[ <<<] [Clàr-innse] [>>> ]

Tha a bhith a’ meòrachadh air cleachdadh na dhòigh beatha don sgoil is do gach ball den luchd-obrach. Bidh iad gu cunbhalach a’ meòrachadh air a bhith a’ coileanadh amasan na sgoile is a’ cleachdadh thaisbeanairean càileachd gu eagarachail mar bhun-stèidh airson a bhith a’ cruinneachadh fianais is airson a bhith a’ dèanamh bhreithneachaidhean measaidh. Bidh luchd-obrach ann an dithisean gu cunbhalach a’ coimhead air taisbeanairean sònraichte a’ cleachdadh dòigh-obrach nan ‘solas trafaig’. Bidh buidhnean beaga luchd-obrach gu h-eagarachail a’ sgrùdadh cleachdadh, is a’ deasbaireachd mu bhuilean fèin-mheasaidh is na nithean a dh’fheumas a bhith air an leasachadh. Tha amharc air seòmraichean-teagaisg eagarachail is seasmhach is tha seo air a mhaidseadh an dà chuid ri taisbeanairean càileachd is ri amasan na sgoile. Thathar gu co-chòrdail a’ dèanamh sgrùdadh is measadh air gach cruth de dhàta sgoileir is thathar a’ tomhas seo mu choinneamh pàtrain coileanaidh nàiseanta is ionadail a bha ann roimhe. Tha fios air ais riaghailteach gu luchd-obrach taiceil is dùbhlanach. Tha mìosachan aontaichte ann airson càileachd a leasachadh. Bidh luchd-obrach a’ sireadh bheachdan phàrantan, luchd-obrach is sgoilearan agus bidh iad gan cleachdadh gus coileanadh a leasachadh. Tha coimhearsnachd na sgoile air na nithean air am bu chòir dhi amas thairis air ‘fìor mhath’ aontachadh. Tha an sgoil a-nis ag amas air seo a choileanadh is tha iad air na slatan-tomhais seo a cheangal ri prìomhachasan ann am plana-leasachaidh na sgoile. Tha postairean ag amas air ‘Dè tha gar dèanamh nar sgoil mhath?’ agus ‘Dè dhèanadh na b’ fheàrr sinn mar sgoil?’ |
Tha a bhith ag amharc air cùisean ann an seòmar-teagaisg ag obair is a’ toirt leasachaidhean gu buil. Tha cultar de mheòrachadh leantainneach ann a tha freumhaichte ann an cleachdaidhean seòmar-teagaisg. (tidsear clasa)
Tha na bogsaichean air na duilleagan seo a’ sealltainn gheàrr-dhealbhannan bho sgoiltean.
Prìomh fheartan
Tomhas 7: A’ meòrachadh air obair fhèin agus a’ soirbheachadh fo dhùbhlan
Tha a bhith a’ meòrachadh mu chàileachd an fhoghlaim a tha an sgoil a’ toirt seachad na phrìomh dhleastanas don phroifeiseantach. Tha a bhith a’ cur fàilte air dùbhlan is a’ tarraing fianais bho raon farsaing thobraichean nam feartan riatanach de ghnìomhan meòrachail.
