[ <<<] [Clàr-innse] [>>> ]

DÈ CHO MATH ’S A THA AN SGOIL AGAINN? - AN T-SLIGHE GU SÀR-MHATHAIS

Tomhas 5
Ag obair ann an com-pàirteachas le buidhnean eile agus a choimhearsnachd

Tomhas 5

Tha pròiseact gus tàileasg a chur air adhart, a tha air a ruith le luchd-obrach ionnsachadh is leasachadh coimhearsnachd a’ cur aghaidh ri feumalachdan litearrais is àireamhachd dhaoine òga. Tha e a’ cuideachadh gus smaoineachadh breithneachail, adhartas ann an reusanachadh beòil is sgilean leughaidh a leasachadh. Ann a bhith a’ deasachadh stuthan ionnsachaidh, tha luchd-obrach ionnsachadh is leasachadh coimhearsnachd a’ gabhail làn aire do dh’fheumalachdan luchd-ionnsachaidh. Tha am pròiseact air fèin-mheas dhaoine òga a thogail is air an cuideachadh gus coileanadh. Tha tidsearan ag aithris gu bheil aire is giùlan an luchd-ionnsachaidh aig an robh duilgheadasan air tighinn air adhart. Tha am pròiseact cuideachd air ceangalan dachaigh-sgoil a leasachadh.

Ann an aon bhagaid bha luchd-obrach sgoile is an com-pàirtichean air beachd math a thoirt seachad mun bhuaidh a tha aig prògram foghlaim co-aoiseach a tha air a chur air adhart eadar foghlam is obair-shòisealta. Tha am prògram air a bhith soirbheachail ann a bhith a’ leasachadh comas nan sgoilearan a chaidh a chomharrachadh mar ann an cunnart bho bhith a’ fo-choileanadh san sgoil.

Thathar a’ cleachdadh maoineachadh Riaghaltas na h-Alba gus luchd-obrach òigridh a chur an gnìomh ann am bun-sgoiltean is àrd-sgoiltean. Tha luchd-obrach sgoile a’ cur an cèill taic làidir airson na h-iomairt. Tha i air a bhith soirbheachail ann a bhith a’ toirt taic do sgoilearan a tha so-leòinte is air an iomall, a’ lùghdachadh neo-làthaireachd, a’ leasachadh sgilean sòisealta is deagh ghiùlain.

Tha aon bhagaid air a bhith fìor shoirbheachail ann a bhith a’ brosnachadh obrachadh amalaichte am measg luchd-obrach bho dhiofar chùl-raointean proifeiseanta a tha ag obair aig aghaidh gnothaich. Tha sgioba luchd-obrach, luchd-obrach sheirbheisean obair-shòisealta, luchd-obrach coimhearsnachd is proifeiseantaich slàinte a’ toirt taic do chloinn is dom pàrantan. Tha co-thrèanadh air a bhith fìor shoirbheachail is air seiseanan macmeanmnach air raon chuspairean a ghabhail a-steach le teaghlaichean.

Tha na bogsaichean air na duilleagan seo a’ sealltainn gheàrr-dhealbhannan bho sgoiltean.

Prìomh fheartan
Tomhas 5: Ag obair ann an com-pàirteachas le buidhnean eile agus a choimhearsnachd

Chan eil sgoil sam bith ag obair leatha fhèin. Bidh clann ag ionnsachadh taobh a-staigh, tro is mu dheidhinn na coimhearsnachd anns a bheil iad a’ fuireach. Bidh ceangalan nas fharsainge a’ leudachadh nam fàirean aca nas fhaide buileach. Bidh iomadh neach a’ toirt buaidh air beathannan dhaoine òga. Dhiubh seo bidh cuid, a bhios ag obair gu dlùth leis an luchd-obrach teagaisg is taic, a’ dèanamh an eadar-dhealachaidh as motha.

