an sgoiltean ag obrachadh gu math. Mar eisimpleir, tha planaichean, poileasaidhean is siostaman leasachaidh èifeachdach aig a’ mhòr-chuid de sgoiltean. Tha iad math air a bhith a’ coimhead às dèidh nan goireasan aca is a’ dèanamh cinnteach gu bheilear gan cleachdadh gu h-èifeachdach. Tha iad air an deagh dheasachadh airson na slighe gu sàr-mhathais.

Tha an iùl ag amas air a’ phrìomh ghnìomh taobh a-staigh sgoiltean: ionnsachadh. Tha e mu dheidhinn mar a bhios clann ag ionnsachadh, is na dòighean as fheàrr gus cothrom a thoirt dhaibh gus ionnsachadh. Tha e mu dheidhinn coimhearsnachdan de luchd-ionnsachaidh mar a bheil a h-uile duine ag ionnsachadh – tidsearan, luchd-obrach foghlam tràth, luchd-obrach taic is luchd-obrach cùraim, pàrantan is companaich, a bharrachd air cloinn. Tha e a’ gabhail ris gur e adhbhar iomlan sgoile cothrom a thoirt do chloinn leasachadh is coileanadh tro ionnsachadh is gur ann tro dhàimhean matha le càch as fheàrr a dh’ionnsaicheas clann: dàimhean len tidsearan, le inbhich eile, le sgoilearan eile, agus leis na daoine eile a tha a’ dèanamh suas coimhearsnachd nas fharsainge na sgoile.

Dè tha ann an ‘ionnsachadh’?

Dh’fhaoidte gun urrainn dhuinn toirt fainear nuair a tha daoine air ionnsachadh – dh’fhaoidte gu bheil fios aca air barrachd, no gu bheil iad air sgilean ùra a leasachadh. Ach dè, dìreach a tha ann an ‘ionnsachadh’?

Tha iomadh teoiridh ann a thaobh ionnsachadh. Tha fianais ùr, mar a tha a’ tighinn am bàrr bho na saidheansan-eanchainn, a’ cur ris an iom-fhillteachd. Aig ìre gu math bunaiteach, ’s e tha ann an ionnsachadh ach atharrachadh ann an neach mar thoradh air eadar-obrachadh leis an àrainneachd. Tha an t-atharrachadh a’ gabhail àite gu h-àraid sna ceangalan fìor iom-fhillte a tha a’ cruthachadh is ag ath-chruthachadh san eanchainn. Tha am beachd seo gu bheil gach neach gun samhail, a’ mion-atharrachadh gu sùbailte a rèir (a h-)àrainneachd tron bheatha seo, air a dhaingneachadh le fianais mun t-sèimheachd is mun chomas anabarrach airson atharrachadh a tha aig an eanchainn. Tha comas sgoinneil aig luchd-ionnsachaidh òga airson atharrachadh leithid seo. Tha e a’ mairsinn fad beatha neach.

Seach gu bheil aig an neach-ionnsachaidh ri com-pàirteachas dìreach a ghabhail ann am modh-obrachaidh tron bheil e no i air an atharrachadh gu corporra, gu faireachdail is gu h-inntinneil, tha e follaiseach gum faod teagasg a bhith ann às aonais ionnsachadh seach nach eil an neach-ionnsachaidh gu gnìomhach air a chom-pàirteachadh sna fiosraichidhean a tha air an toirt seachad dha no dhi.

Bidh luchd-ionnsachaidh a’ gabhail com-pàirt gu gnìomhach tro bhith a’ smaoineachadh, a’ cur eòlas air rud, a’ feuchainn diofar rudan, a’ dèanamh rudan, is a’ gleusadh mar a nì iad rud. Bidh iad a’ smaoineachadh mu na rudan don bheil iad a’ mothachdainn san àrainneachd. Na tha iad a’ cluinntinn, a’ faicinn, a’ srònaiseachd, a’ blasad, a’ buntainn, a’ faireachdainn, a’ saoilsinn tro mhacmeanmna – a’ smaoineachadh. Gu tric tro chainnt, ach chan ann tron a seo a-mhàin.