Tha meòrachadh is measadh – fios a bhith agaibh càite bheil sibh, na nithean air an urrainn dhuibh togail is dè dh’fheumas a bhith air a leasachadh – uile aig cridhe ar cuid obrach. Tha fèin-mheasadh air a cheangal gu soilleir ri planadh leasachaidh. Thathar a’ cleachdadh choinneamhan luchd-obrach gus amas air prìomhachasan sònraichte airson plana-leasachaidh na sgoile, an toiseach mu bhuileachadh is an uair sin mu bhith a’ cumail sùil air adhartas is a bhith a’ dèanamh mhion-atharrachaidhean no ag aontachadh taic. (ceannard-sgoile)
| Tha prìomhachasan leasachaidh uile air an ceangal ri bhith a’ cumail sùil air barrantas càileachd. Tha manaidsearan air slatan-tomhais soilleir aontachadh le luchd-obrach a thaobh phlanaichean airson na h-ùine air adhart, samplachadh leabhraichean-obrach agus tadhalan gus amharc air clasaichean. Bidh coinneamh aon-ri-aon air a cumail eadar ceannard na sgoile agus gach tidsear gus bruidhinn mu ionnsachadh is teagasg agus adhartas sgoilearan fa leth, a’ gabhail a-steach a bhith a’ leantainn is a’ coinneachadh ri feumalachdan fa leth. Tha amas air adhartas tro sgrùdadh air cultar na sgoile atharrachadh. Tha luchd-obrach a-nis ag iarraidh tadhalan clasa seach gu bheil buill den àrd-sgioba stiùiridh ag obair leis a’ chlas is a’ tabhann fios air ais luachmhor. Bidh beachdan sgrìobhte measaidh mu phlanadh a’ brosnachadh luchd-obrach gus measadh nas fheàrr a dhèanamh is a bhith nas mothachaile mu ìrean is dhùilean na sgoile. Tha meòrachadh mu ionnsachadh is teagasg agus a’ bhuaidh a tha aca air cloinn is air daoine òga mar phàirt de smaoineachadh is chleachdadh làitheil gach neach. |
Dh’amais sinn air creideas Comharradh Clàraichte gus na mòr-mhiannan againn a thaobh leasachadh leantainneach a leudachadh. Chaidh dùilean aontachadh is chaidh ìrean coileanaidh a shuidheachadh. Chuir iad seo ris na taisbeanairean càileachd ann an Dè cho math ’s a tha an sgoil againn? is thug seo sealladh eile don sgoil a thaobh a cleachdadh is a builean. (ceannard-sgoile)
Ceasnachadh leantainneach is breithneachail
A’ meòrachadh air buaidh cleachdadh is freagairtean seòmar-teagaisg do bhreithneachadh bhon taobh a-muigh; thar-sealladh ro-innleachdail den chleachdadh as fheàrr taobh a-staigh is thar na sgoile.
Tha sgoil math chun na h-ìre gu bheil... |
Tha sgoil sàr-mhath chun na h-ìre gu bheil... |
Luchd-obrach an lùib fèin-mheasaidh gus neartan is raointean airson leasachadh a chomharrachadh. |
Luchd-obrach a’ meòrachadh air a’ bhuaidh a tha aig cleachdadh seòmar-teagaisg is seòmar-cluiche, a’ mion-atharrachadh mar a tha riatanach, agus tha fios aca dè a tha ag obair. Bidh iad a’ sireadh is a’ freagairt ri breithneachadh bhon taobh a-muigh. |
Bidh iad a’ gabhail com-pàirt ann a bhith a’ sgrùdadh is a’ measadh aig ìre clasa is sgoile. |
Tha fèin-mheasadh freumhaichte ann an cultar na sgoile, obair a luchd-obrach air fad, agus am measg nan sgoilearan. Tha e air amas air a bhith a’ leasachadh ionnsachadh is a’ lùghdachadh chnapan-starra do ionnsachadh. |
Bidh i a’ buileachadh phrìomhachasan ionnsachaidh tro dhòigh-obrach cho-chòrdail roinneil, ìre no sgioba. |
Bidh àrd-mhanaidsearan a’ dèanamh cinnteach nach eil gnothaichean rianachd no eile a’ cosg ùine a tha a dhìth gus dòighean-obrach èifeachdach ionnsachadh is teagasg a leasachadh. Bidh roinnean, ìrean, sgioban agus an sgoil air fad gu co-chòrdail a’ gabhail com-pàirt ann an dòighean-obrach cho-obrachail. Bidh luchd-obrach a’ meòrachadh air an cleachdadh làithreach agus a’ sgrùdadh is a’ measadh iomairtean, beachd-smuaintean is atharrachaidhean ùra sam bith a tha iad air a thoirt a-steach. |
