[ <<<] [Clàr-innse] [>>> ]

DÈ CHO MATH ’S A THA AN SGOIL AGAINN? - AN T-SLIGHE GU SÀR-MHATHAIS

Tomhas 4
Ag àrach ceannas de chàileachd àrd aig gach ìre

Tomhas 10

Tha soirbheas air tighinn bho lèirsinn cho-roinnte a tha air a brosnachadh tro cheannardas de chàileachd àrd a tha a’ leasachadh dòigh-obrach sgioba a thaobh a bhith a’ dèanamh rudan nas fheàrr. Bidh dùilean àrda bho cheannard na sgoile is bhon àrd-sgioba stiùiridh a’ toirt buaidh air luchd-obrach is air sgoilearan. ‘Cha dèan ach an rud as fheàrr a’ chùis do na sgoilearan againn.’

Tha ceannard na sgoile fìor fhollaiseach san sgoil is gu gnìomhach an lùib a bhith a’ toirt taic do sgoilearan. Tha e furasta do bhuidhnean uile luchd-obrach bruidhinn ris, is tha seo a’ toirt seachad comharradh làidir gu bheilear a’ cur luach air daoine. Tha com-pàirteachas pearsanta aghaidh-ri-aghaidh a’ tabhann fada a bharrachd don neach fa leth agus, thar sin, don sgoil air fad.

Bidh ceannard na sgoile a’ toirt iomradh air ‘cleachdadh fiosraichte’ (measgachadh de eòlas is rannsachadh). Bidh ceannard na sgoile a’ faicinn luchd-ceannais san sgoil mar luchd-ceannais ionnsachaidh, a bhios a’ gabhail com-pàirt gu gnìomhach tro thadhalan clasa. Bidh gach neach-ceannais ag ionnsachadh tro mheòrachadh is a’ tuigsinn prìomh dhreuchd na h-àrainneachd ionnsachaidh.

Bidh sinn a’ gabhail gach cothrom gus cuideam a chur air cho cudromach ’s a tha na tha sinn a’ dèanamh mar thidsearan. Tha e ‘proifeiseanta’ san t-seagh is gu bheil e cudromach dhuinn, is gu bheil sinn airson a dhèanamh gu math. San dòigh seo, tha sinn a’ sealltainn do sgoilearan cho cudromach ’s cho luachmhor ’s a tha iad. (tidsear)

Tha na bogsaichean air na duilleagan seo a’ sealltainn gheàrr-dhealbhannan bho sgoiltean.

Prìomh fheartan
Tomhas 4: Ag àrach ceannas de chàileachd àrd aig gach ìre

Tha ceannas sàr-mhath in-ghabhaltach. Tha e a’ gabhail a-steach raon farsaing dhaoine taobh a-staigh na sgoile, sgoilearan nam measg, ann a bhith a’ stiùireadh nithean a’ buntainn ri obair na sgoile. Bidh an ceannas as èifeachdaiche an còmhnaidh ag amas air a bhith a’ leasachadh ionnsachadh chloinne mar phrìomhachas os cionn chàich.

Tha ceannas sàr-mhath cuideachd mu dheidhinn a bhith a’ toirt dhaoine còmhla riut gu ruige lèirsinn cho-roinnte. Feumaidh lèirsinn leithid seo a bhith leantach is seasmhach. Bidh ceannas sàr-mhath a’ cumail aire air dealbh shìmplidh is chiallach a thaobh far a bheil an sgoil a’ dol.

Tha ceannard-sgoile sàr-mhath onarach is comasach gu leòr gus ionnsachadh gu luath nuair a tha feum air a sin, ach mar as trice, gu meòrachail. (prìomh thidsear)

Tha ceannard na sgoile a’ gabhail cùram mu ar deidhinn is ag iarraidh gun dèan sinn cho math ’s as urrainn dhuinn. (sgoilear P7)

Feumaidh ceannardan-sgoile stiùireadh le deagh eisimpleir. Bu chòir ìomhaigh àrd a bhith aca is leigeil le daoine fhaicinn gu bheil iad deònach an làmhan fhèin a shalach. (pàrant)

Rinn raon de luchd-obrach saor-thoileach sgrùdadh air stait slàinte na sgoile mar choimhearsnachd de luchd-ionnsachaidh, airson eacarsaich ‘A’ Gabhail Beachd’. Bha iad ag amas air deagh chleachdadh is raointean a bha a’ feumachdainn leasachadh. Bha seiseanan tùsail a’ gabhail a-steach dian-smaoineachadh, ag amas air grunn raointean, nam measg dleastanas is cunntachalachd (a’ neartachadh dreuchd an tidseir chlasa), dàimhean is dòighean-seallaidh, agus dreuchdan ceannais is colaisteachd.

