[ <<<] [Clàr-innse] [>>> ]

Tha an sgoil ag àrach spiorad de ghnìomhachas is co-obrachadh. Bidh luchd-obrach a’ faicinn ghnìomhan nas fharsainge mar bhunaiteach do dhàimhean taobh a-staigh na sgoile, le gluasadan matha gu ruige dàimhean taobh a-staigh sheòmraichean-teagaisg. Às dèidh tadhal air Iapan airson farpais rugbaidh sgoile, chuir luchd-obrach sreath phròiseactan air bhonn do sgoilearan, nam measg: iomlaidean dachaigh-gu-dachaigh; tadhalan gu is bho Iapan le buidhnean ciùil; a bhith ag ionnsachadh Iapanais; agus taisbeanaidhean de ealain is làimh-chiùird Iapanach. |
Tha an sgoil moiteil às a’ phoileasaidh aice air in-ghabhaltas is tha i a’ toirt taic do sgoilearan le duilgheadasan ionnsachaidh is ciorraman corporra cuimseach. Thathar an còmhnaidh a’ cuimhneachadh do na sgoilearan gu bheil neartan aca uile ann an raointean san urrainn dhaibh coileanadh. Bidh ceannard na sgoile a’ mealadh naidheachd sgoilearan fa leth is bhuidhnean gu foirmeil is gu neo-fhoirmeil. Bidh sgoilearan ÀS6 a’ toirt taic don sgoil tro chomhairle na sgoile, a’ cuideachadh sgoilearan nas òige sa chlas is a’ brosnachadh obair charthannais. Thathar a’ faicinn beatha na sgoile mar bhrìoghmhor, rùnach agus stèidhichte air dleastanas don neach fhèin is do chàch. Tha seo a’ cur air adhart spiorad obrach cunntachail do na sgoilearan air fad. |
Bidh tidsearan dràma bhon àrd-sgoil ionadail a’ cumail sheiseanan ‘blasaid’ ann an diofar ghnìomhan ealain do dhaoine òga ann an ionad na h-òigridh. Bidh daoine òga a’ taghadh is ag obair air cuspairean dùbhlanach leithid drugaichean, gnèitheachas, burraidheachd agus cuideam co-aoiseach. Bidh àrd-bhuill den chluba a’ toirt taic don fheadhainn òga ann an dràma is coileanadh. Bidh na gnìomhan a’ leasachadh fèin-mheas, cruthachas is misneachd is a’ togail sgilean leithid conaltradh is a bhith ag obair le càch. |
Tha na bogsaichean air na duilleagan seo a’ sealltainn gheàrr-dhealbhannan bho sgoiltean.
Prìomh fheartan
Tomhas 9: A’ brosnachadh mathas agus spèis
Tha mathas inntinn, corporra is faireachdail dhaoine òga nan ro-chumhaichean riatanach airson ionnsachadh soirbheachail. Chan urrainnear na feartan seo a leasachadh do dhaoine, fa leth bho shlàinte is mhathais coimhearsnachd na sgoile gu h-iomlan.
