[ <<<] [Clàr-innse] [>>> ]

DÈ CHO MATH ’S A THA AN SGOIL AGAINN? - AN T-SLIGHE GU SÀR-MHATHAIS

Tomhas 8
A’ cur luach air, agus a’ toirt cumhachd do, luchd-obrach is òigridh

Tomhas 8

Thathar a’ cur luach air luchd-obrach tro bhith gan com-pàirteachadh ann a bhith a’ dèanamh cho-dhùnaidhean is thathar a’ toirt cumhachd dhaibh goireasan a chleachdadh gu glic. Bidh iad ag ath-thadhal air, ag ath-bhreithneachadh is a’ leasachadh phoileasaidhean còmhla. Thathar a’ cruthachadh sgioban obrach airson a bhith a’ suidheachadh thargaidean is gnìomhan iomairt. Tha na gnìomhan seo uile a’ cruthachadh spiorad sgioba a tha a’ dol tron sgoil air fad.

Bidh an sgoil ag èisteachd ri sgoilearan is a’ toirt freagairt dhaibh. Is e feart fìor làidir de dhòigh-obrach na sgoile a thaobh leasachadh pearsanta is sòisealta gu bheil luchd-obrach a’ gabhail aire do dh’ùidhean sgoilearan is na rudan as fheàrr leotha, nuair a tha iad a’ dealbhadh is a’ gleusadh ghnìomhan is stuthan. Bidh iad uile a’ gabhail aire do shuidheachaidhean pearsanta sgoilearan ann an ionnsachadh latha-gu-latha agus gnìomhan eile.

Thathar a’ cur luach air buill uile coimhearsnachd na sgoile, agus tha gach neach na phàirt de sgioba na sgoile. Bidh an sgoil gu gnìomhach a’ brosnachadh leasachadh sgilean an luchd-obrach mar thidsearan is sgilean nan sgoilearan mar luchd-ionnsachaidh. Thathar a’ brosnachadh an luchd-obrach uile gus na sgilean aca a neartachadh, a’ gabhail a-steach chùrsaichean a bheir seachad duaisean. Bidh an sgoil a’ dèanamh cinnteach gu bheil sgoilearan a’ leasachadh tuigse mu na diofar dhòighean sa bheil iad ag ionnsachadh, is mar a bu chòir dhaibh obair sgoilearachd agus gnìomhan rannsachaidh a ghabhail os làimh gu h-èifeachdach. Thathar a’ brosnachadh luchd-obrach is sgoilearan gus iomairtean ùra a thoirt air adhart airson na sgoile air fad, sgioban no clasaichean.

Tha ceannardan sgoile math nuair a tha iad deònach beachd-smuaintean sgoilearan a chleachdadh san sgoil. (seann sgoilear)

Tha na bogsaichean air na duilleagan seo a’ sealltainn gheàrr-dhealbhannan bho sgoiltean.

Prìomh fheartan
Tomhas 8: A’ cur luach air, agus a’ toirt cumhachd do, luchd-obrach is òigridh

Ann an sgoiltean sàr-mhath, tha luchd-obrach is sgoilearan a’ faireachdainn gu bheilear a’ cur luach orra, is tha fios aca gun tèid èisteachd ris na beachdan aca. Bidh iad a’ faighinn chothroman gus co-dhùnaidhean a dhèanamh a bheir gnìomhan gu buil. Tha co-dhùnaidhean às an tig leasachaidhean ann an ionnsachadh am measg an fheadhainn as cudromaiche dhiubh seo.