Tha luchd-obrach uile, an sgioba stiùiridh, tidsearan, luchd-cuideachaidh, luchd-leigheis, banaltraman, luchd-cuideachaidh clasa, luchd-glanaidh, luchd-frithealaidh is luchd-obrach rianachd a’ gabhail com-pàirt, far a bheil sin iomchaidh, ann an dealbhadh leasachaidh is ann an trèanadh luchd-obrach a tha air a stiùireadh gu ruige a bhith a’ toirt taic do dhaoine gus coinneachadh ri feumalachdan nan sgoilearan uile. Thathar a’ cur luach air luchd-obrach le bhith gan com-pàirteachadh ann an deasbaireachdan mu stiùir na sgoile san àm ri teachd. Tha stoidhle ceannais an àird-sgioba stiùiridh in-ghabhaltach is brosnachail.

Bha an ceannard is an t-iar-cheannard air obair-sgioba fìor mhath a leasachadh le luchd-obrach, a’ cur chloinne aig teis-meadhain leasachaidhean airson na sgoil-àraich.

A’ stiùireadh ionnsachadh

An t-amas air ionnsachadh is teagasg mar stiùir aig teis-meadhain leasachadh sgoile; a’ cur ionnsachadh is teagasg aig meadhan dealbhadh is leasachadh luchd-obrach; a’ toirt sàr eisimpleir seachad mar neach-ionnsachaidh ceannardach.

Tha sgoil math chun na h-ìre gu bheil...

Tha sgoil sàr-mhath chun na h-ìre gu bheil...

Luchd-ceannais a’ suidheachadh poileasaidh ionnsachaidh is teagaisg èifeachdach, air a leasachadh ann an com-pàirteachas le feadhainn eile. Bidh iad a’ dèanamh cinnteach gu bheil fios aig an luchd-obrach mu a prionnsabalan is a cleachdaidhean.

Luchd-ceannais aig ìrean uile san sgoil a’ dèanamh cinnteach gu bheil buileachadh pragtaigeach a’ phoileasaidh ionnsachaidh is teagaisg na phrìomh stiùir a thaobh leasachadh sgoile. Tha e a’ cur fios ri, agus a’ ceangal ris na poileasaidhean eile uile is tha a phrionnsabalan air an eadar-theangachadh gu gnìomh làitheil.

Bidh luchd-ceannais a’ dèanamh cinnteach gu bheil ionnsachadh na mheur cho-chòrdail ann an leasachadh sgoile/dealbhadh leasachaidh, cuide ri raon eile phrìomhachasan.

Tha luchd-ceannais a’ dèanamh cinnteach gu bheil ionnsachadh na phrìomh amas ann am planaichean sgoile, roinne is leasachadh ìre, is gu bheil prìomhachasan ionnsachaidh ceangailte ri dòighean-obrach clasa.

Bidh luchd-ceannais a’ dealbhadh phrògraman leasachadh sgoile, ann an co-chomhairle le feadhainn eile, a tha a’ cothromachadh feumalachdan is prìomhachasan sgoile, buidhne is sgoilearan fa leth, agus a tha a’ toirt seachad chothroman gus dòighean-obrach a thaobh ionnsachadh is teagasg a leasachadh.

Tha luchd-ceannais a’ toirt seachad leasachadh luchd-obrach a tha ag amas gu làidir air ionnsachadh, teagasg is a bhith a’ coileanadh fheumalachdan agus a’ bhuaidh a tha aca air coileanaidhean sgoilearan. Tha ionnsachadh luchd-teagaisg co-obrachail is colaisteach, is air a stiùireadh le luchd-cleachdaidh air a bheilear a’ cur luach is urram mòr. Tha dealas làidir pearsanta aig luchd-obrach do bhith ag adhartachadh an cuid ionnsachaidh fhèin is gu bhith a’ toirt deagh eisimpleir air ionnsachadh do sgoilearan.