Tha sinn ag obair leis na com-pàirtichean Comenius againn ann am Fionnlainn, Laitbhia, sa Chuimrigh agus ann an roinn nam Basgach san Spàinn. Tha sinn a’ brosnachadh is a’ leasachadh slàinte sa choimhearsnachd againn. Bidh sinn an uair sin a’ coimhead a-mach gu coimhearsnachd nas fharsainge nan com-pàirtichean againn is a’ faicinn mar a tha iadsan a’ leasachadh seo. Bidh sinn ag ionnsachadh tòrr bho na com-pàirtichean againn – tha diofar dhòighean aca air fad airson an aon rud a choileanadh. (ceannard-sgoile)

Is urrainn do luchd-tadhail a bhios a’ tighinn don sgoil – mar am poileas is luchd-smàlaidh – ar cuideachadh gus ionnsachadh. (sgoilear bun-sgoile)

Tha aon àrd-sgoil air buidheann a chur air bhonn airson a bhith a’ toirt taic do sgoilearan a tha ann an cunnart bho bhith air an dùnadh a-mach. Tha sgoilearan a tha a’ gabhail com-pàirt air fàs nas taiceil dha chèile. Tha taic dhìreach bho neach-obrach slàinte inntinn is neach-obrach shòisealta òigridh air an cuideachadh gus dòighean a leasachadh airson smachd a chumail air fearg is airson beachdan nas fheàrr a leasachadh a thaobh na sgoile.

Bha fèin-mheas is misneachd am measg buidheann bheag sgoilearan ÀS4 air an deach amas air leasachadh tron chom-pàirteachas aca ann an cùrsa meacanaigs chàraichean is ann an gnìomhan nàiseanta XL a bha air an toirt seachad ann an com-pàirteachas le raon de bhuidhnean-gnìomha eile. Tha an làthaireachd is am misneachd air tighinn air adhart gu mòr.

Ann an aon sgoil speisealta còmhnaidh bha cothroman fìor mhath aig daoine òga gus com-pàirt a ghabhail ann an riochdachaidhean dràma aig ionad spòirs ionadail. Mar thoradh air a seo bha ùidh aca ann a bhith a’ dol gu tachartasan dràma san sgìre ionadail aca is bha iad cuideachd air buannachadh ann am misneachd is ann am fèin-mheas nuair a bha iad a’ taisbeanadh do chàch.

Bha luchd-obrach sgoil-àraich ag obair gu dlùth le pàrantan is le raon bhuidhnean-gnìomha leithid obair-shòisealta is leigheas-cainnte.

Tha foghlam air fad mu bhith a’ togail dhrochaidean. (Ralph Ellison)

An sgoil anns a’ choimhearsnachd aice

Amas air a bhith a’ leudachadh is a’ doimhneachadh ionnsachadh chloinne is dhaoine òga is a’ leasachadh am misneachd is am fèin-mheas; tuigse is mothachadh mu fheumalachdan na coimhearsnachd; com-pàirteachadh an luchd-obrach is nan daoine òga uile leis a’ choimhearsnachd; tabhartasan bhon taobh a-muigh a thaobh ionnsachadh dhaoine òga thar a’ churraicealaim.

Tha sgoil math chun na h-ìre gu bheil...

Tha sgoil sàr-mhath chun na h-ìre gu bheil...

Ceangalan leis a’ choimhearsnachd a’ toirt seachad eòlasan a tha a’ cur ri ionnsachadh dhaoine òga is a tha gan cuideachadh gus dàimhean matha a leasachadh.

I a’ leudachadh is a’ doimhneachadh ionnsachadh dhaoine òga is a’ toirt comas dhaibh soirbheachadh ann an co-theacsaichean nas fharsainge.

Bidh luchd-obrach a’ dèanamh feum mhath de ghoireasan is de bhuidhnean ionadail nuair a tha iad a’ dealbhadh ghnìomhan ionnsachaidh. Tha gnìomhan leithid seo ag amas air a bhith a’ leasachadh mothachadh nas fharsainge den t-saoghal taobh a-muigh na sgoile is a’ brosnachadh dhaoine òga gus a’ choimhearsnachd fhaicinn is a chleachdadh mar ghoireas.

Bidh luchd-obrach a’ gabhail brath air cothroman airson com-pàirteachas coimhearsnachd a tha gan cuideachadh gus an obair aca le daoine òga a leasachadh, dòighean-obrach innleachdach a thoirt seachad a thaobh ionnsachadh, is aghaidh a chur ri dùbhlain ùra. Thathar a’ cleachdadh ghnìomhan stèidhichte sa choimhearsnachd cuideachd gus fèin-mheas is sgilean cruthachail nan daoine òga a leasachadh, coinneachadh ri feumalachdan dhaoine fa leth is bhuidhnean is an deasachadh airson an dreuchdan sa chomann-shòisealta san àm ri teachd. Tha iad cuideachd a’ toit cothrom do dhaoine òga gus tabhartasan matha a dhèanamh do fhiosraichidhean dhaoine eile.