Bha a h-uile càil ann – planaichean, siostaman, uile furasta don tidsear an leantainn. Bha a h-uile càil air a dheagh eagarachadh. Rinn mise adhartas mòr sa chiad bhliadhna a bha mi a’ teagasg. Chuir am prìomh thidsear seachad tòrr ùine ga mo chuideachadh le dealbhadh. B’ ann às dèidh sin a thàinig e a-steach orm gum biodh tòrr obrach aice fhèin ri dhèanamh ach cha tuirt i guth mu dheidhinn. (tidsear)

Tha aois gorach is dìochuimhneach nuair a tha e a’ dèanamh fo-mheasadh air òige. (J K Rowling)

Bu chòir comas a bhith aig ceannard sgoile ceangal a dhèanamh le sgoilearan. Bu chòir gum b’ urrainn dhut a dhol thuca is bruidhinn riutha, is fios agad gun èist iad riut. (seann sgoilear)

Thathar a’ cur luach air luchd-obrach tro bhith gan com-pàirteachadh ann an còmhraidhean fìor mu stiùir na sgoile san àm ri teachd. Thathar a’ sireadh is a’ cur luach air am beachdan is am barailean. Tha stoidhle ceannais an àird-sgioba stiùiridh in-ghabhaltach is brosnachail.

Tha an luchd-obrach is na sgoilearan a’ faireachdainn gu bheil neart na sgoile stèidhichte ann an ceannais làidir agus san àrd-sgioba stiùiridh sàr-mhath a thathar a’ faicinn mar adhartach nan seallaidhean is cùramach mu luchd-obrach is sgoilearan. Tha iad a’ cur luach air beachdan gach neach.

Tha an sgoil a’ suidheachadh a’ chlàir-gnothaich tro dhòigh-obrach cho-obrachail a thaobh a bhith a’ dèanamh cho-dhùnaidhean. Tha seo a’ cur luach air, agus a’ com-pàirteachadh, luchd-obrach, sgoilearan, buidhnean-gnìomha com-pàirteachail, agus pàrantan. Tha lèirsinn is amasan na sgoile a’ toirt seachad frèam soilleir is cuideachail airson obair bho latha-gu-latha agus dealbhadh san àm ri teachd.

Tha an stoidhle stiùiridh taobh a-staigh na sgoile air toirt air luchd-obrach is sgoilearan faireachdainn gu bheil sealbh aca air stiùir na sgoile. Thathar a’ cumail choinneamhan cunbhalach is bidh an luchd-obrach uile an làthair. Tha iad seo, cuide ri coinneamhan do sgoilearan, a’ toirt seachad dòigh chonaltraidh is cho-chomhairleachaidh èifeachdach. Tha ceannard na sgoile co-chomhairleach, is tha luchd-obrach ag obair fìor chruaidh ann am buidhnean gus an sgoil a leasachadh, le com-pàirteachas farsaing nan sgoilearan. Tha luchd-obrach is sgoilearan dealasach is sunndach.

Bha luchd-obrach na sgoil-àraich a’ cleachdadh moladh ann an dòigh èifeachdach is bha iad a’ brosnachadh chloinne gus co-dhùnaidhean a dhèanamh is sgilean neo-eisimeileachd a leasachadh.

Tha e tlachdmhor a bhith ag obair ann an sgoil far a bheil luach air a chur ort is far a bheil thu a’ faighinn taic. (dorsair)

Na comasan aca a bhith air an leudachadh

A’ leasachadh sgilean is comasan sgoilearan mar luchd-ionnsachaidh: a’ tuigsinn nan dòighean sa bheil iad fhèin, is feadhainn eile, ag ionnsachadh; inntrigeadh is leasachadh proifeiseanta de chàileachd àrd airson luchd-obrach; gun tèid beachdachadh air draghan proifeiseanta is pearsanta is gun tèid aghaidh a chur riutha.

Tha sgoil math chun na h-ìre gu bheil...

Tha sgoil sàr-mhath chun na h-ìre gu bheil...

Tha beachd coitcheann aig sgoilearan mu na dòighean ionnsachaidh as fheàrr leotha. Bidh iad a’ bruidhinn mun deidhinn le luchd-obrach a bhios a’ mion-atharrachadh a’ phròiseas ionnsachaidh gus an cuideachadh.

