[ <<<] [Clàr-innse] [>>> ]

DÈ CHO MATH ’S A THA AN SGOIL AGAINN? - AN T-SLIGHE GU SÀR-MHATHAIS

Tomhas 10
A’ leasachadh cultar de mhòr-mhiann agus coileanadh

Tomhas 10

Tha luchd-ionnsachaidh le duilgheadasan fradhairc co-fhillte gu h-iomlan is tha iad nan luchd-ionnsachaidh misneachail. Far a bheil e freagarrach, bidh iad ag obair ann an clasaichean mòr-shluaigh às aonais taic no stiùireadh. Tha an ùine aca san Làrach Ghoireasan air a cur seachad a’ togail sgilean airson a bhith a’ dèiligeadh ri clasaichean mòr-shluaigh, mar eisimpleir ann an cànan nan dall, teicneolas fiosrachaidh is conaltraidh, le a bhith a’ gluasad, cleachdadh dhiagraman suathaidh, clò nas motha agus stuthan air teip. Tha a bhith a’ daingneachadh leasain chlasa cuideachd air a dhèanamh san Làrach Ghoireasan a’ cleachdadh stuthan eadar-mheasgte is mion-atharraichte. Suidhichte aig meadhan an togalaich, thathar ga faicinn mar phàirt riatanach den sgoil.

Tha taic air amas air sgoilearan ÀS1/ÀS2 thar na sgoile. Bidh luchd-obrach Taic Ionnsachaidh a Bharrachd a’ toirt seachad taic fhaireachdail, churraicealaim, giùlain, rianachd, chorporra is chànain. Bidh cuid de luchd-obrach a’ toirt taic do sgoilearan sònraichte fa leth fad an latha. Bidh feadhainn eile a’ toirt taic do ghrunn dhaoine òga ann an clasaichean. Tha dà thidsear bun-sgoile ag obair taobh a-staigh nan roinnean Beurla is matamataig. Bidh iad a’ toirt taic do ionnsachadh nan sgoilearan ÀS1 is bidh iad ag obair le sgoilearan P7 sna bun-sgoiltean co-cheangailte. Gus buileachadh ann an ÀS1/ÀS2 a thogail, feumaidh gach roinn ceangalan a ghabhail a-steach le bun-sgoiltean agus leasachadh curraicealam ÀS1/ÀS2 taobh a-staigh a’ phlana leasachaidh. Feumaidh iad cuideachd daoine òga a tha a’ feumachdainn taic a chomharrachadh, curraicealam a leasachadh a tha a’ coinneachadh ri feumalachdan nan sgoilearan uile, agus taic nas èifeachdaiche a thoirt dhaibh sna clasaichean aca. Tha cothrom nas fheàrr aig sgoilearan ÀS1/ÀS2 chun a’ churraicealaim. Tha iad a’ cumail suas am brosnachadh taobh a-staigh a’ chlasa, bidh iad ag obair ann an dòigh nas cinneasaiche len co-aoisean is bidh iad a’ coileanadh soirbheas nan cuid ionnsachaidh. Air sgàth seo, chan eil na h-uidhir de bhuaireadh air a bhith sa chlas, thathar a’ cur seachad barrachd ùine air gnìomhan, is chan eil na h-uidhir de sgoilearan a’ faighinn bhrathan air sgàth an giùlain. Tha dreuchdan fìor mhath aig an luchd-obrach uile, a tha a’ teagasg is nach eil a’ teagasg, ann a bhith a’ toirt taic do gach pàiste.

Thathar a’ brosnachadh bheachd-smuaintean agus tha e ceart gu leòr rudan anns a bheil ìre cunnairt fheuchainn! (ceannard-sgoile an gnìomh)

Tha na bogsaichean air na duilleagan seo a’ gabhail a-steach gheàrr-dhealbhannan bho sgoiltean.

Prìomh fheartan
Tomhas 10: A’ leasachadh cultar de mhòr-mhiann agus coileanadh

Ann a bhith a’ togail sgoil shàr-mhath, coltach ris na deich tomhasan, tha a bhith ag amas air ionnsachadh is builean soirbheachail an dà chuid nam puingean tòiseachaidh is crìochnachaidh. Mar sin, tha a bhith ag àrach soirbheas, is a bhith a’ toirt dhuaisean seachad air a shon, am measg nan gnìomhan as cudromaiche a nì sgoil shàr-mhath.