Dè ma-tha a tha gu bhith ann am foghlam? ... Lùth-chleasachd airson a’ chuirp, is ceòl airson na h-inntinn. (Plato)
Tha a h-uile duine a’ faighinn air adhart – chan eil burraidheachd ann no rud sam bith. Tha e a’ toirt ort a bhith a’ faireachdainn dì-beathte – seach gu bheil tidsearan laghach rinn, tha sinne laghach cuideachd. Tha e mar gum biodh tu a’ dèanamh na tha na tidsearan a’ dèanamh. Tha iad a’ teagasg dhuinn spèis a thoirt do chàch, gu h-àraid airson na h-àrd-sgoile agus a-muigh san t-saoghal nuair a tha sinn nas sine. Gus nach dèan thu oilbheum do dhaoine nuair a choinnicheas tu riutha. (sgoilear P7)
Cha bhi na tidsearan as fheàrr ag èigheach is a’ trod riut. Bidh iad a’ bruidhinn riut gus nach dèan thu a-rithist e. (sgoilear P6)
Thagh a’ bhuidheann a bhios a’ brosnachadh slàinte trì raointean amais airson na bliadhna: a’ daingneachadh cho cudromach ’s a tha bracaist, le buidhnean bliadhna a’ tighinn a-steach airson bracaist còmhla ris na h-oidichean clasa aca; a bhith a’ dèanamh eacarsaich gu leòr, tro bhith a’ faighinn a-steach don t-seòmar eacarsaich tràth sa mhadainn; agus a bhith a’ toirt seachad uisge, le innealan-bathair na sgoile a-nis a’ toirt seachad uisge a-mhàin. |
Tha co-chruinneachaidhean bliadhna, a tha air an cumail gach seachdain, a’ toirt seachad buntanas cudromach leis a’ bhuidhinn bhliadhna air fad, a’ toirt cothrom seachad gus luachan a dhaingneachadh. Tha an teachdaireachd gu bheil sinn "a’ gabhail cùram dhuibh" air a dhaingneachadh tro ghnìomhan farsaing taobh a-muigh uairean na sgoile, thar raon chuspairean, clubaichean àm-dìnnearach, taic sgoilearachd agus clubaichean obair-dachaigh air am faod sgoilearan tadhal. Thathar a’ daingneachadh luachan ann an gnìomhan làitheil. |
Bha aon sgoil chòmhnaidh speisealta ag obair gu fìor dhlùth le teaghlaichean agus ùghdarras ionadail gus taic a thoirt do dhaoine òga gus ath-amalachadh don choimhearsnachd aca fhèin agus do sgoil mhòr-shluaigh. Bha seo a’ gabhail a-steach prìomh luchd-obrach is thidsearan a’ toirt ro-innleachdan cudromach do theaghlaichean is sgoiltean a thaobh a bhith a’ stiùireadh giùlan is a bhith a’ brosnachadh chothroman ionnsachaidh iomchaidh. |
Tha coimhearsnachd na sgoile iomlain a’ creidsinn gum bu chòir gach neach òg a làimhseachadh le urram is spèis. (ceannard-sgoile)
A’ brosnachadh dhàimhean matha taobh a-staigh coimhearsnachd sgoile a tha ag ionnsachadh, a tha cùramach agus in-ghabhaltach
A’ toirt comas do dhaoine òga a bhith nan luchd-ionnsachaidh misneachail is soirbheachail, le prionnsabalan tèarainte is fèin-mheas; a’ cuideachadh sgoilearan gu bhith nan saoranaich ciallach, a bhios a’ toirt urram do chàch is a’ cur ris a’ chomann-shòisealta; a’ cruthachadh spiorad de chùram, urram is cothromachd do na h-uile san sgoil; ag aithneachadh is a’ comharrachadh iomadachd taobh a-staigh na coimhearsnachd; a’ dèanamh cinnteach gu bheil daoine òga uile is an teaghlaichean air an com-pàirteachadh; a’ comasachadh conaltradh èifeachdach; a’ cumadh cùram, co-obrachadh is obrachadh còmhla.