Cothrom air a thoirt do sgoilearan gus an sgilean is an cothroman mar luchd-ionnsachaidh a leasachadh. Tha iad a’ tuigsinn nan dòighean eadar-dhealaichte sa bheil daoine ag ionnsachadh, iad fhèin nam measg, agus thathar gam brosnachadh gus an raon stoidhlichean ionnsachaidh aca a leudachadh. Mar a tha iomchaidh don aois is don ìre, bidh iad a’ gabhail notaichean, a’ dèanamh rannsachadh is ag ath-bhreithneachadh is a’ daingneachadh an cuid ionnsachaidh.

Bidh luchd-obrach a’ taisbeanadh gu bheil iad a’ cur luach air ionnsachadh dhaoine òga tro bhith a’ cleachdadh stuthan de chàileachd àrd agus tro bhith a’ lìbhrigeadh eòlasan de chàileachd àrd.

Thathar a’ cur luach air daoine òga mar chom-pàirtichean gnìomhach nan cuid ionnsachaidh fhèin. Bidh luchd-obrach gam brosnachadh gus cur ri bhith a’ leasachadh an cuid eòlasan ionnsachaidh fhèin. Bidh luchd-obrach ag aithneachadh an dleastanasan pearsanta is proifeiseanta fhèin airson ionnsachadh dhaoine òga uile, iadsan le feumalachdan taic a bharrachd nam measg. Bidh luchd-ionnsachaidh ag aithneachadh luach dreuchd an luchd-obrach mar chom-pàirtichean nan cuid ionnsachaidh.

Tha sgilean is misneachd luchd-obrach a tha air an cur an dreuchd as ùr air an leasachadh tro phrògraman inntrigidh dealbhaichte.

Tha inntrigeadh a’ gabhail àite taobh a-staigh dòigh-obrach eagarachail a thaobh treòrachadh is leasachadh do luchd-obrach uile.

Tha raointean-ùghdarrais soilleir is seasmhach aig luchd-obrach.

Thathar a’ dèanamh ath-bhreithneachadh cunbhalach air raointean-ùghdarrais luchd-obrach is thathar a’ dèanamh mhion-atharrachaidhean aontaichte gus èifeachdas sgoilearan fa leth is sgoile a leasachadh is gus riarachas is misneachd obrach a chumail suas.

Tha cothrom aig luchd-obrach àrd-mhanaidsearan a ruigsinn gus bruidhinn mu dhraghan proifeiseanta agus, ma tha e freagarrach, draghan pearsanta.

Tha luchd-ceannais fìor eòlach air an luchd-obrach is an sgoilearan is na suidheachaidhean fa leth aca, is bidh iad a’ cur ùine an dàrna taobh gus taic phroifeiseanta is phearsanta a thoirt seachad.

Chaidh brosnachadh a thoirt dhomh an teisteanas deuchainneach a bha mu chleachdadh meòrachail a dhèanamh – dh’amais mi air a bhith a’ togail coileanadh ann an sgrìobhadh is faighinn seachad air cnapan-starra a thaobh ionnsachadh. Bha mi a’ faireachdainn gun tug seo cothrom dhomh a bhith nam thidsear na b’ fheàrr. (tidsear fo dheuchainn)

Cumhachd a thoirt dhaibh gus buaidh a thoirt air leasachadh sgoile is stiùir na sgoile san àm ri teachd

A’ cur ri bhith a’ sgrùdadh, ag ath-bhreithneachadh is ag ath-leasachadh lèirsinn na sgoile; a bhith a’ gabhail com-pàirt ann an dealbhadh airson atharrachadh is leasachadh seasmhach; a’ cur ri bhith a’ dèanamh cho-dhùnaidhean aig amannan is ìrean iomchaidh; a’ ceasnachadh ann an dòigh chuideachail mar a tha rudan air an dèanamh san sgoil.

Tha sgoil math chun na h-ìre gu bheil...

Tha sgoil sàr-mhath chun na h-ìre gu bheil...

Co-chomhairle air a chumail le luchd-obrach a thaobh lèirsinn, luachan is stiùir ro-innleachdail na sgoile.

Luchd-obrach is sgoilearan a’ meòrachadh air is a’ deasbaireachd mu adhbharan foghlaim is sgoilearachd agus a’ cur ri bhith a’ cruthachadh is a’ toirt air adhart lèirsinn is luachan na sgoile.