Bidh luchd-ceannais a’ toirt taic do leasachadh luchd-obrach ann an ionnsachadh, a’ cruthachadh chothroman do luchd-obrach an eòlas a leasachadh is modhan airson tadhalan clasa a leasachadh.

Tha luchd-ceannais nan luchd-ionnsachaidh treòrachail, a’ dèanamh thadhalan clasa, a’ toirt fios air ais, a’ co-roinn lèirsinnean gu farsaing is a’ brosnachadh fèin-mheasadh. Tha iad a’ brosnachadh amas leantainneach air teagasg mar chiùird. Bidh iad a’ co-roinn thoraidhean rannsachaidh.

Bidh ceannardan a’ cur structar air curraicealam, ann an co-chomhairle le feadhainn eile, a’ gabhail aire do phrionnsabalan is phrìomhachasan curraicealaim nàiseanta is ionadail.

Bidh luchd-ceannais a’ tagradh is ag ath-thagradh adhbharan a’ churraicealaim ann a bhith a’ leasachadh chomasan is bheachd-smuaintean dhaoine òga.

Bha e cudromach dhuinn cluinntinn gun robh teagasg clasa gu bhith na phrìomh amas de phlana leasachaidh na sgoile. (prìomh thidsear)

A’ togail ceannas aig na h-ìrean uile

A’ daingneachadh chleachdaidhean colaisteach is co-obrachaidh; a’ daingneachadh cultar a tha a’ toirt modail èifeachdach seachad air ceannas fhad ’s a thathar a’ trèanadh cheannardan; a’ cruthachadh shuidheachaidhean far a bheil daoine is buidhnean a’ faireachdainn gu bheil cumhachd aca is far a bheil iad misneachail gun urrainn dhaibh, is gu bheil iad, a’ toirt buaidh mhath air beatha na sgoile.

Tha sgoil math chun na h-ìre gu bheil...

Tha sgoil sàr-mhath chun na h-ìre gu bheil...

Luchd-ceannais a’ toirt ùghdarras seachad gu h-èifeachdach, mar a tha iomchaidh a rèir an ìre dleastanais.

Luchd-ceannais aig na h-ìrean uile taobh a-staigh na sgoile a’ dol an gnìomh gus sealltainn gur e rud dà-shligheach a tha ann am buaidh. Bidh iad a’ tarraing air fiosrachadh, eòlas is ùidhean pearsanta raon farsaing luchd-obrach agus beachdan sgoilearan.

Bidh luchd-ceannais a’ toirt seachad chothroman do chuid de luchd-obrach dreuchdan ceannais a ghabhail, mar eisimpleir, tro structar comataidh agus uidheamachdan co-chomhairleachaidh san sgoil.

Bidh luchd-ceannais a’ daingneachadh cultar far a bheil luchd-obrach is sgoilearan a’ faireachdainn comasach is misneachail gu leòr gus dreuchdan ceannardach a ghabhail os làimh taobh a-staigh is a-muigh an t-seòmar-teagaisg. Bidh luchd-ceannais làithreach is teachdail ag ionnsachadh le is bho chàch, gu foirmeil is gu neo-fhoirmeil, a’ brosnachadh meòrachadh is atharrachadh. Bidh modaladh is trèanadh leithid seo a’ brosnachadh nan cumhaichean trom bi an sgoil a’ cumail suas sàr-mhathais.

Bidh luchd-ceannais a’ cruthachadh sheanalan èifeachdach conaltraidh is siostaman airson a bhith a’ co-roinn fiosrachadh is eòlas agus airson am poileasaidh sgoile a tha ann mar-thà a chumadh.

