[ <<<] [Clàr-innse] [>>> ]

Bha an ceannard-sgoile ùr a’ com-pàirteachadh coimhearsnachd na sgoile is a com-pàirtichean ann a bhith a’ coimhead air lèirsinn is amasan na sgoile còmhla. Bha an luchd-obrach is Bòrd na Sgoile ag obair còmhla gus co-chomhairle le pàrantan a cho-òrdanachadh. Tha coimhearsnachd na sgoile a’ faireachdainn gu bheil sealbh aice air an lèirsinn is air na h-amasan. Bha ceannard na sgoile is an luchd-obrach còmhla a’ meòrachadh air cleachdadh làithreach thar na sgoile is a’ comharrachadh dhaoine le neartan sònraichte a bhiodh cudromach don sgoil ann a bhith a’ strì airson leasachadh. |
Tha lèirsinn soilleir aig an sgoil a tha air a cur an cèill sa bhriathar ‘cha dèan a’ chùis ach an rud as fheàrr.’ Is iad na prìomh nithean: dùilean àrda, a bhith a’ cur luach air luchd-obrach is a’ tasgadh san leasachadh phroifeiseanta aca. Tha ceannard na sgoile cuideachd a’ gabhail dleastanas airson dealbhadh is eagarachadh latha-gu-latha, a’ toirt ùine do luchd-obrach gus a bhith innleachdach is gus adhartas a dhèanamh. Tha co-chòrdaileachd cleachdaidh is ìrean eagarachaidh fìor àrd ann an seòmraichean-teagaisg, taisbeanaidhean is dealbhadh follaiseach dha-rìreabh. |
’S e modh-obrachaidh de bhith beò sa bheatha seo a tha ann am foghlam, chan e deisealachadh airson a bhith beò san àm ri teachd. (John Dewey)
Tha na bogsaichean air na duilleagan seo a’ sealltainn gheàrr-dhealbhannan bho sgoiltean.
Prìomh fheartan
Tomhas 3: A’ leasachadh lèirsinn chumanta am measg chloinne is òigridh, pàrantan is luchd-obrach
Tha e gu h-àraid cudromach lèirsinn chumanta a leasachadh am measg gach ball de choimhearsnachd na sgoile. Aig cridhe na lèirsinn sin bidh solarachadh an ionnsachaidh is an teagaisg as àirde càileachd is an fheum dèanamh cinnteach gu bheil clann uile a’ coileanadh an comasan as fheàrr.
Tha sinn an còmhnaidh a’ feuchainn ris an sgoil a dhèanamh nas fheàrr. Bhiodh e air a bhith furasta suidhe air ais ach bha sinn airson faighinn a-mach dè a bha a’ feumachdainn leasachadh is aire. Bidh sinn a’ cur crìoch air rud is ag ràdh ‘Dè an ath rud?’. Mar eisimpleir, bha litreachadh math ach cha robh e math gu leòr. Tha ìrean fìor àrd againn. (tidsear clasa)
Bu chòir lèirsinn na sgoile a bhith air a co-roinn tro làithean fosgailte gus cothrom a thoirt do phàrantan is don choimhearsnachd tighinn a-steach is eòlas a chur air an sgoil. (tidsear clasa)
Tha an lèirsinn airson na sgoile air a cheangal ris na prìomhachasan airson a’ phlana leasachaidh trì-bliadhna. Tha an clàr-gnothaich air a shuidheachadh tro dhòigh-obrach co-obrachail a thaobh a bhith a’ dèanamh cho-dhùnaidhean is bidh seo a’ cur luach air luchd-obrach is a’ com-pàirteachadh luchd-obrach is com-pàirtichean na sgoile. Bidh luchd-obrach an còmhnaidh a’ tilleadh chun na lèirsinn is chun nan amasan nuair a tha iad a’ dèanamh cho-dhùnaidhean deireannach. Tha a bhith a’ strì gus Duais a’ Chomharraidh Chlàraichte a chosnadh air amas cumanta a thoirt don sgoil is air a h-uile duine a chom-pàirteachadh ann am pròiseas a bhith a’ meòrachadh air is a’ leasachadh cleachdadh. Tha an sgoil air co-dhùnadh com-pàirt a ghabhail ann am pròiseactan is ann an iomairtean gus obrachadh com-pàirteachail a bhrosnachadh. Tha e ag amas air gabhail ri atharrachadh ach cuideachd adhartas a mhion-sgrùdadh is a mheasadh gu leantainneach. Tha e air ceangalan soilleir a stèidheachadh eadar plana-leasachaidh na sgoile, an aithisg ìrean is càileachd agus a lèirsinn is a h-amasan. |
Nàdar na lèirsinn
Dleastanas coimhearsnachd na sgoile uile ann a bhith a’ toirt comas do chloinn is dhaoine òga uile gus comasan is beachd-smuaintean iomchaidh a leasachadh; a’ stèidheachadh iùl a bhrosnaicheas dùilean àrda agus beachd-smuain ‘is urrainn dhomh’; a’ cruthachadh nan cumhaichean far a bheil cruthachas is innleachdas a’ soirbheachadh; a’ brosnachadh cothromachd, ceartas, co-ionannachd chothroman is ruigsinneachd; a bhith a’ stèidheachadh amas air ionnsachadh is dàimhean; a bhith a’ cur luachan an gnìomh; a bhith ag amas air leasachadh is air a bhith a’ togail coileanadh.