Bidh daoine òga a’ gabhail com-pàirt ann an gnìomhan is ann an eòlasan ionnsachaidh taobh a-staigh na coimhearsnachd a tha air an dealbhadh gus sgilean a leasachadh ann am fuasgladh cheistean, dèanamh cho-dhùnaidhean is dèanamh roghainnean fiosraichte.

Bidh luchd-obrach a’ tarraing air goireasan coimhearsnachd gus sgilean ceannais dhaoine òga a leasachadh. Bidh na sgoilearan uile a’ gabhail com-pàirt ann an gnìomhan iomairteis, com-pàirteachas coimhearsnachd, greisean-obrach is greisean a leantainn dhaoine ag obair, duaisean ceannardas spòirs no gnìomhan coltach ris a seo.

Bidh an dà chuid luchd-obrach is sgoilearan a’ cur ri pròiseactan ionadail is a’ gabhail com-pàirt gnìomhach ann am beatha nas fharsainge na coimhearsnachd. Bidh buill den choimhearsnachd ionadail a’ dèanamh feum de ghoireasan na sgoile.

Bidh luchd-obrach a’ taisbeanadh tuigse is mothachadh fìor leasaichte a thaobh feumalachdan nan coimhearsnachdan aca. Bidh buill den choimhearsnachd a’ faicinn na sgoile mar bhunaiteach do bheatha na coimhearsnachd.

Tha sinn an sàs anns a’ choimhearsnachd ionadail againn tro raon ghnìomhan iomairteach, co-obrachadh a thaobh a bhith a’ togail a’ ghàraidh fhaireachdail againn is a’ toirt seachad a’ bhus bhig againn airson a chleachdadh. (ceannard-sgoile)

Tha sgoil math chun na h-ìre gu bheil...

Tha sgoil sàr-mhath chun na h-ìre gu bheil...

Cothrom aig clasaichean a tha a’ dèanamh phrògraman curraicealam sònraichte faighinn gu gnìomhan a tha stèidhichte sa choimhearsnachd. Bidh luchd-obrach is daoine òga a’ dèanamh cheangalan chinneasach le buidhnean taobh a-muigh na sgoile mar phàirt de phròiseactan no ghnìomhan taobh a-muigh na sgoile leithid ceòl is dràma.

An luchd-obrach is na daoine òga air fad a’ dùileachadh a bhith gu gnìomhach an lùib na coimhearsnachd ionadail ann an dòigh air choireigin is aig àm air choireigin. Tha ceangalan làidir is seasmhach aig luchd-obrach is sgoilearan fa leth, agus aig clasaichean is buidhnean, le buidhnean ann an àiteachan eile san RA no thall-thairis. Bidh ùidh aca sna h-aon rudan is bidh iad a’ toirt seachad is a’ faighinn fiosrachadh, eòlas no beairteachas.

Bidh luchd-obrach a’ cleachdadh sheirbheisean chom-pàirtichean, bhuidhnean-gnìomha is bhuidhnean coimhearsnachd is tha fios aca gun urrainn dhaibh fiosraichidhean a bharrachd a bhios iomchaidh is de chàileachd àrd a thoirt seachad, gus cur ri prògraman ann an raointean sònraichte den churraicealam.

Bidh luchd-obrach gu gnìomhach a’ sireadh is a’ dol an lùib chom-pàirteachasan a tha cinneasach ann a bhith a’ cuideachadh gus co-theacsaichean macmeanmnach, eòlasan ionnsachaidh is cothroman airson leasachadh cothromach a thoirt seachad. Bidh tidsearan a’ togail thabhartasan leithid seo a-steach don churraicealam gus ionnsachadh a leasachadh is gus coinneachadh ri feumalachdan comharraichte.