Bidh luchd-ceannais a’ cruthachadh chumhaichean far a bheil misneachd aig luchd-obrach gus an innleachdais a chleachdadh agus greim a ghabhail air cothroman gus eòlas a cho-roinn is dleastanasan a ghabhail os làimh. Bidh iad ag aithneachadh dhòighean co-phàirteach ceannais is comas dhaoine is sgioban buaidh mhath a thoirt air beatha na sgoile.

Tha gach neach fa leth – bho sgoilearan is tidsearan is buill uile an luchd-obrach – fìor chudromach a thaobh a bhith a’ ruith na sgoile. (dorsair)

A’ treòrachadh coimhearsnachd na sgoile

A’ cleachdadh raon stoidhlichean ceannais a tha freagarrach a thaobh a’ cho-theacsa; a’ gabhail os làimh dreuchd eisimpleireach fhollaiseach, gu h-àraid ann a bhith a’ com-pàirteachadh le daoine; a’ cur luach air cloinn is daoine òga uile is a’ suidheachadh dhùilean àrda taobh a-staigh co-theacsa de chòraichean is dhleastanasan; a’ cumail suas ìrean àrda de chreideas is earbsa pearsanta.

Tha sgoil math chun na h-ìre gu bheil...

Tha sgoil sàr-mhath chun na h-ìre gu bheil...

Luchd-ceannais a’ cleachdadh shiostaman a tha iar an deagh stèidheachadh gus an urrainn dhaibh ìrean èifeachdais a chumail suas gu soirbheachail. Bidh iad gu co-chòrdail a’ gabhail os làimh stoidhlichean stiùiridh soirbheachail, a’ gleidheadh dealas na mòr-chuid den luchd-obrach airson poileasaidhean is luachan na sgoile.

Luchd-ceannais aig na h-ìrean uile taobh a-staigh na sgoile a’ cleachdadh raon stoidhlichean ceannais gus daoine a chur an gnìomh. Bidh iad ag atharrachadh nan stoidhlichean seo a rèir co-theacsa is suidheachadh, is tha iad mothachail mu dhàimhean. Tha na stoidhlichean aca co-chomhairleach is colaisteach, a’ dèanamh cinnteach à dealas co-roinnte. Nuair a tha sin a dhìth, bidh an luchd-ceannais fhèin a’ stiùireadh ghnìomhan air adhart gu dìreach.

Bidh luchd-ceannais ag eagarachadh is a’ cleachdadh dhaoine is ghoireasan gu h-èifeachdach, taobh a-staigh siostam stiùiridh co-chomhairleach, is mar phàirt de leasachadh aimsir sgoile thaiceil.

Bidh luchd-ceannais an còmhnaidh a’ daingneachadh faireachdainn de chunntachalachd is taic dha chèile am measg an luchd-obrach fhèin, am measg nan sgoilearan fhèin agus eadar luchd-obrach is sgoilearan. Bidh iad a’ cruthachadh, ag ath-bhreithneachadh, is a’ leasachadh structaran airson stiùireadh, ionnsachadh, is taic fhoirmeil, gus na dàimhean seo a dhaingneachadh.

Bidh luchd-ceannais a’ stèidheachadh dhàimhean obrach èifeachdach. Bidh iad a’ toirt taic seachad, a’ brosnachadh, is a’ moladh. Tha iad furasta bruidhinn riutha agus follaiseach is bidh iad a’ toirt dligheachas is taic do ghnìomhan sgoile.

Bidh luchd-ceannais aig na h-ìrean uile taobh a-staigh na sgoile a’ toirt deagh eisimpleir seachad ann a bhith a’ cumail suas deagh spiorad san sgoil. Bidh iad a’ taisbeanadh co-fhaireachdainn le raon bhuidhnean is dhaoine fa leth. Tha iad deiseil gus dùbhlan a thoirt do luchd-obrach is sgoilearan fa leth. Tron ghiùlan aca fhèin, bidh luchd-ceannais a’ cur ìmpidh air càch gu bheil luachan bunaiteach air an sealltainn ann an gnìomhan beaga làitheil, a bharrachd air lèirsinn moralta ro-innleachdail.

