[ <<<] [Clàr-innse] [>>> ]

Tha seachdain aig an sgoil airson a bhith a’ suidheachadh thargaidean pearsanta. Bidh clann a’ taghadh targaid, is aig deireadh na seachdaine bi pàrantan, ceannard na sgoile agus am pàiste a’ toirt beachd seachad agus ìre fèin-mheasaidh 1 gu 5. Feumaidh clann fianais a thoirt seachad is thathar gam brosnachadh a bhith onarach mu co dhiubh a tha iad air dèanamh math. An uair sin, bidh iad a’ suidheachadh na targaid aca fhèin. ‘Tha e mu dheidhinn a bhith a’ teagasg chloinne gun a bhith riaraichte le nas lugha na an rud as fheàrr.’ |
Bidh an t-àrd-sgioba stiùiridh an còmhnaidh a’ coimhead air adhartas chloinne fa leth. Tha coinneamhan ann le tidsearan airson leth-latha gach Sultain airson targaidean a shuidheachadh is airson bruidhinn mu gach sgoilear is far a bheil iad. Tha seo air ùrachadh san Fhaoilleach. Bidh ceannard na sgoile a’ cumail sùil air adhartas na cloinne gach mìos. Tha taic air amas air a’ chloinn uile le feumalachdan fa leth, a’ gabhail a-steach clann a tha comasach. |
Is urrainnear adhartas is cunntachalachd fhighe ri chèile gu h-èifeachdach. (Michael Fullan)
Thoiribh taic is brosnachadh dhuinn, agus èistibh rinn. (sgoilear ÀS4)
Tha na bogsaichean air na duilleagan seo a’ sealltainn gheàrr-dhealbhannan bho sgoiltean.
Prìomh fheartan
Tomhas 2: Ag amas air buadhan agus sàr shoirbheachadh airson gach neach-ionnsachaidh
Tha ceithir prìomh bhuilean aig foghlam do chloinn is do dhaoine òga. Tha e ag amas air an cuideachadh gu bhith nan:
Gus iad seo a choileanadh, tha feum aig sgoiltean air dealbhadh fìor èifeachdach a tha a’ togail air soirbheas a bha ann roimhe is a tha a’ coimhead air cùisean bho shealladh an neach-ionnsachaidh. Feumaidh e cuideachd a shoirbheis a chumail suas gu cùramach ann a bhith a’ coileanadh nam builean ris a bheil dùil is gus meòrachadh is ath-aithris air a shoirbheachaidhean.
Tha a’ chlann uile ag ionnsachadh mar a thaisbeanas iad iad fhèin is mar a bhios iad misneachail san t-saoghal fhìor. Tha mise ag iarraidh an rud as fheàrr is tha mi an còmhnaidh ga fhaighinn. Mura dèan thu seo tha thu a’ fàiligeadh an leanaibh. (ceannard-sgoile)
Tha soirbheas a’ togail soirbheis is a’ togail fèin-mhisneachd an dà chuid ann an luchd-ionnsachaidh is ann an luchd-obrach. (ceannard-sgoile)
Tha an sgoil misneachail mun bhuaidh a tha aig a’ phrògram ’S ann airson Ionnsachadh a tha Measadh (AifL) ann a bhith a’ toirt amas air sgilean is targaidean gu buil. ‘Mhion-atharraich sinn dealbhadh gus builean ionnsachaidh a dhèanamh nas soilleire, chuidich an dòigh-obrach "tha sinn ag ionnsachadh" sinn gus measaidhean nas neo-mhearachdaiche a dhèanamh, is chuidich an dòigh-obrach "dè tha mi a’ coimhead air a shon" sinn gus amas air adhartas le sgilean 5-14. Chleachd sinn foghlam creideimh is moralta, ceòl, dràma is matamataig mar thoiseach tòiseachaidh. Tha sinn a-nis a’ com-pàirteachadh chloinne ann a bhith a’ barganachadh nan targaidean aca fhèin.’ Ann an sgrìobhadh, tha AifL air amas nas gèire a thoirt do theagasg. Tha a’ chlann a-nis nas soilleire mu na nithean air a bheil iad ag amas seach gu bheil slatan-tomhais aca a tha air am mìneachadh ann an dòigh nas soilleire, is tha tidsearan a-nis a’ dèanamh mheasaidhean airson ionnsachadh is mu ionnsachadh, a tha ag amas barrachd air slatan-tomhais. |
