[ <<<] [Clàr-innse] [>>> ]

DÈ CHO MATH ’S A THA AN SGOIL AGAINN? - AN T-SLIGHE GU SÀR-MHATHAIS

Tomhas 1
A’ togail ùidh òigridh ann an sàr ghnìomhan ionnsachaidh

Tomhas 1

Tha an sgoil a’ toirt seachad ionnsachadh is teagasg de chàileachd fìor àrd. Tha i ag amas air feumalachdan gach sgoilear fa leth, air a bhith a’ cruthachadh na h-àrainneachd ionnsachaidh cheart airson gach sgoilear fa leth agus air a bhith a’ toirt chothroman do gach sgoilear airson leasachadh.

Tha clann moiteil às na pròiseactan rannsachaidh pearsanta is na coileanaidhean aca ann an spòrs, gnìomhan àrainneachdail is na h-ealain – tha amas air ionnsachadh fad-bheatha.

Tha an sgoil a’ tabhann fiosraichidhean farsaing – beairteach, brosnachail, spreòdach is dùbhlanach. Tha i a’ toirt taic làidir do na h-ealain fhaireachdail airson a bhith a’ leasachadh misneachd is fèin-mheas dhaoine òga, is airson a bhith a’ brosnachadh nua-chruthachas is smaoineachadh cruthachail.

A’ tilleadh le beachd-smuaintean bho chùrsa in-sheirbheis, thug an t-iar-cheannard a-mach pàipear mu ionnsachadh is teagasg is cho-roinn e/i seo leis an luchd-obrach uile. Às dèidh seo bha an sgoil a’ com-pàirteachadh chloinne barrachd len cuid ionnsachaidh. Tha toirt a-steach ’S ann airson Ionnsachadh a tha Measadh, ‘An rud as ciallaiche a chunnaic sinn bho chionn fhada’, leasachadh ionnsachadh co-obrachail, toirt a-steach ùìne mheòrachaidh is a’ deasbaireachd bhuilean ionnsachaidh le sgoilearan, air ionnsachadh is teagasg a chur aig cridhe deasbaireachdan is gnìomhan leasachaidh na sgoile.

Tha na bogsaichean air na duilleagan seo a’ sealltainn gheàrr-dhealbhannan bho sgoiltean.

Prìomh fheartan
Tomhas 1: A’ togail ùidh òigridh ann an sàr ghnìomhan ionnsachaidh

Tro fhoghlam, tha an comann-sòisealta a’ lìbhrigeadh eòlas is cultar do dhaoine òga. Tro fhoghlam, bu chòir do dhaoine òga leasachadh gu bhith nan daoine iomlan, a tha gu gnìomhach an toir air na fèin-aithnean is na h-aislingean aca fhèin.

Do chloinn fìor òg, tha cothroman gus a bhith gnìomhach, rudan a dh’fhaodadh a bhith cugallach a ghabhail os làimh, mearachdan a dhèanamh is ionnsachadh bhuapa, bunaiteach do bhith a’ fàs sunndach mu ionnsachadh. Tha feum aca air eòlasan farsaing is caochlaideach a bheir cothrom dhaibh sgrùdadh is rannsachadh. Feumaidh eòlas math mu leasachadh chloinne a bhith aig luchd-obrach a tha ag obair le cloinn òga is feumaidh iad a bhith mothachail mu na dòighean sam bi iad ag ionnsachadh. Tha feum aig cloinn òga air luchd-obrach a tha smaointeachail is meòrachail is a bhios gu gnìomhach gam brosnachadh gus a bhith neo-eisimeileach tro bhith a’ toirt dleastanas dhaibh airson an ionnsachadh bho ìre fìor thràth.