Bidh luchd-ceannais a’ toirt chothroman do dhaoine òga amasan na sgoile a chomharrachadh, moit a ghabhail às an sgoil aca, com-pàirt a ghabhail ann an raon ghnìomhan, èisteachd fhaighinn don cuid bheachdan a thaobh mar a tha an sgoil aca air a ruith agus cothrom coileanadh is buileachadh. Bidh iad a’ stèidheachadh nan suidheachaidhean sa bheil clann a’ faireachdainn sàbhailte, gu bheil luach air a chur orra, is gu bheil iad air an gabhail a-steach, is bidh iad a’ freagairt gu h-iomchaidh is gu h-èifeachdach ri giùlan lethbhreitheach.

Bidh luchd-ceannais a’ cruthachadh ghnìomhan is shiostaman a tha a’ sealltainn do gach pàiste gu bheil luach air a chur orra mar neach-ionnsachaidh is mar neach, a’ toirt cothrom do na h-uile soirbheachadh. Bidh iad a’ cur cuideam air comas dhaoine òga taic a thoirt dha chèile. Bidh iad a’ suidheachadh dhùilean àrda is a’ stiùireadh le eisimpleir. Bidh luchd-ceannais a’ toirt prìomhachas àrd do ghuth an sgoileir taobh a-staigh co-theacsa chòraichean is dhleastanasan. Bidh iad a’ brosnachadh co-ionannachd chothroman is bidh iad a’ comharrachadh iomadachd.

Tha sàr-mhathais a’ ciallachadh gu bheil fios aig a’ chloinn uile air ‘IS URRAINN DHOMH’. (tidsear)

Tha sgoil math chun na h-ìre gu bheil...

Tha sgoil sàr-mhath chun na h-ìre gu bheil...

Luchd-ceannais a’ cruthachadh sheanalan cur-air-adhart airson a bhith a’ dèiligeadh ri mì-ghiùlan is buaireadh a tha a’ briseadh ionnsachadh.

Luchd-ceannais a’ cumail suas dleastanas pearsanta airson dòighean-obrach na sgoile a thaobh a bhith a’ brosnachadh deagh ghiùlan, a bhith a’ tuigsinn na tha a’ brosnachadh luchd-ionnsachaidh, is airson a bhith a’ cumail rian air giùlan. Bidh iad a’ stèidheachadh taic cho-òrdanaichte is amalaichte airson sgoilearan.

Bidh luchd-ceannais a’ sealltainn comas ann a bhith a’ stiùireadh is a’ treòrachadh luchd-obrach is dhaoine òga is tha iad mothachail mun bhuaidh a tha aca air daoine eile. Bidh iad a’ toirt a thaobh tro bhith a’ taisbeanadh an eòlais is nan sgilean proifeiseanta iomchaidh. Bidh iad a’ cleachdadh ghoireasan ann an dòigh iomchaidh.

Bidh luchd-ceannais a’ stèidheachadh ìrean àrda de chreideas pearsanta is a’ buannachadh misneachd coimhearsnachd na sgoile. Bidh iad a’ sealltainn gu bheil iad deònach ionnsachadh bho chàch is gabhail ri mearachdan. Bidh iad a’ toirt dhaoine a thaobh is a’ daingneachadh earbsa chàich tro na gnìomhan aca. Bidh luchd-ceannais a’ cumail suas dòigh-seallaidh shunndach mu chomas coimhearsnachd na sgoile gus soirbheachadh is gus eadar-dhealachadh a dhèanamh.

Feumaidh ceannardan-sgoile a bhith brosnachail ach feumar seo a choileanadh tro bhith taiceil is furasta bruidhinn riutha. (pàrant)

A’ treòrachadh atharrachadh

A’ brosnachadh is a’ cur air adhart ceasnachadh breithneachail is smaoineachadh cruthachail; a’ suidheachadh atharrachadh taobh a-staigh tuigse mu cho-theacsa na sgoile gu lèir; a’ treòrachadh is a’ stiùireadh astar an atharrachaidh is a’ gabhail aire do chunnartan; a’ cruthachadh shuidheachaidhean far a bheil luchd-obrach a’ faireachdainn misneachail atharrachadh a thòiseachadh is far a bheil dealas aca do dh’atharrachadh.

Tha sgoil math chun na h-ìre gu bheil...

Tha sgoil sàr-mhath chun na h-ìre gu bheil...