Tha grunn cheangalan eadar-nàiseanta aig an sgoil. Bidh sgoilearan a’ conaltradh ann an Gàidhlig na h-Alba is na h-Èireann le sgoilearan ann an Èirinn. Tha còisir Gàidhlig na sgoile air seinn ann an Canada agus tha ceangalan air a bhith aig an sgioba ball-coise san Spàinn. (ceannard-sgoile)

Ag obair le com-pàirtichean gus coinneachadh ri feumalachdan chloinne is dhaoine òga uile

Ag aontachadh amasan is mhion-amasan; a’ toirt taic do dhaoine òga so-leòinte; rèiteachaidhean gluasaid èifeachdach do dhaoine òga uile; a’ dèanamh an fheum as motha de chùram iomlan is ionnsachadh thar-earrainne is a-mach-à-sgoil; com-pàirteachas gnìomhach cheannardan uile le prìomh chom-pàirtichean.

Tha sgoil math chun na h-ìre gu bheil...

Tha sgoil sàr-mhath chun na h-ìre gu bheil...

Tuigse mhath aig a’ mhòr-chuid den luchd-obrach mu fheumalachdan an cuid sgoilearan is na dòighean as fheàrr gus cuid dhiubh seo a choinneachadh tro dhòighean-obrach amalaichte. Tha iad a’ comharrachadh phrìomh amasan is a’ com-pàirteachadh phroifeiseantaich eile ann a bhith gan lìbhrigeadh.

Luchd-obrach sgoile is proifeiseantaich eile a tha an lùib a bhith a’ solarachadh sheirbheisean amalaichte do chloinn is do phròiseactan stèidhichte sa choimhearsnachd ag obair còmhla gus mion-amasan ionadail a tha a’ coileanadh feumalachdan sònraichte nan daoine òga uile a tha iad a’ frithealadh a chomharrachadh.

Bidh sgoilearan so-leòinte is an teaghlaichean a’ faighinn taic mhath fhaireachdail is fhoghlaim bhon sgoil is a buidhnean-gnìomha com-pàirteachail. Tha iad a’ faireachdainn gu bheilear a’ tuigsinn am feumalachdan. Tha rèiteachaidhean matha gluasaid aig an sgoil, ag obair ann an com-pàirteachas le àitreabhan foghlaim ionadail eile.

Tha obair ioma-bhuidhneach a’ buntainn ri cùram is mathas a’ toirt seachad seirbheis luath do dhaoine òga so-leòinte agus an teaghlaichean, cho luath ’s a ghabhas às dèidh do na feumalachdan aca a bhith air an comharrachadh, is tha seo air a dheagh mhaidseadh ris na feumalachdan seo. Bidh luchd-obrach a’ freagairt gu sùbailte ris na feumalachdan a thathar a’ comharrachadh. Bidh an luchd-obrach uile ag aithneachadh an dreuchdan fhèin ann a bhith a’ toirt taic do dhaoine òga uile is gu h-àraid iadsan a tha so-leòinte.

Tha na rèiteachaidhean seo ag amas air a bhith a’ toirt seachad na taic pearsanta a tha riatanach do sgoilearan airson a bhith a’ fàs comhfhurtail san sgoil nuair a thig iad innte an toiseach is airson a dhol an lùib an cuid ionnsachaidh le deagh dhòigh-dèiligidh.

Bidh luchd-obrach a’ dèanamh cinnteach gu bheil daoine fa leth agus buidhnean, a’ gabhail a-steach an fheadhainn as so-leòinte, a’ faighinn taic mhath is gu bheilear a’ cur aghaidh, gu sònraichte, ris na feumalachdan ionnsachaidh aca nuair a tha iad a’ gluasad. Bidh daoine òga a’ cur eòlas air prògraman curraicealaim ciallach is adhartach, dòighean-obrach ionnsachaidh co-chòrdail agus ìrean dùbhlain iomchaidh nuair a tha iad a’ gluasad bho aon àitreabh gu àitreabh eile.

Tha luchd-obrach mothachail mu chùram iomlan agus ionsachadh thar-earrainne is a-mach-às-an-sgoil, taobh a-staigh cuingealachaidhean nan rèiteachaidhean no a’ chlàir-ama a tha ann mar-thà. Tha cùram iomlan is eòlasan a-mach-às-an-sgoil air an deagh eagarachadh is cinneasach, is mar phàirt de phrògram a tha air a dheagh stiùireadh.