Bidh luchd-ionnsachaidh cuideachd a’ gabhail com-pàirt tro fheòrachas agus brosnachadh is ùidh phearsanta. Bidh iad a’ faighinn bhoillsgidhean grad tuigse is bidh iad airson barrachd fhaighinn a-mach. Bidh iad an dà chuid a’ togail air an eòlas a tha aca mar-thà is a’ cleachdadh an ‘sgafailt’ a bhios daoine eile a’ toirt dhaibh. Agus mar a bhios luchd-ionnsachaidh a’ cur eòlas air bheachd-smuaintean ùra no beachd-smuaintean a tha a’ dol an aghaidh na tha iad air ionnsachadh roimhe – an ‘t-eòlas’ a tha aca – tha an t-ionnsachadh aca air a thogail mean air mhean, tro bhith a’ rannsachadh nam beachd-smuaintean is nan spàirnean ùra seo. Tha e fìor mhath a bhith a’ dèanamh seo tro bhith a’ bruidhinn is ag èisteachd – agus tro dhòighean eile conaltraidh. Tha a bhith a’ meudachadh ùine smaoineachaidh, agus ùine airson bruidhinn, na phàirt riatanachd de bhith a’ leasachadh eòlasan luchd-ionnsachaidh. Mar eisimpleir, thathar a’ brosnachadh còmhradh fìor mhath nuair a bhios an tidsear a’ cur cheistean fosgailte, ceistean a bheir dùbhlan do luchd-ionnsachaidh gus com-pàirt a ghabhail, gus rannsachadh, gus smaoineachadh, gus tuigsinn, agus gus ionnsachadh. Bidh tidsearan sgoinneil a’ foighneachd cheistean sgoinneil.

Dè dh’fhaodadh bacadh a chur air an neach-ionnsachaidh bho bhith a’ gabhail com-pàirt? Bidh a’ mhòr-chuid de thidsearan eòlach air na freagairtean ciallach a thaobh a bhith ‘air an deagh bhiadhadh is air an deagh uisgeachadh’, air an anail a leigeil, sàbhailte, toilichte, a’ gabhail ùidh agus air am brosnachadh. Tha iad seo uile fìor. Chan ionnsaich clann gu h-èifeachdach ma tha acras no pathadh orra. Chan ionnsaich iad ma tha iad fo uallach, fo thàmailt no fo iomagain, mar sin tha mathas faireachdail is corporra agus a bhith a’ leasachadh dhàimhean matha is aimsir iomchaidh airson ionnsachadh thar na sgoile riatanach. Bidh iad air an leamhachadh mura faic iad buntanas san rud a tha iad ag ionnsachadh. Chan ionnsaich iad mura h-eil na gnìomhan sa bheil iad an lùib a’ gabhail aire gu leòr do far a bheil iad an-dràsta, no do chnapan-starra fa leth sam bith a tha mun coinneamh. Tha a bhith air an dùnadh a-mach, no a bhith a’ faireachdainn gu bheil iad air an dùnadh a-mach no mura h-eil cothroman gu leòr aca airson a dhol an gnìomh nan cuid ionnsachaidh cuideachd ga dhèanamh doirbh do chloinn.8 Ga chur ann an dòigh eile, feumaidh sgoiltean a bhith deiseil airson luchd-ionnsachaidh, agus deiseil airson ionnsachadh. Tha pàrantan, luchd-cùraim agus luchd-obrach ann an cùram-còmhnaidh nan com-pàirtichean riatanach ann a bhith a’ dèiligeadh ris na dùbhlain is na cnapan-starra seo. Ged a tha co-cheangal àrd eadar cùl-eachdraidh dachaigheil neach-ionnsachaidh agus a s(h)oirbheis, tha sgoiltean sàr-mhath soirbheachail ann a bhith a’ toirt ionnsachadh gach leanaibh air adhart fada thar nam feartan sòisealta is eaconamach a shaoileadh cuid a tha ro-dhaingnichte.