Tha sgoil math chun na h-ìre gu bheil... |
Tha sgoil sàr-mhath chun na h-ìre gu bheil... |
Luchd-obrach a’ taisbeanadh gu bheil iad a’ cur luach air daoine òga le bhith ag amas air an ionnsachadh is am buileachadh. Bidh iad a’ taisbeanadh obair sgoilearan ann an seòmraichean-teagaisg is ann an cuid de raointean poblach. |
Daoine òga moiteil às an ionnsachadh, am buileachadh is an coileanaidhean. Tha an obair aca air a thaisbeanadh ann an seòmraichean-teagaisg, ann an raointean poblach agus, far an urrainnear, sa choimhearsnachd as fharsainge. Thathar ag aithneachadh, a’ cur luach air, is a’ comharrachadh choileanaidhean. |
Tha an luchd-obrach dealasach is a’ gabhail cùram, is bidh iad a’ cleachdadh moladh gus dàimhean matha a bhrosnachadh is gus fèin-mheas luchd-ionnsachaidh a leasachadh. |
Bidh luchd-obrach a’ cruthachadh aimsir mhath is rùnach a tha air a comharrachadh le spèis dha chèile, earbsa is misneachd. Tha eadar-obrachaidhean eadar buill uile coimhearsnachd na sgoile socair is càirdeil ach cuideachd cinneasach is ag amas air soirbheas. |
Tha raon de ghnìomhan foirmeil is neo-fhoirmeil a’ cur ri leasachadh bheachd-smuaintean matha is fèin-mhisneachd am measg luchd-ionnsachaidh. Tha gnìomhan an dà chuid taobh a-staigh is a-muigh uairean na sgoile measgaichte. |
Bidh clann is luchd-obrach a’ leasachadh fèin-mhisneachd, fèin-mheas agus beachd-smuaintean matha mun deidhinn fhèin is an sgoil aca, tro chom-pàirteachas ann am prògram ghnìomhan farsaing is measgaichte an dà chuid taobh a-staigh is a-muigh uairean sgoile. Thathar gu tric a’ cleachdadh an t-saoghail taobh a-muigh na sgoile mar thobar ionnsachaidh do dhaoine òga air fad. |
Bidh tidsearan an còmhnaidh gam bhrosnachadh le bhith ag ràdh rudan laghach is gam chuideachadh nuair nach urrainn dhomh an obair a dhèanamh. (pàiste P2) |
|
Tha sgoil math chun na h-ìre gu bheil... |
Tha sgoil sàr-mhath chun na h-ìre gu bheil... |
Daoine òga air an làimhseachadh ann an dòigh a tha cothromach agus in-ghabhaltach, gu bheil fios aca mu na còraichean is na dleastanasan aca is gu bheilear gam brosnachadh gus spèis is tuigse a thoirt do bheachdan chàich. |
Cothroman cunbhlach aig daoine òga gus meòrachadh is bruidhinn mun còirichean is mun dleastanasan is gus sealltainn gu bheil iad a’ gabhail uallach airson chàich agus a’ gabhail riutha. Bidh daoine òga is luchd-obrach a’ toirt spèis do dh’eadar-dhealachaidhean is a’ cur luach air iomadachd. Tha sgoilearan nas sine deònach deagh eisimpleir a thoirt seachad. |
Bidh luchd-obrach is luchd-ionnsachaidh a’ gabhail ri iomadachd is eadar-dhealachadh. Tha an curraicealam a’ gabhail a-steach fiosrachadh mu chultaran, chreideamhan is dhòighean-seallaidh eadar-dhealaichte sa chomann-shòisealta. Bidh luchd-obrach a’ faighinn trèanadh iomchaidh is a’ dol an gnìomh gus nach bi lethbhreith ann. |
Tha deagh thuigse aig luchd-obrach is pàrantan mu phoileasaidhean air co-ionannachd is cothrom co-ionann don churraicealam. Bidh an curraicealam agus an cultar a’ cur air adhart deagh mheas air co-ionannachd, ceartas sòisealta agus iomadachd sa chomann-shòisealta. Thathar a’ dèiligeadh gu fosgailte, gu luath, is gu co-chòrdail ri tachartasan sam bith a tha a’ gabhail a-steach neo-ionannachd, gràin cinnidh, buidheannachas, burraidheachd agus lethbhreith. |
