[ <<<] [Clàr-innse] [>>> ]

Tha dà oifigear com-pàirteachais stèidhichte ann an oifisean coimhearsnachd na sgoile. Bidh iad a’ ruith bhuidhnean-obrach do phàrantan òga agus tha lathaireachd math aca. Bidh iad cuideachd a’ tadhal air dachannan airson taic a thoirt do phàrantan is luchd-cùraim. Am-bliadhna, chuir an luchd-obrach air dòigh seachdain san Dàmhair airson ionnsachadh teaghlaich do phàrantan choinne eadar P7 agus ÀS2. Bha iad ag amas air sgilean àireamhachd is litearrachd phàrantan is chloinne. Cuideachd, bidh oifigearan com-pàirteachais a’ coinneachadh ri luchd-obrach treòrachaidh a h-uile seachdain. Bidh iad a’ bruidhinn mu dheidhinn amasan na geàrr-uine ann am prògraman ionnsachaidh pearsanta, le luchd-obrach taic-ionnsachaidh agus pàrantan. |
Bidh litrichean-naidheachd cunbhalach a’ leigeil fhaicinn do phàrantan is luchd-cùraim, ùidhean chloinne san sgoil-àraich agus mar a dh’fhaodadh iad a’ chlann aca a chuideachadh a bhith ag ionnsachadh aig an dachaigh. |
Bidh an sgoil a’ dèanamh bhileagan gus pàrantan a chuideachadh a dhol an sàs ann an foghlam an cuid chloinne. Tha iad seo a’ còmhdach foghlam slàinte, leughadh is sgrìobhadh, taic airson ionnsachadh, measaidhean nàiseanta agus obair dachaigh. Bidh a’ bhileag obair dachaigh a’ toirt mion-chunntas air meud, seòrsa agus bitheantas obair dachaigh aig na diofar ìrean. Bidh tidsear gach clasa a’ cur dhachaigh litir a’ comharrachadh an t-seòrsa obair dachaigh a thathar a’ toirt seachad. Thathar a’ brosnachadh phàrantan gus faighneachd dhan cuid chloinne mu na pìosan obrach a tha aca ri dhèanamh a-staigh agus gus àm is àite a chur air dòigh airson an crìochnachadh. Bidh iad a’ cur an ainm-sgrìobhte ri leabhraichean-sgrìobhaidh obair dachaigh is a’ toirt am beachd seachad far a bheil seo riatanach. Aig coinneamhan phàrantan, tha tidsearan ag innse mu thargaidean a thaobh ionnsachadh agus leasachadh pearsanta is sòisealta. |
’S e conaltradh math cnag na cùise. Bidh mi ag innse dhaibh na tha a’ dol air adhart. (tidsear clasa)
Tha na bogsaichean air na duilleagan seo a’ sealltainn gheàrr-dhealbhannan bho sgoiltean.
Prìomh fheartan
Tomhas 6: Ag obair còmhla ri pàrantan gus ionnsachadh a leasachadh
Tha mòran sgoiltean math air a bhith a’ com-pàirteachadh phàrantan ann an gnìomhan sgoile. Bidh mòran phàrantan a’ toirt taic luachmhor don sgoil. Tha dùbhlan nas motha an lùib a bhith a’ cuideachadh phàrantan gus a bhith a’ cur ri foghlam an cuid chloinne, gu h-àraid pàrantan nach eil furasta an ruigsinn.