Agus gu dearbh chan eil ionnsachadh air fad a’ gabhail àite san t-seòmar-teagaisg. Tha mòran ionnsachaidh a’ gabhail àite san sgoil ach thar an t-seòmair-teagaisg no an t-seòmair-cluich – tro thadhalan is seachdainean chleasan, eadar-obrachadh sòisealta, pleidheannan, eòlasan ann an clubaichean is ann an comuinn, comhairlean oileanach agus dealbhan-cluich sgoile. Ann an sgoiltean còmhnaidh, tha seo air a thoirt seachad tron ‘churraicealam 24 uair’. Tha cleasan is eadar-obraichean uile leithid seo nan cothroman ionnsachaidh, agus mar as motha de sgoiltean a chuireas eòlasan mar seo air dòigh do luchd-ionnsachaidh, agus mar as eadar-mheasgte a tha iad, ’s ann as fheàrr.

Tha na h-eadar-obraichean sòisealta seo nas cinneasaiche buileach ann an co-theacsa dhàimhean matha. Ann a bhith a’ leasachadh dhàimhean is eadar-obraichean matha anns gach taobh den bheatha aice, tha an sgoil a’ leasachadh ionnsachadh – ionnsachadh do chloinn is do dhaoine òga agus ionnsachadh airson na coimhearsnachd sgoile air fad. Feumaidh clann eòlas a chur air ionnsachadh àrd inbhe gu riaghailteach, agus anns gach seòmar-teagaisg agus thar gach earrainn de bheatha na sgoile. Cha bu chòir sàr-mhathais a bhith an crochadh air daoine àraid fa leth, ged a dh’fhaodas iad an ceannas riatanach a thoirt seachad. Tha seasmhachd a thaobh sàr-mhathais bunaiteach. Tha sàr-mhathais a’ com-pàirteachadh na coimhearsnachd sgoile air fad is a’ dèanamh cinnteach à sàr-mhathais do na h-uile a tha anns a’ choimhearsnachd sin.

Chan eil clann is daoine òga ann an seòmraichean-teagaisg ach airson cuibhreann dem beathannan. Bidh iad a’ cur ri chèile am beachdan mun t-saoghal bho ghrunn thobraichean eadar-mheasgte. Agus cumaidh iad orra a’ dèanamh seo fad am beatha. Tha tòrr ionnsachaidh a’ gabhail àite thar geata na sgoile agus an latha-sgoile. ’S e gnìomh sòisealta nas fharsainge a tha ann a bhios a’ gabhail àite taobh a-staigh teaghlaichean, taobh a-staigh earrannan cùraim foghlaim thràth is suidheachaidhean còmhnaidh, ann an gnìomhan sa choimhearsnachd as fharsainge. Tha iad seo gu tric a’ tighinn am bàrr às an dàimh nàdarra a tha eadar an sgoil is a’ choimhearsnachd agus na daoine a tha timcheall oirre – rudan mar consairtean, taisbeanaidhean no a bhith a’ cuideachadh na h-àrainneachd. Uaireannan bidh luchd-obrach òigridh no buill den choimhearsnachd ghnìomhachais a’ cur nan gnìomhan seo air dòigh.

Ach, ’s e àite de ionnsachadh luathaichte tro eadar-obraichean fìor structaraichte le càch agus le beachd-smuaintean ùra, a tha ann an sgoil. Tha e riatanach gu bheil an ùine sgoile seo air a meudachadh, taobh a-staigh is a-muigh an t-seòmair-teagaisg. Tha gach mionaid na chothrom ionnsachaidh, agus tha gach mionaid a’ cunntais.