Bidh roinnean agus sgioban cuspair no ìre gu gnìomhach a’ beachdachadh air na dòighean-obrach as iomchaidhe airson nam prìomhachasan ionnsachaidh a tha iad air a chomharrachadh. |
Bidh àrd-mhanaidsearan, roinnean fa leth agus sgioban cuspair no ìre gu co-chòrdail ag amas air na prìomhachasan ionnsachaidh a tha iad air a chomharrachadh, an dà chuid sna deasbaireachdan aca agus ann an tadhalan clasa. Bidh iad a’ beachdachadh air mar a tha na planaichean aca airson a bhith a’ leasachadh ionnsachadh ag obair ann an cleachdadh seòmar-teagaisg. |
Bidh luchd-obrach a’ cur luach air taic ùghdarras an fhoghlaim no na buidhne stiùiridh. Bidh luchd-obrach a’ toirt aithris seachad air adhartas tro aithisg ìrean is càileachd agus tro bhith a’ leasachadh a’ phròiseas dealbhaidh. |
Bidh luchd-obrach a’ cur fàilte air an dùbhlan a tha an t-ùghdarras foghlaim no a’ bhuidheann stiùiridh a’ toirt seachad. Bidh iad ga chleachdadh mar chothrom gus na buannachdan a tha an sgoil a’ toirt do sgoilearan agus an ìre chun a bheil iad a’ toirt seachad an luach as fheàrr a thaobh a bhith a’ cleachdadh nan goireasan a thaisbeanadh. |
Chan eil sinn dol a sheasamh far a bheil sinn. Tha dìcheallachd, dìlseachd agus meòrachadh dha-rìreabh, a bhith a’ cur cheistean sgrùdail oirnn fhèin mu chleachdadh, seo comharran proifeiseantach sam bith. (ceannard-sgoile) |
|
Tha sgoil math chun na h-ìre gu bheil... |
Tha sgoil sàr-mhath chun na h-ìre gu bheil... |
Luchd-obrach a’ gabhail com-pàirt ann a bhith a’ cumail sùil chunbhalach air coileanadh sgoile. |
Luchd-obrach a’ dèanamh ath-bhreithneachadh beachdail air a’ bhuaidh a tha aca fhèin mar thidsearan. Is ann air fianais a tha iad a’ stèidheachadh nan co-dhùnaidhean aca mun chleachdadh as fheàrr. Bidh iad a’ dèanamh beachdachadh iomlan air comhairle is eòlas bhon taobh a-muigh. |
Tha fèin-mheasadh le luchd-obrach freumhaichte sa phròiseas ath-bhreithneachaidh is leasachaidh bhliadhnail. Tha cothroman aig an luchd-obrach uile gus cur ri sgioban poileasaidh is obrach. |
Tha fèin-mheasadh stèidhichte air fiosrachadh bho fhianais na phàirt leantainneach de chultar is chleachdadh sgoile, agus a’ com-pàirteachadh sgoilearan a bharrachd air luchd-obrach. Bidh luchd-obrach aig na h-ìrean uile a’ moladh is a’ stiùireadh leasachaidhean is adhartasan. Bidh daoine òga a’ cur gu h-èifeachdach ris an obair seo. |
Bidh luchd-obrach a’ cumail suas nithean a’ buntainn ri deagh chleachdadh fhad ’s a tha iad ag amas air a bhith a’ toirt cuid de nithean suas gu ìre ‘fìor mhath’. Bidh iad a’ coileanadh thargaidean sa phlana leasachaidh taobh a-staigh sgèilean-ama aontaichte. |
Chan eil luchd-obrach uair sam bith riaraichte gu h-iomlan is tha iad an còmhnaidh a’ coimhead airson dòighean gus rudan a dhèanamh nas fheàrr. Tha soilleireachd is tuigse cho-roinnte ann a thaobh na tha a’ gabhail a-steach cleachdadh sàr-mhath. Bidh luchd-obrach gu riaghailteach a’ sgrùdadh is a’ rannsachadh cleachdadh innleachdach ann an sgoiltean is buidhnean eile. |
Feumaidh a h-uile duine ùine a chruthachadh airson meòrachadh – ùine shònraichte – tha dleastanas againn air fad mar phroifeiseantaich airson ar n-adhartais fhèin. (tidsear clasa) |
|
A’ cur fàilte air dùbhlain
A’ brosnachadh dhòighean-obrach innleachdach; a bhith furachail airson nithean ris nach robh dùil no sleamhnachaidhean; sgilean ann am fuasgladh cheistean; amas air fuasglaidhean.