Feumaidh foghlam comas a thoirt do neach fianais a sheòrsachadh is a thomhas, gus an rud ceart aithneachadh bhon rud cheàrr, an fhìrinn bhon bhreug. (Martin Luther King)

Tha an t-amas air ionnsachadh is teagasg air tighinn gu bhith na phàirt bhunaiteach den smaoineachadh mu gach nì a tha a’ tachairt san sgoil. Tha seo a’ còmhdach raon farsaing, bho na rudan mòra follaiseach, leithid a bhith a’ com-pàirteachadh poileasaidh ionnsachaidh is teagaisg an ùghdarrais fhoghlaim, a bhith ag ath-bhreithneachadh curraicealam AS1/AS2, a bhith a’ leudachadh stèidheachadh thargaidean gu na h-ìrean uile taobh a-staigh na sgoile agus a bhith a’ toirt a-steach prògram soirbheachail de thaic airson sgoilearachd, gu bhith a’ daingneachadh rudan nas lugha a bhios a’ tighinn am bàrr gu làitheil. Chaidh seo a dhaingneachadh leis a’ chomharradh làidir a bha air a thoirt seachad san dòigh san robh goireasan air an riarachadh a rèir feumalachdan curraicealaim agus leasachaidhean ann an ionnsachadh is teagasg.

Bha clann na sgoil-àraich geur air ionnsachadh is bha iad a’ co-obrachadh math le luchd-obrach. Bha luchd-obrach ag eadar-obrachadh leotha gu sgileil gus taic is leudachadh a thoirt don cuid ionnsachaidh. Bha astar is cothromachadh nan gnìomhan fìor mhath.

Is e an dleastanas airson a bhith a’ comharrachadh feumalachdan foghlaim a tha a’ togail obair an tidseir a-mach às earrann an stiùiridh àbhaistich gu earrann an neach-phroifeiseanta aig a bheil urram mòr. (Memorandum na Bun-sgoile, 1965)

Is toil leam e nuair a tha an tidsear ag innse dhut dè tha thu gu bhith ag ionnsachadh airson ’s gum bi fios agad càite bheil thu aig deireadh. (sgoilear P6)

Ionnsachadh mar leasachadh pearsanta – a’ ciallachadh mòran ann am beathannan chloinne is dhaoine òga

Cudromachd dhàimhean, fhaireachdainnean is luachan ann an ionnsachadh; obair bhrosnachail le deagh adhbhar, a’ brosnachadh misneachd is dealas luchd-ionnsachaidh; ionnsachadh tlachdmhor is riarachail.

Tha sgoil math chun na h-ìre gu bheil...

Tha sgoil sàr-mhath chun na h-ìre gu bheil...

Dàimhean am measg chloinne is eadar luchd-obrach is cloinn càirdeil, agus luchd-obrach a’ dèanamh oidhirpean matha gus luachan aontaiche sgoile a bhrosnachadh.

Dàimhean gu co-chòrdail càirdeil is earbsach, taobh a-staigh faireachdainn làidir coimhearsnachd is luachan co-roinnte.

A’ mhòr-chuid de na h-eòlasan ionnsachaidh aca a’ còrdadh ris an luchd-ionnsachaidh, agus cuid dhiubh a’ toirt brosnachadh mòr dhaibh.

Fiosraichidhean ionnsachaidh mac-meanmnach, cruthachail, brosnachail is dùbhlanach.Tha iad a’ còrdadh ri daoine òga is tha iad a’ gabhail làn chom-pàirt.

Luchd-obrach mothachail is iad a’ gabhail aire do mhisneachaidhean is fhaireachdainnean dhaoine òga. Bidh iad ag aithneachadh cho cudromach ’s a tha iad seo is a’ bhuaidh a bhios iad a’ toirt air ionnsachadh dhaoine òga – a’ gabhail a-steach cho cudromach ’s a tha e gun cùm iad an aire air an cuid obrach is gum bi iad ag obair cruaidh.

Luchd-obrach a’ tuigsinn is a’ leasachadh mhisneachaidhean is fhaireachdainnean dhaoine òga. Bidh iad a’ togail orra is tha iad soirbheachail ann a bhith a’ cumail an aire is an dealas a thaobh ionnsachadh soirbheachail.

Luchd-obrach a’ dol an gnìomh gus ionnsachadh neo-eisimeileach a bhrosnachadh.

Bidh luchd-obrach gu co-chòrdail a’ brosnachadh feòrachas, neo-eisimeileachd is misneachd. Bidh iad ag eadar-obrachadh gu sgileil le cloinn gus taic is leudachadh a thoirt air an cuid ionnsachaidh.