Ionnsachadh mar atharrachadh tro bhith ag eadar-obrachadh leis an àrainneachd

Ionnsachadh mar atharrachadh tro bhith ag eadar-obrachadh leis an àrainneachd

Tha sgoiltean sàr-mhath a’ coileanadh sin. Bidh iad a’ cruthachadh eòlasan ionnsachaidh den chàileachd as àirde. Agus bidh iad an còmhnaidh ag amas air a bhith a’ coileanadh nam builean aontaichte aca. Bidh iad ga dhèanamh tro bhith a’ leasachadh dhàimhean matha anns gach rud a bhios iad a’ dèanamh.

Is toil le cuid a bhith a’ dèanamh dealbh nan inntinn de na bun-bheachdan mun bheil iad a’ smaoineachadh.

Tha an diagram air an ath dhuilleig a’ sealltainn mar a bhios an neach-ionnsachaidh ag eadar-obrachadh le raon eòlasan ann an grunn cho-theacsan: san t-seòmar-chluich, san t-seòmar-theagaisg, san sgoil gu lèir agus sa choimhearsnachd as fharsainge.

Bidh am foghlamaiche sgileil a’ taghadh mar a chuireas iad structar air an àrainneachd airson an neach-ionnsachaidh – rud riatanach a thaobh ‘teagasg’. Tha an diagram cuideachd a’ sealltainn nan seòrsachan cnapan-starra a dh’fhaodas tighinn eadar an neach-ionnsachaidh agus ionnsachadh. Sa bhitheantas, bidh sinn a’ cleachdadh cànan – no ìomhaighean, no sàmhlaidhean – mar phàirt den mhodh-obrachaidh ionnsachaidh. Bidh luchd-ionnsachaidh a’ cur bheachd-smuaintean ri chèile, a’ mìneachadh phàtrain a tha annta, is ag obrachadh a-mach dhàimhean eatorra. Bidh iad gan cur an cèill is gan aithris. Tha ionnsachadh de sheòrsa sam bith air a chomharrachadh le atharrachaidhean ann an structar na h-eanchainn. Faodar coimhead air tro bhith a’ leasachadh eòlas, tuigse is sgilean, agus tro atharrachaidhean ann am beachdan is giùlan.

Ciamar a tha ionnsachadh a’ ceangal ri teagasg?

Nuair a bhios buidhnean thidsearan a’ tighinn còmhla gus bruidheann mu dhòighean gus ionnsachadh a leasachadh do chloinn is do dhaoine òga, bidh an còmhradh gu tric stèidhichte air cùrsaichean is prògraman obrach. Mar eisimpleir, dh’fhaoidte gum bruidhinn iad mu structar is sreathachas, co dhiubh is ann a thaobh earrannan no modulan, no na teacsaichean no na duilleagan-obrach a thathar a’ cleachdadh.

Tha na rudan seo uile fìor chudromach. Ach, gu tric chan eil mòran còmhraidh ann mu dè dìreach a tha ann an ionnsachadh is mar a bhios e a’ tachairt, no a bhith a’ coimhead air bho shealladh an neach-ionnsachaidh, mar a dh’fhaodas ionnsachadh a bhith air eagarachadh airson nam builean as fheàrr a ghabhas – ceàird phroifeiseanta an teagaisg.

Ann an sgoiltean, dh’fhaoidte gun cluinn sibh daoine ag ràdh, ‘’s e leasan math a bha siud’ no ‘’s e gnìomh math a bha siud’. Ciamar a bha fios aca? Dè bha an luchd-ionnsachaidh a’ smaoineachadh mun leasan àraid sin? A bheil sinn cinnteach gur e leasan soirbheachail a bha ann bho shealladh an luchd-ionnsachaidh?