Carson a bhiodh e ceart gu leòr dùilean nas ìsle a bhith aig sgìrean le dùbhlan sòisealta? (ceannard-sgoile)

’S e a bhith a’ teagasg don chloinn gun a bhith toilichte le càil nas lugha na an rud as fheàrr. (tidsear)

Tha a’ chlann uile ag ionnsachadh mar a bheir iad seachad deagh bheachd orra fhèin is mar a bhios iad misneachail san t-saoghal a-muigh. Bidh mi ag iarraidh an rud as fheàrr agus bidh mi an còmhnaidh ga fhaighinn. Mura dèan thu seo – tha thu a’ dèanamh dì-meas air a’ phàiste. (ceannard-sgoile)

Chan e eadar-dhealachadh beag a tha na cleachdaidhean a bhios sinn a’ togail bho leanabais a’ dèanamh, ach an t-eadar-dhealachadh as motha. (Aristotle)

Tha dealas làidir ann airson a bhith a’ toirt nan cothroman as fheàrr a ghabhas do chloinn. Bidh an sgoil a’ toirt eòlasan cho eadar-mheasgte ’s is urrainnear do chloinn, ‘gus an urrainn dhaibh faighinn a-mach dè na rudan air a bheil iad math agus fàs gu bhith nan daoine òga a tha cho math ’s is urrainn dhaibh.’ Tha luchd-obrach a’ creidsinn nach e a-mhàin gu bheil seo a’ leasachadh fèin-mheas na cloinne, ach gu bheil e gam brosnachadh gus ionnsachadh fhaicinn mar rud a mhaireas fad na beatha, agus a bhith fallain is sunndach. Tha clann a’ fàs nas fosgailte mu bhith a’ feuchainn rudan, nas sunndaiche is a’ togail fiosraichidhean nas fharsainge, agus mar sin tha iad a’ fàs nas misneachaile ann a bhith a’ coinneachadh ri dùbhlain sam bith. Tha clàr-taghaidh sgoinneil ann, an dà chuid a thaobh clubaichean às dèidh sgoile agus cothroman beairteachaidh taobh a-staigh a’ churraicealaim. Tha luchd-obrach uile agus buill den choimhearsnachd com-pàirtichte. Tha obair na sgoile le buidhnean mion-chànanach a’ cuideachadh chloinne is dhaoine òga gus tuigse a leasachadh mun dleastanais airson in-ghabhail.

Bidh an sgoil ag obair gu dlùth le sgoil bhuidheannach ionadail agus sgoil speisealta gus aire a ghabhail do chreideamh agus gus a dhol air tursan còmhla. Bidh pàrantan a’ togail dhàimhean làidir le chèile agus bidh a’ chlann a’ dèanamh sin cuideachd. Bidh an sgoil a’ feuchainn ri co-fhaireachdainn a bhrosnachadh.

Bidh spiorad a’ choileanaidh a’ leudachadh gu luchd-obrach a bharrachd air sgoilearan. ’S e feart den sgoil gu bheil mòran thidsearan a’ miannachadh a bhith nan ceannardan-sgoile.

Bha aon neach òg a bha air a dhol gu sgoil chòmhnaidh speisealta ag obair air foilio ealain airson na h-Ìre Coitchinne. Bha e a’ faighinn taic fìor mhath bhon phrìomh obraiche aige a bha a’ cur chuairtean rannsachaidh gu ealanlannan san fheasgar is aig an deireadh-sheachdain air dòigh. Bha e air buannachadh bhon eòlas aige is bha e air bruidhinn mu dheidhinn le sunnd. Bha an gnìomh seo cuideachd air eòlas an sgoileir a thaobh na h-àrainneachd is nan goireasan ionadail a neartachadh.

Ag amas àrd

Ag aithneachadh, a’ toirt duais seachad airson, agus a’ conaltradh shoirbheasan na cloinne is an luchd-obrach uile; a’ leasachadh cultar de choileanadh; dòigh-smaoineachaidh ‘is urrainn dhomh seo a dhèanamh’; cothroman airson gach neach fa leth a bhith soirbheachail agus an làn chomas aige no aice a bhuileachadh; a’ sireadh is a’ togail air beachdan is measaidhean phroifeiseantaich chom-pàirteachail.