Tha tadhalan dachaigh-sgoile a’ cuideachadh gu bhith a’ leagail chnapan-starra, gu h-àraid far a bheil duilgheadasan lèigheil, corporra no conaltraidh aig pàrantan. Tha pàrantan a-nis a’ faireachdainn mar phàirt de theaghlach na sgoile. (sgoil speisealta)
Bidh sinn a’ com-pàirteachadh gu dlùth, ann an dòigh thaiceil nach eil bagarrach, le àireamh bheag de phàrantan nach eil an lùib na sgoile. Tha sinn a’ feuchainn ri bhith cinnteach agus taingeil agus am fèin-mheas a thogail. (iar-cheannard sgoile)
Doras fosgailte – feumaidh luchd-obrach a bhith saor airson còmhradh neo-fhoirmeil a dhèanamh ri pàrantan aig toiseach is deireadh an latha, a’ tabhann cuideachadh ma dh’èireas duilgheadasan sam bith. (tidsear sgoil-àraich)
Tha an leabharlann air a stiùireadh is air a ruith le pàrantan gu saor-thoileach. Tha pàrantan a’ dealbhadh is a’ lìbhrigeadh sheiseanan aithris-sgeulachdan is a’ toirt taic do sgoilearan ann a bhith a’ meòrachadh is a’ rannsachadh gu neo-eisimeileach. Bidh iad a’ cur air dòigh fèilltean leabhraichean is a’ dèanamh rannsachadh a thaobh teacsaichean ficsein air a bheil fèill. Bidh iad a’ lorg theacsaichean neo-fhicsean airson taic a thoirt do dh’obair phròiseactan ann an cuspairean sòisealta is ann an saidheans agus tha iad a’ toirt comhairle do sgoilearan mar sin. Tha pàrantan air buidhnean-obrach a chumail do phàrantan eile airson sgilean aithris-sgeulachadan a bhrosnachadh agus airson mothachadh a dhùsgadh a thaobh beachdan cudromach ann an tràth-litearrachd. Tha pàrantan cuideachd air stuthan a leasachadh gu saor-thoileach airson taic a chur ri sgilean leabharlainn. |
Bha aon sgoil speisealta chòmhnaidheil9 a’ tabhann eòlas ionnsachaidh a bharrachd air trì oidhcheannan den t-seachdain airson leigeil le oileanaich cur-seachadan làmh-chiùird is gàirneilearachd a leantainn. Bha sgoilearan a’ frithealadh nan clasaichean seo gu sunndach. Dh’àrdaich seo curraicealam làitheil na sgoile, mheudaich e cothroman creideis agus leasaich e ùidhean agus neartan sònraichte ann an cuid de sgoilearan. |
Bu choir do phàrantan a bhith air chothrom bruidhinn ris an sgoil mu na draghan aca. (oifigear-ceangail foghlaim)
A’ leasachadh taic phàrantan airson ionnsachadh an cuid chloinne
A’ leasachadh taic phàrantan airson ionnsachadh an cuid chloinne; a’ compàirteachadh fiosrachadh.
Tha sgoil math chun na h-ìre gu bheil... |
Tha sgoil sàr-mhath chun na h-ìre gu bheil... |
Luchd-obrach a’ toirt cuireadh do phàrantan tighinn gu tachartasan anns an sgoil agus a’ foighneachd dhaibh airson fiosrachadh a thaobh feumalachdan cùraim is mathais an cuid cloinne aig ìrean gluasaid. Tha pàrantan a’ faighinn aithisg air mar a tha a’ chlann a’ fàs cleachdte ris an an sgoil agus faodaidh iad fios a chur chun na sgoile airson coinneamh iarraidh far an tèid bruidhinn riutha mu bhuileachadh, choileanadh is adhartas an cuid chloinne. Bidh iad ag èisteachd ri beachdan phàrantan mu ionnsachadh is adhartas an cuid chloinne. |
Luchd-obrach a’ gabhail cheumannan gnìomhach airson pàrantan a bhrosnachadh gus com-pàirt a ghabhail leis an sgoil agus, gu h-àraid, ruigsinn a-mach gu feadhainn a dh’fhaodadh a bhith a’ cur feum air cuideachadh gus faighinn thairis is diofar chnapan-starra. Bidh iad a’ bruidhinn ri pàrantan mu raon chùisean, mar eisimpleir, rèiteachaidhean airson ionnsachadh, miannan is dùilean fa leth, targaidean ionnsachaidh agus dòighean-obrach a thaobh ionnsachadh. Bidh luchd-obrach a’ cumail suas buntanas gu sònraichte dlùth aig amannan cugallach leithid a bhith a’ fàs cleachdte ris an sgoil an toiseach. |