Tha stiùireadh gach nì a thaobh in-ghabhaltas èifeachdach is air a dheagh dhealbhadh. Tha am buidseat riarachail is iomchaidh is bidh luchd-obrach ag aontachadh mu riarachadh ghoireasan san fharsaingeachd agus tiomnadh dhleastanasan. |
Tha goireasan is toglaichean taic aig ìre càileachd fìor àrd. Tha iad air an suidheachadh aig fìor chridhe na sgoile. Tha goireasan corporra is daonna air an riarachadh gu cothromach gus dèanamh cinnteach à co-ionannachd chothroman is ruigsinneachd don churraicealam. |
Bidh daoine òga ag ionnsachadh a bhith ag obair ann am buidhnean is tha fios aca mar a rèiticheas iad còmhstrithean no mar a gheibh iad cuideachadh gus seo a dhèanamh. Bidh iad cuideachd ag obair gu cinneasach le tidsearan agus tha iad misneachail a thaobh a bhith a’ faighinn taic is comhairle bho inbhich. |
Bidh daoine òga is luchd-obrach ag obair gu misneachail le chèile, mar eisimpleir, tro ghnìomhan ealain is spòirs agus gnìomhan leithid obair charthannais. Tha cultar de shaoranachd gnìomhach air a fhreumhachadh gu h-iomlan air feadh na sgoile. |
Bidh an tidsear a’ toirt air na balaich is na nigheanan am basan a bhualadh nuair a nì mi rudeigin math. (pàiste sgoil-àraich) |
|
Tha sgoil math chun na h-ìre gu bheil... |
Tha sgoil sàr-mhath chun na h-ìre gu bheil... |
Tha dùilean a thaobh giùlan soilleir, deimhinnte, is air an co-roinn le luchd-obrach, luchd-ionnsachaidh is pàrantan uile. Bidh daoine òga a’ taisbeanadh fèin-smachd nan eadar-obrachaidhean le luchd-obrach is le chèile agus tha iad a’ dìon agus a’ toirt urram dha chèile. Thathar a’ cur mhodhan giùlain an gnìomh gu co-chòrdail. Thathar a’ daingneachadh giùlan iomchaidh is thathar an còmhnaidh a’ cur aghaidh ri giùlan nach eil iomchaidh. Bidh inbhich a tha ag obair san sgoil, no aig a bheil buntanas rithe, a’ cumail suas a h-ìrean is a dùilean. Bidh luchd-ionnsachaidh is an teaghlaichean a’ faighinn taic tro phrògraman èifeachdach taic giùlain. Tha luchd-obrach a’ tuigsinn nan rudan a tha a’ toirt buaidh air misneachd nan sgoilearan, is bidh iad a’ dol an gnìomh gus misneachd a leasachadh. |
Dòighean-obrach a thaobh a bhith a’ brosnachadh deagh ghiùlan soilleir is co-chòrdail. Bidh daoine òga a’ cur ri bhith a’ stèidheachadh, ag ath-bhreithneachadh is ag ath-leasachadh riaghailtean na sgoile no an còd giùlain, mar a tha iomchaidh a rèir an aois no an ìre leasachaidh. Tha iad soilleir mu dhuaisean is smachd-bhannan. Thathar a’ cleachdadh moladh is duaisean gus deagh ghiùlan a bhrosnachadh, mar a tha iomchaidh a rèir aois is ìre na cloinne. |
Le amalachadh, bidh am pàiste gan suidheachadh fhèin gus freagairt air an sgoil. Le in-ghabhaltas, bidh an sgoil a’ mion-atharrachadh airson freagairt air a’ phàiste. (ceannard bun-sgoile) |
|
A’ toirt taic do chloinn is do dhaoine òga
A’ toirt seachad taic phearsanta mhothachail; ag aithneachadh is a’ freagairt ri feumalachdan chloinne is dhaoine òga; a’ toirt seachad cùram is taic do dhaoine fa leth; dòighean-obrach amalaichte do bhith a’ toirt taic do chloinn, dhaoine òga is an teaghlaichean.