Tha na ceithir builean aig A’ Churraicealam airson Sàr-mhathais aig cridhe an fhoillseachaidh seo: gum bu chòir do chloinn is do dhaoine òga tighinn gu bhith nan luchd-ionnsachaidh soirbheachail, nan daoine misneachail, nan saoranaich ciallach is nan com-pàirtichean èifeachdach. Gus na builean seo a choileanadh, tha feum againn air ionnsachadh is teagasg soirbheachail. Agus tha ionnsachadh is teagaisg soirbheachail an crochadh air dà fheart àraid a bhith suidhichte:

Tha seo a’ gabhail a-steach gum bi fios aig daoine òga dè dh’fheumas iad ionnsachadh. Agus luchd-obrach a bhith a’ cur eòlas math air luchd-ionnsachaidh mar dhaoine fa leth, is a’ faighinn a-mach dè dìreach na feumalachdan ionnsachaidh is eile a tha aca, agus dè na dòighean as fheàrr anns an ionnsaich iad.

’S dòcha gu bheil sin follaiseach gu leòr. Ach chan e a-mhàin gum feum fios a bhith aig luchd-ionnsachaidh càite bheil iad a’ dol, feumaidh fios a bhith aca cuideachd cuin a tha iad air sin a ruigsinn. Ga chur an dòigh eile, feumaidh fios a bhith aca dè tha an tidsear ag iarraidh. Is urrainn do eadhon clann fìor òg buannachadh bhon mhodh-obrachaidh seo ma tha iad a’ faighinn taic chùramach is mhothachail. Tha am prògram ’S ann airson Ionnsachadh a tha Measadh (AifL) air coimhead air tòrr de na feartan a tha an lùib ionnsachadh is teagasg soirbheachail. Tha e air iarraidh oirnn beachdachadh air:

Chan eil measadh airson ionnsachadh ùr, agus chan eil e cho iom-fhillte sin, ach do mhòran tha e a’ gabhail a-steach gluasad ann an smaoineachadh.

Tha comharran soilleir de na nithean a tha an tidsear a’ lorg a’ toirt comas do thidsearan is do sgoilearan le chèile dùilean a stèidheachadh. Tha ceangal soilleir eadar dùilean is soirbheas. Gus dùilean a shuidheachadh aig na h-ìrean as àirde a tha iomchaidh, feumaidh fios a bhith aig sgoiltean dè cho math ’s a tha an cuid chloinne a’ dèanamh. Agus ’s ann an sin a tha coimeasan le soirbheasan chàich cudromach. Tha e riatanach fios fhaighinn mu dè cho math ’s a tha buidhnean sgoilearan a’ dèanamh an coimeas ri buidhnean eile coltach riutha:

’S e aon thaobh de bhith ‘a’ co-roinn na h-ìre’ a tha sin. Chan ann dìreach mu thidsearan fa leth is buidhnean thidsearan a bhith a’ co-roinn nan ìrean a bhios iad a’ cur an gnìomh nuair a tha iad a’ measadh obair chloinn fa leth a tha e; tha e cuideachd mu roinnean, sgoiltean is buidhnean sgoiltean a bhith a’ co-roinn an ìrean gus brosnachadh a thoirt do na h-uile dèanamh cho math ’s as urrainn dhaibh. Dh’fhaoidte gum bi e cuideachail cuideachd do luchd-obrach a tha ag obair ann am foghlam tràth na cleachdaidhean aca fhèin agus adhartas is leasachadh na cloinne aca a choimeas ri eisimpleirean bho àitreabhan eile. Bhiodh seo buailteach a bhith tro thuairisgeulan de na ’s urrainn do chloinn a dhèanamh seach tro ìrean coileanaidh foirmeil.