Nuair a tha e riatanach, bidh luchd-obrach bhon sgoil no bho bhuidhnean-gnìomha com-pàirteachail a’ com-pàirteachadh ann an dòigh nach eil cho foirmeil le pàrantan, a’ cumail bhùithtean-obrach, a’ toirt seachad leabhraichean-làimhe is a’ tadhal air taighean. Bidh luchd-obrach a’ dèanamh cinnteach gu bheil cothrom aig daoine bruidhinn riutha, far an urrainnear, aig amannan eile a bharrachd air oidhcheannan phàrant a thathar a’ cur air dòigh. Bidh litrichean-naidheachd a’ toirt seachad fiosrachadh mionaideach mu thachartasan sgoile is coimhearsnachd, obair-clasa, dòighean teagaisg, gnìomhan ionnsachaidh is leasachaidhean curraicealaim, is a’ comharrachadh shoirbheasan. |
Bidh bùithtean-obrach is pasgain goireis a’ sealltainn obair ann an raointean curraicealaim agus dòighean-teagaisg. Bidh luchd-obrach a’ brosnachadh phàrantan gus dreuchdan gnìomhach a ghabhail ann a bhith a’ cur ri ionnsachadh an cuid chloinne is gus bruidhinn mu dhòighean-obrach a thaobh ionnsachadh is teagasg. Cho fad ’s a ghabhas dèanamh, bidh luchd-obrach a’ coinneachadh phàrantan aig na h-amannan as freagarraiche do na pàrantan. |
Bidh pàrantan a’ faighinn fiosrachadh ùr gu cunbhalach mu nithean a’ buntainn ri buileachadh, coileanadh is feumalachdan treòrachail an cuid chloinne, an t-adhartas a tha iad a’ dèanamh, an neartan is na h-ath cheumannan aca. Tha leabhar-làimhe sgoile a’ toirt seachad fiosrachadh mu phoileasaidhean is mhodhan na sgoile air fad. |
Bidh luchd-obrach a’ cuideachadh phàrantan gus modhan measaidh a thuigsinn. Tha e furasta do phàrantan fiosrachadh fhaighinn mu ìrean coileanaidh làithreach an cuid chloinne. Bidh iad a’ tuigsinn roghainnean is slighean adhartais is bidh luchd-obrach a’ dèanamh cinnteach gu bheilear a’ coinneachadh ris na miannan aca. |
Tha fios aig a’ chloinn gu bheil an sgoil is na pàrantan ag obair còmhla. Is urrainn dhuinn pàiste a chur air an t-slighe cheart oir tha fios aca gu bheil earbsa aig am pàrantan san sgoil is gu bheil iad a’ toirt taic dhi. (ceannard-sgoile) |
|
Tha sgoil math chun na h-ìre gu bheil... |
Tha sgoil sàr-mhath chun na h-ìre gu bheil... |
I a’ toirt seachad fiosrachadh do phàrantan mun dreuchd aca ann a bhith a’ cuideachadh an cuid chloinne gus ionnsachadh. |
Mar thoradh air com-pàirteachas làidir leis an sgoil, agus, gu h-àraid, càileachd na taic is an fhiosrachaidh a tha iad a’ faighinn, a’ chuid as motha de phàrantan a’ cuideachadh an cuid chloinne gus com-pàirt a ghabhail le ionnsachadh, gus an aire a chumail suas is gus am misneachd a leasachadh. |
Bidh a’ mhòr-chuid de phàrantan a’ faireachdainn gu bheil iad air an gabhail a-steach is air an com-pàirteachadh san sgoil, is tha iad misneachail gum faodadh iad a dhol thuice nam biodh duilgheadasan sam bith aca. Bidh luchd-obrach a’ dèanamh oidhirpean gus aghaidh a chur ri diùmbachd. |
Bidh luchd-obrach a’ stèidheachadh cultar de in-ghabhaltas, a bhith a’ gabhail ri daoine fa leth, agus ceannsachadh math. Bidh iad gu h-àraid a’ ruigsinn a-mach gus comas a thoirt do dhaoine òga diùmbach is an teaghlaichean gus eòlas a chur air soirbheas is gus dèanamh cinnteach gu bheilear a’ gabhail riutha. Bidh iad a’ cumail suas amas àraid air luchd-ionnsachaidh aig nach eil mòran taic chunbhalach aig an taigh. |
Ann an àrainneachdan ionnsachaidh còmhnaidheil, bidh prìomh luchd-obrach a’ sealltainn gu bheil ùidh aca anns na tha daoine òga air a dhèanamh tron latha san sgoil. |
Ann an àrainneachdan ionnsachaidh còmhnaidheil, bidh prìomh luchd-obrach fiosrach mu fheumalachdan ionnsachaidh nan daoine òga is tha dealas aca do bhith a’ toirt taic dhaibh san àite-chòmhnaidh agus san t-seòmar-teagaisg mar a tha iomchaidh. |
Mar theaghlach leudaichte. Bhon mhionaid a tha iad a’ coiseachd a-steach tha sinn air an aon thaobh. (iar-cheannard) |
|
Com-pàirteachas gnìomhach phàrantan ann an gnìomhan sgoile
Com-pàirteachas phàrantan ann an gnìomhan sgoile; taic do phàrantan chloinne le feumalachdan fa leth; taic do phàrantan ann a bhith a’ leasachadh nan sgilean is an eòlais aca fhèin.