Tha sgoil math chun na h-ìre gu bheil... |
Tha sgoil sàr-mhath chun na h-ìre gu bheil... |
Daoine òga le cnapan-starra conaltraidh mun coinneamh a’ faighinn na taic freagarraich a tha a dhìth gus eadar-obrachadh le luchd-obrach is len co-aoisean. |
Luchd-obrach a’ cleachdadh raon dhòighean gus coinneachadh ri feumalachdan conaltraidh is eile an luchd-ionnsachaidh is an teaghlaichean. Tha luchd-obrach ag ionnsachadh do chloinn mar a thuigeas iad is mar a nì iad conaltradh le feadhainn aig a bheil duilgheadasan. Tha ceangalan làidir aca le luchd-obrach a tha a’ toirt seachad taic ionnsachadh teaghlaich is litearrais. Tha fiosrachadh air a thoirt seachad ann an grunn chruthan gus coinneachadh ri feumalachdan dhaoine. |
Tha luchd-obrach mothachail mun fheum airson dìomhaireachd nuair a thathar a’ dèiligeadh ri cùisean frionasach ach a-mhàin nuair a tha dragh ann gu bheil cron na chunnart. Tha dòighean-obrach a thaobh a bhith a’ toirt taic do luchd-ionnsachaidh a’ toirt seachad àrainneachd shàbhailte is thèarainte.
|
Bha misneachd aig a’ chloinn cuideachadh iarraidh nuair a bha feum aca air agus bha iad misneachail gun cleachdadh inbhich na cumhachdan aca gus an cuideachadh. |
Tha clann a’ cur earbsa ann an inbhich san sgoil gus spèis a thoirt do dhìomhaireachd ach bidh iad cuideachd a’ co-roinn fiosrachadh ann an dòigh iomchaidh gus dèanamh cinnteach gu bheil clann a’ faighinn a’ chuideachaidh a tha a dhìth orra. Tha iad misneachail gu bheil proifeiseantaich ag obair còmhla gu h-èifeachdach às an leth. |
|
Thathar a’ cleachdadh mhodhan soilleir gus feumalachdan luchd-ionnsachaidh aithneachadh. |
Bidh luchd-obrach a’ gabhail cheumannan matha is gnìomhach gus dèanamh cinnteach gu bheilear gu luath a’ comharrachadh is a’ cur aghaidh gu h-èifeachdach ri nithean leithid an àrainneachd ionnsachaidh, suidheachaidhean teaghlaich, slàinte no ciorram, no nithean sòisealta no faireachdail, a dh’fhaodadh bacadh a chur air ionnsachadh. Bidh luchd-obrach gu riaghailteach a’ dèanamh ath-bhreithneachadh air na feumalachdan seo is a’ beachdachadh air cho riarachail ’s a tha an taic. |
Tha thu a’ faighinn cothrom bruidhinn ris an tidsear leat fhèin gun duine sam bith eile a bhith gad chluinntinn. (sgoilear P6) |
|
Tha sgoil math chun na h-ìre gu bheil... |
Tha sgoil sàr-mhath chun na h-ìre gu bheil... |
Buidhnean bhon taobh a-muigh an lùib a bhith a’ toirt taic do sgoilearan. |