Tha an t-iar-cheannard air griod fèin-mheasaidh a leasachadh do thidsearan airson a bhith ‘a’ co-roinn dhùilean ionnsachaidh.’ Bidh an sgioba stiùiridh cuideachd a’ tomhas buaidh tro bhith a’ samplachadh leabhraichean-obrach sgoilearan is a’ coimhead air sgrìobhadh a thaobh càileachd is eagarachadh is misneachadh is sunnd na cloinne. Tha seo air an aire a thogail a thaobh far a bheil iad an-dràsta is dè air am feum iad amas. |
Tha am faireachdainn as fheàrr againn don chloinn. Bidh sinn a’ co-roinn an toileachais a tha aca nan coileanaidhean fhèin. (luchd-obrach taice)
A’ dealbhadh nam builean airson ionnsachadh
Dealbhadh curraicealaim airson na sgoile air fad a tha gu soirbheachail a’ coileanadh bhuilean A’ Churraicealaim airson Sàr-mhathais; dealbhadh co-obrachail, a tha a’ gabhail aire do bheachdan sgoilearan is phàrantan; a’ taghadh bhuilean a ghabhas coileanadh; a’ togail air soirbheasan a bha ann roimhe; a’ coimhead air cùisean bho shealladh an neach-ionnsachaidh; ag aontachadh is a’ cleachdadh thargaidean airson ionnsachadh; a’ taghadh bhuilean gus coinneachadh ri feumalachdan fa leth.
Tha sgoil math chun na h-ìre gu bheil... |
Tha sgoil sàr-mhath chun na h-ìre gu bheil... |
Comhairle nàiseanta is ionadail a’ toirt fios do dhealbhadh curraicealaim. |
Dealbhadh curraicealaim a’ gabhail làn aire do na prionnsabalan a tha air an comharrachadh sa Churraicealam airson Sàr-mhathais. Tha e air a stèidheachadh gu làidir air aithne soilleir de dh’fheumalachdan dhaoine òga uile is tha e air a dhealbhadh gus aghaidh a chur ris na feumalachdan seo is an coinneachadh, ionnsachadh soirbheachail a thighinn às, agus misneachd, sgilean is comas sgoilearan gus tabhartas a dhèanamh a leasachadh. |
Luchd-obrach a’ dealbhadh bhuilean airson an ama ri teachd às dèidh beachdachadh air na chaidh a chòmhdach roimhe, is bidh iad ag innse do luchd-ionnsachaidh dè an ath rud a bhios sna prògraman a thathar a’ sgrùdadh, le fiosrachadh cho mionaideach ’s a tha freagarrach a rèir an ìre leasachaidh. |
Luchd-obrach a’ dealbhadh bhuilean san àm ri teachd, an dà chuid a thaobh a’ churraicealaim is a’ buntainn ri leasachadh pearsanta, às dèidh meòrachadh air na bha clann air ionnsachadh roimhe. Tha iad a’ com-pàirteachadh dhaoine òga, pàrantan is com-pàirtichean eile ann a bhith a’ dealbhadh ionnsachadh san àm ri teachd. |
Luchd-obrach a’ cleachdadh thargaidean cumanta gus dùilean luchd-ionnsachaidh a stiùireadh a thaobh na tha iad a’ dol a dh’ionnsachadh. |