Bidh luchd-obrach a’ togail dealbhadh eòlasan is gnìomhan ionnsachaidh dhaoine òga, an latha sgoile agus, far a bheil sin iomchaidh, clàr-ama na sgoile, timcheall air feumalachdan dhaoine fa leth is bhuidhnean, ga mhion-atharrachadh gus cothrom a thoirt seachad airson ionnsachadh thar-earrainne is a-mach-às-an-sgoil nuair is far is anns na dòighean as fheàrr buannachd do sgoilearan.

Bidh sinn a’ cleachdadh dà neach-obrach òigridh gus taic a thoirt do bhuidheann bheag sgoilearan ÀS1/ÀS2 a tha a’ taisbeanadh dhuilgheadasan giùlain aig àm dinnearach. Bidh an luchd-obrach seo a’ com-pàirteachadh leis na sgoilearan an dà chuid anns an sgoil agus ann am prògram taobh a-muigh sgoile a tha air a stiùireadh le iar-cheannard-sgoile agus manaidsear foghlam coimhearsnachd. (ceannard àrd-sgoile)

Tha sgoil math chun na h-ìre gu bheil...

Tha sgoil sàr-mhath chun na h-ìre gu bheil...

Ceangalan le cuid de chom-pàirtichean, riochdairean coimhearsnachd is buidhnean-gnìomha air an deagh stèidheachadh. Bidh buill shònraichte den luchd-obrach a’ stiùireadh nan ceangalan seo.

Luchd-ceannais air feadh na h-àitribh a’ gabhail com-pàirt gnìomhach le com-pàirtichean, riochdairean coimhearsnachd is buidhnean-gnìomha agus a’ brosnachadh is a’ toirt taic do chom-pàirteachasan coimhearsnachd.

Tro dhòighean obrach shùbailte a thaobh ionnsachadh bidh cuid de dhaoine òga a’ gabhail com-pàirt ann an rèiteachaidhaen curraicealaim eile leithid a bhith a’ frithealadh colaiste gus an t-ionnsachadh dreuchdail is fad-bheatha aca a neartachadh. Faodaidh clann nas òige tadhal air colaistean airson obair chuspair shònraichte is gnìomhan iomairt.

Tha rèiteachaidhean com-pàirteachaidh le colaistean a’ gabhail a-steach a bhith a’ cumail sùil air adhartas nan sgoilearan air fad agus a bhith a’ dol an sàs gu luath gus dèanamh cinnteach gu bheil sgoilearan a’ fuireach air an t-slighe cheart nuair nach eil rudan a’ dol a rèir nam planaichean.

Tha tidsearan sàr-mhath laghach, èibhinn, cuideachail, a’ toirt ort obair a dhèanamh, tha iad cruaidh ort is math air eagarachadh. (sgoilear bun-sgoile)

Dòighean-obrach ioma-bhuidhneach gus ionnsachadh a leasachadh

Dealas aig pàrtaidhean uile airson a bhith ag obair còmhla; soilleireachd mu thabhartasan àraid bhuidhnean coimhearsnachd, bhuidhnean-gnìomha proifeiseanta is saor-thoileach agus a’ choimhearsnachd ghnothachais; co-dhealbhadh a tha a’ tarraing air raon fiosrachaidh is taic; co-thrèanadh luchd-obrach is bhuidhnean-gnìomha; amas air leasachaidhean ann an ionnsachadh is taic dhaoine òga; lùghdachadh chnapan-starra a thaobh com-pàirteachas chom-pàirtichean.

Tha sgoil math chun na h-ìre gu bheil...

Tha sgoil sàr-mhath chun na h-ìre gu bheil...

Luchd-ceannais sgoile, is luchd-obrach aig a bheil dleastanasan proifeiseanta a’ buntainn ri taic do sgoilearan, an lùib obair ioma-bhuidhneach.

Tha dealas aig an luchd-obrach uile do bhith ag obair còmhla. Tha iad a’ dùileachadh a bhith com-pàirtichte ann an dòigh air choireigin mar thaic leantainneach do sgoilearan.

Bidh luchd-obrach a’ comharrachadh bheàrnan ann an solarachadh na sgoile is a’ gabhail com-pàirt le buidhnean coimhearsnachd, buidhnean-gnìomha com-pàirteachail is feadhainn eile a tha comasach air an eòlas riatanach a thoirt seachad.