Luchd-obrach an lùib a bhith a’ dèanamh cho-dhùnaidhean mu chùisean obrachail agus, ann an cuid de shuidheachaidhean, cùisean ro-innleachdail.

Bidh luchd-obrach is daoine òg a’ tòiseachadh is a’ gabhail com-pàirt gnìomhach ann an co-dhùnaidhean ro-innleachdail a tha a’ toirt buaidh air àm ri teachd na sgoile.

Tha luchd-obrach sa bhitheantas misneachail mun sgoil aca agus an tabhartas fhèin a thaobh a leasachaidh.

Tha spiorad an luchd-obrach is nan sgoilearan agus an ìrean dealasachd fìor àrd is thathar gan cumail suas tro fhaireachdainn gu bheil sealbh aca, agus tro eòlas gnìomhach de dhleastanas pearsanta.

Bidh luchd-obrach gu riaghailteach a’ dèanamh tabhartas ann am buidhnean ath-bhreithneachaidh agus pàrtaidhean obrach.

Tha co-obrachadh (colaisteach) na fheart àraid de leasachadh sgoile.

Bidh daoine a’ togail coileanadh. Tha sealbh aig luchd-obrach air gach rud a tha sinn a’ dèanamh. Thathar a’ cur luach air luchd-obrach taice is thathar ag aithneachadh cho cudromach ’s a tha iad a thaobh soirbheas na sgoile. (ceannard-sgoile)

Guth a thoirt do sgoilearan is comas a thoirt dhaibh dleastanas a ghabhail

Com-pàirteachas dha-rìreabh sgoilearan ann a bhith a’ dèanamh cho-dhùnaidhean a tha a’ buntainn riutha fhèin; a’ toirt taic do sgoilearan eile; a’ dèanamh cinnteach gu bheilear a’ gabhail aire do beachdan nan sgoilearan uile tro cho-chomhairle èifeachdach.

Tha sgoil math chun na h-ìre gu bheil...

Tha sgoil sàr-mhath chun na h-ìre gu bheil...

Sgoilearan sònraichte a’ faighinn dhleastanasan airson ghnìomhan is nithean sònraichte a’ buntainn ri beatha na sgoile. Tha cothroman aig sgoilearan na beachdan aca a chur an cèill is èisteachd fhaighinn nuair a thathar a’ dèanamh cho-dhùnaidhean.

Daoine òga an lùib a bhith a’ dèanamh cho-dhùnaidhean mu obair na sgoile san àm ri teachd. Thathar gu cunbhalach a’ sireadh, a’ deasbaireachd is a’ gabhail aire do na beachdan aca. Bidh iad a’ faighinn fios air ais, is mura h-eilear a’ gabhail ris na beachdan aca thathar ag innse dhaibh carson. Tha sgoilearan a’ faighinn dleastanas, mar eisimpleir, airson a bhith a’ stiùireadh buidseat pròiseict. Tha draghan is gearanan sgoilearan air an clàradh is thathar a’ coimhead dha-rìreabh riutha. Tha fios air ais air a thoirt do sgoilearan a tha a’ gearan. Tha misneachd aig sgoilearan ann an gnìomhan na sgoile gus aghaidh a chur ris na draghan aca. Bidh luchd-obrach a’ dèanamh cinnteach gu bheilear a’ beachdachadh air beachdan nan sgoilearan uile.

Thathar a’ brosnachadh dhaoine òga gus com-pàirt a ghabhail ann an gnìomhan leis a’ choimhearsnachd as fharsainge, a’ gabhail a-steach cothroman airson obair òigridh, co-fharpaisean eagaraichte agus com-pàirteachas sna h-ealain is ann an spòrs.