Tha sgoil math chun na h-ìre gu bheil...

Tha sgoil sàr-mhath chun na h-ìre gu bheil...

A’ chlann, daoine òga agus am pàrantan uile mothachail mu dhùilean na sgoile. Tha na slatan-tomhais airson dhuaisean cothromach is soilleir.

Duaisean airson ionnsachadh is airson coileanaidhean sòisealta is giùlain ruigsinneach do na h-uile, a’ daingneachadh cultar ‘is urrainn dhomh’.

Tha luchd-obrach ag aithneachadh nan ceangalan eadar dàimhean, deagh ghiùlan agus ionnsachadh.

Tha an luchd-obrach uile a’ co-roinn tuigse chumanta mun dleastanas a tha aca còmhla airson a bhith a’ brosnachadh dhàimhean is giùlan math, gus an urrainn do chloinn ionnsachadh. Bidh tidsearan a’ dùileachadh is a’ stiùireadh dhuilgheadasan gus brisidhean ann an ionnsachadh a sheachnadh. Tha cunbhalachd air a chumail suas tro riaghailtean is mhodhan soilleir. Tha raon ro-innleachdan aig luchd-obrach a tha soirbheachail ann a bhith a’ cumail suas is a’ togail misneachd nan sgoilearan.

Tha luchd-obrach mothachail gum feumaiste daoine òga a bhrosnachadh le bhith gam moladh, agus seo a dhèanamh tric.

Tha an dòigh sa bheil moladh air a chleachdadh air a dheagh thomhas is breithneachail. Bidh e ag amas air coileanaidhean pearsanta chloinne fa leth is buidhnean chloinne. Bidh clann a’ cur luach air a’ mholadh seo a tha iad air a chosnadh gu math is tha iad air am misneachadh leis.

Tha luchd-obrach a’ dùileachadh gun dèan daoine òga math. Tha amasan is mòr-mhiannan aig sgoilearan, gu tric air an toirt bho phàrantan no charaidean. Tha a’ chuid as motha de dhaoine òga airson dèanamh math. Bidh an sgoil ag ionnsachadh bho eisimpleirean de dheagh chleachdadh ann an sgoiltean eile a thaobh a bhith a’ leasachadh mòr-mhiann is dùilean àrda am measg luchd-ionnsachaidh. Bidh i gu tric a’ dèanamh ceangal leis na meadhanan ionadail gus taic a thoirt do bhith ag aithris mu shoirbheasan buill coimhearsnachd na sgoile.

Tha na dùilean as àirde aig luchd-obrach bho luchd-ionnsachaidh. Tha dùilean àrda is amasan làidir aig luchd-ionnsachaidh is tha iad soilleir mu na dh’fheumas iad a dhèanamh gus leasachadh. Bidh an sgoil a’ coimhead a-mach is tha luchd-obrach an còmhnaidh a’ sireadh eisimpleirean den chleachdadh as fheàrr airson an cuideachadh gus leasachadh barrachd. Bidh i a’ cleachdadh raon farsaing de dhòighean-obrach macmeanmnach airson a bhith ag aithris mu, is a’ comharrachadh, soirbheas dhaoine fa leth, bhuidhnean de dhaoine òga, luchd-obrach agus coimhearsnachd na sgoile gu h-iomlan.

Tha sinn an còmhnaidh a’ feuchainn ris an sgoil a leasachadh. Bhiodh e furasta suidhe air ais...Bidh sinn a’ cur crìoch air rud is ag ràdh ‘dè nì sinn a-nis?’. (tidsear)
Tha mi airson dèanamh fìor mhath gus an urrainn dhomh a bhith nam bhan-chleasaiche. (pàiste P2)

Ag amas àrd (lean.)

Tha sgoil math chun na h-ìre gu bheil...

Tha sgoil sàr-mhath chun na h-ìre gu bheil...

Luchd-obrach a’ coimhead air raon fianais de choileanaidhean dhaoine òga san sgoil gus breithneachadh cothromach a dhèanamh mun comasan is na nithean air am bu chòir dhaibh amas.