Luchd-obrach ag aontachadh thargaidean le luchd-ionnsachaidh, a rèir an aois is an ìre leasachaidh. Tha na targaidean seo a’ suidheachadh dhùilean soilleir. |
Tidsearan a’ mìneachadh amasan leasain is ghnìomhan. Is àbhaist do mhìneachaidhean a bhith ag amas air susbaint is còmhdach. |
Mothachadh mionaideach aig luchd-ionnsachaidh air na sgilean a dh’ionnsaicheas iad tro bhith a’ gabhail com-pàirt sna gnìomhan dealbhte, agus an seòrsa is an càileachd obrach a bhios a dhìth gus coinneachadh ris na h-amasan a chaidh a mhìneachadh. Bidh luchd-obrach ag obair còmhla ri luchd-ionnsachaidh, a’ toirt deagh eisimpleir dhaibh, is gam brosnachadh gus beachd math a leasachadh a thaobh ionnsachadh. |
Nuair a tha luchd-obrach soilleir mu thargaidean is mhion-amasan, tha barrachd amais aig teagasg is tha clann a’ gabhail barrachd com-pàirt nan cuid ionnsachaidh fhèin. (tidsear clasa) |
|
A’ measadh nam builean airson ionnsachadh
Ceasnachadh eadar-obrachail a tha ag amas air builean; a’ co-roinn an dà chuid builean agus bun-stèidh breithneachaidhean thidsearan le luchd-ionnsachaidh; cleachdadh raon farsaing fianais ann a bhith a’ co-dhùnadh nan ath cheumannan ionnsachaidh; fios air ais ann an deagh ùine, a tha ag amas air a bhith a’ leasachadh ionnsachadh.
Tha sgoil math chun na h-ìre gu bheil... |
Tha sgoil sàr-mhath chun na h-ìre gu bheil... |
Measadh de dh’ionnsachadh dhaoine òga a’ gabhail a-steach eadar-obrachaidhean eadar luchd-ionnsachaidh is tidsearan. Tha e stèidhichte air ceistean a tha ag amas air prìomh amasan ionnsachaidh. |
Measadh a’ gabhail a-steach eadar-obrachaidhean le daoine òga, a tha air an dealbhadh is de chàileachd àrd, is a tha stèidhichte air ceistean feòrachail air an deach deagh smaoineachadh a dhèanamh, is a tha air an tarraing bho na builean a chaidh ionnsachadh chun a seo. Tha e a’ toirt cuireadh do sgoilearan gus smaoineachadh. |
Fios aig daoine òga gum bi an soirbheis stèidhichte air a bhith a’ coileanadh bhuilean a’ chùrsa no a’ phrògraim. |
Tha daoine òga soilleir mu sheòrsa is càileachd na h-obrach a tha a dhìth gus soirbheas a choileanadh sna builean aontaichte. |
Tidsearan gu riaghailteach a’ toirt seachad fios air ais, ann an sgrìobhadh, mu obair an luchd-ionnsachaidh, is bidh iad a’ bruidhinn riutha mu neartan an cuid obrach, am feumalachdan ionnsachaidh is an dòighean ionnsachaidh. |
Bidh luchd-ionnsachaidh fa leth a’ sireadh is a’ faighinn fios air ais ann an tràthalachd mu chàileachd an cuid obrach. Bidh iad a’ gabhail com-pàirt gnìomhach ann an deasbaireachd le tidsearan mu neartan an cuid obrach, na ceumannan a dh’fhaodas iad a ghabhail gus a leasachadh, na dòighean ionnsachaidh fa leth aca agus dòighean-obrach eile a dh’fhaodas iad a chleachdadh. |
Clann a’ measadh an cuid obrach fhèin is iad mothachail mu na prìomh neartan is laigsean aca fhèin. Bidh iad ag obair còmhla ri an co-aoisean is a’ tabhann bheachdan cuideachail dhaibh mun adhartas aca. |