Tha a bhith a’ leasachadh tuigse cumanta mu shlatan-tomhais airson soirbheis, a tha a’ buntainn ri raointean ionnsachaidh, agus an cur an gnìomh ann a bhith a’ measadh obair-chlasa is na ’s urrainn do chloinn a dhèanamh, na thaobh cudromach eile de bhith a’ co-roinn na h-ìre. Mar phroifeiseantaich, nuair a bhios sinn a’ breithneachadh air soirbheas, bidh sinn a’ coimhead airson comharran gu bheil ionnsachadh air tachairt tro atharrachaidhean follaiseach ann an, mar eisimpleir, eòlas, tuigse, sgilean, comasan, lèirsinnean, giùlain agus beachdan. Gu tric is e dùbhlan leantainneach a tha ann dhuinne nach eil na raointean iom-fhillte seo furasta am measadh. Ach, tha measadh leithid seo tro bhreithneachaidhean proifeiseanta riatanach airson a bhith a’ coileanadh sàr-mhathais. Tha measaidhean is deuchainnean nàiseanta, a tha air an deagh dhealbhadh, nan ceumannan a bharrachd a tha a’ meudachadh dligheachd is earbsachd measadh iomlan, ach nach eil a’ dol an àite measaidhean thidsearan.

Tha rèiteachaidhean measaidh a tha a’ toirt taic do shàr-mhathais ag obrachadh air grunn ìrean. Feumaidh sgoiltean a bhith beairteach a thaobh fiosrachadh is dàta, an dà chuid a thaobh measaidhean thidsearan agus toraidhean bhon taobh a-muigh, agus gus am fiosrachadh is an dàta sin a chleachdadh gus measadh a dhèanamh air dè cho soirbheachail ’s a tha ionnsachadh air a bhith uile gu lèir. Feumaidh iad measadh a chleachdadh gus leasachadh is taic a thoirt air ionnsachadh is teagasg, is gus ìrean a cho-roinn, an dà chuid a thaobh a bhith a’ tuigsinn shlatan-tomhais is a’ dèanamh coimeas eadar ìrean buileachaidh nan sgoilearan san sgoil agus na tha feadhainn eile air a choileanadh.

Tha sin a’ ciallachadh a bhith a’ cleachdadh measadh an dà chuid airson dòighean-làimhseachaidh a thaobh ionnsachadh, agus a bhith a’ co-roinn ìrean an dà chuid a thaobh measadh airson ionnsachadh agus measadh mu ionnsachadh.

Dè mu dheidhinn teagasg fhèin?

Tha e aithnichte gu leòr gur ann airson ionnsachadh a chomasachadh a tha teagasg sa chiad dol a-mach. Tha teagasg de chàileachd àrd bunaiteach a thaobh a bhith a’ coileanadh ionnsachadh soirbheachail agus na cho-theacsa riatanach airson na slighe gu sàr-mhathais.

Ann an sgoiltean sàr-mhath, tha teagasg a’ gabhail a-steach eagarachadh sgileil den t-seòmar-theagaisg no den t-seòmar-chluich, a bheir cothrom do chloinn uile ionnsachadh is leasachadh, agus gus an cuid ionnsachaidh a thogail is a chumail suas. Tha teagasg leithid seo a’ cleachdadh raon de dhòighean-obrach teagaisg a tha air am planadh le cùram, air am maidseadh gu math ri diofar fheumalachdan ionnsachaidh is ìrean leasachaidh chloinn fa leth. Tha e a’ toirt roghainnean do chloinn mu ghnìomhan is chleasan, far an cuidicheadh seo iad gus ionnsachadh. Tha fios againn gu bheil daoine òga ag ionnsachadh nas fheàrr nuair a bhios na tidsearan aca a’ toirt seachad mìneachaidhean soilleir, a tha a’ togail air an eòlas a tha aca mar-thà agus gan stiùireadh gu ruige eòlas nas doimhne. Tha teagasg sàr-mhath a’ dèanamh cinnteach gu bheil fios aig cloinn is daoine òga mu na neartan is na feumalachdan aca fhèin is gu bheil iad soilleir is misneachail mu na dh’fheumas iad a dhèanamh gus leasachadh.