Tha sgoil math chun na h-ìre gu bheil... |
Tha sgoil sàr-mhath chun na h-ìre gu bheil... |
Luchd-obrach a’ lìbhrigeadh leasachaidhean dealbhte agus tha na gnìomhan aca a’ dèanamh eadar-dhealachadh do fhiosraichidhean dhaoine òga. |
Luchd-obrach a’ creidsinn gu làidir nan comas eadar-dhealachadh a dhèanamh do fhiosraichidhean dhaoine òga is bidh iad an còmhnaidh a’ feuchainn ri sin a dhèanamh. Bidh iad a’ dèanamh fiughair ri dùbhlain. |
Bidh àrd-mhanaidsearan a’ toirt comhairle is taic do thidsearan a thaobh a bhith a’ toirt seachad fiosraichidhean ionnsachaidh a tha gu co-chòrdail àrd. |
Tha luchd-obrach a’ faighinn dùbhlan is taic bho cho-aoisean is mhanaidsearan gus na fiosraichidhean ionnsachaidh as àirde càileachd a thoirt seachad do sgoilearan uile. |
Bidh luchd-obrach a’ cumail suas deagh chleachdadh is tha dòigh-obrach dealbhte aca do leasachadh. |
Bidh luchd-obrach a’ coileanadh seasmhachd tro bhith a’ freumhachadh feartan sàr-mhath fhad ’s a thathar a’ dùileachadh leasachaidhean a bharrachd. |
Bidh luchd-ceannais a’ dol an gìomh ann an deagh àm far a bheil cleachdadh agus/no buaidh a’ tuiteam fo ìrean ris an robh dùil. |
Tha luchd-obrach sa bhitheantas furachail a thaobh rudan ris nach robh dùil, no sleamhnachaidhean, a bhith a’ tachairt. Bidh iad a’ dol an gnìomh sa bhad gus dèiligeadh riutha mar chùisean-èiginn is bidh iad a’ meòrachadh le an co-obraichean is le luchd-ceannais sgoile mu sheaghan ro-innleachdail no fad-ùine sam bith a dh’fhaodadh a bhith ann. |
Tha luchd-obrach air dòighean-obrach dealbhte a leasachadh a thaobh a bhith a’ comharrachadh is a’ fuasgladh thrioblaidean. |
Tha fuasgladh thrioblaidean air a ghabhail os làimh ann an dòigh ghoireasach, chruthachail is innleachdach, a tha ag amas air fuasglaidhean. |
Tha leasachadh leantainneach a-nis na chleachdadh – na dhòigh-beatha. Bidh sinn a’ sireadh dhùbhlain gus an cleachdadh againn a leasachadh. (neach-obrach taic) |
|
Dealas còmhla a thaobh leasachadh
Am poileasaidh ionnsachadh is teagasg a thathar a’ suidheachadh aig teis-meadhain obair làitheil gach sgoil; dòigh-obrach ceangailte-ri-chèile a thaobh leasachadh; eòlas co-roinnte a thaobh ionnsachadh is teagasg; a bhith ag amharc agus taic dha chèile; dealas do bhith ag aithneachadh leasachaidhean is dhùbhlain.