Tha sgoil math chun na h-ìre gu bheil... |
Tha sgoil sàr-mhath chun na h-ìre gu bheil... |
I ag amas air comasan dhaoine òga a bhrosnachadh is a leasachadh thar a’ churraicealaim. Tha luchd-obrach air cleachdaidhean èifeachdach a ghabhail os làimh airson a bhith a’ brosnachadh giùlan math. |
An luchd-obrach uile ag amas air a bhith a leasachadh chomasan is bheachd-smuaintean dhaoine òga tro dhòighean-obrach ionnsachaidh is teagasg is tro eòlasan an dà chuid anns an sgoil agus a-mach às an sgoil. Bidh iad a’ cruthachadh nan suidheachaidhean sa bheil luchd-ionnsachaidh a’ faireachdainn sàbhailte, tèarainte is gu bheil luach air a chur orra. |
Tha dòighean-obrach a’ gabhail a-steach a bhith a’ stèidheachadh chòraichean is dhleastanasan agus siostaman dhuaisean is shònrachaidhean. |
Beachd-smuain aig an sgoil gu bheil i comasach air rudan a dhèanamh. Chan e a-mhàin gu bheil clann modhail, bidh iad ag ionnsachadh le càch is a’ toirt taic do chàch. Tha iad airson coileanadh gu ìre àrd a thaobh an amasan pearsanta, a bhith an lùib beatha na sgoile is a’ faireachdainn math mun deidhinn fhèin is an sgoil aca. |
Thathar a’ brosnachadh luchd-obrach gus an cleachdadh a leasachadh mar phàirt de lèirsinn na sgoile airson leasachadh. |
I ag àrachadh cruthachas am measg luchd-obrach agus dhaoine òga. Bidh buill uile na coimhearsnachd sgoile ag eadar-obrachadh gu cruthachail thar chrìochan aoise is ìre, dreuchdan is raointean-ùghdarrais foirmeil is com-pàirteachas sa churraicealam fhoirmeil no ann a bhith ag ionnsachadh taobh a-muigh uaireannan sgoile. Tha an dà chuid luchd-obrach is daoine òga air am brosnachadh gus a bhith innleachdach is com-pàirt a ghabhail ann an smaoineachadh gnìomhach is meòrachadh is ceasnachadh breithneachail. |
Thathar a’ brosnachadh chloinne gus fad-fhulangas is co-fhaireachdainn a shealltainn is gus taic a thoirt do chàch. Bidh luchd-obrach a’ dol an gnìomh gu làidir gus aghaidh a chur ri lethbhreith. |
I ag innse cho cudromach ’s a tha e a bhith a’ cur luachan an gnìomh. Tha luchd-obrach is sgoilearan a’ taisbeanadh cunntachalachd pearsanta, co-fhaireachdainn is taic do chàch, agus tha iad gu gnìomhach a’ brosnachadh cothromachd is ceartas nuair a tha iad a’ dèiligeadh ri chèile. |
Feumaidh sgoiltean eòlas math a chur air teaghlaichean is clann. (ceannard-sgoile) |
|
Tha sgoil math chun na h-ìre gu bheil... |
Tha sgoil sàr-mhath chun na h-ìre gu bheil... |
Leasachadh sgoile agus coileanaidhean sgoilearan nam pàirt de lèirsinn na sgoile. |
Luchd-obrach a’ coileanadh tron cuid ghnìomhan gu bheil leasachadh sgoile is a bhith a’ togail ìrean coileanaidh fìor chudromach. Bidh iad a’ brosnachadh is a’ dèanamh cinnteach à càileachd a thaobh cothroman is ruigsinneachd co-ionann. |
Luchd-ceannais a’ mion-sgrùdadh fiosrachadh, a’ comharrachadh dhòighean-obrach iomchaidh is a’ cur sgioban an gnìomh taobh a-staigh na sgoile gus an lèirsinn a lìbhrigeadh. |
Luchd-obrach a’ cur an gnìomh dhòighean-obrach co-chòrdail thar na sgoile a tha a’ faighinn taic bho phoileasaidhean, siostaman is structaran a tha a’ sealltainn lèirsinn na sgoile. Bidh iad gu co-chòrdail a’ brosnachadh dealas còmhla airson nan ìrean as àirde a ghabhas coileanadh agus soirbheas airson an luchd-ionnsachaidh uile. |
Tha e mu dheidhinn an lèirsinn is na beachd-smuaintean innleachdach a bhith agaibh, macmeanmna agus dòigh-smaoineachaidh gum feuch sibh rud sam bith – is tha a’ chlann an uair sin a’ togail sin cuideachd. (ceannard-sgoile) |
|
A’ cruthachadh na lèirsinn co-roinnte
A’ suidheachadh stiùireadh ro-innleachdach a tha mòr-mhiannach is dùbhlanach; a’ com-pàirteachadh luchd-obrach, sgoilearan is phàrantan gu gnìomhach ann a bhith a’ leasachadh lèirsinn chumanta tro mheòrachadh is deasbad; a’ cumadh na lèirsinn seo ann an dlùth cho-chomhairle le com-pàirtichean, luchd-ùidh is a’ choimhearsnachd as fharsainge.