Luchd-obrach a’ cur aghaidh ri feumalachdan luchd-ionnsachaidh tro mheasgachadh de dhòighean-obrach a’ gabhail a-steach: eadar-theachd luath; dòighean-obrach a thaobh ionnsachadh is teagasg air am maidseadh ris na feumalachdan aca; sùbailteachd a thaobh a’ churraicealam; a bhith a’ cleachdadh luchd-obrach taic; agus a’ bhith a’ cleachdadh eòlas is goireasan nam buidhnean-gnìomha is nam buidheann com-pàirteachaidh uile a dh’fhaodadh a bhith ann, feadhainn saor-thoileach nam measg. Tha dòighean-obrach èifeachdach ioma-bhuidhneach suidhichte gus ìre is càileachd àrd taic a thoirt do luchd-ionnsachaidh is an teaghlaichean tro eadar-theachd math, dealbhte. |
Tha a’ chuid as motha den luchd-obrach glè eòlach air luchd-ionnsachaidh. Tha planaichean taic soilleir aig luchd-ionnsachaidh fa leth, a tha a sònrachadh thargaidean is sgèilean-ama soilleir. Tha rèiteachaidhean cùraim is mathais èifeachdach ann do luchd-ionnsachaidh. Tha fios aig pàrantan air ainm a’ bhuill den luchd-obrach aig a bheil dleastanas airson a bhith a’ toirt taic don phàiste aca, agus is urrainn dhaibh an ruigsinn. |
Tha fios aig gach pàiste cò thuige an tèid iad le trioblaid is tha fios aca gum faigh iad taic èifeachdach. Tha luchd-obrach glè eòlach air gach neach-ionnsachaidh. Nuair a thathar a’ comharrachadh rud a tha a’ cur bacadh air ionnsachadh, tha prìomh luchd-obrach a’ faighinn dleastanas airson dèanamh cinnteach à builean matha airson luchd-ionnsachaidh fa leth agus airson a bhith ag obair le pàrantan is le buidhnean-gnìomha eile. Tha cumail-chlàran aig ìre chàileachd fìor àrd. Tha daoine òga is pàrantan gu gnìomhach an lùib a bhith a’ dealbhadh taic airson an ama ri teachd nuair a tha feum air a sin. |
Sheall an luchd-obrach gun robh tuigse dhomhain aca – chan ann a-mhàin mu adhartas sgoilearachd na h-ighne agam ach cuideachd mu a caractar, is an dòigh as fheàrr gus dèiligeadh ris na cleachdaidhean beaga àraid aice. (pàrant sgoilear àrd-sgoile: Happy, safe and achieving their potential, 2004) |
|
A’ toirt eòlasan matha do choimhearsnachd na sgoile air fad a bhios a’ brosnachadh is a’ dìon an cuid slàinte
A’ dèanamh cinnteach à slàinte is mathas corporra, sòisealta, spioradail, inntinn is faireachdail na cloinne, nan daoine òga is an luchd-obrach uile; ag obair le teaghlaichean is le feadhainn eile ann a bhith a’ comharrachadh is a’ cur aghaidh ri feumalachdan slàinte an luchd-obrach is nan sgoilearan agus tabhartas na sgoile do shlàinte na coimhearsnachd as fharsainge; a’ dealbhadh phrògraman is ghnìomhan a tha air am amas air slàinte is mathas dhaoine òga is luchd-obrach a leasachadh.