Tha sgoil math chun na h-ìre gu bheil... |
Tha sgoil sàr-mhath chun na h-ìre gu bheil... |
Poileasaidh ionnsachaidh is teagaisg cuimseach aice, a tha a’ gabhail a-steach amas air a bhith a’ coinneachadh ri feumalachdan luchd-ionnsachaidh. Tha e seasmhach is thathar a’ dèanamh ath-bhreithneachadh riaghailteach air. |
Am poileasaidh ionnsachaidh is teagaisg a’ cur air adhart obair na sgoile air fad is a’ ceangal le poileasaidhean is cleachdaidhean eile air fad. Tha e a’ toirt seachad frèam airson a bhith a’ dèanamh cinnteach gu bheilear a’ dèiligeadh gu cothromach ri luchd-ionnsachaidh uile is gu bheil iad air an com-pàirteachadh ann an ionnsachadh, is gu bheilear a’ coinneachadh ris na feumalachdan aca, feumalachdan taic a bharrachd nam measg. Tha ionnsachadh is teagasg soirbheachail aig cridhe gnìomhan sgoile, seòmar-teagaisg is seòmar-cluiche. |
Bidh an sgioba stiùiridh a’ suidheachadh clàr-gnothaich soilleir airson leasachadh. |
Tha coimhearsnachd na sgoile a’ cleachdadh dòigh-obrach cheangailte a thaobh leasachadh thar na tha i a’ dèanamh. |
Bidh luchd-ceannais a’ cruthachadh chothroman airson a bhith a’ co-roinn deagh chleachdadh. |
Bidh luchd-obrach a’ bruidhinn mun cleachdadh, a’ co-roinn an cuid eòlais a thaobh an ciùird agus ag amharc air is a’ cuideachadh a chèile. |
Tha prògram dealbhte ann airson a bhith a’ measadh cleachdadh clasa. |
Tha fios air ais agus fèin-mheasadh freumhaichte ann an cleachdaidhean clasa gus a bheilear an còmhnaidh ag amas air a bhith a’ leasachadh ionnsachadh is teagasg. |
Bidh luchd-ceannais gnìomhach ann a bhith a’ comharrachadh raointean airson leasachadh. |
Tha dealas an luchd-obrach do bhith a’ comharrachadh raointean airson leasachadh agus dùbhlain airson an ama ri teachd air an dèanamh tèarainte is seasmhach. |
Bidh planaichean-leasachaidh a’ gabhail a-steach phrìomhachasan a’ buntainn ri ionnsachadh is teagasg. |
Tha ionnsachadh na amas os cionn chàich ann am planaichean leasachaidh uile aig ìre sgoile, roinne, ìre, is cuspair. |
Tha luchd-obrach, a tha air am brosnachadh is aig a bheil deagh shunnd, is a tha toilichte bruidhinn mu na tha a’ dol air adhart sna seòmraichean-teagaisg aca, aig coimhearsnachdan èifeachdach. (tidsear clasa) |
|
Leasachadh leantainneach proifeiseanta
Com-pàirteachas luchd-obrach; cleachdadh sàr-mhath; a’ co-roinn bhuilean nan gnìomhan airson leasachadh leantainnean; measadh buaidh; dòigh-obrach cho-obrachail, cholaisteach.
Tha sgoil math chun na h-ìre gu bheil... |
Tha sgoil sàr-mhath chun na h-ìre gu bheil... |
Luchd-obrach mothachail mu amasan is phrìomhachasan airson leasachadh leantainneach. Tha cothrom aca gu prògraman èifeachdach de leasachadh leantainneach a chaidh a dhealbhadh gus coinneachadh ris na feumalachdan a chaidh a chomharrachadh ann am plàna-leasachaidh/buileachaidh na sgoile. Bidh iad a’ measadh luach nan gnìomhan leasachaidh proifeiseanta. |
Luchd-obrach air an làn com-pàirteachadh ann a bhith a’ comharrachadh nan amasan is nam prìomhachasan airson an leasachadh proifeiseanta fhèin. Tha an luchd-obrach uile gnìomhach ann a bhith a’ cur air adhart an cuid ionnsachaidh fhèin is ann a bhith a’ co-roinn an cuid ionnsachaidh le co-obrachaidhean mar a tha iomchaidh. Bidh iad a’ measadh na buaidh a tha aig leasachadh proifeiseanta air eòlasan is coileanadh luchd-ionnsachaidh. |
Tha luchd-obrach mothachail mun deagh chleachdadh a tha taobh a-staigh na sgoile. |