Tha tidsearan a’ toirt comas do chloinn sgilean a leasachadh gus an obair aca fhèin is aig càch a mheasadh mu choinneamh slatan-tomhais soilleir. Tha mothachadh fìor shoilleir aig luchd-ionnsachaidh mu na feumalachdan ionnsachaidh aca fhèin, dè cho math ’s a tha iad a’ faighinn air adhart gu ruige targaidean ionnsachaidh, na ceangalan le ionnsachadh a rinneadh roimhe agus gnìomhan sam bith a dh’fheumas iad a dhèanamh gus an obair aca a leasachadh is gus am bi fios aca air na h-ath cheumannan a dh’fheumas iad a ghabhail. |
Tha a bhith ag innse dhuinn, aig toiseach leasain, dè a dh’fheumas sinn a dhèanamh agus carson, ga dhèanamh nas fhasa agus tha mi ag obair nas luaithe is nas fheàrr. (sgoilear àrd-sgoile) |
|
A’ meòrachadh air is a’ clàradh soirbheas stèidhichte air builean
A’ leantainn is a’ clàradh adhartas às dèidh eadar-theachd luath; clàran leantainneach luchd-ionnsachaidh; mothachadh chloinne mun adhartas aca ann a bhith ag ionnsachadh; meòrachadh le sgioban a thaobh a bhith a’ meudachadh ionnsachadh; a’ coimeas soirbheas a chaidh a choileanadh le soirbheas a thathar a’ dealbhadh gus ionnsachadh san àm ri teachd a leasachadh; a’ co-roinn ìrean.
Tha sgoil math chun na h-ìre gu bheil... |
Tha sgoil sàr-mhath chun na h-ìre gu bheil... |
Adhartas air a leantainn aig ìrean clasa is sgoilearan fa leth. |
Adhartas air a leantainn gu mionaideach aig na h-ìrean uile gus dèanamh cinnteach à adhartas mu choinneamh dhùilean àrda. Bidh luchd-obrach a’ dol an gnìomh sa bhad mura h-eil adhartas sgoilearan fa leth air a chumail suas. |
Daoine òga a’ cumail chlàran pearsanta de na h-ìrean buileachaidh aca is coileanaidhean nas fharsainge. |
Daoine òga a’ cumail chlàran leantainneach den adhartas aca gus an urrainn dhaibh sùil a chumail air an astar adhartais aca fhèin, gus an urrainn dhaibh an soirbheas fhèin aithneachadh ann a bhith a’ coileanadh bhuilean ionnsachaidh is gus èifeachdas an ionnsachaidh fhèin a mheasadh. |
Sgoilearan is luchd-obrach a’ cleachdadh fianais bho ghnìomhan ionnsachaidh latha-gu-latha ann a bhith a’ co-dhùnadh nan ath cheumannan ann an ionnsachadh. |
Sgoilearan is luchd-obrach a’ dealbhadh airson, a’ cruinneachadh is a’ cleachdadh raon farsaing fianais bho ghnìomhan ionnsachaidh ann a bhith a’ co-dhùnadh nan ath cheumannan ionnsachaidh is ann a bhith ag aithneachadh cò as fheàrr a chuidicheas iad. |
Measadh mu ionnsachadh air a dheagh dhealbhadh is air a chur ri chèile gus measadh a dhèanamh air prìomh amasan ionnsachaidh bloc obrach no cùrsa. |
Tidsearan a’ cleachdadh fiosrachadh bunaiteach airson measadh mu ionnsachadh, gus measadh a dhèanamh air ionnsachadh is teagasg is gus cuideachadh gus an cleachdadh aca a dhèanamh nas fheàrr. |
Sgioban roinneil is ìre a’ gabhail com-pàirt ann a bhith a’ meòrachadh le proifeiseantaich chom-pàirteachail aig ìrean eile is ann an àitreabhan is buidhnean-gnìomha eile gus dèanamh cinnteach gu bheil ìrean air an co-roinn is air an deasbaireachd. |