Tha sgoil math chun na h-ìre gu bheil... |
Tha sgoil sàr-mhath chun na h-ìre gu bheil... |
Luchd-obrach uile a’ gabhail ri dleastanas airson tabhartas a dhèanamh do leasachadh pearsanta is sòisealta nas fharsainge an luchd-ionnsachaidh uile. Tha prògram dealbhte de leasachadh pearsanta is sòisealta agus foghlam slàinte ann. Tha am prògram leasachadh slàinte iomchaidh a rèir aois is ìre an luchd-ionnsachaidh agus tha e a’ còmhdach prìomh nithean a’ buntainn ri slàinte, a rèir comhairle ionadail is nàiseanta. |
Luchd-obrach ag amas air a bhith a’ leasachadh is a’ lìbhrigeadh raon farsaing ghoireasan, chothroman is fiosraichidhean ionnsachaidh gus coinneachadh ri feumalachdan ionnsachaidh, pearsanta is leasachadh sòisealta dhaoine òga air fad, agus a’ toirt cothrom dhaibh a bhith nan luchd-ionnsachaidh soirbheachail, nan daoine misneachail, nan saoranaich ciallach agus nan com-pàirtichean èifeachdach. Tha luchd-obrach ag aithneachadh an dleastanais pearsanta is proifeiseanta, airson leasachadh pearsanta is sòisealta agus foghlam slàinte chloinne is dhaoine òga uile, agus bidh iad a’ dèanamh rudeigin mu dheidhinn. |
Tha cothrom aig cloinn is daoine òga air goireasan ùr, ceart agus freagarrach airson leasachadh pearsanta is sòisealta agus foghlam slàinte. |
Tha fios aig cloinn, daoine òga agus am pàrantan far a bheil fiosrachadh is comhairle leithid seo ri fhaighinn taobh a-staigh na sgoile. Bidh clann, daoine òga agus am pàrantan a’ cleachdadh an fhiosrachaidh gus roghainnean fiosraichte a dhèànamh agus an slàinte is am mathas a dhìon. |
Tha i ag amas air a bhith na sgoil a tha a’ leasachadh slàinte. Tha cothrom aig sgoilearan fìor uisge fhaighinn ri òl agus roghainnean fallain bidhe fhaighinn ri ithe. |
Tha dòigh-beatha fhallain air a togail a-steach do chultar na sgoile. Tha obair na sgoile a’ sealltainn feumalachdan slàinte na coimhearsnachd agus gnothaichean slàinte a tha a’ toirt buaidh air beathannan dhaoine òga, anns gach nì a tha i a’ dèanamh. Bidh luchd-obrach a’ faicinn foghlam is brosnachadh slàinte mar phrìomhachas àrd. Bidh eòlasan thar-churraicealaim a’ dèanamh cinnteach gu bheil luchd-ionnsachaidh a’ leasachadh tuigse fharsaing mu shlàinte is shàbhailteachd pearsanta is tha iad misneachail a thaobh an eòlais, an sgilean agus luachan a tha a’ tighinn am bàrr. Thathar a’ toirt dleastanas do luchd-ionnsachaidh airson a bhith a’ dealbhadh is a’ measadh earrannan den phrògram. |
Cha bhithinn airson gum bithear dìreach ‘a’ cur suas leam’. Bidh sinn a’ leasachadh ‘co-fhaireachdainn’. (ceannard-sgoile) |
|
Tha sgoil math chun na h-ìre gu bheil... |
Tha sgoil sàr-mhath chun na h-ìre gu bheil... |
Luchd-obrach speisealta bhon taobh a-muigh a’ cur ri ionnsachadh is teagaisg ann an cuid de earrannan den churraicealam slàinte. Thathar a’ toirt fiosrachadh is co-chomhairle do phàrantan mu fhoghlam slàinte, gu h-àraid a thaobh dàimhean matha agus slàinte ghnèitheach. |
Raon farsaing de bhuidhnean-gnìomha eile com-pàirtichte ann a bhith a’ lìbhrigeadh earrannan den churraicealam slàinte. Thar buidhnean-gnìomha, tha luchd-obrach an lùib obair-sgioba gus dèanamh cinnteach à builean matha do luchd-ionnsachaidh. Bidh luchd-obrach ag obair gu dlùth le pàrantan is le com-pàirtichean eile, a’ toirt theaghlaichean an lùib a bhith a’ leasachadh mathas an cuid chloinne. |
Bidh luchd-obrach a’ gabhail com-pàirt ann an gnìomhan slàinte is mathais. |
Tha luchd-obrach gu gnìomhach air am brosnachadh gus an slàinte is am mathas fhèin a leasachadh, tro phrògram dealbhte ghnìomhan do luchd-obrach uile. Tha dealas aig an sgoil gu h-iomlan ri bhith a’ coinneachadh ri ìrean Scotland’s Health at Work (SHAW) no rud co-ionann. Tha cothrom aig luchd-obrach sgrùdaidhean slàinte fhaighinn gu riaghailteach. |
Gu tric thathar a’ brosnachadh dhòighean-beatha fallain gu h-èifeachdach tro obair chuspair, far a bheil teachdaireachd shoilleir an cois ghnìomhan spòrsail. (tidsear) |
|
A’ brosnachadh bheachd-smuaintean is ghiùlanan fallain
A’ cuideachadh gach ball ann an coimhearsnachd na sgoile gus luachan, beachd-smuaintean is sgilean a leasachadh a bheir comas dhaibh co-dhùnaidhean fiosraichte a dhèanamh; a’ brosnachadh chleachdaidhean fallain is a bhith a’ ceangal ionnsachadh is teagasg san t-seòmar-teagaisg gu cùisean slàinte nas fharsainge; ag aithneachadh nan ceangalan eadar cleachdaidhean fallain agus ionnsachadh soirbheachail.