Bidh luchd-obrach ag obair le raon bhuidhnean-gnìomha gus na tabhartasan àraid aca a thaobh a bhith a’ toirt seachad eòlasan beairteach is in-ghabhaltach do sgoilearan a chomharrachadh. Tha luchd-obrach a’ gabhail com-pàirt gnìomhach ann an iomairtean a tha air an stiùireadh le buidhnean-gnìomha eile.

Tha co-phròiseactan air an gabhail a-steach ann am plana-leasachaidh na sgoile is a’ faighinn taic iomchaidh bho ghoireasan sgoile.

Tha co-dhealbhadh is co-òrdanachadh phròiseactan a’ gabhail àite taobh a-staigh plana gnìomha aontaichte thar bhuidhnean-gnìomha a tha a’ sealltainn phrìomhachasan nàiseanta is ionadail. Tha planaichean a’ brosnachadh innleachdas.

Tha luchd-obrach sgoile a tha an sàs ann an sgioban air an dèanamh suas de dhiofar bhuidhnean a’ faighinn stiùireadh mun dòigh sam bu chòir dhaibh na dreuchdan aca a choileanadh.

Tha a bhith a’ trèanadh luchd-obrach còmhla bho chùl-eachdraidhean is bhuidhnean-gnìomha eadar-dhealaichte gan cuideachadh gus ionnsachadh bho chèile, deasbaireachd mu chùisean a tha aca ann an cumantas is co-dhùnaidhean a dhèanamh còmhla.

Tha leasachaidhean ann an ionnsachadh is taic do sgoilearan a’ tighinn à gnìomhan a tha air an aontachadh le com-pàirtichean. Thathar gu cùramach a’ sgrùdadh is ag ath-bhreithneachadh soirbheas.

Bidh luchd-obrach a’ sireadh dhòighean cruthachail gus obrachadh còmhla gu buannachd nan sgoilearan. Bidh iad fhèin is an com-pàirtichean a’ comharrachadh nan dreuchdan fa leth is co-roinnte aca ann a bhith a’ dèanamh cinnteach gu bheil clann sàbhailte, gnìomhach, beathaichte, soirbheachail, in-ghabhailte, is gu bheil luach is urram air a chur orra. Tha dòigh-obrach amalaichte aca do leasachadh càileachd.

Tha tuigse phragtaigeach aig luchd-obrach mu chuingealachaidhean aontaichte a thaobh a bhith ag obair còmhla is bidh iad ag obair taobh a-staigh seo gus fiosraichidhean cinneasach a thoirt do dhaoine òga.

Bidh luchd-obrach gu gnìomhach a’ lùghdachadh chuingealachaidhean is chnapan-starra a bhios a’ cur bacadh air obrachadh còmhla.

Tha luchd-obrach fosgailte do chomhairle is bheachdan a tha air an cur an cèill le buidhnean com-pàirteachail is bidh iad ag atharrachadh an cleachdadh mar fhreagairt don a seo. Tha co-chomhairle is a bhith a’ toirt cunntas air ais leantainneach is riaghailteach.

Bidh luchd-obrach gu gnìomhach a’ sireadh fios air ais bho bhuidhnean-gnìomha com-pàirteachail agus, far a bheil feum air, ag atharrachadh cùrsa gu ìre chudromaich airson a bhith buannachdail do sgoilearan. Bidh iad ag èisteachd ri com-pàirtichean is luchd-ùidh aig amannan a tha freagarrach do chom-pàirtichean, agus a’ freagairt, is a’ dèanamh cho math ’s is urrainn dhaibh gus a dhol an gnìomh gu luath air draghan, dùbhlain is tabhartasan.

Tha conaltradh fìor chudromach – ag aithris air adhartas gu h-àraid do phàrantan a tha, airson diofar adhbharan, air buntanas leis an sgoil a chuingealachadh. (tidsear clasa)

Ceannas is co-òrdanachadh

Stiùireadh soilleir a thaobh co-obrachadh; co-chomhairle is conaltradh; com-pàirteachas ann am buidhnean a tha an lùib a bhith a’ dèanamh cho-dhùnaidhean còmhla; a bhith gu gnìomhach a’ sireadh fios air ais agus dùbhlan cuideachail bho chom-pàirtichean, luchd-ùidh agus a’ choimhearsnachd; a bhith fosgailte is a’ toirt freagairt do mholaidhean nach deach iarraidh bho chom-pàirtichean, luchd-ùidh is a’ choimhearsnachd.

Tha sgoil math chun na h-ìre gu bheil...