Sgioban a’ meòrachadh leis na com-pàirtichean aca gus ìrean aontachadh, gus measadh a dhèanamh air dòighean ionnsachaidh is gus dèanamh cinnteach gun urrainn do na com-pàirtichean uile an tabhartasan a mheudachadh is a dhol an gnìomh gus an ionnsachadh a leasachadh far a bheil sin riatanach. |
Luchd-obrach a’ cleachdadh thomhasan-ìre airson cuideachadh gus ionnsachadh a leasachadh. Tha seo a’ gabhail a-steach a bhith a’ cleachdadh dàta de dh’ìrean buileachaidh na sgoile air fad, a’ cleachdadh dàta a tha ri fhaotainn gu nàiseanta is gu h-ionadail. |
Tomhasan-ìre airson ionnsachadh a leasachadh a’ gabhail a-steach a bhith a’ mion-sgrùdadh dàta a thaobh a bhith a’ coileanadh bhuilean an coimeas ri dùilean, a’ cleachdadh dàta bho bhuidhnean is bho sgoiltean ag obair ann an co-theacsaichean eile a tha coltach riutha. Bidh luchd-obrach is sgioban a’ meòrachadh air is a’ dol an gnìomh gus na dùilean as àirde a shuidheachadh is gus ionnsachadh nan sgoilearan uile a leasachadh. |
Tha iad ag aithneachadh obair mhath is ma tha duilgheadasan agad, feuchaidh iad ri do chuideachadh. (sgoilear ÀS4) |
|
Ag aithris air soirbheas ann a bhith a’ coileanadh bhuilean
Fiosrachadh do phàrantan mu adhartas na cloinne aca chun a seo is dòighean gus taic a thoirt don ionnsachadh aca san àm ri teachd; aithris poblach.
Tha sgoil math chun na h-ìre gu bheil... |
Tha sgoil sàr-mhath chun na h-ìre gu bheil... |
Pàrantan a’ faighinn aithisgean a’ comharrachadh neartan, feumalachdan leasachaidh, ath cheumannan ionnsachaidh is ìrean buileachaidh iomlan na cloinne aca. |
Luchd-obrach soirbheachail ann a bhith a’ cuideachadh phàrantan gus tuigsinn is gus com-pàirt a ghabhail ann an deasbaireachd mu adhartas an cuid chloinne, na h-ath cheumannan ionnsachaidh agus na dòighean ionnsachaidh as iomchaidh airson nam feumalachdan fa leth aca. Bidh na deasbaireachdan seo a’ com-pàirteachadh luchd-obrach agus a’ chlann fhèin. Tha luchd-obrach math air pàrantan a chuideachadh gus tuigsinn mun dreuchd a dh’fhaodas a bhith aca ann a bhith a’ toirt taic do, is leasachadh air, ionnsachadh an cuid chloinne. Às dèidh nan deasbaireachdan seo, bidh pàrantan a’ gabhail cheumannan gnìomhach gus cur ri foghlam an cuid chloinne. |
I a’ taisbeanadh cunntachalachd airson soirbheas a sgoilearan le bhith ag aithris gu h-iomchaidh aig ìre sgoile. |
I a’ taisbeanadh cunntachalachd airson soirbheas a sgoilearan le bhith ag aithris gu h-iomchaidh don bhuidhinn phàrantail is a’ choimhearsnachd mu choileanadh bhuidhnean, a bharrachd air ìre na sgoile iomlain. Tha i a’ cur ri aithris nas fharsainge mu shoirbheas sgoiltean san sgìre ionadail a thaobh ìrean buileachaidh nan sgoilearan, coileanaidhean nas fharsainge agus reataichean com-pàirteachaidh làithreach is teachdail ann am foghlam, cosnadh is trèanadh às dèidh sgoile. |
Bidh tidsearan a’ bruidhinn riut mun obair agad airson ’s gu bheil fios agad dè nì thu gus fàs nas fheàrr. (sgoilear P7) |
|
[ <<<] [Clàr-innse] [>>> ]