Luchd-obrach a’ gabhail aire do bheachdan chom-pàirtichean a tha ag obair ann an suidheachaidhean is buidhnean-gnìomha eile, a bhios ag amharc air daoine òga ann an co-theacsaichean air falbh bhon sgoil, agus a tha a’ creidsinn gun urrainn dhaibh soirbheachadh thar dùilean na sgoile.

Tha tuigse fharsaing aig an luchd-obrach mu neartan is fheumalachdan sgoilearan fa leth. Bidh iad a’ dèanamh ath-bhreithneachadh air an adhartais aig amannan riaghailteach, mar as trice nuair a bhios iad ag aithris do phàrantan.

Tha luchd-obrach furachail gun fhios nach fàs adhartas sgoilearan fa leth slaodach. Tha dòighean-obrach deagh-leasaichte a thaobh a bhith a’ leantainn adhartas a’ toirt comas dhaibh ìsleachaidhean ann an coileanadh sgoilearan a chomharrachadh cho luath ’s a thachras iad gus an urrainn dhaibh rudeigin a dhèanamh gu luath.

Thathar a’ cleachdadh solarachadh speisealta, nuair a tha e ri fhaotainn, gus tàlantan is ùidhean luchd-ionnsachaidh a leasachadh. Tha luchd-obrach a’ dùileachadh gum bi a’ chuid as motha de chloinn a’ lorg rudeigin ‘air am bi iad math’. Tha prògram de ghnìomhan a bharrachd, a tha a’ tarraing air sgilean a tha rim faotainn gu h-ionadail, gam brosnachadh gus sgilean is ùidhean ùra a leasachadh. Bidh iad a’ comharrachadh nan coileanaidhean aca taobh a-muigh na sgoile.

Bidh luchd-obrach a’ cleachdadh chothroman taghte gus an curraicealam a dhèanamh nas beairtiche gus ionnsachadh dhaoine fa leth a leasachadh is gus comas a thoirt do chloinn uile na tàlantan is na h-ùidhean aca fhèin a lorg is a leasachadh. Tha daoine òga misneachail gu bheilear ag aithneachadh is a’ dèanamh a’ chuid as fheàrr de na sgilean aca fhèin. Tha iad geur air soirbheachadh. Tha dùilean a thaobh coileanadh an luchd-obrach uile fìor àrd.

Is toil leam toirt air an tidsear is m’ athair is mo mhàthair a bhith moiteil àsam. (pàiste P3)

A’ toirt comas do chloinn is do dhaoine òga uile gus coileanadh

A’ com-pàirteachadh chloinne ann a bhith a’ co-dhùnadh na tha ann an soirbheas; a’ gabhail cùram dha chèile is a’ toirt taic do luchd-ionnsachaidh uile; a’ toirt seachad taic, a tha air a thàillearachd dhaibh fhèin, do chloinn is do dhaoine òga uile; dòighean-obrach co-chòrdail is cothromach a thaobh giùlan; a bhith a’ brosnachadh bheachd-smuaintean matha; dealas do bhith a’ cur iadsan a tha diùmbach air an t-slighe cheart.

Tha sgoil math chun na h-ìre gu bheil...

Tha sgoil sàr-mhath chun na h-ìre gu bheil...

Luchd-obrach a’ gabhail aire do chùl-eachdraidhean shòisealta is àrainneachdail an luchd-ionnsachaidh.

Luchd-obrach air fad a’ creidsinn gun urrainn do na daoine òga air fad ionnsachadh is leasachadh, agus gun urrainnear coileanadh an luchd-ionnsachaidh as ìsle a tha a’ buileachadh a thoirt air adhart. Bidh iad a’ taisbeanadh a’ chreideimh seo nan dòighean-smaoineachaidh is nan cuid obrach. Bidh iad a’ dèanamh nas urrainn dhaibh gus dèanamh cinnteach nach eil daoine òga ann an cunnart a bhith a’ call a-mach air cothroman foghlaim.

Thathar a’ cumail sùil air coileanadh nan daoine òga a tha air an "coimhead às an dèidh" no a tha bho chùl-eachdraidhean àraid cinnidh no cànain.