Tha na tidsearan as fheàrr a’ toirt brosnachadh seachad is tha iad a’ cumail rian air cùisean, cuideachail is furasta bruidhinn riutha. (tidsear clasa)

Brosnachadh ionnsachadh gnìomhach

Cleachdadh raon farsaing de dhòighean-làimhseachaidh ionnsachaidh is teagaisg; deònachas is misneachd luchd-ionnsachaidh mar fheadhainn a tha a’ sireadh eòlas, tuigse is sgilean ùra; leasachadh comas smaoineachaidh, ceangal eòlas ùr ris an eòlas is na comasan a tha aig luchd-ionnsachaidh mar-thà; iomadh cothrom gus ceistean "fosgailte" a fhreagairt; ionnsachadh co-obrachail.

Tha sgoil math chun na h-ìre gu bheil...

Tha sgoil sàr-mhath chun na h-ìre gu bheil...

Luchd-ionnsachaidh a’ cur eòlas air diofar dhòighean-obrach a thaobh ionnsachadh is teagasg.

Luchd-ionnsachaidh a’ cur eòlas air raon farsaing de dhòighean-obrach ionnsachaidh is teagaisg. Tha co-theacsan airson ionnsachadh dùbhlanach is tlachdmhor, is tha iad a’ gabhail a-steach gnìomhan cruthachail is sgrùdail. Bidh daoine òga a’ gabhail com-pàirt ann an gnìomhan leithid seo le misneachd, is tha iad deònach a dhol an lùib a’ chunnairt gus mearachdan a dhèanamh oir tha iad a’ tuigsinn gum faod iad ionnsachadh bhuapa.

Mìneachaidhean thidsearan a thaobh chuspairean ùra a’ dèanamh cheangalan iomchaidh le ionnsachadh a rinneadh roimhe.

Mìneachaidhean thidsearan a thaobh cuspairean ùra is na sgilean a dh’ionnsaicheas sgoilearan fìor shoilleir. Bidh iad a’ sealltainn gu h-iomlan na ceangalan le ionnsachadh a rinneadh roimhe thar a’ churraicealam is ann an suidheachaidhean beatha fìor, is bidh iad a’ dèanamh ionnsachadh ùr brìghmhor.

Clann air am brosnachadh gus beachd-smuaintean bunaiteach a mhìneachadh sna faclan aca fhèin. Bidh gnìomhan is cleasan gan com-pàirteachadh san ionnsachadh aca tro bhith a’ smaoineachadh is a’ dèanamh, seach dìreach a bhith ag ath-aithris.

Clann gu tric a’ taisbeanadh no a’ mìneachadh fiosrachadh, beachd-smuaintean, pròiseasan is sgilean ùra don tidsear is do luchd-ionnsachaidh eile. Tha iad a’ tuisinn gu bheil ionnsachadh sàr-mhath a’ ciallachadh comas sin a shealltainn no a mhìneachadh gu soilleir do chàch sna faclan aca fhèin, gu labhairteach no ann an sgrìobhadh no ann an dealbhannan. Bidh clann òga an lùib ionnsachadh anns a bheil iad fhèin gu dìreach an sàs.

Ceistean thidsearan ag amas air prìomh amasan ionnsachaidh is a’ toirt cuireadh do luchd-ionnsachaidh smaoineachadh mun deidhinn.

Ceasnachadh an luchd-obrach sgileil is gu bheilear an còmhnaidh ag èisteachd ri freagairtean dhaoine òga is tha iad air an cleachdadh gus ionnsachadh a neartachadh. Le bhith a’ foighneachd cheistean fosgailte dhaibh gu tric, bidh iad ag ionnsachadh freagairtean breithnichte a thoirt seachad bho shealladh pearsanta. Bidh ùine aig cloinn airson smaoineachadh is meòrachadh mus freagair iad agus bidh iad uile a’ dùileachadh gun tèid iarraidh orra sin a dhèanamh. Bidh na freagairtean aca a’ leantainn air adhart gu ceasnachadh is còmhradh a bharrachd a bhios an uair sin nan sreathan ceasnachaidh ciallach.