Ann an sgoiltean sàr-mhath, tha tidsearan mothachail mu dhiofar sheòrsachan ceasnachaidh is tha iad a’ taghadh na dòigh as èifeachdaiche bhon eòlas aca gus coinneachadh ri feumalachdan an luchd-ionnsachaidh, a’ chuspair is a’ ghnìomh ionnsachaidh. Cuimhnichibh, bidh tidsearan sgoinneil a’ foighneachd cheistean sgoinneil. Bidh iad a’ coimhead air mar a bhios clann a’ freagairt is a’ mion-atharrachadh an dòighean-teagaisg a rèir sin. Tha sgoiltean leithid seo a’ brosnachadh chloinne gu bhith gnìomhach nan cuid ionnsachaidh, gus deasbad leis an luchd-ionnsachaidh eile a tha còmhla riutha is na tidsearan aca, is dùbhlan a thogail mu na beachdan aca. Tha tidsearan aca a bhios a’ co-roinn an sunndan is an lèirsinnean le cloinn is a’ cruthachadh aimsir bheairteach, dhùbhlanach is thaiceil airson ionnsachadh. Tha tidsearan aca a bhios a’ co-roinn an sunndan is an lèirsinnean le chèile, a bhios a’ gabhail com-pàirt gnìomhach nan leasachadh dreuchdail, agus a tha a’ cur an gnìomh na tha iad air ionnsachadh. Tha sgoiltean sàr-mhath fìor shoirbheachail ann a bhith a’ leasachadh is ag àrach dhàimhean chinneasach is dhòigheil eadar buill uile na coimhearsnachd sgoile, agus gu h-àraid eadar tidsearan is luchd-ionnsachaidh. Tha sgoiltean sàr-mhath fìor eòlach orra fhèin, is tha na daoine a tha annta ag obair còmhla gus cùisean a dhèanamh nas fheàrr.

Tha teagasg de chàileachd àrd bunaiteach airson ionnsachadh soirbheachail a choileanadh agus ’s e co-theacsa riatanach a tha ann airson na slighe gu sàr-mhathais.

Na Deich Tomhasan de Shàr-mhathais

Na Deich Tomhasan de Shàr-mhathais

Ciamar a chuidicheas an iùl seo sibh air an t-slighe gu sàr-mhathais?

Feumaidh fios a bhith aig luchd-siubhail air an ceann-uidhe, dè is càite air a bheil iad ag amas. San iùl seo tha sinn air feuchainn ris na prìomh ‘thomhasan’ de shàr-mhathais a mhìneachadh no, ga chur an dòigh eile, cò ris a tha sàr-mhathais coltach. Tha sinn air deich tomhasan a thaghadh is air na prìomh fheartan – is na fo-fheartan – aca a mhìneachadh.

Tha gach aon de na deich tomhasan a’ buntainn ri prìomh mhodhan-obrachaidh taobh a-staigh na sgoile. Bu chòir do gach aon cur ris na builean as àirde càileachd airson luchd-ionnsachaidh. Ged a tha na tomhasan air an taisbeanadh fa leth, tha dàimhean làidir eatorra. Tha na tomhasan ga do chuideachadh gus ciall a dhèanamh de dhùilean a dh’fhaodas a bhith a’ coimhead iom-fhillte – agus uaireannan a’ strì an aghaidh a chèile. Tha e an urra ribh fhèin co-dhùnadh dè an fheadhainn air an amais sibh is dè an t-òrdan san dèan sibh sin.

Tha an diagram air an duilleag mu choinneamh a’ sealltainn deich tomhasan sàr-mhathais, is na dàimhean a tha eatorra.

Aig cridhe a’ mhodail tha dà phrìomh thomhas:

Tha an dà phrìomh thomas seo a’ tighinn bho na h-ìrean as àirde de ionnsachadh is teagasg, mar cho-theacsa riatanach airson na tha an sgoil a’ dèanamh.