Bidh luchd-obrach a’ dol an gnìomh gu luath is le deagh amas gus aghaidh a chur air fo-choileanadh sam bith a thathar a’ comharrachadh, a’ tarraing air comhairle is eòlas bho thaobh a-muigh na sgoile mar a tha iomchaidh.

Bidh luchd-obrach ag aithneachadh gu bheil feumalachdan a bharrachd aig cuid de chloinn a dh’fheumas taic aig amannan.

Tha luchd-obrach ag aithneachadh nach eil comas is coileanadh ro-shuidhichte. Bidh iad a’ cumail sùil air cho deiseil ’s a tha daoine òga gu bhith gu leantainneach air an gabhail a-steach sna gnìomhan as dùbhlanaiche. Bidh luchd-obrach a’ cleachdadh dhòighean-obrach shùbailte don churraicealam is do theagasg gus coinneachadh ri feumalachdan is stoidhlichean ionnsachaidh an luchd-ionnsachaidh uile.

Bidh luchd-obrach a’ gabhail cheumannan gus nach tachair dùnadh a-mach agus gus luchd-ionnsachaidh aig an robh duilgheadasan a’ ruigsinn a’ churraicealaim air sgàth an cuid ionnsachaidh no an giùlain, ath-amalachadh.

Bidh luchd-obrach a’ toirt seachad taic shònraichte, agus beathachadh, do luchd-ionnsachaidh so-leòinte agus iadsan a tha ann an cunnart bho bhith air an dùnadh a-mach no fo-choileanadh. Chan eil dùnadh a-mach às an sgoil a’ tachairt ach glè ainneamh agus thathar ga fhaicinn mar an roghainn mu dheireadh. Bidh luchd-obrach ag obair gus beàrnan sam bith ann an taic is solarachadh a sheachnadh, gu h-àraid a thaobh foghlam do sgoilearan uile. Tha dàimhean eadar luchd-obrach agus clann dùbhlanach air an cumail suas le foighidinn is proifeiseantachd sònraichte.

Tha sgoilearan uile eadar-dhealaichte agus ma bhios tidsearan ag aithneachadh seo gleusaidh iad na stoidhlichean teagaisg aca gus coinneachadh ri feumalachdan eadar-dhealaichte. (pàrant)

A’ brosnachadh bheachd-smuaintean is giùlan iomairteach

A’ beathachadh is a’ brosnachadh giùlan is gnìomhan cruthachail, innleachdach is iomairteach anns gach raon de dh’obair na sgoile; a’ cruthachadh luchd-ionnsachaidh soirbheachail, com-pàirtichean èifeachdach, saoranaich ciallach agus daoine misneachail tro iomairteas ann am foghlam; a’ gabhail brath air na dàimhean eadar iomairteas, cruthachas is saoranachd.

Tha sgoil math chun na h-ìre gu bheil...

Tha sgoil sàr-mhath chun na h-ìre gu bheil...

An curraicealam a’ toirt seachad raon chothroman do chloinn uile gus gnìomhan iomairteach a ghabhail os làimh. Bidh luchd-obrach gu cunbhalach a’ deasbaireachd, a’ buileachadh is a’ measadh dhòighean-obrach ùra a thaobh ionnsachadh, teagasg is a bhith a’ coinneachadh ri feumalachdan.

Luchd-obrach iomairteach is bidh iad a’ smaoineachadh gu cruthachail mu dhòighean gus amasan na sgoile a choileanadh. Tha iad deònach is tha an comas aca obrachadh ann an sgioban siùbhlach is sùbailte a bhios a’ gearradh thairis air ìrean is raointean curraicealaim. Tha luchd-obrach innleachdach nan dòighean-obrach a thaobh ionnsachadh is teagasg agus a thaobh a bhith a’ coinneachadh ri feumalachdan. Bidh iad a’ feuchainn rudan anns am faodadh ìre cunnairt a bhith agus bidh iad a’ measadh is a’ toirt air adhart leasachaidhean. Bidh iad a’ cumadh cultar de dh’iomairteas.