Tha luchd-obrach ag aithneachadh is gu leantainneach a’ cumail suas ris an fhiosrachadh as ùire a thaobh na tha cleachdadh sàr-mhath a’ gabhail a-steach. |
Thathar a’ measadh coileanadh luchd-obrach. Tha iad a’ faighinn fios air ais is cothroman airson leasachadh leantainneach proifeiseanta. |
Bidh luchd-obrach ag obair mar sgioban proifeiseanta is tha mòr-mhiann aca airson a bhith a’ dèanamh math. Tha iad fhèin is na manaidsearan aca an còmhnaidh a’ sireadh dhòighean gus an eòlas is an sgilean a leasachadh is deasachadh airson dreuchdan le dleastanas. Thathar ag amas fèin-mheasadh air leasachadh gu ruige sàr-mhathais. |
Tha cothroman aig luchd-obrach fa leth am feum as fheàrr a dhèanamh de na neartan aca is an cuid eòlais a leasachadh. |
Tha ionnsachadh is leasachadh leantainneach luchd-obrach co-obrachail is colaisteach. Tha e air a stiùireadh le luchd-cleachdaidh air a bheilear a’ cur luach is spèis. |
Tha leasachadh leantainneach proifeiseanta a’ toirt chothroman do luchd-obrach gus an eòlas agus an cleachdadh a thaobh ionnsachadh is teagasg èifeachdach a leasachadh. Thathar a’ deasbaireachd mu ionnsachadh is teagasg aig coinneamhan luchd-obrach agus air làithean in-sheirbheis. |
Tha luchd-obrach uile a’ gabhail com-pàirt ann an ionnsachadh leantainneach. Bidh luchd-obrach a’ dèanamh rèiteachaidhean gus an urrainn do cho-obraichean amharc structaraichte a dhèanamh is fios air ais a thoirt seachad. Thathar a’ brosnachadh deasbad mu ionnsachadh is mar a tha e a’ tachairt tro leasachadh proifeiseanta a tha dealbhte is air a chumail suas, agus tro dheasbaireachd le co-aoisean, luchd-ceannais sgoile agus buidhnean sgoilearan. |
’S e gnìomh nàdarra a tha ann am fèin-mheasadh do phroifeiseantach meòrachail. Tha e aig teis-meadhain ar smaoineachaidh is ar cleachdaidh. Ma dh’iarras sinn air chloinn is daoine òga an cuid adhartais ann an ionnsachadh a mheasadh is na h- ath cheumannan aca a chomharrachadh, is cinnteach gun urrainn dhuinn an aon rud a dhèanamh mu ar deidhinn fhèin. (prìomh thidsear) |
|
A bhith beairteach a thaobh dàta10
Cleachdadh raon farsaing de thobraichean dàta; leasachadh stèidhichte air fianais earbsach is dligheach.
Tha sgoil math chun na h-ìre gu bheil... |
Tha sgoil sàr-mhath chun na h-ìre gu bheil... |
Luchd-obrach a’ cleachdadh thobraichean coitcheann dàta airson a bhith a’ sgrùdadh adhartas gu ruige mion-amasan leasachaidh. Bidh iad a’ gabhail os làimh ath-bhreithneachaidhean riaghailteach dàta gus an urrainnear duilgheadasan a dh’fhaodadh tighinn am bàrr a chomharrachadh. |
Luchd-obrach a’ sireadh is a’ cleachdadh dàta is fiosrachadh bho raon farsaing thobraichean, bho luchd-ùidh is bho raon thobraichean eile a tha an sgoil fhèin air a chomharrachadh airson cuideachadh gus dùbhlain leasachaidh a leasachadh is aghaidh a chur riutha. Bidh iad a’ cleachdadh mion-sgrùdadh coileanaidh gu làidir gus neartan a chomharrachadh is gus builean ionnsachaidh is teagaisg a leasachadh do dhaoine òga. |
Bidh luchd-ceannais a’ sgaoileadh fiosrachadh air a tharraing bho dhàta coileanaidh nàiseanta is ionadail. Bidh iad a’ cleachdadh seo airson a bhith a’ suidheachadh ìre coileanaidh taobh a-staigh na sgoile. |
Bidh luchd-obrach a’ cleachdadh dàta coimeasach ann an dòigh bhreithneachail gus meòrachadh air, agus a dhol an gnìomh gus ionnsachadh nan sgoilearan uile a leasachadh. |
Is e modh-obrachaidh co-roinnte a tha ann a bhith a’ meòrachadh air cleachdadh – tha cultar de fèin-mheasadh air a thogail a-steach. (prìomh thidsear) |
|
[ <<<] [Clàr-innse] [>>> ]