Tha sgoil sàr-mhath chun na h-ìre gu bheil...

I air ceangalan èifeachdach a stèidheachadh le raon àitreabhan, buidhnean-gnìomha, gnothachasan ionadail is buidhnean saor-thoileach. Tha ceannardan bhuidhnean-gnìomha com-pàirteachail soilleir mu na h-amasan aca a thaobh a bhith ag obair còmhla is bidh iad a’ conaltradh seo gu soilleir ris an luchd-obrach a tha na lùib.

Tha gnìomhan com-pàirteachais le àitreabhan eile, gnothachasan ionadail, buidhnean saor-thoileach is buidhnean trèanaidh is dreuchdail air an stiùireadh tro aontaidhean com-pàirteachail a tha a’ dèanamh soilleir nam builean a thathar a’ dùileachadh bho bhith ag obair còmhla, dreuchdan nam prìomh chom-pàirtichean agus rèiteachaidhean maoineachaidh. Tha aontaidhean com-pàirteachail a’ dèanamh cinnteach gu bheil daoine òg a’ buannachadh bho bheairteachaidhean a thaobh an ionnsachaidh, gu bheil iad a’ coileanadh soirbheas is gu bheil iad sàbhailte is a’ faighinn taic mhath.

Bidh amasan, poileasaidhean, modhan is stiùireadh a’ soilleireachadh nan adhbharan airson a bhith ag obair còmhla, agus dreuchdan is dleastanasan chom-pàirtichean fa leth. Tha seo a’ ciallachadh gum bi co-chòrdaileachd san dòigh sa bheilear a’ dèiligeadh ri cloinn gus dèanamh cinnteach gu bheil iad sàbhailte.

Thathar gu riaghailteach a’ dèanamh sgrùdadh is measadh air soirbheas nam amasan, nam poileasaidhean, nam modhan is an stiùiridh airson obrachadh chom-pàirteachail. Thathar a’ dèanamh nan leasachaidhean riatanach gus dèanamh cinnteach gu bheil ionnsachadh nan sgoilearan air a mheudachadh. Tha poileasaidhean is stiùiridhean a’ brosnachadh innleachdas is sùbailteachd.

Tha protocalan airson a bhith a’ co-roinn fiosrachadh soilleir is tha luchd-obrach gan leantainn. Tha seo a’ ciallachadh gun urrainnear co-dhùnaidhean riatanach a dhèanamh mu ionnsachadh is mhathas sgoilearan. Thathar a’ cumail co-chomhairle cunbhalach is aig ìrean tràtha le com-pàirtichean, daoine òga is teaghlaichean.

Tha siostaman fiosrachadh stiùiridh a’ toirt comas do chom-pàirtichean uile am fiosrachadh a tha a dhìth orra a ruigsinn gus dèanamh cinnteach gu bheilear a’ coileanadh mathas faireachdail nan daoine òga is a’ leasachadh an cuid ionnsachaidh. Tha sgoilearan is an teaghlaichean làn mhothachail mu fhiosrachadh sam bith a tha air a chumail mun deidhinn is cò a dh’fhaodas fhaighinn. Tha com-pàirtichean, daoine òga, teaghlaichean is luchd-ùidh eile gu gnìomhach an lùib a bhith a’ dèanamh cho-dhùnaidhean aig ìrean bunaiteach.

Thathar a’ toirt fiosrachadh do riochdairean den choimhearsnachd, buidhnean-gnìomha is luchd-ùidh eile mu cho-dhùnaidhean iomchaidh a thathar a’ gabhail taobh a-staigh comhairlean sgoile.

Tha a’ choimhearsnachd, buidhnean-gnìomha is luchd-ùidh eile air an riochdachadh air coimhearsnachdan sgoile iomchaidh is buidhnean airson a bhith a’ dèanamh cho-dhùnaidhean. Bidh buill de cho-bhuidhnean a’ dèanamh cho-dhùnaidhean is a’ riarachadh ghoireasan, taobh a-staigh pharaimeadaran aontaichte.

Tha sinn an còmhnaidh gar ath-chruthachadh fhèin – a’ leasachadh cleachdadh – chan eil sinn uair sam bith riaraichte leis na tha sinn a’ dèanamh. (ceannard-sgoile)

[ <<<] [Clàr-innse] [>>> ]