Tha giùlan iomairteach follaiseach ann an earrannan cudromach de dh’obair na sgoile. Tha cuid den luchd-obrach innleachdach nan teagasg. Thathar a’ cur fhuasglaidhean teignigeach an gnìomh ann an suidheachaidhean far a bheil sgoiltean eile air sealltainn gu bheil iad soirbheachail.

Tha iomairteas is sùbailteachd follaiseach ann an raointean uile de dh’obair na sgoile, a’ gabhail a-steach a stiùireadh, structar a’ churraicealaim, barrantas càileachd agus modhan-obrachaidh leasachadh leantainneach. Bidh luchd-obrach gu cùramach is gu breithneachail a’ beachdachadh air tabhartasan teicneolais is dòighean-obrach eile a thaobh ionnsachadh. Bidh ceangalan làidir le gnothachasan ionadail, Careers Scotland agus foghlam adhartach is àrd-ìre a’ cuideachadh gus spiorad is cleachdadh iomairteis a leasachadh an dà chuid am measg luchd-obrach is luchd-ionnsachaidh.

Tha cothroman aig sgoilearan gus dleastanas a ghabhail is gus na sgilean ceannais is obair-sgioba aca a leasachadh tron churraicealam fhoirmeil agus ionnsachadh a-mach às uaireannan sgoile.

Bidh sgoilearan uile a’ gabhail com-pàirt ann an iomairteas ann am foghlam a tha a’ leudachadh am misneachd mar luchd-ionnsachaidh is mar chom-pàirtichean don chomann-shòisealta. Bidh an curraicealam dreuchdail is iomairteis a’ coinneachadh ri feumalachdan luchd-ionnsachaidh agus na coimhearsnachd. Tha e adhartach is leantainneach, a’ brosnachadh luchd-ionnsachaidh, a’ brosnachadh faireachdainn de choileanadh is a’ toirt buntanas do ionnsachadh. Thathar ag àrach cruthachas, a bhith a’ feuchainn rudan, agus macmeanmna tro eòlasan ionnsachaidh fosgailte.

Tha luchd-obrach buailteach a bhith nas sùbailte, gun a bhith cho dìonadach agus nas deònaiche aghaidh a chur ris na tha ùr. (tidsear sgoil-àraich)

Tha sgoil math chun na h-ìre gu bheil...

Tha sgoil sàr-mhath chun na h-ìre gu bheil...

Luchd-obrach ag aithneachadh iomairteas mar adhbhar is mar bhuile cudromach. Bidh an sgoil a’ toirt eòlasan matha do sgoilearan a thaobh iomairteas ann am foghlam, an dà chuid a thaobh a’ churraicealaim agus ionnsachadh is teagasg. Tha raon chothroman aig sgoilearan airson gnìomhan is coileanadh faireachail. Thathar a’ cruthachadh shuidheachaidhean a bheir cothrom do sgoilearan leasachadh is raon sgilean is chomasan saoranachd a ghleusadh.

Dàimh ciallach air a stèidheachadh eadar iomairteas, cruthachas is saoranachd is thathar a’ gabhail làn bhrath dheth. Tha saoranachas is cruthachas daingnichte ann am planaichean leasachaidh/adhartais sgoile, ìre is roinneil. Tha dòighean ionnsachaidh is teagaisg cruthachail agus is urrainnear amharc air cruthachas anns gach ìre den churraicealam. Tha eagarachadh sgoile is structar curraicealaim a’ sealltainn smaoineachadh cruthachail aig gach ìre, a’ gabhail a-steach solarachadh raon farsaing de chothroman ealanta is cultarail.

Bidh luchd-obrach is sgoilearan ag obair ann an raointean teagaisg de chàileachd àrd agus tha cothrom aca gu raon ghoireasan a tha iomchaidh a thaobh an ìre is am feumalachdan.

Bidh luchd-obrach is sgoilearan a’ ruigsinn, a’ cleachdadh is a’ measadh raon ghoireasan gus taic a thoirt do dhòighean-obrach innleachdach a thaobh teagasg is ionnsachadh.

Tha cruthachas air a thogail a-steach. Chan eil sinn riaraichte uair sam bith. Tha sinn mòr-mhiannach; tha sinn an còmhnaidh airson dèanamh nas fheàrr. (ceannard-sgoile)

[ <<<] [Clàr-innse] [>>> ]