Tha sgoil math chun na h-ìre gu bheil... |
Tha sgoil sàr-mhath chun na h-ìre gu bheil... |
I ag amas air lèirsinn shoilleir, ro-innleachdail a bheir aire do bheachdan na h-uile a tha an lùib na sgoile is a’ toirt fiosrachadh do leasachadh/dealbhadh sgoile. |
An stiùir airson an ama ri teachd mòr-mhiannach, dùbhlanach is leantainneach. Tha e air a chumadh le aire fiosraichte mu smaoineachadh làithreach foghlaim is a’ gabhail a-steach meòrachadh is deasbad tric am measg dhaoine òga, phàrantan, luchd-obrach is com-pàirtichean, agus mion-sgrùdadh mu far a bheil an sgoil, an roinn no an sgioba. |
Dealas aig luchd-obrach don lèirsinn. Tha e air a chur an cèill ann an aithrisean rùin is poileasaidhean sgoile a tha air an deagh stèidheachadh is a tha co-chòrdail le aithrisean leithid seo. |
Tha an dealas riatanach am measg an luchd-obrach, nan sgoilearan, nam pàrantan uile is a’ choimhearsnachd as fharsainge glèidhte. Bidh luchd-ceannais aig gach ìre a’ misneachadh is a’ brosnachadh chàich gus an dealas seo a chumail a’ dol tro na ceangalan làitheil aca. |
Tha sinn an còmhnaidh ag ath-bhreithneachadh air na tha sinn a’ dèanamh is a’ coimhead gu geur air a’ chleachdadh againn fhèin agus air feumalachdan gach aon den chloinn againn. (ceannard-sgoile) |
|
A’ cumail suas na lèirsinn co-roinnte
Is iad fèin-mheasadh, co-dhealbhadh is co-chunntachalachd na stiùirean riatanach; a bhith a’ misneachadh is a’ brosnachadh chàich gus dealas a chumail suas còmhla; a bhith a’ com-pàirteachadh riochdairean bho chom-pàirteachasan nas fharsainge nuair a thathar ag ath-bhreithneachadh air obair na sgoile; a bhith a’ dealbhadh leasachaidhean ùra is a’ comharrachadh leasachaidhean airson an ama ri teachd.
Tha sgoil math chun na h-ìre gu bheil... |
Tha sgoil sàr-mhath chun na h-ìre gu bheil... |
Luchd-obrach a’ dealbhadh is a’ measadh gu h-èifeachdach aig gach ìre san sgoil. Bidh ceannardan a’ cumail ceum ri iomairtean nàiseanta is ionadail, a’ dèanamh fiosrachadh mu na h-iomairtean seo ruigsinneach taobh a-staigh structaran co-chomhairleach na sgoile is gan cleachdadh mar stiùirean gus poileasaidh a chumadh. |
Luchd-obrach a’ faicinn fèin-mheasadh, co-dhealbhadh is co-chunntachalachd mar stiùirean riatanach. Bidh iad a’ stèidheachadh lèirsinn dhùbhlanach is mhòr-mhiannach na sgoile gu dlùth air toraidhean neo-mhearachdach fèin-mheasaidh. Tha com-pàirteachas na sgoile ann an iomairtean nàiseanta is ionadail air a dhealbhadh gu cùramach agus is urrainnear a chumail suas. |
Bidh luchd-ceannais a’ sgaoileadh fiosrachadh is dàta coileanaidh is bidh iad gu tric a’ comhairleachadh le luchd-obrach air poileasaidhean is planaichean-leasachaidh. |
Tha luchd-obrach ag aithneachadh an luach a tha an lùib a bhith a’ cleachdadh raon farsaing dàta airson a bhith a’ mion-sgrùdadh buaidh lèirsinn na sgoile airson ionnsachadh. Bidh iad a’ cleachdadh thoraidhean nam mion-sgrùdaidhean aca gus na gnìomhan leasachaidh aca amas air a dhol an gnìomh is bidh buaidh chudromach aig a seo aig eòlasan ionnsachaidh nan sgoilearan. |
Bidh luchd-obrach a’ toirt iomradh air an lèirsinn aig ìrean bunaiteach den phròiseas leasachaidh/dealbhaidh. |
Bidh gach ball de choimhearsnachd na sgoile a’ gabhail làn aire do lèirsinn na sgoile nuair a thathar ag ath-bhreithneachadh air a cuid obrach, a’ cur leasachaidhean an gnìomh is a’ cumadh stiùireadh airson an ama ri teachd. |
Is iad dealbhadh is eagarachadh crann-stèidh na sgoile seo. (ceannard-sgoile) |
|
[ <<<] [Clàr-innse] [>>> ]