Tha an tidsear as fheàrr fìor mhath air rudan a mhìneachadh is ga do chuideachadh nuair a tha feum agad air. (sgoilear P3)

Tha sgoil math chun na h-ìre gu bheil...

Tha sgoil sàr-mhath chun na h-ìre gu bheil...

Deasbaireachdan clasa a’ com-pàirteachadh raon iomchaidh sgoilearan taobh a-staigh a’ chlasa.

Na sgoilearan uile a’ tuigsinn gun tèid luach a chur air na freagairtean aca fa leth. Bidh clann a bharrachd air tidsearan a’ foighneachd cheistean – dha chèile agus don tidsear. Tha iadsan nach eil an lùib an deasbaireachd a’ gabhail com-pàirt tro bhith ag èisteachd, a’ smaoineachadh is a’ meòrachadh. Tha meud na buidhne deasbaireachd, agus feartan co-theacsail eile, air an dealbhadh gus coinneachadh ri feumalachdan na cloinne. Bidh deasbaireachdan le cloinn fìor òg, agus le cloinn nas sine nach eil cho misneachail, gu tric a’ gabhail àite ann am buidhnean beaga.

Tidsearan air an deagh eagarachadh, iad a’ dèanamh cinnteach gu bheil goireasan de chàileachd math is iad ag amas air na prìomh amasan ionnsachaidh.

Tidsearan a’ cur seachad ùineachan cudromach a’ teagasg gu gnìomhach. Bidh iad a’ lìbhrigeadh ionnsachadh gu pearsanta gu sgoilearan fa leth is do bhuidhnean a rèir am feumalachdan, seach a bhith an crochadh air a bhith ag obair tro leabhraichean-teacsa a-mhàin. Bidh tidsearan a’ taisbeanadh stuthan gu gnìomhach ann an dòigh structaraichte. Bidh iad an còmhnaidh a’ cumail sùil air mar a tha tuigse nan sgoilearan a’ leasachadh, a’ cur aghaidh air bun-bheachdan doirbh ann an ceumannan beaga, bidh iad a’ sìor dhealbhachadh, a’ neartachadh is a’ mìneachadh.

Chan e ionnsachadh a tha ann a bhith a’ toirt sìos rud far a’ bhùird. (sgoilear a bha ann roimhe)

A’ coinneachadh ri feumalachdan ionnsachaidh chloinne

Astar iomchaidh obrach; gnìomhan a tha dùbhlanach gu ìre iomchaidh; taic is fios air ais stèidhichte air eòlas iomlan a bhith aig tidsearan mu thuigse is feumalachdan ionnsachaidh an luchd-ionnsachaidh fa leth; luchd-ionnsachaidh a bhith a’ deasbaireachd mu na dòighean ionnsachaidh aca fhèin agus an soirbheasan is an adhartasan.

Tha sgoil math chun na h-ìre gu bheil... Tha sgoil sàr-mhath chun na h-ìre gu bheil...

Tidsearan ag aithneachadh cho cudromach ’s a tha e a bhith a’ toirt seachad fiosraichidhean ionnsachaidh a tha freagarrach a thaobh na h-ìre leasachaidh a tha na daoine òga air ruigsinn.

Tuigse chuimseach aig tidsearan mu ionnsachadh is leasachadh na cloinne is iad a’ toirt fios air ais a tha air a dhèanamh pearsanta airson gach neach-ionnsachaidh. Bidh iad a’ cumail sùil dhlùth air luchd-ionnsachaidh, a’ leantainn an adhartais is a’ cleachdadh an fhiosrachaidh sin gus an cuid adhartais san àm ri teachd a dhealbhadh. Bidh iad a’ strì gus dèanamh cinnteach às co-leantainneachd a thaobh dòigh-obrach is eòlasan ionnsachaidh aig ìrean gluasaid.

Cuid de dh’ionnsachadh co-obrachail is deasbaireachd buidhne a’ gabhail àite.