Tha na tomhasan eile uile a’ cur ri sàr-mhathais ann an ionnsachadh is ag amas air a bhith a’ coileanadh bhuilean soirbheachail. A’ dol deiseil timcheall air a’ mhodail, chì sinn, ann an sgoil shàr-mhath gu bheil coimhearsnachd na sgoile mar aon an lùib a bhith a’ leasachadh is a’ tighinn beò le lèirsinn chumanta. Tha ceannas làidir aig gach ìre aig sgoil leithid seo, ceannas airson ionnsachadh. Bidh i ag obair le buidhnean eile, a’ choimhearsnachd is pàrantan gus cothrom a thoirt do dhaoine òga soirbheachadh nan cuid ionnsachaidh. Tha sgoiltean sàr-mhath a’ sùileachadh gum meòraich an luchd-obrach uile air càileachd an fhoghlaim a tha iad a’ toirt seachad, is gum freagair iad gu math ris an dùbhlan bho thaobh a-staigh na sgoile is thar na sgoile. Bidh iad a’ cur luach air an luchd-obrach is na sgoilearan aca, a’ toirt na taic a tha a dhìth orra dhaibh, ach cuideachd a’ toirt cumhachd dhaibh gus co-dhùnaidhean a dhèanamh mu dheidhinn, is dleastanas a ghabhail airson, a bhith a’ leasachadh ionnsachadh. Tha sgoiltean sàr-mhath a’ dèiligeadh ri cloinn is daoine òga le urram is a’ cur earbsa annta le dreuchdan gnìomhach ann a bhith a’ dèanamh cho-dhùnaidhean. Bidh iad a’ gabhail cùram do dhaoine òga, is airson an luchd-obrach a bhios a’ toirt taic dhaibh is gan teagasg, is tha iad a’ dèanamh nas urrainn dhaibh airson dèanamh cinnteach às an slàinte is am mathais. Agus bunaiteach don a seo tha cultar sgoile a chuireas luach air, is a bhrosnaicheas, na h-ìrean as àirde mòr-mhiann is coileanaidh.

Sa cho-dhùnadh

Airson a dhol bho mhath gu sàr-mhath, tha feum air adhbhar moralta làidir, agus dealas airson a bhith a’ dèanamh eadar-dhealachadh math air beathannan chloinne, agus feumaidh gach ball de choimhearsnachd na sgoile seo a cho-roinn. Feumaidh sibh eòlas a chur a-rithist air na luachan a tha agaibh agus luachan dhaoine eile a sgrùdadh gus nithean a tha agaibh ann an cumantas a lorg.

Leis an iùl seo, coltach ri iùil uile, tha e an urra ribh fhèin co-dhùnadh dè na slighean a tha sibh airson a leantainn. Dh’fhaoidte gun toir cuid sibh gu ruige àiteachan a tha gu tur ùr dhùibh. Bidh sibh nas eòlaiche air feadhainn eile. Bidh cuid agaibh mar-thà air ur deagh dheasachadh. Do chuid eile, feumaidh sibh fhèin is an fheadhainn a tha timcheall oirbh sgilean ùra a leasachadh, agus dòighean obrachaidh gu tur eadar-dhealaichte a ghabhail os làimh. ’S dòcha gum bi cuid den sgioba agaibh a’ giùlain ‘eallaichean’ a chuireas maill oirbh. ’S dòcha gum bi cuid teagmhach no dì-chreidmheach gun soirbhich leibh, ’s dòcha seach gun do thachair rudan mì-tharbhach no doirbh roimhe. Feumaidh sibh a bhith dìorrasachd is tapaidh gus an t-amas agaibh a choileanadh.

Cuimhnichibh stad bho àm gu àm, gus tlachd a ghabhail às na tha sibh a’ coileanadh chun a seo, gus meòrachadh le càch air na tha sibh air a dhèanamh, gus tilleadh do na sgioban agaibh agus gus an t-slighe air adhart a phlanadh a rèir na tha sibh air a dhèanamh chun a seo.

Gu mì-fhortanach chan eil slighe ghoirid ann gu ruige sàr-mhathais. Ach tha an sgrìobhainn seo a’ dealbhachadh cuid de na slighean a tha air a bhith soirbheachail do chàch.

[ <<<] [Clàr-innse] [>>> ]