Tha sgoil math chun na h-ìre gu bheil... |
Tha sgoil sàr-mhath chun na h-ìre gu bheil... |
I a’ toirt cuireadh do phàrantan tighinn gu gnìomhan sòisealta, taisbeanaidhean sgoile agus cuirmean dhuaisean san sgoil. |
Pàrantan a’ gabhail com-pàirt ann an deasbadan is deasbaireachan mu fhoghlam, is bidh iad a’ cleachdadh an sgilean gus cur ri leasachaidhean sgoile. Tha pàrantan a tha nan riochdairean an lùib bhuidhnean leasachaidh sgoile, pàrtaidhean obrach is comataidhean. Bidh iad cuideachd a’ riochdachadh beachdan na sgoile mu dheasbadan foghlaim nas fharsainge. |
Bidh pàrantan ag obair le luchd-obrach is sgoilearan gus maoin a thogail airson na sgoile. Tha raon farsaing phàrantan an lùib ghnìomhan sòisealta is foghlaim, ann a bhith a’ toirt taic do thursan is ghnìomhan is ann a bhith a’ cuideachadh na sgoile a’ co-roinn a coileanaidhean aig tachartasan is consairtean sònraichte. |
Tha i a’ gabhail cheumannan gnìomhach gus inbhich a tha a’ toirt seachad cuideachadh a chom-pàirteachadh ann am beatha na sgoile. Bidh cuid de phàrantan a’ cuideachadh na sgoile gus com-pàirteachasan èifeachdach a leasachadh le pàrantan eile is le fastaichean. Mar eisimpleir, bidh iad a’ toirt seachad eisimpleirean dreuchdail do dhaoine òga. Bidh pàrantan a’ bruidhinn mun cuid obrach, an cultar no an dòighean-beatha mar phàirt den churraicealam, is bidh iad a’ cur ri stiùireadh a thaobh dreuchdan. |
Bidh i a’ toirt taic do phàrantan ann a bhith a’ leasachadh nan sgilean is an eòlais aca fhèin, gu h-àraid a thaobh pàrantachadh is a bhith a’ toirt taic do ionnsachadh an cuid chloinne. Bidh luchd-obrach a’ faighinn a-mach dè am fiosrachadh a tha a dhìth air pàrantan is bidh iad a’ co-òrdanachadh fiosrachadh, tachartasan, clasaichean agus buidhnean taic do phàrantan. Bidh an sgoil a’ toirt cothrom do bhuidhnean phàrantan, aig a bheil feumalachdan sònraichte, taic a thoirt dha chèile is dhan cuid chloinne. |
Bidh i a’ toirt còmhla pàrantan le feumalachdan is ùidhean sònraichte, ag obair le buidhnean-gnìomha com-pàirteachail. Bidh iad a’ cur air dòigh buidhnean taice is fòraman a tha buannachdail an dà chuid do phàrantan is don cuid chloinne, ag amas air foghlam a bharrachd air ùidhean cumanta. |
Tha na pàrantan againn dha-rìreabh com-pàirtichte – ma tha rudan a’ dol taobh a-muigh na sgoile tha iad an còmhnaidh a’ faighinn cuireadh. (sgoilear) |
|
Co-obrachadh is riochdachadh
Mothachadh mu bheachdan phàrantan; com-pàirteachas phàrantan ann a bhith a’ buileachadh phlanaichean na sgoile airson leasachadh.
Tha sgoil math chun na h-ìre gu bheil... |
Tha sgoil sàr-mhath chun na h-ìre gu bheil... |
I a’ cumail co-chomhairle le pàrantan air prìomh nithean a’ buntainn ri beatha is solarachadh na sgoile. |
Buaidh mhòr aig na tha pàrantan a’ smaoineachadh a tha cudromach airson na sgoile is airson na cloinne aca fhèin air lèirsinn na sgoile. Bidh iad a’ cuideachadh gus prìomhachasan leasachaidh na sgoile a shuidheachadh. |
Bidh i gu ghnìomhach a’ sireadh bheachdan phàrantan is na coimhearsnachd as fharsainge a thaobh a neartan agus raointean airson leasachadh. |
Bidh i a’ cumail co-chomhairle èifeachdach le pàrantan a thaobh nan leasachaidhean is nan atharrachaidhean a tha i a’ dealbhadh. Bidh i ag iarraidh fios air ais foirmeil orra mu thachartasan sònraichte, càileachd an fhoghlaim, ceannas sgoile agus an dòigh sa bheil an sgoil air a ruith. |
Bidh i a’ dèanamh cinnteach gu bheil pàrantan air an làn chom-pàirteachadh is tha i a’ buileachadh a planaichean airson leasachadh. |
Bidh i a’ com-pàirteachadh phàrantan mar riochdairean ri taobh sgoilearan is luchd-obrach airson leasachaidhean a chomharrachadh. Tha pàrantan misneachail ann a bhith a’ toirt seachad bheachd-smuaintean, ag innse mu dhraghan a dh’fhaodadh a bhith aca agus ann a bhith a’ dèanamh mholaidhean. Bidh pàrantan a tha nan riochdairean a’ conaltradh gu cunbhalach leis na pàrantan eile, gu h-eagarachail a’ togail bheachdan is bharailean. |
Cum fiosrachadh riutha. Bu chòir fios air ais iarraidh bho phàrantan tro cheisteachain is litrichean. (neach-cuideachaidh clasa) |
|
[ <<<] [Clàr-innse] [>>> ]