Daoine òga gu tric a’ gabhail com-pàirt ann an ionnsachadh co-obrachail is deasbaireachd le luchd-ionnsachaidh eile. Tha na gnìomhan seo air an dealbhadh gus a bheil smaoineachadh neo-eisimeileach gach neach-ionnsachaidh a’ cur ri obair na buidhne. Tha daoine òga a’ togail air tabhartasan a chèile gus tuigse chumanta a ruigsinn fhad ’s a tha iad a’ toirt urram do sheallaidhean na beag-chuid.

A’ mhòr-chuid de leasain, ghnìomhan is amannan ionnsachaidh a’ dol air adhart aig astar cunbhalach, air atharrachadh a rèir feumalachdan na cloinne. Tha riarachaidhean ùine is crìochan-obrach soilleir. Tha luchd-obrach a’ stèidheachadh riaghailtean obrach gus dèanamh cinnteach nach eil ùine air a chall air rianachd no cùisean giùlain.

Clann ag obair aig astar a tha gu co-chòrdail luath gu leòr, ach tha iad cuideachd a’ faighinn ùine gu leòr gus leasachadh is ciall a dhèanamh den cuid ionnsachaidh, gu h-àraid sna bliadhnachan tràtha. Tha tidsearan a’ riarachadh ùine iomchaidh airson stiùiridhean a thoirt seachad, a’ comharrachadh atharrachaidhean amais ann an leasain, gnìomhan is amannan ionnsachaidh. Chan eil ùine air a chosg air gnìomhan nach eil adhartach. Far a bheil gnìomhan air an dèanamh a-rithist, tha seo air a dhèanamh gu cothromach is leis an amas shònraichte a bhith a’ daingneachadh na chaidh ionnsachadh mar-thà.

Tha e nas fhasa rudan a thuigsinn ma tha thu a’ faighinn cothrom bruidhinn mun deidhinn. (sgoilear P6)

Tha sgoil math chun na h-ìre gu bheil...

Tha sgoil sàr-mhath chun na h-ìre gu bheil...

Tidsearan a’ dealbhadh no a’ mion-atharrachadh ghnìomhan is taic riatanach, a’ gabhail aire do reataichean adhartais is feumalachdan raon farsaing luchd-ionnsachaidh. Bidh iad ag innse mhion-amasan, a’ toirt geàrr-chunntas air susbaint an leasain, a’ toirt iomradh air na prìomh phuingean is air an fheum gus ath-bhreithneachadh a dhèanamh orra. Bidh tidsearan a’ toirt seachad stiùiridhean is mìneachaidhean soilleir, mionaideach is a’ toirt cothrom gnìomhach seachad a bhith a’ gleusadh eòlas.

Ionnsachadh sùbailte is air a mhion-atharrachadh gus aire a ghabhail do dh’ùidhean an luchd-ionnsachaidh. Bidh clann a’ fàs nas misneachaile nan cuid ionnsachaidh tro bhith a’ faighinn taic is dùbhlan iomchaidh. Bidh tidsearan a’ toirt làn aire do thuigse is do dh’fheumalachdan ionnsachaidh luchd-ionnsachaidh uile. Tha structar math air leasain is air amannan-teagaisg, le amasan dùblanach is le bhith a’ cleachdadh eagaraichean. Tha eòlas ùr air a cheangal ris na chaidh ionnsachadh mar-thà. Tha beachd-smuaintean air an ceangal ri chèile is air an cur ann an co-theacsa. Tha stuthan air an taisbeanadh ann an ceumannan. Tha raointean curraicealaim structaraichte air an teagasg ann an dòighean structaraichte. Bidh luchd-ionnsachaidh a’ daingneachadh bhun-bheachdan bunaiteach mus gluais iad air adhart chun na h-ath cheumannan gus an leasaich iad misneachd nan comasan fhèin. Bidh tidsearan ag eadar-obrachadh gu mothachail le daoine òga, mar a tha iomchaidh a rèir an ìre leasachaidh.

Bù chòir cothrom a bhith aig sgoilearan cuspairean a thaghadh. Tha mise airson a bhith math air rudan. (sgoilear)

[ <<<] [Clàr-innse] [>>> ]