Tha sgoil math chun na h-ìre gu bheil... |
Tha sgoil sàr-mhath chun na h-ìre gu bheil... |
A’ chuid as motha de dhaoine òga a’ faireachdainn sàbhailte, tèarainte is gu bheilear a’ cur luach orra. Bidh an sgoil a’ togail am fèin-mheas is gam brosnachadh gus am beachdan a chur an cèill taobh a-staigh crìochan soilleir. Tha iad a’ faighinn mhodailean cearta airson a bhith a’ leasachadh an cuid obrach. |
Daoine òga a’ fàs misneachail, a’ leasachadh fèin-spèis is mathas corporra, inntinn, spioradail is faireachdail, tro bhith a’ cur eòlas cunbhalach air soirbheas. Bidh iad a’ creidsinn ann an luachan tèarainte a tha air an deagh stèidheachadh agus is urrainn dhaibh na mòr-mhiannan aca airson an ama ri teachd a chur an cèill gu soilleir. Tha cothroman is eòlasan dealbhte aca gus sgilean dèanamh cho-dhùnaidhean a leasachadh stèidhichte air fianais cheart is dhligheach. |
Bidh i a’ brosnachadh dhaoine òga is a’ toirt gu leòr eòlais iomchaidh dhaibh gus dleastanas a leasachadh airson nan gnìomhan pearsanta aca fhèin, giùlan a’ buntainn ri slàinte agus roghainnean dòigh-beatha. |
Bidh coimhearsnachd iomlan na sgoile a’ gabhail dreuchd ghnìomhach ann a bhith a’ brosnachadh cùram is mathas chàich. Tha dòigh-obrach dhealbhte ann do bhith ag amalachadh roghainnean matha slàinte taobh a-staigh a’ churraicealaim. Thathar a’ brosnachadh dhaoine òga uile gus cleachdaidhean fallain a leasachadh, a’ cur sìos bun-stèidh de chom-pàirteachas fad-bheatha ann an coimhearsnachdan a’ brosnachadh slàinte. Bidh luchd-obrach a’ taisbeanadh bheachd-smuaintean matha is a’ dèanamh roghainnean matha slàinte. |
Tha cothrom aig daoine òga gu fiosrachadh ceart, iomchaidh, is ùr, agus comhairle mu chothroman ionnsachaidh is roghainnean dreuchdail san àm ri teachd, mar a tha iomchaidh don aois is don ìre. |
Tha daoine òga gnìomhach ann a bhith a’ leasachadh bheachd-smuaintean mun àm ri teachd aca is tha iad air na sgilean a thogail gus na dreuchdan aca a dhealbhadh gu h-èifeachdach. |
Tha coimhearsnachd na sgoile air fad a’ creidsinn gum bu chòir gach neach òg a bhith air a làimhseachadh le urram is spèis agus gum bu chòir taic a thoirt dhaibh gus cumail a’ dol a’ coileanadh thargaidean ùra. (ceannard-sgoile) |
|
[ <<<] [Clàr-innse] [>>> ]