Tha daoine òga deònach dreuchdan dleastanais a ghabhail os làimh is com-pàirt a ghabhail mar bhuill ghnìomhach is chunntachail den choimhearsnachd. Tha iad a’ faighinn taic is trèanadh ann a bhith a’ leasachadh nan sgilean riatanach. Bidh iad a’ gabhail com-pàirt ann an gnìomhan leithid a bhith a’ cur aghaidh ri burraidheachd, taic cho-aoiseach agus sgeamaichean treòrachaidh. Bidh iad a’ gabhail dhreuchdan gnìomhach ann an obair charthannais, a’ togail chom-pàirteachasan làidir ionadail agus a’ leasachadh is a’ cumail suas cheangalan eadar-nàiseanta.

Bidh daoine òga a’ moladh leasachaidhean do dh’àrainneachd na sgoile agus a’ choimhearsnachd as fharsainge tro uidheamachdan leithid comhairlean oileanach.

Bidh mòran dhaoine òga, luchd-obrach, pàrantan is buill den choimhearsnachd as fharsainge a’ dealbhadh, a’ co-chomhairleachadh is ag obair còmhla gus àrainneachd na sgoile agus na h-eòlasan a tha an sgoil a’ toirt do a sgoilearan a leasachadh. Tha comhairle nan sgoilearan, no a co-ionann, air cùisean dùbhlanach a ghabhail os làimh is tha i air a bhith soirbheachail ann a bhith a’ toirt buaidh mhath air nithean cudromach a thaobh beatha sgoile agus a’ choimhearsnachd as fharsainge.

Tha a h-uile duine a’ faighinn cothrom, chan e an còmhnaidh na h-aon daoine a bhios a’ dèanamh mholaidhean is cho-dhùnaidhean. (sgoilear P7)
Tha thu ag ionnsachadh fada a bharrachd nuair a tha thu a’ dol a-mach is a’ dèanamh rudan. (sgoilear P7)

A bhith air am brosnachadh tro chultar is aimsir sgoile vibrant is adhartach

Ag aithneachadh is a’ moladh na h-obrach shàr-mhath a tha gach ball ann an coimhearsnachd na sgoile air a dhèanamh; a’ brosnachadh earbsa is misneachd proifeiseanta; a’ brosnachadh cruthachas, fuasgladh cheistean is innleachdas.

Tha sgoil math chun na h-ìre gu bheil...

Tha sgoil sàr-mhath chun na h-ìre gu bheil...

Luchd-obrach gu riaghailteach a’ cur an cèill is a’ co-roinn na feumalachd airson dùilean is ìrean àrda.

Luchd-obrach is sgoilearan a’ stèidheachadh is a’ taisbeanadh dhùilean àrda is ìrean proifeiseanta sna cleachdaidhean làitheil aca air fad.

Tha i ag aithneachadh thabhartasan an luchd-obrach uile, luchd-obrach taic nam measg.

Bidh i gu riaghailteach is gu h-eagarachail a’ co-roinn is a’ comharrachadh choileanaidhean an luchd-obrach, nan sgoilearan, agus na coimhearsnachd as fharsainge.

Bidh luchd-ceannais a’ sireadh fios air ais cunbhalach mun choileanadh aca is bidh iad ag èisteachd ri beachdan is draghan luchd-obrach.

Bidh luchd-ceannais gu h-eagarachail a’ sireadh is a’ dol an gnìomh air fios air ais mun coileanadh is a’ conaltradh nam builean do luchd-obrach is sgoilearan.

Thathar a’ brosnachadh an luchd-obrach uile gus tabhartas a dhèanamh do leasachadh phrògraman is stuthan de chàileachd àrd.

Tha luchd-obrach is sgoilearan cruthachail is innleachdach, ag obair ann an co-theacsa far nach eil coire air a chur air daoine is far nach eil eagal aca ro fhàiligeadh. Tha dòigh-obrach fuasgladh-ceiste aca a thaobh dhùbhlain.

Tha a bhith ag aithneachadh deagh chleachdadh is choileanadh nam prìomh phàirtean de fèin-mheasadh ach tha an cultar "gun a bhith a’ cur coire", a tha air a thogail air fios air ais mat,h a’ toirt cothrom aghaidh a chur ri raointean duilgheadais gu h-èifeachdach is gu proifeiseanta. (prìomh thidsear)

[ <<<] [Clàr-innse] [>>> ]