Luchd-ceannais a’ dealbhadh is a’ stèidheachadh sreath de ghnìomhan innleachdach ann an co-chomhairle le feadhainn eile agus a rèir mhodhan-obrachaidh dealbhadh leasachaidh gus am modh-obrachaidh atharrachaidh a stiùireadh.

Luchd-ceannais aig na h-ìrean uile a’ brosnachadh is a’ comasachadh dhaoine fa leth is buidhnean gus com-pàirt a ghabhail ann an gnìomhan innleachdach far a bheil measadh air sealltainn gum faodadh adhartas tighinn àsta. Bidh iad a’ cur air adhart an t-seallaidh gum bu chòir ceasnachadh breithneachail leantainneach agus dòighean-obrach cruthachail a bhith aig teis-meadhain smaoineachadh is cleachdadh an luchd-obrach is nan sgoilearan uile.

Bidh luchd-ceannais gu h-èifeachdach a’ com-pàirteachadh roinnean is sgioban sa chearcall dealbhaidh bhliadhnail.

Bidh luchd-ceannais a’ daingneachadh dealbhadh airson leasachadh thar na sgoile, gu h-àraid aig ìrean seòmar-teagaisg no seòmar-cluiche. Bidh iad gu co-chòrdail a’ taisbeanadh cho co-cheangailte ri chèile ’s a tha gnìomhan na sgoile air fad is a’ leasachadh ionnsachadh agus builean.

Bidh luchd-ceannais a’ freagairt ri iomairtean nàiseanta is ionadail, sa mhòr-chuid de shuidheachaidhean a’ cleachdadh ath-bhreithneachadh is mion-sgrùdadh mar bhun-stèidh airson a dhol an gnìomh. Bidh luchd-ceannais a’ tuigsinn an dreuchd ann a bhith a’ stiùireadh atharrachadh is a’ gabhail aire do chunnartan.

Tha lèirsinn chiallach aig luchd-ceannais air na tha cudromach don sgoil is don choimhearsnachd aice is bidh iad a’ cur innleachdas air adhart a rèir na lèirsinn sin. Bidh iad a’ treòrachadh is a’ stiùireadh astar atharrachadh. Bidh iad a’ buannachadh chridheachan dhaoine a bharrachd air an inntinnean. Tha iad a’ tuigsinn gu bheil stiùireadh atharrachaidhean mu dheidhinn daoine a bhith ag ionnsachadh is a’ gabhail ri beachd-smuaintean ùra is cleachdaidhean a tha ag atharrachadh. Bidh iad a’ leasachadh stiùireadh pròiseict aig na h-ìrean uile. Bidh iad a’ seachnadh a bhith a’ toirt seachad cus fiosrachaidh, a bhith a’ sàrachadh dhaoine le innleachdas, agus sgaraidhean a dh’fhaodadh èirigh am measg an luchd-obrach.

Bidh luchd-ceannais a’ cruthachadh bhuidhnean is sgioban co-chomhairleachaidh èifeachdach gus leasachaidhean a chumadh is a stiùireadh. Bidh iad ag eagarachadh phrògraman a bheir ùine do luchd-obrach gus beachdachadh air atharrachaidhean a chaidh a mholadh.

Bidh luchd-ceannais a’ cruthachadh shuidheachaidhean san urrainn don luchd-obrach uile atharrachadh a thòiseachadh, is dealas a ghleidheadh air a shon. Bidh iad a’ brosnachadh feòrachas innteachail is a bhith a’ cruthachadh is a’ co-roinn eòlas. Aig amannan bidh dùbhlan is eus-aonta cruthachail an lùib seo fhad ’s a bhios luchd-obrach a’ tighinn gu mothachadh co-roinnte a thaobh nam prìomh chùisean is an t-slighe air adhart.

Bidh sinn a’ foighneachd cheistean sgrùdail dhuinn fhèin. Tha sinn a’ sealltainn gu bheil dealas againn do bhith a’ sgrùdadh chleachdaidhean is a’ rannsachadh dhòighean gus leasachaidhean a thoirt gu buil. (ceannard-sgoile)

[ <<<] [Clàr-innse] [>>> ]